[169]

[Vol . 6. No. 22. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 26 NOBHEMBER, 1897. No. 22.


Seana Chleachdaidhean Gaidhealach.

LE IAIN MACILLEATHAIN.

[Paipear a bhair a leughadh aig Ceilidh na h-Ard-Sgoile an Glascho. ]

Fhir na cathrach, a mhnathan uaisle, agus a dhaoin’ -uaisle:—

Mar dhinnisur ceann-suidhe urramach dhuibh cheana is e paipear air Seana Chleachdaidhean nan Gaidheal a tha midol a leubhadh dhuibh an nochd, ach ged is e Seana Chleachdaidhean a thair mo phaipear ma dhfhaoidte gun abair sibh nach bu choir dhomh a leithid de dhainm a thoirt air, on nach eil midol nas fhaide air mais na mu leth-cheud bliadhna, ach shaoil mi gum bitheadh e fada ni bfhearr dhomh cunntas a thoirt air na chuala mi bho shean dhaoine a chunnaic len sùilean fhéin na nithean a bha iad abruidhinn ioma. Mar a tha fios agaibh uile, tha an doigh fhéin aig gach cearn den dùthaich air na seana chleachdaidhean a chumail suas, agus is ann mar a bha iad air an cumail suas ann an Eilean Thireadh, mun àm a dhainmich mi, a bhitheas achuid as motha de mphaipear. Mun teid mi nas fhaide air maghaidh, is fhearr dhomh aideachadh nach eil mo Ghàilig fhathast ach gle cham, chrùbach, agus tha dochas agam gun gabh sibh mo leithsgeul, oir chan eil e furasda do neach a thogadh ann an Glascho, Gailig mhath a bhi aige. Is e achiad rud a bheir mi sgriob air, agus tha mi cinnteach gun co-aontaich sibh leam gur e an dearbh rud a bfhreagart, se sin Céilidh anns aGhaidhealtachd o chionn leth-cheud bliadhna.

CEILIDH.

Aon oidhche, mu dheireadh agheamhraidh, bliadhna bha sid, bha Alasdair mor a deanadh deas a dhfhalbh a mach, bfhurasdaithneachadh nach robh e idir toilichte, ged a bhacheann cromus ecur air a bhrògan, oir bhabhean trang atrod ris, esan a falbhn a amadan a sidn a so feadh abhaile comhla ris na balaich bheaga, gun robh an t-àm aige nis fas glic. Esan an sean bhodach liath a bhi dol air cheilidh, ach mar a bha fòrtan caoimhneil do Alasdair cha dfhuair i nas fhaide air a h-aghaidhchionn thainig guths an dorus a thug orra tionndaidh le cheiledhionnsuidh an doruis. “Beannachadh a so!” thubhairt am fear làidir, calma, a bhan a sheasamh anns an dorus. “Beannadhadh dhuibhse,” fhreagair bean an taighe, “thigibh a stigh.” Grad dheirich Alasdair morn uair a chunnaic e co bhatighinn a stigh, ’us rug e gu cridheil air laimh air— “An tuthann a Dhomhuill? Is mi tha toilichte dfhaicinn; de chuir thu an rathad so an nochd? Tha dochas agam gum bheil sibh uile gu math aig an tigh?” “Taing don Fhreasdal tha sinn uile gu math, gun dith, gun deireas; am bheil iad gu math agaibh fhein?” “Tha sinn mar a tha sibh gar faicinn, gu socair, sona; ach gu dechur sibhse cho fada bhon tigh?” “ ’S echur an rathad so an nochd mi gun do leag na Gaidheil, mo ghaisgich!” Sebastopol, agus tha midol suas far am bheil am paipearlos gun cluinn mi le mchluasan fhein gur en fhirinn a thann.” “Dean suidhe, a Dhomhnuill, ’s ann a sin a tha mi fhìn a dol an nochd, agus ma dhfhuricheas tu gus am bi mi deas, theid sinn comhla.”

Shuidh Domhnull, agus fhadsa bha Alasdair ag cur uime aodaich thug e greis air seanachas le Peigi, a bhean. Cha robh Alasdair fada gus an robh e deas, agus ghabh iad an rathad gu tigh Iain duibh, Domhnull ag gealladh gun taghladh e a stigh air an rathad dhachaidh. Cha robh iad fada gus an drainig iad tigh na céilidh agus chaidh iad a stigh. Bha Iain dubh e fhein ag càradh nan lion. Seonaid ninIlleasbuig, bean an taighe, asniomh clòimhe, achuidheal a ruith le srann fonnmhor, na h-igheannan ag càrdadh no fighe stocaidh, agus an tigh cho làns a chumadh e o oisean gu oisean le daoine seanus òg, a thainig a dhéisdeachd ri Iain dubh aleughadh aphaipeir-naigheachd, oir cha robh paipearan-naigheachd cho lionmhor aig an àm ud anns aGhaidhealtachds a tha iad an diugh, agus cha robh ach fior fhear ainneamh aig an robh sgoil Bheurla a burrainn na paipearan a leughadh. Dheirich fear an taighe, agus chur e failte chridheil airar da charaid, “Thigibh a nuas, is mi tha toilichte dfhaicinn, a Dhomhnuill, gu deghaoth shaodaich sibh an rathad so an nochd?” “Thainig mi a dhfhaotainn sgial air achogadh, chuala mi gun deachaidh aig Breatunns an Fhraing air na Ruisianach mu dheireadh?” “Rinn iad an gnothuch air mu dheireadh thallfiach a nall na paipearan, a Shìne, chan fhuirich sinn nas fhaide.” ’Nuair achualachuideachd so, stad an fheala-dhas an lachanaich, agus dhfhas iad cho seimh, sàmhachd, ’us cha chluinneadh tu diog aig duine. Thòisich fear-an-taighe agus leugh emach as aphaipear sgialachd achogaidh o thoiseach gu deireadh, agus chluinneadh tu an drasd’ ’us a rithist, ’n uair a bhrist na Ruisianaich a stigh air càmp nam Breatunnaich, ’s a bha iad a sgapadh, ’s a marbhadh air gach taobh, “Och, Och! mo chreach! Mo thruaighe!” Achn uair a chualiad mar a streap na Gaidheil ballachan Shebastopoils a chur iad an ruaig air na Ruisianaich, dheirich a leithid de shòlass de bhualadh-bhass gun do chur e stad air an leughadair, agus airson greis cha robh ena chomas dol air aghaidh leleughadh. ’N uair a leugh e dhaibh na bha anns na paipearan-naigheachd, thug emach as na paipearan dealbhan agus chaidh iad o laimh gu laimh a measg na cuideachd. An deigh dhaibh a bhi treis ag amharc orra thòisich na sean daoine air beachdachadh air achogadh a bha nis air tighinn gu crich. “Gu dearbh is mi tha toilichte gum bheil sith a nis air adheanadh, cuiridh so na luingeas-chogaidh dhachaidh do Shasunn, ged nach tilleadh iad,” arsa sean duine beag, liath, a bhana shuidhe aig taobh thall an teine, “cha bhi iad nas fhaide ag cur eagail air mo mhnaoi a h-uile oidhche le tàirneanach nan gunnacha mora, gus abheil i bratha dol as a ciall. Tha mi air muamhasachadh gun cuir iad a stigh an taigh mu mcheann mur an stad iad gu grad.” “Is e buaireas mor a thannta gun teagamh, Iain, ach gu de dheanamaid nan dthainig na Ruisianaich oirnn?” “Tha sibh a gradhainn na firinnIlleasbuig, ach tha mi creidsinn nach do chuir iad fhathast a leithid de dheagail air daoines a chuir Domhnull MacIlleasbuig, ’s anconcertinaair muinntir a bhaile shuas,” arsa fear-an-taighe le fiamh aghaire air aodann. “Chuala mu ioma sin,” thuirt Iain, “ach am bheil fios agaibh cia mar a fhuir e anconcertina? ’Chuala mi gur ann airson cleas air choreiginn a rinn e an uair mu dheireadh a bha e ann an Glascho?” “Is e gille nan cleas e, da rireadh,” thuirt Seumas bàn, “innsidh mise dhuibh cia mar a fhuair e anconcertina’: Chaidh e a stigh do bhuth ann anJamaica Streetacheannach boineid da phiuthair; thuirt an a bhacreic na boineid ris, ‘An cuir mi air mo cheann abhoineid gus am faic thu cho briaghas a sheallas i?’ ‘Cuiridh mi orm fhìn i,’ thuirt Domhnull, ’s chi thu gun

(Air a leantuinn air taobh 173.)



[170]

[Vol . 6. No. 22. p. 2]

SGEULACHDAN ARABIANACH.

