[Vol . 6. No. 29. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VI. SIDNI, C. B. DI-HAOINE 15 IANUARAIDH, 1898. No. 29.
Soirbheachadh agus Malairt Chanada.
Tha ’bhliadhna ùr a nis ’n a suidhe gu socrach, uasal, toilichte anns a’ chathair fharsuing, rioghail anns an do shuidh gach bliadhna ’bha ’s a dh’ fhalbh o’n bha grinn, ’us gealach, ’us talamh ann. Is maith a tha fios aig a’ bhliadhna ùr nach meal i ach da mhios dheug, gach ainm, ’us morachd, ’us ughdarras anabarrach a tha dluth-cheangailte ri roinnean mora na h-aimsir a tha ’gluasad gu sgipidh seachad. Thubhairt cheana gach duine ’us bean chairdeil r’an cairdean ’us r’an luchd-eolais, shios ’us shuas, “Bliadhna mhaith ùr duit,” agus bho mhile beul ’us teanga thainig am freagradh, “Mar sin duit fein agus moran diu.” Tha na briathran so ’ciallachadh ma bha ’bhliadhna ’chaidh seachad lan iomaguin, ’us cruadail do neach air bith, nach eil coire r’a chur air a’ bhliadhna ’tha ’nis ann an tus a h-oige; agus nach eil e aon chuid ceart no iomchuidh gu bitheadh na laithean a tha ’nis a lathair a trusadh sprochd ’us dubhachais bho na laithean a tha gu brath ann an tir na di-chuimhne. Is e seoladh ùr, nodha ’tha aig a bhliadhna ùr r’a dheanamh, agus air an aobhar so thig e do gach sgiobair ’us seoladair a chul-thaobh a thionndadh ris gach stoirm, ’us gabhadh, ’us cunnart a bha air an faireachduinn anns a’ bhliadhna ’tha tosdach anns an uaigh. Tha ’bhliadhna ùr a’ fosgladh a mach gu taitneach, laghach, dochasach ann an Canada. Bha gun teagamh amannan cruaidh againn bho cheann cuig no sia bhliadhnaichean. Tha sinn taingeil gu robh pailteas do dhuine ’s do ainmhidh air feadh na dùthcha gu leir re nam bliadhnachan cruaidh a tha ’nis thairis. Is i dùthaich bheartach, aluinn a tha ann an Canada leis gach fuachd, ’us teas, ’us gaoth ard, ’us reotha diongmhalta air am bheil sinn min-eolach. Tha daonnan ni ’s leoir de chruineachd, ’us de choirce, ’us de bhuntàta, ’us de mheasan, ’us de chrodh, ’us de chaoraich againn; agus mar so cha ’n eil, ’s cha robh riamh, ocras, no gainne, no gort againn r’a fhulang. Is ann do bhrigh gu robh margaidhean an t-saoghail agus Bhreatuinn gu sonruichte bochd ’us iosal, a bha amannan co deuchainneach anns an dùthaich so. Is abhaist do dhaoine tuigseach ’us do fheallsaimhean ionnsuichte ’bhi ’rannsachadh nan doighean a tha ’tabhairt amannan dona oirnn, agus a tha ’tabhairt a rithist amannan caoimhneil, fabharach duinn. Is e mo bheachd fein nach eil e comasach luadh a dheanamh air gach aobhar beag ’us mor a tha cur sios pris gach beathaich ’us grainne, ’s a cur grabaidh ’us laigse air malairt mor nanAmericamu dheas a’ togail ’na fhearann ùr, brioghmhor, torach, uamhas cruineachd, agus a’ giulan moran deth aig pris bheag do mhargadh farsuing Bhreatuinn. BhoAmericamu dheas ’us bho Astralia mar an ceudna, tha iomadh luchd bata-smuide a tighinn de ’n fheoil ’us de ’n mhuilt-fheoil a’s fhearr. Tha ’n fheoil air a gleadhadh gu fallain, ùr ann an eigh, agus an uair a ruigeas i Breatunn, tha i ’faotainn reic gu h-ealamh. Cha ’n eil sinn toilichte ann an Canada, ’us cha ’n eil aobhar againn a bhi toilichte, gu do dhruid riaghlaidh Bhreatuinn an dorus an aghaidh nam beathaichean reamhar a tha sinn a’ cur thar a’ chuain do Bhreatunn. Feumaidh gach damh, ’us tarbh, ’us agh, ’us mart a bhi air am marbhadh co luath ’s a ruigeas iad port air bith ann am Breatunn. Bha lighichean cruidh a’ cumail a mach gu robh galar basmhor am measg eudail Chanada, agus gu robh eagal mor air feolaidearan ’us buachaillean Bhreatuinn gu tugadh crodh Chanada an galar mosach so do Bhreatunn mar an ceudna. Ged nach robh dearbhadh soilleir air a thabhairt seachad gu robh galar air bith am measg daimh ’us mairt Chanada, chaidh lagh a dheanamh a tha ’cumail a mach gach beathach a thogadh an Canada. Feumaidh sinn umhlachd, gun taing duinn, a thabhairt do ’n reachd chruaidh, chearr ud, mar tha sinne ’creidsinn. Tha gach uidheamachadh, ’us innleachd, ’us seoltachd againn a nis ann an Canada; agus re na bliadhna so, theid againn co math agus co furasda ri dùthaich air bith, air an fheoil a’s fhearr a’ thabhairt thar a’ chuain, gun dragh, gun mhilleadh air bith. Tha malairt a tha ’cinntinn gu luath ’us gu taitneach ann an ìm ’us ann an caise eadar Canada ’us Breatunn. Tha tighean innleachdach airson ìm ’us caise ’dheanamh gu pongail, ullamh air feadh na tire gu leir. B’e latha grianach a dh’ eirich air Canada ’nuair a thoisich na tuathanaich an ear ’s an iar air ìm ’us caise ’dheanamh ann am pailteas mor. Tha ’n talamh a’ fas beartach le ionaltradh nam bo, ’s tha crodh na dùthcha ’dol gu luath ann am beothas. Cha ’n eil ni a phaigheas co maith do ’n tuathanaich ri bhi gleidheadh moran de bhà-bainne. Ann an aon bhliadhna cosnaidh aon mhart a pris fein le ’bainne. Tha ainm gasda ’s cliuiteach air caise Chanada ann am Breatunn, agus tha ìm Chanada mar an ceudna ’cosnadh cliu mhaith da fein. Tha Breatunn a’ paigheadh suim eagallach a h-uile bliadhna airson ìm ’us caise. Carson nach faigheadh sinn ann an Canada cuibhrionn mhor de ’n airgiod so, an trath a theid againn air ìm milis, glan, agus air caise fallain, maith a dheanamh agus a chur ann an doigh churamach, speisealda thar a’ chuain fharsuing, luasganach. Tha ’g eiridh suas anns gach cearna de ’r dùthaich, tighean innleachdach airson ìm a dheanamh de ’n uachdar a’s fearr. Tha againn cheana tighean gun àireamh airson caise ’dheanamh. Tha na tuathanaich a’ gabhail curam mor de na ba anns a’ gheamhraidh, agus g’ an gleidheadh bho gach stoirm ’us uisge. Tha uibhean, ’us turcaich, ’us ubhlan ’us iomadh ni eile ’fagail ar dùthcha agus a’ ruigheachd margaidhean Bhreatuinn. Ann an ìm ’s ann an caise fein, bithidh soirbheachadh anabarrach aige a reir gach coslais ’us dochais re na bliadhna ’tha fathast am moch-thrath a cuairt.
CONA.
Na Gaidheil Ghordonach.
Bha ’san ainm ’nuair a thainig sgeul air euchdan nan Gàidheal Ghordonach ann an Dargai, nach bu Ghàidheil no Albannaich a’ chuid mhor de ’n réiseamaid idir, ach Sasunnaich agus Eirionnaich. Cha robh sin idir ceart. Bha 758 duine anns an réiseamaid air fad; bu Ghàidheil no Albannaich 615 dhiubh sin; bu Shasunnaich 125; b’ Eirionnaich 15; ’s bha aon Welshach agus dithis Ghàidheal a mhuinntir Chanada innte. Bu Shasunnaich muinntir a’ bhand agus na drumairean, agus ’nuair a bheirear iad sin á measg nan 125 a bh’ ann dhiubh air fad, chithear nach robh ach àireamh gle bheag air chùl nan Gàidheil am theasg an luchd-cogaidh. ’Nan robh na Sasunnaich ’s na h-Eirionnaich cho lionmhor ris na Gàidheil anns an réiseamaid, ’se ’s dòcha nach biodh mullaichean Dhargai air an toirt a mach fhathsst!
Bidh litir o “Iain Mac ’Illeasbuig” áPriceville , Ontario,anns an ath àireamh mar an ceudna oran, “An gille beag aig Da,” o “Ghleann-a- Bhàird,” agus ni no dha eile do nach b’ urrainn dhuinn àite dheanamh air an t-seachdain so.
[Vol . 6. No. 29. p. 2]
SGEULACHDAN ARABIANACH.
VII. —SINDBAD AN SEOLADAIR.
CAIB. III.
