[257]

[Vol . 6. No. 33. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 11 FEBRUARAIDH. 1898. No. 33.


AFRICA.

Is e so ainm aon de na roinnean mora anns am bheil an saoghal gu leir air a phairteachadh, agus mar so air aithneachadh leis gach linn. ThaAfricaaseasamh mu dheas on Roinn-Eòrpa, agus air an airden iar bhoAsia .Than cuan an-mhor, leathunn, beucach, ris an goirear an t-Atlantic, eadarAfrica ’usAmerica. Tha cnuic air taobh mu thuathAfrica ’thagiulan an ainmAtlas, agus is ann bhon ainm sothug an cuan a thatogail a thonnan troma, luasganach, eadar sinn fein agus an Roinn-Eòrpa an t-ainm air am bheil sinn uile min-eolach. Is e bheachd a bha aig na daoinebha lathair o cheann tri mile bliadhna gur e gaisgeach fuasach laidir a bha ann anAtlas, agus gu robh e le neart iongantach, a cumail suas an iarmailt no na neamhan arda air a ghuaillean foghainteach, neartmhor, murrach. Bha taobh mu thuathAfricadaonnan laidirus iomraiteach leghaisgich, ’s le neart, ’us le innleachdan mora ann an eachdraidh an t-saoghail o cheann iomadh, iomadh linn. ThaHerodotus, an t-eachdraiche Greugach dichiollach, firinneach, ag innseadh duinn gu do chuir Necho, aon de righrean na h-Eiphit, maraichean seolta air falbh leis an ordugh so, gu seoladh iad timchiollAfricagu leir. Ghabh na seoladairean ud an uine. Babhaist doibh dol air tir an sud agus an so agus siol a chur anns an talamh. Dhfhanadh iad gus an tigeadh am fogharadh leis an arbhar bhuidhe, bhoidheach, abuich. An uair a thrusadh iad am barr, bheireadh iad leo an coirce non cruithneachd air bord an t-soithich anns an robh iad aseoladh, agus rachadh iad air an aghairt air traigheAfricagus am feumadh iad a rithist biadh fhaotainn nothogail an achaidhean uraAfrica. Ghabh na maraichean ud uine mhor anns an turus a rinn iad mu thimchiollAfrica, gus fadheoidh, an do phill iad don Eiphit a rithist, ann an slighe na Mara Ruaidh. Chitear gus an lathan diugh aite na claise uisge rinn Pharaoh, a bha deanadach, innleachdach, eadar Fairge meadhoin na talmhuinn agus an Fhairge Ruadh thar tairbeirt Shueis.

Tha aig an àm so fein gu cinnteach pailteas othail, ’us stri, ’us connsachaidh, ’us iomaguin mu dheibhinnAfrica ’tuathus deas, ’us bhon airden ear gu ruig an airden iar. Shaoileadh duine tuigseach air bith bho cheann bliadhna no dha, gu buineadhAfricagu buileach don Fhraing, ’us don Ghearmailt, ’us do Bhreatunn; oir ghabh na rioghachdan so orra fein mor-roinnAfrica ’roinn da rireadhn am measg fein agus a reir an toil fein, gun cead no comhairle nan treubhan a thagabhail comhnuidh air oirean agus ann an cridhe na dùthcha, iarruidh noghabhail. Tha Breatunn daonnan caoimhneilus curamach mu na fineachan aineolach, bochd a thatighinn ann an cearna air bith foriaghladh agus bho ughdarras Bhreatuinn. Is e latha grianach, soilleir, aghmhor thadearrsadh air daoine air bith, co-dhiutha iad breunas iargalta, no seimhus laghach, an uair a tha Breatunn asgaoileadh a trusgain cairdeil, onorach, caoimhneil, thairis orra. Gheibh iad saorsas tearuinteachd, ’us comas air teachd air an aghaidh ann an eolas agus samhchair anns gach nibheir comhfhurtachdus beannachadh don Innseanach aineolach, thruagh, agus don duine mhorail a tha air a chuartachadh leis gach maoin, ’us prois. Aig beul na Fairge meadhoin na talmhainn, (Mediterranean Sea) ,thaGibraltar—daigneach bunaiteach, diongmhalta, corrach, ard. Ma dhfhaoidte nach eil anns an t-saoghal gu leir, creag no daigneach co anabarrach laidir, sturrach, neo-ghluasadach riGibraltar. Tha corrus ceud bliadhna on fhuair na Breatunnaich coir le faobhar achlaidheimh air carraig ard, sheasmhach Ghibraltar. Cha do chaomhainn Breatunn riamh sgil no airgiod ann an deanamh daighneich na carraige so le gunnachan moraus le callaidean laidir, diomhanus follaiseach; ’na culaidh uamhais do gach longus malairt a thadol a stigh don fhairge ud, no tha’ ’tighinn a mach aisde. Chan eil e comasach do long cogaidh, no do long air bith eiledol seachad airGibraltargun chead, oir ann an uine gle ghearr cuiridh a gunnachan mora, long no bata eascairdeach air bith gu iochdar na fairge. Thairis air an fhairgetha dealachadh na Roinn-Eòrpa agus RoinnAfricabho cheile, ’s air na rioghachdan a tha mun cuairt na fairge so, tha, agus bithidh, cumhachd neartmhor aig Breatunn do bhrigh gu buinGibraltardise agus gu bheil i daonnan a gleidheadh feachd ullamh, meamnach, mearganta anns an daighneach so.

Is e Bhasco da Gama, ’rugadh ann amPortugal, a chaidh an toiseach mu thimchiollAfrica, ann am 1498. On tha stoirmean iargalta, uamhasach, gle bhitheanta air taobh deasAfrica, thug maraiche sonruichte Ros nan Stoirm mar ainm air ceann mu dheas na moir-roinne so. Rinn neach eile atharrachadh anns an ainm, agus thug e Ros an Deadh Dhochais, (The Cape of Good Hope) ,mar ainm air, agus lean an t-ainm nuadh so ris. Gus an deachaidh clais-uisge Shueis achladhach, ’us fhosgladh bho cheann deich bliadhna fichead, ma dhfhaoidte, beiginn do gach soitheach-seolaidhdol mun cuairt air taobh mu dheasAfrica, am feadh a bha i air a turus guIndia, guChina, gu Iapan no gu Astralia. Is e Frangach tapaidh, treubhach, innleachdach, aghartach, dam bainmLessepsa chladhaich le sgil, ’us durachd, ’us deothas miorbhuileach, claise-uisge troimh Thairbeirt Shueis. Tha gainmheach bheo air gach taobh de Shues, air choir is gu bheil e anabarrach duilich claise air bith a dheanamh, oir is gnath don ghainmheach gach claiselionadh ann an uine gle ghearr. Shoirbhich le Lesseps. Chuir e crioch fadheoidh, air claise-uisge Shueis. Choisinn e cliubhitheas maireannach da fein, oir is e euchd maiseach, foghainteach a rinn e, ’nuair a dhfhosgail e claise-uisge troimh Thairbeart Shueis. Thanis longanus malairt gun àireamh adol troimh Shues, agus aceangail ann am bannaibh daingeann an Roinn-Eòrpa, agusAsiaagus Astralia. Chan eil long-cogaidh no seolaidh adol mun cuairt air Ros an Deadh-dhochais tuilleadh. Tha slighe gu mor as giorra aca troimh Thairbeart Shueis.

Tha morachd an t-saoghail so gle chaochlaideach da rireadh. Bhan t-Iompaire Napoleonna charaid dileas agus faoilidh do Lesseps ann an cladhach claise-uisge Shueis. An uair a bhachlaise-uisge deas, dhfhosgail aBhan-Iompaire Eugene, ’m bann a leig an t-uisgestigh do chlaise-uisge Shueis. Is e sealladh eireachdail, rioghail, maiseach a bha ann, am feadh a bha Iompaires Ban-Iompaire nam Frangach a lathair aig Sues, agus atabhairt an aghaidh fhabharach do obair aillidh, tharbhach, mhaith a bhanis criochnaichte. Chaidh bliadhnaichean seachad. Chaill Napoleon a chrùnus a rioghachd. Fhuair e fardach ann an Sasunn, gus an tainig crioch air a chuairt thalmhaidh. ThaBhan-Iompaire Eugene fathast beo, ’s a deanamh a dachaidh ann an Sasunn. Tha gach neach blath-chridheach, measail air aBhan-Iompaire a bha boidheachus rioghail re iomadh bliadhna, ’s a dhfhuiling iomadh cruadailus deuchainn on dhfhosgail i rathad an uisgetha lionadh claise-uisge Shueis gus an lathan diugh.

CONA.



[258]

[Vol . 6. No. 33. p. 2]

Litir aThorburn .

