[Vol . 6. No. 23. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE 3 DESEMBER. 1897. No. 23.
Na Coinnlearan Gaidhealach.
Bha Aonghas Mòr Mac Amhlaidh, Fear Linne-bharraich, ’na dhuine treun, uaibhreach, ged nach robh a chuid an t-saoghail ro mhor. Cha robh an oighreachd ach beag, bochd; agus ged a bha fleadhachas agus faoile, agus gach somultachd ri fhaighinn ann an Linne-bharraich, feumar aideachadh nach robh mòran de fhior shaibhreas ri fhaicinn air dreach no air uidheamachadh a’ Chaisteil; agus cha mhò bha a’ bheag de mhaoin ann an sporan no fo los Aonghais Mhòir. Coma co dhiu, mar is tric a dh’ eirich do na tighearnan Gaidhealach, cha ’n fhoghnadh le Aonghas ach gu ’m feumadh e an drasd agus a rithist turas a ghabhail mu dheas; agus cha bu ainmic a thug a “mheud-mhòir gun chur leatha,” cho math ris an uabhar aig Aonghas aimlisg nach bu bheag air fhein agus air a chairdean. Cha b’ ann aon uair no dà uair a bha e an eismeil cruadhs nan dorn agus faobhar nan claidheamhan aig a chuid ceatharnach ’ga shaoradh as na h-aimhreitean a, thog àrdan Aonghais air feadh nan Gall agus nan Sasunnach. Uair de na h-uairean a bha Aonghas Mor air turus ann an Sasunn, thuit da a bhi air aoidheachd ann an lùchairt ghreadhnaich a bhuineadh do Ridire Sasunnach. Chaidh cuirm mhor ullachadh ann at talla-aoidheachd an taighe mhoir, agus shuidh Aonghas Mor sios aig a’ bhòrd comhla ris an Ridire agus àireamh mhor de aoidhean Sasunnach eile. Am measg gach greadhnachas a bha anns an t-seomar bha sia coinnlearan de dh’ airgiod fior-ghlan, cho mor ris an fheadhain a b’ àbhaist a bhi ann an eaglais Dhun-Bhlathain. “Cuiridh mi geall,” ars’ an Ridire Sasunnach, “nach ’eil an leithidean sin de choinnlearan romhach anns an dùthaich as an d’ thainig thusa.” Cha’n fhaca MacAmhlaidh am fear sin do an ceadaicheadh e cur sios air a dhùthaich, agus fhreagair e gun mhaille, “Is mi a chunnaic; tha agamsa ann am Chaisteal fein coinnlearan gu leòr, agus coinnlearan fada is fearr na iad sin, luachmhor, briagha ged a tha iad.” Is e bu dheireadh gu’n do chuir na feara geall dà cheud punnd Sasunnach mu an ghnothach, agus chaidh latha a shuidheachadh air an ruigeadh an Ridire agus fear eile de na h-uaislean Sasunnach Caisteal Linne-bharraich, a dh’ fhaicinn nan coinnlearan aig MacAmhlaidh. Chaidh MacAmhlaidh dhachaidh, ach mar a bha an latha a’ tighinn dlùth air an robh na Sasunnaich ri bhi aige, thug daoine an aire gu ’n robh e fo smuairein air chor-eigin agus luchd trom air inntinn. Oir bha fios gu math aige gu ’n cailleadh e an geall, a chionn nach robh coinnlear an t-saoghal aige anns a chaisteal a b’ fhiu sealltain air an coimeas ris na coinnlearan mora aig an t-Sasunnach. Gus a’ chùis a dheanamh na bu mhiosa ged a bha Mac Amhlaidh uasal gu leòir ’na ghiùlan, cha robh [ ? ] lar e agus am bàs na phaidheadh an ge[ ? ] gus bha dearbh fhios aige nach bith [ ? ] baigh no trocair anns na Sasunnaich [ ? ] na robh a choltas ach gu ’n rachadh [ ? ] chuid a narachadh agus a sgrios. [ ? ] maduinn a’ latha a bha na Sasunnaich [ ? ] , dh’innis Mac Amhlaidh do ghille [ ? ] a bha aige do ’m b’ ainm Domhnull, ciod a bha a’ cur iomaguin air. Nuair a chuala Domhnull mar bha, is e thuirt e, “Ma ta a dhuine mo ghaoil, cha ’n eil e [ ? ] dhomhsa a bhreithneachadh ciod a ni sinn. Tha e ’na ni dearbh-chinnteach nach eil coinnlear an t-saoghal anns a’ Chaisteal ach an seann fhear iaruinn a bha ann o linn nan linn, agus am fear a rinn an Ceard Ruadh a bhliadhna roimhe. Is i mo chomhairle duibh, cho luath agus a thig na Sasunnaich, beireachdainn air amhaich orra agus an cur anns a’ bhrargas air cul a’ Chaisteil gus am fuasgail iad sibh as a’ gheall; agus is neonach leamsa mur bi iad gle thoileach tilleadh dachaidh mar thainig iad.” Co a bha lathair nuair a bha Mac Amhlaidh agus Domhnull ris a’ chomhradh so, ach Fiosaiche Mhic Amhlaidh, duine trom-cheannach, iongantach, a bha cuid a dhaoine a’ meas gu ’n robh e rud beag gann de thoinisg; ach is e is coltaiche gur ann a bha e “glic, gorach, mar a bha Deorsa Buchanan.” Nuair a chuala e a’ chomhairle a thug Domhnull air Mac Amhlaidh thug e leum as, thog e a làmh gu bagarrach, agus ghlaodh e le corruich: “Na faiceam an latha anns an dean mo cheann-cinnidh gniomh cho taireil, cho mi-airidh, agus cho eucorach. B’ fhearr leam fhaicinn air a reic a mach air an dorus a dheanamh lan diolaidh do na Sasunnaich, na gu ’n rachadh a ràdh uime gu ’n do rinn e ni cho tamailteach.” Anns a’ bhruidhinn a bha ann ciod ach gu ’m faca iad an Ridire Sasunnach agus a charaid a’ tighinn. “So iad a’ tighinn,” ars am Fiosaiche; “rach thusa Dhòmhnull agus cuir dòigh air biadh daibh; thugadh sibhse as an rathad iad gus am bi gach ni ullamh, agus fàgaibh an geall agus na coinnlearan an earbsa riumsa.” Rinn Mac Amhlaidh agus Dòmhnull mar a dh’iarradh orra, agus gheall am Fiosaiche gu’n cuireadh e Dòmhnull a thoirt sanais do na h-uaislean nuair a bhitheadh gach ni ann an uidheam air an son. An deidh bheul na h-oidhche, chaidh Dòmhnull a staigh far an robh Mac Amhlaidh gu trom tiamhaidh a’ strith ri conaltradh a chumail ris na Sasunnaich, agus ars esan, “A dhaoine-uaisle, tha a’ chuirm ullamh, agus tha na coinnlean laiste.” Dh’ eìrich na Sasunnaich agus Mac Amhlaidh, agus ghabh iad a staigh do thalla na cuirme; agus ma ghabh is ann an sin a bha an sealladh. Bha am bord mòr daraich air a chomhdach le biadh de gach seorsa agus àiteachan-suidhe mu a thimchioll do na h-aoidhean, a reir an inbhe agus an aireimh. Air cùl gach aite-suidhe sheas Gaidheal foghainteach ’na fheile breacain preasach, boineid air a cheann, làmh dheas air crambaid a chlaidheimh le barr air an ùrlar; agus ann an làimh chli gach fir dhiubh leus mòr, lasrach, de ghiubhas bac-mona, a’ tilgeil soluis dheirg air gach taobh, anns an robh loinnreachd an armachd a’ dearrsadh cho soilleir agus gu’n d’ thug e doille air suilean nan Sasunnach. Mu an robh uine aca air tighinn as a phlathadh a chuir an sealladh orra, thàinig am Fiosaiche a nall, agus a’ tionndadh barr a chlaidheimh ri luchd nan leus, thuirt e gu h-uaibhreach, “Seallaibh, a dhaoine-uaisle, coinnlearan luchairt mo chinn-chinnidh, seann chleachdamh ar sinnsre. Cha’n aithne do dhuine dhiubh sin ach lagh facal an ceannaird. An coimeasadh sibh an leithidean sin ris an airgiod no ris an òr is luachmhoire a chaidh riamh a chladhach a talamh? Ciod a tha sibh ag ràdh, a dhaoine-uaisle, an do bhuidhinn no an do chaill sibh bhur geall?” “Chaill sinn, chaill sinn, gun teagamh,’ ars an Ridire Mòr. “So,” ars esan agus e a’ tionndadh ri Mac Amhlaidh; “so do chuid airgid; is math a choisinn thu an geall.” “Mo mhallachd air a cheann ma ghabhas e peighinn uaibh,” ars am Fiosaiche, “Is leòir an ni e nach ’eil sibh a’ tagar uaith a chodach fein.” “Agus a nis,” arsa Mac Amhlaidh. “bi cho math agus na coinnlearan a thoirt air falbh; tha mi am beachd gu’n ith na h-uaislean Sasunnach an cuid bidh gu lan mhath le solus nan seana choinnlearan iarainn.” Ceart mar a dh’iarr an t-uachdaran, thug am Fiosaiche facal ordugh do na coinnlearan riomhach, Gaidhealach, thog gach fear diubh a chlaidheamh ri a ghualluinn; choisich iad gu ordail a mach as an talla, agus dh’fhàg iad na h-aoidhean a dhol an cinnseal na cuirme. —An Gaidheal Albannach, 1885.
