[Vol . 6. No. 28. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 7 IANUARAIDH, 1898. No. 28.
Maighdean Ghouri.
BHO ’N BHEURLA.
A mhaighdean òg an teid thu leam,
An teid thu leam, an teid thu leam?
A mhaighdean òg, an teid thu leam
A nunn gu Carsa Ghouri?
Air feasgar samhraidh ’n àm a’ cheitein,
Cian ro bheag roimh laidhe greine,
Thainig oigh ’n a h-ùr-ghùn ceutach,
Thar an t-sleibh do Ghouri.
A mhaighdean òg, &c .
Cha robh am chridh’ dhi aon ni cearr,
’S mu ’braighe geal gu ’n chuir mo lamh,
A’s thuirt mi rì am briathraibh graidh—
“An teid thu sraid do Ghouri?”
Is maiseach ceud-fhàs ros ’s an drùchd,
Fo dhearrsa grein’ air madainn chiuin,
Ach b’ àill’ Catriona na gach flur
A dh’ fhas o thùs an Gouri.
Ni mi sgiamhach thu le sioda,
’S bheir mi thu do chuirt mo shinnsear,
’S ni mi ban-tighearn’ àillidh dhiotsa,
Air na chì thu ’n Gouri.
Le pogaibh milis a beoil cubhraidh,
Sgaoil rugha deirge ’n a gnùis ghil;
Chagair i gu malda ciuin rium—
“Theid mi, ruin, gu Gouri.”
Thug na seann daoine an deoin doibh,
’S thainig sagairt gu am posadh;
Feuch a nis a’ mhaighdean òg,
Le sioda ’s srol an Gouri!
A’ Bhliadhna Ur.
Is i ’Bhliadhna Ur a tha ’nis ann, agus tha gach duine ’g radh r’a chàirdean us r’a choimhearsnaich, “Bliadhna Mhaith Ur duit,” agus mar so ’labhairt briathran gradhach; agus a’ guidhe, gu bi agh ’us sonas, ’us slainte mhaith ’us soirbheachadh pailt a’ leantuinn re na miosan a bhuineas do ’n bhliadhna ùr, gach duine bochd ’us beartach, gach sean-athair us sean-mhathair, gach balach ’us caileag, gach fleasgach àluinn ’us gach maighdean eireachdail. Tha MAC-TALLA ann an dùrachd a chridhe ’us leis gach greadhnachas, ’us aighear, ’us deadh-rùn a’ guidhe bliadhna mhaith ùr do gach Gaidheal air am bheil eolas aige cheana ann an Canada, ’us do gach Gaidheal air nach eil eolas aige fathast, ged tha dochas laidir aige gu faigh e eolas taitneach orra mun ruith laithean na bliadhna ’tha ’nis aig tus a cuairt, crioch a turuis. Ann an tir nam beann, ’us nan gleann, ’us an fhraoich, tha mac-talla le dichioll anabarrach a’ freagairt mile guth a tha ’g radh, “Bliadhna mhaith ùr duit!” “Mar sin duit fein agus moran diu.” Cha ’n e mac-talla an laoch modhail, cairdeil, dileas a bhitheas air an deireadh ann air guth ciuin, gradhach a thogail, agus ann am briathran laghach, beusach, dochasach a labhairt. Le langanaich nam fiadh, le durdail nan coileach dubha ’us ruadha, le sgreuchail nan cearc-thomain, le geumanaich nan tarbh ’us nam bo, meilich nan caorach, le ceileir taitneach nan eun, le fuaim nan eas ’us nan sruthan gaireach: tha mac-talla daonnan aig an àm so de gach bliadhna gun tàmh gun sgios a’ tabhairt freagairt do gach miallan ’us do gach glaodh caoimhneil a tha air feadh nan aonach agus am measg nan gleann ’s nan glaic. Bithidh meas mor air mac-talla ann an stri na camanachd an uair a tha gillean oga, sgairteil le tighearna na h-oighreachd air an ceann a’ cur na stri le dealas mor ’us eigheach ard, an aghaidh gillean tapaidh a bhuineas do thighearna oighreachd eile. Ged ’thainig caochladh muladach air Gaidhealtachd Albainn, o’n nach ’eil na Gaidheil co lionmhor ’s a b’ àbhaist doibh a bhi, —cha tainig crioch fathast air a’ chamanachd. Cluinnear aig a’ bhliadhna uir fathast na seana ghlaodh grinn: “Buaileam ort;” “Leigeam leat;” “Seumas mòr nam fiadh agam.” Tha stri na camanachd, ged tha i dian, teith, deothasach, gan fhearg no gannlas air bith innte; agus air an aobhar so, tha gach taobh a’ deanamh gairdeachais le iolach ard, an uair ’tha ’n stri seachad, agus tha mac-talla am measg nan creag ’us nan comhnard, ag aithris gu pongail a rithist gach aigheir ’us guth sunndach a tha luchd na camanachd a’ togail. Anns na laithean socrach, laghach a chaidh seachad, bha a’ cheud da latha dheug air an gleidheadh ’na nollaig, agus bu toilichte ’s bu shona ’bha na Gaidheil a’ cur am beatha seachad. Bha iad aineolach air an othail, ’s air an upraid, ’s air an deifir ghluasadach a tha ’n ear ’s an iar, ’us tuath, ’us deas air feadh an t-saoghail an diugh. O’n nach eil an sneachda co trom ’us domhainn ri taobh na mara ann an Nobha Scotia, ’s a tha e ann an Cuebec ’s an Ontario, ma dh’ fhaoidte gu bheil cothrom gasda aig na Gaidheil a tha ri taobh a’ chuain air stri na camanachd a chur air blaran reidh, gun reothadh gun sneachd an uair a bhitheas mac-talla a’ gairm le ceol milis, fonnmhor, “Bliadhna mhaith ùr do gach creutair.”
Tha gach bliadhna ùr a thig mu ’n cuairt iarraidh oirnn beachd shonruichte ’ghabhail air a’ bhliadhna tha seachad. Mar so chi sinn le sealladh firinneach cia mar a shoirbhich leinn. Cia mar a rinn sinn feum do gach cothrom a bha againn? Cia mar a rinn sinn mearachdan mora? Agus cia mar a dh’ fhaodamaid gniomharan a b’ fhearr ’s a bu chluitiche a’ dheanamh. Tha sinn uile ’tarruing eolais ’us gliocais bho na laithean a dh’ aom, agus a’ cur romhainn nach dean sinn na mearachdan ceudna gu brath tuille; ach gu dean sinn le cridhe laidir, togarrach, seoladh gu fada ’s fhearr agus gu dean sinn gniomharan a’s modha ’s a’s tarbhaiche anns a’ bhliadhna ’tha ’n a leanabachd. Tha MAC-TALLA ’faireachduinn nach robh e aon chuid lunndach na caon-shuarach an uiridh, ann an Gaidhlig chruaidh, ghlan a sgriobhadh; ann an eolas feumail agus maith a thabhairt seachad; agus ann an culaidh riomhach a chur air gach cainnt ’us àbhaist Gaidhealach ’us urramach, a chum gu bitheadh e ’n a theachdaire uasal, comasach, carthannach, do gach Gaidheal eadar Sidni agus Bhictoria. Bha na Gaidheil daonnan proiseil ’us uaibhreach an uair a bhitheadh iad air an sgeadachadh le breacan riomhach an fheilidh, agus a bhitheadh gach sporan ’us bucall, ’us osan, boidheach, eireachdail, fiachail. Tha MAC-TALLA lan de mheas ’us de mhuirn airson nan daoine gleusda bho ’n tainig e. Tha e fein tuille ’s modhail, agus cha tog e ’ghuth as a leth fein. Gabhaidh mise orm fein cuis MHIC-TALLA a’ thagradh. Rinn e an uiridh oidhirp—agus is maith a fhuaradh e—air e fein a ghleidheadh ann an uidheam ghlan, thaitneach, mheasail, agus air iomadh teagasg ’us naigheachd beusach, gasda ’thabhairt seachad ann an Gaidhlig ghlan, bhlasda, bhoidheach. Is e tha ’n a bheachd a nis eideadh a’s maisiche ’s a’s fhearr a ghiulan na rinn e riamh roimhe, agus air barrachd urraim a nochdadh do na Gaidheil agus do na Ghaidhlig. Thugadh iad, mata, cuideachadh faoilidh, mhaith dha, ’s cuiridh esan gu buil onorach gach airgiod a gheibh e. Co nach abair:—
“Failt ort fein, a MHIC-TALLA,
A’ cheud latha de ’n bhliadhn’ ùir,
’S gu ma h-iomadh bliadhna a chi thu dhiubh
Mun dall an t-eug do shùil;
Sior ghuidheam failt’ us furan duit
Le cridhe sunndach, slan,
’S gu bi do thigh gun snidhe ann,
’S do chiste mhine làn.
CONA.
[Vol . 6. No. 28. p. 2]
Eachdraidh nan Caimbeulach.