A CHARAIDE GHRADHAICH, —Dhfhag mi air an t-seachdains a chaidh na doill ag innse dhomh cho toilichtes a bha iad mfhaicinn. Chan eil teagamh nach e mibhi na mdhuine cho briaghathug an leithid de thoileachadh dhaibh.

De an uine, mata, a tha bhon a thoisich sgoil nan dall ann an Halifacs an toiseach? ’S e ceist fheumail a than so, oir tha ena ghnothach car iongantach an duthaich so abhi cho fada gun sgoil dhall. Tha deadh shoirbheachadh na sgoile bhon a thoisich i adearbhadh gun robh daoine glice aleirsinn an t-ana-ceartas a bha na doill afaotuinn.

Anns abhliadhna 1867 dheug fear Uilleam Murdoch, seann mharsanta beairteach a mhuinntir Halifacs, ann an Lunnainn. ’Na thiomnadh dhfhag e coig mile punnd Sasunnach gu cuideachadh air son sgoil dhall achur suas ann an Halifacs. Be so achiad airgiod a thugadh seachad air son sgoil den t-seorsachur air bonn ann an Nobha Scotia. Rinneadh an sin comunn achur suas le Mr. M. B. Almon is daoinuaisle eile amhuinntir Halifacs gus an sgoil achur air adhart. Chuireadh cruinn leo so mu choig mile diag dolair, agus chaidh taigh achur suas far am bheil an taigh mòr an diugh.

Dhfhosgladh an sgoil anns achiad mhios den fhoghar, anns abhliadhna 1871. Cha robh an uair sin ach ceathrar sgoileirean acadithis ghillean agus dithis nigheannan. Tri bliadhna an deigh sin thainig beagan sgoileirean an nall as an Eilean agus a nuas aNew Brunswick.Anns abhliadhna 1882aguss fuathasach nach drinneadh roimhe sin echaidh ionnsachadh nan dall ann an Nobha Scotia adheanamh saor le achd parlamaid, agus ciad gu leth dolairs abhliadhnadhearbhadh don sgoil airson a h-uile sgoilear a mhuinntir Nobha Scotia fhein a bhiodh innte. Anns abhliadhna 1890 rinneadh achd le parlamaid Nobha Scotia, atoirt ceithir mile dolair do sgoil nan dall gus an taigh a mhiadachadh; rud a chaidh adheanamh. ’S a bhliadhna chiadna dhfhag J. P. Mott agus S. A. White dileab mhath aig an sgoil. Bhon bhliadhna 1892 tha parlamaidNew Brunswickapaigheadh ciad gu leth dolairsa bhliadhna air son gach sgoilear a thig a nuas áNew Brunswick.Ach, rud a tha neonach, cha drinn parlamaid an Eilean an t-ionnsachadh saor do na doill fhathast! ’S coir do na h-uile Criosdaidhbhig urnuigh nach bichuis fada mar sin.

Tha mar thuirt mi, mata, mu chiad sgoilear ann an sgoil nan dall an drasda; ’an aite nan ceithir leis an dfhosgail in toiseach. Ach am bheil clann dhall Nobha Scotia, isNew Brunswick, ’s an Eilein, isNewfoundlandanns an sgoil so uile? Their mi ann an so gur h-i mo bharail nach eil, math dhfhaoidte, morans a darna leth dhiubh ann. Chan eil teagamhsam bith nach eil fuathas de chloinn air fhior dhroch fhradharc anns an duthaich nach eil anns an sgoil. Nise, chan eil so idir ceart. Tha ena ghnothach nàr nach fhaigheadh na creutairean bochda so cothrom cho math riu-san aig am bheil am fradharc. Bheir luchd-leughaidh MHIC-TALLA fainear gum bheil min drasdabruidhinnchan ann a mhàin man fheadhainn a tha dall buileach, nach aithnich an latha bhon oidhcheach man chloinn aig nach eil gu leor de fhradharc gu dol don sgoil chumanta agus leughadh, sgriobhadh, is cunntas ionnsachadh. Chan eil teagamh nach eil fuathas diubh so ann nach deach fhathast do sgoil nan dall. Chithear son uair a bheir sinn fainear cho beag sgoileirean dallas a tha siorramachdan an ear Nobha Scotia acur don sgoil. ’Se so an àireamh a tha iad acur ann: Guysborough, 7; Antigonish, 1; Inbhirnis, 1; Victoria, 0; Ceap Breatunn, 1; Richmond, 1. De as reusan gum bheil urrad diubh so ann nach eil ann an sgoil nan dall? Tha iomadh aobhar ann a dhfhaodamaid athoirt seachad, ach, cho fad’ ’sas leir domhsa, ’s iad na reusannan a leanas as bitheantatha cumail nan truaghan so air ais.

Anns achiad aite, tha cuid da pharantan ann a tha buileach saidealta mu aideachadh gum bheil fior dhroch fhradharc aig gin de na gillean aca, no idir, idir aig gin de na h-igheannan. Faodaidh duine dall abhin aon taigh ris an t-seorsa pharantan so fad bhliadhnaichean gun fhios do na coimhearsnaich. ’S e buil aghnothaich gum bin dall bochdna bhaothalan truagh gun sgoil gun ionnsachadh, ’an aitebhi anns an sgoil far am faigh e cothrom, ma tha eanchainn mhathna cheann, air a bhina chuideachadh dha fhein, ’na onair da pharantan, ’na chreideas da dhuthaich.

Anns an darna h-àite, tha feadhainn den bheachd nach eil richur do sgoil nan dall ach iadsantha dall gu buileach; iadsan nach fhaic sion idir. Tha gach aon a tha dhen bharail so gu mòr ann am mearachd.

Anns an treas aite, thachuid as dhen t-sluagh ann am beachd gum bheil aca ri suim mhòr aphaigheadh air son an duine cloinne ma chuireas iad e do sgoil nan dall. Cumadh iad son an cuimhne gum bheil parlamaid Nobha Scotia adearbhadh ciad gu leth dolairs a bhliadhna don sgoil air son a h-uile sgoileir a thinnte a mhuinntir Nobha Scotia fhein.

Anns acheathramh aite, thaleithid den bheothach ann an cuid de pharantans gum bheil iadan duil gum bheil ceann sios richumail air duine cloinne air an do leag Dia uireasbhuidh. Tha ena ghnothach muladach gum bheils gum bi parantan den t-seorsa so ann.

Tha e ceart agus iomchuidh, mata, gum faigheadh na doill cothrom air ionnsachadh cho math ri cloinn eile. Tha h-uile cothrom acaan sgoil nan dall ann an Halifacs. Chan fhiosrach mise sion nach fhaod iad ionnsachadh innta, ach am peacidh agus Gàilig. Tha iad ag ionnsachadh leughaidh, sgriobhaidh, cunntais, gramair, eachdraidh, cruinne-eolas agus ceairdean. Chan eil nadur rud nach dean iad. Chunnaic mi iad ri seathraichean, sguaban-aodaich, bascaidean, agus faodaidh miradh, gach seorsobrach. Theid aca mar so air am beolaind a dheanamh gun a bhinan uallach air duinesam bith.

Tha aon earrann ionnsachaidh ann, aguss briagha da rireadh e, a tha tighinn anabarrach nadurra do na doill: ’s e sin eachdraidh. Thuirt fear den luchd-teagaisg ann an Halifacs rium gun robh e gach oidhcheleughadh eachdraidh Bhreatuinn gu aon uair diag no meadhon-oidhche. Than duine so cho dalls nach dean emach an latha bhon oidhche. “Tha aon rudn ad fhabhar,” thuirt mi ris; “faodaidh tu do leor eachdraidh aleughadh gach oidhche gun suim mhor abhin ad aghaidh air son soluis.” ’S rud eibhinn fear diubh sid fhaighinnna shuidhena rùm mu mheadhon oidhche, gu dubh, dorcha, aleughadh eachdraidh. Tha na litricheann an cuid leabhraichean air an togail, aguss en doigh leughaidh a thaca, am meoirean a ruith thairis orra.

Chan eil tuilleadh agam ri radh mu sgoil nan dall ach aon fhacal man creideamh. Tha a h-uile aidmheil saor gus an creideamh fhein achleachdadh. Air Di-dònaich tha an Sgoil-Dhonaich fhein aig gach creideamh. Tha ministeirean de gach seorsadol atheagasg dan luchd aidmheil fhein. Tha fear de shagairt paraiste St. Marys adol gach Donach atheagasg nan Caitliceach.

