[241]

[Vol . 6. No. 31. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH, CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE 28 IANUARAIDH, 1898. No. 31.


Eachdraidh nan Caimbeulach.

(Air a leantuinn.)

Nuair a phòs Niall mac Chailein Mhoir piuthar an righ, fhuair e stiallan mora fearainn leatha. Bha fearann gu leor aig righ Brus aig an àm ud, oir chaill moran de na cinn-fheadhna an cuid den t-saoghalnuair chaidh a chuis an aghaidh Bhalioil. Bhuineadh an cuid-san fearainn don chrun, ’s dhfhaodadh an righ a thoirt don neach a bàill leis. Thug e togail anabarrach do theaghlach Loch Odha gun dthainig iad gu bhin dluth dhaimh ris an teaghlach rioghail. Dhfhas iad ann an cumhachd agus ann am beartas.

Bha dithis mhac aig Sir Niall bho Mharjori Brus, Cailean Og, an t-oighre, agus Iain Caimbeul na Moulein. Bhuilich righ Daibhidh II. an tiodal Iarla Athol air Iain so, ach a thaobh nach dfhàg e sliochd chaidh an tiodal bàs leis fein. An deigh bàs Marjori phòs Sir Niall ban-Chamronach, nighean Iain Lochiall, bhon robh mac aige dam bainm Donnacha. ’S ann uaithe-san a shiolaich na Caimbeulaich ris an cainte Cloinn Dhonnachaidh, dom bu duthchas Inbhar-Odha Lerago agus Southall.

Thainig SIR CAILEAN OG a stigh an àitathar. Bha esan na oifigeach airm a bha ainmeil na latha fhéin, air son a churantais. Chaidh e null adhEirinn maille ri Eideard Brus air ceann feachd anns a bhliadhna 1316. Be Eideard so bràthair Raibeart Brus, agus be mar sin Sir Cailean mac a pheathar. Chaidh Eideard Brus a null le 6,000 saighdear an duil na Sasunnaich fhuadach a mach agus e fhéin a bhi na righ air Eirinn. Chaidh a chrunadh an Carraig-fhearghais; ach da bhliadhna an deigh sin thuit e ann am batal ris na Sasunnaich. Fhuair Sir Cailean, mar dhuais air son a ghaisge anns a chogadh ud, coir air moran fearainn an Earraghael. An deigh bàis righ Raibeart an 1329, sheas Sir Cailean gu dileas taobh a mhic, righ Daibhidh II., nach robh ach na bhalachan beag, sia bliadhnadhaois, ’nuair chaochailathair. Thug Eideard II., righ Shasuinn, ionnsuidh air Eideard Baliol a dheanamhna righ air Alba, ach sheas Sir Cailean maille ri cinn-fheadhna eile gu treun taobh an righ òig. Thog e 400 saighdear an Earraghael gu cuideachadh leis. Leis an Sheachd so thug e daighneach Dhunoon bho na Sasunnaich. Mar dhuais, fhuair e bhon righ a bhi na uachdaran air a Chaisteal sin, agus buinidh an tiodal sin do theaghlach Earraghael gus an lathan diugh. Bha Sir Cailean pòsda ri Eilidh, bean-uasal de theaghlach Lenocs, bhon robh triuir mhac agus aon nighean aige, Gilleasbuig, an t-oighre, Sir Dughall agus Sir Iain. Tha e air a radh mar an ceudna, gun robh mac diolain aige dom bainm Niall, bhon dthainig Caimbeulaich Shuccoth a mach. Ghabh Dughall, an dara mac, taobh Bhalioil, agusse dhéirich dha air saileabh sin gun do chaill e chuid fearainn gu h-iomlan. Chaochail Sir Cailean anns a bhliadhna 1340.

Bha SIR GILLEASBUIG, mar bhaathair dileas do righ Daibhidh. Chainte Gilleasbuig Mor mar ainm ris le a chinneadh fhéin. Thug an righ dha mar dhuais air son a dhilseachd, mirean mora fearainn de na chaill a bhràthair Dughall le bhi air taobh Bhalioil. Bha Gilleasbuig pòsda ri nighean Sir Iain Lamond. Bha dithis mhac aige, agus aon nighean, Cailean, an t-oighre, agus Donnacha Sceodainish, bhon dthainig Caimbeulaich Ghlinn-faochain. Bha Eilidh, nighean ShirIlleasbuig, pòsda aig Iain Domhnullach, Iarla Rois, agus be a mac-se, Aonghas mac Iain mhic Dhomhnuill, a bu cheann-cinnidh nan Domhnullach na latha féin. An deigh bàs a ceud chompanaich phos i Iarla Lenocs bhon robh teaghlach mor aice. Chaochail Gilleasbuig da bhliadhnan deigh bàs righ Daibhidh, anns a bhliadhna 1372.

Thainig SIR CAILEAN, am mac bu shine, thun na h-oighreachd an àitathar. Theirte Cailean Iongantach ris air son cho fortanachsa bha e anns gach ni anns an cuireadh e a làmh. Dhfheuch muinntir Innis-Sceodainish ri cur as da, air son gum faigheadh a bhràthair Donnacha an oighreachd, oir bha Donnacha air àrachnam measg féin. Chuir iad teine ri tigh annsn do chaidil e aon oidhche. Dhuisg teas na luithreich iaruinn a bha uime e. Bha gach dorus duinte air, ach shreap e suas ris a bhalla agus fhuair e mach tren tubhadhs leum e do linne uisge a bha aig laimh. Theirear Linne-na-Luithreich ris an linne sin fathast. Chuir ONeil, ceann-feadhna mor Eireannach, agus aig, an robh càirdeas ris na Caimbeulaich, fios gun robh e dol a dhfhaicinn Sir Cailean gu Loch Odha. Cha robh Caisteal Loch Odha mar bu mhiann le Cailean, agusse rud a bhann gun do chuir e ri theine e, mar gum bann le tuiteamas, gus nach biodh fios aig ONeil nach robh Caisteal ni bfhearr na sud aig Mac Cailean Mor. ’Nuair thainig an t-uasal Eireannach thug e aoidheachd dha ann am buthan leis gach greadhnachas agus fleaghachas a burrainn da. Bha Sir Cailean fior dhileas don righ, (Raibeart II. ), agus bha mor earbsa aig an righ as. Bha moran de na fineachan Gàidhealach aig an àm ud gu math draghail don righ le bhi ag éiridh an ceannaircna aghaidh. Bha Sir Caileanna mhor chòmhnadh da ann a bhi gan cumail sud fo smachd. Dhfhag sin fuath nach bu bheag am measg na fineachan ud do Shir Cailein, agus do a shliochdna dheigh. Mar bu trice, anns gach tuasaid, bha na Caimbeulaich a gabhail taobh a chrun, agus mar sin bha e tachairt gu bitheanta gur en taobh air an robh iad a bha buadhachadh; ’s le bhi buadhachadh bha iad afàs ann an cumhachd, agus mar a bha an cumhachd afàs bha fineachan eile a bhiodh gu tric acogadh riuthagam fuathachadh. Agus chan eil teagamh anns an obair fhuilteach a bhann nach robh iomadh ni deante taobh air thaobh a bha fuath-thoillteannach.

(Ri leantuinn.)


A Alba.

A DHEAGH CHARAID:— ’S fhad on bu chòir dhomh sgriobhadh gur n-ionnsaidh. Cha be cion toil a bhorm idir, achs minig a thachair do chuid a dhaoine a bhiodh air an cuir man cuairt gu mor le cùisean an t-saoghail, nach burrainn dhaibh gach ni bhiodh feumail dhaibh a dhianamh còmhla. Chaneil teagamh nach e rud-eigin coltach ris a sin a dhéirich dhòmhsa; bhiodh rud air-choir-eigin agam ri dhianamh an uair a smaointichinn air sgriobhadh gar n-ionnsaidh; ’se sin a chuir dail cho fad ann. Tha min dòchas gun gabh sibh mo leisgeul. ’S còr dhuinn a bhin comain MHIC-TALLA air son cho dìleas agus cho seasrach sa tha e air son a Ghàidhlig a chumail suas. Tha e coltach gum biodh meas aig gach fior Ghàidheal air cainnt a mhathar agus a dhùthcha, agus gun dianadh e h-uile h-oidhirp a burrainn dha air son a cumail an cleachdadh. Tha ena aobhar toilichidh agus na thoil-ìnntinn do gach duine, gu leughadh e càinain

(Air a leantuinn air taobh 244.)



[242]

[Vol . 6. No. 31. p. 2]

Soirbheachadh agus Malairt Chanada.

