[Vol . 6. No. 24. p. 1]
MAC-TALLA.
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 10 DESEMBER, 1897. No. 24.
Rannan Misnichidh.
LE IAIN CAIMBEUL, NACH MAIREANN, BARD NA LEIDEIGE.
A mhuinntir mo ghaoil,
Coithichibh, coithichibh!
A mhuinntir mo ghaoil,
Cumaibh a suas.
Ged bhios sibh ’g ur sàrach’,
’S an-dòchas ’g ur bàthadh,
Na géillibh gu bràth dha,
A’s gheibh sibh a’ bhuaidh.
Ged bhios an saoghal
’G ad thionndadh ’s ’g ad aomadh,
’S tu bitheanta ’saoilsinn
Gu ’m feum thu ’bhi nuas;
Na cuireadh sud sgàth ort,
Do ’n smuain thoir a’ bhàirlinn,
A’s seas a’s bi làidir,
A’s gheibh thu a’ bhuaidh.
Ma ’s cùram an t-saoghail,
No eagal roimh dhaoine,
No smuaintean air faoineis,
A chuir thu fo ghruaim;
Bi fearail, bi stuama,
A’s seas ris a chruadal,
’S bheir Freasdal m’ an cuairt e,
Gu’m faigh thu a’ bhuaidh.
Biodh onair a’s ceartas
A’ cumail do neart riut;
A’s dòchas neo-mheata
’S an làimh a ta shuas;
Le creideamh neo-sgàthach
’N a fhocal nach fàilnich—
A’s bheir E gach là thu
Troimh ’n fhàsach le buaidh.
Litir aNew Zealand.
A GHAIDHEIL URRAMAICH: —Tha mi an dochas nach lughdaich an litir so uamsa do threimhdhireas do d’ luchd-duthcha. Tha mi an dochas mar an ceudna gu ’m bi i na meadhon, le bhi air a cur fa chomhair luchd-leughaidh do phaipeir eireachdail, air clann nan Gaidheal anns gach cearna dhe ’n t-saoghal a tharruinn dlùth do cheile, cha’n ann a mhain air son cuideachadh do MHAC-TALLA, ach air son cainnt am mathar a chumail ann an cleachdadh—rud, tha mi duilich a radh, nach eil sinn mar Ghaidheil a deanamh mar bu chòir dhuinn.
’S cinnteach mi gur a math leat fhéin agus le mo chàirdean Gàidhealach ann an Canada a chluinntin gu bheil a nis ceithir Comuinn Gaidhealach air an cur air chois anns an dùthaich so. Tha am fear a’s sine dhiù ann an Duneideann; tha dha eile dhiubh mu cheud mile bho ’n àite so, agus an ceithreamh fear dhiubh ann an Napier, faisg air Auckland. Mar sin chi sibh gu bheil na Gaidheil a tha anns an dùthaich so a dùsgadh a chum a bhi faicinn gur h-iomchuidh ’s gur nàdurra an ni dhoibh a bhi cur an guaillibh ri chéile air son an cainnt mhàthrail a chumail ann an cleachdadh.
Tha mi a’ dùnadh [ ? ] an litir so ochd tasdain deug agus [ ? ] sgillin (18s, 9d) mar phaigheadh air [ ? ] MAC-TALLA uam fein agus bho Nia[ ? ] agus bho fhear-dùthcha dhu[ ? ] ainm Iain MacIlleathain. D[ ? ] MacIlleathain do Cheap Breatunn [ ? ] eSt . Ann’ s ’sa bhliadhna 1859 [ ? ]amh a dhachaidh ann am [ ? ] . ’Se fior Ghaidheal a th’ [ ? ]thaineach so, mac-samhuilt do [ ? ] ann an Rudha Mharsden.
A nis bidh mi a [ ? ] mo litreach le bhi a’ guidhe Noll[ ? ] agus Bliadhn’ Ur chridheil dhut fh[ ? ] luchd-leughaidh MHIC-TALLA, ’s gu [ ? ] buaidh agus piseach orrasan [ ? ] ’s a cleachdadh na G[ ? ]se , le deagh rùn, do charaid dileas,
DOMHNULL ROTHACH.
Reynoldstown , N. Z.
Litir a Lunnainn.
FHIR-DEASACHAIDH, —Tha mi fior thoilichte gu bheil MAC-TALLA a nis ga ’m ruigsinn ni ’s riaghaltaiche na bha e mios no dha air ais. Air uairibh bhithinn tri no ceithir seachdainean gun sgeula sam bith fhaighinn air mo charaid, agus an sin thigeadh dha no tri àireamhan comhla. Tha mi ’deanamh dheth gur ann aig luchd a phuist a bha a choire agus mar is coltach gu ’m feum mi a “bhi ’giùlan ’s a’ gearan.” Ach is ann a tha mi ro dhiombach nuair a theid am paipeir air chall buileach, mar thachair do àireamh coig. Tha e na chleachdadh agam gach bliadhna de ’n MHAC-TALLA a cheangal comhla na leabhar (agus is eireachdail an leabhar e) agus cha toigh leam aireamh sam bith a bhi a dhith orm. Air an aobhar sin bithidh mi fada ’nur comain, fhir-deasachaidh, ma ’s urrainn duibh am fear a dh’ ainmich mi a chur thugam.
Bha Comh-sheinn mhor aig Comunn na Gàidhlig o chionn ghoirid aig an do sheinn an seinneadair binn sin, Seonaid Nic Lachainn, a Glascho, tri orain Ghaidhlig. Bha na seinneadairean eile uile math ach a chionn ’s gur i a’ Bheurla a bh’ aca cha d’ ràinig iad cridheachan nan Gaidheal mar a rinn Nic Lachainn.
Air Oidhche Shaimhne bha mi aig Ceilidh gasda a bha aig “Connradh na Gaedhilge Lunnduin,” comunn Eireannach a tha ’deanamh oibre mhaith airson na Gàidhlig. Cha robh easbhuidh Gaidhlig an sin, gu dearbh cha robh dad idir ann ach Gaidhlig, aon chuid Eireannach, Gaidhealach, no Cuimreach. Bha seann phiobaire Eireannach an sin a bha gle ghleusda air ’inneal-ciuil. Thug e dhuinn ceol a bha binn aighearach, ach nam bheachd fein cha’n eil a phiob Eireannach idir ri bhi air a coimeas ri Piob mhor nan Gaidheal. Thug Eireannach coir eile, Mr. Ian O’Leary, oraid seachad an Gaidhlig, a moladh na cainnte agus a sparradh air na bha ga eisdeachd a cumail suas gu dileas. Ged a b’ i a Ghaidhlig Eireannach a bh’aige cha mhor a thubhairt e nach do thuig mi-fein, ni a tha ’dearbhadh cho fior dhluth air a cheile ’s a tha an da mheanglan so de’n aon chraobh.
Tha na h-Eireannaich ag obair gu cruaidh air sgath na seann chainnt, agus an iomadh ni tha iad fada air thoiseach oirnne. Tha iad an dràsd a cur air chois paipeir-naigheachd ùr a dh’aon ghnothach gu cùis na Gaidhlig a thogradh, agus bithidh earrann mhath dheth air a chlo-bhualadh anns a’ Ghaidhlig Eireannach. Buaidh leis na Seoid.
Bhur caraid dileas,
CABAR-FEIDH.
Lunnain, 12-11-97.
Thatar a nise ’g radh gu bheil an t-òr anabarrach pailt ann an cearna de China. Tha an t-Urr Easbuig Hofman, a thainig as an dùthaich sin gu Columbia Breatunnach o chionn ghoirid ag radh nach tigeadh an Clondaic suas ris an àite sin idir ann an pailtead an òir. Tha na Chineich a’ cladhach air a shon ach tha ’n dòighean cho fad air ais ’s gu bheil a chuid mhor de’n stuth phriseil air a chall. Cha’n fhaod duine geal spaid a chur ’san talamh idir. Tha luchd-riaghlaidh China a dol a dheanamh rathad-iaruinn dh’ ionnsuidh an àite; cha’n eil e ach mu shia fichead mile á Pekin, cheana-bhaile na rioghachd.
Bha stoirm mhor mu na h-Eileanan Breatunnach toiseach na seachdain s’a chaidh. Rinneadh call mor air soithichean, agus chaill àireamh dhaoine am beatha. Chaidh aon soitheach a bhuineas do cheannaichean ann aWindsor , N. S. ,a chall, ach fhuaireadh an sgioba shàbhaladh.
[Vol . 6. No. 24. p. 2]
Innsean na h-Airde ’n Ear.
