[193]

[Vol . 6. No. 25. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 17 DESEMBER, 1897. No. 25


Litir on Chuairtear.

A CHARAID. —Tha mise rithist air Cladach a TuathSt . Anns. Than sluagh ann an so cho còirsa than duthach cho beanntail, agus duine sam bith a tha eòlachsan dùthaich, tuigidh e mar sin gu bheil an luagh còir da-rireabh. Is àite gle fharsuinnSt . Anns.Tha còig eaglaisean ann. Bha am paraiste aon uair fo chùram aon mhinistear, ach tha e nise air a roinn eadar dithis. Than t-Urr. Calum Mac Leòidna mhinistear anns aGhut a Deas agus am Baile nan Gall, agus an t-Urr Iain Friseal na mhinistear air an Amhuinn a Tuath, an Amhuinn Innseanach agus an Amhuinn Fhrangach. Tha iadnan sluagh a tha gle dheanadach; chuir iad suas eaglais ùr aig a Ghut a Deas, agus tha iad atogail te eile aig an Amhuinn Fhrangach. Ann an coithional Mr. Fhriseil tha iad an deigh mansa mor bragha a thogail; dhfhaodadh tu an t-eilean a shiubhal gun a leithid fhaotainn. Cha shaoileadh tu gu bheil an dùthaich anabarrach beairteach, agus cuiridh na togalaichean briagha so ioghnadh ort. Is fior an sean-fhacal a thag radh, “far am bheil toil bidh gniomh.” Tha mi creidsinn gur h-es aobhar dhan t-sluagh a bhi cho math gu bheil na ministearan a toirt deagh eiseimpleir dhaibh ann a bhacur a mach an cuid airgeid fhéin gu fialuidh an àm togailnan taighean so. Chuala mi fear-teagaisg uair ag radh nach robh dòigh ann air am bfhusa do Chriosduidh toirt air daoineile math a dheanamh na e-fhéin a thoiseachadh agus iarruidh orra-san a dhol a dhobair còmhla ris. Tha so fior mu nithean nàdurra agus tha mi creidsinn gu bheil e cheart cho fior mu nithean spioradail. Tha e nas fhusa daoine tharruinn na tha e an cur gu ni dhan aindeoin. Nan tuigeadh luchd-stiùiridh sin nas fhear na tha moran dhiubh a deanamh, bhiodh barrachd soirbheachaidh aca, agus dheanadh iadsluagh toileach.”

Aon oidhche Shathurna o chionn ghoirid, an deigh dhomh a dhol troimh sgireachd no dha anns nach robh duine ach Goill agus Frangaich, stad mi aig tigh air son an oidhche chur seachad. Cho luathsa dhfhosgail mi an dorus, bha mi cinnteach gu robh gach caoimhneas air an cuirinn feum ri fhaotainn anns an tigh sin, oir air a bhòrd a bhatar a suidheachadh air son na suipearach, bha truinnsear de dharan coirce, agus chunnaìc mi cuideachd àireamh dhen MHAC-TALLA. ’S mise nach robh air mo mhealladh. Rinneadh rium cho mathsa ghabhadh deanamh, agus chuir mi seachad an t-Sàbaid còmhla riutha gu dòigheil agus bha ar seanchas uile gu léir ann an cainnt ar n-athraichean.

Tha seann duine afuireach faisg air an àite sin a tha anabarrach geur ann am bruidhinn. Chaidh e aon latha gu tigh coimhearsnaich aig am bheil teaghlach mor de ghillean, agus achuid as motha dhiubhnam mhaighisteirean sgoile. Thachair fear de na gillean air an t-seann duine air an rathad dhionnsuidh an taighe, agus fhuair e a cheasnachadh. “Càitem bheil Dòmhnull?” ars an seann duine. Dhinnis an gille gu robh Domhnull acumail sgoile ann an àite nach robh gle fhad air falbh. “Agus càitem bheil Iain?” ars an seann duine. Bha Iain a cumail sgoile ann an àit eile. “ ’S càite bheil Aonghas?” Bha Aonghas acumail sgoile cuideachd. “ ’S càitem bheil Alasdair?” Bha Alasdair beagan na bfhaide air falbh, ach bha e ris an aon obairsa bha thriùir bhràithrean a chaidh ainmeachadh roimhe. Bha an seann duine a fàs car searbh dhe na freagairtean a bha e faotainn, agus thuirt eseadh, direach; ach càite bheil do mhàthair a cumail sgoile?” Rinn mi uiread de ghàireachdaichnuair a chaidh so innse dhomhs gun do dhiochuimhnich mi fheòrach an dthug an gille freagairt air acheist so, agus mar sin chan urrainn mi a radh co dhiu tha no nach eil màthair nan gillean a cumail sgoile. Is mise do charaid,

AN CUAIRTEAR.


A Malagawatch.

Than samhradh seachad, thainig crioch air an fhoghar, agus ged a than geamhradh air tighinn le tomhas de dhfhuachds de reothadh, chan eil daoinegearan, oir bham fiarsam bàrr gle mhath. ’S en t-iasgach an obair as bitheanta tha daoine ris aig an àm so, ach leis cho stoirmeilsa bhan t-side gu ruige so, cha deachaidh moran éisg a ghlacadh fhathast. Bàbhaist don sgadan a bhi gu math pailt mun àm so, ach tha iad gle ghann am bliadhna. Tha na seann daoine ag radh gur àbhaist don sgadan an Nollaig a chur seachad anns na h-uisgeachan so; mar sin chan eil fhios nach tig iad fhathast.

Tha seòladhna obair chunnartach mun àm so dhen bhliadhna. O chionn tri seachdainean air ais, bha bàta thri siùil, anns an robh Uilleam Domhnullach agus Domhnull Mac Rath a tighinn as an Acarsaid Mhoir gu Loch Mhalagawatch, air a ghlacadh ann an stoirm agus air a chur fodha. Bha aghaoth leotha gus an drainig iad caolas aBhoom, ’nuair a thionndaidh inan aghaidh le frasan fuara sneachda, agus thainig aon oiteag a chuir am bàta air a thaobh anns an uisge. Chaidh na siuil fhuasgladh gun dàil, ach cha tigeadh am bàta air ais, agus an ùine gle ghoirid lion e le uisges chaidh e dhan ghrunnd. Bfheudar dhan dithis aca snàmh mu thri cheud slat mun dfhuair iad gu tir, agus bha iad air an claoidh gu mor. Bu bheag an t-ioghnadh, oir bha còtaichean troma geamhraidh umpa. Feumar iomradh a thoirt air Niall Martuinn a chaidhnan coinneamh le scowbham bàtaig air falbh aig an àmagus le cuideachadh a dhithis ghillean beaga, a thug iad gu a thaigh fhéin, far an drinn e riutha mar a dheanadh an Deagh Shamaritan.

GILLE.
Dec. 3, 1897.


Litir o Charaid Ur.

A DHEAGH CHARAID. —Chunnaic agus leugh mi da àireamh dhen MHAC-TALLA; thugadh dhomh iad le mo charaid, Uisdean Mac Colla, am post-mhaighstir an Strathroy. Bha mi gle bhuidheach dhiubh, agus air leam gu n robh dol agam air an leughadh gle mhath, ged nach do labhair mi cha mhor facal Gàilig o chionn àireamh bhliadhnaichean. Bha mi an dùil gur h-ann a bha i air a dhol bàs gu buileach, achse mo bharail gu bheil do phaipear-sa an deigh a h-ath-nuadhachadh, agus tha mi an dòchas nach teid i am feasda air diochuimhn’, ach gum bi i air a labhairts air a leughadh le clanna nan Gaidheal anns gach cearna dhen t-saoghal. Tha grunnan math de shliochd nan Gàidheal anns achearna so den dùthaich, ach tha moran dhiubh aig nach eil cànain nan daoine on dthàinig iad. Agus tha mi creidsinn gu bheil sin mar sin a chionn nach robh paipear-naigheachd Gàilig anns an dùthaich. Gheibh thu anns an litir so dolar air son bliadhna dhen MHAC-TALLA. Cuir gam ionnsuidh e gun dàil, agus mar sin cuir comain air do charaid,

IAIN MACARTAIR
Lobo , Ivan P. O., Ont.


Tha barrachd eaglaisean ann an Astralia a reir àireamh an t-sluaighsa tha ann an dùthaich sam bith eile.



[194]

[Vol . 6. No. 25. p. 2]

SGEULACHDAN ARABIANACH.

VII. —SINDBAD AN SEOLADAIR.

CAIB. I.