Tha tuathanaich na duthcha an ears an iar gle thoilichte gu robh iad co fabharach an uiridh leis gach ìmus caiserinn iad. Tha daoine foghluimtedol air feadh na duthchas ag innseadh cia mar is fhearr as urrainn do na tuathanaich ìmus caisedheanamh, a bhitheas taitneach do na Breatunnaich, agus a gheibh pris mhor, mhaith ann am margadh leathunn an t-saoghail. Ged tha iad deigheil air a bhideanamh gearainus monmhuir, tha iad lan de dhochasus de dhealas aig toiseach na bliadhna so, oir tha iad cinnteach gu faigh iad cuibhrionn nis modha na fhuair iad riamh den ìmus den chaisetha air an cur gu feum ann an Sasunn agus ann an Albainn. Tha air an aobhar so, tuathanaich Chanadatoirt aire ghasda do na ba Gallda anns agheamhradh, agus mar sonuair thig an t-earrach agus an ionaltradh ur, milis, bheir na ba seachad moran bainne brioghmhor, fallain, agus theid ìm glan, milis, agus caise laidir, blasdaghiulan thar a chuain air doigh nis fhearr, agus ann am meud as modha na thachair riamh roimhe.

Is maith a tha fios agam gu bheil maraichean lamhach, eolach Nobha Scotia agus nan roinnean eiletha ri taobh na fairgedeanamh seirbhis mhaith agus tharbhach do na Staidean anns gach samhradh. Is tric a chuir mi eolas ann an acarsaid Phortland, air ceatharnaich ghasda Ghaidhealach a bhuineadh do Chanada, ’s a bhafaotainn tuarasdail airson an seirbheiss an seoladaireachd bho na Staidean. Tha feum aig Canadas aig Breatunn air sgil, ’us neart, ’us gaisge, ’s cruadal gach seoladair a bhuineas do Nobha Scotia, do Bhrunsbhic Nuadhus do Eilean aPhrionnsa maille ris an Fhearainn ùr a Fhuaradh, (Newfoundland) .Tha amharus laidir agam gu bheil na daoinechaidh suas gu Bagh Hudsoin anns an t-samhradh, adol a thabhairt sgeula maith, fabharach do luchd-riaghlaidh na duthcha ann an Ottabha. Tha dearbhadh nach eil fann no faoin air a nochdadh gu bheil e comasach seoladh a dheanamh agus malairt a ghiulan a machs a stigh do Bhagh Hudsoin re ceithir no cuig de mhiosan anns abliadhna. Tham bagh ud lom-lan de gach seorsa eisgus mucan mara. Buinidh am bagh gu h-iomlan do Chanada. Thainig an t-àm a nis, gu cinnteach, anns an coir dhuinn gach fine eilechumail a mach as abhagh agus cothrom ceart a thabhairt do na h-iasgairean tapaidh, aghartach againn fein anns na roinnean a tha ri taobh achuain luasganaich, air gach iasgus beartas den t-seorsa so, ’fhaotainn agus a mhealtuinn. Le gliocas sonruichte, le eolas gle phongail, ’us le aghartas a tha airidh air clius moladh, tha daoine comasach ann an Torontonis iarrtuiseach air rathad-iaruinn a thogail a h-uile ceum gu Bagh Sheumais a tha air taobh deas Bagh Hudsoin agus a tha dluth-cheangailte ris a bhagh so aig am bheil farsuingeachd cuain. Tha mi fein gle dhochasach gu bi ann an uine nach eil fad air falbh, Bagh Sheumais agus Bagh Hudsoin mar an ceudna, air an nasgadh gu dluthus gu daingean ri cridhe Ontario. On fhuair na Breatunnaich sealbh air tus air Canada, cha robh àm no bliadhna ann co surdail, gaisgeil, eolach, cruadalach, treibhdhireach airson ceartas a dheanamh do gach tir, ’us maoin, ’us storas, ’us clachan luachmhor a bhuineas duinn; agus airson lamh laidir, thapaidh, dhichiollach, neartmhor a chur air gach cearnas air gach ionmhas air uachdar an talamh, no fon talamh, bhon airde tuath gu ruig an t-airde deas, bhon chuan a tha do ghnath atogail nuallain tiamhaidh, aig Sidni, gu ruig an cuain a tha le samchair iongantach atogail a tonnan eadar AmericasAsia .

Tha pris gu mor nis modhna ra fhaotainn am bliadhna air cruithneachd earraichus geamhraidh na fhuaradh bho cheann bliadhna no dha. Tha aobhar againn a bhi creidsinn gu mair a phris mhaith so; agus mar so, gu bi gliocas air a nochdadh leis na tuathanaich ann an Canada, ma ni iad oidheirp air tuilleadh cruithneachd a chur, agus a bhuain ann am miosan beartach buidhen fhogharaidh. Tha sinn acluinnteach iomraidh a nis, gach seachduinn, gu bheil òr luachmhor air fhaotainn ann an cearna ur den duthaich mhor bheartach, àillidh anns am bheil sinn atuineachadh Agus iongantas nan iongantas, tha dearbhadh againn aig an àm so fein, oir tha daoine foghluimte ann an cuisean diomhair na talmhainn ag innseadh duinn gu bheil òr ra fhaotainn ann an Labrador. Feumaidh mise aideachadh nach fhacadh mi riamh aite no tir co bochd, fuar, neo-thorach ri Labrador. Ged nach eil feur no fochainn, lus no craobh ri fhaicinn air uchd Labradoir, tha e cosmhuil, —agus tha dochas laidir againn gu bheil an teachdaireachd gle fhior, —gu bheil ionmhasan anabarrach agus morail air am folach fo chreagan, ’us chnoic, ’us ghlinn Labradoir. Cha ghabhainn-sa idir iongantas ged rachadh MAC-TALLA fein achladhach an oir ann an Labrador, mur bi Gaidheil Chanada fior-chairdeil ris agus fior fhaoilidh mar an ceudna; am feadh a tha edeanamh a chulaidh-mhaitheis air e fein a sgeadachadh gu riomhach, grinn, agus air Gàidhlig bhriagh, ealanta, shnasmhor a sgriobhadh airson eolaisus buannachd a bhuileachadh air gach Gaidheal anns an duthaich. Chan eil ceann no crioch air an òr ann an Claondaic. Bithidh rathaidean air an deanamh ann an uine ghearr a dhionnsuidh na h-oisne ud a tha fad air falbh ann an Iar-thuath Chanada. Bithidh feum daonnan aig na daoinethacladhach an oir ann an Claondaic; aig an amhainn fhrasach, ann am Michipicotan, agus ann an Labrador, air flurus aran, air ìmus caise, air iasgus sgadan, air mart-fheoilus muilt-fheoil. Bithidh againn margadh mor, maithn ar duthaich fein airson cuibhrionn laidir de gach coirce, ’s eorna, ’s cruithneachd a thogas sinn, ’us de gach damhus caora, ’us muc reamhar a bhitheas againn ri sheachnadh.

CONA.


SGEULACHDAN ARABIANACH.

VII. —SINDBAD AN SEOLADAIR.

CAIB. V.

An uair a chunnaic sinn iad atighinn air bord, chlisg na cridheachan againn leis an eagal. Cha bu dana leinn sinn fhein a dhion, no facal a radh riutha gu bacadh a chur orra. Thug iad a nuas na siuil, ghearr iad an cabla, agus tharruinn iad an long gu tir. Thug iad oirnn falbh as an luing. ’Na dheigh sin thug iad an long gu eilean eile, far an robh iad afuireach.

Tha luchd falbh na mara aseachnadh an eilean don dthug iad sinn, do bhrigh nacheil e sabhailte dhaibh a dhol ann, mar a thuigeas sibh o na bheil agam ri innseadh dhuibh; ach beiginn duinn cur suas leis gach ni a thainignar rathad gu foighidneach.

Chaidh sinn air feadh an eilean far an dfhuair sinn measan a bhag ar cumail beo. Ach thug sinn nach robh romhainn ach am bas. Mar a bha sinn a coiseachd air ar n-aghaidh, chunnaic sinn aitreabh mhor fada uainn, agus rinn sinn direach oirre. An uair a rainig sinn i, chunnaic sinn gur e luchairt mhor a bhann. Bha i gle ard agus air a deadh thogail. Bha comhlachan agheata de dheboni. An uair a rainig sinn an geata, dhfhosgail sinn e, agus chaidh sinn a steach. Ghabh sinn air ar n-aghart gus an drainig sinn cuìrt mhor fharsuinn anns am faca sinn torr mor de chnamhan dhaoine, agus torr de bhioran rosta. Chaidh sinn air chrith leis an eagal an uair a chunnaic sinn an sealladh so. On a bha sinn gu tuiteam bhar ar casan leis an sgios, shuidh sinn far an robh sinn gun ghluasad gun charachadh.