Tha Breatunn gu leir ag aideachadh a nis gur e mearachd anabarrach a bha ann an cogadh a’ Chrimea, no anns a’ chogadh a bha Ruisia agus Breatunn, an Fhraing, na Turcaich, agus na Sairdinianaich bho cheann corr maith ’us da fhichead bliadhna. Bha Ruisia anns an àm ud, gle chealgach ’us gle shanntach. Tha ’suil daonnan air baile mor nan Turcach, agus air na comhnardan laghach, beartach a bhuineas doibh. Bha dochas laidir aice gu tainig àm us cothrom fior iomchuidh airson an Sultan fann, bochd a chur as ’aite, agus greim daingeann, diongmhalta ’ghabhail agus a ghleidheachd air an oighreachd aluinn, bhoidheach a tha aige, ged tha e ’deanamh droch bhuil agus feum narach, oillteil di. Their iomadh neach an diugh gu b’ fhearr gu tainig crioch air rioghachd nan Turcach an uair a bha cogadh a’ Chrimea ann, oir cha bhitheadh e comasach gu rachadh rioghachd air bith co fada chearr agus air seacharan ann an aite an t-Shultain agus a luchd-riaghlaidh faoin, neo-dhuineil agus neo gheamhnuidh. Dhoirteadh moran fala anns a’ Chrimea fhuar, iomallach. Is iomadh ceannard teoma, ’us ceatharnach foghainteach, a chaidh a mharbhadh mu thimchioll daingnich Shebaistopol. Thainig crioch air a’ chogadh amaideach, fhuileachdach, agus is gle bheag a choisinn iadsan a bha ’n aghaidh Ruisia airson gach saothair, ’us spairn, ’us oidheirp a rinn iad.
Is gann a bha sith ’us seasgaireachd aon uair eile anns an Roinn-Eorpa na bhrist aramach eagalach a mach ann anIndia. Cha ’n eil e soilleir gus an latha ’n diugh ciod e ’n t-aobhar sonruichte ’bhrosnuich na h Innseanaich gu ceannairc bhruideil a dheanamh. Tha moran a’ saoilsinn agus a’ cumail a mach, gu deachaidh innseadh do na saighdearan Innseanaich gu robh na peileirean a bha iad a’ laimhseachadh air an comhdachadh le creis no le muc-bhlonag. O’n bha ann am beachd nan saighdearan ’n an aineolas tamailt air a cur air na h abhaistean crabhaidh aca, dh’ eirich am fearg suas agus rinn iad aramach an aghaidh an ceannardan agus an aghaidh luchd-riaghlaidhIndia. Tha daoine eile ’creidsinn gu robh Innseanaich sheolta, gheur inntinneach a’ toirt fainear, mar bha Breatunn a sgaoileadh a h-ughdarrais thar cuibhrionn moir an deigh cuibhrionn de thirIndia. Bha iad mar so lan sgath ’us amharus gu robh beachdan ’us riaghladh Bhreatuinn a’ dol a chur crioch gu buileach air abhaistean ’us doighean riaghlaidhIndiafein. Shaoil iad gu robh cothrom gasda aca airson ainm ’us cumhachd Bhreatuinn a bhriseadh agus a mhilleadh gu tur. Is ann air an deicheamh la de ’n mhios Cheitein, 1857, a thoisich a’ cheud cheannairc a rinn saighdearanIndia. Is e Cainning a bha ’na ard-uachdaran ann anIndiaaig an àm so. Cha robh fios no amharus ceart no diongmhalta aig luchd-riaghlaidh na dùthcha gu robh aramach c[ ? ] bruideil am fagus, agus gu robh na[ ? ] nimheil air feadhIndiaan aghaidh [ ? ] Breatunnach. Anns na laithean ud, [ ? ] an saoghal air a nasgadh mar th[ ? ] diugh le innleachdan iongantach airson [ ? ] ’us teachdaireachd a ghiulan o aon taobh na talmhainn gus an taobh eile. Cha robh sruth-chlais Shues fathast ann an uidheam. B’ eigin do gach long ’us soitheachd-seolaidh dol air taobh ma dheasAfricaair an slighe gus nan Innsean. Cha d’ fhuaradh fios air ball air an aobhar so ann am Breatunn, air an staid mhuladach, agus chunnartach, luasganach anns an robhIndia. Is ann le [ ? ] , ’us deifir, ’us othail nach robh [ ? ] lag, no suarach a chuir Breatunn [ ? ] a cabhlach an ordugh airson [ ? ] a seasamh fein a dhion ann an [ ? ] an t-aramach a chiosnachdh [ ? ] le laimh laidir, sgairteil. Cha [ ? ] Cailean Caimbeul, an laoch [ ? ] , iomadh bliadhna ann anIndia [ ? ] àm so. Thionndaidh a h-uile [ ? ] Ghaidhealach ghasda, [ ? ] a bh’fhearr na neach air bith [ ? ] curam daingeann a ghabhail [ ? ] a bha ’dol a mhuchadh [ ? ]nan Innseanach. Chuir a’ [ ? ] air Cailean, agus thubhairt i ris, [ ? ] bhitheas thu deas a dh’ fhalbh?” [ ? ]aireach !” arsa ’n ceannard gleusda [ ? ] an latha maireach thog Caile[ ? ] rinn e cabhag airsonIndia ’ ruig[ ? ] .
Bu treubhach, bu dileas, bu ghaisgeil ’us b’ aghartach a bha na ceannardan ’us na saighdearan Breatunnach ann an aireIndia, agus an uair a bha ’n t-aramach a’ trusadh, spionnaidh ’us dalmachd. Ma bha riamh aig Breatunn laoich easguidh, neo-sgathach, mhearganta ’gleachd as leth a h-ainm ’s a corach, b’ iad na laoich a chiosnaìch an t-aramach a rinn na h-Innseanaich. Aig Lucno, Caonpur, Delhi, agus aig iomadh aite ’us daighneach eile, rinn na Breatunnaich euchdan iongantach. Bha gach ceannard ’us saighdear calma ’s durachdach ’n a aite ’s ’n a inbhe fein, gus fadheoidh an d’ fhuair iad buaidh air luchd an aramach gu buileach. An uair a bha gach ceannairc thairis, ’s a bha ainm ’us suaicheantas Bhreatuinn laidir ’us proiseil a rithist ann anIndia, thainig crioch air ughdarras na cuideachd a bha ’ riaghladhIndiare iomadh bliadhna. Rinn iomadh ball de ’n chuideachd so moran storais a chosnadh anns gach malairt a bha eadar iad fein agusIndia. Aig Alahabad ann an 1858, chaidh ann an lathair raiahan, righrean, prionnsachan agus maitheanIndia ,an teachdaireachd aoibhneach a chur an ceill gu bitheadh a Bhan-righ ghrasmhorVictoria, a’ rioghachadh thar sluagh lionmhor, iomadachIndia, ’na dheigh so, agus nach bitheadh tuilleadh ughdarrais aig a chuideachd ud. O cheann beagan bhliadhnachan ghabh a’ Bhan-righ an t-ainm urramach Ban-IompaireIndia .
CONA.
SGEULACHDAN ARABIANACH.
VI. —EACHDRAIDH NAN TRI CHALADAIREAN AGUS NAN COIG MNATHAN-UAISLE.
CAIB. XXIII.
“A bhaintighearna, tha thu dluth air crioch do bheatha; smaoinich am bheil ni sam bith agad ri thoirt seachad mu’m faigh thu bas,” ars an seirbheiseach a fhuair ordugh mo mharbhadh.
’Dh’ iarr mi cead facal no dha a radh, agus fhuair mi sin. Thog mi mo cheann, agus sheall mi le mor-thogradh ri m’ fhear-posda, agus thuirt mi, “Ochn,” nach bochd an suidheachadh anns am bheil mi! Am feum mi am bas fhulang ’s mi cho og?”
Cha b’ urrainn mi ’n corr a radh, oir bhrist mo ghal orm. Cha d’ thainig taiseachadh sam bith air m’ fhear-posda, ach, an aite sin is ann a bha e ’gam shior mhaslachadh; agus cha deanadh e feum sam bith dhomh aon fhacal a radh ris. Thoisich mi mu dheireadh ri guidhe gu durachdach air gu ’n leigeadh e leam mo bheatha; ach cha tugadh e geill sam bith dhomh. Bha e sior iarraidh air an t-seirbhiseach mo mharbhadh. Aig a’ cheart mhionaid anns an robh mi gu bhith air mo chur gu bas, thainig an t-seana bhean a steach, agus thuit i air a gluinnean aig a chasan. “Mo mhac,” ars’ ise, “is mise bu bhan-altrum dhut o’n a rugadh thu, agus is mi a dh’ araich thu, air mo sgath fhein leig a beatha leatha. Cuimhnich gu ’n cuirear gu bas iadsan a chuir muinntir eile gu bas. Ma bheir thu air falbh a beatha cuiridh tu smal air do chliu, agus caillidh tu meas an t-sluaigh gu leir. Labhair i ris ann am briathran cho druiteach ’s gun do bhuadhaich i air mu dheireadh.
“Air do shon fhein, ma ta,” ars’ esan, “leigidh mi leatha ’bhith beo; ach bidh comharran oirre leis am bi cuimhne aice air an olc a rinn i.”
An uair a thuirt e so, dh’ ordaich e do dh’ fhear dhe na seirbheisich iomadh buille a thoirt dhomh te slait anns a bhrollach. Bha gach buille ’g am lot gu trom, gus mu dheireadh an do thuit mi ann an neul. ’Na dheigh sin thugadh air falbh mi agus dh’ fhagadh ann an taigh eile mi, far an robh seana bhoirionnach a’ toirt an aire dhomh. Bha mi ceithir miosan gun charachadh bhar na leapadh. Mu dheireadh chaidh mi am feabhas. Sin mar a thainig na lotan gu bhith air mo bhrollach.