[Vol . 6. No. 23. p. 2]
SGEULACHDAN ARABIANACH.
VI. —EACHDRAIDH NAN TRI CHALADAIREAN AGUS NAN COIG MNATHAN-UAISLE.
CAIB. XXII.
Ghabh mi truas rig a’ bhoirionnach bhochd an uair a chunnaic mi i a’ sileadh nan deur, agus thuirt mi, “Mo dheadh bhoirionnach, na bi ’cur dragh’ ort fhein; tha mise deonach am fabhar a tha thu ’g iarraidh orm a thoirt dhut. Innis dhomh c’aite am bheil taigh na bainnse, agus theid mi ann cho luath ’s a chuireas mi umam aodach freagarrach.”
An uair a chual am boirionnach gu’n robh mi gus a dhol thun na bainnse bha aoibhneas anabarrach oirre, agus mu ’n do tharr mi an aire ’thoirt ciod a bha i dol a dheanamh, thug i pog dh’ am chasan. “A bhean-uasal charanach, bheir Dia paigheadh dhutsa air son a’ chaoimhneis a tha thu nochdadh dhomhsa, agus bheir e aoibhneas dhut mar a tha thu fhein a toirt do mhuinntir eile. Tha e tuilleadh is trath dhut falbh thun na bainnse. Foghnaidh dhut falbh an uair a thig mi fhein g’ ad iarraidh feasgar. Mo bheannachd gu ’n robh agad gus an till mi g’ ad iarraidh.”
Cho luath ’s a dh’ fhalbh i chuir mi umam an deise ’b’ fhearr a bh’agam, agus chuir mi bann-seud mu m’ bhraighe agus mu chaol mo dha dhuirn, agus failbheagan oir ’nam chluasan, agus fainneachan daoimein air mo mheoirean; oir bha m’ inntinn ag innseadh dhomh gu ’n robh ni eigin gu tachairt dhomh.
Ann am beul na h-oidhche thainig an t-seana bhean g’ am iarraidh, agus coltas gle aoidheil air a h-aghaidh. Phog i mo lamhan agus thuirt i, “Mo bhaintighearna ghaolach, tha luchd-daimh an fhir a tha ’dol a phosadh mo nighinn, eadhon ard mhnathan-uaisle ’bhaile, a nis air cruinneachadh; faodaidh tu tighinn uair sam bith a thogras tu, tha mise a’ feitheamh ort.”
Gun dail sam bith dh’ fhalbh sinn. Bha ise air thoiseach, agus bha mise agus mo mhnathan-cuideachd ’g a leantuinn. Stad sinn ann an sraid ghlain, fharsuing, aig geata mor maiseach. Os cionn a’ gheata bha lainntear laiste. Le solus an lainntir leugh mi an sgriobhadh so, a bh’ ann an litrichean oir;— “So aite-còmhnuidh na sithe agus an t-sonais mhaireannaich.”
Bhuail an t-seana bhean aig a gheata, agus ghrad dh’ fhosgladh e. Thugadh a steach do thalla mor, maiseach mì far an robh baintighearna og a bha anabarrach maiseach. Chuir i failte orm gu caoimhneil, agus thug i orm suidhe air cathair a bha cho briagha ’s gu ’m foghnadh i do ’n righ fhein.
“A bhaintighearna,” ars’ ise, “thugadh cuireadh dhut gu tighinn an so gu banais; agus tha dochas agam gu ’n tachair am posadh air doigh nach do smaoinich thu. Tha brathair agamsa, agus tha e air dhuine og cho maiseach ’s a th’ anns an t saoghal. Thuit e ann an trom ghaol ortsa, oir chuala e gu ’n robh thu anabarrach ma seach, agus mur pos thusa e cha bhi duine ’s an t-saoghal cho mi-shona ris. Tha mi ’n dochas gu ’n gabh thu truas rìs. Tha fhios aige air a h-uile maitheas a th’ annadsa, agus theid mi ’n urras dhut gu ’m bheil e airidh air gu ’m posadh tu e. Tha mise ’na ainmsan a’ guidhe gu durachdach ort gu ’m pos thu e.”
An deigh bas m’ fhir, cha do smaoinich mi riamh gu ’m bu chor dhomh posadh an dara uair; ach cha robh e ’n comas dhomh an tairgse so a dhiultadh. Dh’ fhan mi samhach agus thainig m’ fhuil ’nam aodann. Bhuail a’ bhaintighearn’ og a basan ri cheile, agus ghrad dh fhosgladh dorus closaid a bha ’n taobh an t-seomair, agus thainig duine og eireachdail, air an robh fior choltas na h-uasle ’mach as a’ chlosaid, agus shuidh e ri m’ thaobh. An uair a chunnaic mi e thuirt mi rium fhein, ma tha e cho maiseach ’na nadar ’s a bha e ’na choltas, gu ’n robh mi gle fhortanach. [ ? ] uair a thug mi greis air seanchas ris, [ ? ] mi gu ’n robh e moran na bu tlachdmhoir [ ? ] dh’ innis a phiuthar dhomh.
An uair a chum [ ? ] a phiuthar gu ’n robh sinn toilichte le [ ? ]e , bhuail i a basan ri ’cheile an dara turas agus thainig sgriobhaiche steach do ’n t-seomar. Gun dail sam bith sgriobh e cumhnantan a’ phosaidh, agus chuir ceathrar an ainmean ris mar fhianuisean. B[ ? ] t-aon ni a thug am fear a phos mi orm a ghealltainn dha, nach leiginn ris m’ aghaidh a dh’ fhear sam bith, agus nach mo na sin a bhruidhninn ri fear sam bith ach e fhein. Agus thuirt e rium nan deanainn mar a bha e ’g iarraidh orm, nach biodh aobhar agam gu brath a bhith ’gearan air. So mar a phosadh sinn, agus an aite bhith air banais dhaoine eile is ann a bha daoine eile aig mo bhanais fhein.
An uair a bha sinn mu mhios posda dh’ iarr mi air cead a thoirt dhomh a dhol a cheannach aodaichean a bha dhith orm, agus thug e dhomh cead. Thug mi leam an t-seana bhean comhladh rium, agus dithis dhe na mnathan-cuideachd.
An ùair a rainig sìnn an t-sraid air am bheil na marsantan a’ fuireach, thuirt an t-seana-bhean rium, “A bhanamhaighistir, o’n is e sioda a tha dhith ort, is ann a theid mi leat far am bheil marsanta og air an robh mi eolach. Tha e ’reic a h-uile seorsa sioda. Caomhnaidh e dhut a bhith ’falbh o bhuthaidh gu buthaidh. Tha mi deimhin gu’m bheil iomadh seorsa aige nach ’eil aig fear eile.”
Ghabh mi gu toileach a comhairle, agus chaidh sinn do ’n bhuthaidh aig a mharsant’ og. Shuidh mi agus dh’ iarr mi air an t-seana mhnaoi bruidhinn ris a mharsanta air mo shon, agus a radh ris e ’shealltain domh an t-sioda’ b’ fhearr a bh’ aige. Thuirt i rium mi bhruidhinn air mo shon fhein. Ach dh’ innis mi dhi gu ’n do gheall mi an oidhche a phos mi nach bruidhninn ri fear sam bith ach ri m’ fhear-posda fein, agus thuirt mi rithe gu ’n robh e mar fhiachan orm cumail ri mo ghealladh.
Sheall am marsanta dhomh caochladh sheorsachan sioda. Chaidh fear dhiubh rium gle mhath, agus dh’ iarr mi air an t-seana mhnaoi pris an t-sioda fhoighneachd dheth. Thuirt e rithe, “Cha reic mi an sioda air son airgid no oir, ach bheir mi dhi an nasguidh e ma leigeas i dhomh pog a thoirt dhì air a lethcheann.”
Thuirt mi ris an t-seana mhnaoi a radh ris gu ’n robh e gle mhi-mhodhail an uair a dh’ iarradh e a leithid a ni. Ach an aite bruìdhinn ris mar a dh’ iarr mi oirre, thuirt i rium, “Cha ’n eil am marsanta ’g iarraidh moran ort; cha leig thu leas bruidhinn ris; foghnaidh dhut do leithcheann a chumail ris, agus bidh an gnothuch seachad ann an tiotadh.”
O’n a bha ’n sioda cordadh rium cho math bha mi cho gorach ’s gu ’n do ghabh mi a comhairle. Sheas an t-seana bhean agus na mnathan-coimhideachd mu ’n cuairt orm a chum nach fhaiceadh duine sinn, agus thog mi am brat bhar m’ aghaidh; ach an aite pog a thoirt do m’ leithcheann, is ann a thug am marsanta lan ’fhiaclan as.
Thug an cradh, agus an clisgeadh a ghabh mi orm tuiteam ann an neul; agus bha mi cho fad’ ann ’s gu ’n d’ fhuair am marsanta uine gus a’ bhuth a dhunadh agus e fhein a thoirt as. An uair a thainig mi as an neul, bha mo leithcheann lan fala. Chomhdaich an t-seana bhean mo cheann is m’ aghaidh a chum nach fhaiceadh na daoine a bha falbh, na sraide mar a bha mi. Bha i fo dhragh inntinn gle mhor air son mar a thachair dhomh, agus dh’ fheuch i cho math ’s a b’ urrainn di ri misneach a thoirt dhomh. “Mo bhanamhaighistir ghaolach,” ars’ ise, “tha mi ’g iarraidh mathanais ort, oir is mise bu choireach gu ’n d’ thainig am mi-fhortan so na do rathad an uair a thug mi thu far an robh am marsanta so, a chionn gu ’n robh e ’na fhear duthchadh dhomh. Ach cha do smaoinich mi riamh gu ’n deanadh e gniomh cho eucorach ri sid. Na bi fo bhron. Greasamaid dhachaidh; agus bheir mise dhut cungaidh a leighiseas thu ann an tri latha, agus cha bhi athailte ri fhaicinn ort.”