Co-dhunaidh min litir so le beagan innse dur luchd-leughaidh mun bhoirionnach ainmeil sin, Helen Keller, a tha, chan ann a mhàin dall, ach bodhar cuideachd. Rugadh i anns na Stàitean, ann an aite ris an canarTuscumbia, ’anAlabama, air an 27mh de Iun, ’s a bhliadhna 1880. Chan eil i uime sin, ochd bliadhndiag fhathast. Bha a parantan ann an cothrom math. Bise an ciad duine cloinne. ’S ann á Switserland a thainig a seanair, Daidh Keller. Phos e Mairi Fairfacs Moore, (seanmhairHelen), dluth bhana-charaid do Mhajor-General Raibeart E. Lee, ann anVirginia. ’S ann a mhuinntir stàitMhassachusettsa bha cuideachd a màthair. Bu daoine talainteach iad, bharr a cheile, agus bha daoine gle ainmeiln am measg.

Cho fads a rinneadh a mach, ’n uair a rugadhHelenbha a fradharcs a claisneachd aice cho maths a bhaig leanabh eile. Ach an uair a bha i mu ochd miosan diag ghabh i droch thinneas, agus air di fàs gu math, fhuaradh gun robh i machsa mach dall agus bodhar. Anns abhliadhna 1887 chuireadh i fo chùramMiss A. M. Sullivan. Bha a bhan-Shullivanach so i-fhéinna boirionnach a bha air bhi dall fad cunntas mòr bhliadhnaichean, ach le sgil



[259]

[Vol . 6. No. 33. p. 3]

dhotairean matha, a fhuair a fradharc air ais. Bha i seachd bliadhna ann an sgoil nan dall ann anSouth Boston.Bha ina boirionnach tùrail agus dileas, ro-mhath ann an sgoil nan dall, agus uime sin, buileach freagarrach guHelen Kelleraghabhail os laimh. Dhearbh a bhan-Shullivanach i-fhéinna bean-teagaisg air leth math. Cha robhHelenfada gusna dhearbh i i-fhéinna boirionnach aig an robh inntinn buileach soilleir agus eanchainn dhomhain. Gu naigheachd ghoirid adheanamh dheth, thaHelen Kelleran diugh ard ann an ionnsachadh. Theid aice air tri cànanan abhruidhinn gu math. ’S duilich leam nach eil Gàilig aice. Tha i anabarrach ann an eachdraidh. Ach ciamar a theid aice air seanachas adheanamhn uair nach cluinn in rud a theirear rithe? Thuirt mi ann am litir air an t-seachdain sa chaidh nach eil am facalbalbhan” ’ga chleachdadh air an lathan diugh idir. Carson? A chionn gun gabh iadsan a tha bodhar ionnsachadh air bruidhinn feadhnach eilethoirt a stigh len sùilean. Ach an uair a tha na cluasan bodhar agua na suilean dall, de ni iadan sin? Anns achàs sin theid aca air ionnsachadh an seanachas athoirt a stigh lem meoirean. Tha so air a dhearbhadh le Helen Keller, agus bha e air a dhearbhadh leLaura Bridgmanroimpe.

An uair a thaHelen Kelleradol abhruidhinn ri duine, tha ibreith air man bhials man sgòrnan. Faodaidh duinen sin a leor seanachais adheanamh rithe, ann am Beurla, ’an Gearmailt, noam Frangais. Bruidhnidh i cho math ri duinesam bith, agus tha feadhainn a chunnaic i ag innse dhomh gum bheil ina boirionnach fuathasach toilichtanns gach doigh.

Tha Dia math. Ma dhuineas E bealach, fosglaidh E bealach eile.

UILLEAM IAIN OIG.
Thorburn ,an t-8 dhen earrach, 1898.


SGEULACHDAN ARABIANACH.

VII. —SINDBAD AN SEOLADAIR.

CAIB. V.

Dhiomair sinn cho maths a burrainn sinn, agus an ùine ghoirid chaidh sinn cho fad o thirs nach ruigeadh na famhairean oirnn. Ach ged a fhuair sinn as o na famhairean, bha sinn ann an cunnart a bhith air ar bathadh a h-uile mionaid; oir eadar ainneart nan tonn agus a ghaoth laidir a dheirich anns an am, bhan rath air a tilgeadh a nulls a nall, agus bha ar diol againn greimeachadh ris. Bha sinn fad lathas oidhche anns an t-suicheachadh thruagh so. Mu dheireadh chuir an sruths a ghaoth sinn gu cladach eilean, agus bha sinn gle aoibhneach an uair a fhuair sinn air tir ann. Fhuair sinn am pailteas de mheasan anns an eilean, agus thug so misneach agus neart dhuinn.

An uair a thainig am feasgar, chaidil sinn air bruaich a chladaich. Ach dhuisgeadh sinn leis an fhuaim a bha nathair adeanamh. Bha an nathair so cho fada ri craobh-phailme, agus an uair a bha isnaigeadh, bha na lannan a bhoirre adeanamh fuaim a chuireadh eagal air duine. Mun do tharr sinn sealtainn ugainn no uainn, rug i air fear dhe mo chompanaich, agus a dhaindeoin na spairn agus na glaodhaich a bha edeanamh, chum i greim air. Ged a theich mi fhein agus mo chompanach astar math air falbh, bha sinn acluinntinn an fhuaim a bhaig na cnamhan aige an uair a bha iga chagnadh.

Air an ath latha chunnaic sinn an nathair atighinn an rathad a bha sinn. “O chruitheachd,’ arsa mise, “nach sinn a thanns achunnart! Bha sinn an de adeanamh gairdeachas a chionn gun deachaidh sinn as on fhamhair, agus on ghabhadh anns an robh sinn air an fhairge, ach tha sinn a nis air tuiteam ann an cunnart moran nas mo na na cunnartan anns an robh sinn.”

An uair a bha sinn acoiseachd mun cuairt, chunnaic sinn craobh mhor, agus shuidhich sinn gun cuireamaid seachad an oidhche innte, a chum nach fhaigheadh an nathair greim oirnn. Dhith sinn na thainig ruinn dhe na measan a chruinnich sinn, agus dhirich sinn suas don chraoibh cho ards a burrainn duinn. Ann an co-thrath na h-oidhche thainig an nathair gu bonn na craoibhe, agus srann eagallach aice. Dhirich i suas ris a chraoibh, agus thug i leatha mo chompanach, agus dhith i e.

Dhfhan mise ann am fior bharr na craoibhe gus an dthaìnig an latha. An sin thainig minuas, agus bha mi na bu choltaiche ri duine marbh na ri duine beo, oir bha mi an duil gun tachradh acheart ni dhomhs a thachair do mdhithis chompanach. Bha leithid de dhuamhas orms gun do smuainich mi gum bfhearr dhomh mi fhein a bhathadh. Ach bha leithid de cheangal agam ri mo bheathas nach do gheill mi don bhuaireadh so. Chuir mi romham gum fagainn mi fhein ann an lamhan Dhe gus an cuireadh e crioch air mo bheatha mar a chitheadh e iomchuidh.

Gun dail sam bith thoisich mi ri cruinneachadh meanglain chraobh is dhriseans a h-uile ni eile a gheibhinn, agus rinn mi cro timchioll na craoibhe gus an nathair a chumail uam. Cheangail mi am fiodh so ris na meanglain, agus an uair a shaoil mi gun robh achro laidir gu leor gus an nathair a chumail uam, chaidh mi steach innte. Cha robh agam de dhaobhar toileachaidh ach gun drinn mi gach ni a ghabhadh deanamh a chum mo bheatha dhion on uile-bheist.

An uair a thainig am feasgar, thainig an nathair mar a babhaist dhi, agus chaidh i timchioll na craoibhe an duil gum faigheadh i cothrom air mitheadh; ach an uair a chunnaic i nach robh cothrom aice air faighinnnam choir, stad ig am fheitheamh mar gum biodh cat afeitheamh luchann. An uair a shoilleirich an latha, dhfhalbh i; ach cha bu dana leam falbh as an aites an robh mi gus an deirich aghrian.

Bha mi gle sgith an deigh na fhuair mi de dhraghs de shaothair adeanamh aite tearmuinn dhomh fhein an latha roimhe sid; agus a bharrachd air sin, bha mi gun norradh cadail fad na h-oidhche, agus bham faileadh breun a bha bhar na h-analach aig an nathair an impis mo thachdadh. Aig an am bfhearr leam a bhith marbh na bhith beo. Thainig minuas as achraoibh, agus o nach robh a chuimhne bu lugha agam gun dearb mi mi-fhein an latha roimhe so ri curam agus ri freasdal Dhe, ruith mi thun a chladaich gus mi-fhein a thilgeadh an comhair mo chinn a mach air a mhuir. Ach ghabh Dia truas dhiom, agus direach an uair a bha midol gam bhathadh fhein, thug mi an aire gun robh long aseoladh seachad dluth air an eilean. Thoisich mi ri glaodhaich cho cruaidhs a burrainn mi, agus ri smeideadh le mo cheann-aodach, feuch an tugadh iad an aire dhomh. Gu fortanach chualiad mo ghlaodhaich, agus chuir an sgiobair bata gam iarraidh.