Cho luath ’s a bha mi comasach air coiseachd, chuir mi romham gu ’n rachainn do ’n taigh a bh’ agam mu ’n do phos mi an dara uair, ach cha robh e ri fhaotainn. An uair a bha ’m fear a bha posd’ agam ann an teas na feirge, dh’ ordaich e an taigh agam a leagadh, agus gun chlach fhagail air an laraich. Tha mi ’creidsinn nach cualas a leithid so de ghniomh eucorach riamh roimhe; ach cha ’n eil fhios agamsa co an aghaidh an dean mi gearain. Cha ’n eil fhios agam c’ aite am bheil am fear a rinn
[Vol . 6. No. 24. p. 3]
an t-olc orm, agus cha ’n eil mi cinnteach gu ’n aithnichinn e ged a chithinn e. Agus ged a dh’ aithnichinn e, is docha nach rachadh agam air aicheamhal sam bith a thoirt dheth air son na rinn e orm. Air do ’n chuis a bhith mar so, cha bu dana leamsa mo ghearain a dheanamh ri luchd-riaghlaidh a’ bhaile.
O ’n a bha mi lom, falamh, aonaranach, chaidh mi far an robh mo phiuthar, Sobaide agus dh’ innis mi dhi an cruaidh fhortan troimh ’n deachaidh mi. Ghabh i rium le mor chaoimhneas, agus chomhairlich i dhomh giulan gu foighidneach le m’ staid. “So doigh an t-saoghail,” ars’ ise; “bheir e uainn ar cuid, no ar cairdean, no luchd ar graidh, agus mar is trice bheir e uainn iad so uile a dh’ aon bheum.”
Mar dhearbhadh gu’n robh so fior, dh’ innis i dhomh mar an ceudna mar a thachair dhaibh a bhith air an cur ann an riochd da ghallaidh. Mu dheireadh an uair a nochd i iomadh comharradh air a mor chaoimhneas, thug i Safi, mo phiuthar a’s oige an lathair, agus dh’ innis i dhomh gu ’n robh i ’fuireach comhladh rithe o’n a dh’ eùg a mathair.
Thug sinn taing do Dhia do bhrigh gu ’n robh sinn maille ri cheile aon uair eile, agus runaich sinn gu ’n caitheamaid ar beatha maille ri ’cheile. Tha sinn o chionn iomadh bliadhna ’fuireach comhladh. O ’n is e mo dhleasdanas-sa gach ni fhaotainn air am bi feum aig an taigh, tha mi ’dol g’ a cheannach. An uair a chaidh mi ’mach an de a cheannach nithean a bha ’dhith oirnn, thug mi air a phortair an toirt dhachaidh. An uaìr a chunnaic sinn gu ’n robh e ’na dheadh fhear-cuideachd, leig sinn leis fuireach maille ruinn gu spors is feala-dha a dheanamh dhuinn. Anamoch feasgar thainig an triuir chaladairean, agus ghuidh iad oirnn cuid na h-oidhche a thoirt dhaibh. Dh’ aontaich sinn gu’n deanamaid sin air chunhnantan a chur orra ’s a chuir sinn air na caladairean; ach cha do chum a h-aon aca ris na cumhnantan air an d’ fhuair iad a steach, agus ged a rachadh againn le ceartas air aicheamhail a thoirt dhiubh, leig sinn leotha falbh an uair a dh’ innis iad dhuinn eachdraidh am beatha. Cha d’ rinn sinn de pheanas orra ach nach leigeamaid leotha fuireach na b’ fhaide maille ruinn anns an taigh.
Chord na naigheachdan so anabarrach math ris an righ, agus dh’ aidich e gu ’n do chuir iad ioghnadh mor air. Smaoinich e gu ’m bu choir dha urram a chur air an triuir chaladairean, o ’n a bha iad ’nan cloinn righrean, agus mar an ceudna air an triuir mhnathan-uaisle. Thuirt e ri Sobaide, “A bhaintighearna, an d’ innis a’ bhean-shithe, a chuir do pheathraichean fo gheasan, c’aite am bheil i fuireach? No, an do gheall i gu’n togadh i na geasan bhar do pheathraichean?”
“Le ’r cead, a righ,” arsa Sobaide, “dhi chuimhnich mi innseadh dhuibh gu ’n d’ thug i dhomh bad gruaige, agus gu ’n dubhairt i rium gu’m [ ? ] agam air a cuideachadh latha eig[ ? ] na ’n loisginn a’ ghruag, gu’n tig[ ? ] a’ mhionaid far am bithinn.”
“A bhaintighearna,” [ ? ] an righ, “c’aite am bheil a’ ghruag?”
Fhreagair Sobaide, [ ? ] mi ’g a gleidheadh gu curamach riamh o ’n a fhuair mi i; tha i agam an so.” An uair a thuirt i so, thug i as a pocaid a’ cheis anns an robh ’ghruag.
“Loisgeamaid i gun dail; oir tha toil agam a’ bhean-shithe fhaicinn. Cha b’ urrainnear a gairm ann an am bu fhreagarraiche,” ars’ an righ.
Thilgeadh a ghruag ’s an teine ’s a’ mhionaid. Thoisichinn [ ? ]airt ri dhol air chrith, agus ann an [ ? ] ’bhean-shithe ’na seasamh an lathair an righ, agus i ann an eideadh anabarrach eireachdail.
“Le ’r cead a righ, th[ ? ] a’ faicinn gu ’m bheil mise deas gu [ ? ] bith a dheanamh a dh’iarras sibh o[ ? ] ’s ise. “Rinn a’ bhean-uasal a gh[ ? ] ’ur ainmse obair mhath dhomh. [ ? ]mharradh air mo thaingealachd dh[ ? ] dioghaltas air a dithis pheathraichean [ ? ] cho eucorach ’s a bha iad; ach [ ? ] bhur toilse e, cuiridh mi iad anns [ ? ] ’s an robh iad roimhe.”
“A bhean-shithe [ ? ] ” ars’ an righ, “cha b’ urrainn dut [ ? ] mho a thoirt dhomh na sin; dear[ ? ] a tha thu ’g radh, agus feucha[ ? ] i caoimhneas a nochdadh dhaibh [ ? ] gu’n dichuimhnich iad ann an tomhas gach peanas a dh’ fhuiling iad. A bharrachd air sin, tha fabhar eile agam ri iarraidh ort, agus is e sin, gu ’n innis thu dhomh ainm an duine a bha posda ri Aimini, agus a bhuin cho cruaidh-chridheach rithe. O’n a tha mi creidsinn gu’m bheil fhios agad air moran nithean, tha fhios agam gur aithne dhut an duine so. Innis dhomh co e; oir rinn e gniomh ro eucorach oirre; agus tha ioghnadh orm gu ’m b’ urrainn neach sam bith a leithid de dhroch ghniomharan a dheanamh anns a’ bhaile gu’n fhios dhomh.”
“A chum comain a chur oirbh,” ars’ a’ bhean-shithe, “cuiridh mi an da ghalladh anns a’ chruth anns an robh iad roimhe, agus leighisidh mi na h-athailtean a th’ air brollach na baintighearna air dhoigh ’s nach aithnichear gu’n robh iad riamh ann; agus innsidh mi dhuibh ainm an fhir a chuir ann iad.”
Chuir an righ a dh’ iarraidh an da ghalladh do thaigh Sobaide. An uair a thainig iad dh’ iarr a’ bhean-shithe glaine uisge ’thoirt g’ a h ionnsuidh. An uair a labhair i briathran os cionn an uisge nach do thuig neach sam bith, thilg i cuid dheth air Aimini, agus a’ chuid eile air an da ghallaidh. Ann an tiotadh cha robh athailte ri fhaicinn air brollach Aimini, agus bha ’n da ghalladh ’nam boirionnaich cho briagha ’s a chunnaic duine riamh.
An sin thuirt a bhean-shithe ris an righ, “Innsidh mi nis dhuibh co am fear a bha posda ri Aimini, agus a rinn an droch dhiol oirre. Tha e gle chairdeach dhuibh fhein; oir is e bhur mac a’s sine. Thuit e ann an trom ghaol oirre an uair a chuala e gu ’n robh i ’na boirionnach anabarrach maiseach, agus leis na caran thug e oirre gu ’n do phos i e. Tha beagan dhe ’leithsgeul ri ghabhail ged a rinn e droch dhiol oirre; oir cha robh i cho faiceallach oirre fhein ’s bu choir dhi; agus bheireadh na leithsgeulan a thug i dha air a chreidsinn gu ’n robh i na bu chiontaiche na bha i. Cha ’n eil an corr agam ri radh.” An uair a thuirt i so chaidh i as an t-sealladh.