Bha mi cho lag ’s gur gann a choisichinn. Mu dheireadh fhuair mi dhachaidh, agus chaidh mi anns an dara neul an uair a bha mi ’dol do’n t-seomar. Ach thug an t-seana-bhean dhomh cungaidh a dhuisg mi as an neul ann an uine ghoirid, agus chaidh mi do ’n leabaidh.
Thainig fear an taighe dhachaidh ’s an oidhche, agus an uair a chunnaic e mo cheann air a cheangal suas, dh’ fheoraich e ciod a bh’ orm. Thuirt mi ris gu ’n robh mi ’n dochas nach cuireadh e an corr cheisdean orm. Ach rug e air coinnil agus sheall e air mo cheann, agus chunnaic e gu ’n robh mo leithcheann air a ghearradh.
“Cia mar a thachair so dhut?” ars’ esan. Ged nach robh mi gle chiontach, cha robh de mhisnich agam na dh’innseadh an fhirinn dha. A bharrachd air sin, bha mi ’smaoin-
[Vol . 6. No. 23. p. 3]
tean nach robh e iomchuidh dhomh aideachadh dha mar a thachair a’ chuis. Air an aobhar sin thuirt mi, “An uair a bha mi ’dol a cheannach an t-sioda, thachair portair rium air an robh eallach fiodha, agus anns an dol seachad orm ’s mi ’coiseachd roimh shraid chaoil, bhuail fear dhe na maidean orm anns an leithcheann; ach cha do ghortaicheadh mor mi idir.
An uair a chuala e so bha e ann am feirg anabarraich, agus bhoidich e gu ’n deanadh e dioghaltas air a h-uile portair a bh’ anns a’ bhaile. “Bheir mi ordugh am maireach do fhreiceadain a’ bhaile a h-uile fear dhe na beistean a ghlacadh agus an crochadh.”
O ’n a bha eagal orm gu ’n rachadh moran de dhaoine neo-chiontach a chur gu bas air mo shaillibh, thuirt mi ris, “A thighearna, bhithinn gle dhuilich eucoir cho mor a dheanamh air daoine neo-chiontach. Tha mi ’guidhe ort nach dean thu mar a tha thu thu ’g radh. Cha tugainn mathanas dhomh fein gu brath nam bithinn ’nam mhathair-aobhair air a leithid a dheanamh.”
“Innis an fhirinn dhomh,” ars’ esan, cia mar a lotadh thu.”
Thuirt mi ris, gu’n do lotadh mi le coire fir a bha reic sguaban air an t-sraid.
“Ma tha sin mar sin,” ars’ esan, “bheir mise ordugh gu math moch am maireach do ’n ard-chomhairleach a h-uile fear a tha reic sguaban a ghrad chur gu bas.”
“An ainm Dhe, tha mi ’guidhe ort,” arsa mise, “gu ’n toir thu mathanas dhaibh, oir tha iad neo-chiontach.”
“Cia mar sin” ars’ esan, “ciod a tha mi gus a chreidsinn! Innis dhomh mar a thachair, oir tha mi lan shuidhichte gu ’m faigh mi mach an fhirinn o do bheul fhein.”
“Thainig tuaineal ’nam cheann, agus thuit mi; sin mar a thachair,” arsa mise.
An uair a chual’ e so, chaill e ’fhoighidin gu buileach glan. Thuirt e, “Bha mi tuilleadh is fada ’g eisdeachd ri do chuid bhreug.” Bhuail e a dha bhois ri ’cheile, agus ann an tiotadh thainig triuir sheirbheiseach a steach do ’n t-seomar, “Spionaibh am mach as an leabaidh i, agus cuiribh air meadhon an urlair i,” ars’ esan.
Rinn iad mar a dh’ iarradh orra; rug fear dhiubh air mo cheann, agus am fear eile air mo chosan, agus chuir iad air an urlar mi. Dh’ iarr e air an treas fear claidheamh a thoirt g’ a ionnsuidh. An uair a thug e steach an claidheamh thuirt e ris, “Dean da leth oirre, agus tilg do ’n amhuinn i. Is e so am peanas a ni mi air a’ mhuinntir do ’n robh tlachd agam, agus nach cum ri ’n gealladh.”
An uair a chunnaic e nach robh an seirbhiseach toileach umhlachd a thoirt dha thuirt e, “C’ar son nach eil thu ’g a bualadh? Co a tha ’g ad chumail air ais? Co ris a tha thu ’feitheamh?”
(Ri leantuinn.)
Am MAC-TALLA gu deireadh na bliadhna 1898 air son dolair. Cuir dolair ’ga iarraidh gun dàil.
Innsean na h-Airde ’n Ear.
Shoirbhich le cuideachd nam marsantan Breatunnach ann an doigh agus ann an tomhas iongantach ann anIndia. Faodaidh sinn a bhi cinnteach nach robh dochas no iarrtus aig a chuideachd ud, an uair a thoisich iad air a malairt a dheanamh ann an aite no dha ann anIndia, gu faigheadh iad ughdarras anabarrach anns an dùthaich, agus gu bitheadh iad ’n an righrean morail, murnach aig àm air bith anns an tir theith so. Feumaidh sinn an diugh aideachadh nach robh na h-Innseanaich ann anIndiaa mhain breugach, an-iochdmhor, seolta ’s cuilbheartach. Cha ’n eil eachdraidh na cuideachd ud saor bho eucoir, ’us sannt, ’us gniomharan carach, cruaidh-fuileachdach. Ged a bha ’chuideachd laidir, bheartach so ’leantuinn an comhairle ’s a’ deanamh sith ’us cogaidh a reir an toil mhaith fein, ged a bha iad a’ roghnachadh nan daoine bho àm gu àm a’ riaghladh na dùthcha air an d’ fhuair iad cumhachd ’us coir, bha comas aca daonnan air ceanna [ ? ] ’us saighdearan dearga fhaotainn [ ? ] Bhreatunn airson cogadh dian a dheanamh an aghaidh Raiah no rioghachd air bi[ ? ] anIndia. Gheibh iadsan aig am bheil [ ? ] do ghniomharan gaisgeil, cruad [ ? ] , euchdach, iomadh dearbhadh air gaisge nan Gaidheal anns gach cogadh a thachair ann anIndia, o’n fhuair cuideachd nam marsantan inbhe ’s cumhachd innte. Anns gach blar ’us cogadh a bha ann an [ ? ] bho cheann ceud bliadhna, nochd na Gaidheil tapadh, ’us eolas, ’us gaisge iongantach. Feumar aideachadh gu soilleir gu buin do na ceannardan ’us do na saighdearan Gaidhealach, cliu ’us moladh mor airson gach treubhantas a rinn na Breatunnaich riamh ann anIndia ’s airson gach inbhe urramach, ’us gach morachd statail, a bhuineas do Bhreatunn ann anIndia. An uair a fhuair na h-Innseanaich buaidh air an fheachd Bhreatunnach a bha air fhagail mar fhreacadan ann an Seringapatam, chaidh na ceannardan a chur ann am priosan duaichni lathaich, far nach d’ fhuair iad biadh no deoch air bith agus far an robh iad am feadh a bha ocras eagalach orra, rinn iad oidheirp air greim a dheanamh air gach creutair diblidh, snaigeach airson lon muladach fhaotainn doibh fein. Fhuair na Breatunnaich a rithist lamh an uachdair ann an Seringapatam, agus chaidh ceannard caoimhneil, mearganta le deifir mhor a dh’ iarraidh a bhràthair a bha ’na choirneal anns an arm, agus a bha ann an toll salach, dorcha anns a’ bhaile mhor ud. An uair a rainig e an toll uamhasach, ghlaodh e ’mach, “Am bheil thu beo, bhràthair!” “Tha beo beag orm,” ars ’n coirneal reachdmhor. Bha aig a’ choirneal so oighreachd bhoidheach anns an sgireachd anns an d’ rugadh mise. Cha b’ urrainn da riamh dol seachad air biadh air bith gun a thogail suas ’na charbaid. B’ abhaist da bhi ’g radh r’a thuathanaich: “ ’Nam fulaingeadh sibh uiread ocras ’s a dh’ fhuiling mise, bhitheadh barrachd meas agaibh air gach buntata, ’s arbhar, ’s biadh a bhuineas duibh.” Is e duine maith, faoilidh, carthannach a bha anns a’ Choirneal Mac Alasdair. Is e Gaidheal foghainteach, ard-inntinneach, gasda a bha ann am ministeir na sgireachd. Cha robh e fein agus an coirneal a cordadh gu ro mhaith, aig an àm, mu chuisean na sgireachd. “Mur bitheadh an cota ’tha air do dhruim, bheirinn-sa ort,” ars an coirneal. “Cuiridh mise dhiom an cota,” arsa ’m ministeir uaibhreach, urramach, neo-sgathach ris a’ choirneal. Gu latha ’bhais, bha meas mor aig a choirneal air a’ mhinisteir, agus cha tug e riamh tuilleadh oilbheum dha le cainnt nach robh aon chuid uasal no laghach. Gun teagamh bha aobhar cruaidh aig na righrean Innseanach spairn dhalma ’dheanamh agus cogadh durachdach, eagalach, goirt a chur airson an dùthcha, an daoine, an saorsa ’s an luchairtean fein. Is dàn an coileach air a dhunan fein. Tha ’n gnath-fhocail so fior, anabarrach fior, agus air an aobhar so, cha ’n eil ioghnadh air bith gu do ghleachd tighearnanIndia, leis gach innleachd, ’us cruadal, ’us cuilbheart air an robh comas no eolas aca, airson buaidh a chosnadh air feachd ’us cuideachd nam Breatunnach. Thainig atharrachadh mor air beachdan ’us eolas nan Innseanaich ud mu dheibhinn onoir, ’us caoimhneis, ’us cairdeis, ’us cuideachaidh foghluimte, feumail agus neo-fheineil nam Breatunnach. Anns an onoir ghloirmhoir, dhileas, ghasda, ionmholta ’chuir iomadh mile ceannard, ’us saighdear, ’us uachdaran, ’us iochdaran air Ban-righ bheusach, mhaith, ’us iomraiteach Bhreatuinn ann an ceud mhios an t-samhraidh a chaidh seachad, cha robh gradh a bu bhlaithe, cha robh meas a bu mhodha, cha robh carthannachd a b’ airde, cha robh taingealachd a b’ fhirinniche, ’s cha robh urram a bu luachmhoire, ’s a bu chliuitiche, ’s a bu shnasmhoire, na dhearbh ’us a nochd Raiahs, no righreanIndia, leis gach òr ’us airgiod, leis gach neamhnuid ’us clach luachmhor a bhuineas doibh. Is maith a tha fios aig righrean beartachIndia, aig am bheil eachdraidh uasal air sinnsirean a bha ’n an laoch laidir, fearail, dealasach air machair ’us faiche ’n air, gu bheil aca ’nis fo riaghladh Bhreatunn, sith, seasmhachd, ceartas agus comas meamnach, diongmhalta, air an abhaistean fein a’ leantuinn, air gach sonas ’us soirbheachadh a’ mhealtuinn ’n an rioghachdan ’s nan criochan fein, agus air gach sgath ’us eagal a chur fada, fada uatha, gu tig an latha anns am feum iad an claidheamh a thoirt as a thruaill. Ni mi iomradh anns an ath litir air an aramach bhrùideil cheannairceadh a bhrist a mach ann anIndia ’nuair a thainig crioch air cogadh amaideach, fhuileachdach, chaillteach a’ Chrimea.