Bhaghrian air a dhol fodha anns an am, agus am feadhs a bha sinn anns an t-suidheachadh mhuladach a dhainmich mi, chuala sinn a bhith fosgladh dorus na cuirte le fuaim uamhasaich, agus thainig duine dubh am mach a bha cheart cho ard ri craoibh phailme. Cha robh air ach an aon suil. Bha i an clar an aodainn aige, agus bha i coltach ri meall teine. Bha claragan mora, fada, geuranan stuib am mach as achairean aige. Bha beul air coltach ri beul eich. Bha a lip iochdair cho mors gun robh i atuiteam sios air abhrollach aig; agus bha cluasan air cho mor ri cluasan elefant, agus bha iadnan laidhe air na guaillean aige. Agus bha inean mora, fada, croma air mar gum biodh spuir iolaire. An uair a chunnaic sinn e, cha mhor nach deachaidh an t-anam asainn leis an eagal. Bha sinn greis mhaths gun fhios againn co dhuibh a bha sinn beo no marbh.

An uair a thainig ar mothachadh ugainn, chunnaic sinn ena shuidhe anns an dorus, agus eg amharc oirnn. An uair a bha e greis a beachdachadh oirnn ghabh e far an robh sinn, agus rug e ormsa air chul amhaich mar gum beireadh feoladair air ceann caorach. An uair a sheall e gu math orm agus a chunnaic e gun robh mi anabarrach



[243]

[Vol . 6. No. 31. p. 3]

caol, leig e as mi. Rug e air fear an deigh fir de chach, agus sheall e orra anns acheart dhoigh. Agus on a be an sgiobair am fear bu raimhre a bhanar measg, rug e air anns an dara laimh, agus stob e am bior-rosta ann leis an laimh eile; agus an uair a bheothaich e an teine gu math, rost e e, agus dhith e e gu shuipeir. An uair a ghabh eshuipear, chaidil e anns an dorus, agus bha srann aige mar gum biodh tairneanach. Chaidil e gu trom gus an do shoilleirich an latha. Air ar son-ne dheth, cha robh e an comas dhuinn tamh no cadal fhaotinn; oir bha na cridheachan againn air chrith leis an eagal. An uair a thainig an latha, dhuisg e, agus chaidh emach as an luchairt.

An uair a shaoil sinn gun robh e astar math air falbh, thoisich sinn ri gearains ri caoidh air a leithid de dhoighs gun cluinnteadh astar math air falbh sinn. Ged a bha aireamh mhor dhinn ann, agus ged nach robh againn ach aon namhaid, cha do smaoinich sinn an toiseach air doigh sam bith leis am feuchamaid ri chur gu bas. Ged a bha fios againn gur e chur gu bas an aon doigh air am faigheamaid as a lamhan, cha robh fhios againn ciod an doigh a ghabhamaid.

Ged a smaoinich sinn air iomadh doigh anns an gabhadh e cur gu bas, cha do shuidhich sinn gun gabhamaid doigh shonraichte sam bith. Ach chuir sinn romhainn gun cuireamaid suas le cuisean car uine mar a bha iad gus am faiceadh Dia iomchuidh fuasgladh a thoirt dhuinn. Chaidh sinn air feadh an eilean a chruinneachadh mheasan is luibhean gus sinn fhein a chumail beo. An uair a thainig am feasgar, dhfheuch sinn ri aite fhaotainn anns an cuireamaid seachad an oidhche; ach dhfhairlich oirnn aite freagarrach sam bith fhaotainn. Air an aobhar sin beiginn duinn, olc air mhath leinn, tilleadh don luchairt far an robh sinn an oidhche roimhe sid.

An uair a thainig am feasgar, thill am famhair air ais, agus rost e fear dhinn air son a shuipeireach mar a rinn e an oidhche roimhe sid. ’N a dheigh sinn chaidil e gus an robh an latha ann, agus an uair a dhuisg e, chaidh emach mar a babhaist dha.

Bha ar suidheachadh cho eagalachs gun robh iomadh fear dhinn asmaoineachadh e fhein a thilgeadh am mach air amhuir, a roghainn air abhas a bhafeitheamh oirnn. Agus bhan fheadhainn a bha deonach so a dheanamh acomhairleachadh do chach crioch a chur air am beatha anns acheart dhoigh. An uair a bha iad abruidhinn air so a dheanamh, thuirt fear dhen chuideachd, gun robh e air a thoirmeasg do dhaoine am beatha fhein a thoirt air falbh; agus eadhon ged a bhiodh e ceadaichte dhaibh, gur e feuchainn ri beathachreutair uamhasaich a bhag an rostadhsg an itheadh a thoirt air falbh moran bu ghlices bu reusanta dhaibh.

Smaoinich mise air doigh leis am feuchamaid ri chur gu bas. An uair a dhinnis mi dhaibh an ni a bhanam bheachd, chuir iad uile an aonta ris.

A bhraithrean,” arsa mise, “tha fhios agaibh gum bheil moran fiodha mun cuairt achladaich. Ma ghabas sibh mo chomhairle-sa ni sinn rathan air an fhiodh; agus an uair a bhios iad deiseil, fagaidh sinn air achladach iad gus an tig am anns an cuir sinn feum orra. Gun dail sam bith feuchaidh sinn ri cur as don fhamhair. Ma theid an gnothach leinn, faodaidh sinn fantainn gu foghidneach anns an eilean car uine, gun fhios nach tigeadh long faisge air an eìlean a bheir air falbh sinn. Ach mur teid againn air cur as don fhamhair, theid sinn cho luaths is urrainn duinn thun nan rathan, agus bheir sinn an cuan oirnn. Tha mig aideachadh gum bheil sinn acur ar beatha ann an cunnart mor, ma dhfhalbhas sinn air na rathan; ach is fhearr dhuinn gu mor a bhith air ar bathadh anns achuan na bhith air ar rostadhs air ar n-itheadh leis an uile-bhéist ud, a dhith dithis dhinn mar tha.” Chord mo chomhairle riutha, agus rinn sinn rathan beaga a chumadh triuir an uachdar.

Thill sinn feasgar don luchairt, agus an uine gun bhith fada thainig am famhair. Dhith e fear eile dhe ar companaich. An ceann tiotaidh leig e e-fheinna shineadh, agus chaidil e. Cho luaths a chuala sinn srann aige, ghabh naoinear eile agus mi-fhein bior-rosta am fear, agus an uair a rinn sinn dearg anns an teine iad, chuir sinn comhladhna shuil iad, agus dhall sinn e. Thug an cradh air abhithglaodhaich gu h-eagalach. Ghrad dheirich e, agus thoisich ri sineadh a lamhan feuch am faigheadh e greim air fear dhinn, a chum dioghaltas a dheanamh oirnn. Ach theich sinn do chuiltean arms nach fhaigheadh e sinn. An deigh dha bhith greis mhath afeuchinnn am faigheadh e greim oirnn, rinn e air eiginn am mach an geata, agus dhfhalbh e, agus glaodh eagalachna cheann.

Beagan uine an deigh dhasan a dhol am mach, dhfhalbh sinne as an luchairt, agus thug sinn an cladach oirnn, far an dfhag sinn na rathan, agus chuir sinn air bhog iad. Dhfheith sinn gus an dthainig an latha gun fhalbh air na rathan feuch am faicemaid an tigeadh am famhair a dhall sinn, no fear eile dhesheorsa an rathad a bha sinn. Ach bha dochas againn mur tigeadh e mu eirigh na greine, agus gun sguireamaid a bhithcluinntinn a ghlaodhaich, gum faigheadh e bas. Nan tachradh dha am bas fhaotainn, bha sinn suidhichte gum fanamaid air an eilean, agus nach cuireamaid ar beatha ann an cunnart le falbh air na rathan. Ach mun gann a shoilleirich an latha, chunnaic sinn a tighinn e, agus dithis eile a cheart cho mor ris fheinga threorachadh, agus moran eile dhe sheorsatighinnna dheigh le ceum gle chabhagach.

An uair a chunnaic sinn so, dhfhalbh sinn o thir air na rathan cho cabhagachs a burrainn duinn. An uair a chunnaic na famhairean sinn, rnith iad thun achladaich, thog iad ultach de chlachan achladaich, agus an uair a ghrunnaich iad am mach air amhuir cho fads a burrainn daibh, thoisich iad ri tilgeadh nan clach oirnn. Leis cho cuimiseachs a bha iad atìlgeadh nan clach, chuir iad a h-uile aon dhe na rathan as a cheile ach an rath air an robh mise agus mo dhithis chompanach. Bhathadh a h-uile duine ach sinn fheinn ar triuir.

(Ri leantuinn.)


Comunn an Fheilidh.