VI. —EACHDRAIDH NAN TRI CHALADAIREAN AGUS NAN COIG MNATHAN-UAISLE.

CAIB. XXI.

O chionn corr is tri bliadhna chualas anns a bhaile so gu leir guth eagallach, mar ghuth tairneinich, ag radh:— ‘A luchd-aiteachaidh, sguiribh a thoirt aoraidh do Nardoun agus don teine, agus deanaibh aoradh don Dia sin a mhain a tha comasach air trocair a nochdadh.’

Chualas an guth so bliadhna an deigh bliadhna on uair sin, ach cha do chuir neach sam bith suim ann; agus air an latha mu dheireadh den bhliadhna, aig ceithir uaireans amhaduinn, bha muinntir abhaile gu leir air an tionndadh gu cloich ann am priobadh na sul. Faodaidh tu fhaicinn gum bheil mathairs mo mhathair anns an aon suidheachadh ri sluagh eile abhaile.

Is mise an t-aon neach air nach dthainig am breitheanas trom so, agus tha mi riamh on uair ud adeanamh seirbheis do Dhia le barrachd durachd na bha mi roimhe. Tha micreidsinn gur e Dia a chuir an so thu, a bhean-uasal ionmhuinn, a chum comhfhurtachd a thoirt dhomh, agus tha mitoirt moran taing dha; oir feumaidh mi aideachadh nacheil e cordadh rium a bhith an sonam onar.”

Thug na briathran so orm gun robh barrachd graidh agam don duine og mhaiseach so. Thuirt mi ris, “A Phrionnsa, chan eil teagamh nach e am Freasdal a stiuir an rathad so mi a chum gun tugainn dhutsa cothrom air falbh as an aite thruagh so. An uair a chi thun long air an dthainig mi a Bagdad, faodaidh tuthuigsinn gum bheil tomhas de mheas aig sluagh a bhaile sin orm. Tha cuid mhath de shoibhreas agam, agus tha mi gealltainn dhut gum faigh thu gach ni a bhios feumail gus an toir an righ dhut an inbhe agus an t-urram air am bheil thu airidh. Cho luaths a chluinneas e gun drainig thu Bagdad, bheir e dhut gach ni a bhios a dhith ort. Chan eil e coltach dhut fuireach nas fhaide ann am baile anns am bi gach ni a chi thu ag urachadh do bhroin. Is leamsa an long, agus faodaidh tusa am feum a thogras tu a dheanamh dhith.”

Ghabh e an tairgse a thug mi dha, agus chuir sinn seachad na bha romhainn den oidhche abruidhinn air gach ni a bhuinneadh do ar turus dhachaidh.

Cho luaths a shoilleirich an latha chaidh sinn air bord na luinge. Bha mo pheathraichean, an sgiobair, agus gach aon eile a bhair bord fo mhor-iomaguin mu mthimchioll a chionn nach do thill mi an latha roimhe sin. An uair a thug mi mo pheathraichean an lathair a phrionnsa, dhinnis mi an t-aobhar a chum air tir mi, mar a thionndaidheadh sluagh abhaile gu cloich.

Thug na seoladairean seachdain air cur na bha de bhathar anns an luing gu tir agus air a luchdachadh leis na bha de dhionmhas ann an luchairt aphrionnsa. Lionadh i cho lan le ors le airgiods le seudans nach robh aite innte air son an innsridh a bha anns an luchairt. Lionadh an t-innsreadh fhein ceithir longan; ach o nach robh doigh againn air a toirt leinn, beiginn duinnfhagail.

An uair a fhuair sinn biadh is deoch gu leor air bord, sheol sinn, agus bha soirbheas againn cho fabharrachs a dhiarramaid.

Chuir am prionnsa agus mi-fheins mo pheathraichean greis dhen uine seachad gle thoilichte maille richeile. Ach mo thruaighe! cha bfhada gus an dthainig caochladh air cuisean. Bha eud orrasan an uair a chunnaic iad cho cairdeils a bha mises am prionnsa richeile, agus le spiorad gamhlais dhfheoraich iad dhiom air latha araidh, ciod a dheanamaid ris an uair a ruigeamaid Bagdad. Thuig mis amhionaid gun do chuir iad a cheist so orm a chum gum faigheadh iad a mach an robh tlachd agam dheth. Air an aobhar sin thuirt mi riutha mar mhagadh, gun aobh duil agam a phosadh. An uair a thuirt mi so, thiunndaidh mi ris aphrionnsa, agus thuirt mi, “A Phrionnsa, cho luaths a ruigeas sinn Bagdad tha mi suidhichte gun tairg mi mi fhein dhut gus a bhith agad mar shearbhanta a chum seirbheis sam bith a dhiarras tu orm a dheanamh dhut, agus tha mi gu h-umhail a guidhe gun gabh thu mi.”

Fhreagair am prionnsa agus thuirt e. “A bhain-tighearna, chan eil fhios agam co dhiubh tha thu mar mhagadh no ga rireadh; ach air mo shonsa dheth, tha mig aideachadh gu follaiseach an lathair do pheathraichean gum bheil migabhail na tairgseadh le muile dheoin, chan ann gus thu bhith agam mar shearbhanta ach mar mo bhean; agus tha mig innseadh dhut gum bi thu fo riaghladh do thoil fhein anns gach ni.” An uair a chuala mo pheathraichean so, thainig gruaim air an aghaidhean, agus na dheigh sin bha e furasda gu leor dhomhaithneachadh gun robh iad afas gle choma dhiom.

An uair a bha sinn mu astar latha o Bhalsora, am baile-puirt anns an robh duil againn an luchd a chur am mach, ghabh mo pheathraichean fath orm fheins air aphrionnsa, agus thilg iad leis achliathaich sinn. Bhathadh esan; ach shnamh mise gu tir. Bhan oidhche cho dorchas nach robh agam ach fuireach anns achladach gus an do shoilleirich an latha. An uair a thainig an latha chunnaic mi gun robh mi air eilean fàsail a bha mu fhichead mile o Bhalsora. Thiormaich mi maodach ris aghrein. Choisich mi beagan astair on chladach, agus thachair craobhan rium air an robh miosan gu leor. Thuig mi nach fhaighinn bas leis an acras ged a thachradh dhomh a bhith uine mhor air an eilean.

Na dheigh sin leig mi mi-fheinnam shineadh ann an aite dubharach, agus cha robh mi fadanam shineadh an uair a chunnaic mi nathair sgiathach a bha anabarrach mor agus fadatighinn an rathad a bha mi, agus ig a toinneamh fhein a nulls a nalls a teangadhmuigh. Dheirich minam sheasamh, agus thug min aire gun robh nathair eile a bha anabarrach morg a leantuinn, agus greim aice air earball oirre gus a h-itheadh. Bha truas agam ris an nathair sgiathaich, agus an aite teicheadh air falbh, is ann a ghabh mi de mhisnich na thog clach a thachair a bhith dluth dhomh, agus thilg mi le muile neart air an nathair mhoir i. Gu fortanach dhamais dhomh a bualadh anns acheann, agus mharbh mi i. An uair a fhuair an nathair sgiathach fuasglada, dhfhalbh i air iteig as mo shealladh. Leig mi mi-fheinnam shineadh far an robh mi agus chaidil mi.

Fada no goirid gun robh minam chadal, an uair a dhuisg mi, ciod a biongantaiche leam na boirionnach a bhith na suidhe lamh rium. Bha coltas aoidheil, caoimhneil air a gnuis. Bha da ghalladh dhubh aice air lomhainn. Dhfheoraich mi dhi co i. “Is mise an nathair sgiathach,” arsise, “agus thug thusa an diugh fhein saorsa dhomh o mo dhearg namhaid. Cha robh fhios agam cia mar a nochdainn mo thainghalachd dhut air son na rinn thu de mhath dhomh; ach air dhomh fios a bhith agam air cho cealgachs a bhuin do pheathraichean riut, smaoinich mi gun nochdainn mo chaoimhneas dhut le trom-dhioghaltas a dheanamh orra le cheile. Cha bu luaithe a thug thu saorsa dhomh na ghairm mi mo chompanaich maille richeileoir is mnathan-sithe sinnagus chuir sinn an t-ionmhas a bhanns an luing gu sabhailte anns na taighaan-ionmhais a thagad ann am Bagdad, agusna dheigh sin chuir sinn an long do ghrunnd achuain. Is e an da ghalladh dhubh so do dhithis pheathraichean. Chuir mise anns achruth so iad. Ach feumar tuilleadh dioghaltais a dheanamh orra; agus feumaidh tusa deanamh mar a dhaithneas mise dhut.”