CONA.
Cia meud ’sa phaigheas am MAC-TALLA, eadar so us Bliadhn’ Ur? Am bi thusa aon dhiubh?
[Vol . 6. No. 23. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, . . . $1 .00
Sia miosan, . . . .50
Tri miosan, . . . .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher ‘Mac-Talla,’
Sydney, Cape Breton
SIDNI. 3 DESEMBER, 1897.
Litir o’n Chuairtear.
Bha lan dhuil again cùnntas a thoirt dhuit air mo chuid siubhail roimhe so, ach bha mi air mo chumail cho trang ’s nach b’ urrainn domh mionaid de ’n ùine ainmeachadh orm fhein no air MAC-TALLA. ’S iad na h-àiteachan troimh ’n deachaidh mi o’n sgriobh mi ugad roimhe, Margaree, Loch Ainslie, Amhuinn Dhennis, an Amhuinn Mheadhonach, an t Eilean Mor, Amhuinn Sheòrais, Leitche’s Creek agus St. Ann’s. Cha ’n eil teagamh nach eil thu dhe ’n bharail gu ’n deachaidh mi troimh àiteachan gu leòr, agus tha mi gle chinnteach gu bheil an t-each ruadh dhe ’n bharail sin; le innse na firinn ’se sin mo bharail fhein cuideachd. Na ’n rachainn a thoirt iomraidh dhuit air an darna leth dhe na chunnaic, ’s na chuala, ’s na dh’ fhairich mi re na h-ùine sin, dhuineadh tu do chluasan mu ’m bithinn leitheach ’s theireadh tu, “Ma ’s a ceòl feadaireachd, fòghnaidh leinne beagan dheth.” Faodaidh mi innse dhuit mu gach àite ’n robh mi gu bheil aca saibhlean agus seilearan làna. Tha gu leòr aca ri ithe ’s ri òl, agus ’si mo bharail nach eil sinn a leth cho taingeil ’s bu chòir dhuinn air son gu bheil ar còmhnuidh ann an tir a tha cho fallain agus cho torach. Chuala mi an t-Urr. Mr. Friseal, ministear a Chladaich a Tuath, anns an eaglais a labhairt as leth muinntir Windsor, agus bheireadh e taiseachadh air a chridhe bu chruaidhe éisdeachd ris ag innse mar a bha an sluagh bochd sin a’ cheud Sàbaid an deigh an teine, nach b’ urrainn daibh amharc air a chéile gun na deòir a bhi sruthadh o an sùilean. Tha fhios gu ’n dean na h-eaglaisean, anns gach àite, na ’s urrainn daibh de chuideachadh a dheanamh le muinntir Windsor. Ach cha ’n eil sinne idir a’ cur an luach bu chòir dhuinn air an dùthaich thiorail, agus na dachaidhean seasgair anns am bheil sinn. Ged nach eil againn uiread dhe ’n òr ’sa th’ aca anns a Chlondaic, no de na fasanan na th’ aca ’m Boston, tha beòlaind mhath againn agus side fhallain. Bidh na h-igheanan gu tric ’gar fàgail ’s an gruaidhean mar na ròsan, agus a’ tilleadh ugainn gu neulach, glas, le ’m brògan biorach ’s le ’n srònan biorach, agus iad a labhairt brochan cainnte nach eil ri cluinntinn thall no bhos ach aca fhéin—cànain a rinn iad fhéin air bòsd us cion an tùir.
Bha mi ’n dùil barrachd mor a sgriobhadh ugad, ach tha nigheanan Bhoston an deigh mo chur air aimhreit, agus fàgaidh mi an còrr gu àm eile. Is mi do charaid,
AN CUAIRTEAR.
Litir aNew Zealand.
(Air a leantuinn.)
Tha cuid de dhaoine a’ togail fearainn aig nach eil eòlas sam bith air tuathanachas, agus cha ’n eil a dol leotha sin mar a’s trice ach gu h-olc. Bha aon fhear an so a’ cur buntata, agus ’sann a sgap e na sgealban air feadh an raoir [ ? ] a bhithear a deanamh air corca no air [ ? ]hneachd . Thuirt fear a bha comhla [ ? ] ach b’ e sin an doigh cheart, ach b’ [ ? ] freagairt a fhuair e nach leigeadh e leas a [ ? ] a dh’ innse dhàsan, gu robh fhios aige gle mhath gu ’m b’e sid an dòigh cheart. Innsidh sin dhuibh an seorsa sluaigh a chithear air uaireannan an so a’ saoithreachadh na talmhainn. Tha mi ’n dùil gu bheil fear[ ? ] anns an earainn so de ’n dùthaich air nach faodar tàire dheanamh, agus tha ’n aimsir buileach àlluinn. Faodar fheòrach ciamar a roghnaich an sluagh an t-àite so. Tha a’ cheist sin furasda freagairt. Ann an Astralia bha ’n t-Urr. Tormaid Mac Leòid agus a luchd-leanmhuinn air son suidheachadh air fearann, ach bha e cho daor ’s nach b’ urrainn slaibh a cheannach. Bha cuid de na Ceap Breatunnaich a leantuinn na mara, ’nam measg an Caiptean Murcha MacCoinnich. Thainig esan tarsuinn an so agus bha e ’feòrach mu fhearann. Bha an Ridire Deòrsa Grey ’na Riaghladair air an dùthaich so aig an àm, agus thàinig so g’a chluais. Gun dàil sam bith thairg e dhaibh sgire Waipu gun chumha sam bith ach iad a shuidheachadh air, ni a rinn iad gu toileach. An uair sin bha am fearann aig na Maoirich, agus cha robh iad a’ creic ach a chuid bu mhiosa dheth, agus sin fhéin a reir mar a bhiodh airgiod a dhith orra. Mar sin fhuair an fheadhainn a thainig mu dheireadh am fearann a b’ fhearr. Bha ainm mor de na Ceap Breatunnaich mar chosnaichean, agus fhuair cuid de na soithichean a thainig an so cuireadh fialuidh gu dhol na b’ fhaide deas gu suidheachadh air fearann, ach, mar a bha gle nàdurra dhaibh, roghnaich iad fuireach comhla ri ’n càirdeàn agus ri ’n luchd-eòlais.
IAIN ROTHACH.
Rudha Mharsden, N. Z.
So am fios a fhuair an Comunn Caledonianach o Ghaidheil Hamilton oidhche Di-màirt:—
Gu Comunn Naomh Andrais, Sidni, C. B.
Tha mi ’n so a cur leis an teachdaire chlis
Beannachd gu Clann Andrais le meas,
An dòchas gu’n cum sibh an oidhche le gean
Mar b’ àbhaist do na daoine còire bh’ ann o shean.
DUGHAL CAIMBEUL,
Air son Alasdair Mhic-a- Phiocair, Priomh-uachdaran Comunn Naoimh Andrais, baile-morHamilton , Ontario.
Chuir Gàidheil Lunnainn seachad oidhche chridheil, shubhach, o chionn ghoirid. Cha robh òran Gallda air a sheinn no facal Beurla air a labhairt fhad ’sa bha iad cruinn; bha gach seinn us leughadh us labhairt a bh’ aca ann an seana chainnt uasal nam beann, a Ghàilig.