Ri linn righ Haroun Alrashid, air an dthugadh iomradh roimhe, bha portair bochd ann am Bagdad dom bainm Hindbad. Air latha araidh, an uair a bhan t-side anabarrach teith, bha aige ri eallach throm a ghiulan o aon cheann den bhaile gus an ceann eile. Air dha bhith gu sgith agiulan na h-eallaich, agus astar mor aige ri choiseachd mun ruigeadh e ceann a thuruis, shuidh e a leigeadh analach air aon de na sraidean bu bhriaghabhanns abhaile. Thachair gun do shuidh e mu choinneamh taighe a bha anabarrach mor, maiseach. Bhan t-sràid air a nigheadh air beulaobh an taighe le uisge nan rosan, agus bha faileadh abhidh a bha na cocairean adeasachadh anns an taigh atoirt neart dha chridhe.

Bhan ceol a baille a chuala cluas riamhga chluichs an taigh; agus bha ceileireadh nan eun boidheach, binn-ghuthach a bha seinn air bharraibh nan craobh, atogailinntinn air a leithid de dhoighs gun robh e anns an am adichuimhneachadh moran dhe gach eis is sgios is saruchadh a bha efulang. Thuig e gun robh cuirm shoghail, ghreadhnach adol air aghart anns an taigh. O nach babhaist dha bhithdol troimhn chuid ud dhen bhaile, cha robh fhios aige co bhafuireach anns an taigh. Thug en aire gun robh cuid dhe na seirbhisich am machs a steach mun dorus, agus iad ann an eideadh anabarrach riomhach. Dhfheoraich e dhiubh co bhafuireach anns an taigh. Fhreagair fear dhiubh, agus thuirt e, “An e nacheil fhios agadsas tufuireach ann am Bagdad gur e so an taigh aig Sindbad an Seoladair, am fear-siubhail ainmeil a sheol timchioll an t-saoghail gu leir?”

Chualam portair roimhe sin iomradh air Sindbad agus air an t-saoibhreas mhor a bhaige, agus an uair a smaoinich e air cho fior bhochds a bha e fhein, cha burrainn e gun fharmad a bhith aige anns an am ri duine aig an robh saoibhreas ro mhor mar a bhaig Sindbad. Mar bu mho a smaoinicheadh e air an dealachadh a bheadar a shuidheachadh bochd, truagh fhein, agus an suidheachadh anns an robh Sindbad, is ann bu mho a bha de dheuds de dhfharmads de champar ag eirigh suasna inntinn. Thog e suas a shuilean ri neamh, agus thuirt e le guth ard, “A Dhe uile-chumhachdaich, a chruthaich na h-uile nithean, thoir fa near an dealachadh a theadar Sindbad agus mise. Tha mise gach latha air mo chlaoidh le obair chruaidhs le mi-fhortan, agus is gann a theid agam air greim tur, tioram dhen aran a chumail rium fheins ri mtheaghlach, am feadh a tha Sindbad asealbhachadh saoibhreas ro mhor, agus acaitheamh a bheatha ann an soghs ann an subhachas air nacheil crioch. Cia mar a thoill mise bhith air mo churs an t-suidheachadh thruagh so anns am bheil mi?” An uair a thuirt e so, bhuail echas air an talamh mar gum biodh e air a lionadh le eu-dochas.

An uair a bham portair mar so fo liondubh, thainig seirbhiseach am mach as an taigh, agus rug e air ghairdean air, agus thuirt e gun robh Sindbad ag iarraidh air a dhol a steach a bhruidhinn ris. An uair a chuala Hindbad bochd so ghabh e ioghnadh gu leoir; oir an uair a thug e fa near na briathran gearaineach a labhair e, bha eagal air gur ann gu peanas a dheanamh air a chuir Sindbad fios air. Air an aobhar sin thoisich e ri leithsgeul a ghabhail, ag radh nach fhaodadh e an eallachfhagail air an t-sraid. Ach thuirt an seirbhiseach ris gun gabhadh e fhein curam dhen eallaich, agus mu dheireadh thug e air a dhol a steach.

Thug an seirbhiseach a steach e do sheomar mor far an robh aireamh mhor shluaighnan suidhe mun cuairt air bord na dinneireach. Aig ceann shuas abhuird bha leth-sheann duine maiseach air an robh fior choltas coir, siobhalta, agus feusag fhada, gheal air, ’na shuidhe, agus seirbhisichnan seasamh laimh ris a chum frithealadh a dheanamh dha. Be so Sindbad.

An uair a chunnaic am portair na bha de shluagh aig an dinneir mhoir so, ghabh e eagal, agus bha crith air a ghuth an uair a chuir e failt air achuideachd. Dhiarr Sindbad air tighinn air aghart, agus thug e air suidhe aig a dheas laimh aig abhord, agus cha bu luaithe shuidh na thug Sindbad lelaimh fhein dha glaine fhiona. Ghabh edhinnear comhladh ris achuideachd.

An uair a bhan dinnear seachad, thoisich Sindbad ri bruidhinn ris aphortair. Dhfheoraich e dheth co dhainm a bhair, agus ciod an obair a bhaige.

Mo mhaighistir, arsesan, “is e mainm Hindbad.”

Tha mi gle thoilichte dfhaicinn,” arsa Sindbad, “agus tha mi cinnteach gur math leis achuideachd gu leir dfhaicinn mar an ceudna. Bfhearr leam gun innseadh tu dhomh ciod a bha thug radh o chionn greise air an t-sraid.” Chuala Sindbad troimhn uinneig a h-uile facal a thuirt e mun do shuidh e aig an dinneir, agus be sin a thug air iarraidh air aphortair a dhol a steach.

Ghabh Hindbad ioghnadh an uair a chualecheist so, agus chrom echeann, agus thuirt e, “A mhaighstir, tha mig aideachadh gun robh minntinn troimh a cheile aig an am leis cho sgiths a bha mi, agus thug sin orm briathran gun tur a labhairt. Tha min dochas gun toir sibh mathanas dhomh.”

Na bi smaointean gum bheil mise cho beag turs gun gabh mi gu h-olc aon fhacal dhe na thubhairt thu. Tha fhios agam air do shuidheachadh, agus an aite bhithfaotainn coire dhut air son a bhith gearain, is ann a tha truas agam riut. Ach on a tha beachd mearachdach agad mu mthimchioll, feumaidh mi do chur ceart. Gun teagamh sam bith tha thusmaoineachadh gun dfhuair mise an saoibhreas agus an t-socair a thagam an diugh gun dragh gun trioblaid. Ach tha do bheachd mearachdach. Cha dthainig mi gu bhith anns an t-suidheachadh anns am bheil mi gun bhith fad iomadh bliadhnafulang trioblaid cuirp is inntinn cho mors gur gann a chreideadh daoine, Seadh, a dhaoine uaisle,” arsesans elabhairt ris a chuideachd gu leir, “tha mig innseadh dhuibh le firinn gun dfhuiling mi trioblaidean anabarrach mor, agus gun tugadh na tursan-cuain a ghabh mi a chum an saoibhreas a thagam a chur cruinn a mhisneach on duine as sanntaiche a than diugh beo air an talamh. Is docha nach cuala sibh cunntas cheart mu na driodartan iongantach agus na cmnnartan morathachair rium re nan seachd tursan-cuain a ghabh mi; agus on a than cothrom agam a nis air an innseadh, tha mi toileach mion-chunntas a thoirt dhuibh mun timchioll. Chan eil teagamh agam nach taitinn mo naigheachd ribh.”

An uair a dheug mathair, dhfhag e cuid mhath de shaoibhreas agam. An uair a bha mi og, gorach, chaith mi an earrann bu mho dheth gun fheum sam bith dhomh fhein no do dhaoineile. Mu dheireadh thug min aire gun robh midol fada cearr, agus thug mi fa near nach maireadh beairteas ach uine ghoirid mur tugadh daoine an aire mhath dha. Thug mi fa near mar an ceudna gun robh micur seachd na h-uine gun fheum, agus nacheil ni anns an t-saoghal cho luachmhor ris an uinethug Dia dhuinn a chum feum a dheanamh dhith. Chuimhnich mi air na briathran a labhair Solamh, agus a chuala mi gu tric aig mathair, Gur e am bas as fhasa fhulang na fior bhochdainn. An uair a ghabh mi le curam beachd air na nithean so, chruinnich mi gach ni a bhagam agus reic mi e ris an fhear a bairde tairgse. Chuir mi mo chomhairle ris na marsantan bu ghlice a bhanns abhaile, agus thuirt iad rium nach robh doigh air am bfhearr a dheanainn beairteas na falbh air long comhladh ri marsantan eile gu ruige na rioghachdan thall, agus reic is ceannach a dheanamh. Chaidh mi gun dail sam bith do Bhalsora, agus thuarasdalaich mi fhein agus marsantan eile long eadrainn. An uair a luchdaich sinn i leis gach seorsa bathair a bfhearr a shaoileamaid a gheibheadh reic, sheol sinn gu ruige na h-Innsean an Ear.