An uair a labhair abhean-shithe na briathran so, chuir i foh-achlais mi, agus chuir i an da ghalladh fon abhlais eile, agus thug i gu ruige Bagad sinn. Fhuair mi gach ni a bhair bords an luing air a chur gu sabhailte anns na taighean-ionmhais mar a thuirt i rium. Mun do dheallaich i rium thug i dhomh an da ghalladh, agus thuirt i rium, “Mureil toil agad a bhith air do chur anns achruth cheudna ris an da ghallaidh so, ni thu riutha mar a tha mise ag orduchadh dhut. Ann an ainm an fhir a thariaghladh na mara, bheir thu do gach te dhiubh ceud buile le slait a h-uile oidhche mar pheanas air son an uile a rinn iad ort fhein agus air a phrionnsabhath iad.”

Beiginn dhomh gealltainn gun deanainn mar a dhaithn i dhomh. Riamh on uair ud tha mi gabhail orrah-uile oidhche, ach chan ann le mthoil. An uair a ghabhas mi orra, tha misileadh nan deur leis an truas a thagam riutha. An aite coire a chur orm is ann bu choir truas a bhith rium. Ma tha ni sam bith eile ann air am bu mhath leibh fios fhaotainn, gheibh sibh air



[171]

[Vol . 6. No. 22. p. 3]

mun cuir Aimini crioch air a h-eachdraidh fhein.

Chuir na dhinnis Sobaide dha ioghnadh mor air an righ. An sin ghuidh e air Aimini gun innseadh i dha car son a bha na h-athailtean air a h-uchd.

An uair a thoisich Aimini ri innseadh a h-eachdraidh fhein, thuirt i:— “Ler cead, a righ, cha ruig mi leas teannadh ri aithris na dhinnis mo phiuthar mar tha mu mthimchioll. Foghnaidh dhomh a radh gun do ghabh mo mhathair taigh dhi fhein an deigh bas mathar. Thug i mise mar mhnaoi do dhuine uasal beairteach a bhanns abhaile, agus fhuair e mar thochradh an dileab a dhfhag mathair agam.

Mun dthainig ceann na bliadhna an deigh dhomh posadh, bha mi nam bhantraich, agus bu leam gach ni a bhuinneadh don fhear a bha posda rinm. Bfhiach mo mhaoin gu leir mu cheud mile bonn oir. Bha pailteas ann an riadh an airgid so gus mo chumail suas ann an suidheachadh cho maths a dhiarrainn. An ceann leth bhliadhna an deigh bas mfhir thug mi ordugh don taillear deich deiseacha a dheanamh dhomh dhen aodach cho riomhachs a bhaige. Chosg gach te dhe na deiseachan mile bonn oir. An uair a bha mi bliadhnanam bhantraich, thoisich mi ri caitheamh nan deiseachan riomhach so.

Air latha araidh, agus gun a stigh ach mi fheins na searbhantans mi gle thrang air obair an taighe, dhinnseadh dhomh gun robh bean-uasal aig an dorus aig an robh toil bruidhinn rium. Thug mi ordugh a toirt a steach. Bha i na leith-sheana bhoirionnach. Chuir i failte orm, agus thuirt i riums i air a gluinean air mo bheulaobh, “A bhean-uasal ionmhuinn, tha min dochas gun gabh thu mo lethsgeul air son dragh a chur ort; agus is e an t-earbsa thagamnad chaoimhneas a thug orm tighinn far am bheil thu. Tha minam bhantraich, agus than aon nighean a thagam adol a phosadh an diugh. Tha sinnnar coigrich, agus chan eil luchd-eolais sam bith againn anns abhaile. Tha so acur dragh mor orm, oir cha bu mhath leinn gun saoileadh cairdean an fhir a tha mo nighean a dol a phosadh gum bheil sinn uile gu leir gun mheas anns abhaile. Air an aobhar sin nan cuireadh tusa a dhurram oirnn gun rachadh tu thun na bainnse, chuireadh tu fo chomain mhor sinn. Bhiodh mnathan-uaisle na duthchadh asmaointean nach eil sinn cho bochds cho suarachs a tha sinn, nan rachadh tu comhladh ruinn. Ach mur teid thusa comhladh ruinn, bidh sinn air ar maslachadh, oir chan eil fhios againn co eile a theid sinn a dhiarraidh.”

(Ri leantuinn.)


Innsean na h-Airden Ear.

Is e dùthaich mhor, fharsuing, bheartach, a tha ann anIndia, aig am bheil eachdraidh iongantach a tharuigheachd nan linntean aosmhor. Is eiginn gu robhIndiaair a h-aiteachadh le daoine innleachdach, gaisgeil, ann an tus an t-saoghail, agus fada mun tainig sluagh mor no beag a dheanamh gniomh tapaidh air bith anns an Roinn-Eòrpa. Thog na h-Innseanaich ud luchairtean riomhach, eireachdail, ’us teampuill no tighean aoraidh maiseach, snasmhor, iomadh linn mun robh eolas aca air an Roinn-Eòrpa agus mun do thòisich Gréugaichus Romanaich air neart a thrusadh agus air soirbheachadh a dheanamh. Co is urrainn sgeula tuigseach, fior, innseadh mu na daoinethog bailteanIndia ,agus mun àm anns an robh sgil co anabarrach, agus neartus dichioll co sonruichte air an nochdadh anns na tighean mora, lurach, a tha nis a fadadh suas ioghnaidh nach eil gann ann an cridheachan an dream a thag amharc orra. Bha gun teagamh, buaidhean laidir, mora, aig na fineachan a bha tuineachadh ann an comhnardan, ann an ionadan arda, agus ri taobh aimhnicheanIndia, mun do thòisich eachdraidh cheart, phongail, air a bhi air a sgriobhadh. Is e inntinn gheur, ghasdabhuineas don t-sluagh lionmhor iomadach, a than diugh agabhail comhnuidh anns an dùthaich theith, iomraiteach ud.

Tha faisg air da cheud bliadhna on thòisich na Breatunnaich, na Frangaich, agus na Duitsichus cinnich eile, air eolas a chur airIndiaagus air beachd a ghabhail air beartas na dùthchas air amhalairts air amharsantachd a bha comasach agus a bheireadh maoin mhor leis eadar an Roinn-Eòrpa agus tir thorachAsia. Bha iomadh connspoidus cogadh eadar na Frangaichus na Breatunnaich mun dfhuair Breatunn sealbhus suidheachadh diongmhalta anns na h-Innsean. Fhuair cuideachd de mharsantan Breatunnach cead no coir air tighean malairt a thogail aig beul na h-Aimhne Gaingeis agus dluth air Calcutta. Thruis achuideachd so, ann an uine ghearr, neartus cumhachd nach robh gann no faoin anns na h-Innsean. Rinn Raiah no righ amaideach eucoir eagalach ann an 1756 air Breatunnaich air an dfhuair e lamh an uachdair. Chuir e gun iochd, gun trocair, àireamh mhor ann an Toll Dubh Chalcutta. Chaidh an oidhche seachad agus an uair a phill solus an latha, cha robh ach gle bheagan beo de na daoinechuir an righ mosach anns an Toll Dhubh. Thachd an t-aileadh uamhasach, mi-fhallain, corr morus ceud de na daoine truagha. Chaidh Raibeart Clibhe ann an laitheanoige do na h-Innsean. Ged nach robh e riamh ann an sgoil nan saighdearan, is e gaisgeach curanta, meamnach, a bha ann da rireadh, o laimh naduir fein. Ann an uine bheag choisinn e da fein inbhe ardus ughdarras ann an seirbhis na cuideachd Bhreatunnach. Is e a chuir an cath aig Plassey ann an 1757, agus a fhuair buaidh, le feachd nach robh ach beag, beag ann an àireamh, air na h-Innseanaich ghuineach, lionmhor. Leag e mar so le sgairtus gliocas, ’us spairn anabarrach, bunait na rioghachd a bhuineas an diugh do Bhreatunn, anns na h-Innsean. Cha robh aithne aig Clibhe air sgath no geilt. Bha e fior-dhileas don chuideachd agus mar so do Bhreatunn fein. Bha iomadh ni air a dheanamh anns an àm ud ann anIndianach robh aon chuid onorach no ceart. Is e àm tiamhaidh, cunnartach a bha ann, agus bha gach ceannardus fear-riaghlaidh eudmhor airson a chuis fein a dhions a chumail suas le doighean fosgailte no fealltach. Gle cosmhuil ri Clibhe ann an cruadal, ann am misneach, agus an innleachdan a chur air chois airson buaidh fhaotainn thar na righrean Innseanach, bhaWarren Hastings, a thainig an deigh Chlibhe mar ard-uachdaranIndiaann an seirbhis na cuideachd bheartaich, chumhachdaich, a bhagiulan malairt throm air aghaidh eadar Breatunn agus na h-Innsean. Am feadh a bha Hastings fathast gle òg, thuig e gun do chaill an teaghlach dam buineadh e, oighreachd an aithrichean, agus chuir e roimhe gu ceannaicheadh e fa-dheoidh an oighreachd so air a h-ais. Bha cridhe dàn, treubhach aige, ’us bhathoil co laidir, seasmhach ri creag, no ris an iarunn fein. Thòisich e gu grad air tuilleadh cumhachdus fearann, ’us storas, a shireadh agus fhaotainn don chuideachd agus mar so do Bhreatunn fein. Beiginn da iomadh blar goirt, fuileachdach, a ghleachd, gu sonruichte ann an cearna mu dheasIndia. Bha athairus mac am measg nan Innseanach, anns a chearna so, a bha gaisgeil, agus aig an robh comas air gleachd gu nimheil, neo-sgathach, agus air na Breatunnaich a chur gan dubhlan. Shoirbhich leis mu dheireadh, agus rinn e rioghachd Bhreatuinn ann anIndia ,moran ni bu mhodhaus ni bu sheasmhaiche na bha e an uair a ghabh e greim daingean, seolta, air stiuir an riaghlaidh. Dheirich moranna aghaidh ann am Breatunn fein, oir bha amharus aca gu robh e aig iomadh am carachus neo-iochdmhor am feadh a bha ena ard-uachdaran ann anIndia. Ghabh Buirc, an Eirionnach foghainteach, ùr-labhrach, os laimh casaid eagalach a dheanamh an aghaidh Hastings ann am Parlamaid Lunnainn. Ged chaidh moran seanachais a dheanamh, cha tugadh an ceatharnach gaisgeil riamh gu cuirt air bith. On bha e cho dileas, cruadalach, ealanta, ann anIndia ,agus on dhàrduich e gu mor ainmus ughdarras Bhreatuinn anns an dùthaich ud, bha gach neach mu dheireadh toileach leiginn don duine ard-chridheach a chaith a neart, ’us cuibhrionn mhor delaithean fo ghathannan loisgeach na gréine ann anIndia, feasgar a chuairt thalmhaidh a chaitheadh ann an siths an seasgaireachd ann an luchairts ann an oighreach aithrichean a cheannaich e air an ais ledhichiolls le thapachd fein.

