[201]

[Vol . 6. No. 26. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 24 DESEMBER, 1897. No. 26.


[Dealbh]

Tha MAC-TALLA aguidhe NOLLAIG CHRIDHEIL da chairdean, agus do na Gaidheil air fad, ge be cearna den t-saoghalsa bheil an comhnuidh.


Sgeul a Barraidh.

A CHARAID: —A thaobhs gun dfhuair mi beagan eòlais air MAC-TALLA, tha mi gle dheònach a naighachd a leanas a sgriobhadh dor n-iunnsuidh. Air costan iar Alba, tha streath do dheileineannan laidhe, ris an canar an t-Eilean Fada air neo Innse Gall, agus tha iad air an dealachadh o thir mor na h-Alba le caolas ris an can muinntir na Beurla amMinch .Cha bhiodh soithichean mora seòlaidh agabhal achaolais so, ach nuair a thachradh gaoth an ceann aca, bu tric leotha na h-acraichean a leigeadh amach am fasgadh a h-aon dhe na h-eileanean so. Bha ann am baile beag nach robh fad on chladach, bean chòir a bha gle dhichiollach ri càrdadhs ri sniomh, a chionnsann aice fhein a bha ris a h-uile snàile aodaich a chosgadh an teaghlach a dhianamh. Bhiodh idath an aodaich le dath Gàidhealach agus cora uair le dath Galldanuair a gheobhadh iad e. Air latha de na làithean, chunnaic i soitheach air acaire glé fhaisgair an tràigh, ’s thuirt i ri fear-pòsda, gum bfheàrr dha falbh dhan t-soitheach fiach am faigheadh e guirmean ri cheannach. Dhfhalbh esan agus nuair a ranaig en soitheachs a chaidh e air bòrd innte, thuig na seòladairean nach robh e eòlach idir air a bhim broinn eathair. Air dha falbh sios gu h-iosal còmhla ri fear dhe na gillean, agus afaicinn gu leòr ghual, thuirt e, “nach ann agaibh a than tòrr guirmein?” “Sann,” arsa fear a bha làmh ris, “a bheil thu air son guirmein a cheannach?” “Tha,” ars esan; aig a cheart àm thog an seòladair cnap guailna dha laimhs thuirt e, “Bheir mise dhuit so an nasgidh, ’s bi falbh ma faic a sgiobair thu.” Dhfhalbh an duine bochds cha bu ruith leis ach leum leis an toileachadh, ’s an cnap guail foachlais. Rànaig en taighs cha bfhad uige. “A bhean,” ars esan, “nach dfhuair min guirmean.” “An dfhuair?” ars ise, ’s i toirt leum aisde le toileachadh, achnuair a sheall i air an rud a bhaige dhaithnich i nach be guirmean a bhanns thuirt i, “O éudail nan daoine, chan e guirmean a tha so idir, ach mòine nan soithichean.” “Ma ta thuirt an seòladair riumsa gur e guirmain a bhann, ach tha mi tuigsinn gu robh gnothuichean gle neònach aca aìr bòrd.” “ na gnothuichean neònach a bhaca?” ars a bhean. “Chunnaic mi na seòladairean agus greim aca air sùgan mòr cainbe agus iadga tharruinn a nios as a mhuir cho mathsa burrainn dhaibh; cha mhor nach clisgeadh iad mi, mar bes gu robh latha ann, leis an éigheach a bhorra.” “ a bha iad ag radha?” ars a bhean. “Bha iad ag radha a bial a chéileHi Hoh H-upagusnuair a thug iad an sùgan mòr sin a nios far grùnnd na mara, bha crois-iarna mhor iarruinn air a cheann, tha mi smaointein nach eil duine air an t-saoghal cho làidirs gu rachadh aige air croiseadh a dhianamh leatha; ’s gann athogainn i:” “O eudail nan daoine,” ars a bhean, cha be crois-iarna a bhan sin idir ach an t-acaire mor a bha cumail an t-soithich ann an fasgadh an fhearainn; an sugan mor a chunnaic thuse sin an càbull agus bhan t-acaire ceangailte ris. Thug iad an t-acaire air bòrdsan àm sin, ’s tha i nis gu falbh.” “O bhean,” ars esan, “nach tu fhein i tha eòlach air gnothuichean nan soithichean.” “S mi,” ars ise, “Tha cuimhne agad fhéin an uair a bha mi air a Ghalltachd, thanig mi air a scunar bheag dham bainm anFhìr-eoin.’ Bha micoimhead orra a tarruinn an acaire uair na dha.” “Mo bheannachd ort a bhean,” ars esan, “dhinnis thu dhomh rud nach robh fios agam air.” Ach goirid na dheigh sin thanig scunar a bha tighn á Glaschus i air a turus do Steòrnabhagh; leig iad a mach an t-acairesan fhasgadh, gus a faigheadh iad cothrom a bfhearr air son an t-shlighe a ghabhail. Thuirt an sgiobair gu rachadh iad air tir. Bha na gillean deònach gu leòr, agus gu tir a ghabh iad. ’Sann do thaigh an duine air an dthug mi iomradh cheana a chaidh an sgiobair; cha robh fear an taighe staigh idir, ach bha bhean ag obair mar bu ghnàth leatha. Chuir an sgiobair ceist orra de bha i dianamh. Thuirt i gur e deise do dhfhear an taighe a bha sud, agus gum biodh e na bu bhriagha nam biodh guirmein aice. Dhinnis i gun deach Iain a dhiarraidh guirmein, agus gur en cnap mor ud de mhòine nan soithichean a thug e dhachaidh. Leig an sgiobair sgal gàire; rinn i-fhéin a leithid eile. Thuirt an Sgiobair gu robh guirmean aig air bòrd, agus gu faigheadh ise beagan dheth, air son na rinn e do ghaireachdaich. Thug ise taing dhas dhfhiach i coimhneas ris fhadsa bha e staigh. Is mi do charaid,

RUAIRIDH.
Miughlaidh, am Barraidh.


Taobh Deas Amhuinn Dhennis.

O nach fhaca mi naigheachd as an àite sosa MHAC-TALLA O chionn treis a dhùine smaoinich mi gun toirinn fhin dhuibh beagan fhacal air an t-seachdain so, agus tha min dòchas gun teid agaibh air àite thoirt dhaibh an cùil air chor eigin.

Bha side iongantach againn on thànaig an geamhradh, agus mur biodh gu bheilBrayley ’s Almanacagainn, bhitheamaid dhen bharail nach ben geamhradh a bhann idir. Tha an grunnd cho saor o reothadhsa bhiodh esan earrach, agus tha luchd-an-t- siubhail, gu h-àraidh iadsan a bhios afalbh na h-oidhche, ag radh gu bheil fior dhroch choiseachd ann; tha an talamh cho bog.

Mharbh Domhnull Mac Fhionghain, anns an Acarsaid Mhoir, muc an la roimhe, a thomhais, ’nuair a bha i deiseil air son a cur gu margadh, coig ceud punndsa coig. Bha so na dheagh chudthrom; cha robh a mhuc ach seachd miosan deuga dhaois, agus bha uirceanan aice da mhios mun deach a marbhadh.

Tha mi cluinntinn gu bheil iad an deigh Clondaic a tha gle bheairteach fhaotainn a mach faisg air an àite so, achs iad na h-igheanan a tha dol ann. Tha àireamh mhath dhiubh ag iarraidhclaims ,ach tha iad ro anmoch uile ach aon , ’s tha mi an dòchas gu faigh i sin air adhart gu ro-mhath.

FEAR BAN.
Dec. 17, 1897.


Tha sinn a cluinntinn gu bheil iadsan dam buin a mhàinn ghuail aig Loch Chochrane, a faotainn cuideachd de dhaoine airgeadach a chur ri chéile ann an Sasuinn air son a h-obrachadh. Tha sinn an dòchas gun soirbhich leotha, agus gum bithear acur a mach guail as amhèinn an ùine gun a bhi fada.



[202]

[Vol . 6. No. 26. p. 2]

SGEULACHDAN ARABIANACH.

VII. SINDBAD AN SEOLADAIR.

CAIB. II.

An uair a dhirich mi suas leig mi mi-fheinnam shineadh air an talamhs gun annam ach an deo air eiginn agam. An uair a dheirich aghrian suas gu math, ged a bha mi gle fhànn le sgios agus le acras, dhfhalbh mi gu h-eigionnach feuch an tachradh ni sam bith rium a dhithinn. Gu fortanach thachair measan rium agus fuaran anns an robh uisge cho blasdas a dhol mi riamh. Agus an uair a dhiths a dhol mi beagan, thainig tomhas mor dhe mo neart air ais.