Cha bu luaithechaidh mi air bord na chruinnich na marsantan agus na seoladairean mun cuairt orm a dhfheorach dhiom cia mar a thachair dhomh a bhi air an eilean fhasail ud. An uair a dhinnis mi dhaibh a h-uile car mar a dheirich dhomh, thuirt an fheadhainn bu shine dhiubh rium, gun cualiad iomradh air na famhairean a a bha fuireach anns an eilean, agus gum biodh iad ag itheadh nan daoine; agus gum bu cho math leotha an itheadh amh rin itheadh air an rostadh. Thuirt iad mar an ceudna gun cualiad gun robh moran nathraichean air an eilean, agus gum biodh iadg am falach fhein air an latha, agus atighinn a mach as na tuill air an oidhche.

Bha gach aon a bhair bord gle thoilichte gun dfhuair mi as na cunnartan lionmhors an robh mi. Thugadh dhomh am biadh a bfhearr a bhair bord, agus an uair a chunnaic an sgiobair gun robh an t-aodach a bhorm air a dholna luideagan, thug e dhomh deise mhath dhe na bhaige fhein.

Bha sinn greis mhath air muir, agus thaghail sinn ann an caochladh eileanan. Mu dheireadh chaidh sinn air tir ann an eilean dom bainm Salabat. Cha bu luaithe dhacraich sinn na thoisich na marsantan ri cur a bhathair a chur gu tir gus a reic, no malairt a dheanamh leis.

Anns an am thainig an sgiobair far an robh mi, agus thuirt e, “A bhrathair, tha bathar agam air bord a bhuineas do mharsanta a bha aon uair a seoladh comhladh rium air an luing so. Agus o nacheil e beo, tha mhiann orm a reic a chum gun toir mi na gheibh mi air a shon do na cairdean as dluithe a bhaige, an uair a gheibh mi fios co iad.”

Bham bathar a bha eg ainmeachadhna thorr faisg oirnn, agus an uair a chomh-

(Air a leantuinn air taobh 262.)



[260]

[Vol . 6. No. 33. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, . . . $1 .00
Sia miosan, . . . .50
Tri miosan, . . . .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig garn ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,’
Sydney, Cape Breton


SIDNI. 11 FEBRUARAIDH 1898.

Litir a Ontario.

FHIR-DEASACHAIDH: —Tha na seann daoine ag radh gur e a cheud da sheachdain de Februaraidh agus an da sheachdain mu dheireadh de Ianuaraidh mios nam faoileach. Tha mi cinnteach gur e fuachd mor a tha am facalfaoileacha ciallachadh, agus mas è chan eil an droch ainm air idir. Bha fuachd mor againn an so o chionn da sheachdain air ais. Bha anthermometera leigeil ris gun robh an reothadh cho mors gun robh e 15° fozero, agus tha an sneachda gle dhomhainn; tha na roidean a fas gu math àrd ann an corra àite.

Cha-n eil naigheachdan mor sam bith agam air an àm so, agus ma dhfhaoidte gu bheil sin cho math. Bha mi a leughadh litirMhurachaidh” —chuir e feinCamri ainm ach fàgaidh mise sin as; bha e toirt seachad Beurla an da dhuine choir a choinnich a cheile. Chuir sud am chuimhne sgeul beag a chuala mi air da dhuine choir a bha againn an so còrr agus da fhichead bliadhna air ais, dam bainm Eobhan Mor agus Iain Mor. Bha daoine an uair sin na bfhearr gu tighinn a dhamharc a cheile na tha iad a nis. Thainig Eobhan aon mhaduinn bhoidheach anns an earrach a dhamharc Iain, mar gu tric a thainig e. Chuir iad failte chridheil air a cheile an toiseach anns a Ghailig, agus an sin thoisich iad air a cheile fhiosrachadh anns a Bheurla. ’Se Iain a labhairsa Bheurlan toiseach: —“Whats news Hooey, ”arsIain, “Big news, ”arsEobhan, “Ay, ay, ”ars Iain, “what is they be? ”agus mar sin sios. ’Nan deanadh a h-uile aon aig a bheil beagan Gailig feum di mar a rinn na seann daoine so den Bheurla bhiodh barrachd Gailig anns a thann, agus air an laimh eilenam biodh na seann daoine toileach air Beurla ionnsachadh bha cothrom gu leor aca air sin a dheanamhgabhadh iad mo leisgeul, tha iad cho eagallach air facail Bheurla a chluinntinn na labhairts gu bheil iad a toirt orra fein a chreidsinn nach gabhadh Beurla cur nan ceann idir. Chan eil e dol a mhilleadh Gailig duine Beurlabhi aiges cha mho a mhilleas moran Gailig a Bheurla. Their mi so: cummadh duine suas a chanain fein air tus, oir chan eil cànain ann cho blasda ri cainnt ar màthar.

Ma dhfhaoidte gun dubhairt mi tuilleadhs a choir, agus sguiridh mi an tràs’. Cluinnidh tu bhuam gun dàil a ris ma bhios mi gu math. Beannachd leat. Is mi do charaid,

IAIN MACILLEASBUIG.
Priceville ,3, 2, ’98.


Chaidh ionnsuidh a thoirt air am banca robaigeadh ann an Sidni tuath a sheachdain gus an . Thainig duine stigh beagan roimh shia uairean feasgarnuair nach robh a stigh ach an cleireach, W. S. Domhnullach, agus chaidh e stigh don rùm anns an robh an t-airgead an gleidheadh. Ghabh an cleireach a stighna dheigh feuch co e, agus thachair e air a tighnn a machs am bocsasan robh an t-airgead aige fo achlais. Ghabh an cléireach an sàs ann agus ged a fhuair e droch bhuille a chaidh faisg air a chur ann an laigse, chuir en teicheadh air an robair, a fàgail an airgid as a dheigh. Cha dfhuaireadh sgeul air fhathast. Bha mu shia mile dolair anns a bhocsa.

Tha cuideachd a ghuail an deigh òrdugh a thoirt Meinn Victoria a dhùnadh, agus tha e coltach air an turas so nach eil a dhol uaithe aice. Ach tha iad ag radh gu bheil iad a dol a dhfhosgladh mèinn ùr mu mhile bhon t-seana mhèinn, agus a dol a thogail rathad-iaruinn uaipe dhionnsuidh an rathaid a tha eadar Sidni agus Louisburg. Tha fossladh na mèinnùire dol a chosg $75 ,000 dhaibh, agusnuair a bhios i sin air obair bidh timeannan nas fhearr aig mèinneadaireanVictoriana bhaca riamh roimhe. Tha sinn an dòchas gu bheil so fior.

Tha fios a tighean á Guatemala, gu robh fear-riaghlaidh na dùthcha sin, an Seanalair Barrios, air a mhort o chionn ghoirid. Tha Guatemala air aon de dhàireamh de rioghachdan beaga a tha ann an America Mheadhonach, rioghachdan anns am bheil an sluagh an còmhnuidh an-fhoiseil agus doirbh an cumail aig sith.

Tha an càs aigEmile Zolaa dol air adhart ann amParisair an t-seachdain so. Gu ruige so cha dfhuaireadh moran soluis air càs Dhreyfus. Tha an sluagh, eadhon na fir-lagha, gle mhi-riaghailteach mu thigh na cùrtach, agus chan eil fhios cuin a dhfhaodas iad bristeadh a mach.

AigHighland ,faisg air Moncton, N. B., bha seana bhean, bean Uilleam Gharland, air a losgadh gu bàs a sheachdain gus a bhòn-raoir. Chaidh lampa na teine, agus ghreimich an lasair air a cuid aodaich-se. Bha i-fheins a fear-pòsda a fuireach leotha fhéin.


BATHAR MATH SAOR.

Am bheil Deise, Cota, Cot’ -uachdair, Currachd, Brogan, Rubbers ,no ni sam bith dhen t-seorsa sin a dhith ort? Ma tha ruig
TORMAD DOMHNULLACH.

S ann aige tham bathar as fhearrs as saoire thasa bhaile, agus ma theid thu dhan stor aigaon uair, theid thu ann a rithist.
Na leig so as do Chuimhe.


MacCoinnich & Co.

Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh
ANN AN LOUISBURG,
agus tha sinn aig an àm cheudna acumail air adhart air an t-seann laraich,
ANN AN SIDNI.

Aodaichean Matha dhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.

Theid sinn an urras air an obair.
Mac Coinnich & Co.


H. D. Mac Ille-Mhaoil,
Stewartdale , C. B.
Cloth,Drogaid, agus PlaideachanEureka.”
Mu dheich air fhichead seorsa aodaichga chreic.
Cloimh air a gabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige neo sgriobh uige.


C . H. HARRINGTON & CO.
Flur, Min, Ti agus Siucar dhen t-seorsas fhearr.
Soithichean Glaine agus Creadha, math agus saor.
Brogan, Botainnean, Rubbersagus Caiseart de gach seorsa
GAN CREIC SAOR.