An la-iar-na-mhaireach chuir am portair uime an deise aodaich a b’ fhearr a bh’ aige, agus chaidh e do ’n taigh aig Sindbad, an seoladair. Chuir Sindbad faile ’s furain air re mor chaoimhneas.
An uair a thainig na h-aoidhean gu leir, chuireadh an dinneir air a’ bhord, agus shuidh iad aige fad uine mhath, ag itheadh ’s ag ol ’s a’ comhradh mu thimcheill iomadh ni. An uair a chuir iad crioch air an dinneir, thuirt Sindbad, agus e ’labhairt ris a chuidheadh gu leir, “A dhaoin’ uaisle, ma ’s e bhur toil e, eisdibh rium, agus bheir mi dhuibh cunntas air na tubaistean ’s air na deuchainnean a thachair dhomh an dara turus a dh’ fhalbh mi ’sheoladh. Tha na bheil agam ri innseadh an diugh na’s iongantaiche na na dh’innis mi dhiubh an de. A uair a chual’ iad so dh’fhan iad uile ’nan tosd, agus thoisich Sinbad ri innseadh a sgeoil dhaibh mar so:—
Mar a dh’innis mi dhuibh an de, bha ’nam bheachd an uair a thanig mi air ais gu ruige Bagdad, agus saoibhreas gu leor agam, gu’n caithinn na bha romhan dhe mo bheatha anns a’bhaile so gu socair, samhach. Ach ann an uine gun bhith fada, dh’fhas mi sgith dhe ’n bheatha shocair, shoghail a bh’ agam, agus dhuisg miann laidir ann am intinn gu falbh air luing a reic ’s a cheannach mar a rinn mi roimhe. Cheannaich mi gach seorsa badhair a b’ fhearr a shaoilinn a gabhadh reic, agus chaidh mi air bord comhladh ri marsantan eile a bha fo dheadh ainm. An uair a chuir sinn sinn-fhein agus gach ni a bhuineadh dhuinn air curam Dhe, sheol sinn.
Thaghail sinn ann an caochladh eileanan far an do rinn sinn malairt a thug buannachd mhath dhuinn.
Air latha araidh chaidh sinn air tir ann an eilean anns am faca sinn moran de chraobhan air an robh pailteas de mheasan. Ach cha robh duine ri fhaicinn air an eilean agus cha mho a bha choltas gu’n robh creutair beo sam bith riamh ann, saor o eunlaith nan speur. Chaidh sinn air feadh an eilean so, agus bha cuid dhinn a’ cruinneachadh dhitheanan, agus bha cuid eile a’ cruinneachadh mheasan. Thug sinn uile leinn aran is fion as an luing, a chum gu’n gabhamaid beagan dhiubh mu’n rachamaid air bord feasgar. An aite bhith ’siubhal air feadh an eilean mar a bha cach, is ann a shuidh mi air blianaig bhoidhich a bha eadar da chraoibh, agus ghabh mi na thainig rium dhe ’n aran ’s dhe ’n fhion a thug mi leam. ’Na dheigh sin thuit mi ’nam chadal. Cha ’n urrainn mi a radh ciod an uine e bha mi ’nam chadal, ach co dhuibh, an uair a dhuisg mi bha ’n long air falbh, agus ghabh mi ioghnadh mor. Dh’ eirich mi nam sheasamh, agus sheall mi mu ’n cuairt orm, ach cha robh aon dhe na marsantan ri fhaicinn. Mu dheireadh thug mi an aire do’n luing ’si fo lan aodach. Ach bha i cho fada air falbh ’s gu’n deachaidh i as an t-sealladh ann an uine ghoirrid.
Faodaidh sibh a thuigsinn gu’n robh mi ann an staid ro mhuladach anns an am. Bha mo chridhe gu bristeadh le bron. Thoisich mi ri glaodhaich gu muladach, agus ri bualadh mo chinn is m’ uchd. Thilg mi mi-fhein air an talamh, far an robh mi’ n am shineadh car uine, agus mi ann an cradh cridhe a bha eagalach. Bha smaointean an deigh smaointean ag eirigh suas fa chomhair na h-inntinn agam mu thimchioll cho gorach ’s a bha mi an uair nach robh mi riaraichte leis na chuir mi cruinn de shaoibhreas a’ cheud turus a dh’ fhalbh mi o ’n taigh. Bha mo chridhe gu bristeadh le aithreachas; ach cha deanadh aithreachas feum anns an am. Mu dheireadh dh’ earb mi mi-fhein ri Dia, agus chuir mi romham gu’m bithinn umhail dha.
O nach robh fhios agam ciod a dheanainn, choisich mi suas air feadh an eilean, agus air dhomh craobh mhor fhaicinn shreap mi innte cho ard ’s a b’ urrainn domh, an dochas gu ’m faicinn long a’ dol seachad faisge air tir. Ach cha robh ni ri fhaicinn ach an cuan mor, farsuinn.
Thug mi an aire gu’n robh rud mor, geal air aite comhnard a bha astar fada uam. Smaoinich mi gu’m b’ fhearr dhomh a dhol a dh’ fhaicinn ciod a bh’ ann. Thug mi leam am beagan bidh a bh’ agam agus dh’ fhalbh mi.
An uair a bha mi ’dluthachadh ris bha mi smaointean gur e soitheach geal, creadha a bha anabarrach mor a bh’ ann. Ach an uair a rainig mi e ’s a chuir mi mo lamh air, dh’ aithnich mi nach e criadh a bh’ ann idir. Choisich mi mu ’n cuairt air uair no dha feuch am faicinn an robh coltas air a bhith fosgailte an aite sam bith. Ach cha robh. Bha, air a’ chuid bu lugha, leith cheud ceum agam ri dheanamh mu ’n rachainn timchioll air.
Anns an am bha ghrian a’ teannadh ri dhol fodha. Ann an uine ghoirid dh’ fhas an iarmailt cho dorcha ’s ged bhiodh i air a comhdachadh le tiugh-neoil. Chuir so ioghnadh mor orm; ach is ann a bha ’n t-ioghnadh orm an uair a thuig mi gur e eun anabarrach mor a bha ’g itealaich an rathad a bha mi a dh’ aobharaich an dorchadas. Chuimhnich mi gu’n cuala mi maraichean ag radh, gu’n robh eun uamhasach mor ann ris an canar an roc, agus thuirt mi rium fhein gur docha gur e an t-ugh aig an roc an rud mor, geal a bh’ air mo bheulaobh.
An uair a bha mi ’a smaointean so thainig an roc agus laidh i air an ugh. Chuir mise mi fhein taobh an uighe an uair a chunnaic mi tighinn i. Thachair dhomh a bhi gle dhluth air an aite anns an do shocraich i a cas an uair a laidh i air an ugh, agus bha a cas cho garbh ri bun craoibhe. Nan do sheas i orm, bha i air mo phronnadh ’n am chraicionn.
Cheangail mi mi-fhein gu teann cruaidh ri a cois leis an aodach-uachdair a bh’orm; oir smaoinich mi gu’n tugadh i air falbh as an eilean mi an uair a dh’ eireadh i bhar an uighe ’s a mhadainn. Chuir mi seachad an oidhche gun mhoran cadail, ged a bha mi blath gu leor.
Anns a’ moch mhadainn dh’ eirich an roc bhar an uighe, agus thug i leatha mi gun fhios, gun fhaireachadh dhi fhein. Chaidh i suas cho ard do ’n iarmailt ’s nach bu leur dhomh ach gann an talamh. Na dheigh sin thainig i nuas thun na talmhainn le leithid de luaths ’s gu’n do chaill mi car tiotaidh mo mhothachadh. Cha bu luaithe a rainig i an talamh na dh’ fhuasgail mi mi-fhein uaipe. Agus an ceann tiotaidh thog i leatha nathair uamhasach mor ’na gob, agus dh’ fhalbh i.
An uair a a sheall mi mu’n cuairt orm thug mi an aire gu’n robh mi air ’m fhagail ann an gleann anabarrach domhain, agus gu’n robh na creagan a bha mor-thimchioll air cho cas ’s nach b’ urrainn neach sam bith faighinn as.
Chuir so fo iomacheist mhoir mi; agus an uair a smaoinich mi air a’ chuis, thuirt mi rium fhein gu ’n robh e cho math dhomh a bhith anns an eilean fhein ri bith far an robh mi.
An uair a bha mi ’coiseachd troimh ’n ghleann thug mi an aire gu’n robh an talamh lan de dhaoimein, agus gu’n robh cuid diubh anabarrach mor. Bha mi ’gabhail beachd orra ach o nach robh chuis coltach gu’m faighinn as a ghleann gu brath cha robh mi ’faicinn gu’n robh aobhar agam air mo lamh a chur air fear dhiubh.
Cha robh mi fada coiseachd troimh ’n ghleann an uair a chunnaic mi rud a chuir eagal gu leor orm; agus b’e sin, an aireamh mhor de nathraichean a bh’ ann. Bha cuid dhiubh co mor ’s gu’n sluigeadh iad tarbh gun bhuille chagnaidh. Re an latha bha iad ’g am falach fhein ann an tuill, ach an uair a thigeadh an oidhche, bha iad a’ tighinn am mach as na tuill.