AONGHASSAHIGHLAND NEWS. ”

Tha eagal orm gur en t-ainm non ceann teagaisg, a chuid as fheàrr den òraid sogum bi i car coltach ris an t-soillsean, a bhios gu minic air a chrochadh air taobh a mach do dhaithribh shealladh iongantais, airson luchd-amhairc a thàlamh gun an annas a chasg, ’n uair a rachadh iad do thaobh stigh bhallachan a ghreadhnachais.

Is barail dhomh gu bheil mi aig an àm cheudna mar as ghnath don churucaig, ’n uair a bhios neach a tighinn ro fhaisg air a neada tha lomnochd ri aghaidh an adhairéirigh i suas air dhòighs gun saoileadh am fear-coimhid gur h-anns an ionad ud a bha na h-uibhean nan laidhe.

ThugLord Chesterfieldann an litreachas ro fhòghlumaichte lagh-nam-beus, no deas-ghnàtha réir a bheachd-sanda mhac. Mar a bha Morair mòr ud a reusonachadh, bha mhac ri e fhéin a ghiùlan, chan ann air sgàth deadh-thoillteanas, ach mar a bfheàrr a bhuineagadh e ard-mholadhus taitneas an t-saoghail. Ach chaneil sùil agamsa gu ruig min àird ud ann am beachd mo luchd-leughaidh gun ghuth air an t-saoghal. ’S mar sin chaneil mi ag agairt sguaban bearraidh an tiolpadair airson leudachadhm fhein-bheachd, no di-moladh luchd gearain no idir saighdean searbh a bogh-tarsuinn fear na dealbh-inntinn, nas na tha min geall air min-rannsachadh a chronadair-sgaitich. Faodaidh mi bhi cinnteach gun tig mi tuilleadh mòr agus geàrr air lan-dhioladh thoirt don chuspair so, ach chaneil àrach agam air— “Cha dean an duine dona ach a dhiochall, ’s cha mhò na sin a ni mise.” Mar sinsen leisgeul as fheàrr a thagam gabhail air aghairt mar a bhan , bhag ionnsachadh dannsa Mhic Comaraidgu leòir a chur as mo deighain dheth. Ach feumadh mi ur cur nur faireachadh gum bi cuid do na gheabh sibh righinnus cho doirbh a chnàmh ri uile-bheist-nan-ioma-cheann, no seann nathair-uisge. Agus ged nach bim oraid cho buan ri cuirp spiosraichte na h-Eiphit, tha min dòchas co-dhiubh, nach tuit mo bhriathran gu h-iomlan air feithean-mothaicheadh an leubhadair, gun bheachd duthchasach ùr a ghluasad na inntinn agus a tàladh thair leam, le deas-bhaigh do dh’ “Eilean-a’ -Cheò.” Agus a measg na moran a their mi, bhios mi-fhreagarrach,

(Air a leatuinn air taobh 246.)



[244]

[Vol . 6. No. 31. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, . . . $1 .00
Sia miosan, . . . .50
Tri miosan, . . . .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig garn ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,’
Sydney, Cape Breton


SIDNI, 28 IANUARAIDH 1898.

(Air a leantuinn o thaobh 240.)

a dhùthcha, “Cainnt bhìnn cheòlmhor nan Gaidheal.” Cha ruig na Sasunnaich a leas ceann-sios sa bith a bhi aca oirre, no bhig radha nach robh brìghsa bith aice; ’s cha ruig iad a leas a bhi cuir uaill as na càinain fhéin, chionn chan eil innt ach colomadh do chanainean eile, nach eil faisge cho aosda ris a Ghàidhlig.

Bidh e iomchuidh dhomh nis bruidhinn air ni-eigin eile. Mar tha fios aghaibh cheana, bhan t-Earrach sa chaidh agus toiseach an t-samhraidh cho doirbh le uisges le gaoith, ’s nach do rinn na tuathanaich urad de churachdsa bàbhaist dhabih, ach chan eil aobhar ghearain acair a shon sin; fhuair iad sìde gle thioram briagha fad deireadh an t-samhraidh agus toiseach an fhoghair. Bham bàrr miadhanach math agus ged nach robh urad aig na tuathanaich de bhàrrsan talamhsa bàbhaist dhaibh bhan toradh gle mhaths na bhaca dheth. Tham buntàtà cus nas fhearr am bliadhna na bha en uiridh; chum e chuiseag gorm gu àm nàdurra. Tha mi cluinntinn gu bheil an grodadh atighn ann aig cuid a dhfheodhain on a thainig an geamhradh, agus gu dearbha chaneil sin a còrdadh rinn, e bhi grodadh cho tràth.

Bhan t-iasgach fad air ais am bliadhna air a chosta an ear agus an lochan a chostan iar mar an cianda; ’se corra fheodhainn a rinn iasgach math. Bha iasgach nan giomach gle mhath as t-samhradh, agus cha robh iasgach nan langan an deigh laimh cuideachd. Tha h-uile gin dhe na h-iasgairean air tighn dhachaidh o iasgach an sgadain anns na lochan o nach robh tuar air e thighn na bfheàrr; tha iad asmaointeachadh gum bi e nas fhearr an ath bhliadhna. Ged a bha iasgach asgadain gann bhan saoidhean gle phailt, agus tha iad a faotainn beagan dhen trosg cuideachd.

Than tside fuathsach dom bi againn o chionn ùine mhor; cha chuimhneach le daoine deireadh foghair no toiseach geamhraidh riamh cho fiadhaich no cho fiuchsa bha em bliadhna. Bha stoirm mhor againn air a chiad sheachdain dhen dùltachd, nach dthàinig a leithid o chionn bhliadhnaichean; mhair i da latha agus da oidhche; ’sann air an treas latha a chaidh i air a h-ais gu fortanach cha deacha call sam bith a dhianamh leatha air taigh na air eathar, chionn bha iad air an cur an òrdan fo chomhair a gheamhraidh.

Chan fhaod mi dichuimhne a dhianamh air innse, am meas a thug muinntir an àite so air la Iubilidh dhaoimean na Banrighnn (22 chiuine). Cha mhor gu robh taigh na cnoc nach robh bratach ri fhaicinn air agusn uair a thàinig am feasgar bha h-uile fear agus craoslach mòr do theine aighir aige air amhullach a bàirde dhen fhearann aige fhein. Mas e na bàtaichean-iasgich fhéin bha na brataichean aca an crochadh ri bàrr nan cranns ri ceann nan slatan. Ben toil-ìnntiun a bhi coimhead a h-uile làn-aighirs cridhealeas a bha dol air adhart an la ud. Tha sinn toilichte gun deach gach air aghaidh le sìths le rèite.

Bha prìsean na spreidh gle iosal againn o thoiseach an fhoghair sa chaidh, ach tha flùr gu math daor againn o chionn còrr us bliadhna. Tha sinn an dòchas gun èirich prìs na spreidh agus gun tuit prìs a fhlùir an ùine gun a bhi fada, air neo, mar a bi sin mar sin, bidh an gnothach gle throm air daoine bochda aig a bheil teaghlaichean laga, agus aig nach eil cuideachadh sam bith gus an cumail suas, ach fhadsa bhios daoine nan slàinte agus cothrom an cosnaidh aca, ’se rud as fheàrr sam bith.

Ann an deireadh an t-samhraidh so chaidh, chaichsteamermhor bhriagha dham bainmMaple Branch of Sunderlandair tir, air Sgeir Lìnis dluth air Sanndraigh. Bha in deigh a caragu a chuir a mach an Glasachu, s i air a turus dhachaidh an uair a chaidh i air tir. Gu fortanach ged a bhan oidhche ann, bhan fhairge ciùin, agus leis a sin fhuair a sgiobair a bheansa chlann a chuir air tir gun eagal sam bith. Bha iad ann a Sanndraigh fad còrs seachdain gus an dfhuair iad cothrom air dhol tarsuinn do Bhagh a Chaisteil. Reiceadh anwreckair son gle bheag do dhairigiod, agus bha iad ag radha, gun dthug am fear a cheannaich i profaid mhath aisde, ach gu mi-fhorstanach dhaibh, man dfhuair iad gach ni air an ruigeadh iad a thoirt aisde, thainig stoirms fairge a bhrist na de leth i, agus a thilg far na sgeir i, ’s chaidh i fodha. On a bhan t-sìde doirbh agus an t-àite fiadhaich, cha dfhu air andiverobrachadh air chòir, agus leis a sin, cha dfhuair am mionach a thoirt aisde air fad fhathast. Tha iad asmaointin gu fiach iad fhathastnuair a thig sìde mhath as t-Earrach agus gun tog iad an còrr a dhfhàg iad. Tha e nis an deigh falbh agus a soitheach beag smùide aige luchdaichte leis gach seorsa a thug iad aisde. Anns na seann timeannan bha soithicheangan bristadh air na cladaichean so, ach an dràsd le taigh-soluis air gob gach rudhas a thaga stiuireadhs gan cumail an òrdan, chan eil na h-uraid a dol an taisairt dhiubh. ’S cha bu lugha na sin a bha dhioghnadh air daoine, an t-àite on dthanig i, ach gu robh iad ag radha gur e n ceo a chuir ann i. Bi mi sgur dham sheanachas aig an àm so. Tha min dòchas gum bi Nollaig shona agus bliadhna ùr mhath aig luchd leughaidh MHIC-TALLA air fad; aguidhe saoghal fada agus soirbheachadh math gu MAC-TALLA. ’S mi do charaid dìleas,

R. O. M.
Miunglaidh, Barra, 19, 12, 97.


MacCoinnich & Co.

Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh
ANN AN LOUISBURG,
agus tha sinn aig an am cheudna acumail air adhart air an t-seann laraich,
ANN AN SIDNI.

Aodaichean Matha dhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.

Theid sinn an urras air an obair.
Mac Coinnich & Co.


H. D. Mac Ille-Mhaoil,
Stewartdale , C. B.
Cloth,Drogaid, agus PlaideachanEureka.”
Mu dheich air fhichead seorsa aodaichga chreic.
Cloimh air a gabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige neo sgriobh uige.


C . H. HARRINGTON & CO.
Flur, Min, Ti agus Siucar dhen t-seorsas fhearr.
Soithichean Glaine agus Creadhe, math agus saor.
Brogan, Botainnean, Rubbersagus Caiseart de gach seorsa.
GAN CREIC SAOR.



[245]

[Vol . 6. No. 31. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Tha sinn an dòchas nach dean thu dearmad air MAC-TALLA. Na cum a chuid fhéin uaithe air son ma chunnaic tha riamh.

Thainig soitheach-seòlaidh air tir faisg air Digby air an t-seachdain sa chaidh. Cha robh duine air bòrd; bha an sgioba uile air am bathadh. Bha an soitheach air a turus do Bhoston le luchd fiodha.

Loisg gillt òg, Granndach, air seann duine dan ainm Alasdair Friseal, ann an Thorburn, am Pictou, a sheachdain gus an diugh, ’ga leònadh cho donas nach eil fhios am e beò. Bha aimhreit eadar an da theaghlach o chionn fhada, agus bhan dithis atrodnuair a chaidh an urchair a losgadh.

Chaidh boirionnach òg, nighean do Iain Mac Aonghais, anns a Mhéinn a Tuath, a losgadh gu dona oidhche Di-mairt air an t-seachdain sa chaidh. Bha ina sineadh air langasaid faisg air an teine, agus chaidh sradagna h-aodach: ghabh e agus mun dfhuireadh a chur as bhan nighean bhochd air a losgadh cho donas gu bheil eagal gum caill i a beatha.

Chaochail Innseanach dam bainm Tearlach Mashehewawedong, ann an Saugeen, an Ontario a sheachdain gus abhòn-de, ’se ceud bliadhnasa sia a dhaois. Chog e air taobh nam Breatunach fon cheannn-feadhna ainmeil Tecumseh ann an cogadh na bliadhna 1812, agus bha e air Mullaichean Queenstownnuair a chaidhSir Isaac Brocka mharbhadh.

Thainig bàs gle aithghearr air fear Morris Frazee faisg airAcadia Mines, N. S. ,Di-luain sa chaidh. Bha e fhéin agus daoine eile anns a choille, acur logaichean air sleighe. Chaidh esan fhàgail leis fhéin car tacam, agusnuair a thill càch far an robh e, fhuair iad ena shineadhsan t-sneachda agus e maibh. Rinn na dotairean a mach gum be tinneas achridhe a dhaobharaich a bhàs.

Tha paipear-naigheachd ann an Sina a tha còrr us mile bliadhna dhaois. Re na h-ùine sin chaidh na cinn a chur bhar còrr us naodh ceud deug den luchd-deasachaidh! ’S math an gnothuch nach eil en comas righ no breitheamh na cinn a chur bhar luchd-deasachaidh nam paipearansan lathan diugh, ach bhiodh e na ni ro-fheumailsan dùthaich so lagh a dheanamh air son na cinn a chur dhiubh-san nach eil apaigheadh nam paipearan, gu seachd sònruichte iadsan nach eil apaigheadh MHIC-TALLA.

Tha Comhairle na Siorrachd, a bha cruinn anns a bhaile so o chionn còrr us da sheachdain, a nise air sgaoileadh. Dhaontaichiad an la roimhe cuideachd an iaruinn a shaoradh o chisean nan cuireadh iad na h-obraichean air adhart ann an Sidni. Rinneadh so a chionn gun do mheas an àireamh bu mhotha de na comhairlichean gum biodh na h-obraichean gu barrachd feuma don t-siorrachd air fad le iad abhi ann an Sidni Thugadh cead do mhuinntir Louisburg na tairgsean a chitheadh iad fhéin iomchuidh a thoirt don chuideachd.

Cha deacha chrochadh ach dithis bhoirionnach ann an Canada on bhliadhna 1867. Bha naodhnar air am faotainn ciontachs air an diteadh gu bàs anns an ùine sin, ach fhuair seachdnar dhiubh as le tigh-obrach rim beo. Chaidh binn crochaidh a thoirt a mach airMrs . Sternaman, ann an Cayuga, an Ontario o chionn ghoirid air son a fear-pòsda a phuinnseanachadh, ach tha i gu bhi air a feuchainn fhathast; thatar ag radh gu robh i cho bochds nach burrainn dhi fear-lagha fhasdadh, agus mar sin gun deach an càsna h-aghaidh. Tha i ag radh gu bheil fianuisean aice a dhearbhas gu bheil i neochiontach, agus ma tha chan eil an lagh adolga diteadh.

Bha droch stoirm-shneachda ann toiseach na seachdain so. Bha [ ? ] mor ann agus tha na ròidean air feadh na dùthcha lan chitheachan, agus gu math oirbh an siubhal.

Tha aMheinn a Tuath gu bhig obair fad agheamhraidh, ni a tha gle fhàbharrach don mhuinntir a tha deanamh am beòlaind innte. Nach bochd an gnothuch nach eil na méinnean eile ag obair cuideachd.

Thatar acur tagradh dhionnsaidh an Ard-Riaghladair air son e leigeadh a bheatha le Lyman Dartt, a tha fo bhinn crochaidh. Chan eil teagamh nach deanar sin, oir tha daoine dhen bharail nach robh am beachd an òganaich cron sam bith a dheanamh.

Dhfhosgladh pàrlamaid Nobha Scotia Dior-daoin leis aghreadhnachas is àbhaisteach a bhi cleachdadh. Bhan òraid on Righ-chathair gu math fada, ach chan eil fior mhoran air a ghealltuinn innte. ’Ses docha nach bi a phàrlamaidna suidhe ach ùine ghoirid.

Tha an Seanalair Booth, ard-cheannardArmailt na Slàintann an Canada an dràsda. Bha e ann amMontreal ’s ann a’ Halifax, farn do labhair e ri cruinneachadh mor sluaigh. Tha ena sheann duine, ach ged a than aois alaidhe gu math air tha e fhathast gle thapaidh.

Bha teaghlach ann anCornwallis , N. S. ,dam bainm Chute, agus ghabh a h-uile duine dhiubh o chionn ghoirid fiabhrus. Chaochail an t-athair agus triuir dhen chloinn; tha amhàthair agus a chuid eile dhen chioinn (naodhnar) air a dhol am feobhas. Bha an teaghlach fad treis a dhùine ann am fios dhroch shuidheachadh.

Chaidh seann duine dam ainm Edmund Edwards a chur dhan phriosan ann anDartmouth , N. S. ,a chionn nach burrainn dha a chuid cloinne a chur dhan sgoil le cion an aodaich. Chaidh a thoirt gu cùirt air son nach robh a chlann adol dhan sgoil, agus chaidh càin coig dolair a chur air; cha robh aigena phàigheadh achàin agus chuireadh don phriosan e. An deigh a chur an sin fhuaireadh a mach gum be cion an aodaich a bha cumail na cloinne as an sgoil. Tha an duine bochd tri fichead bliadhnasa deich a dhaois, agus tha ochdanr chloinne aige. Tha moran truais air a nochdach ris on fhuaireadh a mach a chor muladach, agus tha e gu bhi air a leigeadh ma sgaoil. Tha e gle cheart gum biodh sgoil air a thoirt don chloinn a tha fàs suas, ach bu chòir a bhi gle fhaicilleach ann a bhi toirt phàrantan gu ceartas a thaobh foghlum an cloinne, nach eilear a toirt ana-ceartas dhaibh. Tha ena ni gle mhuladach seann duine bochd a chur do phriosan a chionn nach eil e comasach aodach us cairoart a chumail air a chuid cloinne.


