[Vol . 6. No. 3. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 16 IULAIDH, 1897. No. 3.
Mu Chalum-Cille.
Rugadh an duine ainmeil so ann an Eirinn: thàinig e o theaghlach rìoghail na dùthcha sin; agus bha e mar an ceudna ’an dlùth-dhàimh do righribh na h-Alba. B’e ’athair Felim mac-Fhearghuis; a’s b’ odha e do Niall uaibhreach, righ mòr na h-Eirionn. Rugadh e anns a’ bhliadhna 521. A nuas o ’òige thaisbean e urrad tùir agus toirt-fainear, urrad do dhiadhachd agus do thuigse cheart, ’s gu ’n do chuireadh air leth e o àm a leanabais airson searmonachadh an t-soisgeil; agus ghnàthaicheadh na h-uile mheadhona chum fòghlum iomchuidh a thoirt dà, freagarrach airson na h-oifig chudthromaich sin. Bha e air a chàramh fo na daoinibh a b’ fhòghluimte r’a linn: thug e bàrr gu luath air gach aon a bha maille ris; agus bha ’chliù gu moch a mach air feadh na tìre. Bha e greis fo chùram an naoimh ainmeil sin, Ciaran; esan a thàinig ’na dhéigh sin a nall do Albuinn a shearmonachadh Chriosd. Ann an Ceann-tìre Earraghail, shearmonaich an duine math sin; agus tha loch agus sgìreachd Chille-Cìarain san dùthaich sin air an ainmeachadh air. Mun robh Calum-Cille ochd-bliadhna-fichead a dh’ aois, shuidhich e eaglaisean ’an Eirinn; ’na dhéigh sin chaidh e thairis gu tìr-mòr na h-Eòrpa. Bha e ainmeil san Eadailt agus san Fhraing airson ’fhòghlum agus a bheusan. Dh’ fheuch righre na Frainge r’a chumail aca féin; agus, anns an dòchas sin, rinn iad geallaidhne mòra dha; ach thubhairt esan riu, “B’ fhearr leam gu mòr a bhi feumail ri m’ linn na bhi saoibhir; air sgàth Chriosd, agus airson mo ghràidh dha, dhealaich mi ri m’ bheartas féin, ’s cha bu shuarach i, ’s cha dùgh dhomh nis gu’n sanntaichinn beartas dhaoin’ eile.”
Cha’n ’eil fios cinnteach c’uin a phill e air ais do Eirinn. Bha ’n t-eilean san àm sin a’ sealbhachadh solus an t-soisgeil ann an tomhas àrd; bha e làn do dhaoinibh diadhaidh am feadh a bha Albuinn ’na fàsach fiadhaich, ann an aineolas, agus fo shaobh-chràbhadh muladach. Mhothaich an naomh Calum dha so le truas, agus ge nach robh fàth a dhòchais ro-mhòr, chuir e roimhe dol a mach mar abstol do na cearnaibh dorcha sin. Leis a’ bheachd sin, dh’ fhàg e a dhùthaich anns a’ bhliadhna 563; agus ann an curach beag, le dhà-dheug do luchd-leanmhuinn thaghta ghràdhaich, ràinig e ’n t-eilean uaigneach sin cùlthaobh Mhuile, ris an abair iad o’n àm sin I CHALUM-CHILLE. Bha ’n duine math mu’ m bheil sinn a’ labhairt a nis dà bhliadhn’ agus dà fhichead a dh’ aois, Bu chudthromach an obair a ghabh e os làimh, agus b’ uamhasach na grabaidh a bha ’na rathad. Cha ’n ann gu dearbh gun anabharra neirt inntinn agus cuirp a thigeadh dha an oidheirp idir a thabhairt. Bha muinntir na h-Alba san àm sin ann an staid choimheach, bhorb; bha iad co suarach mu naomhachd an duine bheannuichte, ’s gur tric a shònraich iad a chur gu bàs. Bha righ na dùthcha cosmhuil r’a chuid daoine. A’ cheud uair a thàinig Calum-Cille dh’ ionnsuidh a lùchuirt, a bha san àm sin aig ceann na h-aird-an-ear do Loch-Nis, dh’ àithn e ’n dorus a dhruideadh ’na eudann, gun an aoidheachd choitchionn a thoirt da féin no dhoibhsan a bha maille ris. Bha na sagartan Druidhneach aghartach soithreach ann an cur ’na aghaidh; bha iad teòma, seólta, ìnnleachdach, agus cumhachdach; agus bha uachdarain na dùthcha air an taobh Bha ’n dùthaich féin san ám sin mar aon fhàsach mòr, gun slighe no rathad tèaruinte tre na coilltibh tiugha dorcha; agus bha na monaidhean farsuing làn do bheathaichibh fiadhaich a bha ’n cunnart, iomad agus iomad uair, an naomh so a mhilleadh agus a sgrios, ’nuair a bha e ’g imeachd o chearna gu cearna ann an obair a Thighearna. A thuilleadh air so, bha e féin ’na ghiùlan agus ’na chleachdadh co fada dealaichte o mhuinntir na dùthcha, ’s nach feudadh e gun bhi mi-thaitneach leo. B’ àbhaist da trasgadh fad làithean, a bhi ’na chaithris ri ùrnuigh fad oidhchean. Bha e air a cheusadh do’n t-saoghal, agus bu shuarach leis toileachas-inntinn na beatha. Chuir e cùl ris na nithibh sin, a tha daoin’ eile a’ meas neo-chiontach agus feumail. ’Nuair bha e sèa-bliadhn’ -deug agus trì fichead, b’e ’n t-ùrlar fuar a bu leaba dha, ’s a’ chlach chruaidh bu cheann-adhairt dha. Ach a dh’ aindeoin so uile, bhuadhaich e ’na shaothair, agus sin ann an tomhas mìorbhuileach. Fad cheithir-bliadhn’ -deug-thar-fhichead, shaoithrich e, a’ socrachadh eaglaisean, agus craobh-sgaoileadh eolas Chriosd. R’a linn féin chunnaic e ’n creidimh Druidhneach air a chur fodha, agus roighachd na h-Alba air a h-iompachadh gu aidmheil an t-soisgeil. Bha eaglaisean air an socrachadh ann an iomad cearna, agus tharta air fad, eadar Albuinn agus Eirinn, bha e féin ’na uachdaran.
Tha daoine fòghluimte ag innseadh dhuinn gu’n do shocraich e, ’na latha féin, trì cheud eaglais, agus gu’n do stéighich e ceud tigh-manaich; agus ann an eachdraidh na h-Eirionn tha e air ’innseadh dhuinn nach robh aon duine riamh a rinn ua h-urrad do chraobh-sgaoileadh an t-soisgeil ann an Eirinn ris, ach Gille-Padruig, àrd-naomh na dùthcha sin. Bha meas mòr air anns gach àit an deachaidh e, fad as, agus dlùth do làimh; ’nuair a dh’ fhàgadh e ’eilean féin, ’s a rachadh e mach air feadh na tìre, chruinnicheadh sluagh na dùthcha ’na dhéigh, a dh’ iarraidh a bheannachd, ’s a dh’ eisdeachd r’a theagasg. Ma ’s e eadhon an t-àit an robh chòmhnuidh, bha e air a mheas naomh; agus b’e iarrtas deireannach, agus miann righrean fad linntean, a bhi air an adhlacadh ann, agus codal a’ bhàis a ghabhail ann an ùir an eilein shona sin. Gu cinnteach bha e ’na lòchran mòr ’na latha féin; bha beannachd Dhé air mhodh ro-àraidh an cois a shaoithreach.
(Ri leantuinn.)
Bha I-Chalum-Chille a tarruinn aire muinntir na h-Alba gu mor air an t-samhradh so. B’e ’n naodhamh latha dhe ’n mhios a dh’ fhalbh co-ainm latha bais Chaluim-Chille; tha tri cheud deug bliadhna air a dhol seachad o’n chaochail an duine naomh, ach tha ’ainm cho cùbhraidh an diugh ’sa bha e riamh, agus chaidh urram a chur air ainm mar bu chòir. ’S i Eaglais na h-Alba a ghluais an toiseach. Chaidh àireamh mhor de mhinistearan ’s de shluagh dh’ ionnsuidh an eilean agus bha da shearmon—Gàilig an toiseach, agus an sin Beurla—aca anns an t-seann Eaglais. Beagan lathaichean an deigh sin rinn an Eaglais Chaitliceach an ni ceudna. Chaidh easbuig agus àireamh shagart do ’n eilean, agus bha seirbheis aca anns an eaglais cheudna. Bha coithional mor sluaigh ann, agus an deigh na h-aifhrinn thugadh searmon Gàilig seachad. Fhuair a’ Ghàilig mar so an t-urram bu dligheach dhi aig an da sheirbheis. Cha deachaidh linn seachad o’n chaochail Calum-Cille nach robh daoin’ ann a deanamh fàisneachd gu ’m biodh a’ Ghàilig marbh an ùine gle ghoirid, ach an diugh, an deigh tri cheud deug bliadhna dhol seachad, tha i cho beò ’sa bha i riamh, agus tha i air a searmonachadh air an t-seann làraich anns ’n do thog Calum-Cille fhéin a ghuth gu sgairteil innte o shean. Gheibhear cunntas aithghearr air eachdraidh-beatha Chaluim-Chille anns an àireamh so.
[Vol . 6. No. 3. p. 2]
NA H-AOIREAN.