[261]

[Vol . 6. No. 33. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Tha seachd ceud deug àite anns am bheilear a tiormachadh agus a sailleadh éisg ann an Nobha Scotias an Ceap Breatunn, agus tha mu cheithir mìle duine afaotainn obair annta.

Tha dùil ri àireamh mhor de thuathanaich Dhakota a dhol air imrich don Iar-Thuath air an earrach sa tighinn. Tha cuid dhiubh ann an Ottawa an dràsda adeanamh còrdadh ris an Riaghladh a thaobh fearainn air am bheil iad air son suidheachadh.

Be $832 ,240 an teachd a steach a bhaig Riaghladh Nobha Scotia air a bhliadhna sa chaidh, agus be $853 ,968 an t-suim a chosgadh fad na bliadhna. Chaidh amhor-roinn mar sin $21 ,728 anns na fiachan, ach theagamh gun deanar sin suas air a bhliadhna so. Chan eil an t-suim ud air a meas gle mhor leothasan a tha eòlach air cùisean-riaghlaidh.

Thatelegraphair a h-ùr-fhosgladh eadar Halifacs agus eileanJamaica, anns na h-Innsean an Iar. Roimhe so cha robh dòigh airfios-dealaina chur don eilean sin ach troimh na Stàitean, ach thantelegraphùr so aruith troimhn chuan, agus gun a dol an còir fearainn sam bith nach buin do Bhreatuinn. An ùine ghoirid bidh i ruigheachd gach aon de na h-eileanan eile.

An taobh a stigh de naodh miosan, chaill Domhnull Mac Leòid, Kempt Head,air an Eilean Mhor, dithis mhac, fear dhiubh air dòigh gle mhuladach. DeireadhApril, an uiridh, chaochail a mhac Domhnull anns anTransvaal, an ceann a deasAfrica, anns an ochdamh bliadhna deug air fhichead deaois. Air an treas latha deug dhen mhios sa chaidh bha mac eile dha, Iain, air a mharbhadh ann an mèinn anAnaconda, amMontana. Bha sianar eile air an dùnadh a stighsa mhèinn leis an spraidheadh a dhaobharaich a bhàs-san, ach fhuaireadh gan ionnsuidh an àm gus an sàbhaladh.

Tha exhibition ri bhi ann a Halifacs am bliadhna rithist, ann an deireadhSeptember, aig am bi sia mile deug dolair air a thoirt seachad mar dhuaisean. Cha robh a mhor chuid de mhuinntir na dùthcha gle riaraichte leis mar a bha na duaisean air am buileachadh an uiridh; bha tuilleadh sa chòir dhiubh air an roinn air nithean nach eil a chum moran feuma don dùthaich. Cha robh ach fior bheagan airgeid air a thoirt seachad mar dhuaisean air son éisg, ged is ann air an iasgach a tha moran de mhuinntir na mor-roinne adeanamh am beòthachd; ach tha sinn a tuigsinn gu bheil barrachd dhuaisean ri bhi air an toirt seachad air son éisg am bliadhna. Faodar a thaing sin a thoirt don Onarach Uilleam Ros, a chuir gu làidir an aghaidh an dearmaid a rinneadh air an iasgach aigexhibitionna bliadhnan uiridh.

O chionn àireamh bhliadhnaichean air ais, chaidh tòiseachadh air rathad-iaruinn a thogail tarsuinn an amhaich chaol fhearainn a tha eadarBay Verteagus amBay of Funday,air am biodh soithichean air an giùlan cruinn cothrom as an darna uisge dhionnsuidh an uisge eile, astar tri mile deug. Bhatar adeanamh a mach gum biodh ena dheisealachd mhor do shoithichean faotainn tarsuinn mar sin, seach mar a thaca ri dheanamh an dràsda, seòladh timchioll Nobha Scotia. Chaidh moran obrach a dheanamh air an rathad sin, ngus chosgadh roinn mhath airgeid ris, ach o chionn dha no tri bhliadhnaichean air ais chaidh stad air. Fhuair achuideachd a bhaga chur air adhart tuilleadh ùine air son an obair a chriochnachadh o àm gu àm, ach am bliadhna dhiùlt an t-Ard-Riaghladh an còir dàil a chur anns aghnothuch, agus than obair uime sin, ri bhi air a tréigsinn gu buileach.

Than Caraghus a tòiseachadh air an treas latha fichead dhe n mhios so. ’S en latha sin Di-ciaduin na Luathainn. Tha Di-dònaich na Caisge a tighinn am bliadhna air an deicheamh latha do dhApril.

Bha an sneachda na chitheachan mora air sràidean a bhaile, an deigh stoirme na seachdain sa chaidh. Chaidh daoine chur a dhobair toiseach na seachdain soga chothromachadh, ach tha na h-uirid dhe anns gu bheil na ròidean gle dhona, lan chnocan us lagan.

Tha muinntirOntariogu bhi taghadh pàrlamaid ùr air acheud latha dhen Mhàrt. Tha iadsan a thanns an dreuchd aig an àm so gu math nas laige na bàbhaist dhaibh a bhi a thaobh SirOliver Mowata bhig an dith, agus mar sin tha e doirbh a dheanamh a mach ciamar a theid dhaibh.

Bha còrr us da cheuds da mhuillean air fhichead dolair ( $222 ,000,000) aig muinntir Chanada anns na bancaichean-cùmhnaidh toiseach na bliadhna so. Tha sin coig muilleanan fichead a bharrachd air na bhas na bancaichean toiseach aa bliadhnan uiridh. Aguss ann a sior dhol am meud a than t-suim. Tha sona chomharradh gu bheil cùisean asoirbheachadh gu math leis an t-sluagh. Cha robh an soirbheachadh cho mor anns achuid an ear dhen dùthaich, ach tha dòchas againn gu bheil latha na h-earainn sin a nise gle fhaisg air laimh.

Than t-Ard-Riaghladh an dùil leth-cheud mile dolair a chur air leth am bliadhna air son ionnsachadh-airm a thoirt do iasgairean nam mor-roinnean iseal. Tha iadsan a gheibh ionnsachadh mar sin ri bhi deiseil gu dhol don arm-mhara Bhreatunnach uair sam bith a chuirear feum orra. Tha làn àm aig Canada ni-eigin a dheanamh air son i-fhéin a dhion o naimhdean. Riamh roimhe so bha Breatunnga dionair a mhuir co-dhiugu saor agus a nasguidh. Ach tha Canada a nisena dùthaich mhor, làidir i-fhéin, agus is còir dhi oidhearp a thoirt air an dùthaich mhàthaireil a chuideachadh.

Dhfhosgail ard-phàrlamaid Chanada ann an Ottawa a sheachdain gus an . Bha àireamh mhor cruinn ag éisdeachd ris an Oraid on Chathair, barrachd morsa bàbhaist a bhi ann bliadhnaichean eile. Anns an Oraid tha iomradh air a thoirt air an t-soirbheachad a than dùthaich a mealtuinn. Thatar agealltuinn caochladh nithean; am measg chàch tha rathad-iaruinn ri bhi air fhosgladhdhionnsuidh a Chlondaic air am faigh daoine falbh us tighinn gun a dhol bhar fonn Chanada, ni a bhiosna bhuanachd mhor don dùthaich. Thatar mar an ceudna dol a thoirt cothrom don t-sluagh innse an àill leotha reic agus ceannachd deoch làidir a bhacadh. Feuchaidh sinn o àm gu àm ri iomradh a thoirt air na nithean a s cudthromaiche bhios a dol air adhart anns a phàrlamaid.


LEIGHEAS BUAN.

Sgriobh an t-Urr. Hy . Carter, Maddock, Springfield, P. E. I. ,mar a leanas, ann an Iun, 1895:— “Chan urrainn do mmhnaoi labhairt tuilleadh us math mu K. D. C. an deigh na rinn e air a son. Dhfhuiling i le droch stamaig, agus bha i ann am pian mor, cho mors nach burrainn dhi a cuid aodaich a chumail uimpe, agus smaoinich mi gum faighinn K. D. C. dhi. Cha robh turas a ghabhadh i e nach robh edeanamh feum dhi, agus fada mun do chuir i crioch air da bhotull bha i air a leigheas, agus theid aice nis air rud sam bith ithe.”

Tha an litir so a nochdadh an éifeachd a thann an K. D. C. agus than a leanas ag innse gu bheil an leigheas buan. SgriobhMr . CarterIulaidh 31, 1895, còrr us bliadhnan deigh so, “Chuir mi roimhe so litir uguibh ag innse mar a leighis K. D. C. mo bhean. Tha i fhathast slàn, ’s gun a seann eucail a cur dragh sam bith oirre.” Sibhse tha tinn feuchaibh e. ThaK . D. C. Pillsanabarrach math air son tinneasan cuim.