Chuir mi seachd an latha mar a b’fhearr a dh’ fhaodainn. Bha mi ’coiseachd air feadh a’ ghlinne, agus an drasta ’s a rithist bha mi ’leigeadh m’ analach anns gach aite bu fhreagarraiche na cheile a thachradh rium. An uair a thainig an oidhche chaidh mi steach do dh’ uamhaidh, agus dhuin mi am beul aice le clachan air dhoigh ’s nach b’ urrainn na nathraichean a dhol a steach. Ach dh’ fhag mi tuill fosgailte air an rachadh an solus a steach.
Ghabh mi beagan dhe ’n bhiadh a bh’ agam; ach leis an t-sranntraich a bh’ air na nathraichean faisge air an uamhaidh, cha leigeadh an t-eagal leam norran cadail a dheanamh.
An uair a thanig an latha chaidh na nathraichean do na tuill, agus thainig mise am mach as an uamhaidh ’s mi air chrith leis an eagal. Ged a bha mi coiseachd air na daoimein cha robh de shuim agam dhiubh
[Vol . 6. No. 29. p. 3]
na thogadh fear dhiubh bhar an lair. Mu dheireadh shuidh mi, agus ged nach robh m’ inntinn aig fois, thainig an cadal orm; oir cha do dhuin mo shuil an oidhche roimhe sin.
Ach cha robh mi fada ’nam chadal an uair a dhuisg fuaim araidh mi. Ar leam gu ’n do thuit rud trom laimh ruim. Dh’ eirich mi ’nam shuidhe, agus an uair a sheall mi mu ’n cuairt orm, ciod a b’ iongantaiche leam na pios mor de dh’ fheoil uir ’fhaicinn laimh ruim. Aig a’ cheart am chunnaic mi iomadh pios feola eile a’ tuiteam a nuas bhar bearradh nan creagan a bha faisge orm.
(Ri leantuinn.)
Mu na Seann Ghaidheil.
LEIS AN URR. D. B. BLAIR, D. D., NACH MAIREANN.
VI.
Thug sinn fainear mar fhuair Coinneach Mac Ailpein an rioghachd Phicteach a chionn gu’m b’e an t-oighre dligheach a thaobh a shean-mhàthair, màthair Ailpein, a bi piuthar Aonghais agus Chusantin a bha le chéile ’n an righribh air na Picti. Thachair an ni so anns a’ bhliadhna A. D. 843. Aig an àm so, fo riaghladh Choinnich chaidh an dà rioghachd, agus an dà fhine Ghàidhealach na Picti agus na Scoti, aonadh ri chéile gu bhi ’n an aon sluagh. Tha cuid de sheanachaidhibh ag radh gun do cheannsaich Coinnich na Picti ann an cogadh, agus gun d’thug e an rioghachd a mach le faobhar a’ chlaidheimh; ach tha an nì sin mì-choltach agus do chreidsinn gun deanadh prasgan beag de dh-Earraghaidhealaich buaidh a thoirt air a’ chuid eile de na Gàidheil; is ann fhuair e còir air an rioghachd a thaobh a shean-mhàthar mar a fhuair Seumas VI rìgh na h-Alba còir air rioghachd Shasuinn ann an linnibh an déigh sin. Tha ùghdair an Leabhair “Nennius” a sgrìobh mu’n bhliadhna A. D. 858 ag radh mu na Pictich“tertiam partem Britanniac tenuerunt, et tenent usque nunc. ” ’Se sin an Gailig; Bha sealbh aca air treas earrainn Bhreatuinn, agus tha sealbh aca oirre gus a nise.” Chaidh so a sgriobhadh mu chòig bliadhna deug an doigh do Choinneach Mac Ailpein rioghachd nam Picteach fhaotainn, agus tha e soillenr nach deachaidh an sluagh a chasgairt no a dhitheachadh leis na Scoti, ach gun robh iad a’ gabhail comhnuidh anns an aon dùthaich cheudna ’s an robh iad roimhe, ged a fhuair iad Coinneach Righ nan Scoti gu bhi ’na Righ os an ceann. Dearbhaidh na Seanachasan Eirionnach a sgriobhadh mu thimchioll nan amannan so an nì ceudna, oir their iad “Righ nam Picteach” mar thiodal ri Coinneach Mac Ailpein, nì a tha ’nochdadh gun robh an sluagh agus an rioghachd a lathair aig an am sin, agus nach deachaidh idir an lom-sgrios mar a tha cuid a’ cumail a mach gu mearachdach. Tha e sgriobhta ann an Seanachasaibh Mor-roinn Ulladh gun d’fhuair Coinnich Mac Ailpein Righ nam Picteach bas mu’n bliadhna A. D. 858, aghs tha Nennius ag radh “Righ nam Picteach” ris mar an ceudna. Fhuair e bas aig Dun-fothair ann an Siorramachd Pheairt aon de Chaistealaibh nan seann righrean Gaidhealach; agus thainig Domhnull Mac Ailpein gu bhi ’na righ an aite a bhràthar, ni a bha a réir an t-seann lagh Albannaich a bha air a chleachdadh am measg nan Gaidheal Picteach. Theirear Righ nam Picteach ri Domhnull mar an ceudna, oir tha Seanachasan Ulladh ag radh “gun d’fhuair Domhnull Mac Ailpein Righ nam Picteach bas” anns a’ bhliadhna A. D. 862. Righich dithis mhac Choinnich a rithist, Cusantin agus Aodh, fear an deigh fir agus b’e an tiodal a theirteadh riusan “Righrean nam Picteach.” A thaobh Chusantin faodar a thoirt fainear, nach robh an t-ainm so riabh air aon de na Scoti agus nach robh e ach air aon de na Righribh Picteach roimhe so, se sin air brathair sean mhathar Choinnich; agus uime sin tha e ro chosmhuil gur ann air a shon-san a thug Coinneach an t-ainm air a mhac féin.
Mu’n bhliadhna A. D. 900 thainig Cusantin Mac Aoidh, mhic Dhomhnuill, mhic Ailpein gu bhi ’na Righ air na Pictich. Anns a’ bhliadhna 918 chuir an Righ so air ceann nan Gaidheal cath gailbheach ris na Lochluinnich air an d’fhuair iad buaidh; agus anns a’ bhliadhna 937 chuir e cath ris na Sasunnaich; mharbhadh a mhac anns a’ chath so. Cha ’n ’eil iomradh sam bith air a dheanamh air na Scoti aig an àm so, oir dh’ fhuirich iad ’n an tir féin ann an Earraghaidheil, agus chuir na Picti ’n an tir na cathan fuilteach so ris na Lochluinnich agus ris na Sasunnaich; a’ dearbhadh mar so gum b’ iadsan iarmad nan treunlaoch gaisgeil a chog ris na Romanaich agus ri Agricola aig a’ Gharbh-mhonadh, ceudan bliadhna roimhe sin. Fhuair Cusantin bàs ann am mainistear Chill-Rìmhinn agus b’e an tiodal a theirteadh ris “Rìgh Albainn.”
Ré na h-ùine so dh’fhuirich na Scoti na’n dùthaich féin; cha d’fhàg iad idir i a cheannsachadh nam Picteach no a ghabhail seilbh ’n an àite air am fearann. Dearbhaidh na seanachasan Eireannach so, oir tha iad ag innseadh dhuinn gun do mharbhadh Goraidh Mac Arailt Rìgh Innse-Gall leis na Scoti ’s a’ bhliadhna A.D. 989, agus gun d’ rinneadh an gniomh fuilteach so ’n an tìr fein an Earraghàidheal. Thachair so mu thimchioll còrr agus seachd fichead bliadhna an déigh do Choinneach Mac Ailpein rioghachd nam Picteach fhaotainn, agus feuchaidh e dhuinn gu soilleir nach d’fhàg na Scoti Earraghàidheal idir. Ged a chaidh an Rìgh aca do dhùthaich nam Picteach gu bhi ’riaghladh os ceann an dà shluaigh, dh’fhuirich ìadsan ’n an tir fein, mar a dh’fhuirich na h-Albannaich ’n uair a chaidh Seumas VI. do bhaile Lunnuinn gu bhi ’na Rìgh air Breatuinn gu h-iomlan. Agus na fineachan Gàidhealach a thàinig a nuas uapasan is ann an Earraghàidheal a gheibhear iad gus an là an diugh, nì a dhearbhas nach d’fhàg an sinnsear an dùthaich féin riabh, oir nam fàgadh, gheibhteadh iad ann an àitibh eile de’n Ghàidhealtachd mar an ceudna. A thuilleadh air so tha Gàilig Earraghàidheil nas faisge air a’ Ghailig Eireannaich agus nas mò air a measgadh leatha na Gàilig earrainn sam bith eile dhe Albainn. Tha na h-argumaidean so uile a’ dearbhadh nach d’ fhag na Scoti an tìr féin, agus nach ann uapasan a dh’ ionnsuich a’ chuid eile de shluagh na Gàidhealtachd a’ Ghàilig, na ’s mo na ’s ann uapa a shiolaich iad mar shliochd; ach gur ann a fhuair iad i a thaobh dùthchais mar dhìleab o’n sinnsearaibh a ghabh còmhnuidh an Albainn o chian, leis an robh i air a labhairt ann an tìr nam beann ré nan ceudan bliadhna mu’n d’ thàinig na Scoti a nall thar chuan na h-Eirinn.