Tha e ’na aobhar toileachaidh do gach fior Ghàidheal gu bheil an t-àm air dol seachad anns an robh daoine de ’n bheachd nach robh ni a bhuineadh do ’n t-sluagh Ghàidhealach no do ’n dùthaich a bha airidh air suim air bith a ghabhail dheth. Bha Goill ’us Sasunnaich de ’n bharail nach robh anns na Gàidheil ach sluagh borb, aineolach, aig nach robh aithne no tuigse, modh no ionnsachadh; agus nach robh aon chuid an eachdraidh no an litreachas fiughail air gu ’m biodh iad air an rannsachadh.
Nis, tha sinn ag aideachadh gu ’n robh coire mhor aig na Gàidheil fhéin ris a chùis a bhi mar so. Cha do nochd iad gun robh mor luach aca fhéin air eachdraidh agus cliù an sinnsir. ’Nuair a dh’ fhalbh na seanachaidhean da ’m bu dhleasanas a bhi cumail suas le beul-aithris cliù agus eachdraidh nan laoch nach robh beò, cha robh ach fìor bheag oidhirp air a thoirt a chum na nithe sin a chumail air chuimhne. Dh’ fhàs na cinn-fheadhna, iomadh dhiu, ni bu deigheala air beartas a dheanamh agus air fasanan agus mor-chuis nan Gall fhoghlum, na bha iad air eòlas fhaotainn air eachdraidh an sinnsir. Lean a chùis mar so ùine fhada. Ach tha ath-leasachadh mor air tighinn air a chùis so anns an linn anns a bheil sinn beò. Tha na Gàidheil iad fhéin air dùsgadh bho ’monais ann an tomhas math; agus tha an diugh na daoine is foghluimte anns an t-saoghal ag aideachadh luachmhorachd ar cànain agus ar n-eachdraidh, agus geallmhor air an tuilleadh rannsachadh a dheanamh air na nithe sin.
Tha eachdraidh àireamh mhaith de na fineachan Gàidhealach air an sgriobhadh le uaislean anns a Ghàidhealtachd, Tha Mr. Alasdair Mac Coinnich an Inbhirnis, air Gàidheil an t-saoghail gu h-iomlan a chur fo chomain da air son an obair mhath a tha e air a dheanamh anns an rathad so. Ach ged tha eachdraidh iomadh de na fineachan Gàidhealach againn a nis an clò, ’s ann ’sa Bheurla tha iad. Cha ’n fhios domh gu bheil aon diu air an cur a mach ann an Gàidhlig. Tha na leanas na oidhirp air cunntas athghearr, firinneach a thoirt do luchd-leughaidh MHIC-TALLA air aon de na fineachan a bha ’sa tha ainmeil am measg an Gàidheal.
Tha cuid de luchd-eachdraidh a’ cumail a mach gur ann á Normandi, ’s an Fhraing, a thainig a cheud fhear de na Caimbeulaich; gun d’ thainig e do Bhteatuinn maille ri Uilleam am Buadhaiche; agus air dha dol a tuath cho fad ri Earra-ghàidheal gun do phòs e aon nighean fir d’ am b’ ainm O’ Duibhne, a bha ’na uachdaran air Loch-Odha; gur e RidireCampo Belloa b’ ainm no butitleda; agus, mas a fior, gur ann uaithesan a thainig an t-ainm Caimbeulach. Cha ’n eil sinn a creidsinn lide dheth so. Cha ’n e Frangaich ach fior Ghàidheil a tha anns na Caimbeulaich. ’S e b’ aobhar do ’n chùnntas neo-fhirinneach ud, am bòsd aimideach a bha cumanta ’measg uaislean Gàidhealach, ceud bliadhna no còrr air ais, eadhon a bhi meas gu ’m bu chliù mor dhaibh na ’m b’ urrainn iad a nochdadh gur ann á tir chéin air chor-eiginn a thainig an sinnsir. Tha ’n fhaoineis so air dol bàs gu tur. Car son nach bitheadh? Nach eil e cho urramach duinn a bhi air ar n-ainmeachadh air gaisgeach Gaidhealach ’s a bhiodh e bhi ainmichte air Frangach, Lochlunnach no Eadailteach air chor-eiginn.
Aon ni tha soillear, gun do shiolaich an ‘sluagh lionmhor nach gann’ so, bho fhear Duibhne, a bha chòmhnuidh an Loch-Odha. Theirear mar sin Clann Duibhne riu gus an latha an diugh. ’S coir duinn cumail air chuimhne nach e Duibhne so an aon neach ri Diarmaid O’Duibhne, mac peathar do Fhionn mac Chumhail, aon de ghaisgich na Feinne, a bha beò mu ’n bhliadhna 283. Bha Duibhne Loch-Odha bho ’n do shiolaich na Caimbeulaich, beò mu ’n bhliadhna 1050. ’S urrainn sinn mar sin a dhol air ais le cinnte cho fad ri meadhon an aona ceud deug, no mu ’n cuairt air ochd ceud gu leth bliadhna, le toiseach ar n-eachdraidh.
(Ri leantuinn.)
COMHRADH
EADAR MURACHADH BAN AGUS COINNEACH CIOBAIR.
COIN. —Tha ’n Goirtean-Fraoich sona an diugh agus Murachadh Ban an taobh a stigh d’a chriochaibh. Cha chomas domh innseadh an toilinntinn a ta oirnne gu leir gu ’n d’ thainig thu, a charaid ionmhuinn, a reir do gheallaidh; agus na ’m bithinn-sa co fileanta, snas-chainnteach ri iomadh fear, chuirinn-sa do chliu an ceill ann an rannaireachd; ach dhiult na deich oighean sin a ta ’chomhnuidh (mar a bha thu ag innseadh dhomh) air stucaibh ard Pharnasuis, comas na teangaidh dhomh chum sin a dheanamh. Ach an deigh sin uile cha lugha an durachd a th’ agam dhuit, agus an solas a ta ’lionadh mo chridhe air son do theachd.
MUR. —Cha ’n fhac’ agus cha chuala mi riamh thu cho deas-bhriathrach agus cho gleusda leis an teangaidh ’s a tha thu an diugh, a Choinnich; is cinnteach leam gu ’n d’ rinn thu greim air aon no dithis de na h-oighean sin air am bheil thu ag iomradh, agus aig am bheil tàmhachas, mar a thubhairt thu, air mullach Pharnasuis. Ach ciamar a fhuair Fear a’ Ghoirtein-Fraoich eolas air na Ceolraidhean sin, agus co a dh’ innis da mu ’n timchioll?
C. —A Mhurachaidh Bhain, is neonach leam do cheist. Fhuair Fear a’ Ghoirtein-Fraoich eolas air na Ceolraidhibh agus air iomadh ni eile uait fein; a charaid, mar a ta deagh-fhios agad. Ach, a charaid choir, suidh a stigh ris an teine, agus dean thu fein co soimeach, socrach ’s is urrainn thu. Ma tha do chaisbheart fliuch no aitidh, tha osain agus brogan ni ’s leoir aig Seonaid; agus co d’ am bu choir di an tabhairt air thoiseach air Murachadh Ban? Ach mo dhi-chuimhne! is luaithe deoch na sgeul, —far nall am botal dubh, agus an t-slige-chreachainn, a Sheonaid, a ghraidh, oir is feairrte do charaid sgailc, bheag de dhruchd nam beann, gus am bi goireas ni ’s fear agad deas. So, so, air do shlainte, a Mhurachaidh. Far do lamh, agus na h-uile la leat, “An la a mharbhas tu fiadh, agus an la nach marbh.”
M. —Tha nair’ orm, a Choinnich, an dragh agus an trioblaid a tha Seonaid agus thu fein a’ gabhail do m’ thaobh-sa. Da rireadh, cha ’n eil feum idir agam air bad de na tha umam atharrachadh, oir tha mi co tioram ri àrcan, o bharr gu bonn, agus cha ’n aithne dhomh an diugh ciod a dh’ fhagadh air ’chaochladh mi, oir tha ’n la taitneach, tiorail, tioram, agus ged tha boglaichean air an t-slighe, gu sonraichte anns a’ Ghleann-Mhor, tha deagh shùilean ’n am cheann chum an seachnadh.
C. —Cuir riut, a Mhurachaidh, cuir riut, gabh deur beag dhe ’n stuth sin aig Seonaid, agus tog greim dhe ’n aran agus dhe ’n chàise, gus am bi ni ’s fearr r’a fhaotainn; direach dean thu fein aige a’ bhaile.
M. —Is druchd nam beann so da rireadh, air am bheil iomadh deagh bhuaidh. Tha e mar a rinneadh e—cha do bhaisteadh e riamh, agus cha ’n eil droch fhaile na cise dheth.
C. —Cha mheallar gu h-ealamh deagh bhreitheamh, a Mhurachaidh, oir tha thu gle cheart. Tha ’n druthag sin saor o uisge, agus ceart co saor o’n chis. Rinneadh e ’s a’ Ghlaic-Bhuidhe o chionn leth-bhliadhna, le Gilleasbuig Mac Dhonuill-duibh, agus is maith an lamh air an obair e, na ’m biodh cead na coise aige. Ach tha eagal nan Gaidsear air, agus cha ’n ann gun aobhar. Tha ’n sean-fhocal ag radh, “Nach d’ rinn Theab riamh cron,” ach cha ’n fhior da sin. Theab an Gaidsear Gilleasbuig bochd a ghlacadh an uair a bha e ’deanamh na boinne bige so ’s a’ Ghlaic-Bhuidhe, ’n a bhothan uaigneach fein. Chunnaic a shuil fein an Gaidsear mar uidh cheud slat o’n bhothan; bhuail an t-eagal e; ’na chabhaig chuir e soitheach na ruith-shingilte thairis, agus dhoirt e a dharna leth, agus cha bu bheag an dorran sin.