CONA.


Am MAC-TALLA gu deireadh na bliadhna, 1898 air son dolair. Cuir dolairga iarraidh gun dàil.



[172]

[Vol . 6. No. 22. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.

Bliadhna, . . . $1 .00
Sia miosan, . . . .50
Tri miosan, . . . .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig garn ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,’
Sydney, Cape Breton


SIDNI. 26 NOBHEMBER, 1897.

Litir aNew Zealand.

TUILLEADH MUN FHFARANN.

An deigh an rainnich thanTitreeafàs gu bras; tha e tighinn a mach le duilleig bhig mheanbh mar fhochann feòir. Feumar a ghearradh gle thric mus teid a chur buileach as. Innsidh mi mun chraoibh so aig àm eile. Ann an talamh a tha de ghnè fliuch, tha seorsa de luachair afasna thomannan am measg an fheoir. Chan eil ann dheth an toiseach ach beagan de fhochann, ’s e beag, biorach, atighnn a mach, ach an ùine ghoirid tha e air feadh an raoin gu léir, agus feumar a chladhach as an talamh le piocaid. ’Nuair a bhios na fòidean a theid a chladhach mar sin tioram theid an losgadh. ’S enTitreeagus an luachair so cuid de na nithean a bhios a cur dragh air na tuathanaich. Than talamh gu math reidh air son a threabhadh. Chan eil torran ann air son stad a chur air a chrann; ach air a shon sin tha achriadh trom, agus duilich a tionndadh air acheudtreabhadh. Mar so chan eil e freagarrach air son àiteach, agus feumar mar sin a threabhadh tarsuinns fhàgail nathalamh bànTha an sin achriadh a leaghadhs a bristeadhs a dol na h-ùir, ’s afàs nas freagarraiche air son tuathanachais. Mar as trice theid an talamh obrachadh mar sos ann as fhearr a tha e dol, agus an ceann àireamh bhliadhnaichean tha ena thalamh a bhios gle mhath, ’s bidh fras feòir no cruithneachd air a chur ann; mar as tricese fras feoir a theid a chur ann an toiseach. Bha na tuathanaich an toiseach a leantuinn cleachdadh na seann dùthcha, ach fhuair iad a mach air an cosd nach robh sin freagarrach. Bha iad acur frasfeur na sengalanns an talamh gharbh so; bha e gu tric acrionadh. Tha e nas freagarraiche ann an achannan, am machraichean, agus an talamh beairteach. Thafeur na sengalafàs gu bras, agus tha e neo-chumanta math air son spreidh. Than sluagh a nise leigeil nam feuran Sasunnach an darna taobh, agus a togail feòir dhùthchannan eile. Tha feur eile agabhail greim anns achearna so ris an canarearball radain,” agus tha an dias aige gle choltach ris an ainm. Tha e garbh, agus lan de fhreumhan beaga, caola; beilidh e na fiaclan agus na càrainean as an spreidh, ach reamhraichidh iad air an ùine ghoirid. Anns an fhoghar, bithearga churna theine. Tham fochann aige a fas gu bog, milis, agus lan susbaint. Tha feur eile ann ris an canar ambrown-top, ”agus tha e fàs gle phailt. Thòisich e ann a Waipu. Tha e gle sheasmhach ri àm teas; bidh fochann cho trom mubhun. Thugadh am feur so dan dùthaich le Seumas Friseal á Caol-a- Tuath St Anns, ann an Ceap Breatunn, ann an leabaidh; fhuair am fras aige greim, agus sgaoil e air feadh na dùthcha. ’Nuair thainig mise dan dùthaich so thug min aire mu fheur na sengal gu robh e fàs ann an St. Anns; bha bad dhe air fearann mathar, eadar an tigh agus an stòr, agus bha e leudachadh beagan na h-uile bliadhna. Am bheil e ann fhathast? Thainig am feur dan dùthaich so á Sasunn ann am bocsa gloine. Bha efas garbh, làidir, anns an t-seann dùthaich, ach an so tha e caol, meanbh. An teas an t-samhraidh than talamh a sgoilteadh, agus air uairean bidh na sgàinidhean ma dhfhaodte troigh a leud. Tha so air uachdar cloich aoil. An aitean fliucha tha seòrsa de dheasgainn anns an talamh. Gheibhear inuair bhitheas a cladhach dig gu seang sleamhuinn. Bha mathair fhein ag radh gum bi so an dùthaich a bfhearr air an t-saoghal, gu faighte an t-iasgs am buntàta anns an aon raon.

IAIN ROTHACH.

Ri leantuinn.


Thuit caitean math sneachda deireadh na seachdain sa chaidh agus toiseach na seachdain so. Bha beagan shleigheachan afalbh air na sràidean, achs en cuidhleadh pailt a bfhearr. Chan eil teagamh againn nach eil deagh ròidean sleighe air taobh eilen eilein.

Bhrist teine mach ann am baile mor Lunnainn Di-haoine sa chaidh, a rinn call uamhasach. Chaidh ceud gu leth tigh ceannachd no tigh-gleidhidh bathair a losgadh, agus thatar a meas nach bfhiach na taighean sins na bbanam broinn na bu lugha na coig muillein fichead dolair. Cha robh teine cho dona anns abhaile mhor sin o chionn iomadh bliadhna.

Tha aon de phaipearan Halifacs ag radh gun do chuir tuathanach ann an Shubenacadie dan aimn Tearlach Friseal, da bhuiseal gu leth crithneach as t-earrach sa chaidh, agus gun do bhuain e ceithir fichead buisealsa dha. Chuir fear eile, Tearlach Annand, coig buiseil, agus bhuain e tri fichead us ochd buiseil gu leth. Chan olc an toradh sin do dhùthaich nach eil agabhail oirre fhéin a bhina dùthaich a tha math airson togail an t-seòrsa gràin ud.


MacCoinnich & Co.

Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh
ANN AN LOUISBURG,
agus tha sinn aig an am cheudna acumail air adhart air an t-seann laraich,
ANN AN SIDNI.

Aodaichean Matha dhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.

Theid sinn an urras air an obair.
Mac Coinnich & Co.


CAIT AM FAIGH MI?