BATHAR MATH SAOR.

Am bheil Deise, Cota, Cot’ -uachdair, Currachd, Brogan, Rubbers ,no ni sam bith dhen t-seorsa sin a dhith ort? Ma tha ruig
TORMAD DOMHNULLACH.

S ann aige tham bathar as fhearrs as saoire thasa bhaile, agus ma theid thu dhan stor aigaon uair, theid thu ann a rithist.
Na leig so as do Chuimhe.


BATHAR UR.
Moran de Churaicean Geamhraidh, eadar 10c. us $5 .00.
Brogan matha saor.
Ti mhath mar a babhaist.
Beagan de Cheannachd Thioram.
Olla 25c. an galan; 5 galain air $1 .00.
NIALL DOMHNULLACH,
BADDECK , - - C. B.


J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsas fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B.


BADDECK , - - C. B.
Airson a stor a dheanamh nas deiseiles nas feumaile dhaibhsan a thadeanamh gnothuch ris, tha
Albert I. Hart
anise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh.Tha achuid sin den ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am BostonsanNew York.Gheibh iadsan a thig ga h-ionnsuidh an
DEAGH RIARACHADH.
BADDECK , - - C. B.


LEABHRAICHEAN GAILIG.

Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. MacIlliosa 1.10
Gaelic Class Book .35

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte.
Sgriobh gu
J . G. MACKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney, C. B.



[246]

[Vol . 6. No. 31. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 243.)

faodadh e bhi, gun tarruing mi uaireigin sraing neonachaisur saobh-smuain; ’s ged nach tairg mi do dhionad subhachaisur cridhe, beò-shaighdean, no fion air a bhruich ann a mil, tha min dochas a rithist, gun nochd mi mi-fhein aig dorus balbh-chleasachd ged a bhiodh mo bheachdan, cho fada fo bhi co-chòrdadhs a bhan t-iarunns a chriath bhan òrdagan Nebuchadnesar.

Faodadh e bhi, gum bi ar suidheachadh air fhilleadh ann am barra-bhalla cleachdeadh, ’s nacheil e comasach dhuinn sinn fhein fhaicinn, ach mar roimh ghlainneachan dorcha, ’s nach leir dhuinn ach a chlosnachan tochailt do bhuadh-inntinns don deas-phearsadiolab na seana Ghaidheal don sliochd.

Bidh a thogradh sònruicht tighn fo ùigh gach aonbidh gach barail buaidh-dhireach a faotuinn aite smuaint an tuigse an fheallsanaich, ach sen fhirinn bhriathrach tha air fhilleadh anns na focail a leanas leSir Thos. Browne,” a bhuaileas le neart aig ballachan-reusan nan uile, co dhiubh gheobh iad dorus fosguilte, no nach fhaigh:—

Tha h-uile duine fior-bheòs a comhlionadh turus a bheatha, cho fads a tha e gluasad an co-chòrdadh ri nàdurrachd fhein, no ann an dòigh air choireigin, a deanamh buil mhath de na tàlantan a chaidh a bhuileachadh air.” Dhfhaodamaid moran ainmeachadh a measg nan Gaidheal, thug geill, speis, agus aire don teagasg so, bho Seneca guLord Macaulayagus roimhesan, “Seòras Buchanan” —a bha bruidhinn Gadhlig man dfhuair e Beurlathuilleadh air iomad urramad eile gheobh sinn ann an Eachdraidh an tir. Le luchd-litreachais Shasuinn fhuair na Gaidheil iomadh beum agus aobhar tàmailtfo Dr. Johnson, mathan-foghlum na Beurla ri linn; Macculloch na dheigh, ach chum na Gaidheil an ceann os cionn gach stoirm, gus an d-thainig buadhan peann Professor Blackie, agus Matthew Arnold ann an Sasunn, agus na nochd iad don t-saoghal gu robh barrachdus fuaim ann a litreachas na Gadhlig. Faodaidh daoine gle ghlic beachdan cèarr altrum, agus an seorsa so, ’n uair a bhios iad a foghlum a réir claon-bhàighs claon-bhreith, than cridhe a ruith air falbh len ceann mar a churAlexander Popean geill gu h-iomlans na focail Bheurla so:

For virtues self may too much zeal be had
The worst of madmen is a saint run mad. ”

Bhon a tha mi cur càin throm air bhur foighidinn cheana, giullanaidh sibh linn car tacan fhads a bhios mi tarruingurn aire gu briathran eucorach a chaidh a sgriobhadh le ughdar ainmeil Sasunnach a thug mor bhardachd don Bheurla. Chaneil beachd agam fhaicinn an aitesam bith far an deachaidh am bàrd so thoirt gu breth le sgriobhadair Gaidhealach, ged a bha a bhriathran cho searbh, ’s cho fiadhaich ri ni idir a chaidh a sgriobhadh an aghaidh na Gaidhealtachd. Bainm don t-Shasunnach neimheil so Dr. YoungUghdairNight Thoughts”—agus bard aig a robh mac-meamna, cho ard, farsuinn, agus domhain, ann a seadh sonruichte Shakespeareno Miltonn uair a binibhaiche cumhachd an tuigse. Sgriobh e a bhardach tha mi ciallachadh, ’s an àms an robh Prionnsa Tearlach a sabaid ri Teaghlach Hanobher airson a chrùin, agus chuir e fo theannunn Duic Newcastle i. ’N uair a bheir sibhur breith fhein air na focail a chuireas mi mur coinneamh, ’s gann leam a chreidsinn, nach bi sibh a sgrùdadh ur cuimhne, mar a bha Captain Falstaff ag iarraidh gaol nam mnatha, measg uirneis an tighe. So mar a sgriobh Dr. Young:—

And shall a Pope-bred princeling crawl ashore,
Replete with venom and guiltless of a sting,
And whistle cut throats with those swords that scraped
Their barren rocks for wretched sustenance,
To cut his passage to a British Throne? ”

Ma bha Dr. Young ag iomairt cridhe Lorenzo gu mathas, air sgath maithas fhein, agus a shuilean cheana frasadh le druchdan caoidh Narcissa, bheir e sealladh soilleir dhuinn air a bheachds a chlaoin-bhaigh bhaig sluaigh araidh air na Gaidheil aig am a Phrionnsa agus fad as deigh sin. Ach sos an dol seachad.

N uair a chuimhneachas mi air Alasdair Uaibhreach, Mhacedonia, bheir e fa chomhaire minntinn, ceud chinn-fheadhna nan Gaidheal. ’N uair a dheireas bith Hannibal os ciann uile cheannardain-airm an t-saoghail, nach co-eignich i sinn gu smuainteachadh car tacan air, daoine, ard, tàlanta; deigheil air cogadh agus dealbhach; innteachdach agus mi-fhoighidneach fo ughdaras no smachd; gle chaochlaideach nan suidheachadh; ard agus garbh nam pearsa; ban-shnuadhs a bitheantas le falt ruadh. Nise togamaid arn inntinn air ais beagan mhiltean bliadna, dhionnsaidh cnoc-mòid aig ceanna-tuathAsia ,air aon fheasgair sonruichte, agus chi sinn an a sin coltas nan Gaisgeach a dhainmeach mi, a tighinn le cabhaig gu cheile agus ag iomolaid comhairle. Airson min-dhealbh thoirt dhuibh air beachdan na coinneamh ud, faodaidh mi aithris fo bheachd-smuaint Ughdar ainmeil FrangachHonore de Balzac, am fear sin a sgriobh an ursgeul bhrioghmhor ud, air ainm— “Seic-na Druidheachd, noLe Peau de chagrin. ”Bha moran aig Balzac an co-chomunn ri Gaidheil. Chan mhain gun robh e na thaibhsir, ach bha inntinn, lan bàrdachd agus aird smuaintean a Ghaidheal. Dhainmeach mi an duine so, chionn gu robh co-choltas aig anàdur ri nàdur nan Gaidheal an a neart smoaint, oir feumaidh mi an creideas so a thoirt do na Frangaich gu na mhios iad obair Oisein ann an tomhas na bairde na sluaghs am bith eile; agus a reir am breithsan fad air thoiseach airShakespeareagusMilton. Sem beachd a thug ìad dhuine, nach robh ann a’ Shakespeareach am burraidh, agus ann a Milton ach duine fiadhaich taca ri Oisein. ’S mair sin sios, “Tha Cogadh, Cumhachdus Innleachd,” arsa Balzac, “an uair a tha iad ann an comas ruigheachd do dhaoine, cho neartmhor ri ana measarrachd agus tha so gu air tàladh, gan ionnsaidh, mar a bha St. Helena smeadaidh air Napoleon.” Air a mhodh so, bha choinneamh, a dhainmeach mi, air a lionadh le iarrtas-cunairtus siubhail. An sin chaidh an òrdugh air feadh an luchd-cogaidh fon ard fhear stiuraidh, gu robh iad ris an dùthaich ud fhagailgu robh iad ri siubhail an Iar, gu buaìdh na bàs fhaotuinn airson an ainms an cinneadh. Thar leam gu m be sud a cheud Cheilidh. Ach chan ann gu sith, chruinnich na laoich iad. Faodaidh mi gràdhs an dol seachad gum be choinneamh ud ciad-fhasCommun an Fheilidh.”