MacCoinnich & Co.
Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh
ANN AN LOUISBURG,
agus tha sinn aig an àm cheudna a’ cumail air adhart air an t-seann laraich,
ANN AN SIDNI.
Aodaichean Matha dhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.
Theid sinn an urras air an obair.
Mac Coinnich & Co.
H. D. Mac Ille-Mhaoil,
Stewartdale , C. B.
Cloth,Drogaid, agus Plaideachan “Eureka.”
Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic.
Cloimh air a gabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige neo sgriobh uige.
C . H. HARRINGTON & CO.
Flur, Min, Ti agus Siucar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr.
Soithichean Glaine agus Creadha, math agus saor.
Brogan, Botainnean, Rubbersagus Caiseart de gach seorsa.
’GAN CREIC SAOR.
[Vol . 6. No. 23. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Chaidh duin òg a mhuinntir ceann beighe Hogamah a thoirt gu cùirt o chionn ghoirid air son goid chaorach, agus fhuair e da bhliadhna dhe’n tigh-obrach.
Tha deigh air amhuinnSt . Johnann anNew Brunswick,ged nach do chuir sinne an so eòlas air deigh am bliadhna fhathast. Ged nach eil an t-side air an eilean so idir cho math ’sa dh’ iarradh daoine, tha i air toiseach air an t-side thatar a’ mealtuinn ann an àiteachan eile.
Tha dithis dhaoine Fletcher agus Mac-an-t- Saoir ri bhi air am feuchainn an ùine ghoirid air son teine chur ri baile Windsor. Cha ’n eil teagamh sam bith nach eil iad le cheile ciontach. Tha a’ chùirt ri bhi ann anKentville; tha eagal air na breitheamhan nach gabhadhjuryfhaotainn ann an Windsor a bheireadh ceartas dhaibh.
Thainig meall mor truisg faisg air cladachNew Jerseytoiseach na seachdain s’a chaidh, agus ghlac na h-iasgairean na miltean dhiubh. Cha robh cairt, carbad, no inneal cuidhleach eile anns an àite nach robh gu trang a’ giulan an éisg air falbh gu margadh fad dha no tri ’lathaichean. Cha robh an t-iasg cho pailt ’s an stàit ud o chionn dheich bliadhna fichead.
Tha boirionnach d’ an ainm Mrs. Edward Taylor a fuireach ann an Afton, an siorrachd Antigonish, a bha ceud bliadhna dh’aois air a cheathramh latha deug de Nobhember. Rugadh i ann an siorrachd Ghuysboro; tha a fradharc ’s a cuimhne gu math, agus tha i slàn, fallain. Chaidh mu leth-cheud de ’sliochd, clann, oghaichean us iar-oghaichean, ’ga coimhead an latha chuir i crioch air na ceud bliadhna.
Bha Mr. Iain H. Wylie, á Toronto, anns a’ bhaile air an t-seachdain romh ’n t-seachdain s’a chaidh, os leth a’ Chanadian Magazine. Is Gall Albannachd Mr. Wylie a thaobh ’athar, ach bu bhana-Ghàidheal a mhàthair, agus dh’ ionnsaich i a’ Ghàilig do gach aon de ’cloinn, agus an diugh, ged a tha iad a’ giùlan ainm Gallda, is Gàidheil g’ an cùl iad. Chithear le sealltuinn air ainmean na feadhnach a phàigh gu bheil Mr. Wylie a’ gabhail MHIC-TALLA.
Bhatar a taghadh fir-pàrlamaid ann an Toronto, Di-màirt s’a chaidh. Bha dithis a ruith, G . H. Bertram, Liberal,agusO . H. Howland, Conservative.B’ àbhaist an lamh an uachdar a bhi aig naConservativesanns a bhaile sin, ach aig taghadh Iun, 1896, fhuairLiberala stigh. Thachair an ni ceudna air an turus so; bha Bertram air a thaghadh le 252 bhòt a bharrachd air an fheur eile. Tha e coltach gu bheil latha nanLiberalsair tighinn; tha iad a faotainn buaidh anns gach àite.
Bha oidhche Di-màirt s’a chaidh air a cumail mar oidhche Fheill Andrais air feadh gach cearna de ’n t-saoghal anns am bheil Albannaich, Gaidheil ’us Goill, a’ còmhnuidh, anns a bhaile so cho math ris gach àit eile. Bha dinnear aig buill a’ Chomunn Chaledòineach ann an Tigh-òsda Shidni; shuidh eadar deich ar fhichead us da fhichead aig bòrd, agus chuireadh an oidhche seachad gu cridheil, sunndach. Fhuaireadh àireamh fhiosan o chomunnan eile a bha ’cumail na féille air an dòigh cheudna; am measg chàch bha fios ann an Gàilig bho Chomunn Fhéill Andrais am baile-mor Hamilton, an Ontario. Bha na deochan slàinte àbhaisteach air an òl, agus òraidean air an liubhairt ’s òrain Bheurla ’s Ghàilig air an seinn,a chuir an ùine seachad gu luath, ’sa chuir aoidh is fonn air gach neach a bha làthair. Tha sinn duilich nach eil an Comunn Caledòineach na ’s beòthaile na tha e, ach ’s math leinn e bhi cho beò ’s gu bheil e gu riaghailteach a’ cumail latha Naoimh Andrais.
Tha da cheud us coig air fhichead anns an tigh-obrach an Dorchester aig an àm so, an àireamh a’s motha bh’ ann aig an aon àm riamh. Is firionnaich iad uile ach seachdnar.
Tha a’ ghriùthrach gle dhona timchioll air na Narrows Mhora. Ann an astar seachd mile cha ’n eil aon tigh gun duine na laidhe tinn, agus tha na sgoilean uile air an dùnadh. Chaochail aon neach, Iseabail Chaimbeul, nighean Dhomhnuill Chaimbeul, bliadhn’ air fhichead a dh’ aois.
Tha duine ann am Boston, Caiptean Uilleam Anderson, a’ cur roimhe a dhol tarsuinn air a chuan Atlantach ann am bàta beag ceithir troighean deug gu leth a dh’ fhad. Tha e ’dol a dh’ fhalbh air a’ cheathramh latha de dh’ Iulaidh s’a tighinn. Chaidh e null ’sa nall ann am bàta beag uair us uair roimhe so, ach faodaidh gu ’m feuch e ris tuilleadh us tric.
Chaidh triùir dhaoine a mharbhadh ann am mèinn òir mu dha fhichead mile mach a Halifacs Di-haoine s’a chaidh, Donnachadh Mac Phail, Hennesey agus Mac Isaic. ’Se dh’ aobharaich am bàs goileadair a spraidh orra. Bhuineadh Hennesey agus Mac Isaic do Thruro. Bha Mac Phàil a mhuinntir Orangedale, air an eilean so. Bha e ri mèinneadaireachd o chionn àireamh mhor bhliadhnaichean.
Chaidh mort gràineil [ ? ] a dheanamh ann an Cuibeic, ann an àite [ ? ]n canarSt . Canute.Chaidh duine measail [ ? ] b’ ainm Poirier a chur a dhith le a mhnaoi [ ? ] agus duine eile bha deanamh suas rithe. [ ? ]r iad sgòrnan an duine bhochd le ràsar. An deigh an cur an greim dh’ aidich iad an cionta. Rinneadh an gniomh oillteil so air oidhche Di-satharna no maduinn na Sàbaid, air an t-seachdain s’ a chaidh.
Chuala sinn uile mu André, a dh’ fhalbh ann ambaloongus a dhol gu ruige ceann a tuath an t-saoghail. Mar a bha gach duine ach e-fhéin a’ cur air mhanadh dha, cha ’n fhacas “a dhubh no a dhath” riamh o’n dh’ fhalbh e, agus thatar a nise smaoineachadh gu ’m bu choir a dhol ga shireadh. Tha luchd-riaghlaidhNorwayagus na Suainne ag ullachadh air son daoine chur a mach d’ an àirde tuath feuch am faigh iad forthais air. Ach tha sinn an dòchas nach ann amballoona dh’ fhalbhas iad.
Iadsan a Phaigh.
Iain Mac ’Ille-mhaoil, meinn a Tuath.
Micheil Mac Neill, cùl a Phòin Mhoir.
Iain Mac Ille-mhaoil, an Acarsaid Mhor.
Domhnull D. Mac Leoid, Framboise . $2 .00
Domhnull Mac Gilleain mèinn Chaledonia. $2 .00
Murchadh Mac-a- Ghobha, Sidni.
H. C. Mac Aoidh, Malagawatch .
T. C. Mac-an-Tòisich, Malagawatch .
Iain Mac-a- Bhiocair, Catalone .
Coinneach Mac-an-Tòisich, am Beighe ’n Iar.
Seonaid Ros, cùl Beighe Bhaddeck.
Ailein Mac-a- Bhiocair, Port Morien.
A. I. Mac Gill-fhaollain, B . C. Chapel.
Niall A. Mac Gill-fhaollain, B . C. Chapel. $2 .00
D. I. Domhnullach, Bridgeport .2.25
N. D. Mac-a- Phi, MabouBheag. 50c
Aonghas Mac Aonghais, Lewis Bay.25c
Calum Mac Aoidh, Sidni. 25c
Màiri Nic-an-t- Saoir, Shenacadie .25c
Iain H. Wylie , Toronto, Ont.
Gilleasbuig Camaran, Victoria , B. C.
Domhnull Mac Coinnich, Orwell Cove,E. P. I.