’S e aoir, tha mi meas, an aon fhocal Gaidhlig, de na tha cumanta ’n ar measg an traths’, is dluithe ann am brìgh do’n fhocal bheurlaSatire .Ann an litreachas nan gall tha am focalSatireair uisneachadh ann an seadh na’s farsuinge na tha aoir ann an litreachas nan Gaidheal. Ach tha mi de’n bharail gu’m faighear am feart a tha ’m focal beurla a’ ciallachadh ’n ar measg-ne ged nach abrar aoir an comhnuidh ris. Is e am feart no a’ bhuaidh so a bu mhiann leam a bhi feuchainn ri shoillearachadh air an àm. Na’m biodh focal a bu fhreagarraiche na aoir agam dlu air laimh ghabhainn e mar shuaicheantas no mar cheannteagaisg, a chionn tha fios again gu bheil droch fhaileadh de’n fhocal. Ach cha’n aithne dhomh aon is freagarraiche, agus feumar a bhi deanamh na cuid is fearr de’n chuid is measa.
’S e crioch bardachd a bhi beathachadh na h-inntinn, an spioraid, a’ chridhe. Tha iarrtuis ann an nadur an duine a ni bardachd a shasuchadh mar nach dean ni eile. Tha ’n t-anam neo-bhasmhor a’ faireachduin gu bheil e lag, truaillidh; nach eil a chobhair ann fein; agus as eugmhais maitheanais ’us cuideachaidh bho Chruith-fhear gu’n teid e gu brath a dhìth. O’n fhaireachduin so tha na laoidhean ag eirigh:
“Air t-uile throcair, O mo Dhia,
Tra dhearcas mi gu diù,
A’ mosgladh suas tha m’anam blà,
Le h-ioghnadh, gradh, ’us cliù.”
Tha ar cairdean, luchd ar gaoil, air an gearradh air falbh o ar taobh. Tha an cridhe a tha an impis cur thairis le gaol agus le bròn a faotainn ni-eigin de fhaochadh le bhi taomadh a mach cuid de fhaireachduin ann am marbhrann.
A’ bheil iarrtus no faireachduin ann an inntinn an duine a tha an aoir a’ sasuchadh, agus ma tha co iad? Feudar a bhi cinnteach gu bheil; mur bitheadh, cha bhiodh an aoir ann. Tha mi a’ deanamh dheth gu bheil e nadurra do’n duine a bhi cronuchadh cionta agus a bhi fanoid air faoineis. Ma ghabhas am bard os laimh so a dheanamh, ’s e aoir a heir sinn r’a shaothair. Ach co thusa no mise a tha gabhail oirnn fein a bhi toirt breith air ar coimhearsnaich, agus a bhi ’g innseadh ar barail do’n t-saoghal? Co thug ughdarras dhuinne a bhi siubhal sios agus suas, a null agus a nall, air feadh an t-saoghail agus am measg ar luchd-eolais, a bhi cumail suil ’us cluas fhosgailte airson gach ni a chi no chluinneas sinn, agus a bhi rnith leis gach ni nach cord ruinn ann an giulan no ann an caithebeatha ar coimhearsnaich gu leabhar no paipeir-naigheachd? Ciod e do ghnothuch-sa ris an doigh air an gluais mise mi fein, cho fada agus nach ’eil mi a’ deanamh coire ortsa? Co a chuir thusa ann ad bhreitheamh thairis orm-sa? Nach ’eil do rathad fein agad-sa, agus mo rathad fein agam-sa? Nach ’eil Eaglaisean againn agus luchd-dreuchd air an orduchadh annta le ughdarras a chum a bhi cronuchadh peacaidh agus pheacach? Nach ’eil luchd-riaghlaidh againn “a chuireadh a chum dioghaltais air luchd-dheanamh an uilc, ach a chum cliu dhoibh-san a ni maith?” Nach ’eil breitheamhnan againn air am mionnachadh gu ceartas a dheanamh eadar duine agus duine, agus nach ’eil cumhachd na rioghachd air an cùl a chum peanas dligheach a dheanamh air luchd-brisidh an lagha? Nach ’eil maighstirean-sgoile againn a chum an ni a tha ceart agus ceutach a theagasg do’n oigridh? Nach ’eil mar so o’d’ breith gu d’bhàs daoine agad a tha air an iunnsachadh ’n an dreuchd agus a tha air an cur air leth agus air am paigheadh air son a’ ghnothuich, a dh’ionnsuidh am feud thu dol a dh’fhoghlum do dhleasdanais do d’cho-chreutair agus do d’ Chruithfhear, agus a dh’ionnsuidh am feud thu do choimhearsnach a thoirt airson peanais ma tha cuis-dhitidh agad ’n a aghaidh? Ma tha cuis agad a’m’ aghaidh-sa, nach toir thu air beulthaobh breitheamh mi, far am bi comas agam air do choinneachadh, agus far an teid dà thaobh na sgeoil innseadh? Agus mur ’eil cuis agad a sheasas, feoraicheam a rìs ciod e do ghnothuch no co thug ughdarras dhuit dol a thoirt breith orm-sa agus dol a chur do breith fa chomhair an t-saoghail a chum agus gun luidh corruich no tamailt an t-saoghail orm-sa?
Tha e farasda gu leoir ceist a chur; ach cha ’n ’eil e mar is trice cho farasda a fuasgladh. Thuirt duine cho ainmeil agus a tha beò an diugh ’n ar rioghachd, Mr. Gladstone, o chionn beagan bhliadhnachan gu’m b’e aon de chomharran ar latha-ne gu bheil sinn na’s fearr air ceistean a chur na tha sinn air am fuasgladh. Cha ’n ’eil teagamh agam nach ’eil so fior; agus tha mi meas nam faigheadh na ceistean a chuir mi fuasgladh dligheach, gu’m biodh beachd car soilleir againn air c’uin a bu choir agus c’uin nach bu choir dhuinn, cha ’n e breith a thoirt air gluasad ar luchd-eolais, cha’n urrainn dhuinn gun so a dheanamh, ach ar breith a sgaoileadh air feadh an t-saoghail ann an rann no ann an sgeul. Tha mi de’n bheachd gur e cron ar latha-ne, ann an tomhas mor, gu bheil sinn ro dheas gu bhi ’cur ar barail mu ghluasad agus mu dhoighean agus mu bharailean a cheile fa chomhair an t-saoghail. Creididh mi nach urrainn an neach is farsuinge inntinn am feum a rinn paipeirean-naigheachd do’n t-saoghal a mheas mar bu choir. Cha tig sinn as an eugmhais gu brath tuilleadh; agus tha e iongantach leinn ciamar a thainig daoine beo as an eugmhais cho fada. Ach cha’n ’eil eadhon na paipeirean-naigheachd saor o mhearachd. Gheibhear anntasan mar anns an t-seillein “an taice cheile ’mhil ’s an gath.” Gheibhear annta a’ mhil ann an tomhas moran na’s pailte na’ m puinnsean. Ach cha n’ ’eil mi ro chinnteach nach ann an lughad a tha mhil a’ dol agus nach ann am meud a tha ’m puinnsean a’ dol. A dh’aon ni tha mi meas gu’m faighear anns a’ phaipeir-naigheachd ’n ar latha-ne na’s lugha de naigheachdan agus na’s mo de bharailean na bhiodh freagarrach. Tha am páipeir-naigheachd a nis a’ gabhail os laimh teagasg cho maith ri foghlum a thoirt seachad. Tha e stri ri d’thoil a lubadh cho maith ri d’cheann a lionadh. Cha ’n fhoghainn leis an Deasaiche naigheachdan a thoirt dhuit, ach a bharail fein air na naigheachdan. Tha so buil ùr, ann an tomhas mòr, gus a’ bheil am paipeir-naigheachd air a chur. ’S e am paipeir-naigheachd mar so is fear-teagaisg do’n mhor chuid dheth ’n t-sluagh. Tha moran de na daoine is foghluimte agus is gleusta anns an rioghachd a nis a’ sgriobhadh anns na paipeirean-naigheachd; ach, ged tha, cha ’n ’eil na paipeirean ro fhreagarrach airson teagaisg. Tha na naigheachdan a dhìth oirnn fhaotainn cho luath agus a chluinnear iad; ach cha bhi a’ bharail a theid a thoirt seachad leis an comhnuidh fallain. A rìs tha gach paipeir-naigheachd a tha againn a seasamh air taobh buidheann no beachd no aidmheil shonruichte, agus cha ’n fhaigh teagasg nach ’eil ann an co-chordadh ri beachd no aidmheil a’ phaipeir-naigheachd a cheannach no fhaicinn. ’S e so a cheart chuid de’n t-sluagh is mo a tha ann am feum air teagasg fallain; ach ann an aon phaipeir-naigheachd cha’n fhaic iad ach aon taobh de na ceistean cudthromach a tha gluasad inntinnean dhaoine ’n ar latha-ne, agus mar so chan ’eil e cho comasach dhoibh barail chothromach a bhi aca mu thimchioll nan cuisean sin.