M. —An deachaidh an Gaidsear do ’n bhothan?
C. —Cha deachaidh, gu fortanach, oir bha e air a thogail ann an slochd eadar da chreig, air a cohmhdachadh le fraoch a bha ’fas os a chionn, agus air a chealachadh co maith ’s nach do thuairmeis an Gaidsear idir air, ged a rinn e deagh rannsachadh air a shon, air da a bhi o mhoch gu dubh air feadh chreagan agus choilltean na Glaice-Buidhe.
M. —Ciod a dh’ fhag co dian, deas-diorrasach e ’s a’ Ghlaic-Buidhe, seach aite sam bith eile.
[Vol . 6. No. 28. p. 3]
C. —Ma ta, innsidh mi sin d’uit, a Mhurachaidh, thugadh brath dha gu ’n robh a leithid de bhothan ann.
M. —Brath dha! an e tha thu ’g radh? Brath dha! Tha ’n truaigh air a’ ghnothuch; ach tha mi ’n dochas nach eil anam co mi-dhileas ’s na criochaibh so, ’s gu ’n treigeadh e coimhearsnach, agus gu sonraichte Mac Dhonuill-duibh, mac an deagh athar. Is nair’ r’a chluinntinn gu ’m biodh aon neach a bhrathadh a choimhearsnach r’a fhaotainn anns a’ chearnadh so, an uair ann am bliadhna Thearlaich, nach d fhuaradh fiu a h-aon a bhrathadh am Prionnsa ged a ghealladh deich mile fichead airgid mar dhuais air a shon.
C. —Tha eagal orm, a Mhurachaidh, gu ’radh riutsa, agus cha ’n ann ri Gall, gu ’m faighteadh na ficheadan an diugh am measg nan Gaidheal a bhrathadh e air son deich mile fichead sgillin Shasunnach.
M. —Ach co a rinn brath air Gilleasbuig Mac Dhonuill-duibh a tha ’na dhuine cho neo-lochdach?
C. —Co ach duine dona, suarach—creutair beag, crotach, d’ an ainmLeslieas a’ Ghalldachd, a bha an toiseach ’na charbadair aig Sir Seumas, agus dhealaich e ris air da nighean Cailleach nan cearc aige a phosadh; agus tha e a nis ann am bothan beag, a’ teachd beo, tha mi lan-chreidsinn, air a’ mheirle! Dh’ iarr e coingheall an eich bhain air Gilleasbuig coir air la àraidh, agus thuirt Gilleasbuig ris, “A phiollain gun diu, tha ’n t-each ban marbh ri taobh a’ gharaidh ud thall, ach ged bhiodh e beo cha ’n fhaigheadh tu e.” Ghabh Leslie so ’s an t-sroin, agus air ball rinn e brath air Gilleasbuig; ach cha robh moran a nasgaidh aig Tomlin an Gaidsear de ’n ghnothuch.
M. —Ciod a ghne fir a tha ’n Tomlin?
C. —Tha sgonn-bhalach mor, drabasda, duaichnidh, a’ crathadh le reamhrachd, agus aig gach ceum a’ sileadh falluis mar bhuideal eu-dionach. Bha e ’cur neach ’n am chuimhne nach fhaca mi riamh, agus a chaoidh, a reir coslais, nach faic, agus ’s e sin, an tagradair mealltach, Arthur Orton,a bha ’cumail a mach gu ’m b’e feinRoger Tichborne.Chunnaic mi a dhealbh gu tric ann an Eirinn, agus cha ’n fhac mi riamh e, nach do chuimhnich mi air Tomlin mor, an Gaidsear dubh agam fein. Ach dh’ fhalbh e, agus is comadh co dhiubh, oir cha duirig neach poc a chur an toll, no am poll uisge, no poit-dhubh air teine air eagal nam fear sin a tha rannsachadh na dùthcha mar bhrocairean an deigh nan sionnach. Is anabarrach cruaidh an lagh, a Mhurachaidh, nach eil a’ ceadachadh do dhuine gach ni a’s toil leis a dheanamh le chuid dhlighich fein. Cha ’n eil e idir ceart, oir tha e an aghaidh naduir. Cuid duine fein, an ni sin a choisinn e le fallus a ghruaidh! nach cruaidh ri smuaineachadh gu ’m biodh reachd, no lagh sam bith ’g a bhacadh chum na thogras e a dheanamh leis.
M. —Cha ’n eil fios agam air sin, a Choinnich, oir “tha da thaobh air a’ Mhaoil,” agus tha da bharail gu bhi air an gabhail de ’n chuis sin. Tha cead agad aran a dheanamh dhe ’n eorna agad fein, agus a chur gu feum mar sin, air son maith do theaghlaich, ach cha ’n eil cead agad, air chor sam bith, uisge-beatha a dheanamh dheth gun fhios, agus gun ordugh ’an luchd-riaghlaidh, agus tha sin ro cheart. Na ’m biodh an cead so aig na h-uile mhilleadh iad, mar an ceudna, an dùthaich le misg agus ana-measarrachd, agus dh’ fhagadh iad toll mor, falamh ann an sporran mor na rioghachd, leis na cisean a chumail air ais, a thu ’s an àm air an tarruing o’n deoch laidir.
C. —Tha mi ’faicinn gu ’m bheil moran firinn anns na thubhairt thu, a Mhurachaidh, oir bu mhor am beannachd do iomadh neach mar biodh deur dheth ’s an rioghachd air fad. A reir mo bheachd-sa tha e mar shochair eile ’n a aite fein. Tha e ro fheumail air amannaibh— ’na dheagh sheirbhiseach, ach ’n a dhroch mhaighstir. Mo thruagh an neach air am faigh e ard-cheannas. Gidheadh, mar a thubhairt mi cheana, tha e ann an tomhas cuimseach mar bheannachd aimsireil eile, agus cha chreid mi gur peacadh sam bith do dhuine ’fheumalachd fein a ghabhail deth, mar a ghabhas e de ni sam bith eile a tha toirbheartas an Fhreasdail a’ buileachadh air.
M. —Cha’n urrainn mi ’radh, a Choinnich, nach ’eil mi fein gle dhluth air a bhi dhe ’n bheachd cheudna. Ach their cuid riut gur peacadh mor barr na teangaidh a thumadh ann, no am boinne a’s lugha dheth a chur ’n bheul. Tha iad dian dhealasach ’n am beachd fein, agus cha ’n eisd iad ri reusan no ri tuigse. Tha iad a’ deanamh ’mach, do bhrigh gu ’m bheil deoch laidir ’n a h-aobhar iomadh truaigh agus sgrios anns an t-saoghal, gur peacadh do dhuine an gnothuch a’s lugha a bhi aige rithe, no eadhon beanntuinn rithe idir. Dh’ fheudadh iad co maith a radh gur peacadh greim ubhaill a chur ’n ad bheul, a chionn gur e itheadh an ubhaill a bha ’n a aobhar air gach sgrios agus amhghar anns an t-saoghal. Aidichidh mi, gidheadh, air an laimh eile, gu ’m bu sholasach an ni do ’n Rioghachd Bhreutannaich nan cuireadh na h-uile cul ris an deoch laidir sin, agus nach biodh iad idir ’g a cleachdadh, mur comusach dhoibh a ghabhail le stuamachd. Ach deanadh iad sin aìr steidh cheairt, agus deanadh iad e gun ghealladh, gun mhionnan, gun bhoid, gun ni sam bith aca Focal De agus an coguisean fein ’g an stiuireadh. Na biodh iad ag iarraidh cur a’s do ’n aobhar truaighe sin le bhi ’togail air steidhibh meallta, a’ carnadh suas bhoidean agus ghealltanasan, agus ’g an sparradh le danachd air an t-sluagh, mar nach biodh Focal Naomh Dhe ’n a riaghailt iomlan agus freagarrach ann fein, air son giulan agus caith-beatha an duine anns an t-saoghal so.
C. —Fagaidh sin mar sin fein e, a Mhurachaidh, agus bu taitneach an ni na’n gnathaicheadh na h-uile stuamachd agus measarrachd anns na h-uile nithibh, agus gu ’n giulaineadh siad iad fein ann an cothrom agus ann an ciuineas maille ris gach neach eile. Bu ghleusda, tapidhe, a thaobh nadair, gun ghuth a toirt air na buaidhibh spioradail a bhuilicheadh air, an ti a thug a’ chomhairle a leanas, o cheann fadh, seachad:— “Biodh bhur measarrachd follaiseach do na h-uile dhaoinibh.” Tha nadur, reuson, agus taisbean, a’ deanamh mach gu’m bheil staid mheadhonach ann eadar da iomall criche, agus gur i sin an staid a’s sona, a’s glice, agus as fearr. Cha ’n ’eil an duine sin glic a theid dh’ionnsuidh na cuid a’s faide a mach a thaobh ni sam bith. Cha ’n ’eil e glic do dhuine a bhi tuilleadh ’s dian ’n a bharail fein, no tuilleadh ’s balbha. Seasadh e ’s a’ mheadhon thaitneach, eadar dha anabharr, agus na seoladh e tuilleadh ’s ard no tuilleadh ’s iosal. Faic ciod an strith tha crochadan an uaireadair mhoir a’ deanamh gu seasamh ’n a thamh, eadar null agus nall, nall agua null, na ’n leigteadh leis; agus ceart mar sin tha gach ni thaobh giulan an duine gu bhi measarra, meadhonach, agus stuama.