Choisich mi air aghart troimhn eilean gus an drainig mi comhnard mor far am faca mi beathach eich ag ionaltradh. An uair a chaidh mi gu math dluth dha thug mi an aire gur e lair a bhann, agus gun robh i air teaghair. An uair a bha minam sheasamh ag amharc oirre chuala mi guth duine, mar gum biodh e tighinn as an talamh dluth orm. Ann an tiotadh bha ena sheasamh air mo bheulaobh, agus dhfheoraich e dhiom co mi, agus co as a thainig mi. Dhinnis mi dha gach ni mar a thachair dhomh, on a dhfhalbh mi on taigh. An uair a chuala e mo naigheachd rug e air laimh orm agus thug e leis mi gu ruiguamha anns an robh aireamh dhaoine; agus ma bha ioghnadh orrasan misefhaicinn, bhacheart uiread a dhioghnadh ormsa iadsan fhaicinn.

An uair a dhith mi beagan dhen bhiadh a chuir iadnam thairgse, dhfheoraich mi dhiubh cioda bha iad adeanamh anns an eilean fhasail ud. Thuirt iad rium gun robh iad an seirbheis an righ a bhair an duthaich, agus gun robh iad atighinn gach bliadhna mun am ud le laraichean an righ a chum gum faigheadh iad searraich o each a bha tighinn as achuan. “Mur bi sinnn ar faireachadh,” arsiadsan, “marbhaidh e na laraichean leis na breaban. Ach an uair a chi sinn eteannadh rim breabadh cuiridh sinn le glaodhaichs le gleadhraich an teicheadh air am mach air a mhuir. Tha na searraich a gheibh na laraichean uaithetionndadh am mach gu bhithnan eich anabarrach briagha, agus tha iad air an gleidheadh gu feum an righ.”

Thuirt iad rium gun robh iad gu falbh as an eilean an la-iar-na-mhaireach, agus gun tugadh iad leotha mi as an eilean. Ach nan do thachair dhomh a bhith latha air dheireadh gun fhaotainn air tirs an eilan, bha mi air a bhith marbh ann; oir bha e anabarrach fado thir-mor.

An uair a bha sinn abruidhinn, chunnaic sinn an t-each atighinn air tir, agus an uair a fhuair an lair a bhaìr teaghair searrach uaithe, ghrad dhfhuadaich iad am mach air a mhuir e.

Gu math moch an la-iar-na-mhaireach dhfhalbh iad as an eilean, agus thug iad mise leotha, agus thug iad an lathair an righ mi. Dhfheoraich e dhiom co mi, agus cia mar a thachair dhomh tighinn don rioghachd aige. Dhinnis mi dha h-uile car mar a thachair dhomh on a dhfhalbh mi on taigh. Thuirt e gun robh am mi-fhortan a thainignam rathad a cur dragh mor air. Aig acheart am thug e ordugh seachad dha sheirbhisich gach ni a bhiodh a dhith orm a thoirt dhomh, agus rinn iad gach ni mar a dhorduich e.

On a bha minam mharsanta, bu tric leam a bhith ann an cuideachd mharsantan abhaile, agus bha mifeorach mu dheidhinn nan coigreach a bhiodh atighinn don bhaile, gun fhios nach fhaodadh gun cluinninn sgeul a Bagdad, agus a h-uile dochas agam gum faighinnn cothrom uair no uaireiginn air tilleadh air ais ann. Bha ceana-bhaile na rioghachd air bruaich achladaich, agus bha acarsaid mhath ma choinneamh far am biodh soithichean a tighinn as gach ceàrn dhen t-saoghal.

Bu tric leam mar an ceudna bhith ann an cuideachd nan daoine foghluimte, agus a bhithg eisdeachd rin comhradh. Ach cha do dhearmaid mi a bhith cho trics a dhfhaodainn ann an cuideachd an righ agus nam mor-mhaithean a bhatoirt cis dha. Chuir iad moran cheistean orm mu thimchioll na duthchadh as an d-thainig mi; agus on a bha toil agam fios fhaotainn mu thimchioll nan laghannan agus nan cleachdaidhean a bhanns an duthaich acasan, bha micur iomadh ceist orrasan mar an ceudna.

Air latha araidh thachair dhomh a bhith aig aphort an uair a thoisich sgiobadh na luinge a bha air tighinn a steach don acarsaid ri cur a bhathair a bhinnte gu tir. Thug mi suil air abhathar mar a bha nadarra do mleithid a dheanumh, agus ciod a biongantaiche leam na mainm fhein fhaicinn air cuid dhe, agus an uair a sheall mi na bfhearr air dhaithnich mi gum be a cheart bhathar a chuir mi air bord ann am Balsora a bhann. Dhaithnich mi an sgiobair mar an ceudna; ach on a bha mismaointean gun robh e creidsinn gun deachaidh mo bhathadh, chaidh mi far an robh e, agus dhfheoraich mi dheth, co dhabhuineadh am bathar. Thuirt e gum buineadh e do mharsantamhuinntir Bhagdad, dom bainm Sindbad; agus gun robh ecreidsinn gun do bhathadh Sindbad comhladh ri moran eile dhe na bha air bord. “Agus,” arsesan, “tha mise suidhichte gun reic mi e, agus gun toir mi an t-airgiod a gheibh mi air a shon do na cairdean as dluithe a tha aig Sindbad, an uair a thilleas mi dhachaidh.”

A sgiobair,” arsa mise, “is mise Sindbad a bha duil agad a chaidh a bhathadh, agus is leam am bathar so.”

An uair a chualan sgiobair so thuirt e, “O chruitheachd! co dha is urrainn duinn geill no creideas a thabhairts na laithean so? Dhfhaibh an fhirinns an onair buileach glan a measg dhaoine. Chunnaic mi le mo shuilean fhein Sindbad adol a dhith, agus chunnaic na daoine eile a bhair bord e a cheart cho math riumsa. Agusna dheigh so gu leir, tha thusag radh gur tu fhein Sindbad. Nach tu chaill do naire gu buileach glan! Shaoileadh daoine le amharc ort, gur duine thu anns am bheil firinn is onair; agusna dheigh so gu leir, tha thug innse nan tulla-bhreugan a chum gum faigheadh tu coir air nithean nach buin dhut.”

Biodh foighidinn agad a dhuine,” arsa mise; “bi cho maths gun eisd thu rium gus an innis mi dhut na bheil agam ri radh.”

Ceart gu leor,” arsesan, “labhair thusa, agus eisdidh mise riut.” An sin dhinnis mi dha a h-uile car mar a fhuair mi gu tir, agus mar a thug seirbhisich an righ as an eilean mi.

Thug so air gun drinn e air a shocair, agus gun do smaoinich e gun robh coltas na firinn air na dhinnis mi dha; ach anns an am tuainig feadhainn dhe na bha air bords an luing gu tir, agus dhaithnich iad mi anns amhionaid, agus bha iad anabarrach toilichte a chionn gum faca iad beo mi. Mu dheireadh dhaithnich e fhein mi, agus chuir e a dha laimh mu mmheadhain, agus thuirt e, “Cliu don fhreasdal gun dfhuair thu as gun do bhathadh. Chan urrainn domh innseadh cho toilichtes a tha mi. Tha do chuid bathair an sid; thoir leat es dean do thoil ris.”

Thug mi taing dha air son cho caoimhneils cho onarachs a bha e. Thairg mi dha dairt dhen bhathar air son a dhragha, ach cha ghabhadh e dad uam.

Dhfhosgail mi na saic, agus thug mi asda am bathar bu luachmhoire a bhagam, agus chuir mi ann an tairgse an righ e. On a bha fhios aig an righ air gach mi-fhortan a thainignam rathad, dhfheoraich e dhom caite an dfhuair mi am bathar luachmhor ud? Dhinnis mi dha mar a thachair. Bha e anabarrach toilichte a chionn gun robh mi cho fortanachs gun dfhuair mi mo chuid fhein gu sabhailte, agus ghabh e gu toileach uam am bathar luachmhor a chuir mina thairgse. Thug e dhomh tiodhlacan moran na bu luachmhoire na thug mi dha. Ghabh mi mo chead dheth, agus an deigh dhomh am bathar a reic, agus moran de bhathar luachmhar eile a cheannach gus a thoirt leam dhachaidh, chaidh mi air bords an luing. Fhuair sinn soirbheas fabharrach air ar turus dhachaidh. Mu dheireadh rainig sinn Balsora, agus bfhiach na bhagam de bhathar ceud mile bonn oir. Thainig mi a Balsora don bhaile so. Bha mi fheins mo chairdean gu leir gle aoibhneach a chionn gun do thachair sinn richeile ann an slainte. Cheannaich mi fearann, agus thog mi taigh mor, maiseach, agus bha seirbhisich gu leor agam. Agus bhan am bheachd aig an am fois a ghabhail, agus gach trioblaid troimh an deachaidh mi a leigeadh gu buileach air dichuimhne.

