[233]

[Vol . 6. No. 30. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VI. SIDNI, C. B. DI-HAOINE, 21 IANUARAIDH. 1898. No. 30.


Oganach Donn na Bainnse.

SEISD.
Ho- ho-, gun togainn ort fonn,
Gun seinninn, gun seinninn le ceileir neo-throm,
Cha cheil mi dad idir, tha stigh ann am chom
Air òganach donn na bainnse.

Gur bòidheach an duine than Uilleam nam fiadh,
A dhìreas am monadh le ghunna fo dhion,
Le ghloinneachan soilleir ma choinneamh marmhiann,
S gum faiceadh e crioch na Fraing leò.

Ma phòsas tu Lìsi nam miog-shùilean caoin,
Gur mor do thoil-inntinn gu cinnteachsan t-saoghal,
Ni bòidhche na ribhinn do lionaidh le gaol
S gun cuir e gach gaoid air chall ort.

Tha daoine nan cabhaig cur taighe dhuit suas,
Le Seòmraichean gealasam tionail an sluagh,
Cha bhi ceann deth fo éis le gainne aghuail,
S cha bhi sibh air fuachds agheamhradh.


Soirbheachadh agus Malairt Chanada.

Tha sinn cinnteach gu bheil Canadadol a dhfhaotainn cuibhrionn mhoir den airgiod tha na Breatunnaich apaigheadh gach bliadhna ris na Lochlunnaich airson an ìm ghasda, ùr, mhilis a tha iad acur a nuas bhon dùthaich fhuar a tha air taobh mu thuath na Roinn-Eòrpa. Feumaidh iadsan a thadeanamh an ìm ann an Canada, ’bhi fuasach glan, curamach, speisalda, agus air an doigh so chan eil teagamh air bith gu faigh an t-ìm aca aite measail ann am Breatunn. Tha aig na bàtaichean-smuidetha ag imeachd gu dichiollach, cumanta, foirmeil eadar Canadaus Breatunn gach innleachd nuadh, gasda airson ìm, ’us caise, ’us feolaghiulan gu urail, tearuinte, blasda anns an eigh. Faodaidh gach duine an ears an iar ann an Canadabhi cinnteach a nis, gu bheil comas againn air gach ìm, ’us cais, ’us cruineachd, ’us feol a thabhairt thar achuain ann an uine ghearr agus ann an staid ghasda, urail, bhoidheach, mhilis. Bithidh againn ann an uine ghoirid, a reir gach coslais, bàtaichean-smùide tapaidh, deifireach a ghiulaineas malairt Chanada gu sgipidh do mhargaidhean na Roinn-Eòrpa. Aig toiseach na bliadhna ùir mata, tha aobhar againn a bhi dochasachus misneachail, gu bheil amannan as fear na bha againn bho cheann ìomadh bliadhna, ’dol o bhi againn a nis. Gun teagamh tha feum mor aig iomadh duine dichiollach, easguidh, deanadach air amannan maith agus air duais as fearr agus as modha airson gach saothair a tha e deanamh. Tha doilgheas orm a bhi faicinn gu bheil na slochdan guail a tha shios ri taobh na fairge car samhach aig an àm so. Shaoilinn fein gu bitheadh aca daonnan moran obair, agus gu bitheadh feum aca air àireamh mhor dhaoine airson an gual a dheasachadh. Tha muillnean cotain, ’us olainn, ’us paipeir anns abhaile anns am bheil misetuineachadh, agus is gle thrictha mifaicinn guail annta a thainig bho Shidni agus mar so bho shlochdan guail an Rois Bhreatunnaich, no bho Cheap Breatunn. Is e gual bog a tha ri fhaotainn ann an Nobha Scotia. Tha feum aig na Stàitean air moran den ghual so. Is muladach, mata, nach eil margadh gu fadas fhearr anns na Stàitean aig an àm so airson aghuail tha ann am pailteas anabarrach anns gach cearna de Nobha Scotia. Ann an Cuebec agus ann an Ontario tha moran de ghual cruaidh air a thabhairt bho Phennsilbhania. Is ann air an doigh so le gual cruaidh a tha tighean gu bitheanta air an teasachadh ann am bailtean moras beaga Ontarios Cuebeic. Tha oraidean arda, fuaimneachus foghluimte air an liubhairt ann an Canadanis mu dheibhinn malairt shaoir. Tha iadsan a tha riaghladh na dùthcha aig an àm so, le guth ard ag radh gur e malairt shaoir am beannachadh as modhas urrainn do Chanadashealbhachadh anns gach nitha aice ri dheanamh ri rioghachdan an t-saoghail gu leir. Is e gu tric piobairean an aona phuirt a tha anns an luchd-riaghlaidh aig am bheil guth ard, buaireasach as leth malairt shaoir eadar na rioghachdan. Gun teagamh is e gnothuch gasda, ciatach a tha ann am malairt shaor, nan tugadh rioghachdan eile malairt shaor seachad. Tha na Stàideann an coimhearsnaich againne bho aon chuan gu cuan eile thairis air astar fada, fada. Thog iad balla airson malairt Chanadachumail gu buileach a mach mur paigheadh sinn cis eagallach airson ar malairt a thabhairt a stigh do na Stàidean. Tham balla so air fas a nis co ardus co carrachs nach leum na feidh fein thairis air. Caite am bheil an gliocas no an toinisg ann a bhi iarrtuiseach air gach caoimhneasus faoilidheachd a nochdadh do na Stàidean am feadh a tha iadsan gu feineil, ladarna, toileach gach ni as urrainn iad fhaotainn a nasgaidh uainne, ged is en run suidhichte daighneach eagalach a thogail suas a dhion gach ni, ’us obair; ’us innleachd a bhuineas doibh fein no as urrainn doibh fein a ghleusadh agus a dheanamh, agus a chur ann an ordugh bhagrach, fharumach. Tuigidh am balachan as oigethaleughadh MHIC-TALLA gu feud gach duines dùthaich airgiod fhaotainn nochosnadh le meadhon an iomchuidh, ceart, a chums gu bi e comasach slighe onorach a leantuinn agus a chuid fein a phaigheadh agus a thabhairt do gach neach. An uair ann an 1867, a chaidh roinnean Chanada a thogail gus an inbhe urramach a tha iad a nis asealbhachadh ann an rioghachd agus bho ughdarras Chanada; ghabh Canada air a gairdeanan leathunn, reachdmhor, laidir, uadach as fiachan nan roinnean uile. Chost Canada moran airgid cheana ann an oibrean mora, feumail an sud agus an so, ann an sruth chlaisean domhain, gasda, agus ann an rathaidean-iaruinn fada, feumail a dheanamh no a chuideachadh, maille ris an rathaid a thanis a nasgadh Chanada gu h-iomlan bho aon chuan farsuing, luasganach, gu cuan leathunn, sàmhach eile. Tha mar so, riadh trom aig Canada ra phaigheadh a h-uile bliadhna airson nam fiachan mora a tha oirre air sgath nan oibrean foghainteach a rinn i airson an dùthaich fhosgladh suas agus a h-ionmhasan a thabhairt gu solus an t-saoghail.

Tha ceangal dluth, laidir, gradhach, gu nadurranasgadh Bhreatuinn agus Chanada ra cheile. Ged tha sinn astar fada bho Bhreatunn, is e smior nam Breatunnach a tha annainn, agus bithidh sinn gu brath dileas don mhathair urramaich, bhaigheil bhon tainig sinn. Than lathatighinn agus chan eil e fad air thoiseach oirnn, anns an tabhair Breatunn o aoidheachdus cothromna malairtusna margaidhean, duinne ann an Canadas da cloinn anns gach cearna den t-saoghal, nach tabhair i do dhùthaich no do dhaoine air bith eile. Co nach aidich gu bheil sinn airidh air a chaoimhneas so agus air gach aoidheachd eiles urrainn do Bhreatuinn a nochdadh duinn?

CONA.


Tha sinn air litir fhaotainn o rùnair a Chomuinn Ghàidhealaich a tha ann anSouthland ,anNew Zealand, ’se cur a dhiarraidh MHIC-TALLA air son a Chomunn. ’Se so an Comunn as fhaide deas a thair an t-saoghal, agusse acheudChomunna chuir a dhiarraidh MHIC-TALLA. Tha iomadh Comunn Gàidhealach agus Gàilig ann am Breatuinn, an Canada, ’s anns na Stàitean ach cha do chuir aon diubh riamh a dhiarraidh aphaipeir Ghàilig! Am bheil e ceart dhaibh a bhi cho dearmadach sin air cainnt an dùthcha?



[234]

[Vol . 6. No. 30. p. 2]

SGEULACHDAN ARABIANACH.

VII. —SINDBAD AN SEOLADAIR.

CAIB. IV.

