[Vol . 6. No. 27. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 31 DESEMBER, 1897. No. 27.
[Dealbh]
Tha MAC-TALLA an dochas gu ’n do chuir a chairdean, na Gaidheil anns gach cearna, seachad Nollaig chridheil, agus a guidhe dhaibh, le uile dhurachd a chridhe, BLIADHNA MHATH UR.
Barraidh an Deigh Bliadhna Thearlaich.
A CHARAID. —Tha ’n geamhradh air tigh’n air aghaidh gle mhath, agus tha ’n t-side gu math fuar agus gaothar; bi an droch shide daonnan a toirt nam chuimhne na facail a bhiodh daoine o shean ag radha “Stoirm ’s ànradh a dh’fhuadaicheas a ghràisg o’n chladach.” ’Sann bliadhna Thearlaich a thuirteadh na facail so ’n toiseach an uair a bha na Sasunnaich ’s na h-eilainean an iar, air tòir nan gaisgeach bu treise ’s bu dìlse a bh’aig Tearlach, air son an cur gu bàs. An treas gaisgeach a b’fhèarr a bh’aig a Phrionnsa, b’e Iain Mac Neill Mac Fhearachair a fhuair àrach ann an eilein Mhiughlaigh. ’Sann ’san eilein sin fhéin a rugadh air a rithist, an deigh do Thearlach teicheadh dha ’n Fhraing; ’se chrochadh a rinneadh air. Bha muinntir an eilein sin fodh chùram agus fo eagal fhad ’sa bha na Sasunnaich air tir air ain eilain; rinn iad call nach bu bheag orra cuideachd. Mharbh ’s dh’ ich iad sia mhairt air banntraich; ’s mharbh iad air càch air a reir. Theich gach duine a b’ urrainn teicheadh o’n bhaile, agus bha iad ’gam falach ’s na creagean agus anns sa h-uile h-aite a b’fhalachidhe na chéile a b’ urrainn dhaibh fhaotain. Theab na Sasunnaich na daoine bochda a chuir gu bas le cion bhidh; dh’ ich iad cha mhor am biadh air fad. Bha dithist ghill ’sa chreig ’gam falach Ruairidh Mac Neill ’s Mac Iain. O nach robh ach am bàs romhpa ’s nan deigh rinn iad air son tigh’n gu baile; choinnich daoine air a rathad iad. “Càite ’n robh sibh ’illean.’ “Bha sin a’ buachailleachd,” ars iadsan. Cha robh an còrr ma dheidhinn. Ghabh iad air aghaidh a dh’ionnsuidh an taighe bu ghiorra dhaibh. Bha’n taigh so làn dhe na Sasunnaich agus poit mhor fheòladh ac’ air an teine; bha’n connadh car fliuch ’s bha moran toite a staigh, agus se rinn iad sgrath an a thoirt far an taighe os cionn an teine gus an toit a leigeadh a mach. ’Nuair a ràinig na gillean an taigh, dhirich iad suas dh’ionnsuidh an tuill so, fiach de bha dol air aghaidh a staigh. Thug fear aca cistalachadh air fhein ’s leag e sgrath mhor ’s bhuail i ann am broinn na poite. Leum steall mhor aisde ’s loisgeadh na bha m’an cuairt air an tiene ’s iad gu dichiollach a losgadh connaidh fo’n phoit. “ ’S tusa rinn sud,” ars an darna fear. “Cha mhi,” ars am fear eile, ’sa mach air a h-aon diag a thug iad. Dh’éirich iad air a chéile a sabaid ’s ag ùpraid, ’s theich na gillean ’s dh’ fhàg iad mar sin iad. Dh’ fhan na Sasunnaich ann an eilein Mhiughlaigh fad ceithir seachdainean, gus na thill a soitheach a àite eile; b’e ’n àireamh aca ceithir chiad. Bha eagal air muinntir an àite fad cunntais bhliadhnaichean na dheidh sin na faiceadh iad soitheach a seòladh goirid dha’n eilean. Latha dhe na lathaichean sin, chunnaic iad soitheach seòladh gu cladach an eilein, agus a smaointein gur soitheach Sasunnach a bh’ann, theich gach duine do’n bheinn ach aon fhear a bha bhean aig air a la-shiubhlach ’s nach fhalbhadh agus a bhean fhàgail. Bha bean ann aig a robh clò ga luadh, ’s theich i fhein ’s na mnathan-luaidh ’s thug iad leotha an clò ’s luaidh iad e, am broinn sluic. Bha Ruairidh Mac Neill ’s Mac Iain am mullach beinne os cionn a bhaile gu dùrachdach a’ feitheamh air an t-soitheach, bha iad ag radha gum b’ fhearr leotha am bàs fhulang (na’n gabhadh Dia ri’n anam) na leithid fhaicinn ’sa chunnaic iad bliadhna nan Sasunnach. ’Se soitheach ’san robh caragu sallainn a bh’ann. Thàinig na seòladairean air tir, agus o nach robh duine aig taigh ach an aon duine, chaidh iad dhachaidh còmhla ris. Dh’fhàg iad briosgaidean aig an té a bha ’san leabaidh; ’se sin a bha annasach ’san àm sin. An ath latha dh’fhas a’ ghaoth cho mor air adhaidh ’s nach do dh’fhan iad ris an acaire a tharruinn ach an càbull a leigadh as, ’s dh’fhalbh iad mar sin fhéin. Goirid na dheigh sin thog muinntir an àite acaire mor an t-soithich a bh’ aig Hisgir ’s dh’ fhalbh iad leis ga reic. Chuir fear ceisd orra de mar a thog iad e; “Thogadh iad Hisgir fhéin ’san àm ud,” ars esan. ’Nuair a reic iad e, cheannaich iad buideal uisge-bheatha a bhiodh aca ’nuair a rachadh iad dhachaidh do ’n àite fhein, air son an geamhradh a chuir seachad le spòrs ’s le cridhealas. ’Se mar a thachair dhaibh, ’nuair a thòisich iad ri òl, cha robh uibhreachd aca sgur dheth, bha iad ag òl a dh’ oidhche ’sa latha, gus nach robh duine anns an àite nach robh air an daoraich. Chaidh lathaichean na seachdain iomrall orra, ach chuimhnich cuid-eigin gur e Di-dònaich a bh’ ann, agus gum b’e ’n dleasdanas an t-seirbheis àbhaisteach a dheanamh; thuirt iad gu leir gu robh e ceart. ’Nuair a bha ’n t-seirbheis a dol air aghaidh, ghabh fear dhe na bha ’sa chuideachd, ’se ’g éighach le guth àrd, ceathramh òrain; thug e fhein an sin an aire dha rud a bha e ’g radha, ’s rinn e air a shocair, ach dh’ éibh fear eile ris le guth laidir “Masg romhad mar a th’agad.” Thachair rud eile coltach ris a sud, ann an eilain eil nach robh fada uaithe, (cha’n ann a mhearachd ainme) uair a fhuair iad togsaid ruma air a chladach, thachair gun deach duine air chuairt suas taobh a deas an eilein Mhiughalich, ’s thug e ’n aire gu robh na beathichean ’san arabhar ’san eilein eile (cha robh ach caolas beag eatorra), agus nach robh duine ri fhaicinn a muigh air dorus. Air an la màireach chaidh duine eile suas bheinn a deas air torachd chaorich, ’s chunnaic e gu robh na beothaichean ’san arabhar ’s gun duine ri fhaicinn a muigh na’s mutha na bha’n dé. An treas latha chaidh gillean tapaidh tarsuinn a chaòil le bàta fiach dé bha cèarr; fhuair iad na daoine air fad na’n sìneadh gun rionnag, air na stealla duibhe daoraich, agus an togsaid ruma na’n teis-meadhain. Thainig air na gillean gu’n do ghabh iad fhein an daorach ’s nach robh iad uile-gu-leir comasach air tilleadh dhachidh. Cha robh àite freagarrach aca air son pairt dhe ’n stuth a thoirt leotha, agus ’se rinn iad, lion iad na poitean air fad leis an stuth, ’s thug iad leo e, ’s chuir iad air an daorich a h-uile duine a bha san eilein aca fhéin. Bha iad da latha ma’n do smaointich iad air biadh a dheasachadh, leis na dh’ òl iad dhe’n deoch, ach ’na dheigh sin, cha robh sgial ac’ air poit, air son a dheasachadh; cha robh fios dé dh’ eirich dhaibh, ach chuimhnich cuid eigin an sin gu robh iad ann am Miughlaigh. ’Se chiad obair a sin a rinn iad a dhol a dh’iarraidh nam poitean, ’s bha na daoine còir gaisgeil sin gun bhiadh gus na thìll iad. Faodaidh sinn a thuigsinn gu robh na daoine a bh’ann ’san àm ud na’s treise na gu leòr a th’ann an duigh. ’Sann ’san eilain a thachair so, a tha’n duine mòr ris an canadh na Sasunnaich, The giant of the Rocky Mountains. ’Sann a fhuair e bhreth is àrach ’s tha e fuireach ann fhathast. Cha ’n eil duine am Breatunn cho àrd ris; ’se aon fhear a muinntir na h-Earadh a’s giorra theid dha. Tha e na dhuine làidir agus na dheagh lamh fheuma. Bidh mi sgur an dràsda ma’m bi luchd-leughaidh MHIC-TALLA a fàs sgìth dha’m sheanachas, Is mi do charaid dileas,
RUAIRIDH.