M. —Ud! Ud! Ud! a Choinnich, is tu a dh’ fhas geur, foghluimte, agus fiosrach mu gach cuis. Tha mi gu cinnteach ag aontachadh leis gach lide a labhair thu; ach ciamar a thainig thusa gu beachd a ghabhail de na cuisibh sin uile? oir cha tric leo-san aig am bheil e mar dhreuchd a bhi ’gleidheadh nan caorach, an inntinnean fein a chur troimh a cheile le ceistibh diomhra de’n ghne sin.
C. —Thainig mise gu beachd a ghabhail air na nithibh sin o bhi ’leughadh mu ’n timchioll. Ach so tha mi ’g radh, a Mhurachaidh, tha eagal orm gu’m bheil thusa a’ deanamh tair air dreuchd na buachailleachd, agus ma tha, cha ’n ’eil barrantas sam bith agad air son sin a dheanamh. Tha deagh fhios agad-sa gu’n robh a’ bhuachailleachd ’n a dreuchd ro urramaich anns na ceud linntibh. Bha ar roimh-aithrichean ach beag gu leir ’n an aodharaibh, agus cha do mheas iad e ’n a thamailt an ceud mhac agus nighean a chur a ghleidheadh nan caorach. Agus co a’s fearr fios na thu fein, a charaid, gu’n robh righ Israeil fein an toisich ’n a bhuachaill air machraichibh Bhetleheim; agus cha ’n e sin a mhain ach mar an ceudna Esan air an robh Daibhidh ’n a shamhladh a thubhairt le ’bhilibh beannuichte. “Is mise am Buachaill maith, agus is aithne dhomh mo chaoraich fein, agus aithnichear le ’m chaoraich fein mi.”
M. —Ud! Ud! a Choinnich choir, tha thu ’nis a’ ruith air falbh leis na cliathaibh gu buileach orm. Cha do smuainich mise riamh air tair a dheanamh air do dhreuchd, no ort fein ’n ad thigh fein, no ann an aite sam bith eile fo ’n ghrein; oir tha barrachd meas na sin agam ort fein agus air do theaghlach. Ach gun teagamh chuir thu iongantas
(Air a leantuinn air taobh 222.)
[Vol . 6. No. 28. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, . . . $1 .00
Sia miosan, . . . .50
Tri miosan, . . . .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh d’ an duileig, agus, nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher ‘Mac-Talla,’
Sydney, Cape Breton
SIDNI. 7 IANUARAIDH 1898
Litir as an Iar-Thuath.
FHIR-DEASACHAIDH IONMHUINN, —Anns an litir so gheibh sibh dolair airson bliadhna eile d’ an phaipeir, agus ma ’n dichuimhnich mi e, tha mi ’guidhe Nollaig thoilichte ’s Bliadhn’ Ur chridheil dhuibh fhein, do MHAC-TALLA ’s da luchd-leughaidh. Cha ’n eil an geamhradh so cho garg, no cho trom sneachda ’sa bha ’n geamhradh an uiridh, ach tha ’chuid a’s miosa gu’n tighinn fhathast, ’us bha cheud chuid deth fuar gu leor cuideachd. Chaidh moran cruithneachd a reic anns a chearna so am bliadhna; ’ shaoileadh duine gu ’m beathaicheadh e roinn mhath de ’n t-saoghal. Rinn tuathanaich aig an robh moran fo bhàrr pasg math dholairean a chur m’a seach; bha phris bho 70c gu 80c am buiseal; cha robh ’m buntàta ach dona, agus an coirce, bha e na bhàrr aotrom cuideachd an taobh so.
Tha duine ’nar measg an so, a tha gle phongail, ’s aig a bheil naigheachdan gu leor, ’na chumadh caguadh ri MAC-TALLA latha ’us bliadhna, na ’m biodh e comasach air Gàilig a sgriobhadh. Cha ’n e mhain gu ’m bheil seann naigheachdan aige, ach ma theirigeas da, bheir e feadhainn ùra, bhriathrach as a mholtair cho luath ’s a’ dh’ éisdear riutha; bheir sinn Uisdean mar ainm air, agus dh’ innis e do Dhùghal, a sheann nàbuidh, mar a leanas ’sa choille an latha roimhe: “Bha mi,” ars esan, “nam sheasamh aig ceann an taighe feasgar an dé, greiseag ma ’n deach a ghrian fodha; sùil d’ an thug mi as mo chionn, chunnaic mi meall mor geal eadar mi ’s nèamh. Ghabh mi fiamh eagail an toiseach, a dhuine, oir smaointich mi air Eliah. Ruith mi steach a dh’ iarraidh nan glaineachan, oir cha ’n eil mo fhradharc idir cho math ’sa bha e aon uair, ’sa chithinn a ghrian ag eiridh fada, fada mu ’n nochdadh i; ach coma co dhiubh cha ’n eil fath a bhi gearain. Thill mi ’s bha ’m meall mar gu ’m bitheadh e ’deanamh direach air a ghealaich, (thuirt mi roimhe gu ’n robh ghrian air a dhol fodha) .” “Gun teagamh,” arsa Dùghal. “De bh’ ann ma ta,” ars Uisdean, ’se leantuinn, ach baloon an duine sin a chaidh a dh’ iarraidh ceann a tuath an t-saoghail. Thug mi ’n aire gu ’n robh curachd oidhche dearg ma cheann gach duine bh’ ann, ’s bior tombaca neo cigar am pluic gach fir diu. Bha grunnan chalaman air faraidh ann, ’s litir bheag air a sgriobhadh le inc dhearg, ceangailte ri cas gach fir dhiu. Ruith mi null thun a chnuic ud thall, oir bha toil agam faighinn am bruidhiun nan daoine. Dh’ éibh mi ‘Holó shuas a sin,’ anns a chanain aca fhéin, (cha tuig thus i, ach dh’ ionnsuich mise i ’n uair a bha mi aig an iasgach). Chual’ iad mi, oir stad iad leis a bhaloon ’us thainig iad a nuas ann an astar bruidhneadh ’us fhreagair iad, ‘Co sud shios air talamh?’ Dh’ innis mi, ’s dh’ fhoighneachd mi ciamar a chaidh leotha. ’Chaidh,’ ars André, —oir ’se sin ainm an duine— ‘cùisean gle fhàbharach leinn gus an robh sinn faisg air ar ceann-uidhe, am pole, ’s bu mhaide eireachdail e da rireadh, ach bha biast aognaidh na shuidhe na mhullach, ’us bha ’n anail aige cho fuar ’s cho gailbheach ’s nach d’ fhuair sinn na b’ fhaisge na fichead mile dha. Co bh’ ann ach Zero, agus gu dearbh cha ’n iarrainn a bhi cho faisg air gu brath tuilleadh. Mar sin b’ éigin tilleadh. Dh’ fhuadaicheadh an taobh seo sinn, agus tha sinn a nis a’ dol suas cho àrd ’s nach cuir gluasad na talmhainn dragh oirnn, agus an uair a chi sinn ar dùthaich fhéin fodhainn cha bhi againn ach gabhail a nuas dhachaidh.’ Dh’ fhag iad slàn agam ’us chaidh iad as mo shealladh a’ seinn, ‘Eilean an Fhraoich,’ am measg na reul.”
’S mise ur caraid,
S. N. MAC FHIONGHAIN.
Moosomin , N. W. T. ,27, 12, ’97.
Gheibhear anns an aireamh so a’ cheud chuid de dh’eachdraidh “ghoirid, fhirinneach” a tha aon de ar càirdean a sgriobhadh air na Caimbeulaich. Tha fhios againn gu’n leabh luchd gabhail MHIC-TALLA an eachdraidh so le tlachd. ’Se so a’ cheud oidhearp a thugadh riamh air eachdraidh aoin de na fineachan Gàidhealach a sgriobhadh ann an cainnt an dùthcha fhéin, agus bu chòir am meas sin a chur oirre. Bheireamaid comhairle air gach neach is urrainn, an eachdraidh so leughaidh gu cùramach mar a thig i mach agus ma ni iad sin cha bhi an t-aithreachas orra.
Gabhaidh an luchd-leughaidh ar leisgeul air son am paipear a bhi car fadalach a’ tigh’nn a mach air an t-seachdain so. Fhuair sinn inneal ùr clo-bhualaidh a stigh air an t-seachdain s’a chaidh, agus eadar gach dragh a bh’againn ’na ceann, agus cumail na Nollaig ’s na Bliadhn’ Uire, chaidh an obair beagan air deireadh oirnn. Ach air an t-seachdain s’a tighinn, tha sinn an dòchas am paipear a bhi mach aig an àm àbhaisteach.
