[265]

[Vol . 6. No. 34. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE. 18 FEBRUARAIDH. 1898. No. 34.


AFRICA.

Bha anns na linntean o chian aiteanus rioghachdan measail, cumhachdachus beartach ann an ceann mu thuathAfricaagus air oir na fairge thadealachadhAfrica ’s an Roinn-Eòrpa bho cheile. Co nach cuala iomradh air Carthago no Carthagem baile rioghail, le sgil, ’us le ghaisge, ’s leis gach euchd a rinn e fein agus an sluagh a bha ma thimchioll. Is iad na Phenicianaich, (no mar is nos do charaid sonruichtetha agamsaradh, “An Fheinn Aisianach, ”) a leig air tus bunaitean Charthage Lem malairt, ’s len treoir, ’us len dalmachd, ’us len tapaidh, rainig na Carthaiginianaich inbhe ard, laidir, fhabharach, am measg nan rioghachdann an latha fein. Chuir iad an cath gle thric leis na Romanaich, agus fhuair iad iomadh buaidh air na daoine meanmach ud. Co nach eil eolach air gaisge Hannibil, ceannard comasachus seolta Chartage, ’chaidh don Spainn agus a dhimich thar na cnoic chorrach, arda, na h-Alps, agus a chaidh sios air an t-slighe so le feachd mearganta, lionmhor don Eadailt, far an dfhuair e iomadh buaidh air feachd na Roimhe, gus fadheoidh an robh ena mhaighstir ann an dùthaich iomraiteach nan Romanach. Thainig crioch mu dheireadh air forteas aghmhor Hannibil, agus an deigh moran gleachdus dortadh fala, chaidh grian Charthage sios am measg neoil dhubha, ghruamach. Thuit i-feins a morachd uile; agus an diugh chan eil ach laraichean bochda, briste, far an robh baile eireachdail, lurach, Charthagetogail a chinn gu duineil, proiseil, reachdmhor, iomadh lathas bliadhna. Is ann air taobh mu thuathAfricatha tir na h-Eiphit, dùthaich co beartach, co urramach an iomadh doigh, agus co airidh air clius aire ri dùthaich air bith air feadh an t-saoghail. Tha sgoilearan le dichioll cliuiteach, ’us le spairn anabarrach afosgladh suas a nis bailteanus ionmhasan, ’us sgriobhaidhean anns an Eiphit agus ann an sean dùthchannan eile, ’bha foluichte fo gainmheach an fhasaich, ’s fo lom-sgrios nan aoisean. Tha ar n-eolas an sgoil, ’us ealdhain, ’us innleachd nan sean Eiphitich, afas gach nis modha. Chan ann gun aobhar sonruichtechaidh an t-ainm, Creathall an t-Saoghail, a bhuileachadh air an Eiphit. Tha fiosrachadh againn air an Eiphit mar a bha i ann an laithean Mhaois agus nan Eabhruidheach, an uair a thainig plaighean eagalach air an tir a thug sgrios air an Eiphit agus air a daoine. Bhan Eiphit anns an àm ud