Bha ’n righ anabarrach toilichte a chionn gu ’n deachaidh aige air math a dheanamh do ’n triuir bhoirionnach, agus chuir e roimhe gu ’n cuireadh e gach cuis ceart gun dail sam bith. Chuir e fios air a mhac, agus thuirt e ris gu ’n d’ innseadh dha gu ’n do phos e Aimini gun fhios dha, agus gu ’n do throm-lot e i air son fior bheagan aobhair. An uair a thuig a mhac gu ’n robh fhios aig ’athair air gach ni a rinn e, ghabh e Aimini g’ a ionnsuidh mar a bhean laghail, phosda, gun dail sam bith.
An sin dh’ aidich an righ gu ’n robh e suidhichte gu ’m posadh e fhein Sobaide. Chuir e mu choinneamh nan caladairean gu ’m posadh iad na tri mnathan-uaisle eile. Dh’ aidich na caladairean gu ’n robh iad gle thoileach deanamh mar a bha ’n righ ag iarraidh orra. Thug so toileachadh mor do ’n righ. Thug e dhaibh taighean mora, briagha anns a’ bhaile, agus rinn e comhairlich dhiubh.
Gun dail sam bith fhuaradh a steach cleireach a bhaile, agus sgriobh e na cumhnantan posaidh, agus an oidhche sin fhein thoisich na coig bainnsean, agus mhair iad seachd latha agus seachd oidhche. A h-uile latha ri ’m beo bheireadh na tri chaladairead agus na coig mnathan-uaisle am mile beannachd air an righ ainmeil, Haroun Alrashid.
(A’ chrioch.)
Seana Chleachdaidhean Gaidhealach.
LE IAIN MAC ’ILLEATHAIN.
(Air a leantuinn.)
BAINNSEAN.
Bheir mi nis cunntas air banais Ghaidhealach a chionn leth-cheud bliadhna. Bithidh cuimhne agaibh air an da ghil’ òg a dh’ fhalbh a shuiridh air nighinnean Eachainn Duibh; cha d’ fhuair Eachann greim orra air an oidhche ud, no air iomadach oidhche ’na dheigh. Oidhche de na h-oidhchean thubhairt Calum ri Anna gu ’n robh e ’s a’ bheachd nach faigheadh iad àm na ’s freagarraiche dhaibh posadh; cha d’ thubhairt Anna tha no cha ’n eil, a b’ urrainn dhomhsa ’chluinntinn, ach tha fios agam gu ’n do chuireadh fios a dh’ ionnsuidh Chaluim e a thighinn le a’ phàrantan air a’
(Air a leantuinn air taobh 190.)
[Vol . 6. No. 24. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, . . . $1 .00
Sia miosan, . . . .50
Tri miosan, . . . .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher ‘Mac-Talla,’
Sydney, Cape Breton
SIDNI, 10 DESEMBER, 1897.
Chruinnich àrd-phàrlamaid, nocongress ,nan Stàitean Di-luain. Cha d’ rinneadh a’ bheag air an latha sin ach òraid a Chinn Shuidhe a lughadh. Bha an òraid sin a’ toirt iomraidh air caochladh nithean a tha tarruinn aire anns na Stàitean aig an àm so. Tha McKinley a’ labhairt gu math sitheil mu Chuba; cha’n eil dragh sam bith ri bhi air a chur air an Spainn am a feuchainn ri cùisean a cheartachadh air an eilean sin. Tha e air son eileanan Hawaii aonadh ris na Stàitean gun dàil sam bith, ni a bhi e-fhéin agus àireamh mhor de shluagh nan Stàitean air son a dheanamh o chionn fhada. Tha e toirt iomraidh air an ionnsuidh a thathas a’ toirt aig an àm so air réit a dheanamh eadar iad fhéin us Canada us Breatunn a thaobh nan ròn ann an Cuan Bhehring, ach cha ’n eil e ’cur moran soluis air a chùis. Tha e ag radh gu bheil e air son a dhùthaich a bhi aig sith ri uile chinneacha na talmhainn, agus gu’m b’e ’mhiann gu’m biodh gach aimhreit a dh’ fhaodas éiridh eadar aon dùthaich agus dùthaich eile air an réiteach ann an sith. Tha e ’labhairt mu nithean eile, mar a tha ’ntariff ,cùinneadh na dùthcha, agus an leithide sin air nach leigear a las moran iomraidh a thoirt oir buinidh iad a mhain do na Stàitean fhéin.
Gheibhear air taobh eile litir áNew Zealando Dhomhnull Rothach anns am bheil e toirt iomraidh air Comuinn Ghàilig anns an dùthaich sin. Chuir e ugainn aig an àm cheudna paipearan-naigheachd anns a bheil cunntas air aon no dha de choinneamhan nan comunn sin air a thoirt. ’Se Mr. Rothach fhéin is ceann-suidhe do chomunn Dhun-eidinn. Bha a’ choinneamh bhliadhnail aig aon de na Comuinn aig àite ris an canarHakatarameaair an deicheamh latha deSeptember. Bha cruinneachadh gasda aca, agus fhuair a’ Ghàilig làn cheartas uapa. Bha òrain, òraidean, agus leughaidhean Gàilig air an toirt [ ? ] agus bha gach ni bho thoiseach g[ ? ]adh na coinneimh cho Gàidhealach ri[ ? ]oine . Tha sinn an dòchas gu soribhich Comuinn GhàiligNew Zealandagus gu’n [ ? ] iomadh latha agus bliadhna seachad [ ? ] leig iad leis a Ghàilig a dhol bàs ’s an dùthaich sin.
Tha duine tha air tilleadh á Alaska, agus a tha air son a cho-chreutairean a chumail o dhol uile gu leir do ’n Chlondaic, ag radh gur e so an aon dòigh a’s fhearr a ghabhas faotainn do dhuine air son e-fhéin a cheannsachadh gu fuireach aig an tigh “Rachadh e mach do’n choille maduinn reòta ’sa gheamhradh, gun a bhraiceast a ghabhail; cladhaich[ ? ]toll sia troighean deug a dhoimhnead anns an talamh; thigeadh e dhachaidh an deigh dorchadh na h-oidhche agus air dha a [ ? ]ear a dheanamh air criomag bheag de[ ? ] buffaloair a dhroch bhruich, caidleadh [ ? ] tigh a’ chonnaidh.” Tha e ’dol an ur[ ? ] leighis e mar sin fiabhrus a’ Ch[ ? ] an ùine gle ghoirid.
Thugadh ionn[ ? ]chionn beagan ùine air ais air fear- r[ ? ] Mecsico a mhort. Ghabh cuid de [ ? ]r agus de luchd-dreuchd na dù[ ? ] fhéin an duine truagh a thug an [ ? ]h sin air a chur gu bàs gun a thoirt [ ? ]dir , agus rinn iad sin. Ach chaidh [ ? ] a chur an greim gun dàil, ’s an to[ ? ] , agus tha iad a nise air an dit[ ? ] às. Teagaisgidh sin do’n t sluagh leasan nach misd’ iad idir—gur ann do lagh na dùthcha a mhàin a bhuineas an cumhachd beatha duine thoirt air falbh, ge b’e de cho ciontach ’sa dh’fhaodas e a bhith.
Tha na fiosan mu dheireadh a thainig áCubaag innse sgeul uamhasach, gu bheil mu dha fhichead mile dhe’n t-sluagh air bàsachadh le gorta air sàilleabh a chogaidh. Thatar a’ meas gu’n do chaill gle fhaisg air coig cheud mìle (500,000) am beatha o’n thòisich an cogadh, eadar na bhàsaich le gorta no le fiabhrus, agus na chaidh a mharbhadh anns na blàir. Tha so ’na sgrios uamhasach, ach cha d’ thainig a reir coltais crioch air fhathast, oir cha’n eil taobh seach taobh toileach sgur.
Cha deach a mharbhadh air uile ròidean-iaruinn Bhreatuinn an uiridh ach ochdnar. Bu luchd-siubhail coig dhiubh sin; bha’n triùir eile ag obair air na carbadan. Cha’n eile mar sin ach aon duine air a mharbhadh as gach 186,067,395, a ghabh an turus air na carbadan. Tha so ag innse gu bheil na ròidean-iaruinn anns an t-seann dùthaich gle shàbhailte.
Tha Parlamaid Chanada gu suidhe air an fhicheadaibh latha dhe’n bhliadhn’ ùir, ’se sin a thatar ag radh co-dhiu. Bu mhath an cleachdadh dhaibh a dheanamh a bhi cruinn trath ’sa bhliadhna, agus sgaoileadh trath ’san earrach mu’n tig blàths an t-samhraidh agus àm na h-obrach.
La Feill Andrais.
So fios a fhuair Gaidheil Hamilton ’nuair a bha iad a’ cumail Féill Andrais:—
CAS CAMUS DHEORSA, Nov. 30, 1897.
Gu Alasdair Mac-a- Phearsain, Comunn Naoimh Andrais, aig a Bhaile aig bun na Beinne, Ont.,
Slàinte dhuibh us fallaineachd,
Us air ur barrachd sòlais.
DOMHNULL MAC FHEARGHAIS,
Sgriobhadair.