BATHAR UR.
Moran de Churaicean Geamhraidh, eadar 10c. us $5 .00.
Brogan matha saor.
Ti mhath mar a babhaist.
Beagan de Cheannachd Thioram.
Olla 25c. an galan; 5 galain air $1 .00.
NIALL DOMHNULLACH,
BADDECK , - - C. B.


J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsas fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B.


BADDECK , - - C. B.
Airson a stor a dheanamh nas deiseiles nas feumaile dhaibhsan a thadeanamh gnothuch ris, tha
Albert I. Hart
anise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh.Tha achuid sin den ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh amBoston ’sanNew York.Gheibh iadsan a thig ga h-ionnsuidh an
DEAGH RIARACHADH.
BADDECK , - - C. B.


LEABHRAICHEAN GAILIG.

Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. MacIlliosa 1.10
Gaelic Class Book .35

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte.
Sgriobh gu
J . G. MACKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney, C. B.



[262]

[Vol . 6. No. 33. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 259.)

arraich emach dhomh e, thuirt e, “Reic thusa e cho maths theid agad air, agus paighidh mise thu air son do shaoithreach.” Thug, mi taing dha air son gun dthug e dhomh cothrom air a bhithg obair, oir bu bheag orm a bhithnam thamh.

Chuir an cleireach a bhair bord sios aireamh nam pocannan bathair, agus ainm gach fir dom buineadh iadna leabhar: agus an uair a dhfheoraich e dhen sgiobair con t-ainm a bhair an fhear dom buineadh am bathar a bha mise gus a reic, thuirt e, “Buinidh, e do Shindbad, an Seoladair.”

An uair a chuala mi bhithg am ainmeachadh ghabh mi ioghnadh gu leor: agus an uair a ghabh mi beachd air an sgiobair gu math, dhaithnich mi gur e dhfhagn am chadal air an eilean mi. Ach on a thainig atharrachadh mor air on chunnaic mi mu dheireadh e, cha do shaoil mi an toiseach gur e bhann.

Ach on a bha esan asmaointean gun robh mi marbh, cha robh ioghnadh sam bith orm ged nach daithnich e mi.

Ach, a sgiobair,” arsa mise, “an e Sindbad a bainm don duine dom buineadh am bathar so?”

Is e,” arsesan, “thainig e a Bagdad, agus chaidh e air bord comhladh rium ann am Balsora. Air latha araidh an uair a chaidh sinn gu tir ann an eilean a dhiarraidh uisge, dhfhag sinn gun fhios dhuinn anns an eilean e. Cha dthug mise no na marsantan a bhair bord an aire gun robh eg ar dith gus an robh sinn air seoladh greis mhath air falbh on eilean. On a bha soirbheas laidirn ar deigh cha robh e comasach dhomh tilleadh ga iarraidh.”

Bha thusmaointean gun robh e marbh gun teagamh,” arsa mise.

Bha gu dearbh,” arsesan.

Chan eil e marbh idir, a sgiobair,” arsa mise; “seall ormsa, agus faodaidh tu aithneachadh gur e miseSindbada dhfhag thu air an eilean fhasail ud. Thuit min am chadal ri taobh aimhne beagan an deigh dhuinn a dhol air tir, agus an uair a dhuisg mi bhan long gu bhith as mo shealladh.”

An uair a bhan sgiobair greis a beachdachadh orm dhaithnich e mi, agus an uair a ghlac e mina ghairdeanan, thuirt e, “Moladh do Dhia air son gun do ghabh ena fhreasdal curam dhiot ged do dhichuimhnich mise thu. Tha do chuid bathair an sid. Ghabh mise curam dheth cho maths a burrainn dhomh, agus rinn mi malairt leis anns gach baile-puirt anns an robh mi. Tha mig a libhrigeadh dhut comhladh ris na bhuanaich mi leis amhalairt.”

Ghabh mi am bathar uaithe, agus thug mi mi mile taing dha air son a dhraghas a churaim.

Sheol sinn a Salabat gu ruige eilean far an do cheannaich mi spiosradh dhe gach seorsa.

Chunnaic sinn iomadh ni iongantach anns an eilean so; ach chaneil aobhar dhomh a bhithg an ainmeachadh.

Gu sgeula goirid a dheanamh dheth, an deigh na h-uine fhada a bha mi air falbh, rainig sinn Balsora mu dheireadh, agus as a sin thainig mi gu ruige Bagdad: agus bha mo shaibhreas cho mors gur gann a rachadh agam air a chunntas. Thug mi suim mhor do na bochdan, agus cheannaich mi oighreachd mhor fhearainn.”

An uair a chuir Sindbad crioch air eachdraidh an treas turuis-cuain a ghabh e, thug e ceud bonn oir eile do Hindbad, agus dhiarr e air tighinn an la-iar-na-mhaireach gudhinnoir a chums gun cluinneadh e eachdraidh a cheathramh turuis a bha e air falbh.

(Ri leantuinn.)


Ruairidh Mac Leoid.

Tha sinn atoirt an iomraidh a leanas air a Ghaidheal chliùiteach so as an Fhianuis. Tha fhios againn gun taitinn i gu math ri moran dar leughadairean.

Rugadh Ruairidh Mac Leòids abhliadhna 1821, ann an Waternish, ’s an Eilein Sgiathanach far an robh athairna thuathanach beag. Fhuair e an réiteachadh agoil a bha cumanta am measg cloinne aig an am ud. Chaidh àrach gu cùramach ann an eòlas air na Sgriobturan Naomha, a tha comasach air ar n-òigridh a dheanamh glic air son ùine agus air son siorruidheachd. Cha robh Ruairidh Mac Lsòid ach naoi bliadhna deug a dhaois, an uair a dhfhàg e Eilean aCheò, gu cath na beatha a chur air raon an t-saoghail so. Bha e mu naoi bliadhna fichead a dhaois an uair a shuidhich e a champ ann am baile mòr Dhunéideann. An sos abhliadhna 1859 thoisich e air marsantachd . Shoirbhich leis gu mor. Bha ena cheannaiche glic, deanadach. Dhiarr e air tus rioghachd Dhé agus a fireantachd, agus thug Dia dha gach ni eile a bha a dhith air. An 1878 ghabh Mr Mac Leòid aon da mhic a steach leis ann am malairt na . Dhfhàs an obair so air an làmhan cho mor gus am bheil a nis deadh eòlas orra air feadh Albainn.

Bha Mr Mac Leòidn a dhuine stéidheil, diadhaidh, agusn a bhall tapaidh, dileas, den Eaglais Shaoir. Bliadhna as deigh bliadhna, fad timchioll air fichead bliadhna, chomharraich Cleir an Eilein Sgiathanaich e gubhin a bhall de Ard-Sheanadh ar n-Eaglais, gubhi aseasamh còirichean eilein a dhùthchais. Bha e fad deich bliadhna ficheadn a fhear-dreuchd co-cheangailte ri Eaglais Shaor Chalum-cille, ann an Duneideann. Cha robh ball den t-Seisein a bu dìlse don choimhthional so na Mr Mac Leòid.

Air Diciadain, October13, 1897, chaidh Mr Mac Leòid gu Dailché, a dhfhaicinn a bhràthar, am Maidsear Mac Leòid, duine gaisgeil fialaidh, dileas, a than a dheadh phostas an Eaglais Shaoir. Bha Mr Ruairidh Mac Leòidn a dheadh shlàinte air an latha so, agus thill e dhachaidh an àm gu bhi a lathair air an fheasgar so féin, aig a choinneamh ùrnuigh sheachduin, an Eaglais Chalum-cille. Air don choinneamh a bhi air a fosgladh leis an Urr. Calum Mac-a- Linnean, dhiarr e air Mr Mac Leòid dol an ceann ùrnuigh. Chaidh e air ceann an dleasanais so. Rinn e ùrnuigh ro dhùrachdach, agus an sin shuidh e. Thug am ministear a mach earrann as a Bhiobull, gu facal earail a labhairt, ach cha robh ùine aige air aon lide a radh an uair abha Mr Mac Leòid air a ghairm do thigh nan Iomadh Aite-comhnuidh. Shaoileadh air tùs nach robh e ach ann an laigse, agus rinneadh gach ni a burrainn caoimhneas a nochdadh da. Ach bi a chrioch a bhann.

Aig coinneamh Seisean Eaglais Shaor Chalum-cille, an Duneideann, anOctober28 1897, sgriobh an Seisean mionaid mu Mhr Mac Leoid, agus as a mhionaid so a chuir an t-Seiseann thugainn, tha sinn a toirt nam briathran a leanas:—

Ann am bàs Mhr Ruairidh Mhic Leòid, dhfhalbh as ar measg neach dan tug sinn gràdh agus urram. Rinn a bhàs bearnan ar measg, nach bi furasda a chàradh. Bha ena bhall dileas agus saoithreachail dar Seisean, agus dar Cùirt Dheacoin. Lion e dreuchdan na deaconschd agus na seanaireachdn ar measg fad deich bliadhna fichead. Re nam bliadhnachan so, fhritheil e gu dichiollach, cogaiseach, cuinneamhan nan cùirtean so. Rinn e na burrainn e air son maith a choimhthionail so, agus air son aobhar Chriosdn ar measg.