Chrioslaich a ghinealach ud orra an airm-chogaidhs an clogaid. Ghabh iad air aghaidh, mar a ghabh gach Gaidheal ceart nan deigh gus na spar iad neart an gàirdeans an inntinn air gach rioghachds an Roinn Eorpa. Mu dheireadh shuidhich iád iad fhein sios ann an Ghlinns am beanntaibh na h-Alba. As deigh sin, ’s bhon uair sin, bha iad aithnichte don t-saoghal—“I sought valour where it was to be found, ”labhair Lord Chatham, mun deinn an Tigh-na-Parlamaid, mu chiad bliadhn air ais. Agus as barail dhomh, gun a dhaithnaich moran eile ceatharnachd nan Gaidheal nach do dhiarr e idir. Tha eagal orm leis cho tiorrams a tha mo bhriathran gum bi cuid agaibh a canail ribh fhein, gu bheil mi coltach ris an diùlnach, a chaidh a dhiarraidh bean, ’s gun aige den t-suiridhche, ach neo-lathaireachd ciall, na den bhàrd ach neò-lathaireachd toinneasg. A tighn air ais don chuspair. Bha oidhche chridheil, shunndach (noball, ”mar a their sinns a Bheurla) ga chumail aig an oighridh—“a la mode”—ann am Baile-nan-Gaidheal, aig am sonruichte. Bha fuaim nan òran a siubhal, bho bhalla gu balla, mar ùr cheol na sitheachans a lionadh an tighe. Bha fuaim asiubhal sios agus suas, mar gum biodh e air aiseag le seimh-ghaoith, ’us for-theachdairean Dhiana, agus Ise dioladh cliù ann anTeampuil aileadh an Uaibhair. ’S an uair a cho-dhlùthadh na h-oighean len guth, ceolmhor, eolach binn, bhiodh an dealbh a co-fhreagairt gu mean, ris an tuarasgeul thug Donnachadh Ban, air Mnathan luaidh Ghlinn Eite:—

N uair a sheinneadh iad na h-oran,
Chuireadh iad na h-eòin an crannaibh.

Ach, “Cæsar et Crassus ad portas erunt. ” (Bidh Cæsarus Crassus aig na dorsaibh a dhaithghearr.) Thainig teachdaireachd don tigh chiùil, a chuir an tigh fo sheadhachas, ’s a thilg gach aighear bun os cionn. Dhfhalbh an cridhealass an sunnd, ’s nan aite, bha mionnanus mollachd. Chaidh eillt-chrith shearbh, mar shaighidean gui each, roimh aigne gach aon a bha làthair. Bha



[247]

[Vol . 6. No. 31. p. 7]

broilleach nan oighridh brucadh le lan-chorruich, a bhios sinne creidsinn, bha geur agus ceart. Bu mhath do dhùghdair an alabains an uair sin, gun rugadh e as deigh a sheanar no cha robh a shaoghal na bfhaide, na fhads a bhiodh e dol a cnamh-na-h- amhach ris a chiad chraoibh a bfhaisg air. ThubhairtLord Bacongu h-iomachaidh, gu robh deadh bheus, no neart inntinn mar fhluraichean aluinn, a chuireadh fhaileadh na liu chùbhraidhs an amar-bhruthaidh, “oir se soirbheachadh is fhearr a nochdas roitaireachd, ach se mi-shealbhus doilghios is fhearr a nochdas deadh-bheus.” Ghabhadh iad buaidh feallsanachd an t-seana Ghaidheal, Seneca, gus an inntinn a thogail on làr an uair ud. Ach chan eil teagamh agam idir, nach robh am measg achomuinn luasganaichd ud, cuid a bha reusanachadh a dhaon bheachd ri Senecagu robh e na cheum direach an cùrsa na beatha, gun gabhadh an duin òg, beothail, fiallaidh aig arobh geur bheachd smuaint, a ni so air son sonais, a bhi cruaidh-chath ri an-shonais agus mi-fhortain. Co dhiubh tham beachd so fior no nach eil, a so faodaidh mi bhi cinnteach gu robh a cheart urad de chruth-atharraicheadh na measg, an uair a thainig an teachdaireachd don tigh-chiùil, ’s a bhas a Neophyte (iompachain) aig Plato.

Dhfhuiling na Gaidheil mi-cheartas air uairean chaneil teagamh air, ach chan urrainn dhuinn a chanail nach robh iad le tur aineolas, a tarruing moran do leithidibh so orra fhein, gu h-airid nuair a bha iad a cruaidh-chath leis an Deomhan-cogaidh sinGraham Chlabhers, agus Montrose, nach robh ni na bfhearr, an aghaidh Oliver Cromwell, caraide cho maths a bhaca riamh. Bha iads an am sin ann anCeo an Diabhuil,” mar a tha Mac Coinnich ag iomradh orra an Eachdraidh na h-Alba. Air na cùisean so, bi atharrachadh barail, mar air gach ni eile, agus mar sin cha ghluais sinn coin as an cadal, oir thubhairt bard ainmeil Beurla gu bheil:—

Cheana aig gniomh ro-mhath
Ard-mholladh buan:
S chan iarr deadh ghiùlan,
Seirm cruit-chiùil, no duan.

Gu de chuir gruaman air tigh-na-cluich am Baile-nan-Gaidheal?” ’S e sin a cheist agus am freagairt— “Bairleigeadh gu dol thairis!” Air brigh na focail sin tha sibh cheana mion-eòlachs mar sin mollachd dhaibh. Sguir an dannsas na h-òrain. Cha robh ach gearain agus cùram air gach laimh. Cha be idir buaidh-chlaidheamh an naimhid a baobhar do na nithibh so. Cha robh aon na measg a ghlaodhadh a mach—“Dulce et decorum pro patria mori! ”Bha cairdean a dealachadh ri cairdeanpiuthar ri bràthairs an ainnir ri fear-gaoil. Tearnadh don phort, a dol a dhionnsaidh na luinge, cha robh na h-oganaich ud idirs an rùn mhisnaicheils arobh an sinnsreadhn uair a bhuail iad an cas air tìrs an ionad sin còrrus da mhile bliadhna roimhn am ud. Chan e beachdanLord Byronmu na Greugaich ann anChilde Haroldbha nan uchd

Ye mountains that see us descend to the shore
Shall see us victorious, or see us no more! ”

Ri leantuinn.


Tha moran sgriobhaidhga dheanamh ann am paipearan Halifacs an dràsda mu na tuathanaich, agus tha luchd-saothrachaidh na talmhainn afaotainn an comhairleachadh gu maths gu ro-mhath. Ach tha moran de na comhairlean sin nach dean feum sam bith a chionn gu bheil iad air an toirt seachad le daoine aig nach eil urad eòlais air tuathanachass bu chòir a bhi aig muinntir a ghabhadh orra fhein a bhi teagasg dhaoineile. Tha fios co-dhiu nach eil moran de thuathanaich na dùthcha so cho soirbheachailsa dhfhaodadh iad a bhi, agus gu bheil iad fhéin rin coireachadh air son sin. Tha cuid de thuathanaich soirbheachail a chionn gu bheil iad fhéin deanadach, math air an cuid fearainn obrachadh, agus cùramach mu gach ni a bhios aca; agus tha cuid eile ann am bochduinn do bhrigh nach eil iad mar sin. Tha an tuathanachas mar a tha gnothuch sam bith eile; feumaidh duine an aire thoirt air, agus a bhi cho dichiollach agus cho gleidhteachs is urrainn da mun dean e beolaind mhath a chosnadh, agus feumaidh e gach meud-mhór agus ana-caitheamh a sheachnadh, neo fàgaidh a chuid den t-saoghal e gu h-ealamh. Tha gach fear-ceairdes gach fear-gnothuich an eiseamail an tuathanaich air son na dhitheass na dhòlas iad, agus mar sin mur bi soirbheachadh air-san chan urrainn soirbheachadh a bhi orra-san.

