[249]

[Vol . 6. No. 32. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH, CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VI. SIDNI, C. B. DI-HAOINE, 4 FEBRUARAIDH. 1898. No. 32.


Litir a Thorburn.

Gu Fear-deasachaidh Mhic-Talla:

A CHARAIDE RUNAICH, —Tha uine mhòr on bha mim beachd sgriobhadh ugaibh ged nach drinn mi e gus an so. Cha robh mi o chionn beagan mhiosan ro fhada ann an aon aitesam bith, agus, uime sin, cha bfhurasda dhomh mi-fhein asteidheachadh sios ri litir Ghàilig. Ach, ged bha so mar so, cha bann air an aobhar sin uile gu leir nach robh misgriobhadh, ach air son reusainbu truime. Cha robh mo shlainte fad an fhoghair cho math idirs a bu mhath le mchairdean. Dhfhaodainn uime sin, aradh, “Tha an spiorad gu dearbh toileach, ach than fheoil lag.”

O chionn beagan mhiosan bha mi fad thri seachduinean ann an Halifacs. Ged bha mi iomad uair an Halifacs roimhe, cha dfhan mi cho fada riabh anns a rinn mi air an turas ud. Tha Halifacsna bhaile briagha gu leor, agus le bhi air leth taobh bruthaich, tha e buileach inntinneach. Tha sgoiltean matha dhe gach seorsann far an faigh achlannchan emhàin leughadh, sgriobhadh is cunntasach far am faigh iad ionnsachadh ann an iomadh doigh. Tha e, uime sin, furasda teaghlach athogail ann. Chan eil mise fuathasach measail air na bailtean mora. Chunnaic mi gu leor de bhailteanan Canada agus anns na Stàitean as briagha na Halifacs anns nach deanainn mo dhachaidh idir; ach bfhior thoigh leam abhifuireach ann an Halifacs. Tha ena bhaile sitheil, agus, ’g a mhiadachd, fuathasach sàmhach. Gabhaidh duine gu bitheanta, meas air baile mòr, agus air dùthaich cuideachd, chan ann a mhàin air son an rud a chi e, ach air son an rud nach fhaic e. Gle thric bheir na chis na chluinneas sinn oirnn gràin aghabhail air aite. Their mi so mu Halifacs: aon rud nach fhaca mi anns e misg. Chan fhaca mi ach aon fhear, agus, taing do Dhia, chan fhaca mi idir bean, air an robh coltas deoch laidir; agus, mar thuirtHandy Andy ’n uair a mharbh en cu, “ ’S ann le tuiteamas a rinn mi sin fhein.” Dhfhaodadh esan, an duine bochd, aradh le firinn nach fhac e gin idir air an daoirich. Bhan duine cho dalls chan fhaiceadh e iad ged bhiodh iad ann.

Ged nach fhaca mi ann an Halifacs ach an aon fhear dall le daoirich, ’s lionmhor fear is te, mo thruaighe! a tha dall anns an taigh mhòr airTower Roadris an canar Sgoil nan Dall. Chuir mi greis de dha latha seachad anns an taigh so, agus be sin an uinebha taitneach leam. Bha mu cheithir ficheads a deich ann a bha dall, mu leth chiad gille agus mu dha fhichead de nigheannan.

Than t-aon rud sin as eireachdaile air uachdar an t-saoghail a dhith nan dall, ’s e sin solus na greine. Chan eil gu cinnteach anns achruitheachd gu leir sion a than coimeas ri solus na greine agus gach ailleachd a tha e teasbanadh dhuinn ann am briaghad. Chan eil, math dhfhaoidte, samhla corporra eile cho math againn air Grian a Cheartais Fhein ris aghrein a tha sinn afaicinn gach latha. Theireamaid, uime sin nach eil ionndraichinn eile ann cho mòr ri bhi, mar than dall, gun chomas air an t-solus so no sion eile fhaicinn. Ach, rud a tha car iongantach, chan eil sluagh air an t-saoghal, bharr a cheile, as toilichte na iadsan a tha dall, agus chan eil sgoil eile ann far am bheil cho beag aimhreits a thann an sgoil nan dall. (Gun teagamh cha bu choltach dhaibh a bhi ro mhath air sabaid.)

S fhada on chuala mi gun robh na doill toilichte. Fhuair mi dearbhadh air achuis ann an sgoil nan dall. Ach, ann an so, feumaidh miur luchd-leughaidh achur air an faicil mu mhearachd a tha feadhainn gu tric adeanamh, ’s e sin, gum bheil an dall nas toilichte na duine sam bith eile. Chan eil sin ceart. Chan eil air an t-saoghal an diugh ach àireamh bheag a bha buileach dall bho riabh. Chaill achuid mhòr de na doill am fradharc le cliobaisdeachd bhochd air choireigin. Tha fuathas diubh a bhan am miadachd man do chaill iad e. Nise, tha e amaideach do dhuine sam bith a bhin duil gum bheil fear diubh so nas toilichte na bha en uair a bha a fhradharc aige. Tha fhios aca nach càirich gal pige briste, agus tha iad, mur h-eil fior chor fhear ann, striochdaidh dhan staid agus don Fhreasdal. uine tha iad toilichte cuideachd; ach faodaidh duinesam bith anns am bheil tonaisg athuigsinn gum bheil cion an fhradhaircna aobhar trioblaid daibh; aguss ann air an fheadhainn nach do chaill am fradharc gu buileach as motha tha ecur de thrioblaid. Tha feadhainn eile ann a chaill am fradharcn uair a bha iadn an leanaban. Chan eil iad so alàn thuigsinn gu de thagan dith. Chan urrainn iad a thuigsinn ciod e solus no de tha dath aciallachadh. Tha iad atuigsinn gum bheil rud-eiging an dith, ach chan eil am fradharc acur moran iomaguin orra; —chan eil fhios aca ciod e. Dhamais fear diubh so rium ann an Halifacs. Bha e mu cheithir bliadhndiag; ’na sgoilear math dha aois; agusna dheadh fhear ciuil. Dhfhaoighnich mi dheth dhiubh bfhearr leis abhi dall nobhi bodhar. ’N uair thuirt mi bhi bodhar, bha miciallachadh ebhina bhalbhan. Chan eil am facalbalbhan” ’an cleachdadhs an t-saoghal tha so, oir tha e air a dhearbhadh gun gabh bruidhinn ionnsachadh do dhuinesam bith nach drugadh gorach. Thuirt e rium, “Cha ghabhainn an saoghal gu leir, agus mo fhradharc comhla ris, air son mo chlaisneachd.”

Mhothaich mi do dhaon rud ann an Sgoil nan Dall a thug sannt gairorm. Be sin an rud a theireadh na doill rium an uair a bheirinn air laimh orra. Bha iad uile dall; bha cuid diubh cho dalls nach bu leir daibh an latha seach an oidhche; ach cha robh aon fhear no nach dthuirt rium: “I am happy to see you. ”

Than litir so afas cho fad orms gu feum mi dàil achur ann am pàirt di gus an ath àireamh dhen MHAC-TALLA.

Is misur caraide dileas,
UILLEAM IAIN OIG.
Thorburn, Siorramachd Phictou,
-Fheill-Brìde, 1898.


Litir aNew Hampshire.

Bliadhna mhath ùr dhut, fhir-dheasachaidh ionmhuinn, agus moran dhiubh, ’s do mo chàirdean gu leir, ’s do luchd-leughaidh MHIC-TALLA thalls a bhos mar an ceudna. Ged nach eil mi comasach air aon chuid litir bhlasda no phongail a sgriobhadh, gidheadh tha mi a creidsinn gum biodh mo chàirdean toileach facal no dha a chluinntinn uam de sheorsa air chor-eigin, agus air an aobhar sin bheir mi ionnsuidh air sgriobag a chur gu MAC-TALLA ma bhios sibh cho maths gun cuir sibh inar paipear gasda.

S mi fhein a thag ionndrain Cheap Breatunn, an t-eilean maisaach; a shruthain, a chnuics a ghlinn; MAC-TALLA uasal a bhiodh a tighinn do mionnsuidh gach seachdainn; a Ghailig bhinn, bhlasda; agus co-chomunn mo chàirdeans mo luchd-eòlais. Chan ionnan agus aHow dofuar a gheibh mis na Stàitean. Tha mi ann an

(Air a leantuinn air taobh 252.)



[250]

[Vol . 6. No. 32. p. 2]

Lagh na Fairge.