Bha en a mhac dileas don Eaglais Shaoir, agus gu sònruichte do choimhthional Eaglais Shaor Chalum-cille.

Bha meas againn air mar neach a bha làn graidh. Bha an còmhnuidh criochan iomchuidh aiges an amharc. Cha diarr e a chriochan fein. Bha e ullamh gus gach ni a a dheanamh gu cogaiseach gu onair a chuir air Criosd. Bho a fhein-fhiosrachadh farsuinn, bha e comasach air maith a dheanamh do shean agus òg. , Bha a dhiadhachd phearsanta air a stéidheachadh air smior an t-soisgeil. Be Criosd na h-uile agus anns na h-uile dha. Ann an Spiorad Chriosd bha ena charaid don bhantraich agus don dilleachdan.

Bha gràdh againn dha a bheatha, agus tha sinng a ionndrain an deigh a bhàis.”

Bha Mr Mac Leòid pòsda da uair, agus dhfhàg en a dhéigh bantrach, triuir mhac, agus triuir nighean. Tha an triuir nighean pòsda Gu dearbh ionndrainnidh coinneamhan ar n-Ard Sheanaidh an Gaidheal gleusda, deallasach, Mr Ruairidh Mac Leòid.


Aig a choinneamh a bhaig muinntir abhaile Di-luain sa chaidh, dhaontaich iad gu h-aon-ghuthach leth-cheud mile dolair a ghabhail an iasad air son làrach saor agus uisge a thoirt do chuideachd an iaruinn ma ni iad an obraichean a shuidheachadh ann an Sidni.



[263]

[Vol . 6. No. 33. p. 7]

Eachdraidh nan Caimbeulach.

(Air a leantuinn.)

Bha triuir mhac aig Cailean iongantach, Sir Donnachadh an t-oighre, Sir Iain dam bu cho-ainm Iain anfhann, bhon dthainig Caimbeulaich Inbhar-Leothair; agus an treas mac Cailean Og. Bha mac aig Cailean Og a bha làn breacadh-sianain. Thugadh Iain Riabhach mar fhar-ainm air. Theirear sliochd Iain Riabhaich ris an teaghlach a thainig a mach uaithe gus an lathan diugh.

Bha SIR DONNACHADH na dhuine ainmeil a thaobh a ghliocais agus a thaobh a ghaisge. Is esan a cheud fhear den chinneadh a ghabh an tiodalEarraghaidhealda féin. Be an coigeamh Mac Callum Mor. Sgud en ceann de thorc allda anns an Fhraing le aon bhuile den chlaidheamh, agus riamh uaaithe sin tha ceann an tuirc aig na Caimbeulaich mar shuaicheantas. (Tha cuid de na seanachaidhean acumaìl a mach gur en torc a mharbh Diarmad air Beinn-an-Tuirc an Cinntire bho a bheil an suaicheantas so aca.) Bha Sir Donnachadh agus an teaghlach rioghail gle chàirdeil ri chéile. Ghlac na Sasunnaich Seumas, oighrechrùin, ’s ena bhalachan òg air a thuras don Fhraing. Chaochail Raibert III, goirid an deigh sud leis a bhristeadh-cridhe. Bha Seumas naoidh bliadhna deug na phriosanach ann a Sasuinn, agus brathair-athar, Raibert, Diùc Albani, na Thainistear air Alba, an toiseach, agus an deigh sin a mhac Murachadh, Diùc Albani. Chuir Sir Donnachadh impidh air Murchadh Diuc Alhani cur adhiarraidh an righ do Shasuinn. Rinn e sins bha e air a chrùnadh mar Sheumas I anns a bhliadhna 1424. Cha do dhi-chuimhnich righ Seumas riamh do Shir Donnachadh an caoimhneas ud. Thug e stigh e don Chomhairl-Dhiomhair, (Privy Council) ’s bhuilich e air mar an ceudna na dreuchdanArd fhear ceartais agus Fo-uachdaran air Siorrachd Earraghael. ’Nuair thainig Seumas II thun na Cathrach, sheas Earraghael gu dileas a chùl. Bhuilich an righ sin an tiodal Tighearna Caimbeul air. Bha e posda da uair; an toiseach ri nighean Raibeart Diùc Albani, bhon robh dithis mhac aige, Gilleasbuig, an t-oighre, agus an dara mac Cailean Ghlinn-Urchaidh, priomh-athair teaghlach Bhraid-Albainn, air an toir sinn iomradh an deigh so. Phòs Sir Donnachadh an dara uair nighean Sir Iain Stiubhairt, mac neo-dhligheach a bhaig Righ Raibeart III. Bha mar sin fior dhlùth-chleamhnas eadar e agus an teaghlach rioghail. Bha triùir mhac aige on dara bean, Donnachadh, Niall, agus Alasdair. ’Se sliochd Dhonnachaidh so, a thanan Ridirean air Auchinbreck, còir seasamh aig deas laimh chinn-fheadhna. Is e Alasdair priomh-athair teaghlach Lochnell. Chaochail Sir Donnachadhsa bhliadhna 1453, agus tha e air adhlacadh an eaglais Chillmun; eaglais sgire a thog e fhéin anns a chearn ud den oighreachd. Bhon àm udse Cillmun priomh ait’ -adhlaic teaghlaich Earraghael.

Be GILLEASPUIG RUADH an siathamh Mac Cailean Mor. ’Se Gilleaspuig ruadh Chill-bride a theirte ris oir rugadh an Cillbride e, àita tha mu dha mhileo Inbher-aoraidh. Tha e coltach gun robh ena dhuine ciùin, socair, oir chan eil moran air a radh ann an eachdraidh mu thimchioll. Bha e posda ri Ealasaid nighean Tighearna Somerville, bhon robh aon mhac aige, Cailean an t-oighre.

Bha CAILEAN, Iarla Earraghael, gle ògnuair dheugathair. Thog brathair athar, Cailean Ghlinn-Urchaidh, e le mor chùram. Phos iad (Cailean Ghlinn-Urchaidh agus Cailean Earraghael) an dithis pheathraichean, nigheanan Iain Stiubhairt Tighearna Lathairn. Phos Caimbeulach eile an treas piuthars mar sin bha Lathairn air a roinn eatorra. oir be a chloinn-nighean so a boighreachan air an athair. Chaidh Iain Stiubhart fhein a mhurt an Dunstabhanais le mac a pheathar, ceann-cinnidh nan Dùghallach. Rinn en gniomh oillteil so an dùil gun glacadh e còraichean na h-oighreachd oir cha phòsadh te seach te de na ban-oighreachan e. Ach theich na h-igheanan leis na còraichean, agus an deigh sin phòs iad na Caimbeulaich mar a dhainmich sinn. So mar fhuair na Caimbeulaich còir air Lathairn. Fhuair Cailean an tiodal Tighearna Lathurn agus chuir enlong,” suaicheantas Lathairn, rishuaicheantas fein. Rinn Seumas II Iarla dheth. Besan ceud Iarla Earraghael. Ri linn righ Seumas III bha iomadh gnothuch cudthromach a bhuinneadh don righeachd air earbsa ris. Bha ena ard-theachdaire righ an cùirt Eideard IV an Sasuinn, agus a ris an cùirt na Frainge. Ri linn Sheumais IV bha e anns na dreuchdan a bàirde fon chrùn gu àm a bhàis. Chaochail e anns a bhliadhna 1493. Dhfhàg e dithis mhac agus seachdnar nighean. Phos te dhiu Lachlann Og MacGilleain Dhùthaird. Be ainm nan gillean Gilleaspuig agus Tomas.

Ri leantuinn.


CAIT AM FAIGH MI?
Saibh, Glasan, Luaidhe, Sgeinein, Lainntearan, Sguabaichean, Paipear-tearra, Paipear-tubhaidh.
Olla, Fudar, Glaine, Siosaran, Tairnean, Bucaidean, Tuaghannan.
GHEIBH AIG
C . P. MOORE,
Sidni, C. B.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear Tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.


Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.


D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C. B.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIGOs cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.


Indurated Fibreware

Tha an seorsa so nas daoire na na bucaidean cumanta, achs math is fhiach iad sin; tha iad nas buaine, agus mar sinsiad as saoire.

THE
E. B. EDDY, Co.,
LIMITED,
HULL, CANADA.



[264]

[Vol . 6. No. 33. p. 8]

Cabar-feidh.