Bha mi gle thinn le tinneas-mara fad beagan laithean an deis dhuinn seoladh; ach ann an uine ghoirid cha chuireadh an tinneas-mara dragh sam bith orm.

Thaghail sinn ann an caochladh eileanan air ar turus, agus reic sinn cuid dhen bhathar.

Air latha araidhs gun deo shoirbheis againn thug sinn an aire gun robh eilean beag, comhnard faisge oirnn, a bha a reir choltais fo fheur goirid, gorm. Thug an



[195]

[Vol . 6. No. 25. p. 3]

sgiobair ordugh na siuil a phasgadh, agus thug e cead do gach aon a thogradh a dhol car uine don eilean bheag so. Chuireadh am mach am bata-fada, agus chaidh mi fhein agus aireamh mhath dhen luchd-turuis a bhair bord innte, agus dhiomair sinn thun an eilean. Thug sinn leinn biadh is deoch, agus connadh gus teine fhadadh air an eilean. An uair a dhfhadaidh sinn deadh theine agus a bham biadh a thug sinn leinn air a dheasachadh, shuidh sinn aige. Mun robh sinn ullamh dhe ar biadh thoisich an t-eilean ri dol air chrith for casan. Thug an fheaghainn a bhair bord an aire mar an ceudna gun robh an t-eilean ri dhol air chrith, agus ghlaodh iad ruinn sinn a thilleadh gu bord cho luaths a burrainn duinn ar neo gum biomaid caillte. Ged a bha sinn an duil gur ann air eilean a bha sinn, is ann a bha sinn air druim muice-mara a bha anabarrach mor.

A h-uile fear bu luaithe na cheile, thug e am bata-fada air; shnamh cuid eile air falbh; ach mun dfhuair mise falbh bhar druim na muice-mara chaidh i fodha, agus gu fortanach fhuair mi greim air sgonn den fhiodh a bhagainn air son an teine fhadadh.

An uair a shaoil leis an sgiobair gun robh gach aon dhe na chaidh thun an eilean air bord aige, ghrad rinn e deiseil gu seoladh air falbh. Eadar an t-eagal a ghabh iad agus achabhag a bhorra, cha dionndrainn aon seach aon aca gua robh miseg an dith. Anns an am thainig soirbheas fabharrach, agus ann an uine ghoirid chaidh an long as mo shealladh.

Bha mise mar so air bharraibh nan tonn fad lathas oidhche, agus bha mo dhiol agam mi fhein a chumail an uachdar. An la-iar-na-mhaireach bha mo neart air mo threigsinn cho mors gun dthug mi duil thairis dhe mo bheatha. Ach gu fortanach thug an sruth mi fheins am maide air an robh greim agam a dhionnsuidh eilean, agus chuir na tonnan air tir mi.

Bha cladach an eilean cho cass cho ards gun do theab nach fhaighinn a dhireadh idir; ach thachair gun robh freumhan is meanglain nan craobh a bhafas air bruaich achladaich cho laidirs gun do chum iad rium fhads a bha mi direadh gu h-eigionnach suas gu talamh glas.

(Ri leantuinn.)


Innsean na h-Airden Ear.

Be latha grianach, aghmhor a dhealruich airIndiaan uair a thainig crioch gu brath air ughdarras na cuideachd a bhagiulan malairt air aghaidh agus acosnadh moran airgid eadar BreatunnusIndia. Tha iomadh teaghlach beartachus mor-chuiseach an diugh, oir tha saoibhreas mor aca do bhrigh gu buineadh aon no dha desinnsirean don chuideachd ud, agus gu dfhuair iad cuibhrionn nach robh beag no suarach den òrus den airgiod a thug malairtIndiado na Breatunnaich. Is ann le aighearus le toileachas sonruichte a chuala gach Innseanach stolda, glic ann an 1858, gur eBhan-righ Bhictoria, aBhan-Iompaire cheanalta, churamach, cheart a bhadol a rioghachadh thar righrean, ’us feachdan, ’us milteanIndia ’na dheigh so. Cha tig an latha gu brath anns an teid ann an dichuimhne an t-aramach borb, bruideil, fuileachdach a thachair mun do ghabh aBhan-righ i fein os laimh cuiseanus rioghachdanIndiaastiuireadh agus achumail ann an ordugh seasmhach, suidhichte, laidir, ceart. Is maith a bha fios aig na ceannardan calma, dealasach, aig Morair Chluaidh, aig Morair Strathnairn, agus aig iomadh saighdear foghainteach eile, gu robh uachdaranachd Bhreatunn ann anIndiaann an staid bhochd, fhann, chunnartach. Nochd iad gaisge fuasach agus trreubhantas anabarrach ann an ciosnachadh nan righreanus nan saighdearan a rinn ceannairc co eagalach. Chuir Morair Strathnairn (an Ridir Eoghann Rose) gu dalma an cath tri uairean ann an aon latha, ’us thug e buaidh tri uairean air an latha cheudna. Bhaghrian afrasadh a nuas a gathannan loisgeach, agus bhabheatha ann an cunnart uamhasach. Dhoirt e uisge gu pailt air a cheann, ’s air a chorp mar an ceudna, agus air an doigh so, bha ena chomas tri blair a ghleachd leshaighdearan dileas, tapaidh ann an aon latha. An deigh don aramachus don aimhreit mhosach, chraiteach a bhi seachad, bha na Breatunnaich furachail gu leoir re iomadh latha, oir cha burrainn iad muinghin a chur ann an sluagh a rinn gun aobhar ceart air bith, aramach co cealgach, co ceannairceachus co caillteach. Shoirbhich leIndiagu maithus gu ro-mhaith on thainig i fo riaghladh direach na Ban-righ Bhictoria. Cha bhris aramach a rithist a mach ann an cabhag. Tha luchd-riaghlaidh na dùthcha gu leir faicilleachus suileach air chors gu bi amharus trath aca air gach othail, ’us upraid, ’us ceannairc a bhitheas abagradh dragh a dheanamh. Thug na Breatunnaich mile beannachadh do dhùthaichIndia. Tha ceartasus ionracas air an nochdadhus air an cumail suas gu duineil, firinneach anns gach cearna tuathus deas den dùthaich fharsuing so, leis gach sluagh lionmhor a thaga h-aiteachadh. Chan eil a chridhe aig righ borb air bith an claidheamh a tharruing, agus a shathadh ann an amhach a choimhearsnaich. Tha e fior gu bheil rioghachdan ann anIndia ’tha fathast, ann an tomhas mor bho ughdarras an righrean fein. Tha duine glic, teoma, seirbhiseach dileas do Bhreatunn, daonnan a lathair ann am baile mor nan righrean so, agus tha e min-eolach air gach nitha tachairt aig cuirtus a measg luchd-comhairle nan righrean so. Feumar cead Bhreatunn iarraidh, agus a toil mar an ceudna, mun urrainn righ air bith gniomh mor no ardanach a ghabhail os laimh. Do na righrean a tha fo ughdarras Bhreatuinn gu buileach, than luchd-riaghlaidh atoirt suim mhoir airgid anns abhliadhna, agus tha na righrean so toilichte len neamhnuidean dealrach, boillsgeach, ged nach eil aca cumhachd air bith. Tha rathaidean-iaruinn a bhosus shuas air feadh na dùthchanis. Tha eolasus innleachdan na Roinn-Eorpa gle chumanta ann anIndia. Tha sgoileanus oil-thighean anns gach cearna den tir, agus is maith as aithne do na h-Innseanaich Beurla chruaidh, ghlan, ghrinn a labhairt. Tha sonasus comhfhurtachd air nach robh eolas aca riamh roimhe, aig luchd-aiteachaidhIndia. Is caoimhneil agus is faoilidh a thug an luchd-riaghlaidh, aire do na daoine bochd a bhafulang ocrais eagalach on bha gort muladachnam measg. Anns na linntean a dhfhalbh an uair a thigeadh gort, gheibheadh miltean bas duaichni, oir cha robh e comasach comhnadh a dheanamh leo no biadh a thoirt gan ionnsuidh, air an àm iomchuidh. Tha iomadh rathad-iaruinnus sruth-chlais air feadh na dùthchachuir sgilus airgiod Bhreatunn ann an uidheam. Tha mar so toradh nan achaidhean air a mheudachadh gu mor. Tha beartas iomadach na dùthcha gu leir air fhosgladh suas. Le innleachdus dichioll cliuiteach, shoirbhich le Albannach measail ann an uisgethabhairt bho dhruim corrach, ard nan cnoc ann an airde deasIndia, a chum taisealachd a ghiulan do ionadan tioram anns an airden ear. Rinn e sruth chlais leathunn, dhomhainn air mullach nan cnoc, agus mar so thug e air pailteas uisge slighe uir a ghabhail, agus snuadh urail, boidheach a chur air mile leargas comhnard aig am bheil talamh briaghmhor, trom. Tha righreanIndiagle thaingeil, mar is coir doibh, gu bheil iad amealtuinn sithus tearuinteachd co luachmhor fo chumhachd Bhreatunn agus fo riaghladh na Ban-Iompaire Bhictoria. Chan eirich iomradh air cogadh no air aimhreit air bith anns an airden ear, gun dearbhadh gasdadhusgadh suas air cia co cairdeil do Bhreatuinns a tha righreanIndia, ’us cia co toileachs a tha iad air cuideachadh treun a thoirt do Bhreatunn len daoine, len saighdearan, ’us lem maoin, anns gach connspuidus cogadh a dhfhaodas briseadh a mach.