Saibh, Glasan, Luaidhe, Sgeinein, Lainntearan, Sguabaichean, Paiper-tearra, Paiper-tubhaidh.
Olla, Fudar, Glaine, Siosaran, Tairnean, Bucaidean, Tuaghannan.
GHEIBH AIG
C . P. MOORE,
Sidni, C. B.


H. D. Mac Ille-Mhaoil,
Stewartdale , C. B.
Cloth,Drogaid, agus PlaideachanEureka.”
Mu dheich air fhichead seorsa aodaichga chreic.
Cloimh air a gabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige neo sgriobh uige.


C . H. HARRINGTON & CO.
Flur, Min, Ti agus Siucar dhen t-seorsas fhearr.
Soithichean Glaine agus Creadha, math agus saor.
Brogan, Botainnean, Rubbersagus Caiseart de gach seorsa.
GAN CREIC SAOR.



[173]

[Vol . 6. No. 22. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Chaidh da mhile dheug tunna guail a chur a mach á méinnNew Campbelltonbho thoiseach an t-samhraidh.

Fhuaireadh dithis pheathraichean, Ada agus Lily Cross, marbh anns an leabaidh an Toronto, a sheachdain gus a bhòn . Bha iad air am mùchadh le ceò a thainig as an stobh a bhas an rùm aca. Bha iad le cheile coig bliadhndeug a dhaois.

Tha Sir Olier Mowat a nisena Riaghladair air Ontario, agus than t-Onarach Dàibhidh Mills an deigh an dreuchd a bhaigesan ard-Riaghladh a ghabhail. ThaSir Olivera nisena sheann duine a than deigh achuid mhor de bheatha chur seachad gu saoithreach ann an seirbheis a dhùthcha aguss math an airidh e air an onair a thatar acur air.

Chaidh ceithir cheud mile barailte de dhùbhlan a chur air falbh áNova Scotiaan uiridh; gu ruige so am bliadhna cha do chuireadh air falbh ach mu cheithir fichead us deich mile. Tha sin ag innse cho gannsa tha na measain sin am bliadhna. Ach na thatar acur air falbh dhiubh, tha iad gle mhath, agus tha iad acreic air pris nas fhearr ann am Breatunn na tha ùbhlan Ontario.

Chaidh naodh ficheadh us còig ùnnsa de dhòr a thoirt air a mhios sa chaidh á méinn a thatar ag obrachadh ann anSherbrooke , N. S. ’S fhiach sin mu thri miles sia ceud dolair. Thugadh air amhios cheudna seachd fichead ùnnsasa sia a méinn eile, fiach da mhiles naodh ceud dolair. Agus thugadh fiach aona ceud deug dolair á méinn eile. Faodaidh an t-òr a bhi gle phailt ann an Clondaic, ach chan eil e uilann.

Tha boirionnach dam ainm Olive A. Sternaman ri bhi air a crochadh ann anCayuga , Ontario,air an fhicheadamh latha dhen bhliadhnùir. Fhuaireadh ciontach i de thighinn ri beatha a fir-pòsda le puinnsean a thoirt dha. Bha i pòsda da urir, agus ged nach robh i air a feuchainn ach air son bàs an fhir mu dheireadh, tha àmhrus làidir aig daoine gun do chuir i as don cheud fhear air an aon dòigh. Bha suim mhor de dhairgead-cinnteachaidh air beatha gach fir dhiubh. Chan eil i ach coig bliadhna fichead a dhaois.

O chionn da sheachdain air ais, thainig duine bha gabhail air a bhi mhuinniirSt . Johngu Halifacs, agus ghabh e rùm ann an tigh. Bha nighean òg afuireach anns an tigh sin dam bainm Mairi Hams. Thòisich an coigreach, dam bainm, a reir a sgeòil fhéin, Seòras OBrien, air deanamh suas ris an nighinn, agus an taobh a stigh de dheich uairean phòs iad. Bha so air Di-satharna. ’Sa mhaduinn, chaidh OBrien a mach air cheann gnothuich, agus cha do thill e tuilleadh. Fhuaradh a mach uaithe sin nach robh eg innse na firinn, agus chan eil dùil aice-se bha air a pòsadh ris rifhaicinn tuilleadh. Is dilleachdan i, agus tha i de dheagh dhaoine.

Bha fear Seumas Huton, a tha tri fichead bliadhnasa naodh a dhaois, aig cùirt ann an Toronto air am naodhamh latha dhen mhios so air son a mhac fhéin a mhort. Bu thàillear e agus bha e fhéinsa mhac ag obair cuideachd. Bhiodh iad a dol bhar a cheile gle thric, agus bhiodh am mac air uaireannan adeanamh droch dhiol airathair. Aon mhaduinn dhòl iad botull de dhuisge-beatha eatorra; an deigh sin thoisich iad ri sabaid agus mun dthainig crioch oirre, chaidh am mac a mharbhadh. Aig a chùirt fhuaireadh an seann duine ciontach, ach leis mar a bha e air a chur uige, agus cho seans a bha e, rinn am britheamh a pheanaist cho aotromsa burrainn da. ’Si bhinn a thugadh a mach air gum biodh e air a chur dan tigh-obrach fad choig bliadhna.


(Air a leantuiun o thaobh 169.)

tig i briagha dhomhsa cuideachd;” agus chuir e air a cheann a bhoineid agus cheangail e na ribinnean fosmigead gu doigheil. Thòisich na h-ighinnean air gaireachdaich, gus ma dheireadh mhothaich am fear a bhacoiseachd abhnth gu bha dol air aghaidh mu chreic na boineid agus thainig enall; bha e fhein tha micreidsinn gle mhath gu feala-dha, oirn uair a chunnaic e cho aighearachs cho cuireideachs a bha Domhnull, thuirt e ris: ‘Bheir mi dhuit ni sam bith a dhiarras tu, a laochain, ma theid thus ma bheir thu pòg bhon te mhòir ud shuas.’ Sheall Domhnull mun cuairt, agus chunnaic e te mhor, ghrannda, liath, le coltas cho crosdaus nach duraichdeadh na coin sealltain oirre. ‘Millidh mibhoineid,’ thuirt Domhnull. ‘Ma mhilleas bheir mi dhuit te ùr,’ arsa fear abhùth. Cha luaithe chuala Domhnull sid, na suas a ghabh e na shradaichean a thoirt pòig bhon mhaighdean mhoir, ghrannda a bha thall ann an sid. Theich ise don aites an robh na h-igheannan ag obair, ’s Domhnull a stigh as a deigh; chlisg na h-ighinneanus dheirich iadn an seasamh, ach an uair a chunnaic iad debha dol air aghaidh thòisich iad air gaireachdaich. Thug Domhnull a phòg bhon t-sean te, ach ma thug, cha bann a nasgaidh, bhabhoineidn a stròicean, ’us dhfheum fear abhùth te ùr a thoirt dha; agus na bfhearr na sin, dhfheum Domhnull suidhe comhla ris na h-ighinnean gus an robh abhoineid air a deanadh suas, agus faodaidh sibh a bhi cinnteach nach robh na cailean còir ann an cabhag mhor sam bith. ’Nuair a bha e a falbh, thog fear abhuth anconcertinaagus shin e do Dhomhnull e, ag radh, ‘So, a ghoistidh! is math is airidh thu air, agus tha mi lan-chinnteach gum faigh thu gu leoir de dhàbhachd leisn uair a ruigeas tu dhachaidh. ’”

(Ri leantuinn.)


Tha aon de na paipearan Gàidhealach a fhuair sinn air an t-seachdain so a giùlan sgeula-bàis an Urr. Iain C. Mac Fhionghain, ministear na h-Eaglais Stéidhichte ann an Cròdhaig(Croick) .Fhuair Mr. Mac Fhionghain a bhreith usàrach ann anNew Canada,faisg air Hogamah, anns an eilean so, agusnuair a bha ena dhuinòg chaidh e null don t-seann dùthaich far an dthug e mach foghlum ministear. Bha e àireamh mhath bhliadhnaichean asearmonachadh ann am paraiste Chnòideart, agus an deigh sin chaidh e gu Cròdhaig, far an robh esaoithreachadh gu àm a bhàis. Bha eùine mhor tinn, agus chaidh e gu Dun-Eideann dhfheuch am faigheadh e leigheas no faothachadh, ach cha drinn an turus feum sam bith dha. Bha Mr. Mac Fhionghainna shearmonaiche math Gàilig us Beurla, agusna dhuine measail. Cha robh ann ach duinòg, agus tha sinn duilich sgeulabhàis fhaotainn.


An do phàigh thu MAC-TALLA.