Ach cha’n ann a mhain ann a bhi toirt seachad teagaisg aon-taobhach no mi-fhallain a tha mi saoilsinn a tha ar paipeirean-naigheachd a’ dol clì. Gheibhear annta gu minic naigheachdan nach bu choir a bhi annta. Tha, ’n lath-ane co-dhiu, sonas agus comhfhurtachd gach duine ann an tomhas mòr an crochadh ri gluasad ’us giulan dhaoine eile. Cha ’n ’eil duine a tha ’g iarraidh no gabhail os laimh a bhi seasamh an aite buidheann de’n t-sluagh a chum an coir a dhion no am beachdan a chur an ceill nach feum cunntas a thoirt air a stiubhardachd. Cha ’n ’eil neach a ghabhas os laimh dol a theagasg a cho-chreutairean le theangaidh no le pheann nach feum fulang d’a cho chreutairean a bhi toirt breith air a theagasg. Cha ’n ’eil neach ann an cumhachd no ann an ughdarras ’n ar measg nach ’eil cunntasach do’n t-sluagh, a reir creidimh ar latha-ne, airson a’ bhuil gus a’ bheil e ’cur a’ chumhachd no ’n ughdarrais a bhuineas dha. Aig an neach is diblidh ’n ar measg tha dleasdanais araid r’an coimhlionadh d’a choimhearsnaich, agus tha e freagarrach air gach doigh gu’m biodh cuid-eigin ann a chuireas a dhleasdanais ’n a chuimhne ma ’s e agus gu’m bi e ’g an dearmad. Feudar a radh gu bheil beatha gach neach againn dà fhillte. Buinidh an dara dual d’ar co-chreutairean, agus an dual eile dhuinn fein. Airson ar giulain air an dara laimh tha cunntas againn ri thoirt seachad do’n t-saoghal. Airson ar giulain air an laimh eile tha cunntas againn ri thoirt
[Vol . 6. No. 3. p. 3]
seachad, anns an t-saoghal so, da’r coguis fein a mhain. Feudaidh e bhi gu’m biodh e freagarrach gu’m biodh an earann d’ar giulan a bhuineas do’n t-saoghal na bu mhò, agus an earann a bhuineas duinn fein na bu lugha na tha cleachdta ’n ar measg an traths ged tha mi fein de atharrach barail. Ach tha agus bithidh e ceart agus freagarrach air gach cor gu’m bi moran do d’ ghiulan agus do d’ghluasad agus gu sonruichte a’ chuid is airde agus is soluimte de d’bheatha foluichte o shuilean an t-saoghail agus cunntasach do d’choguis fein a mhain. Is ann le stri chruaidh, bhuan, agus fhuilteach a bhuannaichd ar n-aithrichean an t-saorsa a dh’fhag iad mar dhileab againne. Cha ’n urrainn dhuinn a bhi taingeil gu leoir d’ar sinnsearachd airson na saorsa a tha sinn a mealtuinn agus cha ’n urrainn sinn a bhi eudmhor gu leoir airson an t-sochair mhor so a ghleidheadh ’na h-uile lanachd d’ar cloinn. Agus feumaidh sinn an aire thoirt an uair a thilgeas sinn ain-tighearnas ’us foirneart de aon seorsa nach fuiling sinn do ghné fhoirneart sam bith eile an t-aite falamh a lionadh. Is tric a dh’fhas an gille ’n a mhaighstir; agus is tric a rinn deagh sheirbhiseach droch mhaighstir. Dh’iarr agus fhuair na seana Bhreatunnaich cobhair o na Sasunnaich airson iad fein a dhion o thulgaidhean garbha nan seann Albannach; ach cha luaithe a fhuair na Sasunnaich an cas air Sasunn na dhearbh iad nach tilleadh iad mar a thainig iad. Ann an uine ghoirid bha chuid a b’fhearr de’n fhearann ’n an lamhan Is e bosd uibhreach a’ Bhreatunnaich gur e thigh a chaisteal; agus nach faigh an righ fein a stigh gun chead fir an tighe. Ach nach ’eil ni-eigin de chumhnart ’nr a latha-ne ged tha an toil agus an comas againn an righ a dhruideadh a mach as ar tigh, gu bheil sinn tuillidh ’us toileach agus gu bheil sinn gach latha a’ fas na’s eu-comas-aiche air an “t-saoghal” a chumail a mach? Is feairrde gach aon againn gu’m biodh barail an t-sluaigh a bha agus a tha agus a bhitheas, ann an tomhas, ’na “lòchran d’ar cois agus ’na sholus d’ar ceum.” Ach cha ’n ionann so agus a’ chleachduin a tha fas gach latha na’s cumanta ’nar measg, a bhi toirt cead ’us còir do gach aon a shaoileas gu’n do rugadh esan airson an t-saoghail a chur ceart, a bhi ’g innseadh ann am paipeir-naigheachd do na ceudan nach cuala riamh iomradh air t-ainm-sa no air m-ainm-sa a bharail air a ghnè dhaoine tha annainne, an doigh air am maith leinne ar croith a ghiullachd, ar teaghlach oileanachadh, no eadhon ar cuirp a chomhdach. Nach searbh an gnothuch e ma chaidh againn air cumhachd a’ chrùin a lughdachadh air chor agus nach urrainn an righ dragh a chur oirnn ach le ughdarras lagha ris an do chuir sinn fein ar n-aonta cho maith ris-san, ma chaidh againn air cuing nan uchdaran a bhriseadh air chor agus nach faod iad buntainn ruinn fein no r’ar’ cuid ach air bonn a’ chordaidh a rinn sinn ri cheile, gur eigin duinn fulang do gharrach ’s am bith d’an urrainn litir a sgriobhadh sinn fein agus ar doighean agus ar cleachduinean a chur am beul an t-sluagh? Tha e farasda gu leoir dhuit a bhi ann ad earalas air a’ mhaor. Thig e gu follaiseach; innsidh e ’ghnothuch,; agus tha bharantas ’n a laimh. Ach cha ’n ’eil dol as air fear a’ phaipeir-naigheachd. Ma theid thu mu chùl do ghnothuich agus gu’m fag thu do dhorus fosgailte; bithidh cunntas air gach ni a tha fo chromadh do thighe ann am paipeir-naigheachd mu’n tig ceann dà latha, gu sonruichte gach ni a shaoileas an sgriobhaiche chuireas campar ort-sa agus a shasuicheas blas fiar a luchd-leughaidh, Ma ghlaiseas tu do dhorus tha ’chluas ri toll na h iuchrach, tha ’shron leudaichte ris an uinneig. Theid gach ni a chi no chluinneas e agus dà ni nach faic agus nach cluinn gus a’ phaipeir-naigheachd. Ma theid thu le fear-turuis ceum de’n rathad no ma bheir thu le caoimhneas cuid na h-oidhche dh’a agus an t-aiseag an la’r- na-mhaireach, is e is docha gu’m bi na ceudan a ’gaireachdaich mhagaidh ort, air t-ainm agus air do shloinneadh, mu’n tig ceann seachduin. Ma’s duine thu leis an toil a bhi tighinn beò, ann am measg sluaigh a tha ruith an deigh gach ni ùr ’us fasanta, mar bha t-athair agus do sheanair romhad, leis an teine air meadhon an urlair, agus an crodh ann an ceann eile an tighe, cuiridh peasan air chor-eigin a dh’iunnsaich beagan de dhroch bheurla, do dhealbh fein, dealbh do mhnatha, do chloinne, agus do thighe gus a’ phaipeir-naigheachd, agus bithidh luchd-turuis ’n am ficheadan agad a’ tighinn a’d’ fhaicinn mar chuis iongantais air an ath shamhradh. Ma’s e am “feile beag is docha leat,” rach cuairt leis roimh ’n duthaich agus bithidh tu cho ainmeil agus ged b’e Turcach no coileach-frangach a bhiodh annad. Ni an dara paipeir-naigheachd fior Ghaidheal dhiot; ni am fear eile burraidh faoin dhiot a tha deanamh uaill as a luirgnean a bhi ris na feannagan.
“Ge mòr an duibheas beusan
Th ’eadar eucoir agus còir,
Cha ’n eol domh aite-seasaimh.
Gun a chos air aon de’n dhà.”
arsa Rob Donn gu fior agus gu geur. Tha eucoir agus còir cho dealaichte o cheile ri oidhche agus ri latha, ach mar a tha oidhche agus latha gheibhear iad an taice a cheile; agus moch ’us anmoch tha àm anns a’ bheil e duilich a radh co-dhiu is oidhche no latha e. Tha cuid d’ar giulan a tha e freagarrach gu’m biodh e soilleir do’n t-saoghal mar an latha; tha cuid eile a bu choir a chomhdach le brat na h-oidhche o gach neach ach ar coguis fein a mhain. ’S e cron ar latha-ne, thi mi meas, gu bheil sinn ro-dheas am brat so a tharruing a thaobh agus leigeadh le suilean an t-saoghail sealltainn ’n ar tighean agus ’n ar cridheachan na’s trice na bu chòir.
Gus o chionn beagan uine b’ iad na baird paipeirean-naigheachd na Gaidhealtachd. Chr ’n ’eil teagamh nach robh o shean, mar tha fathasd agus mar bhitheas cho fada agus a bhitheas daoine ann, cuid a’ gabhail barrachd gnothuich ri nithean nach buineadh dhoibh na bha còir aca air; ach cha rachadh seanachas de’n t-seorsa so fhada agus cha ghleidhteadh ach goirid air chuimhne e. Is e na baird a mhain a bha comasach air cliù no mi-chliu duine a sgaoileadh air feadh na tìre agus a ghiulan a nuas air meodhair an t-sluaigh. Thug ar sluagh aoir mar ainm air na h-orain a rinn na baird a chronuchadh no chaineadh dhaoine ’us chleachduinean a bha iadsan a’ meas toillteanach air achmhasan no air tamailt. A reir mo bharail ghabh na baird gnothuch ri daoine ris nach robh gnothuch aca na bu trice na tha na paipeirean-naigheachd a’ gabhail; agus anns a’ Ghaidhealtachd co-dhiu chain iad gu ro-thric air dhoigh a bha narach, maslach, daoine gu mor a b’fhearr na iad fein. B’e còir nam bard mar luchd-teagaisg a bhi toirt breith air giulan dhaoine a bha gabhail orra a bhi ’riaghladh, a’ stiuradh, no ’teagasg sluaigh; b’e an còir a bhi cronuchadh gach cleachduin ’us beachd faoin no suarach no cronail no peacach a bhiodh a’ faotainn aite am measg dhaoine. Na’s faide na so cha ’n aidich mi gu bheil còir aig bard no aig fear-teagaisg no aig paipeir-naigheachd gnothuch a ghabhail ri deanadas a cho-chreutairean. Agus eadhon an fhad so, bhiodh e ceart gu’n cuimhnicheadh am bard gur e fear nan lamhan glan a mhain d’an tigeadh e dol a chronuchadh uilc.