Am measg nan rioghachdan gu leir, is e so an reachd a tha iad aleantuinn, an deigh moran cainnt, ’us reusonachadhus aimhreit: gu buin do gach rioghachd, agus gu bheil coir sheasmhach aig gach rioghachdus dùthaich, air tri mile den chuan bho gach cladach a bhuineas doibh. Co-dhiutha moran no beagan eisg ri taobh achladaich, tha coirus sealbh aig gach tirus fine air achuain fad tri mile bhon chladach, agus is e eucoirus ana-ceartas a ni dùthaich air bith eilen uairtha i le dalmachdus le sannt ag iarraidh dol thairis achallaid a tha tri miletogail gu laghail an cladach gach dùthcha. Faodaidh an cladach a bhi creagach, cam no direach, lan storais no as eugmhais eisg, chan eil gnothuch aig daoine air bith ach na daoinetha tuineachadh anns an dùthaich, air dol thairis airchallaid so; agus lamh lag no laidir a chur air ni air bith a ghabhas faotainn anns na tri mile so. Tha lagh na fairgeciallachadh mar an ceudna, gu buin gach port, ’us loch, ’us acarsaid a tha deich mile aig am beul, don dùthaich anns am bheil iad, agus gu bheil coir na dùthcha orra co laidir, onorach, ceart am feadh a tha iad deich mile air farsuingeachd bho cheann gu ceann aig am beul, ’s tha a coir air tri mile den chuan a thabualadh lethonnan troma, luasganach air creagans air an traighetha mu thimchioll na dùthcha. Ma tha beul puirtus loch tuilleadh agus deich mile air leud, buinidh don tir anns am bheil iad tri mile bhon chladach mun cuairt agus buinidh an corr den bhagh no den phort do rioghachdan an t-saoghail gu h-iomlan, mar a bhuineas an cuan beucach, tonnach, domhain, neoshamhach do gach rioghachdus fine. Is gle mhaith a tha eolas aig luchd-leughaidh MHIC-TALLA gur i so an lagh leis am bheil iasgach an truisg, ’s an adaig, s an sgadain air a riaghladh ann an Newfoundland agus anns gach cearna eile de na roinnean a bhuineas do Chanada ri taobh na fairge. Tha fios aig iasgairean Chanada gu bheil na Stàidean daonnan ag iarraidh gu teid an lagh onorach, ceart so a chur an neo-bhrigh, agus mar so gu faigh iadsan ceadus comas air iasgach a dheanamh ri taobh gach cladaichus anns gach loch, ’us bagh, ’us port air am bheil coir dhiongmhalta aig Canada. Than latha anns am faigheadh na Stàidean an doighus an toil fein bho Chanada, le bhi bagrach, tamailteach, Iadarna, gu brath seachad, agus seasaidh Canada daonnan, mar tha i deanamh a nis, gu dileas, duineil, foirmeil, pongail as leth acheartais agus na corach. Is e feallsanachd aon-taobhach a tha taitneach ann an suilean nan Staidean, oir, ged tha iad acreidsinn no ag eigheach a mach nach eil iad afaotainn ceartais no caoimhneis iomchuidh ann an iasgach an truisg, ’us an sgadain, ’us an adaig a bhuineas do Chanada air taobh an ear America, tha iad le seanachas dana, ’s le fuaim breun, dalma acumail a mach gu buin doibhsan agus doibhsan a mhain, caoil fhada, fharsuing, dhomhain Bhehring, ged tha fios aig na balachain fein anns an sgoil, gur e fairge mhor a tha da rireadh ann an Caoil Bhehring. Anns na caoil so, tha na roin lionmhor, agus tha na craicinn no na bein aca fiachail ann am margadh mor an t-saoghail. Rinn na Stàidean iomadh oidheirp nach robh aon chuid uasal no cliuiteach airson na roin fhaotainn doibh fein gu buileach agus air iasgairean Chanada no Cholumbia a chumail air falbh bho Chaoil Bhehring. An deigh moran deasboireachd, ’us connsachadhus dichioll cuilbheartach a dheanamh, tha na Stàidean afaicinn gu feum iad ceartas a dheanamh, agus gu bheil Breatunn ullamhus iarrtus ach air coirean Chanadadhion agus a theasairginn an aghaidh nan Stàidean agus gach rioghachd aig nach bi toil no deoin air firinn a ghleidheadh no air slighean ionracach a leantuinn. Tha misneachus cridhe Chanadatogail an cinn gu h-aighearach, togarrach a nis; on tha dearbhadh co-laidir againn air gach taobh, gu bheil amannan maith am fagus, agus gu bi ann an uine ghearr, grian aghmhor an t-soirbheachaidh adortadh a nuas a soluis glain, aoidheil air gach cearna de Chanada, agus air gach innleachd, ’us obair, ’us ceaird, a tha na Canaidianaich acur an gniomh. Is e talamh neo thorach gun bhrigh a tha anns na h-aitean far am bheil an t-òr as deirge dreach ra fhaotainn. Tha sluagh lionmhor anns an Roinn-Eòrpationndadh an aire ri Claondaic, agus ris an Amhainn Fhrasach. An uair a bhitheas an samhradh ann an tus a bhoidhcheid agus a ghrinneis, bithidh miltean ag imeachd le ceum deifireach gus na h-ionadain anns am bheil an t-or pailtus luachmhor. Feumaidh an sluagh mor so biadhus eudach. Gheibh sinn margadh brisg maith aig an tigh airson gach damhus caora reamhar a bhitheas againn; agus airson gach cruithneachd àluinn, ’us eorna, ’s coirce briaghus brioghmhor a thogas sinn anns an talamh shultmhor, ghreadhnach a tha againn an sud agus an so ann an lionmhorachd anabarrach. Theid na muillnean cotainus cloimh gan dubhlan ann an uidheamachadh eudaich airson nan daoinethacladhaich an oir. Bi farum, ’us othail, ’us deifir nuadhus mhor air am faicinnus air am faireachduinn shiosus shuas, anns gach baile morus beag, air gach lochus amhuinn, ’s air gach rathad-iaruinnus creadha ann an Canada.

Chan eil ach pris bhochd ra fhaotainn air eich aig an àm so. Tha gnén dealanaich ag iomain nan carbad luath anns gach bailes an dùthaich, agus cha bhi feum tuilleadh air eich throma, laidir airson carbadan farsuingtharruing air feadh sraidean nam bailtean mora. Thog na Stàidean mar an ceudna, callaid cise an aghaidh nan each againne, agus air an aobhar so, chan eil e comasach margadh a shireadh anns na Stàidean airson ar n-eich. Tha feum daonnan aig Breatunn air eich laidir, fhallain airson a h-eachraidh, agus bheir i gu toileach pris mhaith airson eich den t-seorsa so. Toisicheadh mata, tuathanaich Chanada air eich a thogail a bhitheas freagarrach am marc-shluagh cogaidh Bhreatuinn, agus gheibh iad margadh gasda air an son.

CONA.


Mun Luing-imrichPolly,” 1803.

ON BHEURLA, LE S. A. MAC ILLE-MHAOIL

Se aon de na nithean sonruichte a thachair ann an Eilean Phrionns Iomhair anns a bhliadhna 1803, tighinn an t-soithich-imrich ainmeil sin ris an cainte amPolly,” a thug àireamh mhor de luchd-turuis len imrich a nall á Albuinn.

Anns an t-soitheach sin thainig athraichean nan teaghlaichean a tha nise a tuineachadh anns an àite sin de Eilean Phrionns Iomhair ris an canarBelfast, àite a thog moran de phriomh luchd-lagha, dotairean, marsantan, agus caiptinean-mara, ged a tha moran dhiubh a nis air an sgapadh air feadh an t-saoghail, agus faodaidh eachdraidh bheag aia cuid de na priomh luchd-imrich a bhan so a bhi rud-eigin annasach do chuid, agus gné de ghluasad inntinn a chur ann an cuid eile. Fhuairadh an naigheachd so ann an leabhar-cuimhne a bha ann an seann chiste dharraich a thugadh a reir coltais a nall á Albuinn, an uair a thainig na h-eilthirich á tir an dùthchais, oir bha gach oisein dhi a leigeadh ris gu soilleir gun robh i air a dhol troimh iomadh fairge bhuaireasach agus cuan stoirmeil. Bhan leabhar-cuimhne (oirse sin a dhfhaodar a radh ris) air a sgriobhadh, cuid dheth le peann agus dubh, agus cuid eile le peann-luaidhe, agus leis cho mionaideachs a bha gach ni air aithris bha e coltach gun robh e air a sgriobhadh le aon a bha co-aimsireach ris an fhear mum bheil an cunntas air a thabhairt cho iomlan anns an leabhar-chuimhne.