An uair a chuir Sindbad crioch air na



[203]

[Vol . 6. No. 26. p. 3]

briathran so, dhordaich e don luchd-ciuil teannadh ri cluich. Bhachuideachd gu leir ag itheadhs ag ol, agus acur seachad na h-uine gu cridheil, caoimhneil, cairdeil, toilichte, gus an tainig an t-am dhaibh a bhith dealachadh ri cheile. An uair a bham portair afalbh, thug Sindbad dha ceud bonn oir, agus thuirt e, “gabh so, agus bi falbh dhachaidh; ach thig air ais am maireach, agus cluinnidh tu tuileadh dhe meachdraidh-sa.”

Thill am portair dhachaidh, agus bha ioghnadh gu leor air araon airson an urram a chuir Sindbad air, agus gu h-araidh air son gun dthug e suim mhor oir dha.

(Ri leantuinn.)


Ruisia agusIndia.

Is e da-rireadh, saoghal neonach anns am bheil sinn. Babhaist do Staitean Americas do Ruisiabhinan cairdean baigheil, dluth, ged bha iadnan doighean uachdaranach agus riaghlaidhdol calg-dhireach an aghaidh a cheile. Cheannaich na Stàitean Alascatha ann an Iar-thuath America bho Ruisia airson suim mhoir airgid. Aig an àm so, chan eil ceann no crioch air an daimh a tha eadar Ruisias an Fhraing. Tha iad amoladh a cheile ann am briathran a tha anabarrach caomh agus gradhach. Fhuair an t-Iompaire Napoleon bas ann an Sasunn an deigh don chogadh a bha eadar an Fhraingus aGhearmailt a bhi seachad. Cosmhuil ri iomadh righus ceannfeadhna eilebha na fhogarrach, fhuair Iompaire nam Frangach, an lathaairc, aoidheachd agus tearuinteachd bho chumhachd a naimhdean guineach. Thionndaidh an Fhraing a culthaobh gu buileach ra righrean dligheach; agus a reir gach coslais is e riaghladh cosmhuil ri riaghladh nan Stàitean air an taobh mu dheas de Chanada, a thanis aig na Frangaich agus a tha taitneachnan suilean. Is iad na Frangaich iad fein a thataghadh ard-uachdarain no cinn-suidhe na dùthcha. Is ann air caochladh doigh tha rioghachd farsuing Ruisia air a riaghladh. Chan eil parlamaid aig na Ruisianaich, agus chan eil beachd no inntinn an t-sluaigh aon chuid air iarraidh no air a ghabhail. Tha aig an t-Csar no aig Iompaire Ruisia, cumhachd eagalach os cionn an t-sluaigh gu leir. Faodaidh eroghainn fein a dheanamh, oir chan eil ughdarras air bith aig cuirt no aig parlamaid thairis air. Is iongantach an sealladh mata, gu bheil Ruisias an Fhraing co measail air a cheile, ’s a labhairt ann an cainnt thlusail mu dheibhinn nam feartan briaghabhuineas doibh le cheile. Bha dian iarrtus aig na Ruisianaich air crioch a chur air rioghachd nan Turcach an uair a thoisich cogadh aChrimea. Tha Ruisia daonnan acumail a mach gur ann airson saorsa creidimh a chosnadh agus fhaotainn doibhsan a thaleantuinn na h-Eaglaise Ghreugaich a measg nan Turcach, a tha i an drasdas a rithist atarruing achlaidheimh as a thruaill agus acur achath an aghaidh nan Turcach. On than Sultan agus aPhashas co borb, bruideil, anameasarra, bfhearr gu mor don t-saoghal agus do na iochdarain thruaghatha ann an rioghachd nan Turcach, gu tigeadh crioch gu h ealamhus gu brath air gach cumhachd a thaleantuinn Mhahomait agus a Chorain. Tha fios cinnteach aig daoine glice Ruisia, gu fasadh iad fein agus an uachdarain bog, ’us meat, ’us lag, ’us macnusach, nan treigeadh iad sneachdus reothadhus aile fallain, fuar na h-airde tuath, agus nan gabhadh iad comhnuidh ann am baile mor an t-Sultain, leis gach teas, ’us beartas, ’us leisg, ’us lunndaireachd a dhfhuiling agus a nochd gach finebha riamh atuineachadh ann. Tha na Ruisianaich adeanamh oidheirp corr uair air beagan saorsa fhaotainn doibh fein, le meadhonnan a tha cruaidhus an-iochdmhor. Chuir na droch dhaoine, na Nihilists, seanair an Iompaire thanis arioghachadh, gu bas muladach, len innleachdan iargalta, mosach. Is e co dhiu, rioghachd fuasach laidir, ’us beartach, ’us aghartach a tha ann an Ruisia. Tha isgaoileadh a sgiathanus a h-ughdarras le neart achlaidheimh gle thric ann anAsiamu dheas agus ann anAsiamu thuath. Chan fhada gus an tig crioch air an t-saothair mhor a tha ideanamh airson rathaid-iaruinn a bhi aice troimh Shiberia gu leir gus achuan fharsuing, shamhach a tha eadar AmericausAsia .Tha port no camus, no bagh, no acarsaid thearuinte, dhomhainn a dhith oirre air taobh an earAsia .Tha e soilleir aig an àm so, gu faod aimhreit, ’us connspuid, ’us cogadh eiridh suas gu pailt mun tig cordadh seasmhach eadar Ruisia, ’us Breatunn, ’us China, ’us Iapan am measg eileanan, ’us ròsan, ’us comhnardan, ’us aimhnicheanAsiaanns an airden ear. Tha Ruisia ag imeachd le ceum foirmeil, trom ann an coirus sealbh a ghabhail agus a ghleidheadh air cuibhrionn mhor de mheadhonAsia .Bha eagal, a bha nadurra gu leor air luchd-riaghlaidhIndiagu robh Ruisiadeanamh a dichill airson rathad fhaotainn do na h-Innsean, agus mar so airson crioch a chur air cumhachd, ’us ainm, ’us saoibhreas Bhreatunn ann anIndia. Is ro-mhaith as aithne do sheirbhisich an t-Csair aimhreit a dhusgadh suas am measg sluaigh air bith, agus mar so air leisgeul fhaotainn le cleasan fealltach, mi-onorach airson an guth a thogail ann an gnothuichean nach buin idir doibh. Bha iad bho cheann bliadhna no dha dichiollach ann an deanadh uile agus ann am fadadh suas aimhreitus aramach am measg fineachan a thacomhnuidh air taobh mu thuath na Himalaias, agus a tha mar so n an coimhearsnaich aigIndiaagus aig Breatunn. Tha luchd-riaghlaidhIndiale suil gheur, fhaicilleach aleantuinn daonnan slighe chlaoin Ruisia. A reir gach coslais thog i air falbh a h-aire bhoIndiagu Chinas an Cuan Samhach aig an àm so. Chan eil aobhar sonruichte air bith againn a bhi amharusach gu robh Ruisiabrosnuchadh nam fineachan iargaltarinn aramach uamhasach ann an Iar-thuathIndia. Fhuair an t-Sultain agus a Thurcaich buaidh air na Greugaich. Chaidh an naigheachd so air feadh luchd-leanmhuinn Mhahomait anns gach tire. Thoisich luchd-teagaisg amaideach ris an abair iad Mullahs air aimhreit a dhusgadh suas am measg nam fineachan a tha ann an cnoic Iar-thuathIndia, le bhig radh gu tainig an t-àm agus an cothrom airson buaidh fhaotainn do chreidimh Mhahomait ann anIndia, ’s air feadh an t-saoghail, agus airson crioch a chur gu brath air uachdaranachd Bhreatuinn ann anIndia. Rinn am feachd Breatunnach maille ri saighdearan calma Innseanach, gniomharan mora cheana, ann a ciosnachadh nam fineachan amaideach ud. Chaidh moran fala dhortadh cheana. Thuit iomadh ceannard glic agus laoch gaisgeil anns an stri. Chan eil an t-aramach fathast thairis. Gheibh na Breatunnaich fadheoidh buaidh, mar a fhuair iad ann an iomadh cruadalus cogadh roimhe. Bithidh sithus soirbheachadh fathast am measg nan daoine ceannairceach aig am bheil an dachaidh ann an cnoic Iar-thuathIndia. Seasaidh iad fathast air taobh Bhreatuinn leis na rioghachdan eile len sluagh lionmhor ann anIndia ’tha taingeil do Bhreatunn, on tha iad afaotainn ceartais, ’us sonais, ’us saorsa fo riaghladh cothromach, caoimhneil na Ban-Iompaire Bhictoria, Ban-righ Bhreatuinn.