(Ri leantuinn.)
Sgialachd na Troidhe.
DEALACHADH HECTOIR AGUS’ ANDROMACHE.
BHO ’N GHREUGAIS.
LE EOBHAN MAC LACHAINN.
Cha ’n eil dàn ’s a’ Ghréigis a thug barr air “Dealachadh Hectoir agus Andromache,” agus da rìreadh cha do chaill e a bheag dheth ’àilleachd le chur ’s a’ Ghàilig.
Bheirear fosnear gu ’m b’e Hector mac righ na Tròidhe agus gu’ m b’i Andromache a chéile-phòsta. Tha ’m bàs na dhealachadh diachainneach gun teagamh, ach cha dad idir e ri shamhlachadh ris an dealachadh-bheò. B’ e an dealachadh gun choinneachadh a bh’ eadar Hector agus Andromache. Bha séisde ris an Tròidh ’s an àm.
Chual’ e ’s ghreas air ’ais romh ’n t-sràid,
Seach sreithean thigh àrd nan cliar;
’S thuit gu ’n d’ fhuair e ’ghaol a’ bròn
Làimh ri còmhlaidh mhòir nan sgiath.
Chunnaic bean mhaiseach nam béus,
’S le plosg éibhnis léum na ’dhail,
Andromache chaoin gun lochd,
A fhuair dìleab ’s an toic làin;
Nighean Elioin bu chian cliù,
Sluagh Chilicia lùb do ’n triath,
Thebe cathair an laoich àigh,
’S Hippoclacus nan sgàil ciar.
Air cìch na h-òighe ri ’taobh,
Bha ’n geala-mhicein aobhach, ùr,
A ghnùis fhiamh-ghàireach mar réul
A dh’ éireadh ’s a’ Chéitein chiùin.
Scamandrius, bho shruth nan sealbh,
(Air a leantuinn air taobh 22.)
[Vol . 6. No. 3. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, . . . $1 .00
Sia miosan, . . . .50
Tri miosan, . . . .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh d’ an duileig, agus, nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher ‘Mac-Talla,’
Sydney, Cape Breton
SIDNI, 16 IULAIDH, 1897.
Tha muinntir Eilean a’ Phrionnsa gu bhi teaghadh pàrlamaid ùr Di-màirt s’a tighinn. Tha leth-cheud duine ’sa naodh a ruith, naodh air fhichead de Liberals, naodh air fhichead de Chonservatives, agus aon Phatron. Mar is àbhaist tha iad air gach taobh a’ gabhail orra bhi cinnteach gur ann leotha san a theid an latha, ach ’se ’n latha fhéin a dh’innseas co tha ceart. Tha aon ni bu chòir do dhaoine chumail air chuimhne ’n àm a bhi taghadh luchd’ -pàrlamaid, agus ’se sin, iad a bhotadh leis na daoine ’s fhearr, ge b’e taobh air am bi iad. Ma bhios na daoine cearta air am taghadh, cha chùram nach bi an dùthaich air a deagh riaghladh; ach ma bhios na daoine nach eil mar bu chòir dhaibh a bhi air an cur an dreuchd, cha dean iad riaghladh ceart ge b’e pàirtidh air am bi iad ’g an ainmeachadh fhéin.
Cha ’n eil ùbhlan agus measan eile gu bhi cho pailt am bliadhna ’sa bha iad an uiridh. Bha am bàrr cho trom an uiridh ’s gu ’n do lagaich e na craobhan, agus cha bhi iad ’nan àite fhéin gu ceann bliadhna no dha eile. Tha sinn toilichte bhi leughadh gu bheil Ceap Breatunn a toirt ceum air adhart ann an togail mheasan, agus tha sinn an dòchas gu lean a’ chùis mar sin; cha ’n eil fhios car son nach biodh an t-eilean so a’ togail mheasan cho math ri àiteachan eile.
So toiseach bliadhna MHIC-TALLA agus bu chòir d’a chàirdean an t-airgead a chur uige air son bliadhn’ eile. Tha moran againn ri phàigheadh a mach air a’ mhios so, agus cuiridh an luchd-gabhail comain oirnn ma chuireas iad an dlighe ugainn gun dàil. Feuchadh iad nach dean iad dearmad oirnn.
ThuirtAdmiral J. N. Miller,aon de cheannardan an airm mhara anns na Stàitein, o chionn ghoirid ’se labhairt mu dhion na dùthcha, “B’ e mo chomhairle-sa do dhùthaich sam bith a tha air son a dhol a chogadh, i a chur a comhairle ri Breatunn mu’n tòisich i.”
Cha d’ thainig crioch air aimhreit na Tuirce fhathast; tha fios a thainig air an t-seachdain so ag radh nach eil an Sultan a’ toiat céill do thorl nan rioghachdan idir.
Comunn Gailig Halifacs.
Tha coinneamh gu bhi aig Comunn Gàilig Halifacs air feasgar Dior-daoin, an darra latha fichead dhe ’n mhios, aig ochd uairean.
EOS. D. SUTHARLAN, Runair.
Mu’n Uisge.
’Se loch uisge—uisge tur-chuairtiche le fearann, mar a ta Loch-nis, Loch-tadha, Loch-loimein, &c . ’S e abhuinn, uisge ’tha ruith leis na h-aonaich, ann an amar, sios do’n mhuir. ’Se fuaran no loch-mathair uisge aibhne. ’S e abar aite far am beil abhuinn a còmhlachadh uìsge’ eile; mar a ta Abar-chaladair, Abar-thairbh, Abar-readhoin &c . ’Se ionbhar, am fearann cònard a ta shios mu abar aibhne; mar a ta an t-Ionbhar, Ionbhar-àir, Ionbhar-nis, Ionbhar-lòchaidh, &c . ’Se comar, mar an céudna, coinneachadh dà uisge, agus ’se comaraich a theirear ris an fhearann a ta eadar na h-uisgeachan; mar a ta a’ Chomaraich (eadar Loch Caruinn agus Loch Toradain); a’ Chomaraich( ’an Siorrachd Pheairt); Magh-comair (eadar Lòchaidh agus Spiathain ’an Lochaber). Ri uisge a’s lugha na abhuinn their sinn alld, caochan; steall, sruthan, srùlag, ruith uisge, &c .
’Se cuan-choire no slugan, ionad ’s an fhairge far am beil an sruth ’ga thoinneamh, gu garg faochagach, aìr chor ’s gu’n deothail e leis, agus gun sluig e sios gach nì air am fagih e greim. Tha fear dhiubh seo eadar Diùra ’us Sgarbh, ris an abrar Coirebhreacain. —Se an seol-mara, sruth an lìonaidh no ’n tràghaidh. ’S e corran no caisle, cuinge troimh am bi an sruth a’ ruith gu cas corrach. ’S e sùmaid, no bàrc, tonn no stuaidh lunnach mhòr. ’Se ’m béulan an tonn a’s faisge de dhithis, agus an cùlan an ath fhear dha. ’Se an clagh—an slochd a bhios eadar dà thonn. ’S e buinne-beô toiseach éirigh an làin gu reothairt. ’Si ’n reothairt, trà nan làn mòra. ’Si a’ chòntraigh, trà nan làn beaga.
’S e sgeir, no roc, creag anns a’ mhuir a thig ris (no dlùth air), ri h-àm tràighe, ach a bhios fo-thuinn ri h-àm a’ mhor-làin. ’S e oitir, tanalach a bhios ris, ri tràigh.— ’S e caol stiall chaol mhara eadar dà fhearann; mar a ta caolas Shiùna, caolas Mhic Phàdraic. ’S e port no aiseag, àite far am bithear a’ dol thairis air uisg’ ann am bàta. ’S e beul-àth, àite ’san urrainn neach dol troimh abhuinn ga chois. Ri slios no oir an fhearainn, cois na fairg, theirear còrsa, eirir oirir, cladach, tìr, no tràigh. ’S e morfhach, fearann thar am bi a’ mhuir no uisg’ eile a’ sgaoileadh corr uair.
Mìnich féin tabh, mearashal faothail, lunn stoirm, fiath, ciùine, glogruinn, fuaradh-froise, sgopraich, teine-sionnachain, taisdeal, trò, fannan, drothan, driuch, sion doinionn, soinionn, marcachd-sìne, onfhadh, sluistreadh fosghair, luinneinich, ruinigil, cuartag.
MacCoinnich & Co.
Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh
ANN AN LOUISBURG,
agus tha sinn aig an àm cheudna a’ cumail air adhart air an t-seann laraich,
ANN AN SIDNI.
Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.
Theid sinn an urras air an obair.
Mac Coinnich & Co.