Alasdair Mac Mhuirich, Arrochar, N. W. T. $4 .00
Fionnladh Mac-an-Tòisich, Arrochar, N. W. T.
Aonghas Mac Fhearghais, Newark , N. J. $3 .00
Caiptean Eben Mac Amhlaidh, Gloucester , Mass.
Seumas Mac Neill, Buala-nam-bodach, Barraidh.
Domhnull Rothach, Reynoldstown , New Zealand.
Niall Buchanan, Reynoldstown New Zealand.
Iain Mac Gilleain, Auckland , New Zealand.
Alasdair Mac Rath, Reefton , New Zealand.
BATHAR UR.
Moran de Churaicean Geamhraidh, eadar 10c. us $5 .00.
Brogan matha saor.
Ti mhath mar a b’ abhaist.
Beagan de Cheannachd Thioram.
Olla 25c. an galan; 5 galain air $1 .00.
NIALL DOMHNULLACH,
BADDECK , - - C. B.
J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsa ’s fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B.
BADDECK , - - C. B.
Airson a stor a dheanamh na ’s deiseile ’s na ’s feumaile dhaibhsan a tha ’deanamh gnothuch ris, tha
Albert I. Hart
a’ nise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha a’ chuid sin de ’n ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am Boston ’sanNew York.
Gheibh iadsan a thig g’a h-ionnsuidh an
DEAGH RIARACHADH.
BADDECK , - - C. B.
LEABHRAICHEAN GAILIG.
Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
’Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim, .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10
Gaelic Class Book .35
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte.
Sgriobh gu
J . G. MACKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney , C. B.
[Vol . 6. No. 23. p. 6]
Seana Chleachdaidhean Gaidhealach.
LE IAIN MAC ’ILLEATHAIN.
(Air a leantuinn.)
Dh’ iarr fear-an-taighe air Peigi Dhonnachaidh òran a sheinn dhaibh, agus gun pliodaireachd sam bith, le guth binn sheinn i, “Muile nam Mòr-bheann.” An deigh do Pheigi bhi réidh, thionndaidh fear-an-taighe ri gill’ òg a bha ’na shuidhe faisg air, “Cha chuala mi diog as do cheann an nochd, a Chaluim, an urrainn duit innseadh dhomh gu de tha ‘cruinn, craicionnach, cruaidh, ’s is cruaidh craicionn a làmh, dh’ fhòil am meadhon a chléibh, ’s a shuil am meadhon a chnàmh? ’” Thachais Calum a cheann, “A dh’ innseadh na firinn ’s e sin a’ cheisd a ’s cruaidhe a chaidh orm o chionn miosa.” “Shaoilinn gu ’m bitheadh iasgair gle eòlach air, co-dhiu.” “Cha ’n aithne dhomhsa rud eile a tha ’cruinn craicionnach cruaidh,’ ach partan.” “ ’S e sin e Chaluim!” Chaidh an oidhche seachad mar sin, gu cridheil, sunndach, le bhi ’g innseadh sheanachasan spòrsail, ’us òrain math Gàilig, aig fear mu seach, gus an robh an t-suipeir gu bhi deas, agus ’n uair a bha bean an taighe a toirt na poite bhar an teine dh’ eirich da ghille òg agus theann iad ri falbh. “Tha cabhag oirbh ’illean!” thuirt fear-an-taighe, “o ’n a dh’ fhan sibh cho fada, faodaidh sibh fuireach gus am faigh sibh ’ur suipeir?” “Tha sinn ’nar comain, ach feumaidh sinn a bhi ’tarruing, tha againn ri eiridh trath;” fhreagair an gille dubh. “Na bithibh g’ an cumail, Iain!” chuir a stigh Calum Ruadh, “bithidh na h-ighinnean ag gabhail fadail.” Cha d’ fhan na gillean ris a’ chòrr, le aon leum bha iad a mach air an dorus, ’us rinn na bha anns an tigh sràcan mòr gàire. “Is ann orra bha ’chabhag, gu dearbh,” thuirt fear-an-taighe, “c’ait a’ bheil na seoid a dol?” “Tha iad a dol a shuiridh air nighinnean Eachainn Duibh,” fhreagair Calum Ruadh. “Bha mi ’g eisdeachd ris a’ chonaltradh a bh’ eatorra fad na h-oidhche.” “Ma gheibh Eachann Dubh greim orra, bithidh cuimhne ac’ air an oidhche nochd gu cionn ghreis,” arsa Alasdair Mòr. “An latha roimhe mhaoidh e ’nam lathair-fhein, am fear a gheibheadh esan greim air timchioll an taighe, gu ’n tumadh e ann an lùb ’an dùnain e.” “Cha ’n eagal daibh,” thuirt Iain Dubh; “bithidh Eachann ’n a laidhe fada mu ’n ruig iad, agus ’n uair a chaidleas Eachann cha duisgeadh e ged a bhiodh e a tobhadh an deigh a ‘Chlaymhòr. ’” Dhoirt bean-an-taighe a mach a chabhruich, ’us chuir i air fuarachadh air bòrd aig an dorus i. “Cum do shuil air a chabhruich, a Sheonaid!” thuirt Alasdair, “neo faodaidh gu’n tachair dhuitse mar a thachair do Mhàiri ni’n Néill air an t-seachdain so chaidh.” Thionndaidh bean-an-taighe ri Alasdair, agus a leigeil a taic ris a’ bhord, dh’ fhaighnich i— “Gu de thachair dh’ ise Alasdair, cha chuala mi diog ioma?” “O, thainig na sithichean ’us ghoid iad leotha ’chabhruich do ’n chnoc.” “A nis sguir de d’ spliadhraich, cha do ghoid na sithichean coire a’ chabhruich riamh.” “ ’S e sin na tha agaibh air; eisdibh riumsa agus chi sibh mur do ghoid. Oidhche air an t-seachdain so chaidh, bha mi air cheilidh ann an tigh a’ bhàird; bha Iain Mac Coinnich, an taillear, an sin a deanamh aodaich do Iain ’s do ’athair, ’s bha an tigh làn de mhuinntir a’ bhaile. Bha Iain ’s a ghille ’n an suidhe anns an leaba, trang a fuaghal, cha robh ach aon chrùisgean laiste, agus bha e ’n a chrochadh air sreang eadar na taillearan, agus leis a sin bha ’n cuid eile de ’n tigh gu math dorcha. Chaidh an oidhche seachad gu cridheil, sunndach, direach mar a chuir sinn seachad an nochd i, gus an robh an t-suipeir deas, agus chuir Màiri ni’n Néill cuach mhor lan cabhruich air fuarachadh air bord a bh’ aig an dorus, direach mar a th’ agaibh-fhein an sin. Bha mi fhein ’nam shuidhe le ’m ch[ ? ]haobh ris an dresser, ag eisdeachd ’s a fa[ ? ]n na bha dol air aghaidh. Cha robh [ ? ]abhruich gann mionaid air a’ bhord, ’n [ ? ] a thainig da ghille òg, gun rabhadh sam bith, ’us sheas iad ’s an dorus; sheall iad mu ’n cuairt an taighe fiach an robh duine ’g am feitheamh. Cha do leig mi orm dad, ach gu ’n robh mi ’g eisdeachd gu dluth ris an t-seanachas a bh’ aig an taillear; ach chum mi geura-shuil orra air a shon sin. Chuir am fear bu mhotha dhiubh cagair ann an cluais an fhir eile agus thog iad leotha ’chabhruich. Chlisg mi nis, ach ged bhitheadh mo bheatha ris, cha b’ urrainn dhomh facal a radh. Ann an tiota bheag sheall mi mu ’n cuairt agus sid bha chuach air a’ bhord, falamh, agus bha na seoid a toirt an casan as a mach an doruis. Dh’ aithnich mi nis co bha agam, agus cha d’ thubhairt mi diog. Ann an uine ghoirid thainig Màiri a chur a mach na suipeireach, agus an uair a chunnaic i gu ’n robh a’ chabhruich air falbh thug i an glaodh ud aisde; leum a h-uile duine a bha stigh, dh’ eirich Iain agus thainig e ’nall, ‘Gu de tha cearr ort, a Mhàiri?’ thubhairt e. ‘Tha na sithichean an deigh a chabhruich a ghoid.’ Sheall am bard gu dùr air an t-soitheach fhalamh, ’us a sin thubhairt e, ‘Is e mo mhor bheachd gu bheil so na’s coltaiche ri obair saoghalta na ri rud sam bith eile,’ agus ghabh e mach air an dorus a shealltain airson nam mearlach; an ceann deich mionaidean thainig e a stigh. ‘Cha ’n eil duine ri fhaicinn shuas no shios, agus o ’n a tha ’chabhruich air falbh, is fhearr dhuit a Mhairi, buntàta a chuir air.’ Bha Mairi trang a nigheadh a’ bhuntata, agus chunnaic mi gu ’n robh an nighean choir air a narachadh, an uair a chuala mi puthail ghaireachdaich air mo chulthaobh, sheall mi mu ’n cuairt, agus an sid bha na sithichean (Domhnull Mac ’Illeasbuig, agus Ian Mac Coinnich) an deigh a chabhruich a chur air ais anns an t-soitheach; mu ’m b’ urrainn dhomh gluasad chunnaic Iain iad agus thug e an ràn ud as,— ‘A sheoid ma gheibh mise greim oirbh!’ ’us a mach a ghabh e as an deigh, ach mu ’n d’ fhuair e ’dh’ ionnsuidh an doruis bha na seoid sios a’ mhachaire, agus chuala sinn iad ag gaireachdaich ’s an tigh.” “Cha toir sinne cead do na sithichean a’ chabhruich againne ’ghoid,” arsa Seonaid, “is beag gu leoir dhuinn fhin e; suidhibh a stigh!” Gun tuilleadh cuireidh thòisich an t-suipeir mhath chabhruich. An deigh na suipearach sgaoil a’ chuideachd, a fagail beannachd aig fear-an-paighe, aig bean-an-taighe, agus aig a’ cheile. Thaghal Domhnull ’s an dol seachad air bean Alasdair Mhòir, mar a gheall e, ach cha d’ fhan e fada o’n a bha ’n rathad cho fada a bh’ aige ri dol.