Rinn an clo-bhualadair mearachd anns an fhios a thainig dh’ ionnsuidh a Chomuinn Chaledonianach. An aite “Alasdair Mac-a- Phiocair,” ’se “Alasdair Mac-a- Phearsain” bu chòir a bhi ann.
Tha pàrlamaidean Chuibeic agus Ontario ’nan suidhe. Bha pàrlamaid Ontario air a fosgladh a cheud uair le Sir Oliver Mowat air Di-mairt air an t-seachdain s’a chaidh.
MacCoinnich & Co.
Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh
ANN AN LOUISBURG,
agus tha sinn aig an am cheudna a’ cumail air adhart air an t-seann laraich,
ANN AN SIDNI.
Aodaichean Matha dhe gach seorsa, Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.
Theid sinn an urras air an obair.
Mac Coinnich & Co.
H. D. Mac Ille-Mhaoil,
Stewartdale , C. B.
Cloth,Drogaid, agus Plaideachan “Eureka.”
Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic.
Cloimh air a gabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige neo sgriobh uige.
C . H. HARRINGTON & CO.
Flur, Min, Ti agus Siucar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr.
Soithichean Glaine agus Creadha, math agus saor.
Brogan, Botainnean, Rubbersagus Caiseart de gach seorsa.
’GAN CREIC SAOR.
[Vol . 6. No. 24. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Chaidh tigh anns an robh moran crithneachd an gleidheadh, ’na theine ann anKingston , Ont. ,toiseach na seachdain s’a chaidh. Tha ’n call air a mheas aig leth-cheud mile dolair, ach bha roinn de dh’ airgead-cinnteachaidh air.
Tha Cuideachd a’ Ghuail an deigh aonta dheanamh ri cuideachd ann am Boston a tha air son ochd ceud mile tunna de ghual min fhaotainn uatha na h-uile bliadhna. Bu choir gu ’n deanadh sin an obair anns na mèinnean gu math na ’s fhearr na bha i o chionn beagan bhliadhnaichean air ais.
Tha fear Mac Leòid anns a phriosan ’sa bhaile so air son sgian a stobadh ann a fear eile d’ an ainmWilson, aig a Mhèinn Uir. Rinn e sin ann a’ sabaid a bh’ aca o chionn dha no tri sheachduinean air ais. ThaWilsongun chomas gluasaid fhathast, agus cha bhi Mac Leòid air a thoirt gu cùirt gus an teid aigWilsonair tigh’nn a thoirt fianuis ’na aghaidh.
An deigh na Bliadhn’ Uire, faodar litir a chur á Canada a null do Bhreatunn air son tri sentichean, an aon phris ’sa tha ri phàigheadh air son litir a chur gu àite sam bith an Canada fhéin. Tha so ’na ni gle mhath, agus tha sinn an dòchas nach fhada gus am faic iadsan a tha riaghladh na dùthcha an rathad rèidh gu postachd nan litrichean a leagail gu da shent, mar a rinneadh anns na Stàitean o chionn àireamh bhliadhnaichean.
Thainig boirionnach a bha fuireach faisg air a’ bhaile so, Mrs . Boutilier,ri beatha fhéin seachdain gus an Di-ciaduin s’a chaidh. Bha a fear-pòsda air falbh o’n tigh aig an àm, agus dhùin i a chlann a stigh, ’s leum i ann an loch uisge bha faisg air cùl an taighe, far an robh i air a bàthadh. Bha i anns an ospadal ann a Halifacs o chionn ghoirid, agus cha ’n eil teagamh nach e ’n tinneas troimh ’n deachaidh i a chuir a h-inntinn air aimhreit.
Chaidh tigh na theine ann aRichibucto , N. B. , ’sa mhaduiun Di-luain, agus bha Padruig Poirier, a bha leis fhéin anns an tigh, air a losgadh gu bàs. Bha e mu thri fichead bliadhna ’sa deich a dh’ aois, agus bha e o chionn treis a dh’ ùine ’cumail taighe leis fhéin. Cha ’n eil fhios ciamar a thòisich an teine; ’nuair a rainig n a coimhearsnaich an tigh, cha robh dòigh air a shàbhaladh, agus cha d’ fhuaireadh corp an duine thruaigh a bha na ’bhroinn gus an robh an tigh air a losgadh gu làr.
Thainig bas gle aithghearr air Iain Mac-a- Bhiocair anns a’ bhaile so, ’sa, mhaduinn Di-satharna s’a chaidh. Bha e anns an stor gu naodh uairean oidhche Di-haoine, agus chaidh e chadal aig deich uairean, ’s e a reir coltais cho slan ’sa b’ àbhaist da. Mu dha uair ’sa mhaduinn dhùisg e ’s e ann an cradh mor, agus mu thri uairean chaochail e. ’S e tinneas a’ chridhe a thug a bhàs. Bha e da fhichead bliadhna ’sa naodh a dh’ aois, agus cha robh e pòsda idir. Bha e air a thiodhlacadh Di-màirt leis na Saor-Chlachairean, agus lean aireamh mhor an giùlan dh’ ionnsuidh a chladh.
Tha mèinn ùr ghuail air a faotainn an dràsda a ni feum mor do ’n bhaile so ma theid a h-obrachadh. Tha i air seana rathad Chow Bay, faisg air Loch Chochran, mu cheithir mile deug a mach á Sidni. Buinidh i do Mhr E. T. Moseley agus do dhaoine eile mhuinntir a’ bhaile a tha ’n cuideachd ris. Tha cuideachd laidir ri bhi air a cur ri chéile gun dàil air son a’ mhèinn fhosgladh agus obrachadh. Tha sinn an dòchas gu bheil a’ mhèinn ùr so cho math ’sa tha ’san ainm, agus nach ruith moran ùine gus am bi i air a h-obrachadh. Ma thig sin gu crich, cuidichidh i ann an tomhas mor le Sidni agus leis an dùthaich air fad.
Dh’ fhalbh seachd duine deug le soitheach á Boston o chionn ghoirid air son a dhol do’n Chlondaic. Bha iad a’ cur rom[ ? ]ol timchiollCape Horn,ach an la roimhe b’ [ ? ] dhaibh stad ann am Bermuda ’s an soitheach [ ? ] feum caraidh.
Chaidh fear Iain Dom[ ? ]ach a mharbhadh leis na carbaid-iaruinn ann anStellarton , N. S. ,seachdain gus an Di-luain s’a chaidh. Bha e crom a togail ni eigin bhar an làir nuair a bhual carbad ’sa cheann e, ’ga leagail, agus chaidh na cuidhlichean thairis air; bha e marbh air ball. Bha e ’na chonductor air na carbaid.
Bha tuathanach d’ am b’ ainmRob Foresta bha fuireach ann an Grafton, an siorrachdQueens, ag obair ann an coille-dhuibh aon latha o chionn da sheachdain air ais, agus dh’ òl e deoch de dh’ uisge a bha fad dha no tri lathaichean ann an coire copair. Beagan an deigh dha òl, dh’ fhas e tinn; chaidh dotair a thoirt g’a ionnsuidh, ach a dh’ aindeoin na rinneadh air a shon, chaochail e. Bha an t-uisge bhar meirg a chopair an deigh a phuinnseanachadh.
ThaLyman Dartto chi[ ? ] us seachdain a’ seasamh cùrtach ann an [ ? ] air son mort an Armenianaich. Cha ’n e[ ? ] faisg air a bhi criochnaichte fhathast, [ ? ] doirbh a dheanamh a mach co-dhiu th[ ? ] eil an gille ciontach. A reir sgeòil [ ? ]ean a chaidh a cheasnachadh aig a’ chù[ ? ] Dartt na òganach air an robh deagh chl[ ? ] choimhearsnachd. Thatar ag radh gu bheil [ ? ]hrus air a leagail air fear d’ an ainm Ach[ ? ] o chionn ghoirid air a chur d’an tigh- ob[ ? ] cionta eile.
Bha an duais a th[ ? ]oirt seachad gach bliadhna ann an Oi[ ? ] Ban-righ’nn, anKingston, air son fog[ ? ]g , air a toirt a mach am bliadhna le [ ? ] Friseal, duin’ òg a mhuinntir na h- Ac[ ? ]ire . ’S fhiach an duais tri fichead dolair, agus tha i air a toirt seachad le Mr. M. C. Camaran, áCornwall .Choisinn roinn mhath de ghillean Cheap Breatunn an duais sin bliadhnaichean roimhe, agus tha sinn toilichte chluinntinn gu bheil fear eile air a dhol ri ’n aireamh am bliadhna. Bha Mr. Friseal air an t-samhradh s’a chaidh a saoithreachadh mar cheistear air Eilean Phictou.