F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC
An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn.
Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J Morley.
Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air.
Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.
Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. A seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.
THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin.
Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.
Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.
Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille-mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitche’s Creek.Tha mu dheichair fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.
[Vol . 6. No. 3. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Tha bòguis a bhuntata aig obair air an t-samhradh so mar a b’ àbhaist, agus a’ deanamh sgrios nach beag air a’ bhuntata.
Chaochail naodh duine deug ieis an teas anns na mor-roinnean uachdrach air an t-seachdain s’a chaidh. Bha a’ chuid mhor dhiubh an am Montreal.
Bha dithis dhaoine tinn leis a’ bhric ann am Montreal air an t-seachdain s’a chaidh, agus chaochail fear dhiubh. ’S ann far na dùthcha a thainig iad le chéile.
Chaidh fear Uilleam Smith, a mhuinntir Charlottetown, E. P. I., a mharbhadh a sheachdain gus an Di-ciaduin s’a chaidh aig àite ris an canarRocky Point.Thuit e le creig, agus bha e marbh air ball. Bha e ceithir fichead bliadhna dh’ aois.
ThaLieutenant Pearya’ dol a thoirt sgriob eile do ’n àirde tuath; bidh e falbh á Boston deireadh na seachdain so. Tha Caiptean Bartlett agus an sgioba ceudna ’sa bh’ aige ’n uiridh a’ dol ’ga ghiùlan fhéin ’sa chuideachd ann an soitheach do’n aìnm“Hope, ”agus taoghlaidh iad ann an Sidni a dh’ iarraidh guail.
Tha duais cheud dolair air a tairgse do neach sam bith a ghlacas Uilleam H. Carmichael, a mhuinntir Halifax, a theich á Parrsboro, N. S., le faisg air ceithir cheud dolair de dh’ airgead duin’ eile. Bha e ’g obair aig greusaiche d’ am b’ ainm Henry Pettis, agus nuair a theich e thug e leis $377 de chuid airgeid.
’S a mhaduinn Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh, chaidh am bàta-smùide Hygeia na teine ’si aig laimhrig Vooght, an Sidni Tuath. Chaidh am mullach a losgadh dhith gu buileach, agus bidh an call gle mhor. Tha sinn a’ cluinntinn gu bheil i gu bhi air a càradh ’s air a cur an uidheam na ’s fhearr na bha i roimhe air son a bhi ruith an aiseig.
Bha latha mor aig na h-Orangemenanns a’ bhaile so Di-ciaduin. Bha iad cruinn as gach cearna de ’n eilean, còrr us coig ceud dhiubh; mhears iad troimh ’n bhaile mu leth-uair an deigh deich ’sa mhaduinn, agus chaidh iad a mach gu Ashby, far an robhpic - nicaca, ’s far ’n do chuir iad seachad a’ chuid eile dhe ’n latha. Bha dùil ri faisg air da mhile dhiubh thigh’nn a nuas á Nobha Scotia, ach dh’ fhairtlich orra còrdadh a dheanamh ri luchd an rathaid-iaruinn, agus cha d’ fhuair iad tighinn.
Bha Iudhach do ’m b’ ainm Mr. Khader, a’ dol mu ’n cuairt o chionn ghoirid a liubhairt òraid mu thir Phalestine, agus dùthchannan eile na h-àirde ’n ear. Bha an òraid gle thaitneach, agus a toirt seachad moran fiosrachaidh. Bha àireamh ghillean us nigheanan aige air an sgeadachadh ann an culaidhean riomhach mar a tha ’n cleachdadh am measg an t-sluaigh anns na dùthchannan sin. Chòrd an òraid gu math ris gach aon a chual i. Bha Mr. Khader ann an Sidni o chionn da sheachdain air ais, agus bha e anns na bailtean eile mu ’n cuairt mu ’n aon àm.
Fhuair Coinneach R. Mac Coinnich, an Sidni Tuath, an la roimhe sgeula-bàis a bhràthair, Alastair Mac Coinnich, a bha fuireach o chionn àireamh bhliadhnaichean ann am baileFairhaven ,an stàitWashington .Bha e aig àm a bhàis ann an cearna de Mhontana far an deach e air chuairt air son a shlàinte. Dh’ fhàg e an t-eilean so o chionn da bhliadhn’ deug air ais, agus shoirbhich leis gu math. Bha e treis a bhliadhnaichean ’na àrd-bhàillidh amFairhaven ,agus bha e na cheann air aon de bhancaichean a’ bhaile cheudna. Bha e air aon de na daoine b’ inbheiche bh’ anns a’ bhaile.
Tha na saighdearan a chaidh a null do Bhreatuinn gu Iubili na ban-righ’nn air tigh’nn dhachaidh. Chord an turus riutha gle mhath.
Chaidh càin sia ceud dolair a chur air soitheach Frangach ann am Moncton, N. B., air an t-seachdaìn so, air son an stiùbhart a smugaladh sia botuill branndaidh.
Bha stoirm mhor ann an Stàit Mhaine toiseach na seachdain so. Bha an t-side cho garbh ann am Portland ’s nach d’ fhàg soitheach an acarsaid fad da latha. Chaidh call nach bu bheag a dheanamh air muir ’s air tir.
Cho gearanach ’s gu robh sinn air an fhuachd, ’nuair a thainig an teas cha b’e b’ fhearr. Bha teas mor ann air an t-seachdain s’a chaidh agus air an t-seachdain so. Bha e cho mor anns na bailtean mora ’s gu ’n deach àireamh daoine a mharbhadh leis.
Ann an litir a’ “Chuairteir,” anns an àireamh roimhe so, bu chòir a bhi air a radh mu ’n phiob air an robh na gillean a’ cluich, gu robh i ann am blàr Waterloo. Cha ’n eil fhios againn co bha ’ga cluich anns a’ bhlàr iomraiteach sin, no ciamar a thainig i gu Loch Ainslie, ach cha ’n eil teagamh sam bith againn nach eil an “Cuairtear” e-fhéin comasach air a h-eachdraidh innse, agus ’nan deanadh e sin bhitheamaid ’na chomain.
Tha na bradain gle phailt an amhuinn Mhargaree air an t-samhradh so, agus thatar a glacadh moran dhiubh. Cha ’n eil balach no duine nach eil air an tòrr, agus tha daoine tigh’nn as gach cearna le ’n cuid dhubhan feuch an glac iad fear no dha dhiubh. Cha ’n eil àit air an eilean a’s taitniche na Margaree air son an samhradh a chur seachad, agus tha pailteas nam bradan air a’ bhliadhna so ’ga fhàgail na ’s fior thaitniche.
Thainig duine beairteach a bha ’fuireach ann am baile an California ri bheatha fhéin air an t-seachdain so. Bha e air dealachadh o mhnaoi o chionn bliadhna air ais, agus bha e làn riaraichte; ach air dh’ ise bhi air son tigh’nn cuide ris a rithist, ghabh e deoch làidir de phuinnsean, agus chuir e crioch air fhéin. B’ fhearr leis dealachadh rìs na bh’ aige dhe ’n t-saoghal agus ris an t-saoghal fhéin na bhi ’n comunn na mnatha! B’ olc an t-eolas a chuir e oirre.
Chaidh an seann tigh a bh’ air oisean sràidean Shearlot agus Phitt a leagadh deireadh na seachdain s’a chaidh. B’e aon de na taighean bu shine bh’ anns a’ bhaile. Bha Lachuinn Mac Ghuaire, greusaiche, ag obair ann fad shia bliadhn’ deug air fhichead; ’se ar barail nach eil moran an diugh ann an Sidni a dh’ obraich ùine cho fada air an aon làraich. Thatar a nise cladhach seileir, agus a’ deanamh deiseil gus togalach mor, briagha, a chur suas ’na aite air son Comunn nan Daoin’ Oga; agus ma mhaireas e cho fada ’s ma ni e ’obair cho math ’sa rinn an seann tigh, ni e gle mhath.
BhaArd - LodgenanGood Templarsann am Baddeck air an t-seachdain s’a chaidh, Di-màirt, Di-ciaduin, ’s Dior-daoin. Bha àireamh mhor de luchd na stuamachd cruinn as gach cearna de ’n mhor-roinn, agus chuir iad air dòigh gnothuichean a’ chomuinn gu maiseach agus an deagh ordugh. Bha iadsan nach robh an Ceap Breatunn riamh roimhe gle riaraichte le ’n turus, agus bu mhath leotha tighinn a rithist. Bha àireamh de na h-oifigich air son na bliadhna tha tighinn air an taghadh á measg muinntir Cheap Breatunn; —an t-Urr. Uilleam G. Lane, Sidni Tuath, Ard-Theamplair; Albert I. Hart, Baddeck,Ard-Chomhairleach; E. G. Mac Fhiongain, Sidni, Ard-Rùnair; agus Anna B. Nic Gilleain, Hogamah, Ard-Iar-Theamplair. Nochd muinntir Bhaddeck mor chaoimhneas ris gach neach aig an robh gnothuch ris a chomunn, mar is math is aithne do na Gàidheil a dheanamh anns gach àite ’ni bi iad.
LEABHRAICHEAN GAILIG.
Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
’Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10
Gaelic Class Book .30
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmich.
Sgriobh gu
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, C. B.
CARADH
Uaireadairean
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.
NUAIR THEID THU ’BHADDECK
taghail an stor
Albert I. Hart.
Tha Stor mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram Bathar Cruaidh
Amhlan, Aodaichean, Caiseart,
Adan, Curraichean, agus iomadh ni eile.