Miughlaigh, am Barraidh.
[Vol . 6. No. 27. p. 2]
Mu na Seann Ghaidheil.
LEIS AN URR. D . B. BLAIR, D. D. ,NACH MAIREANN.
I.
Tha na Gaidheil Albannach a’ creidsinn agus a ghnath a cumail a mach gur h-iad fein sliochd nan seann Ghael an dream iomachliuiteach oirdhearc sin a bha le buaidh a dion an dùthcha o na h-armailtibh Romanach a thug ionnsuidh air a toirt fo chis; agus ged a bha cinn-fheadhna ghaisgeil ’nan ceannardaibh air na h-armailtibh lionmhor, treun ud, sheas na Gael ’nan aghaidh, gus an do choisinn iad buaidh, agus am b’ eigin do na Romanich teicheadh agus an cuid armailtean a tharruinn air falbh as an tir. Ach cha bhuin an onoir so do Ghaidheil an là an diugh, mur eil e fior gur h-iad iarmad agus sliochd an t-sluaigh sin ris an abradh na seanachaidhean Romanach Caledonii, agus an deigh sin Picti, ainm a bha air a chumail suas fad cheudan bliadhna leis an luchd-eachdraidh a sgriobh an Laidinn mu thimchioll luchd-aiteachaidh ceann tuath na h-Alba.
Tha a’ cheud chunntas firinneach againn mu Albainn agus a luchd-aiteachaidh anns an eachdraidh a sgriobh Tacitus mu bheatha agus mu chogadh athar-ceile Agricola, ann am Breatuinn. Thoisich an cogadh so mu bhliadhna ar Tighearna 77, agus lean e gus a’ bhliadhna 85. Air tus ghabh Agricola da bhliadhna a’ ceannsachadh nan Gael a bha anns na duthchannaibh a tha gu deas air Struilea agus Cluaidh; air an treas bliadhna rainig e gu tuath cho fada ris an amhainn Tabha, agus chuir e suas tri campan anns a’ ghleann ris an abrar Srath-Eirinn ann an Siorramachd Pheairt; bha aon champ aig Ardachaidh gu deas air Maothaill agus Craoibh; bha camp eile fagus do Chuimridh, agus an treas camp dlu air an aite sin anns am bheil baile Pheairt ’na sheasamh. Air a’ cheathramh bliadhna bha Agricola a daigneachadh laghannan agus a’ cur rian air na h-aiteachaibh a ghlac e. Air a’ choigeamh bliadhna bha e anns an earrainn sin de ’n dùthaich a tha mu choinneamh Eirinn ris an abrar a nise Galloway agus Siorramachd Ara. Air an t-seathamh bliadhna chaidh e rithist gu tuath air Struilea agus nuair a ghluais e an armailt as na tri campaibh thug na Caledonaich ionnsuidh air an naoidheamh legion air an d’ rinn iad milleadh mor. Chaidh na Romanaich air an adhart gu tuath a’ creach’ na tire anns gach aite, agus an sin chruinnich feachd Chaledonia uile gu cath ’nan aghaidh fo iul an righ no a’ cheannaird chliuitich sin d’ am b’ ainm Calgacus no Colgach. Tha ainm a’ chinn-fheadhna so a’ dearbhadh gum bu Ghaidheal gaisgeil a bha ann, oir co an Gael nach tuig ciod a tha air a chiallachadh le “colgach” no “colgarra,” agus tha e cosmhuil gum bu duine colgach, foghainteach an gaisgeach treun ud a reir an iomraidh a sgriobh Tacitus mu thimchioll. Chuireadh an cath so aig sliabh ris an canar leis an eachdraiche Laidinn, Mons Grampius, ainm a dh’ fhaodas a thighinn o’n fhocal Ghailig, am “Monadh Garbh,” agus a tha ro fhreagarach mar ainm air na garbh-bheanntan sin a tha a’ toiseachadh am braighe Aber adhain agus a’ sineadh a mach eadar Siorramachd Pheairt agus Siorramachd Inbhir-nis. Bha feachd Chaledonia mu thimchioll deich mile fichead saighdear a reir briathran “Thaichituis,” ni a tha dearbhadh dhuinn gun robh an tir air a lionadh le luchd-aiteachaidh aig an àm ud. Gum bu Ghaidheil iad tha sinn a lan-chreidsinn, agus gun do labhair iad Gailig mar a labhrar air an là an diugh le ’n sliochd ann an tir nam beann tha sinn a’ cumail a mach gu dana, agus bheir sinn oidhirp air a’ phuing so a dhearbhadh leis na h-argumaidibh agus na comhdaichean a leanas.
Ged a bhuadhaich na Romanaich anns a’ chath a chuir iad ri feachd Chaledonia aig a Mhonadh Gharbh, gidheadh cha robh an ni gu mor bhuannachd dhoibh; oir tha Tacitus ag radh gun do phill Agricola air ais le “triall mall” (lento itinere)a chum an armailt a chur ann an cairtealaibh-geamhraidh anns na campaibh a shuidhich e an Srath-eirin ann an siorramachd Pheairt. Air an ath bhliadhna, se sin an seachdamh bliadhna bha Agricola ann am Breatuinn, chaidh a ghairm air ais leis an Impire Domitian, agus an sin chaill na Romanaich na choisinn iad ann an Caledonia.
Mu ’n bhliadhna 120 thainig an t-Impire Hadrian do Bhreatuinn, ach an aite an earrann sin de Chaledonia a chosnadh air ais a bha aig na Romanaich ri linn Agricola, ’s ann a b’ eigin da balla mor tota no fail a chur suas eadar an t-aite ris an abrar a nise Carlisle agus an Caisteal Nomha, a chum fineachan Chaledonia a dhruideadh a mach o’n mhor-roinn Romanaich ann am Breatuinn a’ chinn’ Deas. Mu ’n àm so sgriobh Ptolemaidh ann an Alexandria, Leabhar-Cruinne-Eolais ann an Greugais anns am bheil e a’ labhairt mu Chaledonia mar dhùthaich lan choilltean, agus ag radh Caledonich mar ainm ri luchd-aiteachaidh na tire. Mar is e Tacitus a cheud sgriobhair anns am faighear an t-ainm Caledonia air a radh ri ceann Tuath Bhreatuinn, is amhuil sin is e Ptolemaidh a cheud fhear a tha gnathachadh an ainm Caledonaich gu bhi ciallachadh an t-sluaigh leis na h-Eachdraichibh Romanach, oir tha Dion Cassius, a sgriobh Eachdraidh na Roimhe mun bhliadhna 230, ag radh, “Gun robh an t-Impire Commodus a’ cogadh ’nan aghaidh agus ann an laithibh an Impire Septimius Severus cha do sheas na Caledonaich ris na geallainnibh sithe, ach dh’ ullaich iad a chum na Maigh-aitich a dhion agus o’n a bha Severus a’ cogadh ann an ait’ eile, b’ eigin do Verrius Lupus, an ceannard-airm Romanach, sith a cheannach o na Maigh-aitich le suim mhoir airgeid a phaigheadh.”
Tha e coslach gum b’ iad na Maigh-aitich so an sluagh a bha a comhnaidh ann am Machair Alba ann an Siorramachd Fiofa agus an dùthaich mu dheas ris an abrar a niseLothian , Berwickagus gu crich Shasuinn. An deigh sin mu ’n bhliadhna 207, tha Dion ag radh gun deachaidh an t-Impire Severus do Chaledonia los an tir a cheannsachadh agus a thoirt fo chis, ach choinnich e ri cruadalaibh ris nach robh fiughair aige o na coilltichibh, na càrraichibh-mointich, agus o na h-aimhnichibh a thachair air, agus o shluagh na tire a bha leum air a shaighdearaibh gun fhios anns na bealaichibh cumhang, gus an do chaill e mu thimchioll leth-cheud mile fear-cogaidh. Cha deachaidh e na b’ fhaide gu tuath na muir Inbhir-nis, an caol Muireach, agus nuair a rainig e sin bu bhuidhe an tapadh leis tilleadh air a shail cho luath ’sa b’ urrainn do chasan a thoirt as. Tha e air a radh gun robh Fionn mac Chumhail ann an laithibh oige a’ cogadh ris an Impire so, oir tha Oisean ag radh gun robh e cogadh ri Caracul mac Righ an Domhain aig amhainn Charuinn, agus gun do “theich na coigrich a b’ airde guth, Caracul ’s a shluagh, gu bhi sgaoileadh an sgiath an tir thall.” Tha e coslach gum b’e Caracul so, Caracalla, mac an Impire Severus, ris an robh Fionn a’ cogadh; ma ’s e feuchaidh sin dhuinn an linn anns an robh gaisgich na Feinne beo.
Mun bhliadhna 208 tha Dion ag radh gun do thog Severus balla mor àrd làimh ri Fal Hadriain, a chionn gun d’ fhairtlich air Caledonia a cheannsachadh. B’e so am balla bu mho thog na Romanaich agus bha e ’na chrich eadar iad fein agus fineachan Chaledonia.