Mu’n bhliadhna A.D. 1020, timchioll deich bliadhna fichead an déigh bàis Ghoraidh Mhic Arailt rìgh Innse-Gall, thàinig sluagh agus dùthaich nam Picteach gu bhi ’faotainn ainme nuaidh, ’se sin Scoti agus Scotia no Scot-fhonn. Bho ’n àm so cha chluinnteadh luaidh tuilleadh air na Picti ann an Eachdraidh na Dùthcha. Chaidh iad as an t-sealladh mar a chaidh na Caledonaich ann an làithibh an Impire Chonstantius Chloruis. B’ann r’a linnsan a fhuair na Caledonaich an t-ainm nuadh “Picti” ainm a lean riutha fad seachd ceud bliadhna; agus a nise air dhoibh an t-ainm so a chall, fhuair iad ainm nuadh eile, Scoti; gidheadh cha robh ni ùr sam bith ’nam measg ach an t-aimn agus an teaghlach rioghail. Chaidh Ainm a’chinnich atharrachadh o’n a dh’ atharraicheadh an Teaghlach Rioghail; ach dh’ fhuirich an luchd-aitich gun chaochlaidh gun atharrachadh sam bith, ach mar a bha iad roimhe, direach mar a dh’ fhuirich na Caledonaich o shean ’nuair a fhuair iad o na Seanachaidhibh a bha sgriobhàdh mu’n timchioll anns an Laidinn; cha bhuineadh iad dhoibh a thaobh dùthchais, oir b’e an t-ainm a bha dualach dhoibh o’n sinnsearaibh, na Gaidheil. Chaidh an t-ainm Picti air chall, ach dh’fhuirich an sluagh, ris an abairteadh na Picti, agus a’ chanain a bha iad a’ labhairt gun atharrachadh mar a bha iad riabh anns an tir. A chionn gum b’ ann de na Scoti a bha na teaghlach rioghail, sgaoil an t-ainm so thairis air an dùthaich gu leir, ionnus nach abairteadh ach Scoti ris an t-sluagh agus Scotia ris an tir; ach b’e so an t-ainm a theirteadh o shean ri Eirinnn ’s a luchd-àiteachaidh leis na seanachaidhibh a sgriobh anns an Laidinn; gidheadh cha d’ aidicheadh riabh e leis na Gaidheil, aon chuid an Albainn no an Eirinn, ged a tha e nise air a ghabhail leis mar Gaill mar ainm na tire agus an t-sluagh, oir their iadsanScotlandri h-Albainn agusScotsris na h-Albannaich. Anns a’ bhliadhna A. D. 1158, Sgriobh Aindreas, Easbuig Ghallthaobh, leabhar “Mu shuidheachadh Albainn,” anns am faighear na briathran so, “Albania quae nunc corrupte Scotia apgellatur, ”—se sin ’an Gailig,
(Air a leantuinn air taobh 203.)
[Vol . 6. No. 29. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, . . . $1 .00
Sia miosan, . . . .50
Tri miosan, . . . .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh d’ an duileig, agus, nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher ‘Mac-Talla,’
Sydney, Cape Breton
SIDNI. 15 IANUARAIDH 1898.
Cha ’n eil cùisean reidh eadar an Spàin agus Cuba fhathast. Tha ceannard ùr airm, Blanco, aig an Spainn air an eilean an dràsda, fear anns an bheil barrachd iochd ’s a bh’ann a’ Weyler, ach cha’n eil e coltach gu bheil an cogadh seachad fhathast. Tha an Spain a’ tairgse tomhas math de fhéin riaghladh do na Cubaich, ach cha ’n eil sin a toirt riarachadh sam bith do na ceannaircich; cha’n eil iad air son an claidheamh a chur air ais d’an truail gns am bi Cuba saor, agus ’s i bharail a th’aig daoine tha toirt moran aire d’an ghnothuch gu’n teid leotha; gu’m faod saorsainn Chuba a bhi fed as, ach gu bheil i tighinn gun teagamh sam bith. B’fhearr gu robh crioch air a chogadh co-dhiu.
Tha àireamh mhor de luchd-ceairde ’nan tàmh ann am Breatunn o chionn àireamh mhiosan, a’ diùltadh obair a dheanamh air son ni-eigin a thainig eadar iad-fhéin ’sam maighstirean. Tha call mor mar sin air a chur air an dùthaich, agus thatar ag radh nach bi a chùis gu buanachd sam bith do ’n luchd-ceairde fhéin. Tha choltas orra nise nach bi fada gus an toir iad suas, ’s an teid iad air ais gu ’n obair. Thatar a meas nach bu lugha na coig milleanan deug punnnd Sasunnach an call a bha air a chur air an dùthaich le sgur nan obraichean, gu ’n iomradh air na chaill an luchd-obrach, ’s na dh’ fhuiling iad fhéin ’s an teaghlaichean.
Fhuair sinn litir ghasda o ar caraid Murchadh Mac Laomuin, á Springton, an Eilean a Phrionnsa, agus cuirear an clò i anns an ath àireamh. Fhuair sinn mar an ceudna fios o Sheumas A. Mac Ille-mhaoil, as na h-Eileanan Coille, ag radh gu bheil e dol a chur ugainn sgeul air turus-cuain na “Polly,” aon de na soithichean a thainig thairis le luchd-imrich o chionn tri fichead bliadhn’ air ais. Bidh sinn gle thoilichte an sgeul fhaotainn.
Guth a Margaree.
FHIR-DEASACHAIDH GHASDA,— ’S fhada bho nach do chuir mi sgriobag g’ad ionnsuidh, agus o’n nach eil a bheag a dh’ obair agam ri chur air adhart an dràsda smaointich mi gu ’n cuirinn facal no dha gu Mac-Talla.
Tha side ghasda againn cho fada so, le gle bheag sneachda, agus ròidean cho math ’sa dh’ iarradh duine sam bith. Agus gu dearbh thatar a’ gabhail a chothrom sin orra. Tha daoine falbh as an dùthaich ’sa tighinn a h-uile latha dhe ’n bhliadhna; cuid a dol an ear ’s cuid an iar. A chuid nach eil a dol a Bhoston, tha iad a dol a Mhaine, ’sa chuid nach eil a dol an sin, tha iad a dól do ’n Chlondaic, agus mar sin sios.
Leugh mi mu mhart Alasdair agus Dhomhnuill. Ma dh’ fhaodte nach do chord an litir ud tuilleadh us math uile gu leir ris an fheadhainn ainmichte, ged nach do dh’ aithnich mise nach b’e ceòl bu bhinne b’ urrainn a dhol ’nan cluasan. Tha sgriobhadh na litir air fhagail iomadh neach, agus their cuid gu bheil e gle choltach ri obair Aonghais Bhig; ach cha fhreagair a’ bhròg dhomhsa idir; tha i tuilleadh us mor dhomh, mar a dhearbhas Mac-Talla còir agus fhear-deasachaidh. Slan leat an dràsda. Is mi do charaid,
AONGHAS BEAG.
Ian. 10, ’98.
Chaidh faisg air ceud gu leth mile de na h-Iudhaich a dh’ fhuireach do Irusalem o chionn dha no tri bhliadhnaichean, agus thatar a deanamh a mach gu bheil àireamh mhor eile ri dhol ann an bliadhna. Tha ròidean-iaruinn a nise eadar Iusalem us Domascus agus an fhairge; tha sin a’ fosgladh na dùthcha suas, agus ’ga deanamh na ’s deiseile agus tha moran dhaoine dhe’n bharail nach fhada ’n ùine gus am bi tir Phalestine air aon de na dùthchannan a’s làidire ’s a’s beairtiche bhios anns an airde ’n ear.
Bho’n ghabh Breatuinn seilbh air an Eipheit, tha a dha uiread cotain ’ga thogail innte gach bliadhna ’sa bhatar a togail roimhe sin. Bha coig ceud millean punnd air a thogail an uiridh.
Tha feill mhor air maighich ann an St. Louis, am Missouri. Aon latha o chionn ghoirid bha ceithir fichead mile ’sa deich dhiubh air an creic ann.
Tha mu thri fichead mile duine a tigh’nn ri ’m beatha fhéin anns an Roinn Eorpa a h-uile bliadhna.
Tha Comhairle na Siorrachd na suidhe air an t-seachdain so.
BAS.
—Aig a’ Bheinn Bhriagh, faisg air Baddeck, air a 5mh latha dhe ’n mhios, Ceit Dhomhnullach, bean ghràdhach Iain A. Mhic Dhiarmaid, ceithir bliadhna fichead a dh’ aois. Bha i ’na boirionnach òg air an robh deagh chliu agus fior mheas aig gach aon a bha eòlach oirre, agus bidh ionndrain mhor oirre anns a choimhearsnachd.
BATHAR MATH SAOR.
Am bheil Deise, Cota, Cot’ -uachdair, Currachd, Brogan, Rubbers ,no ni sam bith dhe ’n t-seorsa sin a dhith ort? Ma tha ruig
TORMAD DOMHNULLACH.