CONA.


Tha Iapan acur roimpe loingeas chogaidh mhath a bhi aice. Tha idol a chosg coig muillein fichead punnd Sasunnach ann an togail shoithichean re nan coig bliadhna ri tighinn. Ma leanas an dùthaich so roimpe, chan fhada gus am bi i cho cumhachdach ris a chuid as motha de rioghachdan na Roinn-Eòrpa. ’S mor an t-eadar-dhealachadh a tha eadar i-fhein agus Sina.


Thatar a nise cinnteach nach eil gorta ri bhi ann an Eirinn air a bhliadhna so idir, mar a bhasan ainm toiseach agheamhraidh. Chaidh am buntatanan aghaidh gu mòr, agus faodaidh biadh a bhi gle ghann ann an cearnan, ach chan eil eagal sam bith gum bi gorta ann.



[196]

[Vol . 6. No. 25. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, . . . $1 .00
Sia miosan, . . . .50
Tri miosan, . . . .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig garn ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh dan duileig, agus, nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,’
Sydney, Cape Breton


SIDNI. 17 DESBMBER. 1897.

Bhasan ainm an toiseach gum bEirionn- am piobaire a chluich air a phiob aigDargai Ridgedo na Gaidheil Ghordanach an deigh dha bhi air a leònadhna dha chois, ach cha robh an sgeul sin ceart. Is Albannach e a fhuair a bhreith usarach ann an Turriff, an siorrachd Abaraidhean, far an robh athairna thuathanach agusna mhuillnear. Is ainm dha Findlater. Rinneadh an ceart nisa rinneadh leis-san, o chionn cheithir fichead bliadhnasa deich air ais le Stiùbhartach a bha piobaireachd do na Gàidheil ann am blàr Vimiera, ’nuair a bha Bonaparte a feachainn ris an Roinn-Eòrpa a chur fodha fhéin. Chaidh a leònadh gu dona anns an t-sliasaid, ach a dhaindeon sin, shuidh e air bruaich, agus lean e air cluich na pioba gus an robh am blàr seachad. “Chan urrainn mi, ’illean, a dhol gur cuideachadh ris an t-sabaid,” ars esan ri chompanaich, “ach fads is urrainn domh, cha bhi dith ciùil oirbh.” Chaidh piob eireachdail a thoirt don ghaisgeach so, an deigh dha tighnn dhachaidh, leis an t-seann Chomunn Ghàidhealach.

Thug fear Tomas Lenehan, seann tuathanach ann an Lunenburg ionnsuidh air a bhean a mhort air an t-seachdain sa chaidh. Thug e dha no tri bhuillean dhi le tuaighsa cheann, ’ga gearradh gu h-eagallach. An deigh sin bha edol a ghabhail dhi le sgian, ach thainig a mhic a stighs rinn iad greim air. Tha e nise anns a phriosan, a feitheamh cùrtach; tha e tri fichead bliadhnasa deich a dhaois. Tha a bhean bhochd ann an suidheachadh gle chunnartach.

Chaidh fear Iain Boutilier a mharbhadh anns a Mhèinn a Tuath Di-haoine sa chaidh le torr claiche a thuit airse aig obair. Cha robh e beò ach uair an deigh a thoirt as. Dhfhàg e bean agus teaghlach lag. Chaidh duineile a ghoirteachadh gu dona an latha sin, ach theid e am feabhas.

Bha trioblaid nach bu bheag eadar Seanalair Gascoigne, ceannard airm Chanada agus aon no dha dhe na réiseamaidean a tha fodha. Chaidh na bheadar e-fhein us réiseamaid a thann a Halifacs a réiteach, ach bha achùis cho teith eadar e-fhein us cuid de dhoifigich na réiseamaid Ghàidhealaich ann am Montreals gun do chuir e an Còirneal Strathy, ceannard na réiseamaid, á dreuchd. Bha Strathyna dheagh oifigeach, aguss ann dha a bhuineas an cliù an réiseamaid a bhi cho mathsa tha i. Tha moran dhen t-sluagh duilich gun dthanaig air a fàgail.

Chaidh tagradh a chur a dhionnsuidh na Ban-righnn o chionn ghoirid le muinntir na h-Alba acur an aghaidh a chleachdaidh a thaig moran de na Sasunnaich a bhig ainmeachadh gach ni Breatunnach air Sasuinn. Mar as tricese aPhàrlamaid Shasunnach, an t-Arm Sasunnach, agus Ban-righ Shasuinn, a their iad an àite aPharlamaid Bhreatunnach, an t-Arm Breatunnach, agus Ban-righ Bhreatunn, mar bu chòir dhaibh. Tha 104,647 ainm ris an tagradh, agus tha am paipear air am bheil e air a sgriobhadh corr us tri chairteil mile a dhfhad.

Dhfhalbh fear Napoleon Au Coin, a mhuinntir Cheticamp, a bhacumail sgoile aigMeat Cove,gu dhol dhachaidh seachdain gus an Di-mairt sa chaidh. Bha e air a threòrachadh tarsuinn an dùthaich troimhn choille le dithis dhaoineile, Iain agus Domhnull Friseal. ’Nuair a bha iad mu thri chairteil an turuis thuit Au Coin marbh, ’se air a bhualadh le tinneas achridhe. Cha robh e ach 24 bliadhna dhaois, agus dhfhàg e bean us aon duine cloinne.

Chaidh Lyman Dartt fhaotainn ciontach de bhàs acheannaiche Armenianich, agus tha e ri bhi air a chrochadh air a cheathramh latha dhen Mhàrt. Chan eil teagamh sam bith nach e a mharbh an duine, ach chan eil aobhar sam bith ri fhaicinn air son ega dheanamh, agussi bharail chumanta nach robhna bheachd a mharbhadh idir. Chan eil teagamh nach leigear a bheatha leis fhathast.

Di-mairt sa chaidh chaochail ansenatorEoseph O. Arsenault aig a dhachaidh ann aWellington, E. P. I., aig aois tri fichead bliadhnasa naodh. Bha e tinn o chionn àireamh mhiosan. Bu Fhrangach e, agus bha e ri ceannachd. Bha e anns an t-seanadh o chionn còrr us fichead bliadhna, agus bha e roimhe sin àireamh bhlaidhnaichean am pàrlamaid an Eilean fhéin.

Sin urras sine tha air chomas a bhi dol dhan eaglais ann an Alba Mrs Miller a tha fuireach an Glascho agus a tha ceud bliadhnasa dha a dhaois. Rugadh i ann an Kenmoresa bhliadhna 1795, agus faodar a radh nach robh i tinn riamh. Chan eil cuimhnaic air aon latha Sàbaid a chur seachad gun a bhi san eaglais. Cha do dhòl i ach gann deur de stuth-làidir riamh.


BATHAR MATH SAOR.

Am bheil Deise, Cota, Cot’ -uachdair, Currachd, Brogan, Rubbers ,no ni sam bith dhen t-seorsa sin a dhith ort? Ma tha ruig
TORMAD DOMHNULLACH.

S ann aige tham bathar as fhearrs as saoire thasa bhaile, agus ma theid thu dhan stor aigaon uair, theid thu ann a rithist.
Na leig so as do Chuimhe.


MacCoinnich & Co.

Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh
ANN AN LOUISBURG,
agus tha sinn aig an àm cheudna acumail air adhart air an t-seann laraich,
ANN AN SIDNI.

Aodaichean Matha dhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.

Theid sinn an urras air an obair.
Mac Coinnich & Co.


H. D. Mac Ille-Mhaoil,
Stewartdale , C. B.
Cloth,Drogaid, agus PlaideachanEureka.”
Mu dheich air fhichead seorsa aodaichga chreic.
Cloimh air a gabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige neo sgriobh uige.