II. —NA PICTI, NO DAITHTICH.
Roimh dheireadh na treas linne cha robh ainm sam bith eile ach Caledonaich air luchd-aiteachaidh Ceann tuath Bhreatuinn aig na h-Eachdraich bh Romanach. Ach mu’n bhliadhna 296 thugadh ainm nuadh orra, ’se sin “Picti,” na Pictich, no Daithtich, no a mhuinntir Dhaithte. B’e Eumenius an Cainntear a chleachd an t-aimn so air tus anns an Oraid chliuthachaidh a rinn e do Chonstantius Chlorus air son na buaidh a thug e air an traoiteir Alectus. Air dha labhairt mu na Deas Bhreatunnaich thubhairt e “Os barr bha an cinneach aineolach aig an am sin, agus a chionn nach b’aithne do na Breatunnaich ach na Picti agus na h-Eirionnaich a mhain naimhdean leth-ruisgte, uime sin gheill iad gu furasda do airm agus do bhrataich nan Romanach.” Gum b’ iad na Picti so an t-aon sluagh ceudna ris na Caledonaich tha Eumenius so fein a’ nochdadh gu soilleur anns an oraid a rinn e air beulaobh an Impire Constantin mac Chonstantius anns a’ bhliadhna A D. 309. Nuair a mhol e Constantius d’a mhac thubhairt e, “Nach bu deoin leis coilltichean agus catharraich-mointich nan Caledonach agus nam Picteach eile a ghlacadh, no eadhon
[Vol . 6. No. 27. p. 3]
Eirinn a bha fagus air laimh, no eilean Thula a bha fad as.” Tha e dearbhadh gun robh cogadh aig na Deas Bhreatunnaich ris na Picti roimh theachd Iulius Chaesair, agus a’ feuchainn an dealachaidh a bha eadar Caesar agus Constantius. Agus nuair a tha e ag radh gun robh na Picti leth-ruisgte freagraidh an t-iomradh so gu math do na Gaidhil sgeadaichte leis an fheile-bheag.
Tha e coltach gun d’ thainig an t ainm Picti o’ n chleachdadh a bha coitcheann am measg seann luchd aiteachaidh Bhreatuinn, oir tha Iulius Caesar ag innseadh gun robh iad ’gan dath fein le dath lia-ghorm a chum an aogus a dheanamh na b’ eagallaiche ann an àm cogaidh; agus tha Herodian ag radh mar an ceudna gun robh na Caledonaich uile Daithte ri linn an Impire Severus nuair a chaidh e gu tuath sa’ bhliadhna 207. Tha am Bard Claudian mar an ceudna ag radh “Nach ann cearr a bha an t-ainm Picti” (Nec falso Nomine Picti) ,a ciallachadh gun robh an t-ainm freagarrach dhoibh a chionn gun robh iad air an dath, oir tha am facal Laidin Pictus a’ ciallachadh “daithte.” Tha e ro choltach gun do lean na Gaidhil Thuathach air a’ chleachdadh so, a bhi ’gan dath fein sa’ chogadh, an deigh dhoibh sgur dheth ann an ceann a Deas Bhreatuinn, ni a thachair co luath sa cheannsaicheadh an tir leis na Romanaich, agus gu h-araid an uair à thainig an creideamh Criosduidh a steach do ’n Eilean. Os barr tha am Bard Claudian a’ feuchainn dhuinn an doigh anns an robh an dath so air a dheanamh, eadhon le roinn bhioraich iarruinn leis an robh an craiceann air a tholladh agus an dath air a chur a steach anns na lotaibh, “ferroque notatas perlegit enangues Picto moriente figuras. ” “Leugh e cruthan neofhinelteach air an dealbh le iarunn, air corp marbh a’ Phictich.” Mu’r h-ann o ’n chleachdadh so a fhuair iad an t-ainm cha’n eil e soilleur cia bhuaithe a dh’ eirich e, oir cha’n ’eil focal sam bith cosmhuil ris anns a’ Ghailig Eirinnich no Albannaich o’ ’m faodadh an t-ainm Pictich a bhi air a radh ris an t-sluagh. Agus cha’n ’eil dearbhadh sam bith gun robh an t-ainm so air a radh riutha leotha fein no leis a’ chuid eile de mhuinntir dhuchasaich Bhreatuinn.
III.
O na nithibh a dh’ ainmicheadh faodar a thuigsinn gum b’e an t-aon sluagh ceudna a bha air an ciallachadh leis na Romanaich nuair a sgriobh iad mu na Picti agus na Caledonich: oir nuair a tha Dion ag radh Caledonaich riutha mu ’n bhliadhna 230, agus Eumenius ag radh an ainm Picti riutha mu ’n bhliadhna 296, cha ’n eil e cosmhuil no idir comasach ann an uine shea bliadhna agus tri fichead (66) gum biodh an sluagh sin a chog ri Agricola aig a’ Mhonadh Gharbh agus a thug dulan do armailtibh nan Impirean Romanach Hadrian, Antoninus Commodus, Septimius Severus agus Caracalla fad corr agus ceud bliadhna—air an gearradh as gu h-obunn no air am fuadach as an tir le sluagh ur a thainig a stigh nan ait ris an abradh na Romanaich Picti mar ainm. Tha e soilleir gum b’ iad na seann Chaledonaich fein a bha ann, agus nach robh ni ur sam bith ’nam measg no mu ’n timchioll ach an t-ainm nuadh ud a thugadh orra o’n aobhar a chaidh aithris. Agus tha Eumenius a’ dearbhadh so dhuinn nuair a tha e ag radh “Caledonich agus Pictich eile,” oir tha e a’ ciallachadh gun robh na Caledonaich nam Pictich maille ris gach dream eile a bha air am filleadh a stigh fo ’n ainm sin. Tha e cosmhuil gum b’e an t-ainm leis an robh iad air an comharradh a mach leis na seanchaidhibh Eirionnach “Cruithnich,” oir tha iad ag radh gun robh a’ chuid bu mho dhe Albainn air a h-aiteachadh leis na “Cruithnich” agus air a riaghladh leo. Agus tha na Welshich ag radh“Gwyddyl Ffichti”riutha, se sin Gaidhil Phicteach, no Gaidhil Dhaithte, a’ ciallachadh gun robh iadsan a’ tuigsinn gum bu Ghaidhil na Pictich, agus a reir coslais thug iad an earrann mu dheireadh de ’n ainm o’n Laidinn a chum an dealachadh o na Gaidhil eile nach robh air an dath.
Mu thimchioll na bliadhna 360, tha ainm nuadh air a thoirt air cuid do na fineachaibh Gaelach ann an ceann Tuath Bhreatuinn. B’e an t-ainm sin “Scoti,” agus is e an t-Eachdraiche Romanach, Ammianus Marcellinus, a’ cheud ughdar leis am bheil an sluagh ud air an ainmeachadh mar so. B’i Eirinn tir an dùthchais, agus thainig iad a nall á sin do thaobh an iar na h-Alba ann an Earraghael, a chuideachadh le ’m briathraibh, na Gaidhil Albannach anns a’ chogadh ris na Romanaich mu ’n bhliadhna 363, ri linn nan Impirean Iulian agus Iovian. Agus a reir coslais dh’ fhuirich cuid diubh ann an Earraghael far an d’ fhuair iad tuineachas am measg nan Gael, an uair a phill a’ chuid eile dhiubh dhachaidh do Eirinn an deigh a’ chogaidh; oir tha Gildas, seann eachdraiche Breatunnach a sgriobh mu ’n bhliadhna 550, ag radh gun “do phill na creachadairean ladurna Eirionnach dhachaidh.” Agus tha Isidore, a sgriobh mu ’n bhliadhna 600, a’ dearbhadh gum b’e Eirinn fearann dùthchais nan “Scoti,” oir tha e ag radh, “Scotia eadem et Hibernia, ” &c . ’Se sin an Gailig, “Scotia an aon tir ri Hibernia,” agus fhuair i an t-ainm so do bhrigh gu bheil i air a h-aiteachadh le fineachaibh nan ‘Scoti; ’” cha ’n eil e soilleir cia bhuaithe thainig an t-ainm so; tha cuid ag radh gur h-ann o’n fhacal “Scuite” a thainig e, a tha ciallachadh ’s a Ghailig Eirionnaich, “Na Falbhanaich no siubhlanaich, no na Fuadanaich.” Tha cuid eile ag radh gun d’ eirich e bho ’n fhacal Sgaoth, agus gun abairteadh Sgaothaich riutha do bhrigh gun robh iad a falbh comhladh mar sgaoth bheachan. No faodaidh gun d’ thainig e o’n fhacal ‘sgiot’ a tha ciallachadh sgap, agus gun abairteadh “Sgiotaich” riutha, a chionn gun robh iad air an sgiotadh no air an sgapadh thall ’s a bhos. Ach ciamar sam bith a fhuair iad an t-ainm so tha e soilleir gum bu Ghaidhil iad agus gum b’i Eirinn tir an dùthchais; agus nach robh dealachadh sam bith eadar iad fein agus na Picti, ach ’an dealachadh ceudna a tha an diugh ri fhaicinn eadar na Gaidhil Eirionnach agus na Gaidhil Albannach. Agus tha Adhamhnan a sgriobh beath-eachdraidh Chalum-Chille a’nochdadh so gu soilleir nuair a ta e ag radh gun d’ thainig Calum Cille á Scotia Bhreatunn, ’s e sin á Eirinn gu taobh tuath na h-Alba. Tha an t-Eachdraiche Bede mar an ceudna a’ daingneachadh an ni so; oir tha e ag radh, “ ’S i Eirinn gu h-araidh dùthaich nan Scoti.” Leabh. I. Caib. 1.