Fada roimhe sid chuala mi maraichean ag innseadh naigheachdan mu ghleann nan daoimean, agus mu na h-innleachdan a bha na marsantan acleachdadh gus na daoimein a thoirt as. Ged nach robh micreidsinn nan naigheachdan aig an am, gidheadh tha mi nisg an lan chreidsinn.

Tha na h iolairean abreith air bearradh nan creagan a tha air gach taobh dhen ghleann, agus anns an àm am bi na h-eoin aca, tha na marsantan atilgeadh spoltan de dhfheoil uir sios bhar bearradh nan creag don ghleann. An uair a thuiteas an fheoil air na daoimein, tha moran dhiubh astad innte, agus an uair a tha na h-iolairean a toirt leotha na feola bhar urlar aghlinne do na neadan gus an cuid alaich a bheathachadh tha na marsantangam fuadachadh air falbh gus an toir iad na daoimein as an fheoil. Tha iad adeanamh moran soibhreis air an doigh so.

Ged a bha min duil nach fhaighinn as aghleann gu brath, thuig mi, an uair a chunnaic mi na spoltan feola air an giulan air falbh leis na h iolairean, gur docha gun rachadh agam air faighinn as.

Thoisich mi ri cruinneachadh nan daoimein bu mho a chithinn gus mu dheireadh an do lion mi amhaileid anns an bithinn agiulan mo bhidh. ’Na dheigh sin cheangail mi air mo dhruim am pios feola bu mho a fhuair mi, agus cheangail mimhaileid gu teann, cruaidh ri mo chrios. An sin leig mi mi-fhein air mo bheul fodham air an talamh.

Cha robh mi fadana msh neadh mar so an uair a thainig iolaire mhor, agus thog i leatha an fheoil agus mi-fheinna cruidhean a cheart cho sgiobaltas ged nach biodh aice ach uan, agus dhfhag i mi anns anead aig na h-iseanan.

Ghrad thoisich na marsantan ri glaodhaich gus eagal a chur air na h-iolairean, agus an uair a chuir iad air falbh as na neadan iad, thainig fear dhiubh a dhionnsuidh an nid anns an robh mise. Ghabh e eagal gu leor an uair a chunnaic e mi. Ach an uair a thainig e thuige fhein, an aite faighneachd cia mar a thainig mi don nead, is ann a thoisich e ri triod rium, agus ri radh gur ann a ghoid nan daoimean a thainig mi.

Bidh tu nas modhaile rium,” arsa mise, “an uair a bhios am barrachd eolais agad orm Na cuir an corr dragha ort fhein, tha de dhaoimein agamsa na dhfhoghnas dhuinn le cheile. Tha barrachd agam na thaig na marsantan gu leir. Chaneil acasan ach daoimein bheaga; ach thagh mise na daoimein bu mho a chunnaic mi air urlar aghlinne, agus tha iad agam an so anns amhaileid.” An uair a thuirt mi so ris, dhfheuch mi dha iad.

Anns an t-seanachas dhuinn thainig na marsantan eile far an robh sinn, agus bha ioghnadh gu leor orra an uair a chunnaic iad mi. Ach bha moran a bharrachd ioghnaidh orra an uair a dhinnis mi dhaibh a h-uile car mar a dheirich dhomh. Ged a chuir an doigh a ghabh mi gu faotainn as aghleann ioghnadh orra, bu mho gu mor a bha dhioghnadh orra a chionn mi bhith cho misneachails gun do dhfheuch mi rithe.

Thug iad leotha mi a dhionnsuidh an aite anns an robh iad afuireach, agus an uair dhfhosgail mi amhaileid agus a nochd mi dhaibh na daoimein, thuirt iad nach fhaca iad daoimein riamh cho mor riutha ann an aon aite anns an robh iad. Dhiarr mi air amharsanta dom buineadh an nead anns an dfhag an iolaire mi (oir bha nead aig a h-uile marsanta dha fhein) na thogradh e dhe na daoimein a thoirt leis. Ach cha ghabhadh e ach am fear bu lugha a bhanns amhaileid; agus an uair a bha micoiteach tuilleadh dhiubh air, thuirt e gun robh e riaraichte leis an aon fhear, agus gun robh e smaointean nach ruigeadh e leis a bhithg iarraidh tuilleadh fortain ribheo.

Chuir mi an oidhche seachad comhladh ris na marsantan, agus dhinnis mi dhaibh an dara uair a h-uile car mar a thachair dhomh on a dhfhalbh mi as an taigh.

Bha aoibhneas anabarrach mor orm a chionn gun dfhuair mi as an aite chunnartachs an robh mi. Is gann gun tugainn orm fhein a chreidsinn nach e bruadar a chunnaic mi.

Lean na marsantan air tilgeadh na feola don ghleann fad aireamh laithean, agus an uair a bha iad riaraichte leis na fhuair iad de dhaoimein, rinn iad deiseil gu falbh dhachaidh. Dhfhalbh mise comhladh riutha. Air ar turus chaidh sinn tarsuinn air beanntanan arda anns an robh nathraichean a bha anabarrach mor. Ach gu fortanach cha drinn iad cron sam bith oirnn. Rinn sinn direach air abhaile-puirt a bfhaisge dhuinn. ’Na dheigh sin thainig sinn gu eilean dom bainm Roha. Anns an eilean so tha na craobhan camphoir afas. Tha iad anabarrach mor, agus tha na meanglain asgaoileadh am mach cho fada mor thimchioll orras gun cuireadh iadsgaile air ceud fear. Than sugh air am bheilear adeanamh achamphoir asruthadh am mach as na craobhan an uair a nithear toll anns an rusg aca. An uair a ruitheas an sugh gu leir am mach asda, tha iad aseargadh.

Anns an eilean so tha fiadh-bheathaichean ris an canar rinoceros. Chan eil iad cho mor ri elefant, ach tha iad nas mo nan crodh fiadhaich. Tha aon adhairc afas as an t-sroin aca a tha mu throidh gu leith air fad. An uair a theid an rinoceros a shabaid ris an elefant, tha icur na h-adhairc anns achorp aice agusga grad mharbhadh. Ach an uair a theid fuil agus bloinig na h-elefant ann an suilean na rinoceros, tha icall a fradhairc, agus rud iongantach, than roc atighinn agus tha ig an togail air falbh le cheilena cruidhean gus na h iseanan a bheathachadh. Ach gu sgeul goirid a dheanamh dheth, cha toir mi iomradh air na nithean iongantach eile a chunnaic mi anns an eilean so.

Cheannaich mi bathar anns an eilean so le fear dhe na daoimein a bhagam. Chaidh sinn do dheileanan eile far an drinn sinn malairt mar an ceudna. Agus an deigh dhuinn taghal ann an caochladh bhailtean air tir mor, rainig sinn mu dheireadh Balsora. As a sin thainig mi dhachaidh gu ruige Bagdad.

An uine ghoirid an deigh dhomhtighinn dhachaidh, thug mi deirce do na bochdan, agus bha micaitheamh mo bheatha gu measail cliuiteach mar a thigeadh do dhuine aig an robh saoibhreas mor.

An uair a chuir Sindbad crioch air a naigheachd, thug e ceud bonn oir eile do Hindbad, am portair. Agus thuirt e ris e thighinn an la-iar-na-mhaireach a chum gun cluinneadh e mar a dheirich dha air an treas turus-cuain a ghabh e.

Chaidh na h-aoidhean eile dhachaidh, agus thainig iad air ais an la-iar-na-mhaireach aig an uair ainmichte. Thainig am portair air ais aig acheart uair mar an ceudna, agus is gann gun robh cuimhne aige air an eis agus air na trioblaidean troimh an deachaidh e roimhe sid.

Air an ath latha an uair a chruinnich na h-aoidhean agus am portair, agus a ghabh iad an dinnear, thoisich Sindbad ri innseadh dhaibh a naigheachd mar so:—

Cha robh mi fada,” arsesan, “aig an taigh an uair a dhichuimhnich mi gach cunnart is trioblaid is amhghair troimhn deachaidh mi air an turus mu dheireadh a bha mi air falbh. Bha mi ann an treun no neirt aig an am, agus bhi mifas sgith dhen bheatha shocraich a bha micaitheamh. On a fhuair mi gu sabhailte as gach cunnarts an robh mi air an da thurus a bha mi air falbh, bha mismaointean nach tachradh cunnartan bu mho na iad rium gu brath tuilleadh.

Dhfhalbh mi a Bagdad gu ruige Balsora, agus thug mi leam am bathar bu luachmhoire a bha ri fhaotainn. Thuarasdalaich mi fhein agus marsantan eile long mhor eadrainn, agus an uair a luchdaich sinn i leis gach seorsa bathair, sheol sinn.