’S ann aige tha ’m bathar a’s fhearr ’s a’s saoire tha ’sa bhaile, agus ma theid thu dh’ an stor aig’ aon uair, theid thu ann a rithist.
Na leig so as do Chuimhe.
MacCoinnich & Co.
Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh
ANN AN LOUISBURG,
agus tha sinn aig an àm cheudna a’ cumail air adhart air an t-seann laraich,
ANN AN SIDNI.
Aodaichean Matha dhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell an New York.
Theid sinn an urras air an obair.
Mac Coinnich & Co.
H. D. Mac Ille-Mhaoil,
Stewartdale , C. B.
Cloth,Drogaid, agus Plaideachan “Eureka.”
Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic.
Cloimh air a gabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige neo sgriobh uige.
C . H. HARRINGTON & CO.
Flur, Min, Ti agus Siucar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr.
Soithichean Glaine agus Creadha, math agus saor.
Brogan, Botainnean, Rubbersagus Caiseart de gach seorsa
’GAN CREIC SAOR.
[Vol . 6. No. 29. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Bha na sgoilean air am fosgladh Di-luain; cha ’n fhaigh na sgoilearan an còrr fuasglaidh gu meadhon an t-samhraidh.
Fhuair Fletcher, a bha aig cùirt air son teine chur ri baile Windsor, ma sgaoil. Cha robh dearbhadh sam bith air a thoirt air adhart aig a chùirt gu ’n robh e coireach.
Tha sacramaid na Suipeir ri bhi air a frithealadh ann an eaglaisSt . Andrew’ sla na Sabaid s’a tighinn. Tha na seirbheisean a tòiseachadh an diugh, latha na Ceiste. Bidh searmon Beurla ’s Gàilig ann am màireach.
Chaidh luchd da charbad de choin air adhart do ’n Chlondaic toiseach na seachdain s’a chaidh. Tha iad ag radh gu robh na beothaichean bochd air fior dhroch caradh, ni nach bu chòir a cheadachadh no leigeil air adhart.
Chaochail Iain Howe, mac bràthar do ’n Onarach Ioseph Howe, ann anSt . John, N. B. ,o chionn ghoirid, ’se ceithir fichead bliadhna ’sa tri a dh’ aois. Bha e na phost-mhaighstir ann anSt . Johnàireamh mhor bhliadhnaichean.
Chaidh soitheach a bha air a turus áPortland , Maine,gu Liverpool, an Sasuinn, a bhristeadh aig Eilean nan Ron, mach o chladachShelburne , N. S. ,latha na Bliadhna’ Uire. Bha i luchdaichte le crodh us eich, ’s chaidh an call uile. Fhuair an sgioba’s gach duine bh’ air bord as le ’m beatha.
Chaidh fear Uilleam Dooley, seòladair a mhuinntir Newfoundland a mharbhadh ann a Halifax o chionn beagan us seachdain air ais. Chaidh gabhail air cho dona ann an tigh ’s an robh e ’s gu’n do chaochail e am beagan ùine. Tha triùir dhaoine ri bhi air am feuchainn air son a bhi coireach ri bhàs.
Bhrist meairlich a stigh do phàirt de thigh na pàrlamaid ann an Ottawa air an t-seachdain s’a chaidh, agus bha àireamh de bhuinn ro-fhiachail air an goid leotha. Chaidh na buinn a thoirt mar ghibht do ’n riaghladh o chionn cunntas bhliadhnaichean air ais; bha cuid dhiubh còrr us da mhile bliadhna dh’ aois.
Chaill tuathanach a bha fuireach faisg air Annapolis a bheatha Di-luain le gearradh a rinn e air fhéin. Bha e ’gearradh connaidh anns a choille, agus ghearr e a chas gu dona, Chaidh dotair a thoirt g’a ionnsuidh cho luath ’sa ghabhadh deanamh, ach cha do rinn e feum sam bith dha. Thràigh an duine bochd gu bàs. Bha e da fhichead bliadhna ’sa coig a dh’aois.
Bhrist sruth làidir uisge a stigh ann am mèinn a bhatar ag obrachadh ann an San Puerta, am Mecsico, o chionn ghoirid, agus bha coig duine deug air fhichead air am bàthadh. Thainig an t-uisg’ orra gun rabhadh sam bith, agus cho bras ’s nach robh doigh aca air teicheadh. Bha iad air an slugadh suas leis ma ’n gann a bha ùine aca air na h-uidheaman leis an an robh iad ag obair a thilgeadh uatha.
Di-satharna s’a chaidh, chaochail Domhnull Domhnullach, aon de sheann luchd-aiteachaidh a bhaile, an deigh aois ceithir fichead bliadhna ruigheachd. Rugadh e ann an Uidhist, agus thainig e nach dh’ an dùthaich so ’nuair a bha e ’na ghill òg. Bha e àireamh mhor bhliadhnaichean ri mullearachd, agus theirteadh am bitheantas “Domhnull Muillear” ris. Bha e ’n deigh sin ri marsantachd, agus lean e air sin gus ’n do bhrist air a shlàinte beagan bhliadhnaichean air ais. Dh’ fhag e triùir mhac agus dithis nigheanan. Bha e air a thiodhlacadh ann an cladh an Uillt Dhuibh Di-màirt.
Tha a mheinn òir a bhatar ag obrachadh ann a Hogamah air a creic ri cuideachd bheairteach á Sasuinn. Tha ’san ainm gu’n d’fhuaireadh ceithir fichead mile dolair oirre.
Thainig litir as a Chlondaic an la roimhe ag radh gur h-e fear Alasdair Domhnullach a mhuinntirLeitches Creek,an duine ’s beairtiche tha ’san dùthaich sin, agus gur fhiach e ochd fichead millean dolair.
Tha dithis sheann bhoirionnach ann an tigh nam bochd am Baile-Shearlot, E. P. I., a tha ’n deigh ceud bliadhna dh’ aois a ruigheachd. Tha te dhiubh, Miss Murphy,ceud ’sa deich, agus an te eile, Miss Cannon,ceud.
Tha fad math air a dhol ris an latha; tha am feasgar gu math na ’s fhaide na bha e, ach cha ’n eil moran sam bith air a dhol ris a’ mhaduinn. Ach ’s ann a dol na ’s fhaide bhitheas iad tuilleadh gu ceann còrr us coig miosan.
Choisinn an rathad-iaruinn ris an canar an C. P. R. còrr us tri muillean us tri cheud mile dolair (3,300,000) a bharrachd an uiridh air na choisinn e air a’ bhòn-uiridh. Tha sin fhéin a’ dearbhadh gu robh a bhliadhna ’n uiridh gu math soirbheachail.
Chaidh an t-Oil-thigh Catlaiceach a tha ’n Ottawa ’na theine toiseach na seachdain s’a chaidh, agus rinneadh milleadh mor air. Gabhaidh e mu dha fhichead mile dolair an tigh a dheanamh cho math ’sa bha e roimhe, ach bha roinn mhor de dh’ airgead cinnteachaidh air.
Bha deagh ròidean sleighe air feadh na dùthcha air an t-seachdain s’a chaidh, ach thug uisgeachan agus blàths na seachdain so gu talamh dubh sinn a rithist. Shil roinn mhath shneachda Dior-daoin, agus ma mhaireas e ni e deagh ròidean. ’Se side anabarrach caochlaideach a th’ againn air a gheamhradh so.
Chaidh àireamh dhaoine chur an greim ann an Cuibeic o chionn ghoirid air son a bhi smugladh áSt . Pierre,agus air dhaibh a bhi air am faotainn ciontach chuireadh càin da cheud dolair am fear orra, agus air chùl sin thugadh sia miosan priosain dhaibh. Tha luchd an smuglaidh gle dhraghail ann an Cuibeic, agus tha e ceart gu leòr, ’nuair a gheibhear greim orra, am peanaisteachadh gu trom air son na h-obair mhi-laghail a tha iad a cur air adhart.
Iadsan a Phaigh.
Dùghall Mac Ille-mhaoil, Priceville , Ont.
Calum Mac Ille-mhaoil, Priceville , Ont.
Dughall Mac Gilleain, Priceville , Ont.
D. I. Caimbeul, Hamilton , Ont.
Murchadh Mac Rath, Cornwall , Ont.
An t-Urr. D. B. Mac Leòid, Orwell , E. P. I.
Murchadh Mac Laomuin, Springton , E. P. I.
Domhnull Mac Calamain, Kinross , E. P. I.
Tormad Mac Leòid, Steornabhaigh, Que.
An t-Urr. D. Healy, Sedalia, Mo.
Seumas Gillios, Gagetown , Mich.
Murchadh Muireach, St . Felix, Manitoba.
Gilleasbuig Mac Neill, Cape Dauphin.
Mor Nic-an-Tòisich, Valley Mills.
Màiri Nic-a- Bhioceair, Enon .
Tormaid Mac Leòid, na Narrows Bheaga.
Domhnull Mac Ille-mhaoil, Melford.
Iain Mac Fhionghain, (Taillear), Sidni. $4 .00
Domhnull M. Currie, Sidni
Coinneach Mac Rath, Loch Bhlackett.