Mu ’n bhliadhna 506, thainig tri buidhnichean de na “Scoti,” a nall á Eirinn fo thri cheannardaibh, agus ghabh iad comhnuidh ann an Earraghael. B’iad na Cinn-fheadhna ud Fearghus, Aonghus agus Lathurna. Ghabh Fearghus sealbh air Cinntire, ghlac Aonghus Eilean Ile, agus rinn Lathurna greim air a fhearainn sin a dh’ ainmicheadh Lathurna as a dheigh fein. Chaidh Fearghus a chrunadh na Righ air na “Scoti,” agus is ann uaithe-san a thainig a nuas teaghlach rioghail na h-Alba anns na linnibh an deigh sin.
(Ri leantuinn.)
Maol a’ Chliobain.
Bha bantrach ann roimhe so, agus bha tri nigheanan aice, agus thuirt iad rithe, gu’n rachadh iad a dh’ iarraidh an fhortain. Dheasaich i tri bonnaich. Thuirt i ris an tè mhòir. “Co aca is fearr leat an leth bheag agus mo bheannachd, no an leth mhòr agus mo mhallachd? “Is fearr leam” ars ise, “an leth mhòr agus do mhallachd.” Thuirt i ris an tè mheadhonaich, “Co aca is fearr leat an leth bheag agus mo bheannachd no an leth mhòr agus mo mhallachd?” “Is fearr leam an leth mhòr, agus do mhallachd,” ars ise. Thuirt i ris an te bhig, “Co aca is fearr an leat an leth mhòr agus mo mhallachd, no an leth bheag agus mo bheannachd?” “Is fearr leam an leth bheag agus do bheannachd.” Chord so ri a mathair agus thug i dhi an leth eile cuideachd. Dh’fhalbh iad, ach cha robh toil aig an dithis a bu shine an té a bu oige a bhi leo, agus cheangail iad i ri carragh cloiche. Ghabh iad air an aghaidh, agus nuair a dh’amhairc iad as an deidh, co a chunnaic iad ach ise agus a’ chreag air a muin. Leig iad leatha car treis gus an do ràinig iad cruach mhòine, agus cheangail iad ris a’ chruaich mhòine i. Ghabh iad air an aghaidh treis, agus dh’amhairc iad ’nan deidh, agus co a chunnaic iad ach ise a’tighinn, agus a chruach mhòine air a muin. Leig iad leatha car tacan gus an do ràinig iad craobh, agus cheangail iad ris a’ chraobh i. Ghabh iad air an aghaidh treis, agus nuair a dh’amhairc iad nan deidh, co a chunnaic iad ach ise a’ tighinn, agus a’ chraobh air a muin. Chunnaic iad nach robh math bhi rithe. Dh’ fhuasgail iad i agus leig iad leo i. Bha
(Air a leantuinn air taobh 214.)
[Vol . 6. No. 27. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, . . . $1 .00
Sia miosan, . . . .50
Tri miosan, . . . .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher ‘Mac-Talla,’
Sydney, Cape Breton
SIDNI, 31 DESEMBER, 1897.
Tha ceithir fichead bliadhna ’sa coig air a dhol seachad o’n bha ’n cogadh mu dheireadh eadar na Stàitean us Breatunn, agus cha bu chogadh glé mhor e, ’s cha deachaidh aireamh mhor dhaoine a mharbhadh ann. Ach ged a bha sin mar sin, tha àireamh mhor de bhantaichean nan saighdearan Geancach a bha ’sa chogadh sin a tarruinn pheinsean gus an latha ’n diugh. Cha’n eil ach ceithir duine deug dhe na bha anns a chogadh sin beò anns na Stàitean an diugh, ach tha tri mile, da cheud, ’s ceithir fichead us seachd (3,287) bantrach a làthair fhathast, agus gach té dhiubh sin a’ faotainn ochd dolair ’sa mhios á ionmhas na duthcha. Tha ceud ’sa h-aon deug dhiubh ann am baile Chicago leis fhéin. Feumaidh gu’n do phos iad anabarrach òg, neo gu bheil iad glé shean. Gu ma fada beò iad, ach ’s math leinn gur h-ann aig na Stàitean fhéin a tha ri ’n cumail suas.
Bha duine mhuinntirAmherst , N. S. ,air a chur an greim Di-ciaduin s’a chaidh ann anEverett , Mass. ,air son e bhi pòsda ri da mhnaoi. A reir coltais bu duine gle ladarna e, oir cha robh ach mu aona mile deug a dh’ astar eadar àiteachan-còmhnuidh ’nam mnathan. Thainig a cheud bhean air ais gu Amherst o chionn ghoirid, agus mu ’n àm sin ghabh an té eile amhrus nach robh gach ni gu ceart, ’s chuir i luchd-ceartais air a thoir. Tha e nise anns a phriosan a feitheamh cùrtach.
Tha baileNew Yorka nise air a mheudachadh leBrooklynagus àireamh de bhailtean beaga a tha timchioll air, a bhi air an cur a stigh ris. Tha mu thri millean us tri chairteil (3,750,000) de shluagh ann. Thatar a meas gu bheil ceithir millean gu leth (4, -500,000) sluaigh air an tiodhlacadh an taobh a stigh de chriochan a’ bhaile, no gu bheil tri cairteil millein a bharrachd de dhaoine marbha anns a ’sa tha ann de dhaoine beò.
Coinnneamh Bhliadhnail Clann Eilean a’ Cheo.
ORAN LE NIALL MAC LEOID.
Mo dhùrachd blàth do chloinn mo shluaigh,
’Tha cruinn an nochd a’m baile Chluaidh;
Clann nan àrmunn fearail còir,
A dh’ àraich eilean gorm a’ cheò.
Sìol nam fiuran nach robh fann,
A dhearbh an làmh ’an strì nan lann;
’S cho buan ’s bhuaileas tuinn air tràigh,
Bidh iomradh air an euchd ’s na dàin.
Ged ’chaidh ar sgaoileadh air gach taobh,
Cha chaochail sin gu brath ar gaol,
Do eilean caomh nam bàgh ’s nan sgiath,
Cho maiseach ’s air ’n do dh’ éirich grian.
Ge corrach àrd a stùcan cas,
Gur cùbhraidh caoin na caochain bhras,
A taomadh sios bho uchd nam beann,
Ag ùrachadh gach srath is gleann.
Ach ’s lìonmhor fàrdoch chàirdeil bhlàth,
’Tha ’n diugh na làraìch fhuair air cnàmh;
Aig eòin nan speur ’s aig féidh nam beann,
Gun cheòl, gun mhànran mar a bh’ ann.
Air feadh nan linntean cian a thriall,
Bha cliù ar sinnsir seasmhach riamh;
’S dh’ fhàg iad mar dhìleab aig an al
Gun mhasladh ’n eachdraidh sin gu bràth.
Is leanadh mid air luirg an ceum,
A togail suas ar ’n eachdraidh féin;
A roghnachadh gach slighe cheart,
’S ag iarraidh comhnadh Righ nam feart.
Faodaidh an rathad a bhi garbh,
’S faodaidh na cathan a bhi searbh;
Ach duineil, dìleas mar bu dual,
Cha chùram dhuinn nach toir sinn buaidh.
Cho fad ’s a shéideas gaoth nam beann,
’S a chumas Blàth-bheinn suas a ceann;
Biodh clann mo dhùchcha mar ’bu chòir
’Nan cliù do eilean gorm a’ cheò.
Bha coinneamh mhor aig na Sgitheanaich ann am baile Ghlaschu o chionn ghoirid. ’S ann aig an àm sin a rinneadh an t-òran so.
So mar tha ar caraid, an Taillear Dughallach, á Margaree, a cur thugainn a dhollar:
So dhiubh pris a phaipear Ghàidhlig,
Air leam fhin gu’r fhiach e dhà dhiubh—
Le chuid naigheachdan gun fhàillain,
H-uile seachdain tha e lan diubh;
Le chuid sgeulan as gach àite,
Eadar Albainn us Aràbi;
Le chuid oran grinn gun àireamh,
Millis, fonnmhor, ceòlmhor, gràdhach;
’S ioma buaidh a th’ air an àrmunn
Nach dean mise ’luaidh an dràsda;
Tha e taghal anns gach ceàrna
Anns an dean an Gàidheal tàmhachd;
Gur e spiocaire gun nàire,
Ni a leughadh gun a phàigheadh;
Gur a mi-chliu do na Gàidheil,
Ma bhios cion no éis gu bràch air;
Gu’m a fada beò is slán e,
Toil is dùrachd Shandi Thàillear!
Tha Comunn Gàilig Halifacs a faotainn air adhart gu math. Tha coinneamh mhiosail aige, agus bidh eadar tri fichead us ceithir fichead pearsa aig gach coinneamh. Tha na coinneamhan air an fosgladh, ’s gach gnothuch us deasbud a bhios aca air a dheanamh ann an cainnt mhilis, bhlasda nam beann.
BATHAR MATH SAOR.
Am bheil Deise, Cota, Cot’ -uachdair, Currachd, Brogan, Rubbers ,no ni sam bith dhe ’n t-seorsa sin a dhith ort? Ma tha ruig
TORMAD DOMHNULLACH.