CONA.


COMHRADH

EADAR MURACHADH BAN AGUS COINNEACH CIOBAIR.

MUR. —Bha dùsal cadail orm, agus an àm domh dùsgadh suas, air domh na coin a chluinntinn acomhartaich aig an dorus, is beag duil a bhagam gur e Coinneach Ciobair a bha aig an stairsnich aig an uair anmoich so dhen oidhche. Thig a steach fhir mo ghraidh, agus innis domh ciod is cor dhuit, agus cia mar a dhfhag thu iad gu leirs aGhoirtean Fhraoich?

COIN. —Ma ta, a Mhurachaidh, is fear gun nàirechuireas dragh air teaghlach sam bith aig an uair neo-iomchuidh so, agus uime sin, is fear gun nàire mise, oir tha thufaicinn gun drinn mi sin.

M. —Dùin do bheul, a charaid, agus na cluinneam smid tuilleadh dhethleithid sin de sheanchas, oir tha deagh fhios agad nach eil anam beò, a mach om theaghlach fein, a bheireadh barrachd sòlais do mchridhe fhaicinn na Coinneach Ciobair aig uair sam bith dhen la, no dhen oidhche. Dean suidhe, ma ta, gus an duisg mi bean-an-tighe.

C. —Bean-an-tighe! cha dean thu idir e, —is tu nach duisg, oir chan eil ni sam bith a dhuireasbhuidh ormsa ach beagan bhriathra-seanchais, agus cùil bheag chum mo cheann a chur fodham gu maduinn.

(Air a leantuinn air taobh 206.)



[204]

[Vol . 6. No. 26. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, . . . $1 .00
Sia miosan, . . . .50
Tri miosan, . . . .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig garn ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh dan duileig, agus, nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,’
Sydney, Cape Breton


SIDNI. 24 DESEMBER, 1897.

Facal a Michigan.

A CHARAID: —Tha mi feuchainn cho maths is urrainn domh ri luchd-gabhail ùr fhaotainn do MHAC-TALLA. Tha àireamh mhor agamsan amharc, agus tha dòchas agam gu faigh mi iad uile, ’nuair a gheibh mi cothrom air a dholg an coimhead. Tha mi duilich innse dhut gun do chaochail fear den fheadhain dhionnsuidhn do dhiarr mi ort am MAC-TALLA chur o chionn mios no dha air ais. ’Se bainm dha Pàdruig Domhnullach; thanaig e mach á Uishist a chinn a deas o chionn deich bliadhna, agus cha robh e ach mu thri bliadhndeug air fhichead a dhaois. Dhfhàg e bean agus còignear de chloinn bhig.

Tha mi air mo chumail gle thrang air an fhoghar so. Bha roinn mhor de chòrn agam an cur, agus thug am bualadh ùine mhor dhiom. Tha còrr us mile buiseal agam dheth air an dias. Chan eil pris sam bith air an so; chan fhaighear air ach da shent dheug am buiseal. Ach cha chreic mise mo chuid còrn air sin idir; tha sia eich agus roinn mhor mhucan agam, agus theid iad troimhn chuid as motha dhe mun tig an còrn ùr an ath bliadhna.

Bfhior thoigh leam a dhol a null a dhUidhist aon uair eile, agus ma bhios mi air mo chùmhnadh chan fhada gus an teid mi air chuairt troimh Ghaidhealtachd, agus chan eil fhios agam nach taghail mi an Ceap Breatunn air mfhaibh no air mo thilleadh. Chaidh mi tarsuinn an Atlantic tri uairean cheana, agus ged tha mi an so, tha mo chridhe anns an t-seann dùthaich fhathast. Tha ceathrar bhràithrean agus triùir pheathraichean agam ann an Uidhist a chinn a Tuath.

Mo bheannachd leat a h-uile latha chis nach fhaic, agus gu ma fada bhios tu comasach an MAC-TALLA chur ugainn. ’Se tha cumail minntinn suas. ’Nam biodh a h-uile fear agus te cho measail air cainnt a mhatharsa tha mise, bhiodh MAC-TALLA gle mhatha dheth. Beannachd ort fhéin agus air a h-uile neach a tha faighinn MHIC-TALLA! Is mi do charaid,

IAIN MAC-A- BHIOCAIR.
Rescue , Mich.


Bas Dhiarmaid.

Dluth do Shamdail mu dhusan mile tuath de Cheann-locha, tha abheinn is àirde ann an CinntireBeinn an Tuirce. Is i so abheinn a tha air a deanamh ainmeil anns naSeann Dana,” far an do mharbh Diarmad an torc mòr, ciar, a bha ag aiteachadh na beinne so, agus a bha deanamh milleadh agus sgrios air gach taobh mun cuairt da, agus acur uamhas air gach neach a rachadh an rathad. Aig an àm sin, bha Fionn le a chuid daoine, ann an Cinntire, agus thug e ordugh do aon diubhDiarmada dhol agus an torc a mharbhadh. Bha Diarmadna dheagh shealgair agus thog e gu garadh an tuirc, agus mharbh e an torc. Chuir meudachd an uile-bheisd iongantas air Fionn agus air a chuid daoine, agus dhiarr e air Diarmad a thomhas le casan rùisgte. Rinn Diarmad mar dhiarradh air, thomhais e abheisd, atoiseachadh aig a cheann; ach cha robh so taitneach do Fhionn. Bha eud no mi-rùn ann an cridhe an righ an aghaidh Dhiarmaid agus thug e an ath ordugh daTomhais an torc an aghaidh achuilg.” Bha air a ràdh gun robh Diarmad do-leontaidh anns gach mir de chorp ach an t-sàil, agus air da an torc a thomhas an aghaidh achuilg, lotadh e anns an t-sàil, leis na cuilg làidir, phuinnseanta, agus fhuair e bàs. Tha air a ràdh gum be Diarmad sinnsear nan Caimbeulach, agus gum bann o cheann an tuirc so, a ghabh na Caimbeulaich an suaicheantas.


Bha cuid de na paipearan-naigheachd Sasunnach, ann a bhi toirt iomraidh air treubhantas nan Gàidheal Ghordonach anns na h-Innsean, a dhainmich iad marréiseamaid Shasunnach!” A reir dòigh-labhairt nam paipearan sin agus achuid mhor de na Sasunnaich, chan eil ni Eirionnach, Albannach, no Breatunnach ann idirbuinnidh gach ni do Shasuinn, agus air Sasuinn bidh iad air an ainmeachadh. ’S beag an t-ioghnadh ged a bhiodh muinntir na h-Alba acur tagradh a dhionnsuidh na Ban-righnn aguidhe gum biodh stad air a chur air an droch cleachdadh sin. Agus theid sin a dheanamh, neo bidh fhios aca car son.


Ghabh aGhearmailt o chionn ghoirid, seilbh air port ann an Sina dan ainm Kiao-Chau, agus ùine ghoirid an deigh sin ghabh Ruisia seilbh air àit eile, Port Arthur.Tha sin ag aobharrachadh moran bruidhne am measg luchd-riaghlaidh nan rioghachdan eile. agus tha cuid de na paipearan Breatunnach ag radh gum bu chòir do Bhreatunn còir a ghabhail air aite dhi fhéin ann an Sina, air eagal gu fas a Ghearmailt agus Ruisia tuilleadh us làidir air a son anns an àirden Ear.


BATHAR MATH SAOR.

Am bheil Deise, Cota, Cot’ -uachdair, Currachd, Brogan, Rubbers ,no ni sam bith dhen t-seorsa sin a dhith ort? Ma tha ruig
TORMAD DOMHNULLACH.

S ann aige tham bathar as fhearrs as saoire thasa bhaile, agus ma theid thu dhan stor aigaon uair, theid thu ann a rithist.
Na leig so as do Chuimhe.


MacCoinnich & Co.

Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh
ANN AN LOUISBURG,
agus tha sinn aig an àm cheudna acumail air adhart air an t-seann laraich,
ANN AN SIDNI.

Aodaichean Matha dhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.

Theid sinn an urras air an obair.
Mac Coinnich & Co.