Thachair ni cianail faisg air Antigonish air an t-seachdain s’a chaidh. Dh’ éirich bean as an leabaidh air feadh na h-oidhche, agus thug i mach am pàisde a bha ’na chadal anns a chreathail, agus an deigh a lot gu dona le sgian, chuir i stigh fo bhonn an t-sabhail e. Air dhi tilleadh a stigh dhùisg a fear-pòsda, agus thug e fa-near gu robh i as a rian. Thuig e uaipe nach robh am pàisde anns a chreathail, agus gu grad dh’ éirich e, ’s thug e oirre dhol a mach a shealltuinn dha càite ’n do chuir i e. Rinn i sin, ach bha am pàisde bochd beul ri bhi marbh, agus mu ’n gann a ràinig ’athair an tigh leis thilg e an anail. Tha a bhean thruagh ri bhi air a cur dh’ an tigh-chaothaich.
Chaidh fear Seumas Mac Fhearghais, a mhuinntir Cheap Breatunn, a mharbhadh ann a mèinn Springhill mu dheich uairean ’sa mhaduinn Di-màirt. Chaidh a bhualadh le meall de chloich a thuit air, agus bha e air a mharbhadh gu grad. Cha d’ fhuaireadh a chorp a thoirt as an tòrr cloiche a thuit air gu treis an deigh meadhon latha. Dh’ fhàg e bean agus ceathrar chloinne. Bha e ’na dhuine a bha gle mheasail aig gach aon a bha eolach air. Bha da mhile dolair de dh’ airgead-cinnteachaidh air a bheatha. Bha e-fhéin agus daoine eile aig an àm a’ cur as teine a bha anns a mhèinn. Chaidh tearnadh gle chaol air cuid de chàch, ach cha do leònadh duine ach esan. Bhuineadh Mac Fhearghais do Charribou Marsh, far am bheil dithis bhràithrean dha a fuireach. Tha bràthair eile dha faisg air Sidni.
BATHAR UR.
Moran de Churaicean Geamhraidh, eadar 10c. us $5 .00.
Brogan matha saor.
Ti mhath mar a b’ abhaist.
Beagan de Cheannachd Thioram.
Olla 25c. an galan; 5 galain air $1 .00.
NIALL DOMHNULLACH,
BADDECK , - - C. B.
J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsa ’s fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B.
BADDECK , - - C. B
Airson a stor a dheanamh na ’s deiseile ’s na ’s feumaile dhaibhsan a tha ’deanamh gnothuch ris, tha
Albert I. Hart
a’ nise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha a’ chuid sin de ’n ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am Boston ’sanNew York.Gheibh iadsan a thig g’a h-ionnsuidh an
DEAGH RIARACHADH.
BADDECK , - - C. B.
LEABHRAICHEAN GAILIG.
Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
’Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10
Gaelic Class Book .35
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte.
Sgriobh gu
J . G. MACKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, C. B.
[Vol . 6. No. 24. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 187.)
cheud Dhi-màirt agus gu ’m faiceadh iad gu de ’n cordadh a b’ urrainn dhaibh a dheanadh anns a’ chùis. Cha robh aig a’ chordadh ach màthair agus athair Chaluim, agus a chompanach fhein air a thaobh-san, agus air taobh na h-ighinne, bha a màthair ’s a h-athair. Cha robh e air a mheasadh freagarrach gu ’m bitheadh na ’s motha na so anns a’ chuideachd, gun fhios an cordadh na seann daoine anns na cumhnantan pòsaidh. Air an oidhche so chòrd na seann daoine gu h-anabarrach mu ’n tochar, agus bha an latha air ainmeachadh, Di-ciaduin a b’ fhaisge. Air oidhche Dhi haoine an deigh so bha an reiteachadh ann, an tigh athar bean na bainnse, agus bha ’n fheadhainn a bu chairdiche do ’n charaid òig air an iarraidh do ’n chuirm mhoir a bh’ aca air an oidhche so, agus bha dannsa aca gu maduinn. Thug Calum leis buideal na bainnse a dh’ ionnsuidh an réitich agus dh’ fhag e ann an tigh athar-ceil’ e. B’e athair fhein fear na buideal, agus bha e ’tighinn a nall fad na tri laithean roimh ’n bhanais a riarachadh a mach an uisge-beatha do ’n fheadhainn a bha tighinn le cuideachadh. Chuireadh gill’ òg a mach a measg nan cairdean ’s na coimhearsnaich le fios na bainnse, agus cha d’ fhagadh tigh o cheann gu ceann a’ bhaile nach robh fios air fhagail ann. Fad na tri laithean roimh ’n bhanais bha na cairdean ’s na coimhearsnaich a tighinn le cuideachadh; feadhainn le cearcan, feadhainn eile le ìm ’us càise, agus na h-uile ni a b’ urrainn dhaibh a thoirt seachad de ’n stòras. Chuir bean fir Hìnis caora le Iain Domhnullach, an ciobair. Air Di-dònaich an deigh an reitich, bha na h-éighich air an cur a stigh; bha an da fhleasgach aice-se, ’s an da fhleasgach aige-san air an cur air leith airson na h-oibre so. Ghabh iad am breacus ’an tigh Eachainn Duibh, agus dh’ fhalbh iad do ’n eaglais a dh’ fhaicinn a mhinisteir mu ’n rachadh e suas do ’n chrannaig. Rainig iad an eaglais ann an deagh àm, agus thug iad do ’n mhinisteir ainmean na caraid oig a’ bha dol a phòsadh. ’Nuair bha an t-searmoin seachad agus mu ’n d’ eirich duine á aite suidhe, sheas an cleireach suas ann an dorus na h-eaglaise ’us leugh e mach na h-eighich. An deigh do ’n charaid oig a bhi air an eigheach, thug na gillean dràm do ’n chleireach ’s do na foirfich á botull eighich fhad ’sa chaidh e. Cha robh bean na bainnse no fear na bainnse, aon seach aon dhiu, aig an eaglais air an latha so. Air maduinn Di-luain thoisich an obair, le spionnadh chearc ’us thunnag, le fuine, ’s le cocaireachd, ’s leis gach ni a bha ri dheanadh airson an latha mhoir, bha an lamhan cho trang ’s a bheireadh iad; thug na mnathan mu ’n cuairt cuideachadh dhaibh anns an obair so. B’e an t aon latha pòsaidh ann an Tireadh aig an àm so, Di-ciaduin. Tha an rann so á òran a rinneanh le Alasdair Mor (cha ’n e so ’ur caraid a chunnaic sinn aig a’ cheilidh), a leigeil fhaicinn dhuinn gu ’m b’e cleachdadh an dùthcha:—
Di-màirt, chaidh ia[ ? ] dh’ iarraidh nan òg-mhnathan,
Pòsaidh iad Di- ciad[ ? ] mar dh’ òrdachadh,
Di-sathuirne le ’m po[ ? ] air an druim,
Bheir iad“Committee”Mhic an-Toisich orra.
O’n a dh’ eirich a ghrian air maduinn Di-ciaduin bha iad air an cois ’an tigh na bainnse, agus cha do chuir iad seachad mionaid ann an diomhanas. Bha bean na bainnse a deanamh deas ’an seomar air leth, agus bha ’bhean a bu gleusda lamhan anns a’ bhaile an sin g’a cuideachadh; cha robh bean na bainnse ris an t-seomar sin fhagail ’nuair a bha ’h-aodach oirre gus an tigeadh fear na bainnse. Gle thrath ’s a mhaduinn bha na càirdean ag cruinneachadh a dh’ ionnsuidh na bainnse; a cairdean-se do thigh a h-athar [ ? ] a chairdean-san do ’thigh-san. Mu [ ? ] uairean ’s a’ mhaduinn thog fear [ ? ]ainnse air, le chuid dhaoine a dh’ [ ? ] bean na bainnse. ’Nuair a rainig i [ ? ] dh’ fhailtich na càirdean a cheile [ ? ]aidh calum a stigh do ’n t-seomar fa[ ? ] robh Anna a feitheamh air, agus c[ ? ] failte chridheil oirre; thainig e air ais [ ? ] na cuideachd an deigh dha ’faicinn [ ? ] an uine ghoirid thainig bean na[ ? ] a stigh do ’n t-seomar far an [ ? ] breacus air a chur a mach, air gair[ ? ] h-athar, le maighdeannan ’s le [ ? ]hean ’n a deigh. Shuidh iad aig na [ ? ] na bainnse, a h-athair, ’sa maighdeannan ’sa fleasgaichean aig ceann a’ bhuird; Calum ’s a mhaighdeannan ’s a fhleasgaichean aig casan a’ bhuird. Cho luath ’s a bha ’m biadh so seachad, thog iad orra dh’ ionnsaidh a’ mhinisteir, a phòsadh. Air ceann na cuideachd dh’ fhalbh na piobairean a seinn gu cridheil, “Bha mi aig banais ’am bail’ Inbhiraora;” ’n an deigh bha bean na bainnse air gàirdean a h-athar, a maighdeannan ’s a fleasgaichean, agus a càirdean-se, dithis ’us dithis; an deigh cuideachd bean na bainnse bha Calum ’s a chairdean fhein a leantuinn anns an aon doigh. Air an eaglais a ruigheachd sheas cuideachd fear na bainnse a mach gus an deach cuideachd bean na bainnse a stigh, agus an sin chaidh iad a stigh, agus chruinnich iad mu ’n cuairt air beulthaobh na crannaige leis a’ mhinisteir, a’ charaid òg, am parantan, na maighdeannan ’s na fleasgaich anns a’ mheadhon. ’N uair a bha am pòsadh seachad, bha ’charaid òg a toirt fainear gu ’n thionndadh iad air falbh le cheile bho stol a’ phòsaidh, chionn bha iad ag creidsinn a chiad aon a thionndadhadh air falbh gur e a’ cheud h-aon a gheibheadh bàs. Pòsda a nis, thainig iad a mach as an eaglais agus ghabh iad an rathad dhachaidh anns a’ cheart ordugh ’s an d’ thainig iad. ’N uair a rainig iad dhachaidh bha dram math de dh’ uisge-beatha, le aran ’us ìm, ’us cais, air an cionn, chuir iad an sin a bheagan uine a bh’ eatorra ’us sia uairean seachad le dannsa, agus aig an uair sin bha an suipeir aca, agus b’i an t-suipeir mhor. Aig an t-suipeir, bha ’charaid òg a suidhe aig ceann a’ bhuird. Gu tric bha e dluth air aon uair deug mu ’m bitheadh an t-suipeir seachad. Chuireadh air falbh na buird, agus thoisich iad a rithist air dannsa, agus chaidh iad ris gu duineil gus an do shoillsich an latha. ’Nuair thainig àm dol a laidhe ’us a fhuair a bhean òg d’a leapa, thilg i a stocaidh chli thar a gualainn deas, agus ge b’e co a bhualadh i, b’e am banais-san an ath te a bhitheadh ann. Thugadh fear na bainnse a sin a stigh agus chuireadh e a laidhe ri taobh na mhnatha oig; chuireadh botul agus gloine ’na laimh agus thug e dram do na h-uile duine, fhad ’sa mhair am botul. Bhitheadh deireadh na seachdain ann mu ’m bitheadh a’ bhanais seachad.