’S ann aige tha ’m bathar a’s fhearr ’s a’s saoire tha ’sa bhaile, agus ma theid thu dh’ an stor aig’ aon uair, theid thu ann a rithist.
Na leig so as do Chuimhe.
MacCoinnich & Co.
Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh
ANN AN LOUISBURG,
agus tha sinn aig an àm cheudna a’ cumail air adhart air an t-seann laraich,
ANN AN SIDNI.
Aodaichean Matha dhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.
Theid sinn an urras air an obair.
Mac Coinnich & Co.
H. D. Mac Ille-Mhaoil,
Stewartdale , C. B.
Cloth,Drogaid, agus Plaideachan “Eureka.”
Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic.
Cloimh air a gabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige neo sgriobh uige.
C . H. HARRINGTON & CO.
Flur, Min, Ti agus Siucar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr.
Soithichean Glaine agus Creadha, math agus saor.
Brogan, Botainnean, Rubbersagus Caiseart de gach seorsa
’GAN CREIC SAOR.
[Vol . 6. No. 27. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Tha pàrlamaid Chanada ri bhi cruinn air an treas latha de Februaraidh. Tha pàrlamaid Bhreatuinn ri bi cruinn air an ochdamh latha dhe ’n mhios cheudna.
Tha ’n amhach-ghoirt ann an Truro. Bha i gu math pailt ann beagan ùine air ais, ach an dràsda ged a tha i ann, cha ’n eil ach gle bheag tinn leatha, agus cha ’n fhada gus am bi i air a cur as gu buileach.
Chaochail Dùghal Mac-Ille-Mhicheil, duin’ òg a mhuinntir Hogamah, ann am Maine far an robh e ’g obair anns a’ choille, air an t-seachdain s’a chaidh. Cha robh e tinn ach tri latha. Thugadh a chorp dhachaidh gu bhi air a thiodhlacadh.
Thuit beagan sneachda toiseach na seachdain so a rinn rathad sleighe, agus tha e nise na ’s fhusa do dhaoine gluasad na bha e roimhe so. Tha an rathad math gu leòr far an robh e còmhnard, ach far an robh cnapan us clachan, cha bhi e gle math gus an sil tuilleadh sneachda.
Cha b’ urrainn dut gibht Bliadhn’ Uire a b’ fhearr a chur gu d’ charaid no gu d’ bhana-charaid na bliadhna dhe ’n MHAC-TALLA. Bheir e toileachadh us fiosrachadh nach beag dhaibh fad na bliadhna, agus bi’dh e air faotainn fad an deigh do gach gibht eile a gheibh iad a dhol air chall no air diochuimhn’.
Bha teine ann amMoncton , N. B. ,toiseach na seachdain s’a chaidh a loisg fiach da fhichead mile dolair mu ’n d’ fhuaireadh a chur as. Thòisich e ann an stor leabhraichean, agus sgaoil e gu taighean eile a bha timchioll. Bha an t-uisge reota anns na pioban, agus mar sin cha d’ fhuaireadh stad a chur air an teine gus an robh e air call mor a dheanamh.
Tha daoine tòiseachadh ri fhaotainn a mach gu bheil siorrachd Inbhirnis gle bheairteach a thaobh mèinnean. Tha gual ri fhaotainn ann amPort Hood,am Mabou, amBroad Cove, ’s aig an t-Similear; aol ann amPort Hastings,am Mabou, ’s am Beinn a Mharmoir; plaister am Mabou agus an aiteachan eile, agus marmor aig Beinn a Mharmoir. Tha so uile gun iomradh air òr a thatar a’ faotainn ann an Cheticamp ’s a Hogomah.
Tha da shoitheach mhor smùide ri bhi ruith eadarVictoria , B. C. ,agus Yukon, am port a’s fhaisge air a’ Chlondaic, cho luath ’sa thig bristeadh air an earrach. Gheibh daoine an uair sin a dhol do thir an òir gun a dhol a mach air criochan Chanada, agus mar sin cha bhi dragh sam bith air a chur orra le luchd na cuspuinn. Bidh an turus cuideachd saor o gach cunnart agus ànradh troimh ’n robh daoine a dol air an t-samhradh s’a chaidh ’nuair a bha aca ri dhol tarsuinn na beanntan.
Chuir Gàidheil Cholumbia Bhreatunnach fàilte chridheil air an t-Senator Mac Aonghais air dha a bhi air a dheanamh na Riaghladair air a mhor-roinn. Air an t-seachdamh latha de ’n mhios so, chaidh àireamh de dhaoin’ inbheach a Chomuinn Ghàidhealaich le dithis phiobairean air an ceann dh’ ionnsuidh an taighe aige, agus leugh iad òraid-fhailteachaidh Ghàilig dha. An deigh sin bha òraidean eile air an liubhairt le dithis no triùir dhiubhsan a bha làthair, agus chluich na piobairean dha no tri chuairtean air a’ phiob-mhoir. Rinn an Riaghladair òraid ghoirid, thaitneach, a toirt taing do mhuinntir a Chomuinn Ghàidhealaich air son an deagh dhùrachd dha. Mar a tha fhios aig ar leughadairean, ’s ann an Ceap Breatunn a fhuair an Riaghladair Mac Aonghais a bhreth us àrach, agus tha sinn anabarrach toilichte gu bheil e le dichioll ’s le tapadh an deigh dreuchd cho onarach a thoirt a mach dha fein.
Aig ceap Nòr, chaochail o chionn ghoirid, bean Uilleam Gwinn, agus i ’n deigh aois ceud us ceithir bliadhna ’s da mhios a ruigheachd. Bha i air aon de ’n cheud fheadhain a thainig gu Ceap Nor.
Tha W. C. Domhnullach, ann am Montreal, an deigh da cheud gu leth miledolair a thoirt o chionn ghoirid do oil-thigh McGill anns a bhaile sin. Tha e an deigh faisg air millean gu leth dolair a thoirt do ’n oil-thigh sin air fad.
Chaidh fiach seachd millean us da cheud mile dolair ( $7 ,200,000) a losgadh ann an Canada ’s anns na Stàitean air a’ mhos s’a chaidh. Cha deach uiread calla dheanamh le teinntean am bliadhna ’sa rinneadh an uiridh, no idir uiread ’sa rinneadh air a bhòn-uiridh.
Tha barrachd dhaoine a’ cur a stigh air son cead deoch-làidir a chreic ann a’ Halifacs am bliadhna na bh’ ann riamh roimhe. ’S e duine gle ainneamh a chuireadh latha no dha seachad anns a’ bhaile sin nach biodh dhe ’n bharail gu bheil am pailteas de “mhac-na-braiche” ’ga chreic ’s ’ga òl ann mar tha.
Tha ’n laimhrig ùr ghuail ri bhi air a cur suas aig anInternationalre a gheamhraidh. Bidh i na ’s àirde ’s na ’s fhaide na ’n t-seann laimhrig, agus na ’s freagarraiche air son soithichean a tha àrd os ceann uisge a luchdachadh. Eadar an da laimhrig, gabhaidh moran guail cur a mach air an t-samhradh s’a tighinn.
Tha an soitheach-smùide “Bruce” a deanamh a turuis gu riaghailteach eadar Newfoundland agus Sidni Tuath, da uair ’san t-seachdain. Tha àireamh mhor a gabhail an turuis air ais ’s air adhart oirre. Air an t-seachdain s’a tighinn tha dùil ri còig ceud cù a thighinn oirre air an turus do ’n Chlondaic, far am bheil iad gu bhi air an cur a dh’ obair a tharruinn shleigheachan.
Tha duine fuireach air Ceap Mabon, Iain Mac Neill, a bha ceud bliadhna dh’ aois air latha Nollaig. Tha e fhathast gu làidir, fearail, agus a reir gach coltais cho slàn ’sa bha e latha riamh. Tha a fhradharc ’sa chlaistneachd gu math, agus cha do chaill e fiacail riamh. Cha do bhean e do ’n tombaca ri bheò. Tha e làn de sgeulachdan éibhinn, agus tha e gle dheidheil air a bhi seinn òrain Ghailig. Tha e de Chloinn-Neill Bharraidh agus tha moran de bhuadhannan a shinnsirean air leantuinn ris. Gu ma fada beò e.
Iadsan a Phaigh.
Seumas C. Domhnullach, Iona. $3 .00
I. W. Domhnullach, Malagawacth .
A . Bain, Port. Hawkesbury.
Caorstaidh Mhoireastan Sidni,
Ceit Nic Dhomhnuill, Glengarry P O. $2 .18
A. B Domhnullach, Meat Cove.
Iain D. Dùghlach, Grand Mira Tuath.
Gilleasbuig Peutan, cùl Siudaig Bheag. $2 .00
Iain A. Mac Gilleain, L ’ ArdoiseIseal.
Ruairidh Moireastan, Goose Cove, St. Anns. $2 .00
Seòras Friseal, Taobh Tuath an Eilein Mhoir. 4.00
Alasdair Mac Fhearghais, Carribou Marsh.
M. R. Mac Neill, Benacadie Pond.
Ceit Mhoireastan, Gut a Tuath.
Alasdair D. Dùghlach, S . W. Margaree.
Iain R. Moireastan, Framboise .
Bean A Nic Eachuinn, Port Hood.