BATHAR MATH SAOR.
Am bheil Deise, Cota, Cot’ -uachdair, Currachd, Brogan, Rubbers ,no ni sam bith dhe ’n t-seorsa sin a dhith ort? Ma tha ruig
TORMAD DOMHNULLACH.
’S ann aige tha ’m bathar a’s fhearr ’s a’s saoire tha ’sa bhaile, agus ma theid thu dh’ an stor aig’ aon uair, theid thu ann a rithist.
Na leig so as do Chuimhe.
MacCoinnich & Co.
Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh
ANN AN LOUISBURG,
agus tha sinn aig an àm cheudna a’ cumail air adhart air an t-seann laraich,
ANN AN SIDNI.
Aodaichean Matha dhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell an New York.
Theid sinn an urras air an obair.
Mac Coinnich & Co.
H. D. Mac Ille-Mhaoil,
Stewartdale , C. B.
Cloth,Drogaid, agus Plaideachan “Eureka.”
Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic.
Cloimh air a gabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige neo sgriobh uige.
C . H. HARRINGTON & CO.
Flur, Min, Ti agus Siucar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr.
Soithichean Glaine agus Creadha, math agus saor.
Brogan, Botainnean, Rubbersagus Caiseart de gach seorsa
’GAN CREIC SAOR.
[Vol . 6. No. 28. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Is baile mor Lunnainn, da-rireadh; thatar a’ meas gu bheil còrr us sia milleanan sluaigh ann a nise. ’S uamhasach an àireamh sin ann an aon bhaile.
Bha a’ bhliadhna dh’ fhabh ’na bliadhna bha anabarrach math do thuathanaich Bhreatuinn. Bha gach seòrsa barra gle mhath. Cha robh iad cho math dheth o chionn deich bliadhna ’sa tha iad air a’ gheamhradh so.
Bha Mac-an-t- Saoir, a bha aig cùirt air son tigh a chur ’na theine ann a’ Windsoran latha chaidh am baile sin a sgrios, air fhaotainn ciontach, agus fhuair e coig bliadhna dhe ’n tigh-obrach. Tha fear eile, Fletcher, ’ga fheuchainn air son na cionta cheudna.
Tha aon de na paipearan Frangais a bha ann am Montreal air a dhol bàs, an deigh a bhi ’ga chur a mach faisg air leth-cheud bliadhna. ’S e b’ ainm dhaLa Minerve, ’s bhatar ’ga chur a mach a h-uile maduinn. Cha ’n eil paipear maidne Frangais ann am Montreal a nise idir.
Thachair droch sgiorradh do Iain Gasper amBrook Villageo chionn ghoirid. Bha e ’g obair timchioll air muileann-bualaidh, agus rinn pairt de’n inneal greim air, ’s chaidh a làmh a thoirt dheth bho ’n uilinn. Bha e gle fhad air ais, ach tha sinn toilichte chluinntinn gu bheil e nise dol am feobhas.
Chaochail an t-Urr Uilleam Burns, aon de mhinistearan na h-Eaglais Chleirich ann an Toronto, la na Sabaide s’a chaidh. Bha e aig tiodhlacadh agus air ceann ’na seirbheis ’nuair a thuit e marbh, air a bhualadh le tinneas a chridhe. Bha e tri fichead bliadhna dh’aois, agus dh fhag e bean agus coignear chloinne. Bha deagh eòlas air Mr. Burns air feadh Chanada air fad.
Bha dithis dhaoine a’ cumail taigh-òil air a chrich eadar na Stàitean agus Cuibeic, agus bha gnothuichean air a leithid de dhòigh aca ’s ’nuair a thigeadh maoir Chanada gu ’n cuireadh iad na bh’ aca de stuth làidir air taobh nan Stàitean de ’n tigh, agus ’nuair a thigeadh maoir nan Stàitaen orra, chuireadh iad air taobh Chanada e. Bha iad mar sin a’ cur lagh Chanada ’s nan Stàitean gu dhùbhlan re ùine fhada, agus bha ’n t-àite timchioll orra a fàs gu bhi na àite gle mhi-rianail. Ach aon latha o chionn ghoirid thaghail maoir Chanada ’s nan Stàitean orra cearta còmhladh, agus mar sin rinneadh an gnothuch orra; chaidh càin throm a chur orra ’s tha ’n tigh aca air a dhùnadh suas.
Tha sinn an dòchas gu ’n gabh ar luchd-leughaidh uile a’ chomhaìrle a tha “Cona” a’ toirt orra air taobh eile, agus gu ’n dean iad an uile dhichioll air cuideachadh le MAC-TALLA air a bhliadhna so air am bheil sinn a’ tòiseachadh. Tha MAC-TALLA a’ deanamh a dhichill ann a bhi toirt toil-inntinn agus fiosrachaidh dhaibhsan a tha e ruigheachd, agus air leinn nach mor an duais dha iarraidh air son a shaothair, dolair ’sa bhliadhna bho gach neach a tha ’ga ghabhail. Tha àireamh mhor a rinn gu math ris anns na bliadnnaichean a chaidh seachad, agus tha e gu mor ’nan comain air a shon, ach tha àireamh tuilleadh us mor nach d’ rinn ach gu h-olc ris, muinntir a chuir g’a iarraidh a’ cheud no ’n darra no ’n treas bliadhna, agus a tha ’ga fhaighinn ’s ’ga leughadh riamh uaithe sin, gun uiread us aon sgillinn ruadh a phàigheadh air a shon. Tha sean-fhacal ag radh gu faigh foighidinn furtachd; faodaidh gu bheil sin fior, ach tha gach foighidinn a bha sinne cleachdadh ris an t-seòrsa luchd-gabhail ud air teirgsinn, ’s cha bhi sinn a’ feitheamh riutha na ’s fhaide. Mur cluinn sinn uatha an ùine ghoirid, cluinnidh iadsan uaithne.
Thatar a nise a’ cur flùir á Canada do cheann a deas America. Bha beagan air a chur ann o chionn beagan ùine air ais, agus rainig e ann an deagh òrdugh.
Chaidh sia fichead us da mhile dheug (132,000) tunna guail a chur air falbh á Nobha Scotia an uiridh, a bharrachd air na chaidh a chur air falbh air a bhòn-uiridh. Chaidh sia fichead us tri mile dhe sin a chur air fabh á Ceap Breatunn.
Chaidh Sir Tearlach Tupper á Winnipeg, ceanna-bhaile Manitoba, gu Lunnainn, far an do fhritheil e da choìnneamh, agus bha e air ais ann a’ Winnipeg a rithist fichead latha ’n deigh dha ’fhàgail. Theid aig daoine air astar mor a dheanamh ann an ùine gle ghoirid anns na bliadhnaichean so. Cha ’n eil e moran na ’s doirbhe dhol do ’n t-seann dùthaich a nise na bha e dhol do Halifacs fichead no deich bliadhna fichead roimhe so.
Thachair sgiorradh uamhasach ann an Lunnainn, an Ontario, oidhche Di-luain s’a chaidh. Bha iad a taghadh Ard-Bhaillidh agus comhairlichean do ’n bhaile an latha sin, agus air an oidhche chruinnich mu dha mhile gu leth de ’n t-sluagh do thalla a bhaile a dh’ éisdeachd ri òraidean uathasan a bha air an taghadh. Beagan mhionaidean an deigh naodh uairean bhrist pàirt de ’n ùrlar fòpa, thuit mu dha cheud dhiubh sios, agus bha mu fhichead air am marbhadh ’s mu cheud gu leth air an leònadh. Bha e ’na shealladh uamhasach ri fhaicinn; na daoine marbha ’s na daoine leòinte am measg a’ chéile, ’s an sluagh a’ feuchainn ri ni eigin a dheanamh air an son. Thugadh da uair de thim air an toirt air falbh, agus bha na h-ospadail uile air an lionadh leotha. Bha an talla air a chur air dòigh as ùr beagan lathaichean roimhe so, agus bhatar a’ smaoineachadh gu robh e sabhailte gu leòr.
Iadsan a Phaigh.
Alasdair N. Domhnullach, Port Morien
Donnachadh Moireastan, New Harris
Cairistiona I. Nic Neill, CulIona
Iain Mac Leoid, Beinn nan Sgiathanach
Domhnull Mac Gill-fhinnein, an t-Eilean Mor
Bean Iain Mhic Nimhein, Catalone
Màiri Cheanadach, Alba ’n Iar, C. B., 50c.
P. R. Mac-an-t- Saoir, Cnoc an Aoil 25c.
Donnacha Mac Ghiogair, MaNaughton P. O., N. S.
Alasdair Domhnullach, Double Hill, E. P. I.
Nial Camaran, Bunessan , Ont.
Seumas N. Mac Fhionghain, Moosomin , N. W. T.
Iain Murray, Marisbon, Cuibec, 75c
L. K. Mac-an-t- Saoir, Provincetown , Mass.
Padruig B. Mac Neill, Bangor , Maine.
Iain D. Mac Gilleain, Avalon , Cala.
An t-Urr. Iain Ceanadach, Caticol, Arrain Alba.