Chaidh sinn air turus fada, agus fad iomadh latha bhan soirbheas cho fabharachs a dhiarramaid. Ach thainig stoirm mhor oirnn, agus chaill sgiobair na luinge a chursa. Lean an stoirm fad iomadh latha. Mu dheireadh thainig sinn gu eilean araidh. Dhaithnich an sgiobair an t-eilean, agus cha robh e deonach a dhol a steach don acarsaid idir; ach on a bhan t-side cho fiadhaich, bfheudar dhuinn acrachadh innte. An uair a phaisgeadh na siuil, dhinnis an sgiobair dhuinn, gun robh an t-eilean agus na h-eileanan eile a bha faisge air, lan de dhaoine fiadhaich, agus ged nach robh iad ach beag, gun tugadh iad ionnsuidh air ar beathathoirt dhinn. Agus



[235]

[Vol . 6. No. 30. p. 3]

thuirt e gun robh iad cho lionmhor ris na locuist, agus nach burrainn duinn curnan aghaidh. Thuirt e mar an ceudna, nam marbhamaid fear dhiubh gun eireadh cachnar n-aghaidh, agus gun cuireadh iad gu bas sinn anns amhionaid.

An uair a chuala sinn so, ghabh sinn eagal mor. Ann an uine ghoirid thuig sinn gun robh na dhinnis e dhuinn fior gu leor. Shnamh aireamh mhor dhiubh a dhionnsuidh na luinge. Cha robh iad ach mu dha throigh air airde, agus bha iad comhdaichte le gaosaid ruaidh o bhonn gu bathais. Chuartaich iad an long, agus bha iad abruidhinn ruinn; ach cha robh sinn atuigsinn aon fhacal dhe na bha iad a radh. Shreap iad suas ri cliathach na luinge, agus thainig iad, air bord.

(Ri leantuinn.)


Mu na Seann Ghaidheil.

LEIS AN URR. D. B. BLAIR, D. D., NACH MAIREANN.

VII.

Dhearbh sinn a nis gu soilleir gum be an t-aon sluagh ceudna a bhachomhnuidh an ceann tuath na h-Alba fad mìle bliadhnao làithibh Agricola gu linn Challuim aChinn Mhòir. thrì cheud bliadhna theireadh na Ròmanaich Caledonaich riutha; agus sheachd ceud bliadhna theirteadh Pictich riu leis na Romanaich agus leis na Seanachaidhibh; an déigh sin fhuair iad an t-ainm Scuitich; achn am measg féin be an t-ainm a bha orra daonnan, na Gàidheil, agus bi aGàilig achainnt a bha iad alabhairt riabh

Tha cuid ag ràdh gun do chailleadh an t-seann chànain an uair a fhuair Coinneach Mac Ailpein an rìoghachd, agus gur ann o na Scuitich a sgaoil aGhàilig air feadh na h-Alba; ach cha ghabh so creidsinn, oir tha e soilleir gun robh Gàidheil a chòmhnuidhan ceann deas na h-Alba agusan Eilean Mhanainn, agus mar an ceudna an Eirinn fada mun dthàinig Agricola, no Iulius Caesar, no neach sam bith dhe na Ròmanaich thar aChaoil Bhreatunnaich. Tha Gàilig Mhanainn nas cosmhuil ri Gàilig Albainn na tha i ri Gàilig Eirinn; agus tha so adearbhadh gum be an t-aon sluagh a ghabh còmhnuidh air tùs ann am Manainn agus ann an Albainn. Anns aGhàilig Mhanainnich gheibhear an lide diultannach, no am focal àicheidh Albannach cha, an àite an fhocail àicheidh Ni, no Nior, mar so, “cha rel feeyn aca, ”cosmhuil ris aGhàilig Albannaich, “chaneil fion acaan àite na dòigh Eireannaichni bhuil fion aca.” Their na Manainnich a rithistva mi, ”agus na h-Eireannaichdo bhi mi.” Mar an ceudna their na Manainnich, “cha vel, cha rou, cha bi, ”agus na h-Eirionnaichni bhuil, ni rabh, ni bitheann.” Tha Gàilig Mhanainn mar so nis faisge air Gàilig Albainn agus tha sin afeuchainn gun robh na h-aon Ghàidheil ann am Manainn agus an Albainn o shean. Tha e soilleir mar an ceudna gun robh na Gàidheil an ceann deas na h-Alba anns na linnibh o chian, oir gheibhear mòran de ainmibh nan àitean air an toirt on Ghàilig. Tha cùnntas againn gun robh seilbh aig na Caledonaich agus aig na Pictich air an tìr sin gu deas air caolas na Friù gu ruig achrìoch Shasunnach, agus cha robh na Scuitich riabh a chòmhnuidh an sin. Gidheadh, cha robh sluagh Gàidhealach sam bith afuireach, no Gàiligga labhairt anns an dùthaich sin, on a thàinig Ida rìgh nan Gall Sasunnach, a ghabhail seilbh air an tìrs abhliadhna A.D. 547, còrr us trì cheud deug bliadhna roimhe so. , uime sin, a thug na h-ainmean Gàidhealach air na h-àitean ud mur robh Gàilig aig na Pictich? Tha na h-ainmean Gàilig so cosmhuil ri ainmibh aitean eile far an robh na Pictichnan aonar a chomhnuidh agus far am bheil na Gàidheil, an sliochdsan, a chòmhnuidh gus an an diugh. Ann an Siorramachd Haddington tha sgireachd ris an aoraran Garbh-allt,” air a h-ainmeachadh on t-sruth, no an t-allt a tharuith troimpe, ris an abrar an t-Allt-Garbh. Ciod an dealachadh ann an seadh eadar an t-ainm an Garbh-Allt ann a Haddington, agus an t-Allt-Garbh ann am Braighe Loch abar? Nach Gàilig iad la chéile? Nach tuigear ciod as ciall doibh leis na h-uile mac Gaidheil a chluinneas an t-ainm? Ann am Bràighe Mhàr, am fagus do Bhaile-chaisteil, tha allt ris an abrar an Garbh-allt mar an ceudna. Tha so adearbhadh gum be an sluagh ceudna a bha a chomhnuidh ann a Haddington agus am Bràighe Mhar, gu n do labhair iad an aon chanain, agus gu m bi sin aGhàilig.

Tha baile ann aHaddington ris an abrar Dunbar; tha so aciallachadh Dun, no daingneach, a tha suidhichte air bàrr, no air rugha; agus tha e freagarrach don àite sina tha suidhichte mar sin. Tha àite eilem fagus do Dhùn-eidin, mar leth-mhile bhuaithe, ris an abrar Dail-Righ; ’s tha mòran aiteans aGhàidhealtachd air am bheil an t-ainm so, agus tha e soilleir do neach air bith aig am bheil Gàilig. Tha ainm abhaile Dun-Eidin, anochdadh mar an ceudna gun robh Gàilig air a labhairts an taobh deas aig an àm sin. Thugadh an tir so bho na Pictich le Ida agus na Gaills a bhliadhna 547. Be Edwin no Eidin an ath rìgh a bha air na Gaill an déigh Ida. Thòisich esan air rioghachadhs abhliadhna A.D. 617, agus mharbhadh es abhliadhna 633 le Caldwalla rìgh nan Breatuinneach, agus Penda rìgh Mhercia. Uime sin bann eadar an àm so a thog Edwin suas as ùr agus a chàirich e an seann Dùn a bha aig na Pictich, agus air an robh Dun-Monaidh mar ainm an toiseach, mar a chithear ann an roimh-ràdh Leabhar-Urnuigh Easbuig Charswell (a cheud leabhar a chlò-bhualadh an Gàilig.) O cheann còrr us trì cheud bliadhna chlò-bhualadh eann an Dun-Eidin, dam bu chomh-ainm Dun-Monaidh, an 24mh la den mhìosApril ’s abhliadhna 1567.” Béigin gun tugadh Dun-Eidin mar ainm air abhaile cho fads a bha rìgh Edwin beò, ’se sin roimhn bhliadhna 633, oir an déigh a bhàis cha bhiodh e dualach an t-ainm a thoirt air, do bhrìgh nach biodh e cho soilleir co a rinn an daingneach mun do ghlac na Gaill an t-àite, agus béigin gun dfhuair e an t-ainm so fada mun dthainig Agricola agus na Ròmanaich don tìr, oir bha an earrann sin de Albainn cho làn sluaigh lem bailtibh daingnichte agus gun do ghabh an Ceannard Romanach so bhliadhna aceannsachadh nan Gàidheal a bha gu deas air caolas na Friù agus air Cluaidh. Tha mòran eileanan ann an caolas na Friù ris an abrar Innis, mar tha Innis-cheith, Innis-Challuim, an Innis-Gharbh. Is ainmean Gàilig iad so uile agus tuigear iad leis gach Gàidheal. Agus tha móran àitean eile air readh nan trì Lothianan ris an abrar Inbhear, far am bheil abhainn, no allt, acoinneachadh a chéile agus adol cuideachd, mar tha Inbhear-bhuic, Inbhear-Lìte, Inbhear-uisge, Inbhar-abhuinn, agus mar sin sìos. Ann an siorramachd Linn Lìobhann gheibhear na h-ainmean soillear Gailig so: Acha-nam-bàrd, Baile Bhàird, an Abhoinn, Baile-na-Craoibhe, Creag-nan-Gall, Dail-nam-meann, Druim-beag, Druim-buidhe, Druim-dubh, Druim-loisgte, Druim-millidh, Dun-tairbh, Torr-fhithichean, agus mar sin sìos. Agus an siorramachdaibh Dhunfris, Roxburgh, Ghalloway, agus Shelkirk tha an tìr làn ainmean Gàidhealach, mar tha Sean-chathair, an Carnseilich, Dail-Rìgh, Dun- [ ? ] . Tha so na dhearabhadh gun robh an tìr son uair làn Ghàidheal, agus ged a dhfhalbh an sluagh agus a theirig aGhàilig anns na ceàrnaibh sin, gidheadh dhfhuirich na h-ainmean a thug iad air na h-aitibh gun atharrachadh gus an an diugh. Thugadh na h-ainmean so air na h-àitibh ud ceudan bliadhna mun dthàinig na Ròmanaich do dhAlbainn, o cheann còrr agus mhìle bliadhna roimhe so, agus tuigear iad leis gach Gàidheal acheart cho math agus ged a bann an a dhainmicheadh iad. Mur bu Ghàidheil na Caledonaich agus na Pictich cia mar a burrainn so a bhith.