C . H. HARRINGTON & CO.
Flur, Min, Ti agus Siucar dhen t-seorsas fhearr.
Soithichean Glaine agus Creadha, math agus saor.
Brogan, Botainnean, Rubbersagus Caiseart de gach seorsa
GAN CREIC SAOR.



[197]

[Vol . 6. No. 25. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Ma tha thu air aon gibht Nollaig a thoirt do aon de dchàirdean a bhios atoirt toil-inntinn dha fad na bliadhna sa tighinn, cur uige am MAC-TALLA.

Tha moran sneachda air tuiteam ann an Ontarios an Cuibeic ged a tha sinne an so gun a bheag sam bith fhaicinn on thanaig an geamhradh. Tha deigh air tighnn air na lochan ann an caochladh àitean, ach chan eil i fhathast air a meas gle shàbhailte leis cho tricsa than t-sideg atharrachadh.

Tha sinn an dòchas nach dean iadsan nach do phàigh am MAC-TALLA dearmad air an t-airgead a chur ga ionnsuidh eadar so us latha na BliadhnUire. Mun àm son bhliadhna bidh moran airgeid againn ri phàigheadh a mach, agus tha sinn an dòchas gun cuir ar càirdean enar comas a chuid fhéin a thoirt do gach neach.

Tha ceudsa dha a dol do Sgoil nan Dall ann aHalifacs air agheamhradh so. Tha tri fichead dhiubh sin a mhuinntir Nobha Scotia, seachd air fhichead a mhuinntirNew Brunswick,sianar a mhuinntir Eilean aPhrionnsa agus naodhnar a mhuinntirNewfoundland .Is gillean tri ficheadsa coig de na thasa sgoil, agus nigheanan seachd deug air fhichead.

Aig a Phlaister, Baddeck, air an t-siathamh latha deug de Nobhember, chaochail Fionnladh Mac Leoid, tri fichead bliadhnasa h-ochd deug a dhaois. Chaidh a ghoirteachadh le sgiorradh toiseachOctober, ann am Baddeck, far an deach e dhfhaicinn an Ard-Riaghladair, agus cha dfhuair e os cionn a ghoirteachaidh sin. Bha ena dhuine air an robh meas mor aig na h-eòlaich uile, agus thaisbean iad sin air lathan tiodhlacaidh. Lean àireamh mhor sluaigh an giulan dhionnsuidh na h-uaghach.

Chaidh gille òg a mharbhadh leis na carabid-iaruinn ann aWestville , N. S. ,air an t-seachdain sa chaidh. Bha e-fhéin us gille eile a dol tarsuinn air an rathad le cairtnuair a thainig na carbaid orra. Chaidh am fear eile a ghoirteachadh ach cha bhi dad air an ùine ghoirid. Chaidh corp aghille chaidh a mharbhadh a mhilleadh gu dona. Cha robh e ach ceithir bliadhndeug a dhaois, agus be an aon mhac a bhaig athair, Donnachadh Mac Ghriogair. Tha e coltach nach eil achuid ud den rathad air a gheard cho faiceallachs bu chòir dha bhi.

Chaidh paidhir shocsaichean a shealltuinn dhuinn an la roimhe a bha air am fighe le Mor Nic Neill, a tha fuireach aig aPhòn Mhor, agus a tha mu cheud bliadhna dhaois. Chuir i iad mar ghibht gu Domhnull Mathanach, (marsanta), anns a bhaile so. ’S im boirionnach còir so màthair Iain Mhic Nèill a thana fhear-ceartais aig a Phòn Mhor. Tha ina bantraich o chionn àireamh mhor bhliadhnaichean, agus ged a tha i cho sean, tha i fhathast gu slans gu tapaidh, agus cho comasach air fighe stocainn no obair aotrom mar sin a dheanamhsa bha i an laithean a h-òige.

Bha an togalach ùr aig Comunn nan DaoinOga air fhosgladh air an t-seachdain sa chaìdh, agus bha seirbheis ann a h-uile oidhche a chuid bu mhotha dhen t-seachdain. Bha an t-Urr. Mr. Gordon á Boston, alabhairt aig gach coinneamh. Tha na gillean a nise air an roinnnan da bhuìdheann, ’s a feuchainn con taobh a gheibh an àireamh as motha gu dhol a stigh ris aChomunn romhn ochdamh latha fichead dhen mhios. An oidhche sin bidh suipear aca anns an talla bidh an da bhuidheann aig an aon bhord; aig an taobh a fhuair an àireamh bu mhotha, bidh gach biadh as fhearr na cheile, agus aig càch bidh aran us uisge no lites bainne.

Rànaig duinòg a mhuinntirNewfoundland Victoria, B. C. ,an la roimhe, ’se air tilleadh as a Chlondaic le tri fichead mile dolair. Tha e air falbh á eilean a dhùthchais o chionn da bhliadhndeug, agus chuir en da bhliadhna mu dheireadh seachad anns aChlaondaic.

Bidh na sgoilean a dùnadh Dior-daoin sa tighinn, an treas latha fichead, air son na Nollaigs na BliadhnUire, agus afosgladh a rithist air Di-luain, an deicheamh latha de Ianuaraidh, Tha na sgoilearan mar sin a faighinn latha bharrachd air na bàbhaist dhaibh, agusse ar barail nach misde leotha sin idir.

Thachair sgiorradh uamhasach ann am muileann siùcair, an Dartmouth, feasgar Di-satharna, an ceathramh latha dhen mhios. Bha fear Albert Boutilier air a ghlacadh leis an inneal-smùide, agus air a mharbhadh. Bha a chorp air a reubadh gu h-eagalach. Chan eil fhios ciamar a thachair e dha oir bha e leis fhein aig an àm. Bha e coig bliadhndeug air fhichead a dhaois, agus dhfhag e bean us dithis chloinne.

Di-haoine sa chaidh bha Alasdair Ceanadach, an Amhuinn Dhennis, a siubhal na coille ag iarraidh chaorach a bhair chall air, agus gu mi-fhortanach chuir echas ann an trap a bha mach aig cuid-eigin air son a mhadaidh-ruaidh. Ann an tiotadh fhuair e e-fhéin an crochadh air chois eadar an talamhsan t-adhar mu choig troighean on làr. Cha deach innse dhuinn ciamar a chaidh fuasgladh air, ach fhuair e as gun dochann sam bith.

Dhfhalbh soitheach-smùide a Halifacs deireadh na seachdain sa chaidh, air a turus gu ruigen t-seann dùthaich, le tri cheud tunna de dheòincearcan, geòidh, tunnagan agus cearcan-frangach, agus tha tuilleadh ri falbh fhathast. Tha iad ri bhi air an creic ann an Lunnainns am bailtean moreile Shasuinn, agus ri bhi air an ithe aig am na Nollaiges na BliadhnUire. Tha Canada air tòiseachadh ri bhicreicsa ceannach moran a bharrachd air na babhaist dhi ann am Breatunn, agus chan eil teagamh nach dean sin an da dhùthaich a tharruinn nas dluithe air a chéile, ni a bheir toileachadh nach beag dan t-sluagh taobh air thaobh.


Iadsan a Phaigh.

Donnachadh Mac Fhionnlaidh, L ’ ArdoiseIseal.
Alasdair Mathanach, Sidni.
Iain Mac Ille-mhaoil, Braigh Ghrand Mira.
Seumas Mac Coinnich, Gleann nam Piobairean.
Bean Dhonnachaidh Mhic-an-t- Saoir, Loch Mhic-an-t- Saoir.
Iain E. Mac Leoid, Ingonish .
Gilleasbuig Mac-a- Bhiocair, Catalone .
Domhnull Mac Iomhair, Port Morien.
A. I. Mac Coinnich, EileanChristmas .
Eoseph I. Domhnullach, Meinn Bhictoria. 50c
Cailean F. Johnston, na h-Eileanan Dearga. 25c
Niall MacGhuaire, Amhuinn Beag, Newfoundland .
Minnie I. Nic Ille-mhaoil, Botson , Mass. $2 .00
Padruig Mac Fhionghain, Earlswood , N. W. T.
Raonull Mac Eachuinn, St . Andrews, N. W. T.
Tomas F. Caimbeul, Sandon , B. C.50c
Coinneach M. Mac-a- Ghobha, Port Coldwell, Ont.
Domhnull Mac-an-Tòisich, Dalkeith , Ont.
Iain Mac Artair, Loba , Ivan P. O. Ont.
Iain Mac-a- Mhaighstir, an Lagan, Ont.
Bean Dhomhnuill Chaimbeil, Dunbheagain, 50c Ont.
Bean Ruairidh Mhic Rath, Brodie , 50c Ont.
Uilleam D. Camaran, Fraser Mills, N. S.
Domhnull Boyd, Fraser Mills, N. S.
Bean Mhurchaidh Mhic Leoid, Kinross , E. P. I.
Donnachadh Mac Fhionnlaidh, Braidalbainn, E. P. I.