H. D. Mac Ille-Mhaoil,
Stewartdale , C. B.
Cloth,Drogaid, agus PlaideachanEureka.”
Mu dheich air fhichead seorsa aodaichga chreic.
Cloimh air a gabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige neo sgriobh uige.


C . H. HARRINGTON & CO.
Flur, Min, Ti agus Siucar dhen t-seorsas fhearr.
Soithichean Glaine agus Creadha, math agus saor.
Brogan, Botainnean, Rubbersagus Caiseart de gach seorsa
GAN CREIC SAOR.



[205]

[Vol . 6. No. 26. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Chaidh còrr us da cheud mile buiseal coirce a chur a null do Bhreatunn air a mhios sa chaidh a Eilean aPhrionnsa.

Bha fear-parlamaid air a thaghadh ann an siorrachd Nicolet, an Cuibeic, Di-màirt sa chaidh. ’S eliberala fhuair a stigh, ged is econservativea bha stigh roimhe. Bha mu cheud bhòt aige bharrachd air an fhear a bharuithna aghaidh.

Bha oidhche Di-sathhrna, Di-dònaich agus Di-luain gle fhuar; bha barrachd reothaidh annsa thanaig air a gheamhradh so fhathast. Thuit beagan sneachda, ach cha drinn e feum sam bith do na ròidean. Bha gaoth mhor ann feasgar Di-luain.

Chaidh 18,261,000 buiseal crithneachd a thogail ann am Manitoba am bliadhna, agus 10,629,000 buiseal coirce. Eadar a h-uile seòrsa gràin a bhann, bha 32,500,000 buiseal air a thogail. An ath bhliadhna bidh mu cheithir cheud mile acaire fo bharr nach robh air a threabhadh riamh roimhe.

Chaidh bean dan ainm Anna Nic Ghill-fhinnein ann an Catalone, air chall eadar a tigh fhéins tigh aon de coimhearsnaich, air a cheud latha den mhios, agus chuir i an oidhche sin agus achuid bu mhotha dhen ath latha seachad anns achoille. Bha i afeuchainn ri tigh a coimhearsnaich a ruigheachd air ceum goiridnuair a chaidh i air chall.

Chaidh Deòrsa K. Vanderbilt a null don Roinn-Eòrpa air an t-seachdain sa chaidh, agus mun dfhalbh e, chuir e millean dolair de dhairgead-cinnteachaidh air a bheatha. ’S e so an t-suim as motha chaidh a chur le aon chuideachd riamh air beatha aon duine. Tha ecosg coig mile deug air fhichead dolairsa bhliadhna dha, agus tha aige ri bhiga phàigheadh fad fichead bliadhna.

Cha mhor gu bheil seachdain adol seachad on thanaig am fuachd gun sgeul bàthaidh a bhi anns na paipearan naigheach. Bidh gillean agus nigheanan beaga a dol a skateadh cho luathsa thig acheud deigh air na lochans air na h-aimhnichean, agus tha sin gu tric ag aobharachadh call beatha. Bu choir do phàrantans do mhuinntir eile a bhi gu math faiceallach air an deigh gus am bi i cinnteach.

Tha kerosene Geancachga chreic air feadh chearnan de Chanada air treas cuid na prise a tha na ceannaichean ag iarraidh. ’S es coireach ri sin gu bheileas asmugladh moran dhe as na Stàitean. Tha andutya thatar a pàigheadh air olla gle àrd, agus tha moran dhen bharail gum bu chòir isleachadh; nam biodh sin air a dheanamh cha bhiodh ach gle bheag smuglaidh air a dheanamh, oir cha bhiodh buannachd sam bith ann.

Tha Lyman Dartt air aideachadh gum be mharbh an t-Armenianach, ach tha eg radh gum bann le tuiteamas a rinn e e. Bha e anns a choille as deigh mathain, agus air dha bhi dol seachad air craoibh-laidhe, thuislich e, agus dhfhalbh an urchair as aghunna. Chuale cuideiginn a gearan, agusnuair a chaidh e dhionnsuidh an rathaid a dhfhaicinn co bhann, fhuair e an t-armenianach marbh. Ghabh e leithid a dheagals gun do theich e. Chuir e urchair anns a ghunna an ath latha air eagal gum biodh àmhrus air, agus cha dthug e guth air na thachair, an dòchas gum biodh e air a shaoradh aig a chùirt. ’S e pios dhen aon phaipear-naigheachd a bhana chuifeinsan da urchair agusse sin a dhit e. Chan eil teagamh nach leigear a bheatha leis, ach bidh e air a chur dhan tigh-obrach. ’N an robh e air a sgeul innse aig a chùirt, bhiodh e moran na bfhearr dheth.

Fhuaireadh duine air am bheil an luibhre ann am baileSt . John, N. B. ,o chionn ghoirid. Is duine dubh e a thanaig o chionn beagan mhiosan air ais á Bermuda.

Ged nach robh ach àireamh gle bheag ann am Montreal a ghabh a bhreacnuair a bha i ann o chionn ghoirid, chuireadh cosguis nach bu bheag air abhaile. Chaidh deich mile fichead dolair a chosg afeuchainn ri cur as dan tinneas. Tha am baile nise buileach cuibhteas i.

Bha coinneamh bhliadhnail Sgoil nan Dall air a cumail ann aHalifacs toiseach na seachdain sa chaidh. Tha an sgoil so adeanamh obair mhath ann a bhi toirt foghluim agus comas am beòlaind fhéin a chosnadh do mhuinntir a tha dhith am fradhairc, agus bu chòir do mhuinntir nam mor-roinnean iseal acumail suas gu math.

Bha baile-mor Bhoston ataghadh àrd-bhàillidh Di-màirt sa chaidh, agus fhuair Quincey, anDemocrat ,a stigh. Bha am fear so a stigh an da bhliadhna chaidh seachad. Bha dithis eile ruithna aghaidh. Cha do ruith Iain L. Sullivan idir; threig a mhisneachd e lathan aineamachaidh. Tha esan nas fhearr air òls air sabaid na bhiodh e air riaghladh baile.

Chaidh soitheach a mhuinntir Newfoundland a ghlacadh le luchd na cuspuinn ann an Sidni Tuath seachdain romhn , air son a bhi smugladh. Bha roinn de stuth làidirs de thombaca air bòrd aice. Tha moran dhen obair so adol air adhart air an taobh so dhen eilean, agus than t-àm aig an luchd-riaghlaidh ionnsuidh làidir a thoirt air stad a chur oirre.

Chaidh soitheach-iasgaich Geancach a ghlacadh o chionn ghoirid air son a bhi bristeadh air laghannan an iasgaich. Bhatar asealltuinn a mach air a son o chionn treis a dhùine. Chaidh i stigh doLockeport , N. S. ,mios no dha air ais, agus an deigh beagan càraidh a bhi air a dheanamh oirre, dhfhalbh i gun a dhol troimh thigh na cuspuinn idir. Cuirear càin ochd ceud dolair oirre.

Tha airgead meallta a cur dragh orra anns na Stàitean an dràsdabuinn dolar anns am bheil a cheart uiread airgeidsa thas na buinn chearta. Tha na bancaichean fhéin air am mealladh leotha gu tric, leis cho doirbhsa tha e an aithneachadh. Chan eil ach beagan a bharrachd air fiach leth-dolair de dhairgead anns an dolar Gheancach, agus tha iadsan a tha ris na buinn mheallta a deanamh saoibhreis nach beag. Ach ma gheibhear greim orra, theid an cur a dhàite anns an ionnsaich iad ceaird eile.

Thanaig fios á Boston deireadh na seachdain sa chaidh ag innse gu bheil mèinn Bhictoria ri bhi air a cumail fosgailte, sgeul a tha gle thaitneach le muinntir eile. Bha an obair air sgur latha no dha mun dthainig am fios, agus bhatar ag obair air gach ni a bfhiach an t-saothair a thoirt as amhèinn, ach chaidh stad a chur air sin gun dàil. Cha chuala sinn guth mu mhèinn Ghowrie, ach tha i sin cheana air a lionadh le uisge, agus ged is bochd an gnothuch e, tha e ro-choltach gu bheil i air a dùnadh gu buileach. Tha e tighnn gle chruaidh air muinntir an àite sin a bhiga fhàgail an deigh do mhoran dhiubh dachaidhean seasgair a dheanamh dhaibh féin.


BAS.