BATHAR UR.
Moran de Churaicean Geamhraidh, eadar 10c. us $5 .00.
Brogan matha saor.
Ti mhath mar a babhaist.
Beagan de Cheannachd Thioram.
Olla 25c. an galan; 5 galain air $1 .00.
NIALL DOMHNULLACH,
BADDECK , - - C. B.


J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsas fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B.


BADDECK , - - C. B
Airson a stor a dheanamh nas deiseiles nas feumaile dhaibhsan a thadeanamh gnothuch ris, tha
Albert I. Hart
anise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha achuid sin den ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am BostonsanNew York.
Gheibh iadsan a thig ga h-ionnsuidh an
DEAGH RIARACHADH.
BADDECK , - - C. B.


LEABHRAICHEAN GAILIG.

Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim, .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. MacIlliosa 1.10
Gaelic Class Book .35

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte.
Sgriobh gu
J . G. MACKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney , C. B.



[174]

[Vol . 6. No. 22. p. 6]

SEUMAS II.

(Air a leantuinn.)

Achn uair a bhan luchd-riaghlaidh mar so a caradhs amealladh a chéile bha staid na tìre gle thruagh, le ain-neartus ceannairc nan ceann-feadhna, araon air Ghalltachds air Ghàeltachd. Bha iad sin mar nach biodh righ no ard-uachdaran idir ann, gach fear adeanamh an ni a bha ceartna shùilibh féin. Ach bha aon fhear dhiubh sin a bha comharraichta measg chàich, agus fad os ceann gach tighearneileam mòrchuis, ’s an cumhachd. Be so an t-Iarla Dùghlasach, a thainig o theaghlach an deadh Mhorair Dùghlais, caraid aBhrusaich. Bhan teaghlach so a nis air cinntinn gu ro mhoran saibhreas agusan cumhachd. Cha robh teaghlach eilann aig an robh uiread de fhearanns de luchd-leanmhuinn ris an teaghlach so. Cha robh Gilleaspuig, Iarlan la sin, atoirt ach gle bheag ùmhlachd don cheud righ Seumas. Bha barrachd greadhnachais timchioll air a chaisteal aige na bha timchioll air cùirt an righ féin. ’N uair a rachach e mach air chuairt taobh sam bith cha builear leis mile marcach a bhi ga leantuinn. Cha robh e coslach gun tugadh a leithid sin a dhuine bonaid a nuas don dithis a bha nis acomhstri mu riaghladh na rioghachd. Ach bhàsaich an urra mhor sos a bhliadhna 1439, agus leanoighre agus a mhac Uilleam, air na h-aon doighibh a bhaigaithrichibh roimhe, a thaobh morchuisus neo-eisimeileachd don luchd-riaghlaidh. Bha iad sin, le cheilair bheag neirt, agus an comhstri féin alughdachadh an neart, le bhi gan deanamh tàireil an sealladh an t-sluaigh, agus mar sin ged a dhoidhirpicheadh iad an Dùghlasach a chur fodha le nearts gann a gheibheadh iad de dhaoine air an togail na dheanadh sin. Agus on bha eagal orraghaidh a chuir air an leòmhan gu follaiseachs gu leòmhanta, ’s e rinn iad lion a dhealbh air son a ghlacadh gun fhios, agus cur as da air dhoigh a bhiodh saor o na h-uile cunnart dhoibh féin. Chuir Mac-an-Léighus Craighton an cuid comhstri a thaobh car greiseig gus am faigheadh iad an gnothuch so seachad. Rinn iad cuim, gum biodh an t-Iarla Dùghlasach, nach robh ach sea bliadhna-deug a dhaois, agus a bhràthair Daibhidh, air am fiadhachadh gu càirdeil gu Caisteal Dhuneidin, far an robh achùirts an àm sin, gu cuideachd a chumail ris an righ òg. Bha càirdean fad-sheallach aig an Iarla nach robh idir air son da dhol thun na cùirt. Ach cha ghabhadh e bacadh. Rainig e féins a bhràthair Caisteal Dhuneidin, ’s bhan righ òg, mu dheich bliadhnan uair sin, ro thoigheach air an comunn, ’s air na seanchasaibh a bha iad ag innseadh dha mu ghniomharraibh euchdail an sinnsireachd. Ach cha robh so gu marsuinn fada. ’N uair a bha na h-uile nithe ullamh, ’s a shuidh achuideachd sios aig bòrdan àm na dinneir, chuireadh ceann tairbh dhuibh fa-chomhair nan Dùghlasach òga. Thuig na h-òganaich, a reir cleachdaidh a bha coitchionnan Albas na linnibh ud, gum bu shuaicheantas bàis a bhan sud. Dhéirich iad on bhòrd le graide, ’s le sgreatachd. Ach bhan seòmar a nis air a chuairteachadh le daoinibh armaicht’, a rug orra, ’s a tharruing a mach iad gu cùirt chùil achaisteil. Chaidh ceannaircus droch ghniomharan eile an aithrichean a chur as an leth an sud, agus chaidh an diteadh gu bàs gu grad. Ghuil an righ, ’s dhaslaich e mar a burrainn e, am beatha bhi air a caomhnadh. Bha aslachadh an righ co suarach aig na mortairibh ud ri aslachadh nan Dùghlasach féin. ’S ann a rinn iad fanoid air a chionn e bhi caoidh nan naimhdean is mo a bhaiges an rioghachd. Chuireadh an ceann dethn dithis bhràithrean anns abhad. Rinneadh an aon diol air Calum Fleming, fear leanmhuinn dileas don teaghlach, a thachair a bhi làthair. Bi so an dinneir dhubh.

Bhan gniomh ud co amaideachan seadh saoghalta, ’s a bha e co peacach, an seadh eile. Oir ged nach dfhag na h-òganaich ud bràthair as an deigh a thogadh an ainms an aite, gidheadh bha bràthair athar aca, Seumas, a chaidh a ghairmna Iarla Dhùghlais air ball. Bu duine seolta, neo-ghniomhach e so, a bha araon tromam feoils an inntinn. Cha robh e air son trioblaid a chur air duine sam bith. Ach cha do mheal esan an onair ach da bhliadhna, ’n uair a bhàsaich e, agus thainig a mhac, Uilleam, ’na aite. Bha Uilleam so co gniomhach, conachdail ri aon sam bith a chaidh roimhe de na h-Iarlachan Dùghlasach. Bha ecur roimhe nach tugadh e bonaid a nuas do righ no do ridir. Bha dinneir dhubh afeitheamh airsan mar an ceudna.

Ach cha biad na Dùghlasaich a mhàin a bhatogail sàil na ceannaircan aghaidh ùghdarrais an luchd-riaghlaidh. Bha tuilleadhs gu leòir rifhaicinn de sin feadh na rioghachd a tuaths a deas. Agus thachair e mun àm so le ro-lionmhoireachd nan còmhragan a measg nan ceann-feadhna gun do leig daoine seachad a bhi saoithreachadh na talmhainn, agus gun do bhuadhaich plàigh ro eagalach air feadh gach cearna den dùthaich, air a h aobharach leis aghort. Theirteadh plaigh gun tròcair rithe so, oir cha robh duine atearnadh a bha ga gabhail. Bha iad abàsachadh an ceann cheithir uairean fichead.