Tha ni eile a dhearbhas gur h-i aGhàilig a labhair na Pictich; se sin Dàin Oisein. Rinneadh na Dàin so eadar A. D. 207, linn an Impire Severus, agus A D. 276, abhliadhnas an do mharbhadh Oscar mac Oisein le Cairbre Ruadh. Bha so mu thuairim sea ceud bliadhna roimh linn Choinnich Mhic Ailpein, agus nam biodh aGhàilig air a h-atharrachadh an sin rachadh na Dàin air chall, no bhiodh iad air am measgadh le facail Eireannach. Ach chaneil measgadh sam bith annta. A nise mur biodh an sluagh ceudna air fantuinn anns an tìr, ’s alabhairt na cànain cheudna a bha aig an sinnsearaibh, cha tigeadh na Dàin so nuas air chuimhne bho linn gu linn. Dhfheumadh iad a bhi air an aithris o bheul gu beul le daoinibh a bha làn-thuigsinn na cànain anns an do chuireadh ri chéile iad air tùs mum bburrainn so tachairt. Uime sin tha na Gàidheil a chòmhnuidh anns an tìr o linn Oisein, —no ann am briathraibh eilesi aGhàilig a labhair na seann Chaledonaich agus na Pictich.

(Achrioch.)



[236]

[Vol . 6. No. 30. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, . . . $1 .00
Sia miosan, . . . .50
Tri miosan, . . . .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig garn ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,’
Sydney, Cape Breton


SIDNI. 21 IANUARAIDH 1898.

A Amhuinn Dhennis.

Bha side gle bhriagha againn an so gus o chionn ghoirid; dhfhàs i car fuar air an t-seachdain so. Bha Di-màirtna latha gle reòta.

Tha boirionnach a fuireach anns an àite so, bantrach Uilleim Mhic Leòid, a tha ceithir fichead bliadhnasa h-ochd deug a dhaois; theid aice air sniomhs air fighe stocainn a dheanamh, ’s theid aice air snath a chur ann an snathaid bhig. Cha do chuir i speuclair ma sùilean riamh. Rugadh i anns an Eilean Sgiathanach, agus anns a bhliadhna 1839 thainig i mach do Eilean aPhrionnsa, farn do dhfhuirich i àireamh bhliadhaichean mun dthainig i don àite so. Tha i an so riamh uaithe sin gu slàns gu sona.

Tha Uisdean Mathanach, a mhuinntir an àite so, a bha o chionn àireamh bhliadhnaichean ann anColumbiaBhreatunnach, an deigh an t-àite sin fhàgail, ’s ecur roimhe dhol don Chlondaic. Gu ma math a theid leis.

Chaochail Domhnull Mac Gill-fhinnein ann an so air an 29mh latha den mhios sa chaidh. Bha e tinn ùine mhor. Bha e gle mheasail aig na h-eòlaich uile. Is mise do charaid,

AN T-OGANACH.
Ian. 12, 1898.


S Toigh Leis Mac-Talla.

A CHARAID: —Tha mi cur dolair gur n-ionnsuidh air son MAC-TALLA air son na bliadhna so. Tha miga leughadh gach seachdain le mor thoileachadh, gu sònruichte naSgeulachdan Arabianach,” agusMu na Seann Ghàidheil” —agus moran eile. Tha miguidhe soirbheachadh mor agus bliadhna mhath ùr dhuibh. Is mi ur caraid,

ALASDAIR MARTUINN.
Valleyfield, E. P. I.


Feuch nach dean thu dearmad air MAC-TALLA. Cuir a phàigheadh uige gun dàil.


Mu Reul-iuil na h-Airde-tuath.

Than real so furasda chomharachadh, a thaobh nacheil ig atharrachadh a h-àit anns an speur ach ro bheag. Leis mar tha i do ghnàth ra faicinn ghoirid on aon àite, tha ina reul-iùil don mharaiche, gu h-àraidh a mach air achuan. Mun dfhuaradh achòmbaist a mach, cha robh riaghailt stìuraidh a bfhèarr aig amharaiche nan reul so; agus eadhon san àm so, ’nuair a tha na speuran soilleir, feudaidh iad, ann an iomad àite, barrachd earbs a dheanamh aisde na á tarrang-art na combaiste. Tha so gu nadurragar tarruing gu smuaieachadh air maitheas , a tha mar so, le suidheachadh agus gluasad nan reul, a toirt fiosrachadh do dhaoinibh air amannaibh agus air ionadaibh. Innsidh esan a tha eòlach air gluasad nan reul, ann an dùthaich anns nach robh e riamh roimhe, acheart àit anns am bheil e. Is aithne dha am mios, an latha, agus an t-àm don latha, co cinnteachs ged a bhiodh an t-uaireadair a bfheàrr aige, Is furasda so a thuigsinn ma bheachdaicheas sinn gu bheil na reultan ateachd gach oidhche ceithir mionaidean nis luaithe chum an àite dan dthàinig iad an raoir; agus, uaithe sin, gu bheil iad ateachd uair an uaireadair an comhair amhìos nis tràithe. Mar so chi sinn an rionnag a tha sinn afaicinn an nochd aig deich uairean, ma sheasas sinn san àite cheudna mìos on nochd, ’sa cheart aite sin aig ochd uairean; agus gheibh thu an rionnag a tha air amheadhon oidhchen nochd calg dhìreach os ceann, bliadhna on nochd sacheart àite. An so aidicheamaid tròcair chaomh an Tighearna don t-saoghal. ’Se so am feum as suarraiche tha na reultan afreagradh ann an cruthachadh Dhé; gidheadh tha so féinna aobhar taingealachd.


Tha sinn a smaoineachadh gu bheil am MAC-TALLAsan am a tha so gle airidh air a leughadh. Tha na Sgeulachdan Arabianach a toirt toileachaidh do mhoran bho sheachdain gu seachdain. Tha sgriobhaidheanChonalàn de dheagh fhios rachadh, agus tha sinn acluinntinn gu bheil am luchd-gabhailgan leughadh le mor thlachd. Agus tha Eachdraidh nan Caimbeulach a toirt toileachaidh agus fiorrachaidh dhuinn eile. Anns an àireamh so gheibhear oran laghach, “Ann Gille beag aig Da.” A bharrachd orra so uile tha litrichean á caochladh àiteachan, gun iomradh air naigheachdan na seachdain agus nithean eile. Tha sinn air an aobhar sin, dhen bharail gur fhiach MAC-TALLA a leughadh cho math ri phaipeir sam bith a tha tighnn air na criochan.


Tha luchd-riaghlaidh nan Stàitean air a dhol gu mi-chiataibh. Chan fhaod neach a nise dhol a stigh air criochan na dùthcha ma bhios còta no bad sam bith de bhian ròin uime, gun e bhi air a thoirt uaithe. Thug dithis bhoirionnach a mhuinntir Halifacs ionnsuidh air a dhol do na Stàitean o chionn ghoirid; ach bha còta de bhian nan ròn aig gach te dhiubh, agus bfheudar dhaibh tilleadh aig a chrich neo bhiodh iadgan dith!