Air Beinn Ghilanders, aig an Amhuinn Mheadhonaich,, air an naodhamh latha de Nobhember, chaochail Iain Caimbeul, aois ceithir fichead bliadhnasa h-ochd deug. Be aon de na daoine bu shine bha air abheinn. Bha ena dhuine air an robh fior mheas aig na h-eòlaich uile, agus tha e nise air a dhol don dachaidh bhuan a dhfhaotainn a dhuais air son beatha dhireach, cheart. Dhfhàg e bean agus coignear nighean gu bhi caoidh companach dileas agus athair gràdhach.


BATHAR UR.
Moran de Churaicean Geamhraidh, eadar 10c. us $5 .00.
Brogan matha saor.
Ti mhath mar a babhaist.
Beagan de Cheannachd Thioram.
Olla 25c. an galan; 5 galain air $1 .00.
NIALL DOMHNULLACH,
BADDECK , - - C. B.


J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsas fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B.


BADDECK , - - C. B.
Airson a stor a dheanamh nas deiseiles nas feumaile dhaibhsan a thadeanamh gnothuch ris, tha
Albert I. Hart
anise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh.Tha achuid sin den ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am BostonsanNew York.
Gheibh iadsan a thig ga h-ionnsuidh an
DEAGH RIARACHADH.
BADDECK , - - C. B.


LEABHRAICHEAN GAILIG.

Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. MacIlliosa 1.10
Gaelic Class Book .35

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte.
Sgriobh gu
J . G. MACKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney, C. B.



[206]

[Vol . 6. No. 26. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 203.)

M. —Bin ad thosd, a Choinnich, tha e cianail mar eil comas aig duine bochd a thoil a dheanamhn a thigh fein. Eirich abhean, eirich, agus faic co a thagainn an so.

Air ball, bha bean Mhurachaidh air a bonnaibh, agus an sàs ann an Coinneach, acur failt is furain air.

C. —Is obair gun aobhar so air fad,—

M. —Na cluinneam tuilleadh dheth sin, a ghraidh nam fear, oir ged nach deachaidh do chuids aphoit, tha drùbhags an t-searraig dhuibh a fhliuchas do sgòrnan, agus cha mhisdthu boinne beag an deigh do thurais, maille ri crioman as amhulachaig agus greim dhen aran. Goilidh abhean an coire beag, agus is feairrd thu diodag bhlàth, mu n cuir thu do cheann far am bi dùil agadfhaotuinns amhaduinn.

C. —Gu dearbhs gu cinnteach cha ghabh mi boinne blàth an nochd, agus chan eil stath a bhibruidhinn. An deigh dhuinn an Leabhar a ghabhail, rachamaid le beannachd a chadal, agus gheibhear gach ur-sgeuls amhaduinn.

M. —Mar bi e air mo chomhairle-sa, biodh e air do chomhairle fein, a rùin mo chridhe. Oidhche mhaith agus deagh fhois dhuit. Do bhrìgh gum bheil thu sgìth na dean cabhags amhaduinn.

C. —Fàilt ort, a Mhurachaidh, is moch thu air do bhonnaibh mar a bàbhaist, am bheil thu gu fallain, slàn, surdail an diugh?

M. —Is dàn a bhitalach, a Choinnich, ach carson a dheirich thu co moch, air duit a bhi airsnealach, sgith an raoir, ach cha robh uine agam fhoighneachd ciod an gnothuch mun robh thu an de, an uair a thainig thu, mar an sneachd, gun dùil riut?

C. —Bha mi air Feill Mo-Chalmaig, far an do reic mi tri cheud molt le Sir Seumas air son an dthugadh dhomh dùbladh sin de phùinnd Shasunnach.

M. —Fhuair thu s mor, da phunnd air acheann, ach is cinnteach gun robh iad ciatach.

C. —Bha iad mar a bha am baile ann an Baideanach, an eatorras, ach chuir duin’ -uasal àraidh dam bainm Mac-an-Fhleisteir, fios-dealain orra dhionnsuidh Shir Seumais, agus chord iad fein mun luach, ach thug e dhomhsa òrdugh-banca do Shir Seumas air son sea ceud, a thuilleadh air cùig buinn òir a chur e am laimh fein air son mo shaoithreach.

M. —Ben duin’ -uasal e da rireadh, agus cha mhiste leam agad na cuig buinn sin, is bòidheach iad, agus is maithn an àite fein. Cuiridh iad brògan air Seonaid agus air na pàisdibh.

C. —Cha be sin an gnothuch furast an diugh, a Mhurachaidh, —na brògan! Ach coma co dhiubh, is taitnichairgiod nam bròg na duais an léigh; agus is fearr a bhicaitheadh nam bròg no nam plaideachan. Ach, a Mhurachaidh, chan eil mi tuigsinn fon ghréin ciod is ciall dontelegramsin a thug Sir Seumas o cheann mios air aisdhionnsuidh a Chaisteil aige. Tha edol os ceann mo sgil agus mo sgoil, agus chan eil dùil agam gur ni e a ta cneasda. Tha òganach an sud ann an seòmar beag asìr-amharc air aghaidh rud cosmhuil ri uaireadair Gearmailteach, air am bheil da làimh bhig agrad chlisgeadh a nullsa nall, agus tha greim aige air gnè iuchrach leis am bheil e do ghnàth agliogairsich, agus acur nan làmh beaga air chrith-ghluasad gun sgur. Chan aithne dhomh idir ciod is ciall da.

M. —Tha migad chreidsinn, a Choinnich, ach is e an telegraph aon de na h-innleachdaibh miorbhuileach sin a fhuaradh a mach o cheann beagan bhliadhnaichean, agus cha lugha na ceithir no cùig dhiubh, co-ionnan iongantach annta fein, a fhuaradh a mach on bha dathairna leanabh.

C. —Ainmich iad sin, a Mhurachaidh, a chum gum bi cuimhnagam orra.

M. —On as cuimhne leam fein fhuaradh a mach antelegraph ,an toit-chumhachd, an gas-sholus, agus dealbh-tharruing na gréine, a thuilleadh air iomadh athleasachadh feumail eile.

C. —Mìnich dhomh an telegraph an toiseach, a Mhurachaidh, oir is minic a chunnaic mi na caol-shlatan iaruinn air an sineadh, agus air an teannachadh air mullach nan crann àrda, agus is tric a chuala mi na naigheachdan adol seachad le srann-fhuaim air na slataibh, agus atoirt orra a bhi seinn mar air teudaibh fìdhle. A reir coslais is iad na deagh-naigheachdan a bheir a mach binn-cheòl dhen t-seòrsa sin, oir chan eil ni sam bith toilichte no taitneach mun droch naigheachd.

M. —Tha thu gu tur air do mhealladh mu na nithibh sin, a Choinnich, oir chan iad na naigheachdan a ta deanamh na fuaime, ach an osag ghaoithe agluasad nan slat a ta air an teann-tharruing mar theudan na cruite-ciuil.

C. —Ciamar, uime sin, a chuirear an naigheachd air falbh?

M. —Tha sing a dheanamh le dealanach nan spéur. Tha fios agad, a Choinnich, gum bheil e comusach an dealanach a dheanamh le stuthannaibh sonruichte, agus a ghleidheadh ann an searragaibh àraidh a ta air an cumadh air a shon. An uair a nithear an dealanach air an doigh so, tha comas aigesan a tagabhail curaim deth air a dheanamh lag no laidir a reir a thoil fein. Leis an iuchuir udna làimh tha e cur an dealanaich troimh nan cuibhleachan, agus tha na cuibhleachan sin agluasad nan lamh beaga ud a chunnaic thu, agus acomharrachadh a mach litrichean àraidh a ta, mar sin, adeanamh suas bhriathra na teachdaireachd. Tha cumhachd an tein’ -adhair sin aruith air na slataibh aruigheachd ann am priobadh na sùla nan ionadan as faide air falbh dhionnsuidh am bheil an teachdaireachd a dol, agus an sin acur làmhan eile air ghluasad a chuireas an teachdaireachd air ball an céill. Ach chan fhurast sin a mhìneachadh le briathraibh, as eugais sealladh nan sùl.

C. —Is miorbhuileach an ni cumhachd a bhi aig duine peacach, dall, aineolach thairis air dealanach nan speur, agus seirbhiseach a dheanamh dheth. Dhaindeoin gach cùis, than duinen a chréutair innleachdach.

M. —Ro cheart, a Choinnich, ach chan eil sinn achn a thoiseach fhathast, oir gun teagamh meudaichear an innleachd sin gu mor eigin, oir tha nithe ùrag am faighinn a mach gach . Am bheil fios agad gum bheil gnè dhealanaich ach beag anns gach ni mun cuairt duit. Gabh cat ann an seòmar dorch, agus sliob sios bian a dhroma gu cruaidh re mionaid na dha, agus a ris grad-shuath e an aghaidh achuilg, agus chith thu sradan teine aboisgeadh as a dhruim, agus is gnè dhealanaich a ta an sin.