An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle.
ALBERT I. HART.
Baddeck, Aug. 1, ’90.
NIALL DOMHNULLACH,
CEANNAICHE.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B,
Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd ghabhail thoirt dha.
CUIR A DH’ IARRAIDH A MHAC-TALLA
$1 .00 SA BHLIADHNA.
[Vol . 6. No. 3. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 19.)
Rinn Hector a ghairm de ’n òg.
Astijanax ainm bho chàch
Thaobh an t-suinn bu sgàth do Thròidh.
Snodhadh sòlais rinn an laoch,
’S thòisich faoilt an t-aigneadh mòr.
Sheall gu tiamhaidh ’n rìghbhean àigh;
Ghlac i ’làmh ’s thuirt briathran bròin.
Le h-osnaich bho ghrunnd a cléibh,
Chìte ’bràighe ’g éirigh dlùth,
Airteal ’s na mailthean a’ snàmh,
’S na deòir lan air chrith ’s an t-sùil.
’S olc, a rùin, gun d’ fhaicill géur:
Bheir àrd-mhisneach d’ éug romh ’n àm,
Gabh truas ri d’ aon-mhnaoi, a ghaoil,
’S ri d’ mhaotharan caointeach, fann!
Is dìlleachdan esan gun taic,
Is banntrach mis’ an astail fhuair;
’S dall oidhche bhròin i bho ’n là
’Theid thusa, ’laoich àigh ’s an uaigh.
Comhrag aonfhir ’fhad ’s bu bheus,
Cha diongadh a’ Ghréig ort buaidh:
Nis thig am mòr-fheachd a bhéum,
’S torchrar mo dheagh-threun le ’n cruaidh
Mu ’m faic mi sealladh a’ chràidh,
Leagar mo chreubh tràth fo ’n fhòid;
’S crìonadh as bho thùs gu déis
Aimsir ghèarr mo ré ’am bròn.
Gun athair, gun mhàthair chaoin,
A lughdaicheadh fàth mo dheur;
Bhrisd an t-Aicheall ar stuadh àrd,
’S chuir tein’ i na ’smàl ’s an speur.
Thuit m’ athair le sonn nan ruag,
Ach ghabh e fhéin truas de ’n mharbh;
Oir loisg e ’n corp air a’ bhlàr,
’S éideadh àluinn nan sàr dhealbh.
Dh ’ adhlaic e ’n luath ’s an fheart mhòr;
’S chàirich teaghlach Iobh nan nial,
Rìbhinnean-sìth nam beann àrd,
Dosraich gheug mu ’n fhàl g’a dhion,
Mo mhathair o ghléidh fo smachd,
Hippoplac’ nan glac ’s nan craobh;
Sguab e leis anns an luing luaith,
Gu raon Thròidh thair chuan le ’mhaoin.
Dh’ fhuasgladh a’ bhan-righ fa-dheoidh;
Air cheannach òir dh’ fhalbh i saor;
Chnàmh mulad ise na ’cùirt fhein,
’S gaithean Phæbe nan ruinn caol.
Ach ’s athair thus air mo sgàth,
’S màthair thu ’s is bràthair caoin,
Ath-chasgair iad sid gu léir
An uair is éug dhuts’, a ghaoil!
Cùram fir ’us athar thlàth
Gabh de d’ mhnaoi ’s de d’ phàisdein bròin.
O! na fàg esan gun stuaidh,
’S mis’ am bhanntraich thruaigh gun treòir.
Seall-tu ’m biùbhaidh garg a’ strìth
Mu ’n chraoibh-fhìgis faisg do ’n Tròidh.
Fan-s’ aig an tùr ud ri gléus,
’S cùm na ’n draip a’ Ghréig ’s a slòigh,
So ionad ’s am breòite ’n stuadh;
Trì uairean le ionnsaidh ghairbh,
Mhosgail Ajax ’s an dà rìgh,
’S Idomen nach min ’am feirg.
Diomed uaibhreach nan garg-bheairt,
’S fior ghaisgeach nam feachd fo ’n iùl;
Mhaom trì uairean le ’n làn neart,
’S shaoil iad gu ’n ghrad-ghlacte ’n dùn:
Co dhiubh ’s gaisg’ a ghluais an gniomh
No sanais nan dia bith-bhuan:
Ach gleachdadh càch far am miann,
Bì-sa ’so ’s thoir dion do d’ shluagh.
Thuirt Hector bu mhòrach gnùis,
’S leamsa ’chùram sin gu léir;
Iomlaid g’an éirich bho ’n chùis
Chì mise ’s bheir iùl ga réir.
Ciod a labhradh gaisgich Thròidh,
’S òighean nan sròl sguabach slìom,
Na ’m faicteadh meath air mo threòir,
Stad-feachd orm mar dheòiridh tìm!
Tha m’ aigneadh air ghoil gu gleus,
’S nòs leam éuchd air bhéul mo shluaigh;
B’ àrd m’ athair an cliù nan arm,
Cha mhill mis’ an t-ainm ri m’ luath.
Ach thig oirnn an dàn gu ’n bhréig,
’S goirt mo chrìdh’ ’s mo bheul ga luaidh,
Aomaidh Tròidh mhorachd gu làr,
’S crìon-sheargaidh a h-àgh ’s a h-uaill.
Ge géur an taisbein so, mo leòn,
Neart mo shlòigh ga ’n sgrios le h-àr,
Bàs mo mhàthar, m’ athar gaoil,
’S a chiabh aosd’ am fuil a’ snàmh.
Mo bhràithrean sìnte air an tràigh,
A’ plosgail fo spàirn an éig;
’S géire na sid uil’ mo chradh,
Thus’, a ghràidh, ’s gach pràmh ’tha ’d dhéigh.
D’ fhaicinn gu bochd, tùrsach, fann,
Air bhall-chrith fo ’n t-slabhraidh chruaidh;
Ga d’ bhuin leo mar thràill do ’n Ghréig,
A dhealbh sgéul air eideadh nuadh.
Fo smachd nam Buadhach gun bhàigh,
’S tu ’g iomchar làn-chuinneag trom:
Their iadsan ’s tusa ga d’ chnàmh,
Feuch, bean Hectoir àigh nan glonn!
Brisdidh do chridhe na ’bhruan,
’S beòil gun chaomh a’ luaidh lir m’ ainm.
Nàire ’dùsgadh mhìle bròn,
Do smaoin air a’ ghlòir a dh’ fhalbh.
O, gu ’n robh mise ’s an uaigh,
’S a’ chadal bhith-bhuan nach dùisg,
Am chreadhaidh fhuair seach mu ’n cluinn
Osnaich ghoirt no caoidh mo rùin!
Thuirt flath nan arm faobhar-nochd,
’S thairg le sòlas a dhà ghlaic
Iathadh mu gheal-chneas a mhic:
Shnaoidh an leanban le àrd-sgairt.
’S dhlùthaich ri uchd earradh shròil
Na mnà-altruim bu chòrr snuagh
Air chrith romh ghnùis ’athar àigh,
’S romh ’n loinntreadh a dhearrs bho ’chruaidh,
’S romh ’n tiugh-bharr bhabagach ghlas,
Ga ’chrathadh mu bheairt nan dos:
Ghàir a’ chàraid gu fior ait,
Mu ’n nì bu cheann-fàth do ’n chleas.
’N sin thug laoch mìlidh nan glonn,
An t-ùr éideadh bhàrr a chinn,
’S leag gu socrach am ball trom,
A’ boillsgeadh thair làr an fhuinn.
Rìsd ’n uair ’phòg e ’mhicein gràidh,
’S a thog ’na dha làimh le cuairt,
Dh’ aslaich e mòr-righ nan nial,
’S uil’ aitim nan dia bith-bhuan.
Thus’ a shoillsich tolg nan speur
’S a mhaithean nach éug gu bràch,
Saoraibh mo mhac bho gach béud,
’S treòirichibh a cheum gu h-àgh.
Coisneadh e mo chliùth-s’ air chòir,
A’ dìdinn a shlòigh a’s righ,
’S aithn’gheadh a Bhiùbhaidh ’s gach béum,
Hector èuchdach na h-ath-linn.
Air tilleadh bho strìth nam buadh,
Ag giùlan faoibh ruaidh an àir,
Eubhadh Tròidhich le h-aon-ghaoir
“Thug on laoch s’ air ’athair barr!”
Crìdh’ a mhàthar thair gach té,
Le h-éibhneas a’ léum na ’cliabh,
’S alla cian-sgaoileadh gach beòil,
A’ sìor-aithris sgeòil a ghnìomh.
An sin le dùr-bheachd a ghaoil.
Dh’ aisig e’ m Beag maoth g’ a rùn;
Chuir is’ a bheul ri geal-chìch,
Air uchd spìsridh nan séud ùr.
Bhreug i ’n sin e gu clos-thàmh,
S sheall le gàir air a ghlan-ghnuis,
Ach chlaon fiamh a gean gu neòil,
’S thuit na deòir bho ’meall-shuil chiùin.
Mhaothaich na chom cridh’ an tréin;
Ghlac e léug nam beus air làimh;
Shiab e ’n leann-driùchdach bho gruaidh,
’S leag e ’smuairein le cainnt thlàth:
’Ulaidh m’ anma thair gach mnaoi,
Com’ na chaochail bròn do shnuagh;
Arm biùbhaidh cha diong mo bhàs,
Romh ’n cheart là s’ an dàn domh ’n uaigh.