Tha mi ’creidsinn gu ’m bheil a chuid a ’s motha de mhuinntir na céildh so glé eòlach air na sean ràdhan mu ’n aimsir, ach tha mi cinnteach nach misd iad mise a thoirt sgriob tharuis air aon no dha dhiu an nochd. Bha na seana Ghaidheil ag radh, “Is samhradh gach geamhradh gu Nollaig, ach cha ’n Earrach e gu Féill Pàdruig,” agus a rithist— “Is Foghar e gu Nollaig, Geamhradh gu Féill Pàdruig, Earrach gu Féill Peadair, agus samhradh gu Féill-Mhicheil.” Bha iad ag creidsinn gu ’n tigeadh an nathair ás an toll air latha Fhéill-Brighde, ged nach robh troidh de ’n t-senach air a bhlàr, agus tha an rann so againn mar dhearbhadh air sin;—
“Latha Fhéill-Brighde brisgeanach,
Thig an ceann de ’n chaiteanach;
Thig nighean Iomhair ás an toll,
Le fonn feadalaich.”
Cha ’n fhios domhsa cia mar a fhuair an nathair an t-ainm, nighean Iomhair, agus bithidh mi ann an comain duine sam bith a’s urrainn innseadh dhomh cia mar a fhuair i ainm cho iongantach. So agaibh rann eile, mu ’n nathair anns am bheil an t-ainm ciadna a tighinn a stigh:—
“Air lath’ Fhéill-Brighde thig ni’n Iomhair as an toll;
Cha bhi mise ri ni’n Iomhair,
’Us cha bhi ni’n Iomhair rium”—
agus bha iad ’s a bheachd ’n uair a dh’aithriseadh iad an rann sin, air maduinn lath’ Fheill-Brighde gu ’n robh e ’g an dion o lot na nathrach fad na bliadhna tuillidh; cha robh ann an so ach cleachdadh aig na Tirisdeich, oir cha ’n eil nathair ann an Tireadh, na ’s mo na tha i ann an I. Air maduinn lath’ Fhéill-Padhruig, ma ’s fior an sgeul, bha buidseach mhòr, ainmeil, a’ Chailleach Bhearr, mu ’m blaiseadh an t-eun an t-uisge, ag eiridh air an talamh le ’slacan draoigheachd a chumail an fheoir o chinntinn, agus ’nuair a chitheadh i nach rachadh aice air, bha i a tilgeadh air falbh a slacan draoigheachd, agus le sgread oillteil a teicheadh as an t-sealladh. Air maduinn Di-Donaich Càisg bha cloinn bheag an eilean ag éiridh mu’n éireadh a ghrian, agus a direadh gu mullach cnoic àird as am faiceadh iad a chiad sealladh air eirigh na
[Vol . 6. No. 23. p. 7]
greine, chionn bha iad ag creidsinn gu ’n robh a’ ghrian a taisbeanadh a gàirdeachais airson ’s gu ’n d’ eirich Criosd bho na marbhaibh air an latha so, agus gu ’n robh i a leum a mach as na neoil, ’s a toirt spraigheadh aisde mar gu ’m bitheadh urchair á gunna, agus gu ’n robh i a dol mu ’n cuairt mar gu ’m bitheadh i a dannsadh le sòlas, agus rothan de na h-uile seorsa dath mu ’u cuairt oirre.
Latha de na laithean thainig Alasdair Màr a stigh do ’n tigh aige-fhein, agus thubhairt e ri Peigi, a bhean, “Chuala mi ’n diugh, gu ’m bheil Seumas Garbh ri dol air beulthaobh a’ bhàillidh air Dior-daoin so tighinn air son an airgiod a ghoid e bho Chailleach Eachainn Ruaidh.” Is fhada bho ’n bu chòir dhaibh a chuir ’an laimh, tha e ’cur iongantas mor orm cia mar a leig iad leis cho fada,” arsa Peigi. “Tha mi cearta cinnteach gu ’n do ghoid e airgiod na caillich bochd, ’s ioma té eile na ’n robh e air fhaotainn a mach.” “ ’S e sin mo bharail fhein,” fhreagair Alasdair, ’s e ’togail cnap bhuntàta bhar na loiscid, ’s ga phlùchadh ’n a laimh; “cha chuirinn olc sam bith seachad air a’ cheart dhuine. Ma chuireas iad air falbh as an dùthaich e, is e thoileas e.” Mar a thubhairt, b’ fhior, air latha a mhòid, thug an t-seana bhean seachad a fianuis cho soilleir, pongail, ’s a dh’ aindeoin gu de b’ urrainn Seumas Garbh a dheanadh, agus dh’ fheuch e air a h-uile rathad a b’ aithne dha g’a cuir air iomrall, bha an aon sgeul aice air gach àm. Ma dheireadh thionndaidh am bàillidh ris, “So, so, a dhuine aingidh, tha sin gu leoir de d’ bhruidhinn; ’s ann a bu choir dhuit naire a bhi ort. Eisd a nis riumsa, paighidh tu air ais do ’n t-seana bhoirionnach so a h-uile sgillin a bhuineas di, agus air Di-dònaich so tighinn bithidh tu air do chuir anns a’ bhrangais anns an eaglais mar bhail-sampuill do dhaoine agus air dorus na h-eaglais, an tigh-sgoil, a’ mhuilinn, ’s a’ cheardaich, bithidh an eucoir a rinn thu air a’ bhoirionnach bhochd so air a chur a mach; agus a thuilleadh air sin bithidh tu air do chur as a’ chroit agus faodaidh tu falbh taobh sam bith a thogras tu.” Air an ath Dhi-dònaich bha ’bhinn a thug am bàillidh air a coimhlionadh; chuireadh Seumas Garbh ’na sheasamh anns a’ bhallan air taobh a stigh doruis na h-eaglais; a dha laimh ceangailte air a’ chulthaobh, agus am brangas air a cheangal mu amhaich. Fad na searmoin bha e air a chumail na sheasamh a sin, ann an làthair a’ choimhthionail. An deigh an latha sin, dh’ atharraich e a chleachduinnean, phàigh e do ’n chaillich an t-airgiod a chum e bh’ uaipe; agus chaochail e le meas aig gach aon air.
(Ri leantuinn.)
Ma chluinneas tu neach nach eil a gabhail MHIC-TALLA ag radh gu bheil e anabarrach càirdeil do ’n Ghàilig na creid e idir. ’Nam biodh deagh dhùrachd aige do ’n Ghàilig, bhiodh e ’gabhail MHIC-TALLA.
Litir a Allt’ nam Breac
FHIR DEASACHAIDH IONMHUINN: —Chunnaic mi o chionn fhada, fhada gu’n robh thu a toirt cuireadh do chairdean na Gailig fios a chur ugad an drasda ’sa rithist, agus ’s ann a smaoinich mi, ged nach eil barail mhor agam orm fhein no air mo chomas sgriobhaidh, gu ’n cuirinn deuchainn ort le litir o m’ phean fhein, ged nach sgriobh mi a’ Ghailig cho math ’s bu mhath leam. Cha ’n eil fhios agam co-dhiu a chordas m’ oidhirp riut fhein no ri do leughadairean, ach mur cord e riut fhein, cuir fios ugam, agus ma mhi-chordas e riuthasan deanadh iad an ni ceudna, agus mo lamh-sa dhut nach cluinnear an corr uam. Mar a thuirt am fear roimhe, “bidh glas guib orm am feasda tuilleadh.”
Gabhaidh sibh mo lethsgeul air an àm so ma bhitheas mo litir car mi ordail, oir tha mi fuathasach dona leis an deideadh. Is e an anshocair a dh’ fhagas duine anabarrach crosta. Thuirt duin [ ? ]m , “ ’S fada do thinneas bho d’ chridh[ ? ] ach ’s e bha ’m mearachd. Cha d’ th[ ? ] RaibertBurnsdroch ainm air idir ’nuair a thuirt e gu’m b’ e “donnas gach tinneis.”
Cha ’n eil facal de ’n MHAC-TALLA a’s cùramaiche a tha mi leughadh na ainmean na muinntir a phaigh. Ged nach eil aireamh na muinntir a tha gabhail a MHIC-TALLA cho mor ’s bu chòir dhi bhith, tha cuid ’ga ghabhail as gach cearn de ’n t-saoghal.
Bha a bhliadhna so ro thorach ’nar measg. Tha biadh duine agus ainmhidh ann am pailteas aig gach tuathanach. Tha buntata ann am pailteas aig roinn mhor; fhuair sinn iomradh o chionn beagan sheachduinnean air duine a thog tri fichead buiseal dhe’n da bhuiseal a chuir e. Tha sùrd air gach tuathanach a nise a deanamh treabhadh na samhna.