Bann do mhuinntir Chircubri(Kircudbright)ceana-bhaile na siorrachd don ainm sin, ann an taobh a deas na h-Alba, a bham fear air am bheil an cunntas so air a sgriobhadh. Fhuair e cuid de fhoghlum ann an aon de sgoilean-paraisde baile a dhùthchais. Gle òg bha e air a cheangal mar fhoghlumaiche ceaird na taillearachd, ach air dha bhi luaineach, neo-shuidhichte ruith e air falbh o mhaighistir an deigh dha beagan bhliadhnaichean a thoirt aig a cheaird agus ghabh esan arm.

Mu bhliadhna an deigh gabhail san arm chaidh an reiseamaid anns an robh e ordachadh do dhEirinn, oir bhan dùthaich sin ann an staid bhuaireasach leis an ar-a- mach a bhrist amach ann an98. Chunnaic Alastair (oir be sin ainm baistidh) cuid de sheirbheis gle chruaidh. Ghleachd e aigVinegar Hillagus bha en caochladh arabhaigean ris na h-Eirionnaich thir-ghràdhach.



[251]

[Vol . 6. No. 32. p. 3]

Ann an aon dhiu sin fhuair le eòn cràiteach a dhfhag e car ùìne neo-chomasach air a dhleasanas a choimhead. An uair a thainig ciùinachadh air an trioblaid an Eirinn chaidh an riseamaid aige ordachadh do Chanada agus chaidh ar treun-laoch comhladh rithe, agus an uair a rainig e fhuair e fiosrachadh air fuachd is ùdlaigheachd na duthcha sin a deanamh dleasdanas gearasdain ann an dun-daighnich Chuebec. An deigh dha tri bliadhna a chur seachad ann chaidh an reiseamaid a ghairm air a h-ais, agus chuir Alasdair a choinneamh air tìr a dhùthchais. Cha do leighis an leon a fhuair e ann an Eirinn gu buileach riamh agus bhrist e mach a rithist as ùr. Bhan turus cuain thar an Atlantic ann an soitheach trùp anns na laithibh ud fada agus mall, ag dhfhuiling na seoladairean gu searbh le tinneas an tachais thioram, agus an uair a rainig an soitheachPortsmouthcha robh Alasdair ni bfhaide comasach air seirbheis a dheanamh don righ, agus fhuair e a shaorsa agus beagan de shaor-dhuais bhliadhnail.

An deigh dha a shaorsa fhaotainn thill e do Chircubri agus re seal chaidh e air ais gusheana cheaird, ach ged a bha a shlàinte beagan air a h-ath-philleadh le àile cubhridh tir a dhuthchais cha robh idir a chridhe anns an obair aondhuthach sin, a gearradh agus a deanamh suas aodaichean; bhiodh an t-seann fhaireachdain luaineach a tighinn, agus dhfhalbh e mar sin air seacharan car uine air feadh gach frith-bhaile is baile mor, ag aithris eachdraidhean mun chogadh ann an Eirinn, agus na h-ioghnaidhean a bhas a chunnaic e air an taobh thall dhenAtlantic .

Aig an àm sin bha cheist mhor sin mu imrich do dh’ Americaan deigh greim a ghabhail air moran den t-sluagh chumanta ann an iomadh aite ann an Albainn, agus on a bha Alasdair cho fada thall anns an duthaich iongantaich sin, co bfhearr a dhinnseadh na chunnaic e, aon chuid ann am Beurla no ann an Gailig na e fhein, agus mar sin cha robh dragh sam bith aige e fhein a chur ann a fiachaibh don t-sluagh a bha anns a chearn sin dhen duthaich a shiubhail e, agus bha e a faotuinn cuireadh gu taghal a rithistgu sònruichte bho na daoine blàth-chridheach agus fialuidh ann am Peart agus an Earraghaidheal, am measg an drinn e a thursan a bfhaide agus an taghal gu trice. A thaobh gun robh tuigse gheur shoilleir aige, agus gun robh e deaschainnteach agus dannarra ann an argumaid bha e air aon de na daoine sin a tha comasach air roinn mhor de chumhachd a ghnàthachadh eadhon ged a bhiodh e easbhuidhach anns na buadhan a bàirde. ’Se choire mhor a bha na chliù cho fior dheighails a bha e air agairt lagha agus cònnspaid ann an ni sam bith a thigeadh an taobh a stigh dhe eòlas anns am biodh teagamh sam bith. ’Na òige bha e air a thoirt fa-near gun robh barrachd tlachd aige ann an litrichean an Abstoil Phòil na bha aige ann an eachdraidhean an t-Seann Tiomnaidhs an Tiomnadh Nuaidh, agusnuair a bha e ag ionnsachadh a cheaird bha moran deth ùine dhiomhaineach air a chaitheamh a meòrachadh air leabhraichean lagha Bhlackstone agus leabhraichean lagha eile a bhiodh e gabhail an iasad bho sheana ghriasaiche a bhana nàbuidh aige. ’Sen deireadh a bhann gun do cheannaich e na leabhraichean so, agus gun tug e aire dhoibh le mor churam. Bha iad aige air reidhlean na h-Eirinns thug e leis iad thar a chuain do Chuibec agus air ais do Albainn; bhiodh aon no aon eile aige air a chuairtean anns a Ghaidhealtachd, agus còrr us tri fichead bliadhna an deigh sin chìte iad, air am meorachadhs air am milleadhs air an caitheamh, ’nan sineadh gu socrach ri taobh an t-seann bhiobull-theaghlaich air sgeilpna ionad còmhnuidh iriosal ann an Eilean PhrionnsIomhair.

Leis cho deigheils a bha e air tagradh lagha agus air deasbuid, agus cho ullamhs a bha e air toirt seachd as a stoc de uidheam-gunnaireachd, no de airm-chogaidh, as a thigh-stòir de eòlas air lagh tìmeilus Sgriobturail, fhuair e an suaicheantasAlasdair laghail.” Air alt air chor-eigin, anns abhliadhna 1802, tharriunn e aire Thòmais, Iarla Shelkirk, a bha aig an àm a cleachdadh gach innleachd air daoine a shuidheachadh air a chuid fearainn, agus mar sin bha toil aige gluasad a chur ann an inntinn sluagh na Gaidhealtachd feuch an togadh e buidheann a chuireadh e air falbh do dh’ Americaair an ath bhliadhna. Bha moran fearainn aig an Iarla ann an Eilean aPhrionnsa, agus be sin an duthaich gus an robh an soitheach ri dol. Rinn an RiaghladairFanningòraid ann an tigh na Pàrlamaid ann an Eilean PrionnsIomhair an ceud mhios a gheamhraidh 1802, anns an do thaisbein e a thoil-inntinn gun robh aige ri ràdh bhon ughdarras a bàirde, gun robh cùisean an Eilean air an toirt air beulaobh luchd-comhairle an Righ agus gun robh e coltach gum biodh cùisean gle fhàbharrach don t-sluagh leis na bha de dhfhearann fas gun àiteach anns an Eilean, agus air an aobhar sin bha na tighearnan fearainn a deanamh an uile dhichioll gus luchd-imrich a thuineachadh an cuid fearainn.

Se gle bheas eòlais a chuir an t-Iarla aìr ar caraid Alasdairnuair a thuig e gum be a cheart dhuine a bhadhith air, mar fhear-ionaid airson a dhol air feadh an t-sluaigh, a shoilleireachadh dhoibh na cothroman a bha an Saoghal Ur a tairge don fhear-imrich, airson a mheud dhius a burrainn, a bhi deiseil gus an turus a a ghabhail air an e-soitheack a bha gu seòladh as an Obansan t-samhradh a bfhaisge. Thug an t-Iarla tairgse gle mhath do dhAlasdair air son an obair a ghabhail os laimh, agus thòisich esan spot, agus chòrd an obair ris a ghné inntinn a bhaige gu nàdurra.