Tha aire dhaoine aig an àm so air a tarruinn gu Sina, far am bheil rioghachdan mora na Roinn-Eòrpa an impis a dhol troimhe-cheile. Tha Ruisia agus a Ghearmailt an deigh greim a dheanamh air port an urra, agus air mirean fearainn timchioll orra. Tha na puirt sin agus an fearann mas fior air an gabhail air mhàl o Shina. Tha Breatunn toileach gu leòr aGhearmailt agus Ruisia a bhin seilbh air puirt ann an Sina, air chumha gum bi còir aig soithichean a cuid cheannaichean fhéin a dhol a machs a steach mar is miann leotha gu malairt a dheanamh. ’Ses dòcha gun toir Ruisia agus a Ghearmailt géill dhi anns an ni sin, agus ma bheir bidh cùisean ceart gu leòr; ach mur toir bidh tuilleadh ma dheibhinn. Tha Breatuinn ullamh gu dhol a chogadh air son a còirichean a chumail ann an Sina, agus tha dùthchannan eile toileach a pàirt a ghabhail.

Tha an t-Urr. T. De Witt Talmage, searmonaiche ainmeil baile mor Washington, an deigh pòsadh. Tha abhean a phòs e da fhichead bliadhna dhaois, agus tha Mr. Talmage e-fhein thairis air tri fichead bliadhna sa sia.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear Tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.


Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.


D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C. B.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIGOs cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.


Indurated Fibreware

Tha an seorsa so nas daoire na na bucaidean cumanta, achs math is fhiach iad sin; tha iad nas buaine, agus mar sinsiad as saoire.

THE
E. B. EDDY, Co.,
LIMITED,
HULL, CANADA.



[248]

[Vol . 6. No. 31. p. 8]

ORAN.

Air Latha na Maoile Ruaidhe.

LE DONNACHADH MAC-AN-DUBH-SHUILICH FEAR BRATAICH CHOLLA NA CEAPICH.

AIR FONN: —Oran Morair Ghlinne Garraidh.

Ho fairegan o ho,
Ho, ro no co latha,
Gur h-e Collan ceann feadhna
Gleachd mun tom a bhaig athair;
S iomad spailp de dhuin uasal
Bha mun cuairt dhuit an la ud,
Bfhearr na clogaide cruadhach
Bhi mu dghuaillibhs mu t-amhaich.

Chaidh na Tuathich gu pròisail
Ann an òrdagh a chatha,
Ach bha Colla ro sheòlta
Dhfhan e stòlta gu latha.
S iomad cumha le stòras
Gheibheadh Tòisach na Maighe,
Ach le uabhar is Glòir-mhiann
Chaidh e chòrdadh le claidhibh.

Sud an còrdadh gun ghliocas
Rinn thu nis ann ad an-toil;
Fhuair Colla fo chis thu
Cho min ris an lamhainn.
S iomad cradh leaba is litir
Chaidh dhInbhirnis le do chàirdibh,
S bochd nach dfhuair thu diseursadh
Bhliadhna phàighadh am mal dhuit.

S iomad musgaids pic iubhair
A bhan cuidachd a mhi-rath,
S iad a tilgeadh cho fada
Ri cairteal a mhile.
Cha do shanntaich sibh teicheadh
A luchd nam feadanan cinntach,
Ach bhi sàthadh nam broillach
Sud an cothrom a mhill iad.

Bha thus a Cholla ro thapaidh
Mhic Gilleasbuig na mòrchuis;
Leig thu h-uc na coin sgaitach
S cha robh cadal air doigh dhaibh.
Ged a binghneach na cait iad
Cha robh chridh aca sgrobadh;
Nuair a sgaoil thu do lion riu
Thug thu mhiagail d án srònabh.

Cha be sgobadh an t-seangain
No mar gum beanadh dhuit deargann,
A bham buillean nan gaisgach
Chleachd na glas-lainn mar armachd.
S ann a leigeadh iad smear ris
Far am beanadh cruaidh dhearg dha,
Us bhiodh eanchainn nam mullach
Tighnn mu muineilgan salachadh.

Dhinnsinn cuid de bhur beusan
Bha sibh treun ann san tòirachd,
Us bha bhuil air Clann Chatain
Gum be fasan Chlann Domhnaill.
A bhi cruaidh air chul claidhibh
Nuair a chaitheadh iad lòd orr,
Eadar fhearaibh us ghillean
Bhi le sginnibh nan sgornain.

Nuair a rainig thun làrach
An robh àbhaist do sheanar,
Bha Clann Chatainsa ghàirich
Giarraidh fàbhair dan anam.
An sin gheibhadh tu t-ailghas
Chur am paipeir an ceangal,
S ged tha Chepach na fàsach
Tha i paighte le ceannabh.

Ged a ghlaodh iad ruibh anaghlas
Mu anmoch an fheasgair,
Chuir sibh sgapadh a mheanbh-chridh,
An luchd mamadh a pheice.
Gun ruith feadh nam bruachan
Usgan cuartachadh dhachaidh,
Sgam paighadh nam fiachan
S mor an ionndrinn dhoibh Lachann.

Bha Mac Choinnich ceann airm leo,
S bu mhor earba as a mhathas,
Le a shaighdairibh faoghluimte
Fon aodichibh dathar.
Nuair bha dhag air a seursadh
Sheall e geur ann san amharc,
Sinnuair phaigheadh an t-eudach
Bha ri earball na mnatha,

Gur h-e Aonghus bhon Tullach
An sar churaidh nach diobradh,
Bha air aodann an dùin ud
Us bu chunnart e cinnteach.
An am cruadail no gaisge
Chan ann tais a bhiodh t-inntinn,
Nuair a chaidh tu ga bhualadh
Gun dfhuair thu fo chis e.

Bha Mac Coinnich na laidhe
S rinn e chlaidhibh a shineadh,
Bha luaidh aig an Tullach
Mar a bhuineadh dha shinnseadh.
Cha robhn Lochidh non Spiathain
Fear a dhiarradh gu strith riut,
A laoich ghleusta gun ghisrag
S tu nach tilladh fo mhi-chliu.

S tu nach tilleadh fo thàmailt
Bha thu dànasan iomairt,
S tu choisinn buaidh-làrach
S nach drinn pàrladh a shireadh.
Ach ceum air adhart le cruadal
Mar bu dual duit dhuit o dchinnadh,
Chuir thu maoin air na Tuathich
S ann leat fhuair iad am milleadh.

Thoir mo shoraidh le dùrachd
Dhionnsna triùir tha sa Bhràighe,
Gu Colla an làmh threubhach
E-fhéins a dha bhràthair.
Na fir chalmfhuair an toiseach
Ann an toital nan clàidhean,
Gun robh agaibh mar sgeith dhuibh
Ainglean anns gach àite.

Nam bu mhis a bfhear seòlaidh
Air na seòid ud an dràsta,
Bhiodh fear air gach uilinn
Chors nach leigten aon bhlàr iad.
Cha robh eagal no giorag
Air sàr ghillan na tàbhachd,
S ann a bha iad sa chuimasg
Mar sgeith chunnart róimhn cairdan.

S e a Cholla mo dùrachd
S tha mo dhùil ri e thachairt,
Thu bhi t-uachdaran dùthcha
Eadar Dùnans an Ceapach.
Eadar Ruthain us Spiathain
S cill-mo-niobhaig a chladaich,
Ann am paigheachas sgriobhte
S lamh an righ ris a chairt ud.

Cuim nach cuirinn-sa cuairt
Air Gleann Ruaidhsan robhm baital,
Eadar monadh Dhruim-uachdair
Cnoc na Cuailles an Teagal.
Gun aon mhir a bhi bhuait dheth
Ach cnuac Choir-an-easa,
Fearann dùthchais Mhicic Mhartuin
Bu neo-nadara cheagadh.

ALASDAIR AN RIDGE.


AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leigsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD.
Cuir a dhiarraidh sampuill, teisteannais us urrais.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia. —agus—127 State St Boston, Mass.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar duthcha thanar beachd.


NIALL Mac FHEARGHAIS,
TAILLEAR.
SIDNI - - - C. B


$1 .00 air 80c.
Tha tuilleadhsa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dhairgead. Thig mum bin t-am seachad agus
FAIGH BARGAN.
McDonald Hanrahan & Co.
Sidni, Iulaidh 16, ’97.


CAIT AM FAIGH MI?
Saibh, Glasan, Luaidhe, Sgeinein, Lainntearan, Sguabaichean, Paipear-tearra, Paipear-tubhaidh.
Olla, Fudar, Glaine, Siosaran, Tairnean, Bucaidean, Tuaghannan.
GHEIBH AIG
C . P. MOORE,
Sidni, C. B.

titleIssue 31
internal date1898.0
display date1898
publication date1898
level
reference template

Mac-Talla VI No. 31. %p

parent textVolume 6
<< please select a word
<< please select a page