Tormaid Domhnullach, Dutch Brook.
Aonghas Mac Ritchie, Baile nan Gall.
An t-Urr L. I. Mac-a- Phearsain, D ’Escousse.
Ceit Nic Fhearghais, Boston , Mass.
Domhnull Currie, Flesherton Station, Ont.
Domhnull I. Friseal, Vankleek Hill, Ont.
Tigh nan Cumantach, Ottawa , Ont.
Domhnull Domhnullach, Ashdale , N. S.
Nial Seathach, Rosebury , Man.
Andra Mac Gille-Chriosd, Burnbank ,Alba.
BATHAR UR.
Moran de Churaicean Geamhraidh, eadar 10c. us $5 .00.
Brogan matha saor.
Ti mhath mar a b’ abhaist.
Beagan de Cheannachd Thioram.
Olla 25c. an galan; 5 galain air $1 .00.
NIALL DOMHNULLACH,
BADDECK , - - C. B.
J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsa ’s fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B.
BADDECK , - - C. B.
Airson a stor a dheanamh na ’s deiseile ’s na ’s feumaile dhaibhsan a tha ’deanamh gnothuch ris, tha
Albert I. Hart
a’ nise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha a’ chuid sin de ’n ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am Boston ’sanNew York.Gheibh iadsan a thig g’a h-ionnsuidh an
DEAGH RIARACHADH.
BADDECK , - - C. B.
LEABHRAICHEAN GAILIG.
Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
’Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10
Gaelic Class Book .35
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte.
Sgriobh gu
J . G. MACKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, C. B.
[Vol . 6. No. 27. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 211.)
iad a’ falbh gus an d’ thainig an oidhche orra. Chunnaic iad soluis fada uatha, agus ma bu fhada uatha, cha bu fhada bha iadsan ’ga ruigheachd. Chaidh iad a staigh. Ciod e bha so ach taigh famhair. Dh’iarr iad fuireach an oidhche. Fhuair iad sin, agus chuireadh a laigh iad le tri nigheanan an fhamhair. Bha caran de chneapan òmhair mu mhuinealan nigheanan an fhamhair, agus sreangan gaosaid mu am muinealan san. Chaidil iad air fad, ach cha do chaidil Maol a’chliobain. Feadh na h-oidhche thàinig pathadh air an fhamhair. Ghlaodh e ri a ghille maol, carrach uisge a thoirt da ionnsuidh. Thuirt an gille maol, carrach nach robh deur a staigh. “Marbh,” ars esan, “tè de na nigheanan coimheach, agus thoir am’ ionnsuidh-sa a fuil.” “Cia mar a dh’ aithnicheas mi eatorra?” ars an gille maol carrach. “Tha caran de chneapan mu mhuinealan mo nigheanan sa, agus caran gaosaid mu mhuinealan chaich,” Chuala Maol a’chliobair am famhar, agus cho clis agus a b’urrainn di; chuir i na sreanganan gaosaid a bha mu a muineal fein agus mu mhuinealan a peathraichean, mu mhuinealan nigheanan an fhamhair, agus na cneapan a bha mu mhuinealan nigheanan an fhamhair mu a muineal fein agus mu mhuinealan a peathraichean agus luigh i sios gu samhach. Thàinig an gille maol carrach, agus mharbh e té de nigheanan an fhamhair, agus thug e an fhuil da ionnsuidh. Dh’iarr e tuilleadh a thoirt d’a ionnsuidh. Mharbh e an ath thé. Dh’ iarr e tuilleadh agus mharbh e an treas té. Dhùisg Maol a’ chliobain a peathraichean, agus thug i air a muin iad, agus ghabh i air falbh. Mhothaich am famhar dith agus lean e i. Na spreadan tein a bha ise a’ cur as na clachan le a sàiltean, bha iad a’ bualadh an fhamhair anns an smigead; agus na spreadan teine a bha am famhar a’ toirt as na clachan le barraibh a chos, bha iad a’ bualadh Mhaol a’ chliobain air cùl a’ chinn. Is e so a bu dual daibh gus an do ràinig iad abhainn. Leum Maol a’chliobain an abhainn, agus cha b’urrainn do an fhamhar an abhainn a leum. “Tha thu thall a Mhaol a’ chliobain.” “Tha, ma is oil leat.” “Mharbh thu mo thri nigheanan maola, ruadha.” “Mharbh, ma is oil leat.” “Cuin a thig thu a rithist?” “Thig, nuair a bheir mo gnothach ann mi.” Ghabh iad air an aghaidh gus an do ràinig iad taigh tuathanaich. Bha aig an tuathanach tri mic. Dh’innis iad mar a thachair daibh. Ars an tuathanach ri Maol a chliobain, “Bheir mi mo mhac a’s sine do d’phiuthair a’s sine, agus faigh domh cìr mhìn òir, agus cìr gharbh airgid, a tha aig an fhamhar.” Cha chosd e tuilleadh dut,” ars Maol a’ chliobain. Dh’fhalbh i agus ràinig i taigh an fhamhair. Fhuair i a staigh gun fhios. Thug i leaeha na cìrean agus dh’fhalbh i mach. Mhothaich am famhar dith; agus as a deidh a bha e gus an do ràinig e an abhainn. Leum ise an abhainn, agus cha b’ urrainn do an fhamhar an abhainn a leum. “Tha thu thall, a Mhaol, a’ chliobain.” “Tha, ma is oil leat.” Mharbh thu mo thri nigheanan maola ruadha. “Mharbh ma is oil leat.” Ghoid thu mo chìr mhìn òir, agus mo chìr gharbh airgid.” “Ghoid, ma is oil leat.” Cuin a thig thu a rithisd.” “Thig nuair a bheir mo ghnothach ann mi.” Thug i na cìrean thun an tuathanaich, agus phòs a piuthair mhor-sa mac mòr an tuathanaich. “Bheir mi mo mhac meadhonach do d’ phiuthair mheadhonaich agus faigh domh claidheamh solvis an fhamhair.” Cha chosd e tuilleadh dut” ars Maol a’ chliobain. Ghabh i air falbh, agus ráinig i taigh am fhamhair. Chaidh i suas ann am barr craoibhe a bha os ceann tobair an fhamhair. Anns an oidhche thàinig an gille maol, carrach agus an claidheamh soluis leis a dh’iarraidh uisge. Nuair a chrom e a thogail an uisge, thàinig Maol a’ chliobain a nuas agus phut i sios anns an tobar e agus bhàth i e, agus thug i leatha an claidheamh soluis. Lean am famhar i gus an do ràinig i an abhainn. Leam i an abhainn, agus cha b’urrainn am famhar a leantuinn. “Tha thu thall, a Maol a’ chliobain.” “Tha, ma is oil leat.” “Mharbh thu mo thri nigheanan maola, ruadha.” Mharbh, ma is oil leat.” “Ghoid thu mo chìr mhìn òir, agus mo chìr gharbh airgid.” “Ghoid, ma is oil leat.” “Mharbh thu mo ghille maol carrach.” “Mharbh, ma is oil leat.” “Ghoid thu mo chlaidheamh soluis.” Ghoid, ma is oil leat.” “Cuin a thig thu a rithisd?” “Thig, nuair a bheir mo ghnothach ann mi.” Ràinig i taigh an tuathanaich, leis a’ chlaidheamh sholuis, agus phòs a piuthair mheadhonach agus mac meadhonach an tuathanaich. “Bheir mi dut fein mo mhac a’s oige,” ars an tuathanach “agus thoir am’ ionnsuidh boc a tha aig an fhamhar.” “Cha chosd e tuilleadh dut” ars Maol a’ chliobain. Dh’fhalbh i agus ràinig i taigh an fhamhair, ach nuair a bha greim aice air a bhoc rug am famhar oirre. “Ciod e” ars am famhar “a dheanadh tusa ormsa, nan deanainn uibhir de choire ort agus a rinn thusa ormsa.” “Bheirinn ort gu’n sgàineadh tu thu fein le brochan bainne; chuirinn an sin ann am poc thu; chrochainn thu ri druim an taighe; chuirinn teine fothad; agus ghabhainn dut le cabar gus an tuiteadh thu ’nad chual chrionaich air an ùrlar.” Rinn am famhar brochan bainne, agus thugar dith ri òl e. Chuir ise am brochan bainne mu a beul agus mu a h-aodainn, agus luigh i seachad mar gu’m bitheadh i marbh. Chuir am famhar ann am poc i, agus chroch e i ri druim an taighe, agus dh’fhalbh e fein, agus a dhaoine do an choille, a dh’ iarraidh fiodh. Bha mathair an fhamhair a staigh. Theireadh Maol a’ chliobain nuair a dh’fhalbh am famhar “Is mise a tha anns an t-solus, is mise a tha anns a’ chaithir òir.” “An leig thu mise ann?” ars an chaileach. “Cha leig gu dearbh.” Mu dheireadh, leig i nuas am poc; chuir i staigh a’ chaileach agus cat, agus laogh, agus soitheach uachdair; thug i leatha am boc agus dh’fhalbh i. Nuair a thainig am famhar, thoisich e-fein agus a dhaoine air a’ phoca leis na cabair. Bha a’ chaileach a’ glaodhaich. “Is mi fein a tha ann.” “Tha fios agam gur tu fein a tha ann,” ars am famhar agus e ag éiridh air a’ phoca. Thainig am poc a nuas’ na chual chrionaich agus ciod e a bha ann ach a mhàthair. Nuair a chunnaic am famhar mar a bha, thug e as deidh Maol a’ chliobain. Lean e i gus an do ràinig i an abhainn. Leum Maol a’ chliobain an abhainn agus cha b’ urrainn am famhar a leum. “Tha thu thall a Mhaol a’chliobain.” “Tha, ma is oil leat.” “Mharbh thu mo thri nigheanan maola, ruadha.” “Mharbh, ma is oil leat.” “Ghoid thu mo chìr mhìn òir agus mo chìr gharbh airgid.” “Ghoid ma is oil leat.” Mharbh thu mo ghille maol, carrach.” “Mharbh, ma is oil leat.” “Ghoid thu mo chlaidheamh soluis,” “Ghoid ma is oil leat.” “Mharbh thu mo mhathair.” “Mharbh, ma is oil leat.” “Ghoid thu mo bhoc.” “Ghoid ma is oil leat.” “Cuin a thig thu a rithisd?” “Thig nuair a bheir mo ghnothach ann mi.” “Nam bitheadh tusa bhos agus mise thall,” ars am famhar, “ciod a dheanadh tu airson mo leantuinn?” “Stopainn mi fein agus dh’òlainn gus an traoghainn, an abhainn.” Stop am famhar e fein, agus dh’òl e gus an do sgàin e. Phòs Maol a ’chliobain mac òg an tuathanaich.