C. —Is miorbhuileach gach ni a ta ann! Co as urrainn an gabhail gu leir a steach! Ach ciod mun toit-chumhachd?

M. —Tha thu fein eolach air an toit-chumhachd leis am bheil na luingeasan air an greasadh, na h-eich-iaruinn air an gluasad, na h-achan air an treabhadh agus air am buain, na h-éudaichean de gach gnè air an sniomh agus air am figheadh, —na leabhraichean air an clòdh-bhualadh, —agus na muillnean de gach gnè air an greasadh. Than toit-chumhachd mar sog a fhoillseachadh fein fo mhile riochd, agusg a chleachdadh chum ach beag gach obair agus ealaidh a chur air an aghaidh. Nan togadh do sheanathair a cheann as an duslaich, ciod a theireadh e an uair a chitheadh e na carbadan aruith gun eich, —na h-àchang am buain le cumhachd teine agus uisge, —agus na longan aruith air chuibhleachaibh, agus agrad-shiubhal gun sheòl, gun ràmh, an aghaidh an t-sruth agus na gaoithe? Is cinnteach gun abradh do sheanathair còir gun robh làmh aig do chairdibh, na sithichean, anns aghnothuch, agus gun robh barrachd na cumhachd talmhaidh air fhoillseachadh anns achùis.

C. —Tha mi fein adeanamh gnè thuigsinn air an toit-chumhachd, oir is minic a cuunnaic mi, an uair a bhiodh Seònaid agoil achoire dhuibh, air son drùbhaige dhen a dheanamhs a mhaduinn, nach bfhurast an ceann a chumail air a choire le cumhachd na toit.

M. —Tha thu glé cheart, oir is ann le coire beag mar sin a fhuaradh an cumhachd sin a mach an toiseach.

C. —Ach ciod mun ghas-sholus? Chunnaic mi fein es na bailtibh-mora, agus gu cinnteach cha dthug mi mo bheannachd air.

M. —Ud! ud! ciod so a dhéirich dhuit, a charaid?

C. —Ciod a dhéirich dhomh! Innsidh mi sin, ach na dean gaire rium, a ghràidh nam fear. Gun teagamh air oidhche àraidh theab e an gnothuch a dheanamh orm. ’N àm dhomh a bhi ann an Glaschu maille



[207]

[Vol . 6. No. 26. p. 7]

ri Sir Séumas, tha cuimhnagad, air an turas a thug sinn a dh-Eirinn, chuireadh a steach do sheòmar àluinn cadail mi, far an robh lasuir mhor dhen ghas, mar sgiathan eoin, agabhail gu soilleir. An deis dhomh mo bheannachadh fein, agus ochan! is ann agamsa a bha feum air beannachadh on Airde an oidhche sin, shéid mi as an solus, agus thilg mi mi feins na plaideachaibh; sheid mi gu grad as e, mar a bàbhaist domh coinnlean geire nam molt a chur as, agus thug mi mo leabuidh orm. Ann am meadhoin na h-oidhche, bha min impis mo thachdadh; dhéirich mi, ach cha robh anail agam, agus thòisich mi air gleadhraich a dheanamh air feadh an t-seòmair, atilgeadh nam bòrd thairis, abriseadh nan soithichean-ionnlaid, agus afairtleachadh orm dorus no uinneag fhaotainn thall no bhos. Bha mo cheannna bhreislich, agus bhuail mi an t-urlar gu cruaidh air son furtachd. Mu dheireadh, dhfhosgail neach eigin an dorus, agus ghlaodh e mach—Gracious goodness! what is this?—Ghlaodh egas , gas—agus ged a bha esan mar an ceudna, an impis a thachdadh, rug e air ghualainn orm, agus threòraich e mi gu ceann na staidhrach, ruiste mar a rugadh mi, agus dhfhosgail e na h-uinneagan air ball. Bhan t-àite dubh, dorch, agus gaoth fhuar aseideadh air mo choluinn ruisgte. Dhinnis e dhomh gum bithinn ann an siorruidheachd nam biodh esan lethuair eile gun tighinn a steach, agus gum biodh an tigh air a sheideadh suas mar le fùdair, nan tugteadh coinneal laiste don t-seòmair.

M. —Fhuair thu cuimhneachan air cumhachd an t soluis sin, a Choinnich, a leanas riut am feadh is beo thu, oir is caol a thearnadh thu gun teagamh. Tha fios agad gum bheil angasair a dheanamh as a ghual. Gabh piob-thombaca le cois fhada, agus lion sòrn na pìoba le gual gu min air a phronnadh, agus còmhdaich e le potaig de chreadhaidh air a h-oibreachadh gu reidh. Càraich ceann na piob anns an teine, afàgail na coise dìreach a mach. Ann an ùine ghoirid chith thu ceò abruchdadh a mach as achois, agus ma chuireas tu teine ris, loisgidh e gu soilleir, agus bheir e deagh sholus uaithe. Is ann air an doigh cheudna, uime sin, a nithear angasann an tomhas mor chum na bailtean a shoillseachadh, mar a chith thu iad anns gach àite.

C, —Moran taing dhuit, a Mhurachaidh, is iongantach an t-eòlas a ta air a sparradhs a cheann sin agad, agus chan fhios domh idir ciamar a rinn thu greim air. Ach ciod a nis mu dhealbh-tharruing na gréine, a ta co iongantach ri aon de na h-innleachdaibh a dhainmicheadh leat a cheana?

M. —Ma , a Choinnich, chan fhurasda dòmhsa sin a mhineachadh dhuit, a chionn nacheil mi feinga thuigsinn gu soilleir. Goirear anns aBheurlaPhotographyris; —focal a taciallachadhSgriobhaidh,” noTarruingle solus na gréine. Tha clàran beaga gloine ceithir-shliosnach air an ullachadh, agus air an ionnlad ann an géur-shùbh làidir, agus tha aon de na gloineachaibh sin air a shuidheachadh ann am bocsa cosmhuil ri gloin-amhairc. Suidhidh an ti a tharruingear fa choinneamh abhocsa so, leshuil air a ghloine, agus air don dealbhadair a bhin a sheasamh air an taobh eile dhen bhocsa, tha etogail suas spéilean, no dorus beag, chum solus na gréine a leigeadh a stigh don bhocsa. An sin, ann am priobadh na sùla, than dealbh air a nochdadh air aghloine, ach than dealbhadair gu gradga spionadh air falbh gu seomar dorcha, agusga thilgeadh ann an stuth araidh leis am bheil an dealbh air a cho’ -dhaighneachadh air aghloine. Than dealbh sin a rìs air a chlòdh-bhualadh bhar na gloine air paipear tana, agus tham paipeir sin air a ghlaodhadh air cairt làidir ghil, chum a ghleidheadh tearuinte, agus than dealbh an sin deas.

C. —Be sin da rireadh an obair eagnuidh, iongantach, agus is firinneach a nochdas e riochd, agus aogas an duine. Thug Sir Séumas a dhealbh do Sheònaid an roimhe, agus cha burrainn ni sam bith coslas an Ridire a nochdadh nas fearr. Chaneil fiù gaoisdean air a mhalaidh nach fhaicear an sin gu soilleir, agus tha fuilteanan a chinn gu riochdail air an leigeadh ris. Is anabarrach an innleachd e.

M. —Tha micreidsinn sin uile, a Choinnich, ach a nis, on thug an duin’ -uasal còir sin air Feill-Mo-Chalmaig na cùig buinn òir dhuit, glac acheud chothrom chum aon diubh a chur a mach ann an dealbh far an nochdar thu fein agus Seonaid, agus an òigridh uile, ’nur n-aon chomunn air aon chairt.

C. —Cha dearmaid mi do chomhairle a ghabhail, a Mhurachaidh, oir is taitneach teaghlach fhaicinn uile cuideachd mar sin, air da a bhin a ni cinnteach gun sgapar iad am fads am farsuing ann an ùine ghairid.

M. —Tha bean-an-taigheg ar n-iarraidh, a ghràidh nam fear, agus is còir duinn dol a dhfhaicinn ciod a thaice air ar son. —ALASDAIR RUADHsa Ghaidheal.

Bha caileag bheag aon latha aruith sios an t-sràid agus thuit is ghearr i a ceann air cloich. Chaidh seana bhean chòirga togailsig radh aig an àm cheudna, “A nighean bhochd, nach ann dhut a dhéirich e.” “Chan e nighean bhochd a thannam,” arsa chaileag, ’s i tiormachadh a sùilean, “tha airgead gu leòr aig mathairsa bhanca.”