A’ MHAIGHDEAN BHUANA, ’S A’ CHAILLEACH BHUANA.
Anns an fhoghair ’n uair a thoisich iad air buain, bha iad a gleidheadh gu curamach a’ cheud bheum a ghearradh iad anns an achadh agus ga sgeadachadh a suas gu snasail, le currachd geal, gùn agus còtaichean air a chur air na casan. Anns an earrach ’n uair a thòisicheadh iad air treobhadh, agus a chuir iad soc a’ chroinn anns an talamh airson a cheud sgriob a tharraing, bha iad a toirt an sguab so do na h-eich air cheann, greim an t-aon. Mur an deanadh iad so cha bhitheadh iad fortanach air a’ bhliadhna sin. Air eagal gu ’n tigeadh a’ chailleach bhuana air, bha gach tuathanach ’s a’ bhaile ag obair cho teann ’sa b’ urrainn dha los gu ’m bitheadh e ullamh de ’n bhuan roimh ’choimhearsnach. A’ cheud fhear a bhitheadh ullamh de ’n bhuain, bha e a ceangail an dlògh mu dheireadh a bh’ aige gu teann le bann connlaich, agus a dol a null leis do achadh a choimhearsnaich agus g’a fhagail air a ghàradh, ag radh,— “Sin agad a’ Chailleach bhuana, ’us beathaich i gu Earrach!” O fhear gu fhear bha ’chailleach a dol gus an ruigeadh i am fear a bha air deireadh gu leir, agus dh’ fheum esan a cumail, toilichte no diombach.
OIDHCHE SHAMHNA.
Bheir mi dhuibh an so “Oran Oidhche Shamhna” anns am faigh sibh earrann mhath de na cleachdaidhean a bh’ aca air an oidhche sin air an cur sios ann am briathran taitneach agus aighearach. Cha’n fhios domh co ùghdair an orain so, ach cha ’n eil teagamh nach robh e fior-eòlach air na seana chleachdaidhean. Tha mi ’an comain fhior Charaid-nan-Gaidheal sin, “Fionn,” airson an orain so; rannsaich e gu caoimhneil a mach an leabhar anns an robh e, agus thug e dhomh leughadh dheth.
ORAN OIDHCHE SHAMHNA.
Air oidhche na Samhain,
Bidh ann, bidh ann,
Buidseachan ’s deamhain
Neo-ghann, neo-ghann,
Bidh sìchean le h-aighir
A’ marcachd ’san athar,
[Vol . 6. No. 24. p. 7]
’Sa toirt leò mnathan,
’Us clann, ’us clann.
LUINNEAG.
Seinn uir-ibh-inn o-hò,
Ho-ro, ho-ro,
Nach cluinn sibh a chaileagan,
Fanaibh aig baile,
Mu ’m bi sibh ’nur fanaid
’S ’nur spòrs, ’s ’nur spòrs,
Seinn uir-ibh-inn o-hò,
Ho-ro, ho-ro.
Bidh moran de dhaoine
Fuidh sprochd, fuidh sprochd;
’S a’ chlann bidh a’ caoineadh
Gu goirt, gu goirt,
Bidh mnathan a’ glaodhaich,
’S cha bhi iad gun aobhar,
’S na sìchean ’gan slaodadh
Do ’n chnoc, do ’n chnoc.
Ged bhios logaidean ’s bodaich
Air falbh, air falbh,
Tha ’n oidhche sin sona
Gu dearbh, gu dearbh,
Gheibh fleasgaichean ’s caileagan
Brath air an leannain,
Le faisneachd gun mhearachd,
Gun chearb, gun chearb.
Tha mo gheibh sibh a Cheolraidh,
Mo chaill, mo chaill,
A ghleusadh gu ceol,
Is gu dàn, gu dàn,
Chum ’s gu ’n seinninn mu ’n ghòraich’
Tha ’measg na cloinn òige,
’S an aois cha ’n eil moran
Ni ’s fearr, ni ’s fearr.
Bidh fleasgaichean ’s cailean
Gun tàmh, gun tàmh,
A’ falbh feadh gach baile
’Goid càil, ’goid càil;
Cha bhi gàradh na callaid
Nach leag iad gu talamh,
’S iad a teicheadh leis dhachaidh
Gun nàire, gun nàir’.
’Nuair thig iad leis dhachaidh
Air chrith, air chrith,
Gun cuir iad e seachad
Gun fhios, gun fhios;
Bràigh doruis an tighe,
Mu ’n teid iad a laidhe,
Is bidh e gu latha
Ann an sin, ann an sin.
A’ cheud neach thig ’steach
’An ath là, ’an ath là,
Bidh ’na chomhar gu beachd
Air an gràdh, an gràdh,
Is dona na maith air an stoc
Ma bhios blas,
Bidh an urra sin ceart
Na gun stà, gun stà.
Ma leanas ris tobhtag
No pleoc, no pleoc,
Aig an aon sin bidh tochradh
Is toic, is toic;
Ach ma bhios an stoc geocach,
Crom, cam agus crotach,
Bidh an duine nis eolach
’Na chorp, ’na chorp.
Fasan eile tha aca,
Gu dearbh gu dearbh,
Bhi mach feadh nam bailtean
Air falbh, air falbh,
Ag éisdeachd, ’s a’ farchluais,
Aig dorus gach aitreibh,
’S gur comhar cheud fhacal,
Air ainm, air ainm.
A mach do ’n chruaich arbhair,
Théid iad, théid iad,
’S bidh a’ spionadh [ ? ]earbadh
Nan dias, nan dias,
An siol-mullaich ma d[ ? ]halbhas ,
Cha bhi ac’ ach fa[ ? ] earbsa
Gun d’ théid ceilidh leo shearmoin,
Gu sìorruidh, gu sìor.
’S theid feadhain le faicill
Do ’n àthaidh, do ’n àth’,
Is bheir iad leò ceirsle
Do shnàth, do shnàth;
G’ a tilgeadh do ’n lagan
Tri uairean, ’s ga tachras,
Feuch ’n d’ théid orra grabadh
Le ’n gràdh, le ’n gràdh.
Cuid eile gheibh ùbhall
Gun fhios, gun fhios,
’S theid iad gu gloin’ amharc
G’ a ith, g’ a ith;
’S chi iad coslais an le[ ? ]ain
’Ga spioladh gu h- [ ? ] ,
’S ’ga thoirt as an lan[ ? ]
Gu clis, gu clis.
Is tha e do dh- fhasan[ ? ]
Aig cuid, aig cuid[ ? ]
Dol do ’n t-sabhal [ ? ]sgnadh
Le guit, le guit; [ ? ]
’S chi iad samhla n[ ? ]sg
Dol seachad ’na [ ? ]bh ,
’S a dol as an t- sea[ ? ]
Na ruith, ’na ru[ ? ]
’S theid fleasgaich [ ? ]itheamh
Nan cruach, nan [ ? ]
’S gun tomhas le ’ [ ? ]ibh
Mu ’n cuairt, mu[ ? ]irt ,
Dh’ fhaighinn [ ? ] nan glacaibh
Air a chéile bhios aca;
Sin teichidh iad dhachaidh,
Gu luath, gu luath.
Cuid a thumas an alltan
An léin, an léin,
Far an coinnich trì oighreachdan
Chéile, a chéil’;
’S ris an tèin’ fad na h-oidhch’
Theid a cur gus am foillsich,
G’ a geard tannasg, no taoibhse,
Na dreag, na dreag.