Cha mhor nach robh gach aon ris an tachradh e a nochdadh dha an t-eagals na teagamhans na cunnartan a bhiodh ann an dol do dh’ America—cunnartan an turais chuain, fuachd a gheamhraidh, an cruadal a bhiodh ann an leagadh nan craobh, eagal nan Innseanach, nam mathain agus bheathaichean fiadhaich eile dhen robh iad a cluinntinn gun robh a choille lànbha so uile a cur iomaguin mhor air an luchd-imrich, ach bha Alasdair comasach air dreach eilechur air gach fath iomaguin a bhan so, le briathraibh ealanta, aguss annnuair a bhiodh e ris an obair so a bhiodh ena fhior ealamaid fein. Bha a leòr aige do dheasbuids do chònnsachadh fad a gheamhraidh, agus is iomadh botull uisge-beatha a chaidh a thraoghadh mu choinneamh nan teinntean mòine aig na croitearan neo-chiontach sin far am biodh etaghal a gheamhraidh. Chuireadh e mu choinneamh an cuid gearain-san na buanachdan a bhiodh aca anns an t-Saoghal Ur na ciad bhliadhnaichean, seach mar a bha iad aig an àm; chuir e am fiachaibh dhoibh gun robh an soitheach a bha gus an toirt thar a chuain mor agus làidir, le bàtaichean maith, le àsuig is siùil le slabhruidhean is acraicheans gach uidheam eile air am biodh feum. Dhinnis e dhoibh gun robh na craobhan ann an America de stuth bog agus soirbh rin gearradh, agus cho liuthad feums a dheante dhiugu togail thaigheans shoithchean is challaidean, connadh, ’s mar sin sios; an siucar a thigeadh asda co luachmhors a bha e, gum foghnadh dhoibh sliseag a thoirt á craoibh agus gum brùchdadh am mach an stuth a bàillidhe agus le beagan dragh gum feudadh sin a bhi air a bhruich gu siucar a bu mhillse blas, agus le seòl eile (nach do chleachd na h-eillthirich) gun deanadh e an t-uisge-beatha a bfhearr. Agus an (rud a bha gle annasach anns a Ghaidhealtachd anns na laithibh ud) gum feudte a faighinn gu pallt anns na suampaicheans anns a choille cho maiths a thainig riamh á Sina. Agus air son nan Innseanach, gur fad bhon a chaidh an iompachadh gu Criosdalachd le sagairt a chaidh nam measgsan àm an robh na Frangaich a seilbheachadh na dùthcha. Agus cha deanadh e ach gàire fanaid mun eagal a bha orra roimh bheathaichean fiadhaichtheireadh e gur ebhi ruith a mhathain feadh na coille le coin, le gunnaichean, ’s le cuailleachan, lan-aidhir a bfhearr a burrainn dhoibh iarraidh. Achsechrùn a chùis uile an rud ris an canadh e fheinArgumentum ad crumeranagus gum be sin cho furasdasa gheibheadh iad fearann gu leor le leasichean fada, ach chum e gu dichiollach am falach an cruadal a bhiodh aca ann an réiteach an cuid fearainn; agus ged nach mor nach robh na bha eg ràdh uile na bhréig bha de bhlas firinn air na thug comas dhan fhear-ionad chuilbheirtach, letheanga mhìn, sgàil a chur air a chuid nach robh fior.

(Air a leantuinn air taobh 254.)



[252]

[Vol . 6. No. 32. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, . . . $1 .00
Sia miosan, . . . .50
Tri miosan, . . . .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig garn ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,’
Sydney, Cape Breton


SIDNI, 4 FEBRUARAIDH 1898.

(Air a leantuinn o thaobh 249.)

so mu dhusan mile stigh anns a choillegam riasladh air feadh chnochd agus bheannNew Aampshireag gearradh chraobhan mora spruis. Tha mu dha fhichead duine againn ann an càmpa ri taobh aimhna, agus tha mu leth dusan dhiu á Ceap Breatunn. Tha pròis orm air son gur e Gaidheil Cheap Breatuinn daoine as foghaintiche a tha nam measg. Tha mu dhusan Frangach ann, ach mo thruaighe! chan ann acasan as fhearr a tha na tìmeanan. Tha còcaire agus fear-frithalaidh againn. Tha an campa mu dha fhichead troigh air fad agus mu ochd troighean fichead air leud. Tha tri stobhaichean ann, tri buird-bhidh anns am bheil mu fhichead troigh air fad, agus air an lota tha fichead leabadithis a cadal anns gach leaba. Tha sabhal againn anns am bheil mu dhusan each; bidh iad so ri taruinn an fhiodha dhionnsuidh na h-aimhne, far am bheil duine ag obair air a chur a mach don t-sruth. Is mor an obair a ni iad ann an coig miosan. Tha na ceudan duine anns a phairt so deNew Hampshire,a shamhradhs a gheamhradh, ag obair air craobhan spruis a thoirt guBerlin, baile a tha shios an amhuinn, air son paipear a dheanamh dhiu. ’Nuair a thig tuiltean toiseach an t-samhraidh cuiridh iad air falbh leis an t-sruth iad as a so. Tha na beanntan cho cass gum feum gach duine a bhi air a chruidheadh cho maith ris gach each. Tha sinn air deagh bhiadh agus chan e beagan a riaraicheas da fhichead duine acrach. Cha mhair baraile flùir ach mu cheithir latha, cuide ri feòils buntàta agus gach seorsa eile. Tha sinn ag obair fhads is latha e. Tha am fear frithealaidh a bualadh clag mu choig uaireansa mhaduinn agus am biadh deas, agus an sin am fear nach beir air a bhogha beiridh e air a chlaidheamh, agus am fear as fearr airson e fhein a chuideachadh is e a chasan as blaithe a bhios fad an lathabithidh am paidhir shocsichean as fhearr ma chasan. Gu de do bheachd air so? Anns a mhaduinn an de bha fear de na Frangaich a cur uime a chòta agusnuair a chuir e uime e bha ega fhaireachadh car iongantach, agusnuair a dhfheuch e, mo chreach! cha robh aige ach an colair agus na muilchinnean. Fhir mo chridhe! nach ann a bha fear de na gillean air paidhir mhogan a thoirt as an druim aig a chota aigenuair a bha e na chadal.

Tha fios gum bheil sibh a gabhail sgios do mlitir, ’s air an aobhar sin cha chan mi tuilleadh. Beannachd leibh. Is miur caraid an lachis nach faic.

AN GILLE DUBH.


Tha troimhe-cheile nach beag adol air adhart anns an Fhraing aig an àm so. O chionn beagan bhliadhnaichean air ais chaidh Caiptean Dreyfus, aon de dhoifigich an airm, a chur an sàs air àmhrus gu robh e toirt fiosrachadh don Ghearmailt air nithean diomhair na Frainge. Chaidh fheuchainn gu falachaidhs chaidh a dhìteadh. Tha an duine truagh riamh on uair sin air a phriosanachadh air eilean beag tuath air Astralia, far nach eil duine ris am faod e facal a radh. Tha e eadhon air a bhacail dhoibhsan a tha ga choimhead guth a radh ris achnuair nach gabh sin seachnadh. Tha moran de mhuinntir na Frainge adeanamh mach gu bheil Dreyfus neo-chiontach, agus tha iad air son e bhi air fheuchainn a rithist, ach dhiult an Riaghladh sin a dheanamh. Air dhaibh sin a dheanamh thòisich iorghail mhor am measg an t-sluaigh, agus tha cuid dhiubh a cur rompa gu faighear a mach an fhirinn mu Dhreyfus a dheòin no dhaindeoin. Tha aon duineEmelie Zolaan deigh a dhol cho fadan aghaidh an Riaghlaidhs gu bheil e nir a chur don phriosan. Bidh aige ri cùirt a sheasamh ann an ùine ghoirid, agus aig a chùirt sin thatar a smaoineachadh gun cuirear solus air càs Dhreyfus; ’se sin a bha aigZola ’san amharc. Tha gluasad an-fhoiseil am measg an t-sluaigh, agus chan eil fhios cuin a dhfhaodas iad bristeadh a mach ann am mi-riaghailt, oir is daoine iad a tha gle bhuailteach dha leithid.

Si Sina an Impeireachd as motha sluaigh a tha air an t-saoghal. Tha ceithir cheud muillean innte. Ann an Impireachd Bhreatuinn air fad tha mu dha cheudus ochd muillean. Ann an Ruisia tha sia fichead us naodh muillean. Ged ràchadh sluagh Ruisia agus na h-Impireachd Bhreatunnaich a chur cuideachd bhiodh tri fichead muilleansa tri ann ann Sina a bharrachd air an àireamh a dheanadh iad suas.

Tha baile-mor Dhamascus ann an Siria cho seans nach eil cunntas sgriobhte ri fhaotainn ag innse cuin a chaidh a thogail an toiseach. Chan eil teagamh nach em bailes aosda thair an t-saoghal.


BATHAR MATH SAOR.

Am bheil Deise, Cota, Cot’ -uachdair, Currachd, Brogan, Rubbers ,no ni sam bith dhen t-seorsa sin a dhith ort? Ma tha ruig
TORMAD DOMHNULLACH.

S ann aige tham bathar as fhearrs as saoire thasa bhaile, agus ma theid thu dhan stor aigaon uair, theid thu ann a rithist.
Na leig so as do Chuimhe.


MacCoinnich & Co.

Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh
ANN AN LOUISBURG,
agus tha sinn aig an àm cheudna acumail air adhart air an t-seann laraich,
ANN AN SIDNI.

Aodaichean Matha dhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell an New York.

Theid sinn an urras air an obair.
Mac Coinnich & Co.