Gaol Duthcha.
AIR EADARTHEANGACHADH O BHEURLASIR WALTER SCOTT,LE A. SINCLAIR.
’Bheil neach, air bith, ’s an deo na chre,
Cho fuar ’s nach tuirt e riamh ris fein,
“Mo dhuthaich chaomh d’an tug mi gaol!”
Aon nach do las a chridh’ na chom,
Dhachaidh ’nuair ghluais le ceum neo-throm,
Bho anradh cianail feadh an t-saogh’l;
Ma tha, rach ’s beachdaich air gu dluth,
Ri laoidh no ceol cha tog e shuil:
Ged bhiodh e ard an ainm ’s an inbh’,
’S a mhaoin cho mor ’s a dh’ iarradh miann;
A dh’ aindeoin ’airgid, ’ainm a’s oir,
’Se ’n t-umaidh truagh bhios ann r’a bheo.
Cha’n fhaigh e meas, no miagh, no cliu,
’S ’n uair thig am bàs theid sios do’n uir,
Gun chuimhn’ no iomradh air am feasd,
’S cha chaoidhear air a shon gun cheisd.
O! Albuinn chaomh, nan stuc, ’s nan carn!
A mhuime dh’ araicheas na baird!
A thir a’ bharraich a’s an fhraoich;
A thir nam beann, nan tuil’, ’s nan craobh,
Tir mo shinnsear’! tir nan sar,
Co dh’fhuasglas an ceangal graidh,
Ri d’ thraigh a dh’ aonas mi gu brath!
Sean-fhacail.
Is beò duine ’n deigh a sharach’, ach cha bheò e an deigh a narach’.
Is ann an ceann bliadhna dh’ innseas iasgair a thuiteamas.
Is ionnan aithreachas criche, is a bhi cur sil mu Fhéill-Màrtuinn.
Is fearr teachd an deireadh cuirme no ’n toiseach tuasaid.
Is sona’ gach cuiu an commuin, is mairg a chromadh na aonar.
Is math an tom air am bi sealbh.
[Vol . 6. No. 27. p. 7]
Deireadh na Bliadhna.
Rainig MAC-TALLA ’s a chairdean lionmhor crioch bliadhna eile. Thachair iomadh ni iongantach. Chaochail iomadh laoch geanmuidh, measarra, gasda; bha iomadh teaghlach tuirseach, bronach, bha aighear ’us gean aig àireamh mhòr de ’n chinne-daoine. Mheal iomadh neach slainte mhaith agus sonas pailt, re na bliadhna tha ’nis a tabhairt suas an deo ’s a’ dol le ceum deifireach do thir na di-chuimhne agus do chuideachd nan linn a bha ’s a bhuineas a nis do na laithean ’us do na ginealaich a tha gu brath seachad. Rinn MAC-TALLA, an Gaidheal laghach, dileas agus an cuairtear ionnsuichte, dichioll ’us dealas mor re na bliadhna ’chaidh seachad, airson eolas ’us greadhnachas a thabhairt do na Gaidheil an ear ’s an iar, ann an Gaidhlig ghlan, bhriaghmhor, mhilis. Cosmhuil ris na Gaidheil a’s modha gliocais ’us uaisle anns gach linn ’us tir, cha ’n eil MAC-TALLA, an teachdaire pongail, gaisgeil ach gle aineamh ’ga mholadh fein. Faodaidh e moladh beag a dheanamh air fein aig an àm so, do bhrigh nach eil paipeir Gaidhlig ann an Canada ach e fein. Is taitneach agus is freagarrach an t-ainm a ghabh e da fein no thugadh dha an uair a chuir e an seol meadhoin an aird shios ri taobh a’ chuain fharsuing, bheucaich agus am measg aile fallain, fial, fearail nan tonn. Agus ciod e ’tha ’n t-ainm MAC-TALLA ’ciallachadh? Ann an Canada tha iomadh caol, ’us amhainn, ’us gleann, ’us srath uaigneach, anns an cluinnear— ’nuair a thogas duine ’ghuth agus a labhras e moran no beagan bhriathran, —na briathran no na focail cheudna air an aithris bho thaobh gu taobh anns an t-samchair a tha mu ’n cuairt, gus an saoil neach gu bheil teanga thapaidh, cheolmhor, phongail aig gach mullach, ’us cos, ’us creag, ’us uamh, ’s aig gach lochan, ’us camus, ’us sruthan ciuin no tartarach. Gu cinnteach cha ’n eil Gaidheal ann an Canada a’s fhiach Gaidheal a radh ris, “nach eil ’na charaid dileas do MHAC-TALLA, ’us nach eil a guidhe slainte, ’s soirbheachadh, ’us fallaineachd mhor ’us bheartach do MHAC-TALLA.
O’n chuir MAC-TALLA ’n seol-meadhoin air tus suas ri barr a’ chroinn, rinn e seoladaireachd mhaith ’us ghleusda. Cha ’n eil loch no amhainn anns an dùthaich anns nach robh miann laidir aige fasgadh fhaotainn agus acair a thilginn gus am faigheadh e cothrom mar so air failt ’us furan a chur air gach Gaidheal agus air teachdaireachd an t-saoghail a thabhairt doibh ann an cainnt thaitneach, urramach Oisein nan caomhdhan ’s nam beusan ciuin; bard fonnmhor, ealanta Sheallama nam buadh ’us nan euchdan iomraiteach. Agus ma ni MAC-TALLA iomradh beag an diugh air fein ’s air gach dealas a tha e ’nochdadh ri taobh na fairge, airson ainm ’us onoir na Gaidhlig a chumail suas agus a mheudachadh: ma mholas MAC-TALLA e fein airson gach obair a tha e ’deanamh as leth nan Gaidheal agus na Gaidhlig, cha ’n eil Gaidheal anns an dùthaich nach’ freagair le guth co glan, fosgailte, ard, fuaimneach ’s a dh’ eirich riamh bho mhullach beinne, no bho sgairneach nan clach ’s nan cos, gu bheil MAC-TALLA da-rireadh, airidh air cliu ’s moladh nach eil beag no faoin; gu bheil e gun sgios ’us le dichioll gasda a sgaoileadh eolais air feadh na tir; ’us gur e teachdaire foghluimte, measail a tha ann; agus gu bheil e ’stiuireadh a luinge gu grinn, duineil, a’ dol a stigh le curam sonruichte anns gach port, agus a’ gabhail cothrom air gach gaoth fhabharach a sheideas, agus mar so, gu bheil e comasach air seoladaireachd thearuinte ’us chliuiteach a dheanamh, agus air tonnan na fairge ’s nan lochan a ghearradh gu sgileil, boidheach an uair a tha osag fhabharach a’ lionadh breidean geala na luinge, ’s an uair a tha feith nan eun ann agus a tha feum air neart nan ramh ’us lugh nan lamh. Cha chuirinn-sa failt air Gaidheal air bith ann an Canada, mur eil e cheana ’tabhairt aoidheachd ’na thigh ’s na chridhe do MHAC-TALLA, nach abair gu durachdach gu ’n toisich e leis a Bhliadhn’ Uir air meas ’us cairdeas a charamh air MAC-TALLA, air comhnadh a dheanamh leis ann am bàta a’s modha fhaotainn agus a chumail ann an uidheam sheasmhor, eireachdail agus mar so air aobhar a thabhairt da ’bhi sona, soghmhor an àm na Nollaig, am feadh a tha gach duine iarrtuiseach air a bhi toilichte, suilbhir, tlusail, tlath. Togaidh MAC-TALLA, ’nuair a gheibh e fein agus a long seolaidh an t-eolas agus an aoidheachd air am bheil iad fior-airidh, fonn a’s togarraiche agus a’s ceolmhoire na rinn e riamh roimhe, ’ruigheachd nam beann, ’s nan glac, ’us nan cos, ’us nan uamh, a tha eadar Sidni ’s an Cuan Samhach a tha air taobh thall na dùthcha. Cosmhuil ris gach Gaidheal tuigseach, tha MAC-TALLA taingeil gu bheil e aig crioch bliadhna eile ann an slainte ’s ann am fallaineachd. Tha dearbh-fhios aige daonnan gur e slainte mhaith, am beannachadh a’s modha ’tha againn anns an t-saoghail so. Tha e cinnteach gu bheil a chairdean uile taingeil gu bheil iad a lathair aig deireadh na bliadhna, ged gun amharus a dh’ fhairich moran diu airc, ’us trioblaid, ’us call, ’us cunnart anns an da mhios dheug a tha aig ceann-uidhe ’n turuis. Is ann mar so bha ’n duine riamh, agus is ann mar so ’bhitheas eachdraidh an t-saoghail anns na laithean a tha ri teachd. Tha MAC-TALLA agus a chairdean anns gach aite ’fagail beannachd fhada, chaoimhneil leis a bhliadhna 1897. Bha iad ’n an companaich re uine mhor, ach cha bhi iad ’n an companaich gu brath tuille.