Ma rinneadh dearmad air neach sam bith ann a bhicur nan ainmean anns a phaipear o àm gu àm, thoireadh iad fa-near fios a chur ugainn gun dàil, a chum gun teid achùis a cheartachadh.


BATHAR UR.
Moran de Churaicean Geamhraidh, eadar 10c. us $5 .00.
Brogan matha saor.
Ti mhath mar a babhaist.
Beagan de Cheannachd Thioram.
Olla 25c. an galan; 5 galain air $1 .00.
NIALL DOMHNULLACH,
BADDECK , - - C. B.


J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsas fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B.


BADDECK , - - C. B.
Airson a stor a dheanamh nas deiseiles nas feumaile dhaibhsan a thadeanamh gnothuch ris, tha
Albert I. Hart
anise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh.Tha achuid sin den ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am BostonsanNew York.Gheibh iadsan a thig ga h-ionnsuidh an
DEAGH RIARACHADH.
BADDECK , - - C. B.


LEABHRAICHEAN GAILIG.

Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. MacIlliosa 1.10
Gaelic Class Book .35

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte.
Sgriobh gu
J . G. MACKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney, C. B.



[198]

[Vol . 6. No. 25. p. 6]

Seana Chleachdaidhean Gaidhealach.

LE IAIN MACILLEATHAIN.

(Air a leantuinn.)

ORAN OIDHCHE SHAMHNA.

Bonnach saluinn, na sgadan
Bhios goirt, ’bhios goirt,
Gun ith iad le cabhaig,
S len toil, len toil;
Chums gum faic iad an leannan
( ’N uair theid iad don leabaidh)
Tighnn don ionnsuidh fuidh mhaduinn
Le deoch, le deoch.

O! ’sann their iad nach bi
Buaidh, bi buaidh,
Mur dian iad gach diachainn
Tri uairean, tri uair’;
An aghaidh na Trianaid,
S Tri Pearsa na Diadhachd,”
O! nach iad tha nam fiath-bheathchean
Truagha, truagh?

Nis sguiream do mòrans
Do mdhuan, do mdhuan,
S a dhinnseadh mu ghòraich
An t-sluaigh, an t-sluaigh;
Gheibh gach urra ri phòsadh,
An neach tha san òrdugh,
S cha chum duinesan Eòrp’,
E bhuap, e bhuap.

Seinn iur-ibh-inn o-ho,
Ho-ro, ho-ro,
Seinn iur-ibh-inn o-ho,
Ho-ro, ho-ro,
Nach cluinn sibh a chaileagan
Fanaibh aig baile;
Mum bi sibhnur fanaid
S nur spòrs, ’nur spòrs,
Seinn iur-ibh-inn o-ho,
Ho-ro, ho-ro.

Tha dochas agam nacheil mig ar sàrachadh, ach ma tha sibh a fàs sgith dhiom chaneil agaibh ach bruidhinn a mach agus gun dàil ni mi suidhe. Bheir mi nis cunntas air mar a bha na Gaidheil ag cumail na bliadhnùir anns an t-sean àm.


OIDHCHE NA CALLUINNE AGUS LATHA NA BLIADHNUIR.

Air oidhche na Calluinne, bhan tigh air a ghlanadh, an luath air a cur a mach, uisge glan air a thoirt a stigh, na cearcan agus tunnagan air an glanadhs air an spionadh, agus a h-uile ni a bha ri dheanadh airson latha na bliadhnùir, deànta, mun tigeadh uair dheug. Bham bord air a chomhdachadh le linn-aodaich geal, snasail, a bha iad ag gleidheadh a thaobh airson latha feille sam bith a bhitheadh aca’, aran coirce, ìmus càise air a bhòrd, ’s gun ghainne air Mac-na-braiche. Mu dhà uair dheug shuidh an teaghlach a ghabhail na Calluinne. Mun robh am biadh seachad, chualas farum fear-na-seichetighinn. Chaidh fear-na-seicheus a luchd-leanmhuinn tri uairean deiseil an taighe, stairirich nan caman air an t-seiche chruaidh a toirt mac-talla as na creagan, ’us na gillean ag glaodhadhA Challuinn, a bhuilg, bhuidhe, bhoicinn, buail an craicionn air a bhoicinn!” An treas uair a ràinig iad an dorus, dh-fhosgladh an dorus, ach cha dfhuair iad a stigh gus an daithris fear na seiche Rann na Calluinne.

Chaidh mi timchioll an taighe,
S bu sin timchioll mo chriche;
Thuit an coille, thuit an troille,
Thuit an cliath-liad anns an dorus,
S thug iad gling-gling air meanchainn.
Leag na coin mi anns apholl
S thug iad sgeannas ùs mo thàr,
S bfhearr leam urad sùil cudainn de dh-ìm,
Na cudthrom mo chinn den òr.
Is mise Calum ruadh a thainig a nuas as amhonadh,
S mun gabh mi tuillidh de mdhuain,
Fosglaibh gu luath an dorus.
Chan eil fuath agam air càis,
S chan eil fuath agam air ìm,
S an deur beag ud anns abhuideal
Tha mo shlugan air a thì.
Eirich thusa, a bhean òg, ’s a bhean chòir, a choisinn cliù,
S bi gu somaltmar bu dual,
Us liobhair bhutit aChalluinn dhuinn:
Amhullachag air am bheil an aghaidh réidh,
S am fear nach do bheum sùil,
S mureil an tuillidh gad chòir,
Fóghnaidh aranus feòil dhuinn.”

An sin dh-iarr bean-an-taighe orra tighinn a stigh, agus chaidh iad a stigh, gach fears a bhotul na dhòrn, agus sguab-dhoirce ann mar chorc, a h-uile fear mar a bha e tighinn a stigh. “Tha mo Challuinn ort, a bhana-charaid!” Chaidh an t-uisge-beatha mun cuairt, agus dh-ol iad air a cheile— “Bliadhna mhath ùr dhut, ’us moran dhiu, a latha chis nach fhaic, gum a fada beo thu, ’s ceò as do thigh!” Thug iad fear an taighe leotha as dhdh-fhalbh iad don ath thighus rinn iad a cheart ni a sin, agus mar sin gus an deach iad thairis air a h-uile tighs a bhaile. Bha e mar chleachdadh aca gur e a chiad bhiadh a ghabhadh iad air maduinn na bliadhnùir, cabhruichus bainne milis, agus leis a so a dheanadh bha iad a toirt orra-fheinn a chreidsinn gun cumadh e air falbh bhuapa, fiabhrus, no trioblaid sam bith eile den t-seorsa sin, fad na bliadhna. An deigh dhachuid den chabhruich a ghabhail, ’s echiad rud a bha fear an taighe a deanamh, dol a machs a toirt sguaib-air-cheann do gach beothach a bha mun cuairt an taighe, agus criathar làn sìl do na tunnagan, ’s do na cearcan.

Be cleachdunn eile bhaca air a bhliadhnùir gun gabhadh tri no ceithir de na coimhearsnaich a bfhaisge air a cheile am breacus an aon tigh comhla, agus an suipeir a rithists an oidhche an taigh aon eile dhu. Bha iad ag cur seachad a chuid eile den latha, ag iomain, baile an aghaidh baile, fiach co air a rachadh a chluich. An uair a dh-fhàs iad sgith de dh-iomain, chaidh iad dhachaidh a ghabhail an suipearach anns an doigh a dhainmich mi cheana, an deigh sin chaidh iad dhanbhàlan sabhuil aon de na tuathanaich a bha air a chur air leth airson abhàil air an oidhche sin. Agus anns an doigh sin bha iad a cumail na bliadhnùir fad na seachduinn, neo ma dhfhaoidte nas fhaide.