Bha Mr. Gladstone ceithir fichead bliadhna ’sa h-ochd a dh’aois Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaich. Ged a tha euslaintean na h-aoise a tigh’nn air an t-seann duine chòir, tha e ann an slàinte chuimseach mhath, agus faisg air a bhi cho geur ’na inntinn ’sa bha e riamh.
Tha cuideachd a tha cur air adhart obair-iaruinn ann an Ferona, N. S., ann an Sidni an dràsda feuch ciod a mhisneachd a gheibh iad air son obair dhe’n t-seòrsa cheudna chur air adhart an so. Tha Louisburg aca ’san amharc cho math ri Sidni ach ma’s fior gach sgeul ’s ann an Sidni as dòcha iad cur suas. Tha muinntir a bhaile so anns an dochas sin co-dhiu.
An do phàigh thu MAC-TALLA.
BATHAR UR.
Moran de Churaicean Geamhraidh, eadar 10c. us $5 .00.
Brogan matha saor.
Ti mhath mar a b’ abhaist.
Beagan de Cheannachd Thioram.
Olla 25c. an galan; 5 galain air $1 .00.
NIALL DOMHNULLACH,
BADDECK , - - C. B.
J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsa ’s fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B.
BADDECK , - - C. B.
Airson a stor a dheanamh na ’s deiseile ’s na ’s feumaile dhaibhsan a tha ’deanamh gnothuch ris, tha
Albert I. Hart
a’ nise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha a’ chuid sin de ’n ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am Boston ’sanNew York.Gheibh iadsan a thig g’a h-ionnsuidh an
DEAGH RIARACHADH.
BADDECK , - - C. B.
LEABHRAICHEAN GAILIG.
Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
’Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10
Gaelic Class Book .35
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte.
Sgriobh gu
J . G. MACKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, C. B.
[Vol . 6. No. 28. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 219.)
nach bu bheag orm le farsuingeachd an eolais a leig thu ris dhomh o ’n chomhlaich sinn mu dheireadh, an coimeas ris na bha agad an uair a thainig sinn an car a cheile an toiseach.
C. —Tha taing a thaobh sin dligheach douit-sa ad aonar, charaid ionmhuinn; oir mar b’e thusa, bhithinn-sa an diugh co aineolach ri loth na h-asail fhiadhaich. Is tu a stiuir mi air mo chairdibh urramach na Gaidheil fhogluimte sin a thug gach eòlas domh ann an cainnt mhilis mo mhathair.
M. —Is comadh leam do bholaich agus do ghoileam, a Choinnich, oir is iad do dhichioll agus do dhurachd fein a rinn an gnothuch air. Ach faic, a charaid, faic ciod a chuir Seonaid choir air mo ghluin, o ’n chaidh thu a mach—mir mor de ’n chlodh ghlas, chum a leithid eile ri d’ thrusgan fein a dheanamh’ dhomh, agus O! nach aillidh an t-eudach e! Nach e tha min, moladh, maiseach, agus reidh! Cuir fios air Fionnladh tailleir gus an gabh e mo thomhas, agus gus an dean e mo chota glas air a’ shocair. An uair a bhios e deas is furast dha a chur am ionnsuidh le neach eigin; ach gu cinnteach tha nair’ orm air son caoimhneas Seonaid.
C. —Nair’ thall no bhos, is comadh co dhiubh; ach so agad mar a bhios a’ chuis, a Mhurachaidh, cha teid ceann no cas dhiot a so, gus an dean Fionnladh tailleir an cota gu maith ’s gu ro-mhaith, ged a ghabhadh e caigeann sheachduin ris. Is tu nach caraich, fhir mo ghraidh, agus bi ’n ad thosd, agus na cluinneam focal tuilleadh as do cheann mu ’leithid do ni amaideach. Tha greim agam ort, agus cumaidh mi e gu daingeann Mur urrainn mise annad, foghnaidh Seonaid dhuit, agus cha soirbh an ni dol a liontaibh nam ban. Tiugainn a mach, agus rachamaid a dh’fhaicinn seann chaisteal Shir Seumas agus a ris bheir sinn suil air a’ chrodh Eireannach gus am bi greim dinneir deas aig Seonaid.
M. —Ciod a smuainicheas iad aig a’bhaile, a Choinnich? cuiridh iad a mach air mo thoir mur ruig mi dhachaidh gun dail. Cha dean e an gnothuch idir.
C. —Cha ’n eagal doibh, oir cha smuainich iad gu ’n deachaidh Murachadh Ban ann an slochd, no air seacharan, o ’n tha deagh fhios aca gu ’m bheil e crionnta gu leoir chum an aire a thoirt dha fein. A Sheonaid, an cluinn thu mi? Cuir air falbh Seumas beag a dh’innseadh do Fhionnladh tailleir gu ’m bheil mise ’g a iarraidh am maireach. Biodh e an so aig naoi ’s a’ mhaduinn, thugadh e a chrios-tomhais leis, agus cuiridh sinn an diulnach air deananaich air a’ chlodh ghlas.
M.— “Is dan, misneachail an coileach air a dhunan fein,” a Choinnich, agus cha ’n ’eil e modhail domh-sa a bhi ’cur gu dian ’n ad aghaidh, ach tha a la fein aig gach neach, agus cha ’eil fios nach faigh mise greim ort uair-eigin aig mo thigh fein, agus ma gheibh cha bheo mise mar toirear ortsa an ni so iocadh da fhillte, ged nach geall mi aon chuid cota dubh no glas dhuit air son do cheilidh. Rachamaid a nis a shineadh nan cas, agus thugamaid caisteal an Ridire oirnn agus a ris tilgeamaid air suilean car sealain air an fheudal Eireannach.
C. —Rachamaid do ’n chaisteal an toiseach ma ta, a chum amharc air na seomraichibh greadhnach, agus air gach ea[ ? ]nais a chithear annt, agus an deigh sin, bheir sinn suil air a’ chrodh.
M. —Cuir ceum ann, a ghille mo chridhe gus an dean sinn a’ chuid a’s fearr d’ ar n-uine, oir tha ’n la a’ dol seachad.
C. —Thugamaid an dorus oirnn ma ta, agus a ris an caisteal, air am faigh sin lan chomus gu rannsachach o h-uilinn gu h-oisinn air do Shir Seumas fein a bhi ann an Lunainn aig an am.
M. —Ochan! a righ! nach ann an so tha na dealbhan—ach co i a’ chailleach bheag, bhiorach ud, aig am bheil sron co geur ’s gu ’n gearradh i caise?
C. —Is i sud seann-sean-mhathair Shir Seumas, agus tha e air aithris gu’n robh i anabarrach crion coirbte, crosda, re laithean a beatha; agus an uair chaochail agus a dh’ adhlaiceadh i ann an Cladh-nan-cath, gu’n do dhiult a spiorad faire a dheanamh aon oidhche thairis air innis sin nam marbh.
M. —Tha e cosmhuil gu ’n robh a’ chailleach bhochd dùr, rasgach, ceannairceach, an uair bu bheo agus bu mharbh i, ma ’s fior an aithris
C. —Ach ciod bu chiall do ’n bharail neonaich sin, a bha moran a’ creidsinn, agus a ta cuid a’ creidsinn gu ruig an la an diugh?
M. —Tha e cianail r’ a smuaineachadh am measg nam beannachd spioradail a tha sinn a’ sealbhachadh anns an tir shona agus shaor so, gu’m biodh aon neach r’ a fhaotuinn a bheireadh geill anns a’ chuid a’s lugha do nithibh saobh-chrabhach mar so, gidheadh tha cuid ann a ta ’g an creidsinn; ach ciod a chual thusa mu na nithe faoine sin?
C. —Ciod a chual mi, an e tha thu ’g radh Chual mi an uair a dh’ adhlaichear duine anns a’ chladh, gu’m bheil a spiorad-san mar fhear-freiceadain air na mairbh a ta ’s an àit’ -adhlaic sin gu leir, agus gu ’m mair e anns an dreuchd dhuis-neulaich, oillteil sin gus an adhlaicear an ath chorp, an uair a ni spiorad a’ chuirp sin a dhreuchd a thogail gus an tig an ath adhlac a ris, agus mar sin air adhairt gun sgur. Ach ma ’s fior an sgeul, ’s i so an dreuchd ris nach gabhadh spiorad na caillich crosda, greannaich air an do ghabh thu beachd, gnothuch sam bith.
M. —Ach c’ ait am bheil an saobh-chrabhadh muladach so ’g a chleachdadh?
C. —Ann an iomadh ait’ air feadh na Gaidhealtachd, —ann an iomadh siorramachd agus ann an iomadh sgiorachd! Ach cha ’n ’eil duil agam gu’m bheil neach sam bith air an la ’n diugh a’ toirt geill do ’n dian-chrabhadh so; ach cha robh a’ chuis mar sin anns na linntibh a dh’ fhalbh. Cha ’n ’eil fad o ’n chunnaic mi mo charaid coir agus ceanalta, Sim Friseil o Inbhirnis, —duine suairce, stuama, creideasach, agus air an aobhar sin duine air am bheil mor-mheas le a luchd-eolais fein air fad. Thainig againn air labhairt mu na seann chleachdannaibh millteach, mearachdach aig na Gaidheil, agus dh’ innis e domh gu’n robh e fein, agus ar caraid an Sgiathanach a’ comhradh r’ a cheile mu na nithibh faoine, amaideach so, agus gun robh deagh-chuimhn’ aige air daoinibh ’fhaicinn ann an Cill-taraglain, agus ann an Cill-mhoraig, a bha ’creidsinn nan nithe sin ceart co cinnteach ’s a bha iad a creidsinn sgriobhanna an abstoil Phoil, —agus cha’n e sin a mhain, ach bha iad a’ creidsinn nach fagadh an t-anam corp gu buileach, agus nach biodh fior dhealachadh eatorra gus am biodh an corp air a chur ’n a shineadh ’s an uaigh.