fein, asealbhachadh aite moir, cumhachdaich, anns an t-saoghal. Tha sinn a nis atuigsinn gu do sgaoil i a h-ainm, ’s a feachd, ’s a malairt air gach cearna an ears an iar. Thog a Pharaohan no a righrean, aitreibh miorbhuileach, (Pyramids) ,air feadh na tire airson cuimhneghleidheadh orra fein agus ionad adhlacaidh seasmhach fhaotainn annta. Is e obair oillteil a chuir suas na Bior-charraighean a tha fathast a tarruing aires ioghnadh gach neach a thadol don Eiphit. An uair a bha righrean na h-Eiphit afaotainn laimh an uachdair air righrean eile, babhaist doibh na daoinechiosnaich iad a thoirt leo ann am braighdeanas. Is iad so na daoine truaghathog le obair chruaidh na cnoic chuimhnechitear gus an lathan diugh ann an tir na h-Eiphit. Is e sluagh ealanta, inntinneach, sgileil a bha anns na h-Eiphitich o thus an eachdraidh. Airson boidhchead, ’us maisealachd, ’us snuaidh shnaidte ghrinn, chan eil air an t-saoghal aitreabh as àille dreach na teampull Charnaic. Tha gach duinechi an teampull maiseach saga mholadh gu h-anabarrach. Tha geur fhios againn a nis, do bhrigh gu drinn sgoilearan tapaidh moran eolais a thrusadh, gu robh anns na h-aoisean a dhfhalbh ionnsachadh iongantach aig na h-Eiphitich. Is e Dealbh-sgriobhaidh, noHieroglyphics ,an ainm a tha sean doigh sgriobhaidh nan Eiphiteach agiulan. Is ann air mhodh neonach a fhuaradh an iuchair leis an dfhosgladh an dorus trid an deachaidh an Dealbh-sgriobhaidh soleughadh agus a thuigsinn. An uair a bha Bonapairt agus cabhlach na Frainge anns an Eiphit, far an tug Nealsan buaidh orra aig Aboucir, fhuair na Frangaich clach aig aite ris an abrar Rosetta. Air a chlaich so bhatri seorsachan sgriobhaidh: eadhon Dealbh-sgriobhaidh nan aoisean, sgriobhaidh na canain a bhan sluagh a labhairt gu bitheanta aig an àm so, agus sgriobhadh ann an Greugais. Tha clachRosetta ’nis ann an Lunnainn far am facadh mi fein i. Is e an t-aon ni a bha na tri seorsachan sgriobhaidh air a chloich ag aithris no aciallachadh. Is ann don t-Sasunnach Young agus don Fhrangach Champollin, a bhuineas, ann an tomhas sonruichte, cliuus moladh airson an fheum a rinn iad gun sgios, gun airsneul de chloich Rosetta ann an solus a chuir air sgriobhaidhean aosmhor na h-Eiphit agus ann an tabhairt stiuraidh do gach sgoilear thalls a bhos ann an eolas fhaotainn da fein air sgriobhaidhean nan sean Eiphiteach. Bithidh tuilleadh agam ra radh anns an ath litir mu dheibhinn na h-Eiphit agus a h-eachdraidh.