Deoch-slainte chabair fèidh so
Gur h-éibhinns gur h-aighearach;
Ge fada bho thir fein e,
Mhic Dhé greas ga fhearann e;
Mo chrochadh as mo cheusadh,
As méideadh mar mheala mi,
Mur àit leam thu bhig éiridh
Le treun neart gach caraide!
Gur mise chunnasibh gu gunnach,
Ealamh, ullamh, acuinneach;
Ruith nan Rothachs mathur gnothach,
Thug sibh sothadh maidne dhoibh;
Cha deachCataich air an tapadh,
Dhfhag an neart le eagal iad,
Ri faicinn ceann an fhéidh ort
Nuairdhéirich do chabar ort!

Ben t-amadan fear Fòluis,
Nuair thòisich e cogadh riut;
Rothaich agus Rosaich
Bu ghòrach na bodaich iad;
Frisealaich as Granndaich,
An càmpa cha stadadh iad;
S thug Forbeisich nan teann-ruith,
Gu seann taigh Chuil-fhodair orr’.
Theich iad uile is cha dfhuirich
An treas duinebhaca-san;
An t-Iarla Catach ruith e dhachaidh
Cha do las a dhagachan;
Mac-Aoidh nan creach gun thar e as,
S ann dhéigh en t-each a baigeannaich.
Ri gabhal an ratreata,
Nuair dheirich do chabar ort!

S ann an sin bham fuathas
Gan ruagadh thar bhealaichean,
An deas dhuinn as an tuath dhuinn,
Gu luath ruith roidcheann-eideadh;
Mar sgaoth a dheoin nam fuar-bheann,
As gruaim air a h-uile fear,
Atearnadh bho na sléibhtean
Gu réidhleins gu cladaichean.
Dheigh iad ports gun dfhuair iad coit,
S bu bheag an toirt mar thachair dhoibh;
Ciod en droch rud rinn am brosnach’,
Len cuid mhosg nach freagradh srad
S a liuthad toirtear dheth na Rothaich,
Dol air flod thar chlaigeannan?—
S ann ghabh iad an ratreata,
Nuairdheirich do chabar ort!

Gum faigh mi fein mo dhùrachd
( ’Se dhùisg as mo chadal mi)
An don geill na dùilean,
S dan ùmhlaich na h-uile ni,
Gun greas e thu gu ddhùthaich,
Gu h-uasals gu h-urramach!
Gur tu nach leigeadh cùis,
Leis na -Ghaill nach buineadh dhoibh;
S tu bheireadh clotha do luchd gnothaich,
Gun fhios co a throdadh riut;
An fhine Rothach chuir thu fodha
Ge mor leothan ladornas,
Gan cuir romhad len ruith-choimhich,
S am baile-nodha na shradagan,
S na lasair anns na speuran,
Nuair dheirich do chabar ort!

Chunna mi ma thuath thu
S gum buachdaran allail thu;
Bha Cataich fo do chùram,
As dhùmhlaich na Gallaich dhut;
S gach bha riut an diùmba,
S nach dùirigeadh sealladh ort,
Afaicinn bhi gan sgiùrsadh,
Gu dùthaich nach buineadh dhoibh.
Le gasraidh fhinealt dheth do chinneadh
Nach gabh giorag eagalach;
Luchd chlogaids bhiodags chorcan bireach,
Cha philleadh luchd-bagairt iad;
Thig feachd Mhic Shimi ga do mhilleadh,
S ruithidh iad gu saidealta;
S gun teach iad o chlàr t-eudainn,
Nuair dheireas do chabar ort!

Tha am brochan atoirt sàr dhuibh,
S than càl atoirt at oirbh;
Achs beag is misden t-àrmunn,
Ur sàth thoirt an nasgaidh dhuibh:
Ge mòr a thug sibhchàise,
Thar àiridhean Asainne,
Chan fhacas cuirm am Fòlais,
Ge mòr bha do chearcan ann:
Caisteal biorach, nead na h-iolair’,
Coin as gillean gortach ann;
Chan fhaicear bioran ann ri teine,
Murbidh dileag bhrochain ann;
Chan fhaicear mairt-fheoil ann am poit ann,
Mur bi cearcg a plotaigeadh;
S gan tional air an déirce,
Nuair thréigeas gach cosgais iad.

Chan eil euns na speuran,
Is breine nan iolaire,
Chan ionann idir beus di,
S do dhfhéidh anns na firichean;—
Bidh iadsa moch ag eiridh,
Afeuchainn abhiolaire;
S bidh isair sean each caoile,
Ri slaodadh a mhionaich as;
Chuir i spuir a staigh na churach,
S thug i fhuil na spadul as,
An t-ian gun sonasg iarraidh donais,
Bidh na coin asabaid rith’;
S breun an t-isean i air iteig,
Gun fhios càit an stadadh i,—
Masolc a lean ih-àbhaist,
Cha bfhearr far na chaidil i.

Chan eil eunsan t-saoghal
Ra fhaotainn tha coltach riut,—
Chan ithear do chuid sìthne
Rinn firinn amollachadh:
Ged tha ort iteag dhìreach,
Mar fhior shaighead corrannach,
S ged thuirt iad riut am fireun,
Tha ionan an Donuis ort!
S ioma buachaillethair fuar chnoc,
Agus cuaille bàtaige;
Ni guidhe bhuan do bhuntain bhuath,
S a bhuaileas bho do thapadh thu;
Nuair bheir thu ruaig air feadh nan uan,
S a bhios buaireas acrais ort,
N uair thachras cabar féidh ort,
Gum feum thu bhi snasadh dha!

Tha cabar-fearna Dhòmhuill,
Mar spòrs anns an talamh sac’;
Nach innseadh sibh dhomhse,
S gum beol domh a charachadh;
S chuirinn fios gu h-eòlach,
Gu Seòras an caraideach,
Gur h-e Fear Dhuin-Dòmhnuill,
Le lòn chum an t-anam ris;
Bhiasd gun mheas, gun mhiagh, gun ghliocas,
Riamh bu trics an talamh sthu;
Dhòl as dhith thu trian do dphiseich,
S tu an t-isean amaideach;
Chuir na Rothaich thu air ghnothach,
S tu an t-amhusg aineolach,
S gedthug Clann-Choinnich miadh ort,
Cha bfhiach thun treas earainn deth.

Faire! faire! shaoghail,
Gur caochlaideach carach thu;
Chunna mise -phort,
Nam pìoban cruaidh, sgalanta,
Nach robh air Alba dhaon-shluagh,
Ged shineadh Mac-Chailein ris,
Na chumadh riuts an eudann,
Nuair dheireadh do chabar ort!
Dheireadh leat an coirsan ceart,
Le trian do neart gu bagarach,
Na bheadar Asainn, as fa dheas.
Gu ruig Sgalpa chraganach,
Gach fear a glacadh gunna snaip,
Claidheamh glas, no dagachan,—
Bu leat Sir Dòmhnull Shléibhte,
N uairdh eireadh do chabar ort!

Dheireadh leat fir Mhùideirt,
Nuairruisgte do bhrataichean,
Len lannan daite -ghorm,
Gun ciuirte da marcaich leo;
Mac-Alasdairs Mac-Ionmhuinn,
Len cuilbheirean acuinneach;
Nuair rachadh iadsan iorghuill,
Gum bioghna mur trodadh iad:—
Bidh til fhathast gabhail aighear,
Ann am Brathuinn bhaidealach,
Bidh cinne t-athair ort afeitheamh,
Cobhrathadh bagradh ort?
Bidh fion ga chaitheamh feadh do thaighe,
S uisge-beatha feadanach;
S gur lionmhor piob gan gleusadh,
NUAIR DHEIREAS DO CHABAR ORT!

Tha e ri chantuinn gur h-e Tormad bàn Macleòid an Asainn a rinnCabar-féidhair do na Rothaich cuairt a thoirt do dhAsainne a dhiarraidh creiche. Thainig iad an t-samhraidh, ’n uair a bha na boireannaich leis aspréidh air an àiridh, agus, a réir na sgeulachdan a thagainne, chan emhàin gun dthug iad leo mòran cruidh, ach mar an ceudna, ìm as càise. Thog an gniomh so fearg Mhicleòid agus rinn eCabar-feidhoirs ann bho Chlann Choinnich a chaidh a chreach a thoirt.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar duthcha thanar beachd.


NIALL Mac FHEARGHAIS,
Taillear.
SIDNI, - C. B.


$1 .00 air 80c.
Tha tuilleadhsa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dhairgead. Thig mum bin t-am seachad agus
FAIGH BARGAN.
McDonald Hanrahan & Co.
Sidni, Iulaidh 16, ’97.

titleIssue 33
internal date1898.0
display date1898
publication date1898
level
reference template

Mac-Talla VI No. 33. %p

parent textVolume 6
<< please select a word
<< please select a page