Bha na Gaidheal o shean cho deas a chuideachadh lechoimhearsnach aig àm trioblaid agus a bha e aig am àbhachdais. ’Nuair a thigeadh bàs air duine sam bithnam measg, bha e a cur a n-uile duine de mhuinntir abhaile fon aona bhròn, agus cha robh car oibre air a dheanadh fhadsa bhan corp gun tiodhlachadh, ach a deanadh gach ni a burrainn dhaibh a chuideachadh agus a chomhfhurtachadh leis an teaghlach bhrònach. An uair a bha an duine marbh air a ghlanadh agus air a chur an òrdugh air son a chaidil-shiorruidh, bha e air a shineadh a mach ann an leaba anns an t-seomar a bu mhotha agus a bu fhreagarraiche anns an tigh. Bha an leaba air an robh an corp a nisna shineadh air a lìon-tearachadh o mhullach gu bràigh le lìon-aodaich geal, ris an abrar abhràigh-lìn. Bha an corp air a chòmhdachadh le aodach geal nach robh riamh air a nigheadh. Bha sia coinnlean laiste mun cuairt air a chorpga shoillseachadh a suasdithis aig acheann, te aig gach gualainn, agus dithis aig a chasan. Bha soitheach beag làn salainn air uachdar achuirp. Cha robh beathach na beò-chreutair sam bith air a leigeil a stigh don tigh fhads a bha an duine marbhna shineadh air an eisling. Is i bean amhinisteir aig an robh abhraigh-lìn an gleidheadh, agus bha iga iasad a mach do na daoine bochdan uair a bhiodh feum acoirre. Fad na h-uine anns an robh an corp gun tiodhlacadh bha na cairdean agus na coimhearsnaich a tighinn a chomhfhurtachadh leis an teaghlachnan trioblaid, a dhoidhche agus a latha bha iad a deanadh so: gu tric biad na daoine òga a bha caithris feadh na h-oidhche, agus bha iad a cur seachad na h-uine le bhileughadh abhiobuill, agus le naidheachdan. Cha robh riamh a measg mhuinntir Thireadh, orain no dannsadh aig fairc cuirp. Re na h-oidhche bha aran-coirces cais, agus uisge-beatha air a shineadh mun cuairt don chuideachd a bha caithris. Bha muinntir abhaile afaicinn mar fhiachan orra-fhein gun cuireadh iad an urad de chunntas bhonnaichsia o gach croitear, agus na burrainn dhaibh a sheachnadh de dhìm agus caise, be so aran-na-faraire. Cha robh aig an teaghlach aig an robh an duine marbh ach an t-uisge-beatha ri fhaotainn. Tri laithean an deigh don duine bàsachadh, no cho luath agus a burrainnear achiste-mharbh a dheanadh deasagus cha robh sin daonnan furasda, oir gu tric shiubhladh iad an dùthaich mum faigheadh iad fiodh a dheanadh achistebha e air a thiodhlacadh. Traths amhaduinn air latha an torraidh, bha na daoine acruinneachadh a dhionnsuidh an taighe anns an robh an duine marbh, agus bha achiste-mhairbh a nis air a toirt a stigh don tigh agus an corp air a chur innte; ach bha iad a fàgail dùnadh na ciste gus an rud ma dheireadh. Bha gach duine mar a bha e tighinn a stigh a faotainn draim mhaith de dhuisge-beatha fuar. ’Nuair a bha iad deas a dhfhabh don chladh, bha achiste air a dùnadhagus cha robh gus a sinbha na cairdean a bu dilse atogail a mach na ciste agusga



[199]

[Vol . 6. No. 25. p. 7]

leagail air da chathair aig an dorus, agus ann an sin bha iad aceangal nan lunnan ris achiste. Bha na daoine a sin a dol an ordugh coiseachd, dithis agus dithis, guala ri guala, roimhn chìste; an deigh na ciste bha na boirionnaich a falbh nan ceathrar agus nan ceathrar. ’Nuair a bha na daoine air an cur an ordugh bha na ceathrar fhear a bu chàrdaiche a togail leotha achiste air na lunnan. Cho luath agus a thogadh achiste-mhairbh bhar nan cathraichean bha cuideigingan tionndaidh casan as an cionn. Mas e athair no mathair a bhanns an neach mharbh, bha am mac a bu shine a coiseachd roimhn chiste leis an t-sreing a bha a ceann na cistena laimh, agus an dara mac as deigh na ciste leis an t-sreing a bha aig na casanna laimh. Bha piobaireachd is tuireamh aig torradh air dol á cleachdadh ann an Tireadh roimh’ ’n àm so. Mun do thogadh an torradh bha da fhear air an cur air falbh don cladh leis achosdais, aran agus caise agus uisge-beatha. Mu cheathramh amhìle bhon tigh bha na ceathrar fear a bha air toiseach an torraidh a seasamh a mach air taobh an rathaid gus an ruigeadh achiste iad, agus bha iad a sin a dol fon ghiulan, agus bhacheathrar eile a dol a stigh roimhn chiste air deireadh nam fear, agus mar sin gus an dfhuair a h-uile duine greis den ghiulan. Far an robh iad aleigeil as na ciste air an rathad aleigeil an sgios, bha iad atogail càrn chlach, agus neach sam bith a rachadh seachad air a charn sin bha e acur cloiche air. ’N uair a rainig iad an cladh agus a leig iad sios an duine marbh do aite taimh anns an doigh ghnathaichte, shuidh achuideachd air an lar, na firs na mnathan air leth bho cheile, agus chaidh na cairdean air am feadh le aran agus caise agus uisge-beatha. An deigh dhaibh a bhi reidh dheth so, bha iad a fagail beannachd aig acheile, agus gach neach a dol dhachaidh air a rathad fein.


RANN A BHACA ANN AN TIREADH AIRSON TOGAIL SULA.

Theid mise mach ann an ainm an Athar agus aMhic, a thogail na h-oibre shùl; an oibre-shùl as fhearr fon ghréin, a rinn do Aingeal-neoil, as uchd Churachdainic Mhanachain, as Manachan mac Ghil, ’us Gil mac Oig, ’us Og mac aGhil. Air sùil bheag, ’us air sùil mhoir, air mo shùil-féin, ’s air do shùil-fhéin, ’s air sùil an fhir léith; ’s air sùil nan seachd mnathan seangach, sith a tha anns abheinn ud thall. Togaidh mise an oibre-shùil, ’us togaidh Righ nan Dùil i leam, as uchd Dias na cumhachdan.”

Anns amhaduinn trath, mum blaiseadh an t-eun an t-uisge, bha am fear a bha dol a thogail an uisge a dol a mach gu tobar fior-uisge, agusn uair a bha etogail an uisge, bha e ag aithris na rann so. A thogail na droch-shula, bha an t-uisge so air a chrathadh air ceann an duine neo abheathaich a laidh an t-sùil air, agus air aodann, agus bha na bilean air an fhliuchadh leis; bha an corr den uisge air a chur thairis air acholluinn air fad. Fhadsa bha iad a cur air an uisge bha iad ag aithris na rann a dhainmich mi. Is e an t-aobhar a bha toirt orra a bhi dol a mach cho trath a thogail an uisge, gun robh e air a chunntas neo-fhabharach nam faiceadh sùil duine iad a togail an uisge! —Highland News.

(Achrioch.)


An teid aig duinair ni fhaicinn gun sùilean?” arsa maighstir-sgoile ann an cearna de dhAlba an la roimhe, richuid sgoilearan. “Theid,” arsa fear de na sgoilearanga fhreagairt. “Seadh,” arsam maighstir-sgoile, ’s e gabhail iongantais gum biodh neachna sgoil-san cho aineolach, “ciamar a theid aig air!” “Faodaidh e fhaicinn le aon sùil,” arsan sgoilear, agus bfheudar dan mhaighistir aideachadh nach robh aineola sa ghille cho morsa shaoil leis-san.

Tha Breatunn an deigh da mhuillein us sia ceud mile (2,600,000) de mhilltean fearainn a chur ri h-impireachd anns an da bhliadhna dheug a chaidh seachad, agus a reir coltais tha moran tuilleadh ri bhi air a chur rithe an ùine ghoirid. A dhaindeoin sin, cha deachaidh réiseamaid ùr a chursan arm o chionn shia bliadhna fichead gus am bliadhna. Ach a nise tha an riaghladh a bruidhinn air an arm a dheanamh moran nas treise na tha e.

Tha corr us deich bliadhna fichead on bhan cogadh eadar na Stàitean a Tuaths na Stàitean a Deas, ach tha àireamh nampensionersa sior dhol am meud. Tha mu mhuillean atarruingpensionanns na Stàitean aig an àm so, agus tha dlùth air cairteal muillein eile ag agairt an còir, agus gun teagamh gheibh achuid mhor dhiubh an ainmean a chur air an rolla cho mathsa fhuair càch. Tha napensionsadol a chreachadh na dùthcha.

Tha na Gearmailtich anabarrach trom air a bhi tighinn rim beatha fhéin. Tha barrachd dhaoine acur crioch orra fhein anns aGhearmailt na tha ann an dùthaich eilesan Roinn-Eòrpa; agus anns na Stàitean, tha barrachd Ghearmailteach a cur lamhnam beatha fhein na tha de shluagh sam bith eile.