CONA.


Ag Iarraidh Soluis.

FHIR-DEASACHAIDH: —Bha mi-fhein an duil gun robh Gaidhlig agam agus gun leubhainn agus gun tuiginn i, ach thainig rannano chionn ghoirid anns a MHAC-TALLA, airTuath Dhruim Albainn,” a chuir am cheo migu sonruichte na sreathan so:—

San darna ceithreimh:

Luchd a bhreacain, ’chleachd na frithean,
Do Dhiarmaid righrean Albainn

Sa cheathramh ceithreamh:

Clann an Leisdear, gum bu dual
Fo chlogad seirc cur casg air fuadh,
Ochdarthir than iuchairs uaisle
A dhfhuasgladh glasan teanntachd;

* * * * * *

Fo it, an iochd troimh ghliocas neimh”—

(Tha iad mar reul gun samhladh.)

Bhithinn fad an comain aon sam bith de leughadairean MHIC-TALLA a bheireadh soilleireachadh dhomh air na rannan so.

FOGHLUMAICH.


Bha Breatunn agus Ruisia o chionn treis a dhùine a strith ri chéile feuch co aca gheibheadh an t-sochair àireamh mhuilleanan dolair a thoirt an iasad do Shina. Bha aig an dùthaich bhochd sin ri suim mhor a phàigheadh do Iapan air son cosguis a chogaidh a bheatorra o chionn dha no tri bhliadhnaichean air ais; cha robh dòigh aice air an t-airgead fhaotainn ach a ghabhail an iasad, agus ge be dùthaich on gabhadh in iasad e, bhiodh barrachd cumhachd aig an dùthaich sin ann an Sinasa bhiodh aig dùthaich sam bith eile. ’Se sin a dhaobharaich a chòmh-strith eadar Breatunn us Ruisia. Achsin sgeul mu dheireadh a thainig gu bheil Sina an deigh stiall de cuid fearainn a thoirt do Iapan, agus gu bheil Iapan air son sin an deigh fiachan a chogaidh a mhathadh do Shina. Air an dòigh sin cha bhi aig Sina ri airgead a ghabhail an iasad idir.


Gheibhear anns an aireamh so earainn de dhEachdraidh an t-soithich-imrichPolly.” Dhearmaid sinn a cur ann an àireamh na seachdain sa chaidh. Bidh an eachdraidh air a toirt gu crich anns an ath àireamh.



[266]

[Vol . 6. No. 34. p. 2]

SGEULACHDAN ARABIANACH.

VII. —SINDBAD AN SEOLADAIR.

CAIB. VII.

An la-iar-na-mhaireach aig an am ainmichte, thainig na h-aoidhean don taigh aig Sindbad mar a dhiarr e orra, agus bham portairnam measg. Ghabh iad an dinnear air an socair fhein, agus bha iad gu caoimhneil, cairdeil, comhraiteach mar bu ghnath leotha. An uair a bhan dinnear seachad, thoisich Sindbad ri innseadh mar a thachair dha air acheathramh turus a chaidh e sheoladh.

Ged a bha iomadh toil-inntinn agus aobhar-aoibhneis agam aig an taigh,” ars esan, “gidheadh cha robh mi fadafas sgith dhiubh. Dheirich miann laidirnam inntinn gu falbh a dhfhaicinn tuilleadh dhen t-saoghal, agus a reics a cheannachan obair anns an do chuir mi uigh. Chuir mi mo ghnothaichcan air doigh cho maths a baithne dhomh, agus an uair a fhuair mi deas gach seorsa bathair a bha mi gus a thoirt leam, dhfhalbh mi air mo thurus.

Ghabh mi rathad Phersia, agus chaidh mi troimh chaochladh earrannan dhen rioghachd sin. Mu dheireadh an uair a rainig mi baile-puirt araidh, chaidh mi air bord luinge maille ri marsantan eile a bhafalbh do rioghachdan fad as, mar a bha mi fhein.

Sheol sinn, agus an deigh dhuinn taghal ann an caochladh bhailtean-puirt a bha ri cois achladaich, agus ann an iomadh aon dhe na h-eileanan, thug sinn ar n-aghaidh air achuan mhor.

Cha deachaidh sinn gle fhad air ar n-aghaidh an uair a thainig stoirm uamhasach oirnn. Bfheudar don sgiobair ordugh a thoirt seachad na siuil a ghrad phasgadh; agus ghnathaich e a h-uile doigh a burrainn e a chum ar sabhaladh on chunnart mhor anns an robh sinn. Ach a dhaindeoin na rinn e, cha robh en comas dhan longs na bhair bord innte a shabhaladh. Bhan stoirm cho laidirs nach dfhag i seol no slat ri crann. Mu dheireadh bhristear an long air na creagan; bhathar an aireamh bu mho dhe na seoladaireans dhe na marsantan, agus chaillear am bathar a bhair bord gu leir. Gu fortanach thachair dhomhsa agus do chuid eile dhe na marsantan greim fhaotainn air cliathan dhen luing. Ghreimich sinn ris gu math, ged a bha na tonnan uaibhreach asior bhristeadh thairis oirnn gun stad, gus an dthug an sruths aghaoth sinn a dhionnsuidh eilean a bha astar math uainn.