Seumas M. Mac Leòid, Port Bevis.
Coinneamh Mac Ascuill, Cladach a Tuath. 50c
Somhairle Mac Gilleain, St . Esperit.
An t-Oilear Domhnull Mac Fhionghain, Dun-Eideann, Alba.
BATHAR UR.
Moran de Churaicean Geamhraidh, eadar 10c. us $5 .00.
Brogan matha saor.
Ti mhath mar a b’ abhaist.
Beagan de Cheannachd Thioram.
Olla 25c. an galan; 5 galain air $1 .00.
NIALL DOMHNULLACH,
BADDECK , - - C. B.
J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsa ’s fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B.
BADDECK , - - C. B.
Airson a stor a dheanamh na ’s deiseile ’s na ’s feumaile dhaibhsan a tha ’deanamh gnothuch ris, tha
Albert I. Hart
a’ nise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha a’ chuid sin de ’n ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am Boston ’sanNew York.Gheibh iadsan a thig g’a h-ionnsuidh an
DEAGH RIARACHADH.
BADDECK , - - C. B.
LEABHRAICHEAN GAILIG.
Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
’Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10
Gaelic Class Book .35
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte.
Sgriobh gu
J . G. MACKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, C. B.
[Vol . 6. No. 29. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 227.)
“Albainn ris an abrar a nise gu mearachdach Scotia. Tha na briathran so a’ dearbhadh gun robh aon de na daoinibh a b’ ionnsuichte anns an rioghachd ’g a mheas ’n a mhearachd truaillidh aig an àm sin a bhi ’ag radh Scoti mar ainm ris an t-sluagh agus Scotia( ’se sinScotland) ris an rioghachd d’ an goirear Albainn. Agus tha iad a’ nochdadh mar an ceudna nach robh esan a’ creidsinn aig an àm sin mar ni air an robh coltas gun do cheannsaich na Scoti Earraghaidhealach na Seann Ghaidheil Albannach, oir nam biodh cha b’ urrainn e a’ chainnt ud a chleachdadh le fìrinn; agus an uair a dh’ atharraicheadh ainm na tire agus an t-sluaigh gur h-ann a dh’ eirich so bho na righribh ùra a thainig a steach air an tir a bha dhe’n fhine Scuiteich.
Litir o’n Chuairtear.
A CHARAID, —Bha mi ’n dùil sgriobhadh agad airson na h-àireamh s’a chaidh, ach fhad ’sa bhithinn air an rathad bhiodh m’ inntinn air ciamar a gheibhinn as an t-sneachda, agus ’nuair a thiginn gu tigh bhithinn crom, crotach air an stobh, ’s na crithean ’gam thogail bhar na cathair. Ghabh mi droch cnatan agus anns a mhaduinn cha b’ urrainn dhomh dad a dheanamh a leth obair air casadaich. Tha mi air tilleadh o’n tuath ann an Siorrachd Bhictoria, agus tha mi nis aig Amhuinn Dhennis ann an Siorrachd Inbhirnis. Bha mi cho fada tuath ris an Amhuinn Fhrangach, beagan mhiltean air an taobh so do cheannSmoky .Bha mi aig cruinneachadh de Chomuinn na Stuamachd air an Amhuinn a Tuath. Bha comunn toilichte ann de nigheanan us de ghillean. Bhiodh e duilich a thoirt a chreidsinn air daoine bho chionn fhichead bliadhna gu ’m b’ urrainn comunn a bhi cho cridheil, sùnndach, gun an caraid o shean—an t-uisge-beatha—a bhi air cheann ’san ceann na cuideachd. Am measg rud math eile a thug iad dhuinn sheinn triuir ghillean òga an t-òran a bha sa MHAC-TALLA bho chionn ghoirid, “Tha’n truaigh air an uisge-bheatha.” Bha Ghàilig us a bhàrdachd math, us na b’ fhearr na sin bha ’n fhirinn ann. ’SeDiligentis ainm do ’nlodge ,agus tha òigridh an àite sin a’ dearbhadh gu bheil an t-ainm freagarrach.
Chuir mi oidhche thoilichte seachad comhla ri Ian Moireastan na thigh fhéin ’sa Ghut a Deas. Thug e dhomh roinn mhath do eachdraidhSt . Ann’s. Ann a marsantachd, iasgach, agus togail shoithichean, bha ’n t-àite so ’s na bliadhnaichean a dh’ fhalbh air thoiseach air àite sam bith eile an an Ceap Breatunn. Aig Rudha nan Rothach bha ri fhaicinn comhladh anns an acarsaid tri scunairean agus long a chaidh a thogail le Mr. Rothach. Cha robh an sin ach beagan de na chaidh a thogail anns an àite. Tha e ri thuigsinn nach robh iad riaraichte áSt . Ann’s. ’S ann a dh’ fhalbh iad a dh’ iarraidhi dùthaich a b’ fhearr; dh’ fhalbh luchd àireamh longan doNew Zealand.Nam measg so bha na Rothaich, ’s mur eil mi meallta ’nam bharail, tha fear dhiubh, ann an Gàilig fhallain, a toirt naigheachdan do ’n MHAC-TALLA. Tha sinn a cluinntinn, agns tha e furasda chreidsinn, gu bheil iad a’ faotainn air adhart gu maith an sin. ’S bochd gu ’m bi chuid a’s fhearr de dhaoine Cheap Breatunn ’gar fàgail airson dùthaichean céin; b’e callSt . Ann’ sbuannachdNew Zealand.
Cha robh an t-iasgach gle mhath a tuath am bliadhna, agus cha robh ach pris bhochd air a bheagan a fhuair iad. Ach ged nach d’ thug a mhuir moran bhuaipe, thug an talamh a mach toradh trom air feadh an eilein air fad. Tuathanaich a b’ àbhaist bho chionn àireamh bhliadhnaichean a bhi ceannach fiar Chanada, tha ’m bliadhna gu leòr aca, ’s ri sheachnadh. Tha iad a’ cur an fheòir na charloads air falbh á Amhuinn Dhennis gu Sidni.
Mun àm so ’n bhliadhna cha ’n eil fear ceaird ann a’s mo air bheil a dh’ fheill na am bùidsear; a bhliadhna bhios am buntàta pailt faodaidh gach ainmhidh reamhar a bhi cinnteach gu ’m bi fhuil air a dòrtadh, ach mu ’n tachair so is gle thric gu ’m bi beagan de chogadh eadar iad fhéin ’s na bùidsearan. Thachair so do choimhearsnach dhomh bho chionn ghoirid, agus mur toir thusa guth air innsidh mi mar thachair dhaibh. Bha damh aig Lachuinn a bha e airson a chur ’sa bharailte. Bha coimhearsnach aige aig an robh ainm a bhi ’na dheadh bhùidsear. Cha rachadh tàmh air fhéin ach ag innse an àireamh bheag mhionaidean a thug e marbhadh a leithid so de bheathach do leithid so de dhuine. Bho chat gu càmhal, cha robh beathach gu seasamh fada do Eoghann. Gus obair ghoirid a dheanamh de ’n damh ’se bhiodh ann gheibheadh Lachuinn e. Cha ’n eil fios aig duine ciamar a thòisich an t-sabaid. A chiad fhaireachdain a bh’ aig na daoine mu ’n cuairt ’se ’n garbh dhùsgadh le eigheach dh’ an robh a choille ’s na beanntan a freagairt. Cha chluinnte ’n sin ach daoine ag eigheach àird an cinn: “Till e! Coinnich e! Cum e! Buail e! Cum fodh’ e! Gabh dha! Eirich air!” Thug so gach duine a bha m’a mhile dh’ astar mu ’n cuairt orra dh’ fhaicinn gu de bha cearr, ’nuair a chunnaic iad rud a chuir mor ioghnadh orra: Lachuinn, ’san damh ’sam bùidsear, an triùir a sàs ’na chéile, ’sa ruith air feadh na pàirce. Uair a bhiodh a’ chuid a b’fhearr aig an damh agus uair nach bitheadh. Ach mu dheireadh thall, thuit e aig tigh fear de na coimhearsnaich, agus ’nuair leig Eoghan us Lachainn an anail, dh’ eirich iad air a mharbhadh. A mach bho ’n la sin sguir spadaireach a bhùidsear, agus ma thòisicheas e rithist air, cha ’n eil ach fhaighneach dheth, “Gu de ’n ùine thug thu a’ marbhadh damh Lachuinn.” Bheir Màiri dhut a chuid sin dhe ’n t-sabaid a thachair fhad ’sa bha iad am fradharc an taighe. Is mi do charaid,
AN CUAIRTEAR.
An Ceol bu Bhinne Chuala Sasunnach Riabh.
ORAID A BHA AIR A LIUBHAIRT LE DUGHALL IAN CAIMBEUL, AIG CRUINNEACHADH CLANN NAN GAIDHEAL ANN AM BAILE-MOR HAMILTON, AIR AN DARNA LATHA FICHEAD DO MHIOS A GHEAMHRAIDH, ANNS A BHLIADHNA OCHD CEUD DEUG SEACHD DEUG AGUS CEITHIR FICHEAD (1897).