BATHAR MATH SAOR.

Am bheil Deise, Cota, Cot’ -uachdair, Currachd, Brogan, Rubbers ,no ni sam bith dhen t-seorsa sin a dhith ort? Ma tha ruig
TORMAD DOMHNULLACH.

S ann aige tham bathar as fhearrs as saoire thasa bhaile, agus ma theid thu dhan stor aigaon uair, theid thu ann a rithist.
Na leig so as do Chuimhe.


MacCoinnich & Co.

Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh
ANN AN LOUISBURG,
agus tha sinn aig an àm cheudna acumail air adhart air an t-seann laraich,
ANN AN SIDNI.

Aodaichean Matha dhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.

Theid sinn an urras air an obair.
Mac Coinnich & Co.


H. D. Mac Ille-Mhaoil,
Stewartdale , C. B.
Cloth,Drogaid, agus PlaideachanEureka.”
Mu dheich air fhichead seorsa aodaichga chreic.
Cloimh air a gabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige neo sgriobh uige.


C . H. HARRINGTON & CO.
Flur, Min, Ti agus Siucar dhen t-seorsas fhearr.
Soithichean Glaine agus Creadha, math agus saor.
Brogan, Botainnean, Rubbersagus Caiseart de gach seorsa
GAN CREIC SAOR.



[237]

[Vol . 6. No. 30. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Bha stoirm shneachda ann an raoirsan diugh a rinn e car duilich do dhaoine dhol mun cuairt. Chan eil sinn an dùil gun drinneadh milleadh mor air na ròidean oir cha robh an cathadh gle mhor.

Tha àireamh shoithichean a mhuinntir Cheap Breatunn gu dhol a mach dhionnsuidh na deighe a mharbhadh nan ròn toiseach an ath mhios. Tha iadsan a tha ris an obair so gach toiseach earraich adeanamh gle mhath.

Tha ainmean na muinntir a phaigh o chionn seachdain rim faicinn ann an àit eile. Tha sinn fadanan comain, ach bu mhath leinn gum biodh an àireamh nas motha mar bu chòir i bhith. Tha sinn an dòchas nach eil aon aig am bheil am paipeir mi phàigheadh nach dean sin romh dheireadh a mhios.

Chaidh ceathrar ghillean fheuchainn ann anSpringhill , N. S. ,air an t-seachdain sa chaidh air son iad a thoirt ionnsuidh air fear den companaich a chrochadh. Ge be de eile rinneadh orra fhuair triùir dhiubh deagh ghabhail orra om pàrantan fhéin mun dfhàg iad am priosan. Thugadh mar sin dhaibh leasan nach diochuimhnich iad an ùine gle ghoirid.

Chaidh coig bliadhna fichead dein tigh-obrach a thoirt do Iomhar Gibson, duine dubh ann anKentville , N. S. ,air son e bhristeadh a stigh do stòr anns an àite sin agus naodh dolair fhichead a dhairgead a ghoid. Chan eil ach da bhliadhna on fhuair Gibson as an tigh-obrach roimhe. Fhuaireadh deich dolair dhen airgead air a shiubhalnuair a chaidh a ghlacadh.

Tha Joaquin Miller, bàrd ainmeil nan Stàtein an Iar an deigh baile Dawson, faisg air Clondaic a ruigheachd. Air a thurus chaill e te dhe chluasan agus a dha de mheòirean a chas leis an reothadh, agus rinneadh milleadh eile air a bharrachd air sin. Bha e ann an suidheachadh gle thruaghnuair a rainig e Dawson. Tha Miller thairis an tri fichead bliadhnasa deich a dhaois. Nach treun e do sheann duine.

Tha ùpraid mhor a dhol air adhart ann an Sidni Tuath o chionn beagan ùine air ais a thaobh smuglaidh. O chionn mios no còrr chaidh roinn mhor de stuth làidir a bha air bòrd scithich a thainig a stigh a ghlacadh, agus o chionn beagan us seachdain chaidh an caiptean agus dithis dhen sgioba a chur dhan phriosan. Chuireadh mu dheibhinn dithis a mhuinntir a bhaile chur an greim cuideachd, ach bha fear dhiubh nach gabhadh faotainn. Oidhche Di-haoine sa chaidh fhuair an caiptean teicheadh as aphriosan agus cha dfhuaireadh sgeul air uaithe sin. Cha dthainig crioch air aghnothuch fhathast; thasan ainm gu bheil tuilleadh de mhuinntir a bhaile ri bhi air an cur an greim, agus cuid nach buin don bhaile idir.

Tha pàrlamaid Nobha Scotia ri bhi cruinn air an t-seachdamh latha fichead dhen mhios, Dior-daoin sa tighinn. ’Se so a cheud uair dhi suidhe an deigh an taghaidh, agus tha cead laghail aice suidhe còig bliadhna an deigh a chéile. Fad ceud bliadhna roimhe so, cha robh cead aig pàrlamaid Nobha Scotia suidhe ach ceithir bliadhna an deigh a chéile, ach air a gheamhradh sa chaidh rinneadh achd ùr leis am bheil cead aice suidhe coig bliadhna. Tha a phàrlamaid ur so nas aon-taobhaiche na pàrlamaidsa mhor-roinn so riamh roimhe. Tha ochd buill dheug air fhichead innte agns dhen àireamh sin isliberalscoig deug air fhichead, agus isconservativesa triùir. Faodaidh mar sin am Priomhair agus a phàirtidh deanamh mar a chi iad fhein iomchuidh re nan coig bliadhna tha tighinn, ach tha fhios nach dean iad ni sam bith nach biodh a chum math na dùthcha.

Chaidh fear Micheil Nehiley a mharbhadh ann a Halifacs o chionn beagan us seachdain air ais, le tuiteam ann an toll soithich a bhatar a lionadh. Cha robh e beò ach beagan uairean an deigh dha tuiteam.

Chaochail an t-Onarach Tearlach P. Villiers, fear de bhuill na pàrlamaid Bhreatunnaich o chionn ghoirid ann an Sasuinn. TheirteAthair Tigh nan Cumantachris; bha e na bhall den tigh sin riamh on bhliadhna 1835. Bha e ceithir fichead us sia bliadhndeug a dhaois.

Tha brat math sneachda air an talamh an nise. Shil roinn mhor oidhche Shatharna sa chaidh agus tha na ròidean mar as trice gle mhath, cho math sa thig air agheamhradh se. Tha sinn an dòchas gu mair iad mar sin, agus gu faigh na tuathanaich agus feadhainn eile cothrom air an cuid obrach a dheanamh.

Bhon dhùin an acarsaidsa sguir na bàtaichean a ruith eadar an da bhaile, tha carbad-iaruinn aruith maduinn us feasgar ceithir latha dhen t-seachdain. Bhiodh e moran na bu dheiseile an carbad a bhi ruith sia latha, ach o nach fhaighear sin a chionn nach eil na tursan apàigheadh gu ro mhath, ’s còir do mhuinntir an da bhaile feuchainn ri bhi toilichte.

Bha strith mhor eadar bailtean mora Halifacs agusSt . Johno chionn bliadhna feuch co aca gheibheadh a bhina phort-geamhraidh do Chanada. Chaidh achuis leSt . Johna chionn gum be port bu fhreagarraiche na Halifacs, agus air sàilleabh sin tha malairt mhor adol air adhart troimhn bhaile; tha chuid as motha de na tha falbhsa tighinn de bhatar do Chanadh adol troimhn phort sin.

Bha Mr. Friseal, aon de àrd luchd-dreuchd na cuideachd a tha bruidhinn air obair-iaruinn a chur air adhart ann an so, air beulaobh comhairle na siorrachd Dior-daoin, ag iarraidh a chuideachd a bhiair a saoradh o chisean. Rinn e òraid ghasda, annsn do chuir e fan comhair gach feum a dheanadh an obair-iaruinn dan t-siorrachd. Aig àm sgriobhadh cha drinn a chomhairle fregairt a thoirt da, ach tha e gle choltach gun deanar gach misneachd is urrainnear a thoirt daibh.

Tham bhaile so, agus gach bail eilesa mhor-roinn gu bhi taghadh Ard-bhàillidh agus comhairlichean air Di-màirt acheud latha den ath mhios. A reir coltais chan eil duine gu ruith air son Ard-bhaillìdheachd Shidni ach Mr. Crowe, a thug deagh riarachadh anns an dreuchd sin air a bhliadhna sa chaidh. Air son chomhairlichean, tha dol a ruith anns a cheud earann dhn bhaile, Domhnull M. Currie, agus Iain Poushay; anns an darra h-earrann Tearlach Mac Fhionghain agus Reynolds Harrington; ’s anns an treas earran, Raonull Gillios, agus E. C. Hanrahan.