An uair a rainig sinn an t-eileans a chaidh sinn air tir, fhuair sinn measan agus uisge gu leor ann. Stad sinn fad na h-oidhche faisge air an aite anns an deachaidh sinn air tir, agus on a bha sinn air ar misneach a chall gu mor, cha do smaoinich sinn ciod bu choir dhuinn a dheanamh an uair a thigeadh amhadainn.

Aa uair a thainig amhadainns a dheirich aghrian, choisich sinn suas on chladach, agus ghabh sinn air ar n-aghaidh troimhn eilean. Chunnaic sinn taighean fada uainn, agus ghabh sinn direach far an robh iad. Cha bu luaithe a rainig sinn na taighean na bha sinn air ar cuartachadh le aireamh mhor de dhaoine dubha. Rug iad oirnn, agus roinn iad eatorra sinn, agus thug iad leotha dhachaidh sinn don taighean fhein.

Thug iad mise agus coignear de mchomanaich air falbh a dhaon aite. Thug iad oirnn suidhe, agus thug iad dhuinn luibh araidh, agus ged nach robh sinn comasach air an cainnt a thuigsinn, dhaithnich sinn gun robh iad ag iarraidh oirnn na luibhean itheadh. Cha dthug mo chompanaich an aire nach robh na daoine dubha fhein ag itheadh nan luibhean idir, agus on a bhan t-acras orra, thoisich iad rin itheadh le ciocras. Ach on a ghabh mise amhrus gun robh an t-olc fa-near dha na daoine dubha, cha do bhlais mi air na luibhean, agus bu mhath dhomh nach do bhlais; oir ann an uine ghoirid thug mi an aire gun robh mo chompanaich acall am mothachaidh, agus ged a bha iad abruidhinn, nach robh fhios aca ciod a bha iad ag radh.

Na dheigh sin thug iad dhuinn rus air a dheasachadh le olla na cno-choca. On a chaill mo chompanaich am mothachadh, dhith iad am biadh so le ciocras. Dhith mise beagan dheth mar an ceudna.

Thug na daoine dubha dhuinn na luibhean an toiseach a chum ar mothachadh a thoirt uainn, air dhoighs nach biodh fhios againn air achrich mhuladaich a bha iad gus a chur oirnn; agus an sin thug iad dhuinn an rus gus ar deanamh reamhar; oir bha iad gus ar marbhadhs ar n-itheadh cho luaths a bhiomaid reamhar gu leor.

An uair a bha mo chompanaich reamhar gu leor dhith iad iad. Ach on a bha mo thur agamsa, faodaidh sibh a thuigsinn, a dhaoinuaisle, an aite fas reamhar mar a dhfhas cach, gur ann a bha mifas na bu chaoile a h-uile latha. On a bha eagal mo bheatha orm a h-uile mionaid, cha robh am biadh adeanamh feum sam bith dhomh. Bha mi sior dhol as a h-uile latha, agus bha feum agam air sin; oir an deigh do na daoine dubha mo chompanaich itheadh, cha do chuir iad dragh sam bith ormsa o nach robh mi reamhar gu leor.

Anns am am bha moran dhe mo thoil fhein agam; oir is gann a bha iad agabhail suim sam bith dhiom. Thug so dhomh cothrom latha araidh air a dhol cho fad o na taighean acas gun dfhuair mi teicheadh air falbh gun fhios dhaibh. Ach chunnaic seann duine mi, agus ghabh e amhrus gur ann ateicheadh a bha mi. Ghlaodh e as mo dheigh cho ards aburrainn da; ach an aite stad, is ann a ghreas mi orm cho luaths a burrainn domh, agus ann an uine ghoirid bha mi as a shealladh.