A Chinnsuidhe, a Mhnathan agus a Dhaoin-uaisle:—
’Se an steidh a tha mi a gabhail airson am beagan bhriathran a labhras mi ruibh a nochd, gur e ceol na Pioba-mora on ceol bu bhinne a chuala Sasunnach riabh.
Rachadh agam air iomadh samhladh a thoirt dhuibh a dhearbhadh na firinn so, ach an drasd ni aon eiseamplair feum. Tionndaidhibh air ais ’nur n-inntinn duilleagan na h-aimsir fad da fhichead bliadhna ro’n am a tha lathair, agus beachdaichibh leamsa air gaisge nan saighdearan Breatunnach a bha ’dion bhaile agus daingneach Lucknow. Bha iad air am cuartachadh ’s air an dunadh a stigh le miltean do shaighdearan dubha na duthcha sin; a deanamh an dichill airson an glacadh, agus gach seorsa peanas a bu sgreamhaile na cheile a dheanamh orra, ’s air a cheann ma dheireadh ga’m mort le gach seorsa bas a b’uamhasaiche na cheile a chuireadh an t-aibhistear na’n ceann. Cha deanadh ach righneachd an t-Sasunnaich, neo-stroichdadh an Eirionnaich, duine lachd ghaisgeil a Ghaidheal nach deach riamh a cheannsachadh, seasamh an aghaidh an fheachd fhuiltich so a bha air boile airson fuil a bhuidheann bheag a bha dhuinte suas ’s a bhaile. Us ghnothach a bu mhiosa na’n cor don bhuidhean bheag Bhreatunnach so, gu robh gach biadh agus uidheam gunnaireachd air bheul teirigsinn, ach ged a bha iad air an lagachadh le tinneas agus acras, cha striochdadh iad. Bha iad an dochas an aghaidh dochais. Bha iad ann an teanntachd eaglach agus chruaidh.
Bha Seònaid Bhrun, caileag Ghaidhealach ’s i briste sios le acras, ’s i ann a fiabhras ard, a dh’fhag a claisneachd geur thar tomhais, na laidhe gu neo-shocrach air breacan sgaoilte air a ghrund theth, ’s a freasdal ’s a faire oirre bha bean-uasal an oifigeach Shasunnaich. Chual i srannraich mar gu’m bidh e fad air falbh. Leum i air a cois, ’s i air boile le breislich, ’s ghlaoidh i a mach,— “A bheil sibh ga cluinntinn? Nach eil sibh ga cluinntinn? An fhuaim ud fad air falbh. Ah! ’s math a tha mi ga tuigsinn—caismeachd-shiubhal Chloinn Ghrigair a th’ann, ’s i as briagha dhiu air fad.”
Seonaid bhochd. Shaoil a bana-charaid dhileas nach robh ann ach roimh rabhadh a bhais, ’s ann am beagan uairean, gu’n caidileadh i an cadal nach gabh dusgadh. Fhuair a bhean uasal Seonaid a chiuineachadh, us leag i a ceann fiabhrasach air a h-uchd. Na saighdearan gaisgeil, fearail, a chunnaig iomadh sealladh don t-seorsa so, tharruinn iad osunn ’s thubhairt iad,” Seonaid bhochd,
[Vol . 6. No. 29. p. 7]
cha’n urrainn dhi mairsinn fada a nis” Ach gu grad, le neart agus lugh mar gu’m b’ann air urachadh, fhuair i ma-sgaoil bho na gairdeanan gaoil a bha mu’n cuairt agus a rithist ghlaoidh i mach, “Nach eil sibh ga cluinntinn? ’S i a phiob-mhor a th’ann. Nach eil sibh ga cluinntinn? ’S e caismeachd shiubhal nan Caimbeulach a th’ann a nis. ‘Tha na Caimbeulach a tighinn, a tighinn’. Nach eil sibh ga cluinntinn?” Seonaid bochd; bha truacantas iomadh gaisgeach air a chuir an geill leis na deoir shamhach a bha a sruthadh bho an suilean.
Ma dheireadh, chual an coirneal fuaim ard allaidh na pioba a tighinn, soillear a’s cruaidh thar gach fuaim eagalach a bha mu’n cuairt orra.
Fhuair e a mach gu robh Seonaid ceart. Dhi-chuimhnich e gach ni bhuineadh dha mar cheannard airm, us ghlaodh e le guth ard r’a shaighdearan agus ris na bha mu’n cuairt air, a bha air an claoidh a mach le tinneas agus acras. “Tha Seonaid ceart! Tha na Caimbeulaich a tighinn. Tha sinn air ar sabhaladh! Tha sinn air ar sabhaladh!” ’S gu aon-intinneach thuit iad air an gluinean, ’s chuir an coirneal a suas urnaigh mholaidh agus thaingealachd do Dhia, a rinn an teasruiginn as a chruaidh chas anns a robh iad, agus mu’n d’eirich iad bho an gluinean, dh’aidich an ceannard Sasunnach, gu’m b’e sud ceol a bu bhinne, ’s a bu mhilse, ’s a bu briagha a chual e riabh.
A PHIOB-MHOR SA BHLAR.
Anns na blair-chath a bu chruaidhe a chaidh a chur le saighdearan Breatunnach, choisinn a phiob ’s na piobairean cliu agus onair dhaibh fein, agus don duthaich d’am buineadh iad. Tha na coisirean-prais aig na Sasunnaich, ’s aig na Eirionnach, tha, agus aig na Gaidheil a dol gu oir a bhlar-chath, a chum misneach a thoirt d’an companaich. Cha’n ann mar sin do na piobairean. Tha iadsan daonnan air ceann na cuideachd, ’s a dol air thoiseach orra do’n bhlar le am pioban a cluich ceol ard allaidh na’n Ard-bheann, ’s gu tric a cuir uamhas air an naimhdean nach eil eolach orra; ach a togail misneach luchd a bhreacain ’s an fheilidh, ’s iad a bruchdadh air aghaidh gu buaidh, gus a robh an dleasnas do chrun Bhreatunn ga’n gairm. Bheir mi dhuibh dearbhadh air a so, thachair bho chionn gle bheagan uine, a leigeas fhaicinn gu soilleir sgairt agus gaisge nan saighdearan Gaidhealach le am piobairean air an ceann. Sgairt agus gaisge a theid fhuaimeachadh agus thairis a sios troimh laithean agus bhliadhnaichean na linntean a tha ri teachd. ’S ann a toirt a mach mullaichean Dhargai, ann an taobh tuath Innsean na h-airde an ear, agus cur na ruaig air a bhuidheann lionmhor a bha gleidheadh an aite laidir so. Dh’fheuch ceithir reisimeidean eile ris an aite thoirt a mach. “Feumaidh sinn na mullaichean ud a ghlacadh.” Bha comhnard aca ri dhol thairis, mu’n faigheadh iad thun bun na’n creagan air an robh na naimhdean, ’s iad a frasadh pheilearan a nuas mar fhras de chlachan-meallain, ’s gun a bheag dh’aitean dion ann; ach le an coirneal air an ceann, ’s am piobaire air thoiseach orra. Thug an coirneal dhaibh facal na h-aithne— “Chlanna nan Gaidheal, ri guaillibh a cheile” Bhruchd iad air an aghaidh. ’S e Domhnull MacErais, * le a phiob a cheud duine do’n reisimeid a chuir a chas an taobh a stigh do’n chomhnard uamhasach so; ’s e a cluich port-mearsaidh iollagach. Cha deach e ach gle bheag astair air aghaidh nuair a chaidh peilear roimh a dha chois. Tha e am bheachd gu’n do rinn a t-Innseanach dubh mearachd, nuair nach do chuir e am peilear roimh mhala na piob, an aite roimh chasan a phiobaire. Ach ’s beag a bha dh’fhios aige gu de an stuth air an robh Domhnull air a dheanamh; oir an aite laidhe far an do thuit e, fhuair e doigh air suidhe a suas, agus le a dhruim an taice cloiche, chluich e air aghaidh na b’airde ’s na bu chruaidhe na rinn e roimhe, mar so a cumail a suas misneach, spiorad, agus beothalachd a chompanaich a bha a streap a suas ’s a glacail mullaichean creagach Dhargai. ’N uair a a bha an t-aite laidir so air a thoirt a mach, ’s a ghraisg a bha ga dhion air an sguabadh air falbh mar mholl leis a gaoth, ’s an uair a chaidh ard iollach na buaidh-chaithream a thogail le luchd nam boineid ’s nam breacan thionndaidh Domhnull a phoirt ’s chluich e, “ ’S i mo chas chrubach chum air dheireadh mi.” Leig a sin a phiob lamh ris. ’S ann a sinn, ’s cha b’ann gus a sin, a thionndaidh Domhnull MacErais bochd aire air a chasan, a bha air an eibinneachadh gu h-olc, ’s air dha sealtainn orra, bhrist e a mach ann an eisdeachd na bha mu’n cuairt le, “A Dhia cuidich mi, a bhalachaibh bi’dh mi crubach crubach cho fad ’s as beo mi.” Domhnull bochd, is math a choisinn, ’s as airidh e fein, ’s na chaidh do’n iomairt leis ’s a thainig beo as, airson euchdan an latha ud, air an duais a’s airde dreuchh anns an arm Bhreatunnach; agus tha coir dhligheach aca air gach urram agus cliu, bho gach duine aig a bheil gradh da dhuthaich; ’s aig a bheil meas air daoine da’n aithne an dleasnas da’m Ban-Righ ’s da crun aig an am air a thoirt gu crich. Gu ma fada beo Domhnull MacErais ’s gu ma fada a theid aige air piob a chur air ghleus.