M. —O! a Choinnich, a Choinnich, an comas domh do chreidsinn? An urrainn e bhi gu’m bheil na nithe sin fior?
Mu na Seann Ghaidheil.
LEIS AN URR. D. B. BLAIR, D. D., NACH MAIREANN.
IV.
B’iad na Picti no na Caledonaich Ghàidhealach luchd-àiteachaidh taobh tuath Albainn air tùs; ach mu’n bhliadhna A. D. 506 thàinig sluagh Gàidhealach eile a nall á h-Eirinn d’ am b’ainm Scoti no na Scùitich a ghabh tàmh an taobh deas Siorramachd Earraghàidheil. B’ iad na h-àitean anns an d’ rinn iad tuineachas Còmhall, Cinntire, Cnapadal, Earraghàidheal, Latharna agus pàirt de ’n Mharbhairn, maille ri Eilean Ile, Arainn, I-challum-chille agus eileanaibh beaga eile mu’n cuairt doibh sin. Anns a’ chuid eile de ’n Ghàidhealtachd bha na Picti a chòmhnuidh, oir b’ iad ceud luchd-àiteachaidh Albainn. Bha an ceann-bhaile aca so fagus air Dùnchailean no Peart,agus b ’i a’ chrioch eadar iad féin agus na Scoti na beanntan àrda sin a tha eadar siorramachd Pheairt agus siorramachd Earraghàidheil ris an abrar Druim-Albainn. Tha e coltach gu ’n robh an Dà fhine Ghàidhealach so a deanamh suas luchd-aiteachaidh Eirinn agus Albainn o ’n fhìor-thoiseach, agus gu’m b’iad na Pictich, ris an abair na seanachaidhean Eirionnach Cruithnich, an ceud dhream a ghabh còmhnuidh anns an dà dhùthaich. Ciod ’s am bith fri-dhealachadh a bha eatorra tha e coltach nach robh annta ach dà threubh de’n aon t-sluagh, dà theaghlach de’n aon chinneadh, aig an robh na h-aon ghnàthannan agus a bha ’labhairt na h-aon chànaine. Bha na Cruithnich no na Picti an taobh tuath Eirinn ann am Mòr-roinn. Ulladh agus an ceann tuath Laighinn; am feadh ’s a bha taobh an iar agus deas na h-Eirionn, ’s iad sin Conacht, Munadh, agus ceann deas Laighinn air an àiteachadh leis na Scoti. B’ iad na Pictich no na Cruithnich na ceud Ghàidheil a ghabh tuineachas an Eìrinn agus an Albainn, agus roimh thoiseach na sèathamh lìnne a réir coslais,
[Vol . 6. No. 28. p. 7]
cha robh Gàidheil ’s am bith eile an Albainn ach iad féin. Ach aig an àm sin thainig trì ceannardan a nall á Eirinn agus leth cheud fear maille ris gach aon diubh. Leis cho tearc ’s a bha iad ann an àireamh tha e ro choltach gur h-ann a fhuair iad cuireadh o Rìgh nan Caledonach gu tigh’nn a nall a riaghladh ann an Earra-ghàidheil gu bhi ’n an ceannardaibh air na Gàidheil a bha an sin anns a’ chogadh ris na Deas Bhreatannaich, gus an cumail air an ais o bhi a’ briseadh ni b’ fhaide stigh air taobh siar na Gàidhealtachd. Oir tha e cosmhuil gur h-e bu ghnàth-obair do na Scoti Eirionnach a bhi a’ sìor chogadh ris na Deas Bhreatannaich. Bha na seann Gàidheil Albannach a’ cogadh riù mar an ceudna mar a chithear o ’n chogadh a bha aig Fionn riutha, ’n air a loisg e Baile-chluaidh no Dun-Breatann, ceann-bhaile nam Breatunnach a bha a chòmhnuidh ann an Srath-chluaidh. Anns a’ cheud dol a mach cha robh aig na ceannardaibh Eirionnach so tiodal na b’ àirde na an Toiseach no Triath no Ceann-feadhna, ach an déigh sin ghabh iad an tiodal Rìgh dhoibh féin, agus rinneadh Fearghus ’na rìgh gidheadh bha e fo uachd’ranachd Ard-rìgh nan Scoti ann an Eirinn, agus bhuanaich a shliochd mar sin os ceann ceithir fichead bliadhna gus an do dhealaich iad ri cuing na h-Eirionn mu’n bhliadhna A. D. 590. Is ann mu’n àm so a thàinig Calum-cille a nall á h-Eirinn a shearmonachadh an t-soisgeil do na Gàidheil Albannach, ’n uair a bha Conull ’n a rìgh air na Scoti agus Brìde no Bruidai ’n a rìgh air na Picti. Bha lùchairt Bhrìde, rìgh nam Picteach, ’s an àm sin aig Lochnis, ach tha e coltach gu ’n robh mar an ceudna Caisteal no Aros rìoghail eile aig na rìghribh so ann an Dùn-Chaillean no làimh ri baile Pheairt. Tha sinn a’ leughadh mar an ceudna mu na Pictich Dheasach; bha an dara feadhainn diubh so air taobh tuath nan garbh-bheanntan(Grampians)agus an fheadhainn eile air an taobh deas diubh. Bha monadh Dhruim-Uachdair agus na Beanntan mòra sin a’ cur dealachaidh eatorra; agus faodaidh e bhi gu ’n robh iad air uairibh dealaichte ’n an riaghladh, agus gu’n robh rìgh dhoibh féin aig na Pictich thuathach, agus rìgh eile aig na Pictich dheasach.
Do na Pictich dheasach bhuineadh am fearann a tha a nis ’deanamh suas siorramachd Pheairt, siorramachd Aonghais, Fiofa, Struileith, agus an tìr air taobh deas na Friu ris an abrar Lothian, gu ruig a’ chrìoch Shasunnach. Do na Pictich thuathach bhuineadh a’ chuid eile dhe ’n tìr gu ruig Gallthaobh agus eileanan Arcaimh. Agus bha Srath-chluaidh agus taobh an iar-dheas Albainn ’s an àm sin aig na Breatannaich.
V.
Mu thoiseach na seachdamh linne bha ceithir fineachan a chòmhnuidh an taobh tuath Bhreatainn; b’iad sin na Picti, na Scoti, na Breatannaich, agus na h-Anglaich no na Goill. B’iad na Picti ’bu lìonmhoire agus ’bu treise dhe na fineachaibh so. Bha ceann tuath a h-Alba gu h-iomlan aca tuath air Cluaidh agus caolas na Friu ach a mhàin Earraghàidheal a bha aig na Scoti. Bha na Scoti an seilbh air Earraghàidheal agus Ile maille ri pàirt de’n Eilean Mhuileach agus Eileanaibh beaga eile. —Bha na Breatannaich an Strath-Chluaidh agus an Dun-Breatann agus an ceann an iar-dheas na h-Alba. —Agus bha na h-Anglaich anns an tìr gu deas air caolas na Friu ris an abairteadh Braighnich(Bernicia)leis na seann Bhreatannaich, dùthaich a tha nis ’deanamh suas siorramachdan Haddingtoin, Dhun-Eidinn agus Linn-Liobhainn, ris an abrar gu coitchionn na trì Lothianan maille ri Berwick agus Roxburgh, fearann a choisinn iad leis a’ chlaidheamh o na Picti mu ’n bhliadhna A. D. 547 ’n uair a thàinig “Ida nam bratach teine” le ’chuid Ghall do thaobh Deas na h-Alba. B’ e so ceud theachd nan Gall, no nan coigreach o Lochlainn agus o ’n Ghearmailt, gu tuineachas a ghabhail anns an dùthaich. Tha sliochd nan Gall so a’ chòmhnuidh anns an tìr ud gus an là an diugh. Is ann á Northumberland an Sasunn a thàinig iad a stigh do thaobh Deas na h-Alba. B’ àbhaist cogadh a bhi aig na Gaill Anglach so ris na Pictich mu thimchioll an fhearainn agus bha aon chath fuilteach aca air 20mh là de’n Mhàigh, A. D. 686, aig Linne Gharbhain ann an Siorramachd Aonghais, anns an do choisinn na Gàidheil Phicteach a’ bhuaidh agus an do mharbhadh Egfrid mac Oswy rìgh nan Gall Sasunnach maille ris a’ chuid dhe ’armailt. B’ e Bruidhe a bha ’n a rìgh air na Picti aig an àm sin, agus bha uachdaranachd aige thairis air Eileanaibh Arcaimh. Mu thimchioll dà fhichead bliadhna an déigh sin A.D. 729, thàinig Aonghas Mac Fhearghais gu bhi ’n a rìgh ’bu mhò agus ’bu chumhachdaiche a bha am measg nan seann rìghrean Gàidhealach. Cheannsaich e gach aon de na Cinn-fheadhna ris an abairteadh rìghrean beaga ’s an àm sin, agus thug e iad fo ghéill da féin mar an “t-Ard-rìgh” ni ’s mò na b’ àbhuist doibh a bhi roimhe sin. Mu’n bhliadhna 733 chaidh e a chogadh ris na Scoti an Earraghàidheal, cheannsaich e dùthaich Latharna agus Chapadail, agus thug e na Scoti fo chìs do féin, agus chur e aon de a theaghlach féin d’ am b’ ainm Aodhan ’n a rìgh os ceann na tìre sin. Theirear “Rìgh Albainn” ri Aonghas leis na seanachaidhibh Eironnach, agus gun teagamh b’ esan ’bu treise agus ’bu chumhachdaiche de na seann rìghribh agus is e a leag stéidh na Rìoghachd Albannaich mar a dh’ fhàs i suas ann an linnibh an déigh sin. Thog e Eaglais ann an Cillrìmhin agus mar an ceudna an àitibh eile, agus chuir e an rìoghachd aige féin fo chùram Naomh Aindreis agus mar onoir do ’n Naomh so chuir e air leth mòran de mhaoin aimsireil mar bheathachadh do na h-Eaglaisibh a thog e.