Aig an am cha robh duine mun aite ach an seann duine. Bha cach, mar bu ghnath leotha, air falbh air astar fada o na taighean, agus bha fhios agam nach tilleadh iad dhachaidh gu feasgar anamoch. Air an aobhar sin, baa mi cinnteach nach biodh uine aca, an deigh dhaibh tilleadh dhachaidh, gu falbh air mo thoir. Ghabh mi romham gus an dthainig an oidhche. An uair a dhfhas i cho dorchas nach bu leir dhomh con taobh a ghabhainn, stad mi, agus ghabh mi beagan dhen bhiadh a thug mi leam. Ach cho luaths a shoilleirich an latha, ghabh mi air aghart cho cabhagachs a burrainn domh. Lean mi air coiseachd fad seachdain; agus bha miseachnadh gach aite anns an saoilinn an robh daoine. Cha robh de bhiadh agam fad na h-uine ach na cnothan coco. Air an ochdamh latha thainig mi ann an sealladh na mara, agus chunnaic mi daoine geala, mar a bha mi fhein, agus iad acruinneachadh pepeir; oir bha pailteas dheth anns an aite. Thog mo chridhe riutha, agus ghabh mi direach far an robh iad.

Cha bu luaithe thug iad an aire dhomh na thainig iadnam choinneamh. Dhfheoraich iad dhiom anns acheart chainnt a bhagam fhein, co mi, agus co as a thainig mi. Bha aoibhneas anabarrach orm an uair a chuala mi iad alabhairt riumnam chainnt fhein. Dhinnis mi dhaibh mar a chaidh an long a bhristeadh, agus mar a fhuair na daoine dubha greim orm

Tha na daoine dubha sin,” arsiadsan, “ag itheadh nan daoine, agus cia mar a fhuair thusa as an lamhan?”

Dhinnis mi dhaibh acheart naigheachd a dhinnis mi dhuibh fhein, agus an uair a chualiad i, bha ioghnadh gu leor orra.

Stad mi comhladh riutha gus an do chruinnich iad na bha dhith orra dhen pheper, agus sheol mi comhladh riutha don eilean as an dthainig iad.

Thug iad an lathair an righ mi. Bhan righna dhuine coir, meineil, agus dheisd e gu foighidneach rium fhads a bha mig innseadh dha a h-uile car mar a thachair dhomh on a dhfhalbh mi on taigh. Thug e aodach dhomh, agus dhordaich e curam a ghabhail diom.

Bha moran sluaigh anns an eilean, agus bha pailteas dhe gach ni ann. Bha moran malairtg a dheanamh anns acheanna-bhaile. Bha mi gle thoilichte faotainn dha leithid a dhaite an deigh ami-fhortain a thainignam rathad; agus on a bhan righ cho fior chaoimhneil rium, bha mig am fhaireachadh fhein cho sonasa bhan latha cho fad. A dhaon fhacal, is mi duine cho mor air an robh de mheas aig an righsa bhanns an rioghachd. Agus air an aobhar sin, bha h-uile duine a bfhearr na cheile a bhanns achuirt agus anns abhaile afeuchainn ri comain a chur orm. Ann an uine ghoirid bha sluagh an aite ag amharc orm mar aon dhuibh fhein.

Chunnaic mi aon ni a chuir moran ioghnaidh orm, agus be sin, nach robh srian no diollaid aig an righ, no aig duine eile, an



[267]

[Vol . 6. No. 34. p. 3]

uair a bhiodh iad amarcachd. Air latha araidhs mi ann an cuideachd an righ, ghabh mi de dhanadas bruidhinn ris ma dheidhinn so. Thuirt e rium gun robh mibruidhinn ma nithean air nach cuala duine a bhanns an rioghachd iomradh riamh.

Gun dail sam bith chaidh mi far an robh fear-ceairde agus dhinnis mi dha mar a dheanamh e stoc diollaid. An uair a bhan stoc deiseil aige, chomhdaich mi e le leather agus le bhelbet, agus dhfhuaigh mi an diollaid le snath oir.