Iadsan a Phaigh.

Caipt A. I. Moireastan, Port Hawkesbury $4 .00
Caorstaidh B. Domhnullach, Amhuinn Tuath $4 .00
Dughall Domhnullach, Gleann Comhain,
Lachuinn Mac Faidein, Valley Mills.
Aonghas Mathanach, Gut a Tuath.
Domhnull Moireastan, Ceap Nor.
Cassie C. Domhnullach, South Cove.
Eoghann Moireastan, Allt Dubh Mhira.
Bean Neill Mhoireastain, Salem Road.
Iain L. Mac Gilleain, Woodbine ,50c
Eobhann A. Mac Eachairn, am Béighen Ear, 50c.
Iain I. Sutherlan, Kenowgare , N. S.
An t-Urr. R. MacGilleain, Valleyfield , E. P. I. , $2 .00
Alasdair Martuinn, M. P. Valleyfield , E. P. I. ,
S. M. Martuinn, Heatherdale , E. P. I.
Donnachadh Mac Aonghais, Mac Intyre, Ont.
Padruig Cràbhard, Dùbhairt, Ont.
I. L. Lister, Fergus , Ont.50c.
Alasdair Mac Citheagain, Everett , Mass.
Donnachadh Kerr, Mass. $3 .00


BATHAR UR.
Moran de Churaicean Geamhraidh, eadar 10c. us $5 .00.
Brogan matha saor.
Ti mhath mar a babhaist.
Beagan de Cheannachd Thioram.
Olla 25c. an galan; 5 galain air $1 .00.
NIALL DOMHNULLACH,
BADDECK , - - C. B.


J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsas fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B.


BADDECK , - - C. B.
Airson a stor a dheanamh nas deiseiles nas feumaile dhaibhsan a thadeanamh gnothuch ris, tha
Albert I. Hart
anise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha achuid sin den ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am BostonsanNew York.Gheibh iadsan a thig ga h-ionnsuidh an
DEAGH RIARACHADH.
BADDECK , - - C. B.


LEABHRAICHEAN GAILIG.

Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. MacIlliosa 1.10
Gaelic Class Book .35

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte.
Sgriobh gu
J . G. MACKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney, C. B.



[238]

[Vol . 6. No. 30. p. 6]

Eachdraidh nan Caimbeulach.

(Air a leantuinn.)

Tha e air a radh gun robh Duibhne Loch Odhena fhear-sporain aig righ Donnachadh I, agus mar an ceudna aig a mhac, Calum Ceann-mor, araon romh àm aramach Mhic Bheith agus na dheigh; agus mar an ceudna gun do nochd an righ am mor luach a chuir e air a sheirbheis ledheanamh na ridire. An deigh a bhais thainig a mhac fhein dam bainm GILLE-CALUMna àite. Theirte Gille-Calum Mac Duibhne ris. Bha an linn anns an robh e beò lan luasgainus troimhe cheile ann an Alba. Chan urrainn sinn a bhi cinnteach cuin a dheug e. Bha mac aige dam bainm Gillespic. Besan GILLESPIC Mac Ghille-Chalum Mhic Dhuibhne. Bha dithic mhac aig Gillespic, Donnachadh am mac bu shine agus Dughall. ’S ann bho Dhughall so a thainig Caimbeulaich Chreignish a mach. Thainig DONNACHADH a stigh air Loch Odha an àitathar. Bha dithis mhac aig Donnachadh, Dughall a mac bu shine, agus Iomhar. Tha e air a radh gum besan priomh-athair Chloinn Iomhar. Thainig mar sin Cloinn Iomhair agus na Caimbeulaich a mach bhon aon stoc air tus.

Thainig DUGHALL Mac Dhonnachaidh Mhic Ghillespic a stigh air oighreachd athar. Be Dughall so a cheud fhear den fhine a bha air a shloinneadh Caimbalaich, ( ’s ann mar sin a bhan t-ainm air a litreachadh an toiseach). ’Se Dughall Caimbeul a theirte ris, agus is ann air-san a tha na Caimbeulaich air an ainmeachadh bhon àm ud a mach. Bha da mhac aig Dughall Caimbeul, mar robh an corr; Gillespic an t-oighre, agus Eobhann. ’S ann bho Eobhann so a thainig Caimbeulaich Loudan a mach. Bha Gillespic Mac Dhughaill Chaimbeil posda ri Eiric nighinn Tighearna Charric, bhon robh teaghlach aige. Bha esan beò ri linn Alasdair I. agus Alasdair II., righrean Alba.

Nuair dheirich Somhairle II, tighearna nan Eilean, ann an ceannairc an aghaidh an righ anns a bhliadhna 1221, thainig righ Alasdair II. le feachd laidir a nall do Earra-ghael chum peanas a dheanamh air. Ghabh an Domhnullach an ruaig agus theich e do na h-eileanan. Thog an righ aig an àm ud Earra-ghael gu bhi na siorrachd, agus rinn e Gillespic Loch Ódhena shiorram agus shuidhich en dreuchd sin mar dhùthchas, no mar chòir oighrena theaghlach.

Thainig CAILEAN mac Ghillespic gu bhina uachdaran an àite athar fhein. Bha Cailean na dhuine cliùiteachna latha agusna linn. Tha iomradh fathast air mathas agus deagh-bheus an duine so a measg muinntir Earra-ghael. ’S e Cailean Mor a theirte ris. ’S ann uaithe-san a tha Mac Chailean Mhoir air a radh ri Diùc Earra-ghael gus an latha an diugh. Bha Cailean Mor agus Dughallach Lathairn a mach air a cheile. Chuir iad cath fuilteach aig Balach-na-Scringe. Ghabh na Dughallaich an ruaig, ach thuit Cailean Mor anns a bhlàr. Thachair sin anns a bhliadhna 1260. Bha e air adhlacadh an Cille-Chrianain an Loch Odha.

Be NIALL mac Chailean Mhoir aon deFhiughalaich Raibeart Bhrus.” Bha e airidh air an ainm oir bha e air leth dileas don Bhrusach. Sheas ethaobh gu gaisgeil nuair bha moran de mhaithean na dùthcha a gabhail taobh Bhalioil anns an stri a bhann. Bha Niall mac Chailean Mhoir acogadh air taobh a Bhrusaich an aghaidh nan Dughallach agus fineachan eile nach robh cairdeil ris an righ. ’S ann an Dail-an-righ, am Peirt, a spian an Dughallach am braist dheth uchd a Bhrusaich. Tham braist aig na Dughallaich fathast achnuair fhuair am Brusach thun na cathrach chaill am fear a rinn an gniomh gaisgeil so a chuid fearainn. Be Niall mac Chailean, aon de na Barain a shuidh am pàrlamaid Ara an 1314, far an robh achd deanta leis an robh an crùn air a shuidheachadh air Raibeart Brus agus air a shliochdna dheigh. Mar chomharradh air a dheadh rùn do Niall thug an righ dha a phiuthar, Bain-tighearnaMarjoriBrus, mar mhnaoi.

(Ri leantuinn.)


A Eilean aPhrionnsa.

FHIR-DEASACHAIDH CHOIR, —Chi mi air toiseach a MHIC-TALLA, “An ni nach cluinn min diugh chan aithris mi màireach.” Ach ged tha, rud a chluinneas en diugh aithrisidh e màireach. Chan eil math a bhi tuireadh air a mhi-sgoinn, ach bu chòir an dolair seo a bhi agaibh leth-bhliadhna roìmhe seo.

Nis, tha cuimhnagaibh gun do ghuidhIaincòir oirnn, ’na litir mu dheireadhsa MHAC-TALLA, sinn a thoirt cùnntas dhoibh air cor air càirdeanna Gaidheil anns an dùthaich seo. Chan eil sin gle shoirbh a dheanamh anns aMHAC-TALLA; ach nam biodh agamsa air cùl mo laimhe na dheanadh an gnothach, be mo mhiann a bhi thallnam measg fad bliadhna, ’s chan eil eadar Maol Chinntire agus Loch-na-madadh, duine aig a bheil cairdean an so, nach innsinn dhoibh umpa.

Chan eil coill gun a crianach.” Ach mar shluagh, tha na Gàidheil an seo, mar a bha, mar a tha, ’sa bhitheas, anns ah-uile linns anns gach cearna dhethn t-saoghal anns a bheil iad, measail, firinneach, onorach, ’nan aobhar uaill don dùthaich agus do na daoine on dthanaig iad. Sin agaibh edhaon fhacal. Tha cuid dhiu bochds cuid beairteach, ach docha nach en dream a tha beairteach as toilichte; “Tha smùdan fein á ceann gach fòid.”