H. D. Mac Ille-Mhaoil,
Stewartdale , C. B.
Cloth,Drogaid, agus PlaideachanEureka.”
Mu dheich air fhichead seorsa aodaichga chreic.
Cloimh air a gabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige neo sgriobh uige.


C . H. HARRINGTON & CO.
Flur, Min, Ti agus Siucar dhen t-seorsas fhearr.
Soithichean Glaine agus Creadha, math agus saor.
Brogan, Botainnean, Rubbersagus Caiseart de gach seorsa
GAN CREIC SAOR.



[253]

[Vol . 6. No. 32. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Rinn an stoirm a bhannsa mhaduinn Di-màirt beagan millidh air eaglais Hogomah.

Tha na h-eichs na sleigheachan a nise ruith air an deigh eadar so us Sidni Tuath. Tha na reothaidhean a bhann o chionn ghoirid an déigh an deigh a dheanamh gu math làidir.

Thainig fear Henry Berry, a mhuinntirClementsport , N. S. ,ri bheatha fhéin air an t-seachdain sa chaidh. Chaidh e gu tobar agus chum e a cheann fodhn uisge gus an robh e air a bhàthadh. Bha e as a rian.

Thatar abruidhinn air rathad-iaruinn a thogail an cois a chladaich eadar Yarmouth agus Halifacs. Tha sinn an dòchas nach bithear a bruidhinn uime cho fadasa bhatar a bruidhinn mu rathad Cheap Breatunn mun deachaidh lamh a thoirt air.

Tha achùirt aig luchd an smuglaidh ann an Sidni Tuath adol air adhart fhathast. Thug an luchd-ceartais binn Chaipt. Street a machtha aige ri càin da cheud dolair a phàigheadh, agus sia miosan a chur seachad anns aphriosan. Chaidh càin da cheud dolair an urra chur air dithis eile.

Tha caraid á Dunmaglass, an siorrachd Antigonish asgriobhadh ugainn, agus ag radh gu robh stoirm eagallach aca anns an àite sin air Di-dònaich, an 23mh latha den mhios a dhfhalbh. Bha ghaoth aséideadh gu h-uamhasach agus rinneadh milleadh mor air taigheans air saibhlean. Cha chuimhne leis na daoines sinesan àite stoirm bu mhiosa na i.

Chaochail an Seanalair Sir Fred D. Middleton ann an Lunnainn o chionn ghoirid. ’Se bu cheannard air airm Chanadanuair a bhatar acur fodha ceannairc Rielsan Iar-Thuathsa bhliadhna 1885. Chaidh a chur á dreuchd an deigh sin air son ni-eigin a rinn esan Iar-Thuath nach robh ceart. An deigh dha dhol air ais do Bhreatuinn fhuair e bhina fhear-gleidhidh nan seudan rioghail, agus bhan oifig sin aige gu am a bhàis.

Bha duinòg dam bainm Seumas Allison ri bhi air a chrochadh ann am Berlin, Ontario, ’sa mhaduinn an diugh. Mharbh e bean an fhir aig an robh eg obair, agus bhan uaigh aig air a cladhachdha no tri lathaichean mun drinn e an gniomh. Cha robh reusan sam bith aig air son cur as di. Chaidh tagradh a churdhionnsuidh an Ard-Riaghladair ag iarraidh a bheatha chùmhnadh, ach dhiùlt esan sin a dheanamh. Cha robh am murtair ach ochd bliadhndeug a dhaois.

Be Di-màirt latha taghaidh nan comhairlichean. Bha Domhnull M. Curry air a thaghadh anns acheud earainn den bhaile le tri bhòtaichean a bharrachd air Iain Poushay; Tearlach Mac Fhionghain anns an darra earainn le ceithir a bharrachd air Reynolds Harrington; agus E. C. Hanrahan anns an treas earainn le tri deug a bharrachd air Raonull Gillios. Ann an Sidni Tuath fhuair A. C. Bertram a stigh mar Ard-bhàillidh; agus D. D. Mac Coinnich, Bart Musgrave, Iain Vooght agus Anthony Gannon nan comhairlichean.

Tha coinneamh gu bhi aig muinntir Shidni Di-luain, air son fhaotainn am mach an e toil na mor chuid dhiubh, am baile ghabhail airgeid an iasad air son cuideachadh a thoirt do chuideachd an iaruinn ma bheir iad na h-obraichean don bhaile. Cha bhi an t-suim os cionn leth-cheud mile dolair, agus bidh sin air son làrach agus uisge saor a thoirt don chuideachd. Is còir do mhuinntir Shidni an uile dhichioll a dheanamh air an obair-iaruinn a thoirt an so, oir ma thig i ni i feum mor don bhaile agus don duthaich. Agus mur tig, cha n eil mòran dòchais ri adhartas sam bith a thighnn air a bhaile.

Tha Mr. Grannd a chaidh a thilgeadh ann an Thorburn air an t-seachdain sa chaidh, beò fhathast, agus tha choltas air gum faod e faighinn thairis air a leòn.

Chaidh luchd àireamh shoithichean de bhuntàta a chur air falbh a siorrachd Kings gu Habhana, an Cuba, air an fhoghar sa chaidh. Chreiceadh am buntata eadar $4 .25 agus $5 .25 am baràilte.

Tha boirionnach òg dan ainm Mrs. Canavan air a cur an sàs ann a’ Woodstock , N. B. ,air son a piuthar fhéin, Minnie Tucker, a phuinnseanachadh. Chan eil fhios car son a rinn i e; chuir i am puinnsean ann an ti a thug i dhi.

Shil moran sneachda ann an Ontarios an Cuibeic air agheamhradh so, barrachd morsa shil anns na mor-roinnean iseal. Shil an sneachda ann am Montreal toiseach na seachdain sa chaidh na bu truime na shil e o chionn fichead bliadhna.

Bha stoirm thàirneanach aca ann an taobh an iar Nobha Scotia toiseach na seachdain sa chaidh, ni nach eil atachairt ach gle ainneamh anns an dùthaich thuathach so. Chaidh tigh, ann am baile Yarmouth a bhualadh leis an dealanach la na Sàbaid agus rinneadh milleadh nach bu bheag air, ach gu fortanach cha robh cron air a dheanamh air duine.

Cha dfhuair an soitheach-smùide Bruce a stigh gu Sidni Tuath air an t-seachdain sa chaidh idir. Chruinnich moran deighe mu bheul na h-acarsaid agus cha burrainn dhi a dhol troimpe. Bha in sàssan deigh o Dhi-haoine gu Di-màirt, agusnuair a fhuair i aisde chaidh i air ais gu Newfoundland. Tha iad ag radh nach robh uiread deighe am beul na h-acarsaid cho trath so o chionn deich bliadhna fichead.

Tha iad adeanamh a mach gu bheil mu leth cheud mile duine nan tàmh ann am Boston air agheamhradh so; chan eil obair ri fhaotainn. Chan eil teagamh nach eil àireamh mhornam measg a dhfhàg fearainn mhatha as an deigh air am faodadh iad deagh bheòthachd a dheanamhnam biodh iad air fuireach orra. Achsan t-saoghal a thanns fhearr le daoine bhisa bhaile mhor ge be den suidheachadh anns am bi iad.

Bha stoirm mhor annsa mhaduinn Di-màirt, agus mhair i gu math fiadhaich gu meadhon-latha. Shil roinn shneachda, agus chath e mar a shil e. Cha robh againn an so ach iomall na stoirme; mhair i na bfhaide agus bha i moran na bu truime an iar oirnn. Ann an taobh an iar Nobha Scotia, anNew Brunswick,an Cuibeic s ann am Maine, bha na rathaidean air an dùnadh air chors nach burrainn do na carbadan-iaruinn gluasad. Bha moran dhiubh air an stad ann an citheachan, agus cha drainig iad an ceann-uidhe gu ceann coig no sia dhuairean an deigh an ama bu chòir dhaibh fuigheachd. Bha an carbad a dhfhalbh á Sidni maduinn Di-màirt mu uair gu leth an deigh time a ruigheachdPoint Tupper.


Iadsan a Phaigh.

Mairi E. Nic Gilleain, Gabarus.
A. W. Bethune, Loch Lomond.
Iain A. Mac Ille-mhaoil, Clabherhouse , Loch Ainslie.
Domhnull Domhnullach (gobha), Rathad Amhuinn Dhennis.
Calum Mac Gill-fhaollain, S . W. Margaree.
Calum C. Mac Leoid, Amhuinn Dhennis. $2 .50
Domhnull A. Gillios, Mabou bheag. 50c
Iain A. Mac Gille-bhràth, Dunmaglass , N. S.
Ruairidh Mac Rath, Little Sands, E. P. I. $2 .00
Tormaid Mac Ille-mhaoil, New Denver, B. C.
Dr. A. F. Mac Leoid, Spokane , Wash. $2 .00
An Breitheamh D. T. Domhnullach, Duluth , Minn $2 .00
I. H. Staples, Bruachdryne, Alba.
Eobhan Domhnullach, Lentran, Alba.