Na dheigh sin chaidh mi far an robh an gobha, agus dhinnis mi dha mar a dheanadh e mirionach agus stirrapun. An uair a bha gach ni deiseil agus thug mi an diollaid agus an t-srian a dhionnsuidh an righ, chuir mi an t-each fo lan uidheam dha. An uair a chaidh an righ a mharcachd bha e anabarrach toilichte leis an obair a rinn mi. Thug e dhomh tiodhlacan a bha anabarrach luachmhor. Bfheudar dhomh diollaidean a dheanamh do mhaithean na cuirte, agus do cheannardan an airm mar an ceudna. Phaigh iad so uile mi gle mhath air son mo shaoithreach.

An uair a chunnaic uaislean na duthcha na diollaidean, thainig cuid dhiubh far an robh mi, agus gus an toileachadh, rinn mi diollaidean dhaibh mar an ceuhna. Choisinn an obair so cliu agus meas mor dhomh.

(Ri leantuinn.)


Mun Luing-imrichPolly1803.

ON BHEURLA, LE S. A. MAC ILLE-MHAOIL

(Air a leantuinn.)

Rinn an t-Iarla còrdadh ri fear Caiptean Darby, aig an robh an long dam bu shuaicheantas amPolly,” a bha roimhe sin na soitheach-cogaidh Sasunnach, agus air toiseach mios a Chéitean 1803 thog i siùil as an Obana taghal ann am Portrighsan Eilean Sgiathanach a thoirt air bòrd an t-iomlan dhen luchd-imrich, agus an sin chuir i a h-aghaidh air a chuan le mu thimchioll sia ceud de luchd-turuis an taobh am mach de chuideachd na luinge fein, dhe gach aois bhon leanabh air guaillinn a mhàthar gu ruig an seann duine nobhean a bhiodh tri fichead bliadhnasa deich.

A measg an luchd-imrich air fad, an taobh a mach don chaiptean agus do Aonghas Mac Amhlaidh a bha air a chur leis an Iarla mar lighiche a fhreasdal do na h-eilthirich, cha robh neach eile air bòrd a bhanam barail cho urramach ri Alasdair, fear-ionad an Iarla; ghleachd e ann an comhstri an Righ bha an Eirinn air a leon anns abhlàr, agus a nis a faotainn saor-dhuais bhon Righ; chaidh e da uair thar a chuain air an robh iadsan aig an àm, agus chuir e seachad beagan bhliadhnaichean anns an dùthaich aineolaich gus an robh iadsan a nis air an turas: agus os cionn a h-uile rud, bha iad a creidsinn gun robh barail ard aig an Iarla air, dam bàbhaist dhoibh féin ùmhlachd co mor a thoirta bharrachd air sin bha fios gum bu duine e a rinn moran leughaidh agus breathnachaidh air na h-ard leabhraichean lagha; agus bha na Sgriobturangan leughadh, mur ann airson buanachd dha fein, bann airson puingean sònruichtebhi aige airson cònnspoid agus argumaid. Bha e air a radh gun tug e buaidh air minister ann an aon de pharaisdean Ghalloway mun ro òrduchadh agus ceistean cruaidh eile dhen t-seòrsa sin, agus cha robh aon de luchd-ceartais Chirchubri toileach dol an ceann puingean den lagh Breatunnach ris an tàileir fhoghluimte so, agus bu bheag an t-ioghnadh gun robh e air sealltuinn air air bòrd aPholly, leis na daoine a bha moran dhiu nach deach riamh ni bfhaide air falbh na na bailtean margaidh a bfhaisge agus nach do leugh riamh ach am Biobull is Leabhar Aithghearr nan Ceist, os cionn moran. Fad a cheud che-la-deug bhan soirbhis gle fhàbharrach, ’s rinn an soitheach adhartas gle mhaith, agus a dlùthachadh air Bancaichean Newfoundland. Cha robh an luchd-turuis a fulang moran le tinneas-mara, agus anns a chuid bu mho bha iad ann an deadh mhisneach.