CONA.
Is eigin ghabhail le each mall o nach fhaighir n’s fhearr.
Is fearr aon tigh air a nighe no dha-dheug air a sguabadh.
Is fearr deathach an fhraoich no gaoth an reota.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear Tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.
Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C.B.
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG—Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.
Indurated Fibreware
Tha an seorsa so na ’s daoire na na bucaidean cumanta, ach ’s math is fhiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire.
THE
E. B. EDDY Co.,
LIMITED,
HULL, CANADA.
[Vol . 6. No. 27. p. 8]
Tuireadh Seann Mhaighdinn.
LE BARD NA LEADAIGE.
Tionndaidh nis nall a nionag,
’S innsidh mi duit fein mo bharail;
Tha mi sean, is tha mi aosda,
’S cha ’n eil faoineas nis air m’ aire.
’S ’n am bithinn-sa air comhairl’ fhaotainn,
Mar a dh’ fhaodas mi thoirt seachad,
Cha bhithinn-sa an diugh co faontrach,
’S bhiodh fear laghach, aoidheil agam.
Ach ’se rinn an tubaist dhomhsa,
Mi bhi ’m oiseach tra ’san latha;
’M fear nach gabhainn an diugh r’a phosadh,
’Maireach cha bhiodh e ’san rathad.
A cheud fhear thainig riamh ’gam iarraidh,
Bha e fiachail, ciallach, modhail;
Ach bha rud-eigin a dhi air,
Bha e iosal anns an sporan.
Bha fear eile tric ’nam shùilean,
Thug dhomh cul a chuir ri dithis;
Dh’ fhag e mise air bheugan eiasan,
’S thionndaidh e ri biasdag eile.
Sheas mi sin fad chupall bhliadhna,
’S thainig seann fhear liath ’san rathad,
Lan do bheartas is do storas,
B’ annsa leam feadhainn òga fhathast.
Bha iad sud an deigh a cheile,
Dh’ fhas mi eisearach mu dheireadh;
Cha robh aon a’ tighinn ’gam iarraidh,
’S thigeadh roineag liath a dh’ aindeoin.
Thoisich preasadh ann am ghruaidhean,
’S och! mo thruaighe, fhathast falamh;
Bheirinn sin mo mhaoin ’s mo storas,
Gu ’m bitheadh posadh ann domh fhathast.
’S e mo chomhairle dhuit a nionag,
Gun bhi stri ri ni nach fhaigh thu;
Gabh an tairgse ’nuair is coir dhuit,
’S na bi caoidh ’sa bron, ’s tu falamh.
Cumha do dh’ Fhorsair Choire- ’n-t- Sith.
LE A MHNAOIDH.
O tha mulad ’s tha sgios orm
’S mi nios ris an stùic,
’S mi coimhead na frithe
’S tric a dhirich mo rùn,
Far na dhùin tha ’n damh piceach
’S t-uilinn chlith air do ghlùin;
Sid an obair bu dual dhut
’S bha thu suairc air a cul.
Tha mi direadh a bhruthaich
’S gun mo shiubhal a’m réir;
’S tric snidh air mo shùilean
Gus na dhrùidh orm féin:
Mi ’coimhead an fhirich
Far an tilleadh tu spréidh,
’S mi ag amharc a chabair
A rinn thu leagadh ’s an fheur.
Bu tric a dh’ fhag thu mi ’m chadal
Gun airsneal, gun ghruaim,
’S a thug thu n damh biorach
Bho ’n fhireach ud shuas;
Agus coileach na géige
Seal mu ’n eireadh an sluagh
Air dheadh chuairt, na maidne
’S tric a leag thu damh ruadh.
’Nuair bhios mnathan a bhaile
’Deanamh aighear dhaibh fein,
’S ann bhios mise nam chrùban
Agus tùchan ’nam bheul,
Bho nach tig e ’nam dhùisge
Fear dha ’m bidh an ceol réidh;
O na faighinn mo roghainn
’S tu a thaghainn dhomh féin.
Tha mi ’m bothan beag grùgach
’S gun mo shugradh ach mall,
’S mi chuideachd air leanabh,
’S fear mo ghearain air chall.
Ged a dh’ fhalbhadh am bainne,
’S a bhidh an t-aran oirnn gann,
’Nuair a thigeadh tu dhachaidh
Bu leam tacar nam beann.
Dh’ fhuirich mise gun tacar
Bho ’n latha sin fein;
Dh’ fhuirich m’ iasg anns an aigeal
Gun a ghlacadh le leus;
Bho ’n la chaidh thu an tasgaidh
Ann an clachan nan ceud,
Cheud Di-haoine ro inid
A bhuin an iomairt riut geur.
’S beag an t-ioghnadh mi liathadh
’S mi dhol bliadhn ann an aois,
Bho ’n tacaid so ’n uiridh
Dh’ fhas mo chular gun aoidh;
Bho ’n la dh’ fhalbh nam Gilleasbuig
An t-òg gasda dh’ fhàs caoin,
Bu tric le ighrean do sheanar
Bhi air an gearadh le aog.
’S beag an t-ioghnadh mi ghlasadh
’S a’ lasadh mo ghruaidh
Chuir mi giùlan da thrathabh
A rinn mo chaitheamh gu cruaidh.
Agus giùlan da ’n chaoran
Seal mu ’n chaochail thu snuadh,
A lub ur a chuil bhuidhe
B’e do chumha bhi suairc’.
O cha ’n eil i mar tha mi
Bean ’ga cràdh anns an tir,
A sior iargain a càirdean,
’S cha b’ iad na tacharain chrion;
Ach na laoich mhora, dhàna,
Da ’n robh a chàil ri am strith,
No fiurain a b’ àilde
O mo chràdh air dol dhiom.
Ged a tha mi mar tha mi
Mo bheannachd ad’ dhéigh;
Mo bheannachd gu bràth leat
Gu Pàrais Mhic Dé.
Bho nach d’ thug thu riamh tàire dhomh
Facal gràineil a’d bheul,
A righ! nach mi bha mar tha thu
’S tu ri àiteach nam dhéigh.
ALASDAIR AN RIDSE.
Tha an t-Urr Alasdair Mac Aoidh, D.D. , Toronto, a’ deanamh searmon Gàilig ann an eaglaisKnoxanns a’ bhaile sin, uair ’sa mhios, agus tha àireamh mhor de na Gàidheil a’ cruinneachadh g’a éisdeachd. Tha moran diubh a tighinn astar fada air son an soisgeul a chluinntinn air a shearmonachadh ’nan cainnt fhéin.
Grace Darling
Leth-cheud bliadhna ’sa h-ochd air ais, air an 7mh deSeptember, shàbhailGrace Darlingagus a h-athair, le ’n tréine, naodhnar dhaoine o bhi air am bàthadh. Tha ’n obair sin, sàbhaladh-beatha a dol air adhart fhathast, agus tha K. D. C. a’ deanamh a chuid fhein. Is e bhi slàn an dòigh a’s fhearr air son a bhi fior shona.
Tha stamagan neo-fhallain a’ deanamh dhachaidhean agus dhaoine mi-shona, ge b’e àite ’n faighear iad. Gheibhear cuideachadh, faochadh, agus leigheas do stamagan neo-fhallain ann an K. D. C. Feuch e. Tha e air a shàr-mholadh.
ThaK D C Pillsanabarrach math air son tinneasan cuim.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar duthcha tha ’nar beachd.
NIALL Mac FHEARGHAIS,
Taillear.
SIDNI - - - C. B.
$1 .00 air 80c.
Tha tuilleadh ’sa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dh’ airgead. Thig mu ’m bi ’n t-am seachad agus
FAIGH BARGAN.
McDonald Hanrahan & Co.
Sidni, Iulaidh 16, ’97.
C’AIT AM FAIGH MI?
Saibh, Glasan, Luaidhe, Sgeinein, Lainntearan, Sguabaichean, Paipear-tearra, Paipear-tubhaidh.
Olla, Fudar, Glaine, Siosaran, Tairnean, Bucaidean, Tuaghannan.
GHEIBH AIG
C . P. MOORE,
Sidni, C. B.
title | Issue 27 |
internal date | 1897.0 |
display date | 1897 |
publication date | 1897 |
level | |
reference template | Mac-Talla VI No. 27. %p |
parent text | Volume 6 |