BATHAR UR.
Moran de Churaicean Geamhraidh, eadar 10c. us $5 .00.
Brogan matha saor.
Ti mhath mar a babhaist.
Beagan de Cheannachd Thioram.
Olla 25c. an galan; 5 galain air $1 .00.
NIALL DOMHNULLACH,
BADDECK , - - C. B.


J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsas fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B.


BADDECK , - - C. B.
Airson a stor a dheanamh nas deiseiles nas feumaile dhaibhsan a thadeanamh gnothuch ris, tha
Albert I. Hart
anise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha achuid sin den ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am BostonsanNew York.Gheibh iadsan a thig ga h-ionnsuidh an
DEAGH RIARACHADH.
BADDECK , - - C. B.


LEABHRAICHEAN GAILIG.

Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. MacIlliosa 1.10
Gaelic Class Book .35

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte.
Sgriobh gu
J . G. MACKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney, C. B.



[254]

[Vol . 6. No. 32. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 251.)

Achse sin rud a fhuair na Gaidheil choir a mach air an cosd mun robh iad fada anns an tir. Do dhaoine a bha air an cleachdadh ri iasgach is cuairtachadh spreidh cha robh idir tuagh an fhir-choille furasdalaimhseachadh. Bha na craobhan moran ni bu chruaidhe na bha am fear-ionaid a cur am fiachaibh orra, agus cha robh iomradh air doimhneachd an t-sneachda idir ri taobh an teine mhòine ann an Albainn, agus fhuair iad am mach nach robh na feillidhean-beaga freagarrach airson a gheamhraidh fhadanuair a thigeadh a ghaoth le fead bhon iar-thuath le fuachds le reothadh. Cha dthainig an s an siucar idir suas ris mar a bha e air a chur am fiachaibh dhoibh, agus cha do thionndaidh na bhatar ag radh riutha mu shaoiread an fhearainn a mach dad ni bfhearr; agus is iomadh mallachd a chaidh a thoirt air an fhear-ionad agus air an Iarla, anns na coilltichean aonaranach, mar a bha am fear-àitich bochd, air dhroch comhdach agus air acras cor uair, ’s am fallas a sruthadh troimh gach pòr dheth chraicionn, a leagadh nan craobh. Ach tha midol roimh mo naigheachd, agus feumaidh mi tilleadh gu Alasdair.

Air feadh na cuid sin uile dhethn dùthaich anns an robh esiubhal thog e faireachduinnean neo-shocrach am measg an t-sluaigh. Dhaontaich cuid gu h-ullamh mun dfhàg e iad, bha cuid eile na bfhadalaiche mu dheanamh suas an inntinn; ach co-dhiu, ’nuair a thainig an t-earrac bha moran diu a deanamh deiseil gus an dùthaich fhagails dol do America.

Bha Alasdair an sona uile ghlòir. Chuir e crioch air a ghnothuch a chaidh earbsa ris le buaidh mhath, agusnuair a thug e fios don Iarla, mu thoiseach a Mhaigh, cho mathsa rinn e an gnothuch thug e dha, comhladh ris an deagh dhuais a bhaige roimhe, da cheud acaire de dhfhearann saor far an togradh e fein air staid an Iarla ann an Eilean aPhrionnsa. Thug so air Alasdair gun do thilg e a chranachair comhla ris an luchd-imrich, agus dol thar a chuainanns an t-soitheach cheudna.

(Ri leantuinn.)


Comunn an Fheilidh.

AONGHASSAHIGHLAND NEWS. ”

Neach sam bith a leughasEuangelinele Longfellow gheibh e ann a sin tha mim beachd, eisempleir shoilleir air droch dheiligeadh nan Uachdaran ris a Ghaidhealtachds na linnibh a dhfhalbh. Agus is cinnteach mise, gu robh air feadh nan Gaidheal òga, “ ’s na sean daoine cùiseil, bha cliùiteachus treunsgradhan agus deallaichean, cho drùiteach trom, tiomhaidhs a bha riamh eadarGabriel LajounesseagusEvangeline” —gur h-iomadh suil bha fliuch le deuran mulaid a caoidh neo-làthuireachd leannain, agus iomadh cridhe an ùine ghearr as deigh sin a bha cuidhle air tionndadh mu dheireadh gu deachuinnus bròn, agus iad le osnaich thùrsaich ghoirt afàgail an t-saoghail so, ’usEvangelineair bilean am bàis.

S eigin dhomh a rithist tighnn air ais gu Byron, agus cud da briathran mu seann Ghreugaich uisneachadh mu na Gaidheil

Fierce are Albanias children, yet they lack not
Virtues, were those virtues more mature.
Where is the foe that ever saw their back?
Who can so well the toil of war endure?
Their native fastnesses not more secure
Than they in doubtful time of need.
Their worth, how deadly! but their friendship sure
When gratitude or valour bids them bleed
Unshaken, rushing on whereer
Their chief may lead.. . .

Chaidh an sin a chuideachd gu leir air bord na luinge: sheol i gu dùthaich chéin, far an dfhuair cuid do na Gaidheil ud saoibhaeas agus mnathan; cuid eile, bochdain agus bàs anabaich. ’S math a dhfhaoidte gurobh buidhean eile, a bha suidhe sios gu biadh eigneach, agus a canail ri cheile, chan eil teagamh agam, mar a thubhairt Leonidas rishaighdearan ro bhlar Thermopylæ— “Itheamaid ar dinneir ann a so, mar gum bitheadh maid a dol a ghabhail ar suipeirs an ath-shaoghal. Ach a rithist bha comhlan eile dluth ri cach-a- cheile, agus mar a bhiosaisling cailleach mar a dùrachd,” bheir so mi gu preumh-phuing mo chuspair. Cha do chuir deuchainnean, no fad-slighe, no cruadal, as cuimhne na cuideachd sin cleachdanan agus gnàthachadh an dùthcha. ’S mar sin choinnich iad, oidhchàraid, le mor dhùrachd gu Comunn Gaidhealach a chur air bonn, agus an ùine aithgrearr chaidh na h-uile ni mar bu mhath leo, ’us bha sd iad an CruinneachadhComunn an Fhéilidh.”

A reir riaghailtean aChomuinn so, bha iad ri cruinneachadh ann an gleann monaidh, agus sgeulachdan air na seana Ghaidheil agus an dùthaich a thoirt fon aire, le òrdugh a Mhaormhorbe sud ainm a cheann-suidhe.

Nis,” arsa am Maormor, air dhaibh coinneachadh a cheud uair, “tha mi dol a ghairm air ball sònruichte de ar Comunn, agus ma bheir sibh dha deadh éisdeachd, tha mi làn-chinnteach gun toir e dhuinn naigheachd a bhios ùrail, sunndach, aighearach. ’S ged a dhfhairicheas sibh an ùine car fada ag éisdeachd ri mghlagadaich-sa, bidh sibh fo dhruidheachd a theanga-san, mar a bha Iain Odharnuair a bha e danns an cnoc-nan-sithichean fad fichead bliadhnan aite aon ruidhle goirid. ’S gun tuilleadh a ràdh iarraidh mi air ar caraide Alasdair MacIain a thacho fads a cheanns a bha Fionns na casan,” a cheud sgeulachd a thoirt dhuinn.

Bha Alasdairna shuidhe tarsuinn air cnoc, mar a bha Arion air druim anDolphin, ’nuair a dhéubhadhainm agus gun tuille dàil dheirich e, ’us chaidh en ceann na sgeulachd a leanas:—

Anns aBhaile-chùil,” ars Alasdair, “bha duine craothairneach, fada caol, dubh-cheannach, ’s e cho crosda, a bha ro-bhriathrach, agus geur-amasach an gearradh-cainnt. Mar adheirich do iomadh duine mathus dona a bharrachd air, chaidh a bhaisteadh, ach cha robh moran eifeachd aig a sin air, agus a thuille air a ghnothach sin, chaidh deadh ainm a thoirt airainm a sheanar, aguscha ben t-àgh e fheinreir tuairsgeul. Ach mar bu triceseMurachadh a Bhearraidha bfhearr a fhreagradh e aig feill no aig baile. Ge be de bha gu a-olc nasheanair, dhoighrich Murachadh seachd-fillt air, agus cha bu shoirbh leis dealachadh ris.