Ann an Ruisia, ’nuair a bhios teaghlach afàgail taighe, ’s a dol a dhfhuireach do thigh eile, tha ena chleachdadh aca bhi sgriobadh an teine bhar teintean an taighe tha iad a fàgail, gusga thoirt leotha ann am bocsa dan tigh ùr. Tha iad ameas nach eil e fortanach an teine leigeadh as.

Than tigh anns an robh Bonaparte a fuireach fhadsa bha ena phriosanach air eilean St. Helena, a nise na shabhal. Tha an seòmar annsn do chaochail ena stàpull, agus anns an t-seòmarsan robh a chorpna laidhe romhn tiodhlacadh, tha muillean air son bleith gràin.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear Tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.


Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.


D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C.B.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIGOs cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.


Indurated Fibreware

Tha an seorsa so nas daoire na na bucaidean cumanta, achs math is fhiach iad sin; tha iad nas buaine, agus mar sinsiad as saoire.

THE
E. B. EDDY Co.,
LIMITED,
HULL, CANADA.



[200]

[Vol . 6. No. 25. p. 8]

Toiseach a Gheamhraidh.

AIR FONN: “Mo run fhein thus dfhaicinn slan.”

Nison thainig fuachdus crannadh
S reothadh greannach oirnn cho tràth
S tric mi smaoineachadhs an àm so
Gun robh cuairt an t-samhraidh gearr.

Sud an aimsir a bha boidheach
Nuair bha feurus pòr a fàs,
Theirig sud mar dhfhalbh ar n-òige
So na thainig oirnn na àit’.

Na h-eoin bhòidheach thaino dheas oirnn
S a bha ceileir dhuinnsa bhlàs,
Thog iad rithe gun ar faighneachd
S tha na coiltichean so fàs.

An nead cuaiche a bha falach
Ann am barrach nan crann àrd,
Fead an Fhoghair rinn a rùsgadh;
Chan eil diu dhethdhfhalbh an t-àl.

Tha gach roid us raineach uaine
Air preasadh suass an ceann ri làr;
Tha gach lus a bàille snuadh
Gu tiorram cruaidh, gu seachte bàn.

Caite bheil an àilleachd shamhraidh
Nach bu ghann againnsa Mhàigh?
Càitan diugh am bheil na flùrain?
Dhfhalbh an cùbhrachdthuit am blàth.

An duileach og bu bhòidhche snuadh
S tioram truagh e air a bhlàr,
Sud a teagasg do chloinn daoine
Gu bheil caochladh dhaibh an dàn.

Nuair a bha mi og gun churam
Bha min duil gum fhad mo laith;
Ach a nis air dhomh bhi liathadh
S coir gum biodh mo chiall a fàs.

Sinn mar fhalas ri la gaothach
Ruith gu eutrom air an làr;
S mithich dhuinn le cabhaig dùsgadh
Chan eil ùine ruinn a tàmh.

Ma nin ùine ruith air falbh uainn
Air a mhargaidh air bheag stàth.
Nuair a gheibh gach aon a dhuais
Bidh sinne truagh dheth latha bhràth.

Faolumaid on t-seangan chrianta
Bha e gniomhach anns a bhlàs;
S ged a theirig am an t-solair,
Chan eil dolaidh dha no càs.

Fear a chuirs a bhuainnan aimsir
Cha chuir stoirmean airsan cràdh.
Fuachd no gainne cha dean claoidh dha
Bhon than diugh a shaibhlean làn.

C. C.


Bruadar Anna.

Ho ro, an cuala tu
M bruadar a chunnaic Anna?
Sa chuir oirren t-uamhas,
An truaghan, as in a cadal
Thug an dorus fuaim às,
S a suas bha e thar nam bannan,
S ghlaoidh is ig ùrnuigh
An crùisgeinn, ’s mo bhata daraich.”

Thàinig iad cho dùmhail oirre,
S phlùch iad i fo na plaidean;
S rug i air achrùisgein,
S bhan t-ùilleadh air feadh an tighe.
Chuir i teine suas ris,
As tuainealaich feadh a claiginn,
S cha robh crioman buaichd ann
Na luachair a dheanadh lasadh.

Chunnaic i na miltean
Ri miorbhuiltean air an fharadh,
S curachd dubh Chatrina
S e fiodhdlaireachd ann an cathair,
N cota-bhior aig Sine,
N a stìopull air main an tighe,
S dhfhalbh a guthan sìoda,
N a phìobaire feadh abhaile,

An coileach air an spàrtan
Atàilleareachd, agus ad air,
S na cearcans coc-àrd orra
Snàmhadh air feadh an ladair,
Bòtainnean a màthar
N a lànainn an tigh-nan-cabar
S geinnean aig an sàiltean,
Do chaise gun cumail daingean.

Chunnaic i mar shamhladh.
An seòmar a bhaig a mammie,
Tannagan as gamhnna,
Adannsach ann, Gille Calum,
Fiodhal agus srann aice,
Thall far am biodh an tarunn,
Chrochadh iads a gheamhradh,
An lanndair, a bhaig a grannie.

Chunnaic i cuid phìoban,
N an siomain as iad nan lasair,
S an spliùchdans aBhiobull,
S na miltean ann do na radain
S far am biodh a sean-amhàthair
A seananchas mun fhear nach maireann,
S a chluch a bhaig aghealabhan
Ri searmoin an tigh-a’ -bhainne.

S na mullainn anns aghàradh,
Gun dfhàs iad nan creagan salluinn;
S Beinn Neibheis as Beinn Bhàrneach,
Nam bàtaichean air an amhuinn,
S roithean air an cliathaichean,
Do dhiarruinn gun cuir a dhaindeoin;
S ann an tigh-na-h- innleachd,
Na sithichean adol am falach.

Bhan saoghal agluasad,
S na cruachan adols an talamh,
S tighean air an t-saile,
Agus stàilinn a bhas a bhalla,
Cnuthagan as bàrnaich,
Asàsachadh ris na cabair,
S an crodh a bhas na bàtaichean,
Gun dfhàs iadn am mucan-nara.

Thàinig beagan tùr oirre,
G urnuigh gun tigeadh Calum,
S bha i air a glùinean,
S na srùlaichean di de dhfhallas,
Le bata as e lùbadh,
Gucùl-thaobh as i ga tharruing,
Sn uair a rinn i dùsgadh
Bha smùideadh aic air aballa.


Cuir a dhiarraidh MHIC-TALLA. Chan eil e cosg ach dolairsa bhliadhna, agus gheibh thu na tha gun ruith dhen bhliadhna so a nasguidh.


LEIGHEAS BUAN.

Sgriobh an t-Urr. Hy . Carter, Maddock, Springfield, P. E. I. ,mar a leanas, ann an Iun, 1895:— “Chan urrainn do mmhnaoi labhairt tuilleadh us math mu K. D. C. an deigh na rinn e air a son. Dhfhuiling i le droch stamaig, agus bha i ann am pian mor, cho mors nach burrainn dhi a cuid aodaich a chumail uimpe, agus smaoinich mi gum faighinn K. D. C. dhi. Cha robh turas a ghabhadh i e nach robh edeanamh feum dhi, agus fada mun do chuir i crioch air da bhotull bha i air a leigheas, agus theid aice nis air rud sam bith ithe.”

Tha an litir so a nochdadh an éifeachd a thann an K. D. C. agus than a leanas ag innse gu bheil an leigheas buan. SgriobhMr . CarterIulaidh 31, 1896, còrr us bliadhnan deigh so: “Chuir mi roimhe so litir ugaibh ag innse mar a leighis K. D. C. mo bhean. Tha i fhathast slan, ’s gun a seann eucail a cur dragh sam bith oirre.” Sibhse tha tinn feuchaibh e. ThaK . D. C. Pillsanabarrach math air son tinneasan cuim.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar duthcha thanar beachd


NIALL Mac FHEARGHAIS,
Taillear.
SIDNI - - - C. B


$1 .00 air 80c.
Tha tuilleadhsa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dhairgead. Thig mum bin t-am seachad agus
FAIGH BARGAN.
McDonald Hanrahan & Co.
Sidni, Iulaidh 16, ’97.


CAIT AM FAIGH MI?
Saibh, Glasan, Luaidhe, Sgeinein, Lainntearan, Sguabaichean, Paipear-tearra, Paipear-tubhaidh.
Olla, Fudar, Glaine, Siosaran, Tairnean, Bucaidean, Tuaghannan.
GHEIBH AIG
C . P. MOORE,
Sidni, C. B.

titleIssue 25
internal date1897.0
display date1897
publication date1897
level
reference template

Mac-Talla VI No. 25. %p

parent textVolume 6
<< please select a word
<< please select a page