Cha d’ fhuair bith gun ’fhàgail fhéin,
Neach fo ’n ghréin cha shnaoidh an t-àm,
’S dual do ’n éug an treun ’s am fann.
Tìll-sa nis, a ghaoil gu d’ ghnìomh,
Stiùir le h-iùl an sniomh ’s a’ bheairt,
Dhomhsa ’s còir ’bhi ’triall gu m’ chliu:
’S àite milidh tus nan gleachd.
Labhair e ’s ghrad-chuir mu ’cheann
Eideadh dosach nam bab fionn:
Thill ise gu déurach, trom,
Bho chomhradh mil-bhlast an t-suinn.
Suil thair ghualainn air gach ceum,
’Fhad ’s bu léir dh’ i gu luchairt fhéin,
Leig i ’n t-srian leis a’ gheur bhròn.
Chual am Bannal reachd a cléibh,
Thog iad gu léir an éigh thruagh,
A’ tursa mu ’n bheò cho goirt,
’S ged dh’ adhlaict’ a chorp ’s an uaigh.
ELIAH.
Ach faiceamaid cia mar shoirbhich leis an ard-ghaisgeach Eliah, agus e ’seasamh leis fein air sliabh Chairmeil am measg a’ choimhthionail mhoir a chruinnich aig iarrtus an uachdarain gus an ionad sin. Is e maduinn an latha ’tha fathast ann. Cha ’n eil freagradh a’ tighinn bho neach air bith do na cheist a chuir Eliah riu. Tha samchair eagallach air feadh faidhean Bhaail agus an t-sluaigh a bha gu h-amaideach a’ leantuinn an riaghailtean stiuiraidh. Ma dh’ fhaoidte gu bheil an curantachd ’s an dalmachd a’ treigsinn nam faidhean cealgach a tha ’sealbhachadh aite ’s meas ’us cumhachd nam faidhean d’ am b’ abhaist teagasgan an spioraid naoimh aithris. Feumaidh iad, co dhiu bhitheas iad togarrach ’us deonach, oidheirp dhana ’dheanadh a chum ainm ’us buaidhean an De fhaoin sin d’ an robh iad a’ sleuchadh ’s ag iobradh gu moch ’us gu h-anmoch, a dhion ’s a thearnadh. Bha iad tosdach an deigh do Eliah an t-achmhasan geur a labhairt. Cha do roghnuich faidh aonarannach an Tighearna, e fein ’s a’ chuis a reiteachadh. Tha ’n sluagh a’ comh-aontaicheadh gu toileach leis an ni ’tha e ’g iarraidh a dheanamh, a chum gu faic luchd-aiteachaidh na tire, ’s gu cluinn a bhan-righ Iesebel nighean Ethbaail righ nan Giodeonach, co ’bhuaidhich anns an stri, co e ’n Tighearna a’s Dia ann, agus uime sin, co d’ an coir do ’n t-sluagh gu leir umhlachd ’us aoradh a thabhairt. Air an dara taobh, chitear armailt Bhaail, —ceithir cheud agus leth cheud faidh, —air am brosnachadh ’s air am misneachadh, oir tha daoine saoibhir ’us cumhachdach na tire ’n an cairdean doibh. Air an taobh eile, chitear an sar-ghaisgeach foghainteach, Eliah, faidh an De bheò; tha e seasamh leis fein. Na aonar tha e air a chuartachadh le miltean aig nach eil baigh ris, gidheadh, eadhon anns an t-suidheachadh dheuchainneach so, cha ’n eil a chridhe fann ’us cha ’n eil a ghaisge faoin. Tha ’n Tighearna, Dia nam feart aige ’na fhear cuideachaidh, ’us cha ’n eil aobhar aige ’bhi gealltach no sgathach. Is foinnidh meamnach da rireadh tha ’n laoch dileas a’ cumail suas ard onoir an De mhoir. Dheas-
[Vol . 6. No. 3. p. 7]
uich cuideachd Bhaail an altair agus chuir iad feoil a bheathaich an ordugh oirre. O mhoch-thrath an là iomraiteach, ainmeil so, gu àm na h-iobairt fheasgair, cha ’n eil an dia faoin d ’an robh na Fiodonaich ag iobradh, a tabhairt geill no eisdeachd do na faidhean amaideach. Tha toirm us fuaim an glaodhaich a’ dusgadh mhic-talla ann an creagan Chairmeil, agus a’ bàsachadh anns an astar. Le lannan geura ’s le claidhmhnean sgaiteach, tha iad g’ an gearradh féin. Tha ’n sgeadachadh dearg leis an fhuil a tha ’taomadh as na creuchdan. Ach cha ’n eil stath, no feum, no tabhachd, no eifeachd an aon ni ’tha iad a’ deanamh. Bithidh iad cheana eagalach agus amharusach gu teid an latha gu buileach ’n an aghaidh, gu fannuich iad anns a’ chomhstri, ’s gu tionndaidh ’n an aghaidh le fearg mòr, an sluagh d’ an robh iad ’n an aoidhearan ’s ’n an cinn-iuil co dall, co dalma ’s co mearachdach. Chleachd iad cuilbheartinn leachdach, —ma ’s fior beul-aithris geill a thabhairt dhi—a chum gu loisgeadh iad an fheoil air an altair. Chuir iad duine an taobh a stigh de ’n altair, a chum gu beothuicheadh e an teine; ach mharbhadh e mun d’ rinn e an ni bha ’n earbsa ris. Ma dh’ fhaoidte nach eil buannachd air bith ann a bhi ’tabhairt geill no eisdeachd do sheanachas de ’n t-seorsa so; gidheadh, tha e nochdadh ciod e ’m meas a bha na ginealaich a thainig ’n an deigh a’ cur air faidhean Bhaail a thruaill tir Israeil le ’n iodhal-aoraidh tamailteach agus le ’n doireachan uaine. Tha cinnt gu leoir aig Eliah an Tishbitheach, ciamar theid an gnothuch cudthromach so ’shocrachadh. Cha ’n eil e ann an aineolas air bith gur e ’n Tighearna a’s Dia ann. Gidheadh, tha e ’gnathachadh meadhonan a chum gu faic treubhan Israeil—a chul-shleamhnuich agus a thuislich o reachdan an Ti a’s ro-airde—air mhodh nach gabh aicheadh no cur air chul: gur ann an slighean mearachdach, mealltach a tha iad fein gu siubhlach ag imeachd. Tha ’n cridhe nadurra peacach easgaidh a thabhairt eisdeachd de bheachdan a tha comh-chordadh ris na faireachduinnean aige fein. Ach is mall ’s is mairnealach a dh’ aomas an cridhe ri nithean a chronuicheas a mhi-bheusan us aingidheachd fein.
CONA.
Mu ’n Fhearann.
’Se tairbeart—amhach fhearainn eadar dà mhòr-roinn, no eadar dà uisge; mar a ta tairbeart Shùeis, (eadarAfrica ’s an Aisia); tairbeart Phanama (eadar dà Ameirica), &c .— ’S e eilean, no innis, no ì, fearann tur-chuairtichte le h-uisge; mar a ta Madagascar, Eigh-innis, Breatuinn, Eirinn, &c .— ’S e doirlinn mìr fearainn nach mòr nach eil ’na eilean; mar a ta Lochluinn, an Eadailt, a’ Ghréig, &c .
’S e srath, cònard glinne. ’S e gleann, fosgladh eadar aonaichean. ’S e làr no ùrlar glinne a shrath. ’S iad a shliosan, taoibh nan sliabh a ta ’togail o ’n t-srath. ’S e sliabh, aonach ìseal leathann. ’S e beinn, monadh àrd. ’S e cruach, meall cruinn air leth. ’S e sgùrr, monadh biorach cas ag éiridh air leth, no cnap binneineach corrach air druim no uchd monaidh eile. ’S e bealach—béum, bearradh sgor no eag ann am monadh. ’S e làirig bealach no slighe eadar dà mhona. ’S e cadha bealach cumhang ri slios no ri bun monaidh. ’S e stùc bruchd atmhor air uchd monaidh, agus á h-aodunn aillteach, cas. ’S e guala, oisin no uilionn monaidh. ’S e srôn, rugha no àird a’ ruith o mhonadh gu srath. ’S e giùirne, foinne no cnap cairgneach air mullach, no air taobh monaidh. ’S e fàireamh iomall no faobhar monaidh mar chìtear e eadar an t-sùil agus an spéur. ’S e coire, fosgladh cruinn leth-lòpanach ann an uchd monaidh. ’S e aillte, creag àrd chorrach chas. ’S e fasadh, cònard fo mhulc fearainn ’s e ’dol ’na rugha mach ’s an uisge. ’S e bàrr, no bràighe, a’ chuid a’s àirde de dhùthaich; agus bun no iochnar a’ chuid a’s isle dhith. ’S e lôm—àite neo-fhasgadhach cònard. ’S e innis, cònard fasgadhach rith fo dhìon coille.
Mìnich féin druim, fireach, mullach, cìrean, glac, feadan, fraigh, réithlean, ruighe, creachunn, doire, coille, frìth, lòn, fàsach, & ., learg, leitir, lurga, goirtean, aonach, uchdach, tom.
Briathra Cairdeil.