’N sin theid aig an teallach
Air lic, air lic,
Tri chuachagan geala
Do fhiodh, do fhiodh:
Ann an aon bidh uisg’ glan,
’San aon eil’ uisge salach,
’S an treas fear bidh falamh,
Gun sile, gun sil’.
Theid an sin aon a dhalladh
Gu seòlt’, gu seòlt,’
’S gu’n teann e ’nan caramh
Le ’chròig, le ’chròig;
Air te thruailt, glan, na falamh,
Ma dh-éireas da amus,
’S e leit sin ni a theannadh
Na chòir, na chòir.
Gheibh iad an sin uachdar
A stòp, á stòp,
’S gu’n dean iad dheth fuarag
’Bhios mor, bhios mor;
Théid a cur ann an cuaich,
Is theid fàine gu luath innt,
’S ge b’e gheibh e tri uairean,
Gu ’m pòs e, gu’m pòs.
(Ri leantuinn.)
A. J. G. MacEachuinn,
Fear Tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.
Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C. B.
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG—Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.
Indurated Fibreware
Tha an seorsa so na ’s daoire na na bucaidean cumanta, ach ’s math is fhiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire.
THE
E. B. EDDY Co.,
LIMITED
HULL, CANADA.
[Vol . 6. No. 24. p. 8]
Oran Stuamachd.
FONN.
Tha ’n truaigh air an uisge-bheatha,
Tha ’n truaigh air ’s cha choir i chleth;
Tha ’n truaigh air an uisge-bheatha,
’S dona teth ’us fuar e.
Tha ’n truaigh air an uisge-bheatha.
Am fear a dh’ fhasas deigheil air
Bidh dorran aig a cheile dheth;
Bidh ’theaghlach ann an eigin leis,
’S gu ’m bi e fhein na thruaghan.
Tha poitearachd ro eifeachdach
Gu togail leoin ’us eucailean;
Mar sin ’s gu milleadh beusalachd
’S e fear gun cheil’ bhios suas ris.
Bhi taoghal tigh na grùidearachd
’S cleachdadh nach eil fiughail e;
Am fear le maith bhi biuthasach
Bidh ’chul ri fasan suarach.
Sud an cleachdadh mi-sheal’ach
A fhuair sinn bho ar sinnsearean;
Is dona truagh an dileab e
Cha robh ’s cha bhi e buadhar.
Is barail leam gu firinneach
Gur sona fear a dhìobras e,
’S a bhòidicheas nach pill e ris,
’S a dh’ fhanas dileas, stuama.
Bheir deoch do bhuadhan reusain uat,
Do chodach ni i reubadh dhiot,
Do chorp theid tur bho fheum leatha,
’Gad thoirt gu leir gu truaighe.
Tha ’n teisteas so ro-fhirinneach,
’S cho cinnteach ris a bhiobul dhuinn,
Am misgeir truagh nach dibir i
Cha ’n fhaic e sith no suaimhneas.
Na faighinnsa mo dhùrachd dhith
Bhiodh glanadh as an dùthaich oirr’,
Reidh misgeireachd a chulachadh,
’S bhiodh cùilean air an sguabadh.
Ach ’s eol dhomh cuid a dh’ àiteachan
Bho ’n fhuair i buileach bairligeadh,
’S a measg nan ionad adhmhor ud
Tha talla blath na stuamachd.
Taigh Beag mo Mhathar.
Tha mo smuain a ruith ’san am s’
Air na làithibh gasd’ a bh’ ann,
Nuair a bha mi òg ’sa ghleann
’San robh ’n sluagh ’bu taitneach leam,
Is taigh beag mo mhàthar.
Nuair a ruiginn gleann mo rùin,
’N déidh ’bhith as re greis de dh-ùin’,
Gheibhinn fàilt o laimh, ’s o ghnùis,
’S o chridh’ blath, le àgh ’s le mùirn,
An taigh beag mo mhàthar.
Gheibhteadh teine de dh’ fhiodh cruaidh,
Chuireadh teicheadh air an fhuachd,
A bhiodh geanail, brisg, gun ghruaim,
’S na chuis-thoileachaidh do shluagh,
An taigh beag mo mhàthar.
Chìt’ an coire ’brùchdadh ceo,
Deannan tea a tigh’nn o dhòrn,
’S a phoit dhonn gu caoimhneil, còir,
A toirt as duinn brigh an t-sòigh,
An taigh beag mo mhàthar.
Chìteadh anart geal gun sgòd,
Soithichean cho glan ri òr,
’S gach ni eile, mar bu chòir,
’Dol gu h-innealt air a bhòrd
An taigh beag mo mhathar.
Chìt’ air uairean botull bàn,
’Bha ’sa chiste ruaidh ’na thàmh,
Shios fo ’n t-sestall socrach, slàn,
’Tigh’nn am follais air a chlàr,
An taìgh beag mo mhàthar.
Bha mi ’n taighean mòra, briagh,
Anns am biodh gach ni a dh’ iarrt’,
Ach cha d’ fhuar[ ? ]réim leam riamh
’Bha cho blasda ris a bhiadh,
’Bha ’n taigh b[ ? ] mo mhàthar.
Gheibhteadh leab[ ? ]ocrach , réidh,
Lion-anart gun smal, gun reub,
’S plaideachan de fighe féin,—
Leab’ a b’ fhearr leam ’bha fo ’n ghréin,
An taigh beag mo mhàthar.
Chluinnt’ a chainnt a’s momha brìgh,
’Chainnt a labhair gaisgich Fhìnn,
Is na diadhairean ’bha ’n I,
’Tigh’nn gu glan o bhilibh binn’,
An taigh beag mo mhàthar.
Gheibhteadh eachdraidh shoilleir, reidh,
Mu na gaisgich reachdmhor, ghleusd,
’S mu gach ni air an robh sgeul
Ann an Albainn nam fear treun,
An taigh beag mo mhàthar.
Chiteadh speucla[ ? ]ean air sròin,
Sùilean gorma, [ ? ]mhneil , beò,
Leabhar Dhé a [ ? ]aoi ’na dòrn,
’S i ’toirt as d’ a[ ? ]nam lòin,
An taigh be[ ? ] mhàthar.
Chluinnteadh [ ? ] ga cur suas,
Moch is anmoch [ ? ]a b’ ann fuar—
Ris an Ti a gha[ ? ]n truas,
’S a chuir Mac [ ? ]h a nuas,
An taigh bea[ ? ]àthar .
Nuair a thig am [ ? ] ’s dù,
Is a dhallas e mo shùil,
B’e mo mhiann mo chur ’san ùir
Ann an àite bhiodh car dlùth
Air taigh beag mo mhàthar.
Dh’ fhalbh mi o’n taigh an la roimhe. Bha agam ri dhol mu dheich mile fichead. Bha an rathad làn puill, ’s cha ghabhadh an t-each cur ro luath. Bha ’n latha trom, dorcha, ’s na neoil a bagairt uisge. Thòisich mi air smaointeachadh mu na làithean taitneach a dh’ fhalbh. Cha b’ fhad a lean mi air an obair so nuair a fhuair mi mi fhìn a gabhail crònain. Lean mi air ’s leig mi leis an each a bhith ga threorachadh fein. Bha mi sgriobhadh nan rannan air m’ inntinn mar a bha mi ’gan cur ri ’cheile. Nuair a bha mi deas, sheall mi mu ’n cuairt, ’s cha robh fhios agam c’ àit an robh mi. Dh’ fhaighneachd mi de dhuine a thachair rium mu ’n rathad a dh’ ionnsuidh an àite gus an robh mi a dol. Thubhairt e rium gu ’m feumainn tilleadh air ais tri mile mu ’m faighinn air an rathad cheart. Cha robh àrach air; b’ fheudar tilleadh, agus sgur de bhith sgriobhadh ann am cheann air an rathad mhor.
CUID-EIGINN.
Nobhember 16, 1897.
AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leigsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD.
Cuir a dh’ iarraidh sampuill, teisteannais us urrais.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia. —agus—127 State St Boston, Mass.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar duthcha tha ’nar beachd.
NIALL Mac FHEARGHAIS,
Taillear.
SIDNI - - - C. B.
$1 .00 air 80c.
Tha tuilleadh ’sa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dh’ airgead. Thig mu ’m bi ’n t-am seachad agus
FAIGH BARGAN.
McDonald Hanrahan & Co.
Sidni, Iulaidh 16, ’97.
C’AIT AM FAIGH MI?
Saibh, Glasan, Luaidhe, Sgeinein, Lainntearan, Sguabaichean, Paipear-tearra, Paipear-tubhaidh.
Olla, Fudar, Glaine, Siosaran, Tairnean, Bucaidean, Tuaghannan.
GHEIBH AIG
C . P. MOORE,
Sidni, C. B.
title | Issue 24 |
internal date | 1897.0 |
display date | 1897 |
publication date | 1897 |
level | |
reference template | Mac-Talla VI No. 24. %p |
parent text | Volume 6 |