Mu’n bhliadhna 794 thòisich na Lochlannaich o thuath air taomadh a stigh air Eileanaibh na Gàidhealtachd, agus loisg iad I-Chaluim-chille, agus mhardh iad trì fichead agus ochd manach no pears’ -Eaglais ann an I-Chaluim-chille. Thachair an gnìomh oillteil so anns a’ bhliadhna 800, agus air an aobhar sin chuir Cusantin Rìgh nam Picteach suas Eaglais mhòr ann an Dun-Chailein mar Phrìomh Eaglais na Rìoghachd. B’e Cusantin so ogha Aonghais Mhic Fhearghais rìgh nam Picti, agus thug e mòran fearainn do Eaglais Dhun-Chailein. B’ e so an rìgh ris an abradh am bàrd anns an Duan Albannach “An Curai calma Cusantin.” Fhuair e bàs mu thimchioll na bliadhna 820 agus rìoghaich Aonghas a bhràthair ’n a àit’, oir b’e an seann lagh Albannach gun tigeadh am bràthair an àite bràthar. An déigh sin thàinig a mhac féin agus mac a bhràthar gu bhi ’n an rìghribh, agus ’n uair a mharbh na Lochlannaich mac a bràthar fhuair mic Bhargoid, a phiuthar, rìoghachd, fear an déigh fir. B’ e ainm a’ cheud aoin Fearchar agus ainm an fhir eile Bride na Bruidhe. ’N an déigh-san do bhrìgh gu’n do theirig na h-oighreachan firionnach air na seann Rìghribh Picteach fhuair Coinneach Mac Ailpein rìgh nan Scoti an Earraghàidheal an rìoghachd a chionn gu’m b’ esan an t-oighre dligheach.
(Ri leantuinn.)
Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG—Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.
Indurated Fibreware
Tha an seorsa so na ’s daoire na na bucaidean cumanta, ach ’s math is fhiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire.
THE
E. B. EDDY, Co.,
LIMITED,
HULL, CANADA.
[Vol . 6. No. 28. p. 8]
Oran Gaoil.
LE EOGHAN MAC-COLLA.
AIR FONN— “Hi ri ri ’s ho ra il o, mo nighean donn is boidhche.”
CO’ -SHEIRM.
Thogainn cliu na h-ùr-bhean mhin
Fhuair ’san Réilig gaol mo chri:
’S beag an t-ioghnadh tuille ’s mi
Bhi bristeadh ’n cridhe ’n tòir oirr’.
’S binn ’an seòmar ceòl nan teud,
’S binn ’san fhàs-choill àl nan geug;
’S binne na iad uile ’m beul
Bu mhiann leam féin bhi pògadh.
Thug an t-ùr-ros, flùr nam buadh,
A dhath gaolach féin d’a gruaidh;
’S fàile caoin subh-craobh nam bruach,
A h-anail fhuair gun fhòtus.
’S geal an lilidh tim a’ Mhàigh,
’S gile no sud cneas mo ghràidh;
Comhnuidh chaoin a’ chridhe bhlàth,
B’e ’n trusdar dh’ fhàgadh breòit i.
Ciod an atà bhi ’cur an géill
Dreach a blàth-shuil làn de ghaol,
Cha ’n eil sùil a’ chalmain féin
A leth co maoth-ghorm bhoidheach.
Cha ’n eil mil an t-seillein chiar
Idir milis làmh r’a bial;
’S shaoileadh tu gur ann bho ’n ghrian
A fhuair i fiamh a h-òr-fhalt!
Ruathar Mhic-Mhuirich.
AIR EADAR-THEANGACHADH BHO BHEURLA AYTOUN, LE ALASDAIR MAC NEACAIL.
Rinn Mac Mhuirich bòid
An aghaidh Cloinn Mhic Thàbhais,
Chaidh ’thogail creich’ na ’n tìr,
Le rèubainn is le ànnradh;
Oir mhionnaich e gu teann,
Gu ’n sgriosadh e bho ’n tìr iad;
Le cuig-thar-fhichead fear,
Is deich-thar-fhichead piobair!
Ach ’n uair ’rainig e
Sios mu leth Srath-Chànain,
Cha robh dhe ’chuid seoid
Ach na triuir ’s an làthair:
Sud na bha ri chùl,
Gu dion ’an àm na tuasaid,
Cach bha thall ’sa bhos,
A cuir a chruidh air fuadach.
“Ro mhath!” ars Mac Mhuirich,
“Chaidh ar cliu a dholaidh!
Ghillean, feumar spàirn,
Air beothach mu ’n teid corrag!
So Mac-Mhic-Mhethusalah,
’Tighinn le ’chuid sluaigh,
Tri fichead fear ’s a tri,
’S na h-uireid de dhaoin’ -uaisle!”
(ARSA MAC-MHIC-MHETHUSALAH.)
“Fàilte mhaith dhuibh fein!
Nach sibhse Triath nan Cattan?
Co dha ’m bheil ur céilidh,
’An àm ’tigh’n so air astar?
So! So! mhic a choin!
Tha sea ceud bliadhn’ bho ’n dhùraig
Annail bheo na’m ghleann
Tigh’n air turus spùinnidh.”
(ARSA MAC-MHUIRICH.)
“Dè sud ’tha thu ’g radh?
Tha do bhathais làidir;
Seallam dhuit, a bhobag,
Ciod e ’s cubhaidh gnàth dhuit.
Cha ’n eil latha tuilleadh
Agad gu bhi beò,
Thugad bho mo ghunna,
’S bho ’n chlaidheamh ’tha na m’ dhòrn!”
’S ait, ’n àil’, an sgeul’!
Arsa Flath Chloinn Thàbhais,
’S furasda dhomh fhéin
Stad ’chuir air do rànaich’.
’N sin thug Mac-Mhethusalah
Sgal mar leomhan gionach,
Tharruing e ’sgian-dubh,
Is sparradair ’na mhionach.
Air an dòigh so fhéin,
Thainig bàs do ’n ghaisgeach,
Dha ’m bu chliu ri ’bheo
’Bhi na dhuine gasda,
Thainig mac na dhéigh,
’Bha pòsd air nighean Noah,
Theab gu ’n thraoigh an dìle
Leis dhe ’n uisg’ na dhòl e.
’S bha e air a dheanamh,
’S mise féin ’tha cinnteach,
Nam biodh air tachairt ann
Blasad còir dhe ’n Ileach.
Rainig crioch mo sgeòil,
Tha mi ’m beachd gur h-ùr i,
Cuir mu ’n cuairt an stòp,
Is marbhaisg air an “duty!”
AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leigsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD.
Cuir a dh’ iarraidh sampuill, teisteannais us urrais.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia. —agus—127 State St Boston, Mass.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear Tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C B.
Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C.B.
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar duthcha tha ’nar beachd
NIALL Mac FHEARGHAIS,
Taillear.
SIDNI - - - C. B
$1 .00 air 80c.
Tha tuilleadh ’sa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dh’ airgead. Thig mu ’m bi ’n t-am seachad agus
FAIGH BARGAN.
McDonald Hanrahan & Co.
Sidni, Iulaidh 16, ’97.
C’AIT AM FAIGH MI?
Saibh, Glasan, Luaidhe, Sgeinein, Lainntearan, Sguabaichean, Paipear-tearra, Paipear-tubhaidh.
Olla, Fudar, Glaine, Siosaran, Tairnean, Bucaidean, Tuaghannan.
GHEIBH AIG
C . P. MOORE,
Sidni, C. B.
title | Issue 28 |
internal date | 1898.0 |
display date | 1898 |
publication date | 1898 |
level | |
reference template | Mac-Talla VI No. 28. %p |
parent text | Volume 6 |