Ma tha thu air son am MAC-TALLA a phàigheadh romhn BhliadhnUir, no air son cur ga iarraidh as ùr, na cuir an còir dàil anns aghnothuch. Chan eil againn dhen bhliadhna so ach aon seachdain eile.

Chan eil iomradh air ni troimh uile linntean an t-saoghail air am measaile daoine na misneachd. Esan a tha treun tha càirdean aige daonnan, ach chan eil caraid idir aig aghealtair.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear Tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.


Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.


D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C.B.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIGOs cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.


Indurated Fibreware

Tha an seorsa so nas daoire na na bucaidean cumanta, achs math is fhiach iad sin; tha iad nas buaine, agus mar sinsiad as saoire.

THE
E. B. EDDY Co.,
LIMITED,
HULL, CANADA.



[208]

[Vol . 6. No. 26. p. 8]

Am Bruadar Innseanach.

AIR FONN: —Feasgar Luain.

Air dhomh-sa tuiteam troman suain,
Gun bhruadar mi mu Thir an Fhraoich,
Ge fada bhuam air ard achuain,
An cearnan tuath, bha tir nan laoch;
S gum facas leamna maisling bard,
Ro aosd air fas le ciamhag liath,
S air-leam guh thog eghuth gu h-ard,
Ri gul gun tamhs acaoidh nan triath.

Na aonar leig ethrom air bát,
S gu cianal chiom e sios e-fein,
Ri gabhail soraidh ris gach àit,
A baillidh leis na àit fon ghrein;
Gun chuimhnich e na laithean cian,
A thriall a nulls nach till a chaoidh,
S gun cuala mi am bard fo phian,
Mar so ri deanamh bron us caoidh:—

(CAOIDH ABHAIRD).

O thir mo ghraidh, thir ard nam beann,
S tun tir a bannsa leam bho thùs,
S an tric a thrìall mi cnoc us gleann,
Mas d-fhas mo cheum cho mall gun lùghs;
S e lion mo chridhe lan de bhron,
Bhi faicinn fearann coir mo ghaoil,
Air fas cho lom le feidhs le eoin,
S an sluaghn am fograich bhochd fo sgaoil.

Than sluagh nach striochdadh riamh do namh,
A nis air falbh do chearnan cein,
S tha cearcan-fraoichan aite-tàmh
Nan Albannachbha calma, treun;
Na glinnbu roghainn leam thar cach,
Gu tur dol fas fo choill gun bhrigh,
S och, och, nach fhaic mi chaoidh gu brath,
An dream a dh-fhag fo leon mo chri’.

Cha barmailt bhorb a nall thar sàl
Thug buaidham blàr no sharuich sinn,
Oir riamh cha d-fhuaireadh siol no àl,
Bu chalmair blàr bho linn gu linn;
Cha beach sionnaich mhosach, bhreun,
A bhrath aGhaidhealtachd do Ghoill,
S a mhills a mheall na Gaidheal threun,
Le laghan eucorach luchd foill.

Be uachdarain gun iochd, gun truas,
A sgap an sluagh bho chuairt nam beann,
S na slaightearan bha lan de chruas,
G am fuadach as gach cluainn us gleann;
Mar Iudas lubach, lan de cheilg,
Gun ghlac iad coir ail roinns air raoin,
Gan reic le foill do lamh luchd seilg,
Chum faighinn seilbh air moran maoin.

Mor mhallachd bhuan gun robh ri tamh,
Bho cheann gu sail nam mearlach bhreun,
G an leantuinn dluth gach taobh us lamh,
S an dàin dhoibh tamh no triall fon ghrein;
S mar bhuin iad fòs ri bochdan truagh,
S ri dilleachdain, gun truas, gun bhaigh
Mar sin gun tuiteadh sios an snuadh,
S an cridhe cruaidh, le brón us craidh.

Air leam gun cluinn mi ghaoth gu binn,
Mar cheol ri seinn tre ghlinn mo chri’,
Gach sruth gun tamh ri caoidh na suinn,
A thriall air tuinns nach till a chaoidh;
Than uiseag bheag don ciuine ceol,
S an smeorach bhochd gu tursach, fann,
Ri guls acaoidh na suinn a sheol,
S nach till rim beo gu Tir nam Beann.

Na maonar tha mi caoidh a ghnath.
An dream a babhaist comhnadh leam,
Achs fada bhuam a dhfhaibh gu brath,
An dream nach fhagadh minntinn trom;
S mar sin cha-neil cionfàth fon ghrein,
Ni manam eibhinn a so suas,
Gun tig am bàsam ionnsuidh fein,
Leshaighdean guineach, geur, gun truas.

O, failte, Bhàis; O, failte, Bhàis.
Gur fearr am bàs leam na bhi beo,
Oir ni e saor mi bho gach càs,
Tha fagail manam trom fo sgleo;
Oir cha-neil agam gion no gaol,
Do nis an t-saoghal mhealltach, bhreun,
Bho dh-fhalbh a null thar cuan us caol,
An dream bu chaoins bu chaomh leam fein.

Cha-n ioghnadh ged tha minntinn trom,
S nach tog mi fonn air oran binn,
S mi nis air fas cho lags cho lom,
S gur coma leam-sa ceol a sheinn;
Oir dh-fhalbh mo roghainn as an tir,
Sn an àit tha ciobairean us Goill,
S cha baill leam fein a riamh, gu fior,
Bhi striochdadh sios do shiol na foill.

Gur cianal tha mi ghnath leam fein,
Mar chailleach-oidhchair call a h-àl,
Mar Oisein bochd an deigh na Feinn,
Tha mise caoidh na dh-fhalbh air sàl;
Oir dh-fhagadh mina maonar truagh,
Mar long air cuan gun chrann, gun seol,
Le cridhe bristair call mo shnuadh,
Nach eirich suas le duan no ceol.

Cha chluinn mi tuilleadh cainnt nam beann,
Achainnt a bannsaidh leam fo neamh,
S cha-n fhaic mi chaoidh air raoin no gleann,
Na h-oighean grinn ri seinn gu seimh;
S ma chluinn mi piob, le torman ard,
Bho bhalgairean aig sail luchd-dreuchd,
S ann thuiteas inntinn throm abhaird,
S a chridhe sgàint le craidh us creuchd.

Ach beannachd leis gach cnoc us sliabh,
S gach sruth tha triall tre ghlinn mo ghaoil,
Tha manail fàs gu fannna mchliabh,
Mo shuilean blians mo cheann cho maol;
Tha manam tursach, trom, fo chàs,
Gu fann air fas le bron us caoidh,
S mar sin aig uair us àm mo bhais,
O thir mo ghraidh, slan leat a chaoidh!

* * * *

An sin gun thuit am bard le sgios,
S air-leam air ball gun chaill en deo,
S nuair bhasaich esan dh-fhailnich sios
An Gaidheal deireannach bha beo;
Gun chrom an giubhas sios a cheann,
S mu thimchioll chruinnich ainglean neamh,
S gun thiodhlaic iad en Tir nam Beann,
Chum codal trom gu sùthainn, seimh.

Gun chlisg mo chridhe— ’s dhuisg mi suas,
Bhon aisling suain a bhruadar mi,
S air ainm mo Dhetha lan de thruas,
Gun d-thug mi luaidh le run mo chri’;
Toirt taing do Righ na cruinne-,
Gu bheil na Gaidheil fathast beo,
San dochas feadh gach linn us ,
Gun teid E-fein mar thearmunn leo!

Luinneagan Luaineach.


AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leigsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD.
Cuir a dhiarraidh sampuill, teisteannais us urrais.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia. —agus—127 State St Boston, Mass.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar duthcha thanar beachd


NIALL Mac FHEARGHAIS,
Taillear.
SIDNI - - - C. B.


$1 .00 air 80c.
Tha tuilleadhsa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dhairgead. Thig mum bin t-am seachad agus
FAIGH BARGAN.
McDonald Hanrahan & Co.
Sidni, Iulaidh 16, ’97.


CAIT AM FAIGH MI?
Saibh, Glasan, Luaidhe, Sgeinein, Lainntearan, Sguabaichean, Paipear-tearra, Paipear-tubhaidh.
Olla, Fudar, Glaine, Siosaran, Tairnean, Bucaidean, Tuaghannan.
GHEIBH AIG
C . P. MOORE,
Sidni, C. B.

titleIssue 26
internal date1897.0
display date1897
publication date1897
level
reference template

Mac-Talla VI No. 26. %p

parent textVolume 6
<< please select a word
<< please select a page