Ach mar a bhan dithis fhiùdhalach a bhair ceann an riaghlaidh ataisbeanadh a bhi neo-fhoghainteach, ’s neo-fhreagarrach air son na rioghachd a stiùireadh, thugadh an cumhachd as an làmhaibhs thugadh don righ féin i, a bha nis dlùth air tighinn gu fearachas. Ben ceud ni a chunnaic an righ aige féin ri dheanamh, oidhirp a thoirt air cumhachd nan ard-uaislean a bhriseadh, an dearbh ni a bhana mheadhon air beathathar a ghiorrachadh air son e féin ga oidhirpeachadh. Bha deadh fhear-comhairlaig Seumas aig dol dhan ceann aghnothuich mhoir so, ann an Easbuig Chill-Rimhinn, dam bainm Ceanadaidh, agus a bhan dlùth dhaimh don righ féin. Bha ena ni ionmholtas an righ so gun tuigeadh e comhairle mhaith, ’s gun leanadh e in uair a gheibheadh e i. Thuig an t-Iarla Dùghlasach gun robh en run an righ an ionnsuidh a thoirt air a chumhachd féin a lagachadh, agus chrioslaich se e féin air son na bhaig a chumails an doigh a bfhearr a dhfheudadh e. Chaidh en comh-bhoinn ri Iarla Rois, agus ri duine fuileachdach eile dam bainm Alastair Lindsi, mac bu shine Iarla Chràford. Chomh bhòidich iad so uile gun cuidicheadhs gun dionadh siad iad féinan aghaidh co sam bith a dhfheudadh ionnsuidh a thoirt orra, ged a ben righ féin e. Thug an Dùghlasach mar an ceudna air gach duinuasal a bhair a chuid fearainn gealltuinn gun leanadh iad féin riss a chomh-bhoinn so. Ach bha aon duin’ -uasal tapaidh nam measg sin a dhiùlt gnothuch sam bith a bhi aige ris achomunn ud, a chionn nach robh ann ach ceannairc gun fholuchan aghaidh ùghdarrais an righ. Be Mac-an-Leaghlain, ainm an fhir so. Rug an t-Iarlair gun dàil, ’s rinn e priosunach dhethan Caisteal Dhùghlais. Ach bha bràthair màthar aige dam bainm Sir Padruig Mac- ’Ille-Ghlaisna cheannard air freiceadain an righ. Dhaslaich an t-oifigeach so air an righ a dhols an eadraigin air son a charaid a shaoradh on chunnarts an robh e. Sgriobh an righ litir air ball fon t-seula mhor, a dhionnsuidh an Dùghlasaich, agus dhfhalbh Sìr Padruig féin leatha far an robhn t-Iarla. ’N uair a rainig en caisteal bhan t-Iarla asuidhe sios gudhinneir. Dhfhoighnich e den teachdair-righ so an do ghabh edhinneir? “Cha do ghabh,” arsa Sìr Padruig. “Chan eil comhradh gu bhi ann,” ars am Morair, “eadar duine làns duinocrach, suidheadh Sìr Padruig gu dhinneir, ’s deanamaid comh-labhairt an deigh sin.” Shuidh an Ridir’ ’s an t-Iarlaig an aon bhòrd, ’s co bhitheadh co geanails co briathrach ri fear an tighe? Ach aig an àm cheudna thug e ordugh uaigneach seachad Mac-an-Leaghlain a bhi air a thoirt a mach as achaisteal agus an ceann a bhi air a chur dheth, agus eudach a bhi air a sgaoileadh air a chorp a muigh air a ghlasaich. ’N uair a bhan dinneir thairis libhrig Sir Padruig litir an righ don Mhorair a ghabh i le mor urram, ma bfhior. ’N uair a leugh e i thuirt egum bu choir ùmhlachd a thoirt do aithnan righ, agus gu ro àraidh air sgath Sìr Padruig féin. Ach bha Sìr Padruig car fadalach gun tighinn.” Threoraich en sin a mach an Ridir thun na glasaich, “Agus,” ars esan, ’s e tomhadh a mheòir ris achorp, “tha mac do pheathar an sud, feudaidh tun rud a thogras tudheanamh ris, ach than ceann a dheasbhuidh air.” “Ach,” arsa Sìr Padruig, ’s e cumail air féin mar a



[175]

[Vol . 6. No. 22. p. 7]

bfhearr a burrainn e, “ma thug sibh leibh an ceann, feudaidh sibh an ni is àill leibh a dheanamh ris acholuinn.” Ghrad leum e na dhiollaid an sin, ’s nuair a fhuair se e féin gu socair innte, chuir e caran ceann an eich, ’s ghlaodh e, “Mhorair, mas duine beo mise, gheibh sibhur duais air son so.” Chuir en sin spuirean ris an each a bhana ainmhidh taghta. Ghlaodh am Morair a mach ri chnid oifigeach féin, iad a leum nan diollaidibh agus Sìr Padruig a chur an laimh. Ach an deigh do dhream mhaith dhiubh a ruagadh fad corrus leth-cheud mile, leis na h-ainmhidhibh bu luath-chosach a bhaca, beigin pilltinn dachaidh gun dad air son an saothrach. Rainig Sìr Padruig an righ, ’s dhinnis e dha focal air an fhocal mar thachair. ’N uair a chuala Seumas an tàir a thaisbein an t-iochdaran ceannairceach ud da ùghdarras féin, ’s an doigh air an do laimhsich etheachdair, bha e lan feirg’, agus tàmailt. Ach beigin da sin uila chumail air féin. Bhan t-Iarla ro-laidir eadhon air son an righ féin. ’Nan cuirteadh gu dhùbhlan e, dhfheudadh e greim Sheumais II. air achaithir a chur an cunnart.

Achan uine nach robh fadan deigh sud, ’s ann a smuainich an righ gun tugadh en Dùghlasach gu ni-eigin de ùmhlachadh, nam faigheadh e fàth air bruidhinn ris aghaidh ri aghaidhan uaigneas, agus reusonachadh ris air cunnartus olcas nan dòighean a bhaige. Bha righ Seumas a nis air tighinn gu fearachas, air dol thairis gu maith air fichead bliadhna. Bha ena dhuine tapaidh, tlachdmhor. Ach bha comharra mor, dearg, air o rugadh e, a bha còmhdachadh an dara taoibh dheth aghaidh; air son so, theirteadh Seumas na h aghaidh teinntich ris. Thug cuid de luchd-eachdrainh fainear gum feudtadh Seumas an spioraid theinntich a radh ris co maith. ’S e rinn e nis, fiadhachadh a thoirt don Iarla gu conaltradh càirdeil a chumail ris aig achùirt, a bhas an àm sin a chòmhnuidhan Sruileadh. Dhaontaich an t-Iarla ri tighinn thun na cùirte, nam faigheadh e litir fo sheul an righ adeanamh cinnteach dha gum biodh a bheatha tearuinte gus am pilleadh e air ais. Fhuair e sin, ’s ghreas e thun na cuirte le tearc de luchd-leanmhuinn a measg an robh a cheathrar bhràithrean féin. Thog na h-uaislean eilan cairtealans abhaile, ’s chaidh an t-Iarla don chaisteal a dhainharc an righ a ghabh ris le mor shubhachas. Air an ath ghabh e dhinneir aig bord an righ, agus dhfhan e ri shuipeir, a bha gu bhi aig seachd uairean. An deigh na suipeir thug an righ a leth-thaobh an t-Iaarla, ’s thòisich iad air dian chomh-labhairt eatorra féin, aspaidsearachd siosus suas air feadh an t-seòmair. Ach a lion cuid us cuid bhlàthaich iad gu maith leis na h-argumaidibh a bha eatorra; an righ asparradh air an Iarla na boinn a bheadar e féins na morairean eila bhriseadh, agus a thighinn gu bhina charaid don righ, ’s gum faigheadh e sin ni bu tarbhaiche dha féin air acheann mu dheireadh. Ach bhan t-Iarla gu neo-eisimeileach afreagairt nach deanadh e sud, ’s nach bfhiach luchd comhairlan righ earbsa sam bith a chur annta, ’s gun robh e féins iadsan a deanamh ain-tighearnas thairis air an rioghachd. Mu dheireadh, thainig spiorad teinnteach Sheumais gu leithid de àirdes nach gabhadh e cumail fodha. “A bhrathadair fhoilleil,” ars esan, ’s e toirt tarruing air a bhiodaig, “mur bris thusam bann brisidh so e.” Shàth e bhiodagna sgòrnan, ’s gu grad a ris na bhioinn. Bha Sìr Padruig Mac- ’Ille-Ghlaisna sheasamh dlùth dhoibh, ’s a shuils a chluasan cleachdaidh. Cha bu luaith a chunnaic en righ a sìneadh làimhe thun an nàmhaid na thug e féin an ath bhuille dha leis an do leag en truaghan leonta gu làr, le tuaigh-chatha bhana làimh. Chuir gach fear eile de na cùirteirean làmhs an droch ghniomh, ’s an ùine ro-ghoirid bha sea lota ficheadan corp an Dùghlasaich, a bhàsaich gun fhocal a radh. ’S ann an seòmar uachdrach a bha iad. Chaidh an uinneig fhosgladh, ’s an corp reubta thilgeadh a mach do chùirt achaisteil. Mar so fhuair mortair Mhic-Leaghlain a dhinneir dhubh.