Co dhiubh an deigh a h-uile cleasus cul-chàineadhbhann am Murachadh, bha e air uairean feumail ann a bhi bristeadh aon-fhuaimneachd an aite-samchairs an robh e gu minic a gabhail a chuairt. Bha e cho math a measg cuideachd shàmhachs a than sgeallan-meilte(mustard)airson cnàmh dhinneir. Mar sin tuigidh sibh, a dhaindeoins na bha na aghaidh, gun robh Murachadh na dheadh fhearras-chuideachd.

“ ’Am faca tu am ministeir?’ arsa Murachadh, ‘Sud agad far abheil na sloightairean a tha faotuinn aran gle shocrach, airson caineadh an Donais, ’s math mo ghnothuch fhin ris an obair, seach iadsan.’

Bha am ministeir turus eile air chuairt, agus thaghail e air Murachadh ann an dochastha mim beachdgun tugadh e gu rathad ceart e. Ach cha robh sud soirbh le Murachadh a dheanamh, oir bha spéis mhor aige do dhiolab a sheanaran t-olc. ’S mar sin cha robh teagasg fear-a- chòta do Mhurachadh ach mar a than t-uisge do dhruim a gheòidh. Bha leithid do tharsunnachd na fhreagairts gun do ruith foighidin a mhinisteir, nach robh tuilleadhus fada co-dhiubh, gu ceann, agus is cinnteach leam gu robh ardan a tarruing loineachan, mar a bha Michale Scottan druidhaireair an traigh a bha nan coltas crosta gruamach, mas dthubhairt Murachadhs e coimhid car air fhiaradh air greann a mhinisteir:— ‘faodaidh e bhi gur duine math thu, ach chan eil gnùis deadh dhuinagad, mar a thuirtNiall nam Beannris a chat.’

Bhuail an t-ardan fear a chòta, agus fhreagair e Murachadh ann an cainnt nach can sinn uile bha ceart— ‘Thoir an aire a dhuine cheannaircich,’ arsam ministeirs e bualadh a dhorn le feirg air bord a bha rithaobh, ‘cha bhi aon searmons an droch-aite.’

“ ’Ma ta! mur bi a dhuine chòir,’ thuirt Murachadh air a shocair fhein, ‘chan e di mhinisteiran a bhios oirbh.’

Stad an comhradhs ghabh iad math le cheile. Latha de na laithean as deigh sin thachair do Mhurachadh a bhi lasadh na piob thombaca, ’nuair a chaidh am minister a stigh ga amharc. ‘Tha thusa cur teine ris na h-ana-miannan!’ ars am mintsteir le fàilt.



[255]

[Vol . 6. No. 32. p. 7]

“ ‘Nach e sin a thigeadh orra, a dhuine chòir!’ fhreagair Murachadh, gun a phiob a thoirt as a bhial.

Thainig e turus eile, gu tigh duin’ -uasail, far an robh beagan sluaigh aig cuirm. ‘Cha mhisde cùil ghlan a rannsachadh,’ arsa Murachadh ris fhein, ’s e deanamh air dorus an tigh-mhoir. ‘Chan ann gun fhios carson a bheireas cearc ubh,’ thuirt e a ris, ’n àm fosgladh an doruis.

Cha robh sùil a stigh nach robh leagte air Murachadhnuair a nochd e, ach ghabh e gu ceann aghairt an t-seòmairs shuidh e ann an oisein ann asin gun sealtuinn air duine bha làthair.

“ ‘Gu de tha cearr ort a Mhurachaidh,’ arsa fear an tighe, ‘ ’nuair a tha thu teicheadh gu ruige cùil mar sin?’

“ ‘Cha bhi gean air Granndach gum faigh eshuipeir,’ fhreagair Murachadh gu h-eallamh.

“ ‘Buaileam ort,’ arsa fear an tighe.

“ ‘Leigeadh mi leat,’ fhreagair Murachadh.

“ ‘Bidh an saoghal agam.’

“ ‘Na thair uachdar agam,’ arsa Murachadh.

“ ‘Tog leat iad,’ thuirt fear an tighe.

“ ‘Punnd iadgabh falbhaireachd asda,’ arsa Murachadh.

“ ‘Ma ni thu rannn ar n-eisdeachd gun fhocal firinn, bheir mi dhut do dhinneir agus bonn crùin.’ ’S gann a thuirt Murachadh— ’S bargan e,’ ’n uair a leum e air a chasan agus thòisich e mar so

“ ‘Chan eil fhios nach teid mise a bhathadh. Theabas mo bhathadh roimhe, ’nuair a bha mi air a mhuir bheag suas fon mhuir eile. Thog a gheolach a deireadhs thilg i mise mach, agusse Ruaridh Mhic-a- Scalpair a thug a stigh mi. Thuit e fhein a mach agusse Tomas beag mo bhrathair a thug a stigh mi.

“ ‘Choinnich an sinMischoir uasal mi, a mhuinntir an Eilean Sgiathanaich. Dhiarr i oirnn a dhol thun an taighe; us cha rachamaid ann. Thug in sin dhuinn rud beag air màs gloinne, ’us bfhearr dhuinn e nan saoghal. Thug sinn an sin a nuas na croinns thog sinn na siuil, ’s shaoir sinn na raimh, ’s dhiomair sinn gu cladach na h-Iurt i.

Ri leantuinn.


Blar na Maoile Ruaidhe.

Be batal na Maoile Ruaidhe am batal fhineachan mu dheireadh a chuireadh an Albainn. ’S ann eadar Clann an Tòisich us Clann Domhnuill na Ceepaich a bha e.

Anns abhliadhna 1431 dhéirich Domhnull Ballach, (mac Ian Mhoir Chinntire), ann an ceannairc an aghaidh an righ; chaidh Macic Raonuillga chuideachach; us air son sin chaidh a chuid fearinn a chur ris a chrùns a thoirt do Mhac-an-Tòisich. Ach bha claidheamh nan Domhnullach ri sròin nan Tòiseach, ’s cha robh chridhe aca tighinn nan còir. Bha chùis mar sin fad còrr is da chiad gu leth bliadhna. Anns a bhliadhna 1688, air do Mhac-an-Tòisich a chluinntinn gun robh Colla na Ceapaich, (Macic Raonuill), air àiridh, thainig e le mile fear, seachd ciad de dhaoine fhéin agus tri chiad de dharm an righ, fodh an Caiptean Mac Coinnich, duine cho foghainteachs a bha anns an arm Bhreatunnach, ’s iad an duil Colla sguradh dhe an Cheapaich; ach cha robh fios aca co ris a thachair iad. ’Nuair a chuala Colla gun do ghabh Mac-an-Tòisich seilbh anns a Chaisteal, dhfhag ebhean, a bhanarach us an spréidh air an àiridh an Loch-Treig, us thainig e nuas gu strath us dhfheuch e ri cùisean a reiteach ri Mac-an-Tòisich; ach bha e cho àrdanachs nach robh dòigh air còrdadh ris. ’S e bhann a sin chuir Colla chuid daoine cruinn, tri chiad fear, ’s cha biad na meathaich iad. Chuir Macic Alasdair, Macic Iain, agus Macic Mhàrtuinn da fhichead an t-aon de dhaoine air an taghadhga chuideachadh. Bha an sin ceithir chiads a fichead aige. Am feasgar roimh lathabhatail chuir na Tòisich iad fhéin ann an òrdugh air mullach na Maoile Ruaidhe, ’us bha na Domhnullaich air taobh deas Spiathain mun coinneamh. So am port a bha piobaire Mhic-an-Tòisich a cluich:

Thainig, thainig, thainig iad,
Thainig na cait, thainig iad,
Thainig na caitthogail nan creach,
Bhualadh nan speach thainig iad.”

Deireadh na h-oidhche chaidh na Domhnullaich thar Spiathain shuas aig Murlagans fhuair iad air cùl nan Tòiseach, us luidh iad anns an doire gu maduinn. Aig soilleireachadh an latha chuir piobaire Cholla suas am port so:

Chlann Domhnuill an fhraoich,
A mhuinntir mo ghaoil,
Luchd nan cas caol thugaibh am bruthach dhiu.
Chlann Domhnuill an fhraoich,
A mhuinntir mo ghaoil,
Luchd nan cas caol cumamid riutha sid.
Chlann Domhnuill an fhraoich,
A mhuinntir mo ghaoil,
Luchd nan cas caol cuiribhnan siubhal iad.
Muinntir a chail, muinntir a chail,
Muinntir a chails an t-sar bhruesta.

A sin bha iad nam bad mun dfhauir iad an cuid ghunnaichean mòra thionndadh. Cha do sheas am batal ach mu dheich mionaidean. Mharbh us ruagaich iad na Tòisich agus na saighdearan dearga. Cha do theich an Caiptean Mac Coinnich idir; ’s ann a chum e gu Aonghus Mor na Tulacha an duil aichmheil a thoirt dheth air son na rinn e de sgathadh air a chuid daoine. Ach cha be Aonghus Mor a fear a thionndadh a chùl. Bhuail an da ghaisgeach air a cheile; ach ma bhuail cha bfhada sheas Mac Coinnich. Chuir fear Thullach e le luth-chleas an cunntas nam marbh.