Am faca sibh idir, no ’h cuala sibh gu de a thachair do “Bhodachan-a’ -Ghàraidh;” cha chuala sinn uaithe o chionn ùine mhor. Bu mhath leam fhaighinn a mach am bheil e “cho frogadach ’s a bha e riamh.” Am bheil forthais agad fhein air, fhir mo chridhe? Ma tha cuir fios ’am ionnsuidh anns a MHAC-TALLA.
Slan leat, ’s le gach uile neach de luchd-leughaidh a MHIC-TALLA. Is mi do charaid an latha ’chi ’s nach fhaic.
DOMHNULL DUBH.
18, 11, ’97
Tha Aonghas Mac Fhearghais a’ sgriobhadh áNewark , New Jersey,mar a leanas: “Tha leòm mhor orm a chionn gur h-ann ’nam dhùthaich fhéin, Ceap Breatunn, a tha ’nam phaipear Gàilig a th’ air an t-saoghal air a chlo-bhualadh; agus tha mi ’n dochas gu ’n cum e a cheann an àirde re iomadh bliadhna ’s linn.”
Tha àireamh mhath a’ cur a dh’ iarraidh MHIC-TALLA as ùr aig an àm so, agus bu mhath leinn gu ’n leanadh iad mar sin. Bu chòir do gach Gàidheal aig am bheil gnè sam bith de bhàigh ri chainnt fhein a bhi ’gabhail a’ phaipeir Ghailig.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear Tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.
Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C.B.
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG—Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.
Indurated Fibreware
Tha an seorsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fhiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire.
THE
E. B. EDDY Co
LIMITED
HULL, CANADA.
[Vol . 6. No. 23. p. 8]
Leomag.
(Air a leantuinn.)
Fhuair e brat air son an urlair;
Agus uidheam buird d’ a reir;
’S dh’ fhalbh e ’n sin le mor dhurachd,
Gus a run a chur an ceill.
Rainig ’s chunnaic e an og-bhean,
’S thubhairt e an comhradh fann.—
“Bu mhise am fear sona, soghach,
Na ’n tigeadh Miss Leomag an ghleann.”
Fhreagair i le seorsa gaire,
’S an t-ardan a’ cluich ’n a beul,—
“ ’S cuimhne leam do chailleach mathar,
’S thusa ’n ad gharlach ’n a deigh.
“Tha thu gun urram gun chairdean;
’S graisg a tha annaibh gu leir;
Chaill thu do thuisge ’s do naire,
A bhalaich is ro dhàine beus.
“Fuich, fuich, ach am fàileadh
’Tha gu laidir ’tighinn am shroin!
Gabh romhad, a bhumaileir ghrainde,
’S odhar le tearr do dha chròg!”
Chunnaic Fionnladh, a’s e ’clisgeadh,
An nathair shligneach ’s an fheur,
A’s sud e a mach an tiota,
Mar gu ’m biodh an t-Olc ’n a dheigh!
Thubhairt e s e suas am fireach,—
“ ’S ann domh is mithich a bhi saor;
Ach fhuair mi mo chas as an ribe,
’S dh’fhalbh am bior a bha am thaobh.
“Tha mi nise sunndach, laidir—
Cheart cho slan ’s a bhi mi riabh;
’S leumaidh mi cho aotrom mheanmach,
Ri boc-earb a th’ air an t-sliabh.
“Bheir mi air Leomag mo bheannachd,
A dh’ aisig dhomh mo neart cho luath;
Leighis i chreuchd le tri facail,
A dh’ fhairtlich air an Dotair Ruadh.”
Bha Fionnlaidh gun dith, gun dolaidh,
’N a dhuine sona anns a’ ghleann;
Fhuair e bean ’bha ciallach, gleidhteach,
’S bu ghlan ’n am beus i fein ’s a’ chlann.
Cha robh spiocaireachd no gorta
’N taobh a stigh d’ a dhorsaibh fial;
Bheireadh e aoidheachd do ’n choigreach,
’S gheobhadh am bochd ann a dhiòl.
Saoil sibh fein nach b’ i an tubaist
’Dhiult gu tur an duine coir,
A bheireadh dhi gun dith, gun dearmad,
Im a’s aran agus feoil?
Mar a theid an sgeul am mearachd,
’S fad o ’n ghabh a claigionn gaoth;
’S is tric i an toir air faileas,
Nach fhaigh i ’n a glaic a chaoidh.
Tha a suil ri nithe mora,
’S duilich dhomhsa chur an cainnt,—
Saibhreas, a’s urram, a’s soghachd,
’Dol m’ an cuairt mar cheo ’n a ceann.
’S ann mar sin tha inntinn Leomaig,
Lionta le goralas ro fhaoin,
Eich, a’s carbadan, a’s caisteil,
’S brataichean a’ snamh’s a ghaoith.
Air sgiath aotrom a mac-meamna
Siubhlaidh i Albainn gu leir.
’S a h-uile ceann a chi i ruisgte,—
Tha sud mar umhlachd dhi fein.
Ach chaochail a nis na laithean;
Thuit na caisteil ard a nuas;
Threig a neart, a’s dh’ falbh a h-àille,
’S tha sruth an ardain air fas fuar.
Ann am measg nan armunn oga
Cha ’n olar a nis air a slaint’;
Cha ’n ’eil iomradh air a bòidhchead,
’S cha ’n fheoraichear mu ’h-aite-taimh
Tha a maise air a treigsinn;
Shearg, as a h-aodann, an ròs;
Tha ’h-amhach feadanach, féitheach,
’S a smig air eirigh r’ a sroin.
Tha ghnuis, a bha roimhe tlachdmhor,
Air fas claiseach leis an aois,
Mar bhalg craicinn tioram, preasach,
Bho ’m fada a theich a’ ghaoth.
Tuille cha tig neach ’g a h-iarraidh,
Oir dh’ fhalbh gach ciatadh a bha ann;
’S i ’n a briogaid bhochd air liathadh,
Gun urad a’s fiacail ’na ceann.
(Rinneadh an Duan so leis an Urramach nach maireann, Mr. Eachann Mac ’Illeathain, Loch-aillse. Bha e air a chlo-bhualadh ’sa Ghaidheal ’sa bhliadhna 1874.)
Moladh na Gaidhlig.
Hò-ro, ’illean, hù-o ’illean,
Hò-ro, ’illean, gum-bu slan duibh,
Na’n robh tuille dhibh ’ [ ? ] dùthaich,
Cha do mhùch iad oi[ ? ] a’ Ghàidhlig.
Tha iad fearail, fallain, [ ? ]asgailt ’,
Cha ’n ’eil gruaman air na h-àrmuinn,
’Siad gun dearbhadh gaisge ’s cruadal
’N am bhi tarruing suas sna bláraibh.
O’n là dh’fhàg i gàradh Eden
Chaidh a steidheachadh ’s gach àite,
Bha i ac an tir na h-Eiphit—
’S i bh’aig treubhan tir Chanàin.
Gun robh Laideann, Eabhra ’s Gréigeis,
’Ruith na déigh ’s ga cur a h-àite,
Ach bha is’ air ceann na réise
Gus an d’thàin’ a Bheurla ghrànnda.
Ged tha phiob gun sgoil gun ionn’sach’—
Maidean tollach agus màla,
Ma sheideas tu a stigh gu pongail
Labhraidh i le fonn a’ Ghàidhlig.
Ged bhiodh fiodhall ’ri ghleusadh
Le ciud theudan as an àite,
Seadh ’s am bogha fein gun chéir air
Bruidh’nidh i gu reidh a’ Ghàidhlig.
’Sionnan leamsa Gàidhlig ’s Beurla.
Bhi ’gan éisdeachd no ’gan ràdhtuinn,
Ach ’nuair theannas uair na h-ùrnuigh
Ni mi dlùth’chadh ris a’ Ghàidhlig
Tha mi fhògrach an Dun-odhainn—
’S cha’n ann toillichte a tha mi,
’G ionndrainn seadh is brìgh nam briathran
Bha ’o shiorruidheachd ’sa’ Ghàidhlig.
’S duilich leam-sa bhi ’ga innseadh—
Ged ’s i ’n fhìrinn tha mi ’g ràdhtuinn.
Thug iad gaol do bhriathran faoine,
Agus thilg gu taobh a’ Ghàidhlig.
Ach théid sinne ’n guaillibh chéile
Chuin a’ Bheurla ’chur fo’r sàiltean,
Glanaidh sinn i mach a’r dùthaich—
’S théid an crùn chur air a’ Ghàidhlig!
AN DA LEIGHEAS
AGUSK . D. C. PILLS
Leigsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD.
Cuir a dh’ iarraidh sampuill, teisteannais us urrais.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia. —agus—127 State St Boston, Mass.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar duthcha tha ’nar beachd
NIALL Mac FHEARGHAIS,
Taillear.
SIDNI - - - C. B.
$1 .00 air 80c.
Tha tuilleadh ’sa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dh’ airgead. Thig mu ’m bi ’n t-am seachad agus
FAIGH BARGAN.
McDonald Hanrahan & Co.
Sidni, Iulaidh 16, ’97.
C’AIT AM FAIGH MI?
Saibh, Glasan, Luaidhe, Sgeinein, Lainntearan, Sguabaichean, Paipear-tearra, Paipear-tubhaidh.
Olla, Fudar, Glaine, Siosaran, Tairnean, Bucaidean, Tuaghannan.
GHEIBH AIG
C . P. MOORE,
Sidni, C. B.
title | Issue 23 |
internal date | 1897.0 |
display date | 1897 |
publication date | 1897 |
level | |
reference template | Mac-Talla VI No. 23. %p |
parent text | Volume 6 |