Seo an la mu dheireadh dhen bhliadhna, ’s cha do thuit fhathast de shneachda na chòmhdaich an asbhuain. Bha an geamhradh gle bhriagha gus a nis, ach bfhearr linne barrachd sneachda bhi againn, oir tha moran obrachga dheanamh air an eilean seosa gheamhradh, mar tha tarruing chonnaidh, agus a toirt moran de gach seòrsa fiodha dhionnsuidh mhuillean, cuidga chreic, us cuid eilega shàbhadh air son am feum fhéin.

Thuirt mi gu bheil cuid dhiubh bochd, ach cha mhor gu bheil duine air an dùthaich an seo gun tighus fearann saor á grunnd. Ach thuit prisean a h-uile seòrsa barra, seach mar a bha iad fichead bliadhnair ais; tha sinnar n-aghaidh. Thuit mar an ceudna, pris nan each, air chors nach pàigh e bhigan togail. Ach tha daoine nise cumail barrachd cruidh. Tha moran factoridhean imes chaise air an eilean, a tha ceannach a bhainnega tharraing o na geatachan. Tha egam pàigheadh nis fhearr na bhig obair leis a lonaid. Ceannaichaidh duine le dolair barrachd mor an diugh dheth na h-uile ni bhios feumail dha, (ach tombacaus stuth-làidir), na dheanadh e fichead bliadhnair ais, ’s mar sin chan eil aobhar againn a bhi seinnIorram-na-truaighe.”

Tha suas ri da cheud taigh anns asgire seo, ’s gun taigh Goill na measg ach a ceithir, aguss i mo bheachd nach eil deichnear dhiubhgabhail a MHIC-TALLA. Ud! Ud! na innseadh Gall a Ghàidheal e. Chan eil coire sam bith agamsa air na Gàidheil, ach an dimeas a tha pairt dhiudeanamh air a Ghàilig. Bu chòir gum biodh iad cho dichiollachs a bhan t-Eirionnach a bhagabhail an aisig air soitheach ann a stoirm. Bha i laidhe air a taobh-mor. Chual e fear a glaodhaich: “Helm hard to lee! ” ’s e thuirt Padruig: “Helm na truaighe!” mur cuir thu do ghuala ris a mhaide-sa, bithidh i thairis!” Cuireamaid ar guala ris a MHAC-TALLA! Na Gàidheil as àirde inbhe an, seos iad as measaile air a Ghàilig. Tha seachdnar mhinistearanga searmonachadh air an eilean.

Chan urrainn mi moran coire chur air an oigridh ged nach biodh Gàilig aca. Ach luchd nan ceann liatha, ’mablaich Beurla, gun fhios carson! Choinnich D, agus A, ’s thuirt D, “Me think shell be gointo make water! ” ’s thuirt A, “U yes! the almanac shell be say, ‘big rain the morrow!’ ”

S ann a thoill iad le chéile bogadh crochaidh; iadsan abruidhinn Beurlas gun i idir aca. An Gàidheal a ni dimeas air a Ghàilig, cha chreid mi gu robh meas aig air a mhàthair, a thàlaidh e le ceòl binn na Gàilig. Mar a thuirt am bàrd coir:—

A chanain ghrinn thu, bhinn-chiuil bhileanta,
A chanain uasal tha duanach, luinneagach,
Achainnt thig suas riut, cha chuals cha chluinnear i,
Chan fhaighs cha dfhuaradh air cuairt na cruinne i.”

Slan leibh. Is mi ur caraid dileas,
MURCHADH CAM.
Bailan Tobair, E. P. I.



[239]

[Vol . 6. No. 30. p. 7]

Litir a Ontario.

FHIR-DEASACHAIDH,— ’Se so an oidhche mu dheireadh don bhliadhna 1897, agus tha gaoth a seideadh mor gum biodh cabhag mhor oirre air son an t-seann bhliadhna a sguabadh air falbh as an t-sealladh agus a cur ris an àireamh mhor a chaidh seachad anns na linntean a dhfhalbh. ’Nuair a dhamhairceas sinn air ais, agus a smaointicheas sinn air na chaidh seachad de bhliadhnaichean on thainig sinn a stigh don t-saoghail so, cia lion bliadhna ùr a chunnaic moran againn a tighinn a stigh, agusse gnothuch cinnteach a thann gun deachaidh an àireamh as mo der bliadhnaichean seachad. ’S iomadh cuimhne thursach, throm a bheir a bhliadhna ùr do mhoran a bha bliadhna gus a nochd gu cridheil, sunndach a deanamh furain ri càirdean dileas a thainig dhachaidh air son a bhith aig bòrd cuirme air la na bliadhnuire, ach a nis air la na bliadhna ùr so, ’s iomadh suidheachan falamh a gheibheir ann a moran de theaghlaichean. An t athair a bhiodhna shuidhe aig ceann a bhùird tha àite an diugh falamh. A mhàthair a bha frithealadh aig ceann eile bhùird da cloinn dleasanach, tha h-àite-se falamh mar an ceudna. Agus an uair a thig am mac non nighean dhachaidh a dhionnsaidh an t-seann taighe, chan fhaic iad e ach mar crannaibh ruisgte oir dhfhalbh a mhuinntir a bhair stiùir a dhionnsaidh na dachaidh bhuan; agus chan ioghnadh e ged a their a mac non nighean, “Ciod e an dachaidh gun mhàthair, gun athair innte? Chan eil innte ach dachaidh fhuar, coma gu de cho mathsa tha i.”

Than t-side gu math stoirmeil o cheann seachdain air ais. Tha sneachda gu leòr againn a nis, agus cha mhor nach feud mi radh gu bheil tuilleadhsa chòir ann; tha h-uile duine trang a deanamh a ghnothaich fhein, agusse duine gle mhath air a dhoigh a theid aige air sin a dheanamh. Tha moran acoimhead air son dreuchd fhaotainnsan taghadh air Di-luain sa tighinn, ach ged a ruitheas moransa réis chan fhaigh ach beagan an duais.

Chunnaic mi an la roimhe gille òg, Lachuinn Mac Gilleain, mac Ailein Bhain, anns a bhaile so. Thainig e á Dakota o cheann seachdain. Bha eg innseadh dhomh gun robh e gle eòlach airGilleasbuig Ruadh,” a bhios asgriobhadh á Dakota dhionnsaidh a MHIC-TALLA. Tha sinn an dòchas gu faic sinn ann an ùine gun bhi fada litir mhor o pheann Ghileasbuig choir, oir tha e gle mhath air cur an òrdugh litricheansa Ghàilig.

Bha cruinneachadh mor anns an eaglais chléirich an oidhche roimhe, co-cheangailte ais an sgoil Shàbaid. Bha moran a mach, sean agus òg, agus bha oidhche gle shùnndach air a cur seachad. Bha ceannard na sgoile, Domhnull Mac Mhuraich, ’sa chathair, agusnam biodh e air iarraidh air, rachadh aige air òraid a thoirt seachad ann an Gàilig gle mhath, ged nach eil ann ach gille òg fhathast. Chaidh leth-cheud dolair a chur cruinn an oidhche sin air son na sgoile Sàbaid. Cha dfhuair sinn ministersan eaglais chléirich an so fhathast; tha gu leor a tighinn air son an dearbhadh air son na dreuchd, ach cha deach aon a thaghadh fhathast.

Tha cuid de ma gillean òga, (agus sean cuideachd), abruidhinn air a dhol don Chlondaicsan earrach sa tighinn. Achs math gach cùnnradh fad fo laimh. ’S tha iomadh sleamhnachadh eadar an cup agus am beul. Cha do dhfhalbh iad fhathast.

On thoisich mi air sgriobhadh, thainig crioch air an t-seann bhliadhna, agusnuair bha mi an so leam féin, (oir chaidh cach a chadal). ’s iomadh smaoin a thainig ann am cheann, ’nuair bha mi mar gum bithinn a faire na bliadhna a bàsachadhsmaointean nach urrainn duine thuigsinn ach aon a tha co-fhaireachdain aca gu de iad. Tha mi a nis a dol a sgur, a guidhe bliadhna mhath ùr don MHAC-TALLA agus da luchd-leughaidh uile, agus moran diubh. Slan leat a nochd, gus an cluinn thu bhuam a rithist.

Is mi do charaid,
IAIN MAC ILLEASBUIG.
Priceville , Ont. ,Ian. 1, 1898.


Gruagach is Aithne Dhomh.

SEISD.
O, seinneam mo dhuanag,
Do ghruagach is aithne dhomh,
Tha tàmh aig an àm so,
Air Galltachd nam machraichean.
Is geug i gun bheud, thug
Mi spéis a chionn tamull di;
Is blàth i gun fhàilinn
Si h-àile chuir dalladh orm.