* ’Se mearachd a tha ’n so; ’se Findlater a b’ainm do’n phiobaire.
Tha cuid de na seann eòlaich a chuir cùl ri MAC-TALLA a tigh’nn air ais. Fhuair sinn o chionn seachdain fios o dhithis no triùir a bha ’gabhail a phaipeir roimhe ach a sguir dheth, agus a tha nise air son toiseachadh a rithist. ’Nuair a gheobh duine blas air rud math, bidh e doirbh dha deanamh as aonais. Dh’ aidich aon fhear gu robh a choguis ’ga dhiteadh riamh o’n sguir e ghabhail a phaipeir. Bha fhios aige nach robh e deanamh ceart.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear Tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.
Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C.B.
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG—Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.
Indurated Fibreware
Tha an seorsa so na ’s daoire na na bucaidean cumanta, ach ’s math is fhiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire.
THE
E. B. EDDY, Co.,
LIMITED,
HULL, CANADA.
[Vol . 6. No. 29. p. 8]
Mharbh-rann do ’n Urramach Padruig Mac Illeadhain.
LE RUARI MOIRASTAN.
[Bha ’n duine uasal Urramach so na fhear teagaisg ro mheasail agus ainmeil ’s gach aite anns an robh e. Rugadh e ann an eilean Leoghais; bha e uair na mhinistir ann an sgireachd Hogamah an Ceap Breatuinn, as a’ sin chaidh e air ais do dh’ Alba, agus bha e rè uine na mhinisteir na h-eaglais Saoir ann ’n Steornabhagh, far an do bhasaich e air mios dheireannach an Earraich, 1868. ]
Cha ’n urra’ mi, cha ’n aithne dhomh,
Do chliu gu ceart a luaidh,
Ann am braithraibh comhnard falainn,
A bhiodh airidh air do chuairt;
Ach se do chliù gu h-araidh,
Anns gach ait’ gu’n tug thu buaidh,
’S tha thu nise sabhailte,
Aig gairdean deas an Uain.
Cha bu gheug gun toradh thu,
Ach maiseach a measg chaich,
Suidhichte anns an fhionan,
Nach do chaill a riamh a bhlàth;
Ghlanadh mar an t-airgiod thu,
’S mar an t-òr ’as deirge gnath,
’S bu shoitheach glan lan eifeachd thu,
Le sgeimh an tì tha ’n aird.
Bha iorasalachd ’us gradh,
A tighinn ’n airde ruit ’s gach ceum,
Bha do phearsa maiseach aluinn,
’S buaidh do nadair bha da reir,
’S do chliù bidh aig na braithrean,
Anns an fhasach ’s fad’ an reis,
Oir chaill iad nise Faidhe,
A bha gradhach ac’ gu leir.
Cha ’n ’eil thu nise ga d’ sharachadh,
’Sa phaileann so air chuairt,
Cha bhi trioblaid inntinn ort,
’S cha bhi thu tinn car uair,
Chaidh thu suas le òrdhearcas,
’S dh’fhalbh na deoir o d’ ghruaidh;
A Dhia nan gràs gun deonaich dhuinn
Bhi comhla riutsa shuas.
Feumaidh sinne a chairdean,
Tighinn a lathair ’Bhritheamh mhoir,
Chi sinn an sin Padruig,
Measg an aireamh chaidh thoirt beo;
’S cuiridh e’ sa a sheula,
Ris a bhinn theid eigheach cruaidh,
Na ’n aghaidh-san a dhitear,
Leis an fhirinn bha e luaidh.
Guidheam air mo chairdean,
A dh’eisd Padruig air a chuairt,
Gu ’m pilleadh sibh gu ’r Slanaighear,
Mu ’n tig am bàs gu luath;
Mu ’n toir e sios do dhoruinn sibh,
Gu staid eu-dochais bhùan,
Mu’n dùinear dorus trocair oirbh,
O thigibh beò gu luath.
Tuireadh Seann Fhleasgach.
LE BARD NA LEADAIG.
SEISD.
Tionndaidh nis is eisd,
Tionndaidh, tionndaidh, ’s gabh gu feum,
’S na dean-sa mar a rinn mi fein,
Thoir te a measg na’n caileagan.
’S tha mise ’n so an diugh leam fhein,
Gun agam ni a ni dhomh feum;
Gun mhart, gun each, gun bheathach spreidh,
Gun chearc, gun gheadh, gun tunnagan.
’Sa ’nuair a bha mi a’m ghill’ og,
Bha caoraich agam ’s crodh gu leor;
Co theireadh rium an sin ri’m bheo,
Gu’m faicinn la cho uireasbhuidheach.
Mo mhallachd aig an fhear gu brath
Nach tagh a bhean ’nuair bhios e traight’,
Gun fheithidh gus an tig an lan
No bithidh e buithte le cunnartan.
’S beag a shaoil mi ’n laithean m’oig,
Gu’m bithinn-se gun neart gun treoir;
Gun bhean, gun mhac, gun neach am choir
A bheireadh dhomhsa comh-fhurtachd.
’Sa bhothan bhochd ’an so leam fhein,
Am dhragh do chach, ’s mi fein gun fheum;
Gach la a dol n’s dluithe do’n eug,
’S gun neach n’am dheigh le ’n duilich mi.
Is ’Illean caoinichibh am feur,
Am feadh ’s a bhitheas a ghrian a’ dears’,
Oir thig an aois an uine ghearr,
’S b’fhearr leibh gun robh bean agaibh.
Cha’n ioghna’ ciod a dheireadh domhs’,
’S an car a thoirt a te le m’ dheoin;
Oir dh’fhag mi nighean steidheil choir,
An toir air storas amaideach.
Chaill mi ’n storas, chaill mi ’n treud,
Cha d’fhuair mi ’n te bha mi ad deigh;
’S an te a gheibhinn ’s thug dhomh speis,
Thug mi le eacoir car aiste.
Tha ise ’n diugh co math ’sa miann,
Tha aice fear is iomadh ceud;
Tha mise ’n so ’nam bhodach liath,
Thug iomadh bliadhna fo airsneal.
Is dh’innis mise nis mar bha,
’So gabhaibh rabhadh uamsa trà;
’S ma’s toigh leat te, thoir dhi do lamh,
Is gu brath na bi na d’ Bhaitchelear.
Caithream Do Righ Tearlach II.
(O’ BHEURLA AN RIDIRE SCOTT).
FONN.— “Dean cadal gu samhach, a chuilean ’s a ruin.”
Nall a’ chuach—còrn nam buadh,
Lian a suas i déur-lan;
Slàin’ an Righ a’s ro-ionmhuinn,
’S a luchd-leanmhuinn ’s gach àit’,
Air ur bonnaibh, a ghaisgeach’—
Air ur n-ais sibh, a ghraisg!
Ged robh ’m bàs anns an smearsadh—
Slàinte Thèarlaich-a- Dhà!
Tha e ’n cunnart ’s air fògradh,
’S e gun chomhnadh, ’s fo thuinn;
Ged is coigrich a’s ùidh dha,
Fad bho ’dhùthchas gun suim;
Dh’ aindeoin teanntachd us chìsean—
Ged ’s fos n-ìseal ri ’ràdh—
Siod air onair ’s air dìllseachd
Slàint an Rìgh, fear mo gràidh!
Biodh gach urram iar ’ìocadh
Mar a dhìolas an t-àm;
Air an làr biodh an glùn,
Air lainn, le dùrachd, an làmh;
’S thig mu’n cuairt an là sùgach,
An còisir Dhiùc, Iarla ’s Shàr,
An seinn an trompaid stèarsadh;
Slàint Thèarlaich-a Dhà.
AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leigsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD.
Cuir a dh’ iarraidh sampuill, teisteannais us urrais.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia. —agus—127 State St Boston, Mass.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar duthcha tha ’nar beachd
NIALL Mac FHEARGHAIS,
Taillear.
SIDNI - - - C. B
$1 .00 air 80c.
Tha tuilleadh ’sa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dh’ airgead. Thig mu ’m bi ’n t-am seachad agus
FAIGH BARGAN.
McDonald Hanrahan & Co.
Sidni, Iulaidh 16, ’97.
C’AIT AM FAIGH MI?
Saibh, Glasan, Luaidhe, Sgeinein, Lainntearan, Sguabaichean, Paipear-tearra, Paipear-tubhaidh.
Olla, Fudar, Glaine, Siosaran, Tairnean, Bucaidean, Tuaghannan.
GHEIBH AIG
C . P. MOORE,
Sidni, C. B.
title | Issue 29 |
internal date | 1898.0 |
display date | 1898 |
publication date | 1898 |
level | |
reference template | Mac-Talla VI No. 29. %p |
parent text | Volume 6 |