Ach bha crioch shearbh aig a ghnothuch a bhan sud. ’N uair a chual a bhràithrean gun robh an t-Iarla air a mhortadh ghairmus dhaidich iad air bail am fear bu shine dhiubh féinna Iarlana àite. Bha gach fear dhiubhna thighearna fearainn cumhachdach, aig an robh moran luchd-leanmhuinn. Thionail iad moran dhaoine leis an tainig iad air ais gu Sruileadh, ’s na loisgs na chreach iad moran den bhaile. Ach bhan caisteal ro làidir air son iad a thoirt ionnsuidh air. An deigh sin thog iad ceannairc co eagalach air feadh taobh deas na rioghachds gun tainig e gu bhina cheist air an righ co-dhiù a be ruith lebheatha do Shasunn a bfhearr dha, ’s an rioghachd fhagail aig an Iarla féin, no fuireach acath riu. Fa-dheòidh, le comhairlibh easbuig Ceanadaidh, fhuair e aon de na morairean bu chumhachdaiches achomhbhoinn air a dhealachadh ris an Dùghlasach; be sin IarlAonghais, a bha e féin de theaghlach nan Dùghlasach. Béigin a nis don Iarla Dhùghlasach teicheadh lebheatha gu ruig Sasunn. Bhuilich an righ air Iarla Aonghais am fearanns an inbhe gu h-iomlan a bhuineadh don fhear eile. Mar so thogadh am focal gun do chuir an Dùghlasach ruadh sios an Dùghlasach dubh.

Fhuair righ Seumas a nis beagan lasachaidh air son an aire thoirt do ghnothuichibh a rioghadh. Thachair gun robh caisteal laidir Rocsburgh air achrichan cumhachd nan Sasunnach riamh o bha Daibhidh II. na bhraighdeanach aca. Chuir righ Seumas a nis séisd ris achaisteal so air son a thoirt fo lagh dha féin. Bha e féin agus àireamh de àrd-uaislean mu choinneamh abhalla afaicinn cionnus a bha Bateri de ghunaidhean mora shuidhicheadh nan aite ri cluicheadh. Sgoilt aon de na gunnaidhean sin as a chéilaig losgadh làdaich, ’s bhuail aon de na sgealban an righs abhroinn, a mharbh air abhad e, anns an deicheamh bliadhna fichead deaois. An uair a chual abhan-righ mar a thachair ghreas i thun achaisteil, ’s dhearalaich i air na saighdearaibh tuireadh a leigeadh dhiubh an sin, ’s an ni bhaca ra dheanamh a thoirt gu crìch mhaith, mar onair ris an fhear a dhfhalbh. An uair a chunnaic na h-oifigich curantachd na ban-righs an t-suidheachadhs an robh i, chuir iad sùrd air aghearaston a ghlacadh, ’s thuit en an làmhaibh gun dàil. Tha cuid ag radh gun do chuir iad gu bàs ceannard aChaisteil le feirg air son na chaill iad féin ris. Tha craobh chuilinnam pàirc caisteil Fleurs fathast acomharrachadh a mach an àit anns an do thuit an righ.


Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.


D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C. B.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIGOs cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.


Indurated Fibreware

Tha an seòrsa so nas daoire na na bucaideans na tubaichean cumanta, achs math is fhiach iad sin; tha iad nas buaine, agus mar sinsiad as saoire.

THE
E. B. EDDY Co
LIMITED
HULL, CANADA.



[176]

[Vol . 6. No. 22. p. 8]

Leomag.

(Air a leantuinn.)

Chaidh Fionnladh gu luathn a coinnimh;
Sheas e lebhoineidn a laimh;—
Is doirbh an latha, Mhiss Leomag,
A thug sibh, on t-sroin, a nall.

Tha am monadh momhas fiadhaich,
Is iargalt tha dreach nan speur,
S cha bhiodh ann ach ni gun chiall duibh
Dol ga fhiadhainns sibh leibh fein.

Thigibh tiota beag gu fasgadh,
S am faigh mi achairts an t-each bàn;
Dheasbhuidh suidheachan is boidhche,
Bidh boitein math feoirn a màs.”

Bha gach ni gu deasn a uidheam
Sud Leomagn a siubhal troimhn t-sian,
As Fionnladhn a shuidhe lamh rith’,
Lebhreacan glas, blathg a dion.

Thainig i gu ceann a turais;
Oir cha robh cunnard dhi folaimh;
S dhfhag e i gun chnead, gun fhailing,
Gu sabhailten a h-aìte taimh.

“ ’S mor an diubhail,” arsa Leomag,
Ma theid Mac-Leoraidh as gu saor, ”—
Thilg i an t-saighead gu seolta,
S air mo bhòid! cha robh i maol.

Man drainig e ceann an rathaid,
Dhfhairich e acaidn a chòm;
S an uair a dheirich es amhadainn,
Bhaosnaidhean fad agus trom.

Bha Fionnladhn a dhiunlach laidir
A shiubhladh an fhasach mar fhiadh;
Ach a nis thaneartg a fhagaìl,
S chaneil aige cail gu biadh.

S i Leomag a rinn a dhochnnadh,
S a chumas en a bhoila chaoidh;
Tha in a smaointes an latha,
Sn a aisling an cadal na h-oidhch’.

Anns an fheasgar shìochail, bhoidheach,
S na h-eoin acluich am barr nan geug,
An aiteradh, “An cluinn thun smeorach!”
S eLeomaga thign a bheul.

Uair-eigin mu àm na Callainn’,
Chaidh e le caraid gu bal;
Mun chois dheis gun chuir e stocaidh,
S mun chois thoisgeil osan gearr.

Ciod a their mi,” arsa Fionnladh,
Ris na caochlaidhean tha ann?
Bheil an saoghal air dol tuaitheal,
Non tuaineulaichthair teachd am cheann?

“ ‘Bhon lathathachair mi air Leomag
Tha minntinn fo sgleo gu leir;
Mim bhall-fanoid aig na h-eolaich,
S am iongantas ro mhor dhomh fein.

“ ’S beag nach saoil mi ann am bhreislich
Gu bheil an deas air dol gu tuath;
S an uair a sheideas gaoth romh mchlàraidh,
S e ceol na clairsichbheil am chluais.

An t-uisge a bha fuar asileadh
N a bhoinnean minic o a ciabh,
Gheobh mi en a shruithean blatha,
Asiubhal gum tamh troimh mo chliabh.

Fhads a bhuanaicheas an latha,
Thah-iomhaigh ga mleantainn a chaoidh;
S an uair nach leir do mshuil a faileas,
Thig a h-anail orms aghaoith.

Och gur mise thair mo riasladh
Le spleadhachas a bhos as thall!
S mur afaigh mi fois o miarguin,
Chan fhada gus an liath mo cheann.

“ ’S iomadh cuspair a thadusgadh
Na cnuimh ciurrailtha ga mleon;
Than druidheachd gu cinnteach laidir,
A rinn mo shàrachadh cho mor.

Ma tha mi le mchairt air thuras,
Bidh mi muladach leam fein;
S ma bheir mi am boitean feoir leam,
S ann chuireas e mo bhron am meud.

Tha rud a nise nach robh roimhe
An ceanns an dronnaig an eich bhàin
Tham breacain fein air fas neonach,
Leisn do chum mi Leomag blath.

“ ’S tric mo smuainte air an aille
A choisinn anns gach àite buaidh;
Mus a h-i a rinn mi craiteach,
S i fein a bheir dhomh slainte bhuan.

As ciod air son a dheanainn maille?
Tha bhifantainnn a ni faoin;
Mar bhios an ceangal nis tràithe,
S ann is blaithe bhios an gaol.”

N sin thoisich Fionnladh gu sgoinneil
Air a thigh a chur air doigh;
Rinn e na seomraichean soilleir,
A cur gloinen aite bhord.

(Ri leantuinn.)


THA DROCH ANAIL
mi-thaitneach.

Tha géireachd, losgadh-bràghaid, gaotharachd, agus meuran eile de Chion-cnamhaidh a deanamh iomadh neach mi-shona.

Bheir K. D. C. agusK . D. C. Pillsan anail gu bhi mar is còir dha bhi, agus leighsidh iad cion-cnamhaidh, ’s gach seòrsa tinneas-stamaig.

AIR AN DEAGH MHOLADH.

Sampuill a Nasguidh.
K . D. C. Company, Limited, New Glasgow:
N. S.agus127 State St. Boston, Mass.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-Tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar duthcha thanar beachd


NIALL Mac FHEARGHAIS,
Taillear.
SIDNI - - - - C. B


$1 .00 air 80c.
Tha tuilleadhsa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dhairgead. Thig mum bin t-am seachad agus
FAIGH BARGAN.
McDonald Hanrahan & Co.
Sidni, Iulaidh 16, ’97.


FLUR AGUS MIN
direach as na muillnean.
(Ann am barailtean, leth-bharailtean agus cairteil.)
TI, SIUCAR, TOMBACA, etc.
Am bathar as fhearr air na prisean as isle an coinneamh AIRGEID.
ALASDAIR MARTUINN.
Sidni, C. B., Sept . 1, 1897.

titleIssue 22
internal date1897.0
display date1897
publication date1897
level
reference template

Mac-Talla VI No. 22. %p

parent textVolume 6
<< please select a word
<< please select a page