Tha cuid an duil gum biad na Domhnullaich a bha air mullach a bhruthaich, ach cha biad idir a bhann. So agaibh direach mar a chuala misaig mathair an sgeula mu bhatal na Maoile Ruaidhe; agus tha mi creidsinn gun robh fios aige mar a bha a chuis, cho maths a bhaig duine air bith.

ALASDAIR AN RIDGE.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear Tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.


Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.


D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C. B.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIGOs cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.


Indurated Fibreware

Tha an seorsa so nas daoire na na bucaidean cumanta, achs math is fhiach iad sin; tha iad nas buaine, agus mar sinsiad as saoire.

THE
E. B. EDDY, Co.,
LIMITED,
HULL, CANADA.



[256]

[Vol . 6. No. 32. p. 8]

Sealladh air Oisean.

LE NIALL MAC LEOID.

Air feasgar ciùin, sàmhach, ’s an earrach,
S mitearnadh bho bhearradh nam mòr-bheann,
An smeòrach aseinn air gach bealach,
S na h-uillt adol thairis len crònan,
Gun dfhuair mis an àite sin sealladh
Rinn minntinnus manam ro bhrònach;
S ma dhfhaodas mi cuibhrionn dhethaithris,
Na measaibh an ealain so gòrach.

N a shineadh fodh spògan na daraig
Bha laoch a bha fearailn a chòmhradh,
Bhafhiasags a ghruag mar an canach.
Mughuailleans mubhroilleachgan còmhdach;
Bha chlàrsach rithaobh air acharraig
S a teudang an tarruing fodhmheòirean;
Us sheinn e na rainn so a leanas:—
Nam beòl dhomh an aithris air dòigh dhuibh

Thig làmh rium, a chlàrsach mo sheanar,
Bu bhinn leam thun earrach na h-òige,
N uairbhuailinn do theudan le deannal
An àm a bhitional nan còmhlan;
An talla na h-uaillus na caithreim,
S an cluinnte mar aingil na h-òighean,
Toirt ciùil dhuinn air cliù an cuid leannan,
S air euchd an cuid lannans achòmhstri.

Thig làmh rium, a chlàrsach, car tamuill,
S gun seinn sinn, mun dealaich sinn, òran,
Mun càirear gu bràth sinns an talamh,
S gun aon ann a mhealas ar còmhradh;
Na glinn a bha làn tha iad falamh,
Gun daoine, gun tighean, gun cheòl annt’,
Tham bàrddheanadh dan agus ealain,
S an clàrsairn an cadal fodhn fhòd ann.

Ach càit’ ’eil na h-àrmuinnbha duineil,
Chaidhàrach mu mhullaich a cheò ud?
N do bhàsaich an t-àlach acuile,
S na glinn so gun duine gun chomhnuidh?
Cha chluinn mi ann Gàidhlig no luinneag,
Ach nuallan na tuinne cho brònach;
Tha caoirichus féidh air gach tulach,
An àite nan cuiridh a beòl dhaibh.

N do chaochail na laoich a bha gaisgeil,
A cheannsaicheadh feachdans acòmhrag,
Gu buadharra, cruadalach, smachdail,
Nach lùbadh fodh chasan luchd-fòirneirt;
Fodh shuaicheantas luaineach am brataich,
S na pìoban len caismeachd ri ceòl dhaibh,
Cur fuinn air na suinnbha gun ghaiseadh,
Nach tionntadh le taises an tòrachd?

Ach sgaoileadh an iarus an ear iad
Bho dhùthaich an seanars an eòlais,
An dùthaich a dhion iad cho fearail,
S a dhòirt an cuid falag a còmhnadh,
Na fàrdaichean blàth agus geanail,
An diugh chan fhaigh ainnis a lòn annt’,
N an làraichean fàsail fodh smalan,
Ag caoidh mar a sgaradh an glòir dhiubh.

Ge tric thàinig naimhdean le caithream
Thoirt cìs dheth ar fearann le -bheairt,
Len airm-chogaidh rùisgtair an tarruing,
Teachd dlùth do ar cala le mòr-chuis;
S ann phill iad gun inntinn gun anam,
Le àireamhbu ghainne nathòisich,
Marphilleas na garbh-thuinn bhon charraig
Ni gaire le fanaid rim bòilich.

Nach caochlaideach, faoin, agus carach,
An saoghal somhealladh gach seòrsa?
Tha linn agus linn adol thairis
S cha till iad a dhaithris an sgeòil dhuinn;
Us càirdean mo ghràidh-sa nach maireann,
A sheasadh mar charraigs achòmhraig,
Ge bàrdanach, làidir an ceannas,
Than àlach gun fhearann gun chòmhnuidh,

Ach slan le mo chàirdean nach maireann,
S le glinn agus beannaibh mo shòlais;
Us slàn leis na fiùranan fallain,
S le ciùil agus caithream na h-òige;
Us leibh-se, mo ribhinnean geala,
Mar reultan gun smal ag cur sgleò orr’:
Cha chluinn min guth binn aig an ainnir
Aseinn aig amhainnir gu ceòlmhor!

Than ceò ag cur smùid mu na meallan,
S tha mise fodhn daraig na mònar,
Tha bròn agus tùrsa air manam
S an nochd cha tig caraid ga mfheòrach;
Ach slàn leat, a chlàrsach mo sheanar,
Chaidh crìoch air gach ealainus òran,
Us càirear gu bràth sinns an talamh,
S gun aon ann a mhealas ar còmhradh!”


Don Ghaidhlig.

AIR FONN: “Mo chridhe troms duilich leam.”

O! caite abheil na fiùrain sin,
Fo dhiulnaich lugh nan Ard-bheann
Na Suinn neo-chearbach, mheanmach ud
Thug breithus aimn don Ghaidhlig.

SEISD.

Bi mise trom, daonnan trom,
A caoidh di-meas na Gaidhlig;
Chan eil i mar bu mhiann leam i
Ameasg nan gleans nan àrd-bheann.

Tha sùil fo dhriùchd aig Temora!
Chan fhaic mi fiamh agàire.
Tha Clarsach Oisein lag-chuiseach,
Gun fonn, gun srann, gun Ghaidhlig.

Bha innleachd ards ùr-bheachdachadh,
Le còisir-sheimh na lathaireachd
An diughse Ollaimh Gheairmeilteach.
Rinn fasgadh dearbh don Ghaidhlig.

Bha feart gu oigridh mhisneachadh,
Bha iul, bha ceòl, bha bàigh innt’—
Bha tuigse reidh, ro-sholamaicht,
Gu suthainn beòs a Ghaidhlig.

Na gaisgich chliuiteach, thapaidh ud
Nach lùbadh sios nan traillean,
Than cliù an diugh gun altmhorachd
Gun mhios, ’s gun bhlasn ur Gaidhlig.

Chan iarr i maoin gu aithris orr’—
Tha h-eachdraidh cheanalàthair;
Tha aois gun phlaosg gu faicsinneach,
Air beathaus dealbh na Gaidhlig.

Le fuaim gu luadhmor caithreamach,
( ’S na bi na dshuain le àilleas)
Tog iollach-duain do shinnsearachd,
Nach diobradh riamh aGhaidhlig.

Na treigeamaid gun duinealas
An canain bhaig ar màthair
A Ghaidhlig bhlasda, thlachdmhor sin,
Bha aice gu ar tàladh.


AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leigsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD.
Cuir a dhiarraidh sampuill, teisteannais us urrais.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia. —agus—127 State St Boston, Mass.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar duthcha thanar beachd


NIALL Mac FHEARGHAIS,
TAILLEAR.
SIDNI - - - C. B


$1 .00 air 80c.
Tha tuilleadhsa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dhairgead. Thig mum bin t-am seachad agus
FAIGH BARGAN.
McDonald Hanrahan & Co.
Sidni, Iulaidh 16, ’97.


CAIT AM FAIGH MI?
Saibh, Glasan, Luaidhe, Sgeinein, Lainntearan, Sguabaichean, Paipear-tearra, Paipear-tubhaidh.
Olla, Fudar, Glaine, Siosaran, Tairnean, Bucaidean, Tuaghannan.
GHEIBH AIG
C . P. MOORE,
Sidni, C. B.

titleIssue 32
internal date1898.0
display date1898
publication date1898
level
reference template

Mac-Talla VI No. 32. %p

parent textVolume 6
<< please select a word
<< please select a page