Cha mhor a’ chosdas briathra cairdeil. Cha ghabh e uine fhada chum an labhairt. Cha tog iad leus aon chuid air an teangaidh, no air na bilibh, air an turas a stigh do ’n t-saoghal, ni mo an dean iad dochunn sam bith do ’n chorp no do ’n anam. Tha daoine glice ag innseadh dhuinn gu ’m bheil na briathra feargach a ghnathaicheas duine ’n a dhian-chorruich mar chonnadh do lasair na feirge, leis an loisgear ni ’s seirbhe agus ni ’s seirbhe e. Ach, air an lamh eile, bheir briathra tla agus caoimhneil a mach toradh cairdeis agus sithe a reir an gne. Meudaichear caoimhneas le briathraibh caoimhneil, agus sin gu h-ealamh cinnteach. Ni briathra caoimhneil iadsan caoimhneil a dh’ eisdeas riu, gun fhios gun aire dhoibh fein. Marbhaidh briathra fuara muinntir eile le fuachd; losgaidh briathra teth iad, le teas; lotaidh briathra geur iad le lotaibh; nithear garg iad le briathraibh searbh; agus feargach le briathraibh corruich; ach dealbhaidh briathra caoimhneil an iomhaigh fein air anam an duine, agus is maiseach, aluinn, oirdheirc, an iomhaigh e!
S.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar duthcha tha ’nar beachd.
D. A. Mac FHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG—Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear tagraidh. Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.
Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C. B.
Indurated Fibreware
Tha an seòrsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fhiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire.
THE
E. B. EDDY Co
LIMITED
HULL, CANADA.
[Vol . 6. No. 3. p. 8]
An Seillean Agus a’ Chuileag.
LE NIALL MAC LEOID.
Air maduinn chiùin ’s a chéitein thlàth,
Gach doire ’s crann ’us gleann fodh bhlàth,
Bha ’n smeòrach agus eòin nan spéur
Le ’n luinneig bhinn ac’ air gach géig;
Na laoigh ’s na h-uain a’ leum le fonn,
A’ ruagail mu gach preas ’us tom;
’Us braon de ’n driùchd air bhàrr gach feòirn’
A’ dealradh air an cinn mar òr.
Bha cuileag sgiathach fhaoin gun chéill
’G a cluiche fhéin ri blàths na gréin’;
I ’null ’s a nall, i ’sios ’us suas,
Gun dragh, gun chùram, ’us gun ghruaim.
Bha seillean stiallach, ciallach, còir
A’ falbh a chothachadh a lòin,
Ghlaodh a chuileag “ciod e ’n sgeula?”
’S labhair iad mar so ri chéile—
A’ CHUILEAG.
“Nach ann ort tha ’n drip an còmhnuidh?
Fuirich tiota leam ag còmhradh:
Ciod an tairbh’ ’tha dhut ’s a t-saoghal.
Ga do mharbhadh fhéin le saothair?
Bho mhoch gu dubh, bho bheinn gu tràigh,
Cha ’n fhàg thu lus no sòbhrach bhàn,
Cha ’n fhàg thu cluaran, dris no ròs
Nach toir thu greiseag air an deoth’l.
Seall thu mis’ an so cho éibhinn,
’Danns’ an gathan caoin na gréine;
’S cha ’n ’eil mi uair no tràth gun lòn,
Ged nach ’eil mil agam an stòr;
Ma thig am fuachd, ’s an geamhradh gann,
Cha dean mi ullachadh roimh ’n àm—
Thigeadh uair ’us àm na h-éiginn,
Cha ghabh mi dragh dheth gus an fheudar.”
AN SEILLEAN.
“A chreutair aimidich gun ghò,
Gur beag ’tha ’ghliocas an do ghlòir;
Ged ’tha thu ’n diugh ’s do chupan làn.
Cha mhair an saibhreas sin ach geàrr;
Thig doinionn shearbh ’us geamhradh garbh
A bheir do shòlasan air falbh;
Cha ’n fhaigh thu blàths air feadh nan gleann,
Cha tog a’ ghriann ach fann a ceann.
Gach ròs ’tha ’sgeadachadh nam bruach
Bheir reòdhtachd fhuar air falbh an gruag;
Cha chluinn thu smeòrach air gach géig,
Cha ’n fhaic thu uain a’ ruith ’s a’ leum;
Bidh mis’ an sin gu seasgair blàth,
’S a’ bhothan bheag a dhealbh mo làmh;
Cha bhi mi ’n taing aon neach fo ’n ghréin,
A’ sealbhachadh mo shaoithreach fhéin.
Bidh tus’ an sin na d’ dheòiridh truagh,
A’ dol mu ’n cuairt gun dreach gun tuar,
’S tu leis a’ ghort a’ faotainn bhàis,
An tuill ’s an uinneagan an sàs:
Thu air an déiric anns gach àit’,
Gun mhath dhut fhéin, gun tlachd do chàch;
Sin an dòigh a chleachd do shìnnsir,
’S dòigh nach dean an sliochd a dhìobradh.”
A’ CHUILEAG.
“Bu tric do shaothair fhéin gun bhuaidh,
Ged ’tha thu ’n diugh a’ deanamh uaill,
Am bothan beag a dhealbh do làmh,
’S e air a leagadh sios gu làr;
A’ mhil, a choisinn thu gu cruaidh,
A’ falbh a’ dranndan mu gach bruaich,
Aig càch a’ stigh gu h-ait ’g a h-òl,
’Us tusa ’muigh gun taigh, gun lòn
Ach ’s lionmhor iad ’tha dheth do sheòrs’,
’Tha ’deanamh uaill á meud an stòir;
Bho ’n saothair ghoirt chà ghabh iad tàmh,
Ag càrnadh suas gun fhios có dha;
Bu tric do shìnnsir fhéin ri fuaim,
An cuid ’s an ionmhas ’g a thoirt uath’;
Ri rùsgadh ghath ’s a tarruinn lann,
’S an tigh ’g a leagadh sios mu’n ceann.
Ach mheas mi fhéin— ’s e sin mo ghnàths—
Na ’m faighinn idir cosg an tràth,
Gu ’m b’fheàrr dhomh subhachas ’us ceòl
An ùine bheag a bhios mi beò;
No ged a gheibhinn saibhlean làn,
Gun fhois gun sìochaint air an sgàth,
Oir ’s e mo dhòchas ’us mo chréud
Gu ’m faigh gach latha lòn da fhein.”
AN SEILLEAN.
“Ah! ’s duilich leam nach tus’ a h-aon
’Tha beathachadh air plaosgan faoin,
’Tha gabhail fasgaidh fodh gach sgleò,
Le beatha dhiomhanaich mar cheò;
An ùin’ a’ ruith gun mhath gun fheum,
Cha ’n fhàg iad cliù no ainm ’n an déigh,
’S cha d’ thug iad géill do ’n duine ghlic
A dhearbh nach deanar gniomh fodh ’n lic.
Tha mise mar a bha thu ’g ràdh,
Bho mhoch gu dubh, bho bheinn gu tràigh;
Ach ’s iomadh ròs a ni mi ’dheoth’l
Bho ’m bheil a’ mhil an déigh a h-òl;
Gidheadh cha ’n fhàs mo mhisneach fann
A’ saothrachadh bho àm gu àm,
Oir chreid mi riamh— ’s i sin an fhìrinn—
‘Gu ’n tig toradh math á dìchioll.’
Cha robh mi riamh na m’ thróm air càch,
Cha mhò a bhraid uo ghoid mo làmh,
’S cha bhi mo lòn ri m’ bheò an éis,
Ma dh’ fhàgar agam mo chuid fhéin;
Ach ma thig nàmhaid orm gu teann,
Ma spùinneas e mi fhéin ’s mo chlann,
Cha d’ chuir o còmhdach riamh mu ’cheann,
Am fear nach tàrrninn ris mo lann.
’Us beag no mòr g’ am bi ar neart,
Ma ni sinn leis an ni ’tha ceart;
Ar buadhan biodh iad lag no treun,
Ma chuireas sinn iad sin gu feum—
Cha tuig thu mar a dh’ fhàsas càrn,
Le clach a thilgeadh ann an ghnàth,
’S e braonaibh faoin’ a lion an cuan,
Is duslach mìn gach beann mu ’n cuairt.
Dùisg suas, ma ta, ’us tog ort greann,
Bi saothreach fhad ’s a gheibh thu ’n t-àm,
Tha samhradh caomh a’ falbh ’n a dheann,
Tha ’n geamhradh gnù a’ tarruinn teann,
Ma mheallar thu an so le bréig,
Bi cinnteach ’n uair a thig an t-éug,
Gu ’m bi do chliù ’s do dhuais d’ a réir
Bho ’n Ti ’thug beatha do gach cré.”
Thug iad greis mar sin air còmhradh,
Ged nach robh iad tric ag còrdadh,
’Us mar a thachair dhuinn gu léir,
Bha iad car dian ’n am barail fhéin;
Ach le dùrachd gheanail spéiseil
Ghabh iad latha math de chéile,
Dh’ fhalbh an seillean còir ’us srann aig’,
’S theann a’ chuileag fhaoin ri dannsa.
AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leigsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD.
Cuir a dh’ iarraidh sampuill, teisteannais us urrais.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia. —agus— 127 State St, Boston, Mass.
C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
NIALL Mac FHEARGHAIS,
Taillear.
SIDNI - - - - C. B.
$1 .00 air 80c.
Tha tuilleadh ’sa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dh’ airgead. Thig mu ’m bi ’n t-am seachad agus
FAIGH BARGAN.
McDonald Hanrahan & Co.
Sidni, Iulaidh 16, ’97.
J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsa ’s fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B.
title | Issue 3 |
internal date | 1897.0 |
display date | 1897 |
publication date | 1897 |
level | |
reference template | Mac-Talla VI No. 3. %p |
parent text | Volume 6 |