Sùilean is caomhaile,
Aodann is tlachdmhoire;
Deise is dreachmhoire,
Pearsa is maisiche;
Inntinn is turaile,
Giulan is taitniche;
S tha tlàthasn a làthaireachd
Thàlaidheas manam rith’.

Mar bhàta gun stiuir
Bha mo chursa dol carach orm,
N uair dhearrs orm an euchdag
Mar reul-iuil don mharaiche,
No gealach mi h-oidhche
Chur soillsair mo rathad-sa
S i fhein mo cheann uidhe
Nam burrainn domh amais air.

S blàth leam mo dhuthaich,
S mo run air bhi tathaich innt’;
S caomh leam na daoine;
Na teaghlaichs na dachaidhean;
S binn leam a Ghàidhlig,
S i chànain is blasda leam;
Achs annsleam an òigh
A than còmhnuidhn am aire-sa.

Ghuidhinn di slàinte
Us àgh fhads is maireann i;
Ghuidhinn di sòlas
Gun bhròn no gun smalan oirr;
S ma tha e an dàn domh
A gràdh gun bhi agam-sa,
Is leòir dhomh den t-saoghal
I daonnan bhi rathail ann.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear Tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.


Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.


D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C. B.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIGOs cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.


Indurated Fibreware

Tha an seorsa so nas daoire na na bucaidean cumanta, achs math is fhiach iad sin; tha iad nas buaine, agus mar sinsiad as saoire.

THE
E. B. EDDY, Co.,
LIMITED,
HULL, CANADA.



[240]

[Vol . 6. No. 30. p. 8]

An Gille Beag aig Da.

LUINNEAG.

roille bhig mo rùin,
Ille bhigtha air mo ghlùin,
roille bhig mo rùin.
Mo dhùrachd thu bhith sona dheth.

So an gille beag aig da,
Gille beag a chridhe bhlàith;
S grian thu dhuinn a dhoidhch’ ’s a ,
A toirt dhuinn slàintis toileachaidh.

Tha thu math air dùsgadh tràth.
S air cur lunndairean o phramh:
Ged bhios Clos! no Uist! garadh,
Cha nochd thu bàigh dam monaiseachd.

Mun dig gath o shùil na gréin
S mun dig ian a sheinn air géig,
Bidh tu deas gu dhol nad leum
Ri tobair fhein gu toinisgeil.

Bheir thu chathair bheag air chluais
Chum a bhuird gu sunndach luath;
Streapaidh tu gu treun a suas,
S gach lamh mun cuairt toirt cothrom dhuil

Cluinnidh sinn o dbhilibh binn’,
Thoir dhomh aran, thoir dhomh ìm,
Thoir dhomh bainne, thoir dhomh :
Cha leigear ni a dholaidh leat.

S tu nach gearain air cion càil,
Ged bhiodh tràth againn air tràth,
Bhiodh tu deas gu dhol nadhàil,
Le dsgéin, le dspàin, ’s le dchorragan.

Tha thu tapaidh, tha thu luath,
Theid thu sios is theid thu suas,
Gheibh thu dhomh gach ni bhios bhuam,
S chan iarrar duais no moladh leat.

S gasda rannsaicheas tu cùil;
Cha bhi ni nach faic do shùil,
Prine cam no bucall ùr,
S bheir thu le sunnd mur coinneamh iad!

Tha thu math air spaideadh guail
Air an teine latha fuar;
S ged bhios beagan doch mu dghruaidh,
Cha chuir sin gruaim no dorran ort.

S tric tha cur an uird gu feum;
S grinn a bhuaileas tu leis spéic;
S bheir thu ceol gu seolta, gleusd’,
A taobhan réidh a choire leis.

S math an ceann thu do na cait;
Bheir thu dhaibh gach ni gu pailt;
Is ma theid iad gu mi-thlachd,
Bheir thu le sgaile an conns asd’.

S beag den uaill a tha dhuit dluth;
Bfhearr leat a bhith muigh le dchù,
Am measg shliseagan is smùir
Na bhith an cùirt fir dhollarach.

Bidh tum machsa staigh le srann;
Greis nar sealladh, ’s greis air chall,
Greis gun fhacal a do cheann.
S greis eilan geall air conaltradh.

Bidh tugàireachdaich an dràsd;
Gheibh thu leagadhs cluinnear ràn;
An ceann tiotaidh bidh tu slàn,
S tu dol an sas am bonnachan.

Ged nach cum thu glan do dhuirn,
Taodach, no do bhoineid ùir
Cha doir sin thu gu mi-chliu,
Fhads nach bi dùrachd donagad.

Ged nach tuig mi iad gu léir,
S binne leam na ceol nan teud
Tfhacail bheaga, bhlasda, réidh,
S tug innse sgeil air choir-eiginn.

S e mo ghuidhthu dhfhàs a suas,
Fiamh na slàintbhithghnath nad ghruaidh,
Tùr a bhith nad cheann le buaidh,
S tu bhith nad ghluasad coimhlionta.


An àitille freagraidh Iain, Uilleim, Thearlaich, Dhomhnuill, Sheorais, no ainm goirid sam bith. An àite da freagraidh pa no ma. Airson fonn ni. “A ho ro, mo nighean donn,” noIrinn àrin u ho roan gnothach.

GLEANN-A- BHAIRD.
Ianuaraidh 8, 1898.


Tuath Dhruim-Albainn.

O a rìgh nach seinneadh dàn,
Do àireamh eireachdail de Ghaidheil,
Is ceartas caomh ag eigheach gach
Seinnibh fàiltdo Thuath Dhruim Albainn
Tha firinn onair agus bàigh,
Mar thrusgan àillidh orra ghnath,
Geds mor am facal e ri ràdh,
Chaneil cho sàr an Albainn.

SEISD.
Tha luaith teas ghràdh is caidridh,
Cuir fallaineachdnam fheòil;
Than ioraslachdsan t-siobhalt, ud,
Cuir iomhaidh thar a chorr
Ged is mor am facals fiòr an ràdh,
A dhinnsinn dhiubh gun sgleò,
Is mathair foghlum sìth,
Dhruim Albainn.

Sa Chrianlarich a chunnaic mi
An Comunn Ghaidheil as airde prìs,
Luchd abhreacain, ’chleachd na frithean,
Do Dhiarmaid righrean Albainn.
An Stiubhairteach a Tigh-an Duin,
Triathsgriobh eachdraidh mur dùthaich.
Le aireamh taobhte do luchd-ciuil
Cur sunnd air sluagh Dhruim Albainn.

Oighean flathail a Cill-Fhinn
A seinn ceol mor le torman binn
Gu milis tiamhaidh rian siol-Fhinn
S chan eilshan linndheibh cearb orra:
Mac Fhearchair mor le buaidhean ard
Le bhogha brisgeadh theud air clar,
A ciogal ciuil le lugh na lamh,
S gach meur gum barr mil-armte.

Clan an Leisdear, gum bu dual
Fo chlogad seirc cur casg air fuadh,
Ochdarthir than iuchairs uaisle
A dhfhuasgladh glasan teanndachd;
Am bochds an coigreach le cheil,
A faighinn fasgadhs blas fon sgeith.
Fo itean iochd troimh ghliocas neimh
Tha iad mar reul gun samhladh.

Cha chuala cluas, ’s cha luaidh le beul,
Ach beag do luach nan laoch threun,
Mar ghne theinos cionn nan result
Thug blass fior-bheus dhaibh calmachd,
An seircs an caomhachd dlùth,
Co math don duine bochds do dhiùc,
Nis shruthas uisgda thaobh a chùirn
Bi cliu aig tuath Dhruim Albainn.


AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leigsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD.
Cuir a dhiarraidh sampuill, teisteannais us urrais.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia. —agus—127 State St Boston, Mass.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar duthcha thanar beachd


NIALL Mac FHEARGHAIS,
TAILLEAR.
SIDNI - - - C. B


$1 .00 air 80c.
Tha tuilleadhsa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dhairgead. Thig mum bin t-am seachad agus
FAIGH BARGAN.
McDonald Hanrahan & Co.
Sidni, Iulaidh 16, ’97.


CAIT AM FAIGH MI?
Saibh, Glasan, Luaidhe, Sgeinein, Lainntearan, Sguabaichean, Paipear-tearra, Paipear-tubhaidh.
Olla, Fudar, Glaine, Siosaran, Tairnean, Bucaidean, Tuaghannan.
GHEIBH AIG
C . P. MOORE,
Sidni, C. B.

titleIssue 30
internal date1898.0
display date1898
publication date1898
level
reference template

Mac-Talla VI No. 30. %p

parent textVolume 6
<< please select a word
<< please select a page