Bha àireamh de eildeirean na h-Eaglais Albannaich air bòrd, agus bhiodh iad a dol an ceann aoraidh maduinn agus feasgar; rachadh salm a sheinn agus caibidil a leughadh agus a mhineachadh le aon de na h-eildeirean no leis an Dotair MacAmhlaidh a bha aon uair na phears-eaglais anns an arm Bhreatunnach agus bhiodh beannachd air iarraidh do na bha air bòrd. Bhiodh Alasdair gle dheònach air pàirt a ghabhail anns an t-seirbheisach thugadh an aire air uairean nach robh a sheanachas fuathasach blasdanuair a bhiodh e bruidhinn ris an sgoibaagus chum na h-àmharusan sin e bho phàirt a ghabhail anns an aoradh fholaiseach, ach bhiodh coltas gu math cràbhach air an àm seinn shalm is ùrnuigh, agus chuidich sin a mheas a sheasamh. Bha na Sgriobturan gle fhileanta air a theangaidh agus leis a chònnspoid a bhiodh aige a mhaduinnsa dhoidhche mu thimchioll an taghaidh is caochladh phuingean dhen t-seòrsa sin, shaoileadh duine gur ann a bhiodh agartas aige ri bhi ann an co-choman nan naomh.

Air a choigeamh latha deug dhen Cheitein chunnacas cearb fhada iosal air chumadh neòil agus car coltach ri sin ann an dath, a bhasineadh amach bhon iar-thuath gu iar-dheas; uairean rachadh e cha mhor á sealladhnuair a bheachdaicheadh an t-sùil air eadar tuath agus deas. Bhan latha gle chiùin. Bha cuid den luchd-turuis air clar-uachdar na luinge a chuala na seoladairean a bruidhinn air Bancaichean Newfoundland agus mar sin mheall iad iad-féin a smaointeachadh gu robh iad gu luath a a ruighinn ceann an turuis. Rinn iad cabhag sios a dhinnse na naigheachd thoilinntinnich dan càirdean. Ach cha robh an sgiobair air a mhealladhbha priobadh gu leòr gu a leigeadh ris dhà-san nach e talamh no neul a bhann ach raon mor de dheigh. Dhordaich e an luchd turuis uile gu h-iosal; chaidh na siùil a sgioblachadhs gach ni a bha gu h-àrd a thoirt a nuas air a chlar-uachdar, agus rinn e gach ni eile a dheanamh gu h-òrdail airson sabhailteachd an t-soithich agus na bha air bord. Mu dha uair dheug bha pisean de dheigh ri am faicinn seachad air an uisge, agus mu thri uairean an ath mhaduinn cha robh ni ri fhaicinn ceithir-thiomchioll ach deigh. Bha cùramus eagal gu leòr air a chaipteannan éireadh stoirm bhiodh an soitheach air a bristeadh leis an deigh. Chuir e roimhe gun oibricheadh e cho fads a burrainn e a stigh anns an àite bu chòmhnardabha ri fhaicinn, rud a rinn e gu seòlta. Cha deachaidh Alasdair òrdachadh sios gu iosal leis a chuid eile dhen luchd-turuis agus bha e toileach gu leòr cuideachadh a dheanamh air clar-uachdar na luinge. Ach a h-uile cunnart gu robh ann cha burrainn an seann nàdar cònnsachaidh a bha an Alasdair a bhi air a chumail fo chis, agas dhfhiach e uair no dha ri teagamh a chur ann an gliocas is eolais a chaiptean anns na h-òrdaidhean a bha e toirt don sgioba. Achnuair a chunnaic e ammatea toirt làmh air glas-làmh thuig e gum bfhearr a bhi umhails a theangachumail agus an comhnadh a bfhearr a burrainn e a dheanamh. ’Nuair a thainig a mhaduinns a bhoilsg a ghrian air gach dùn eighanntaich a bha mun cuairt, bha àilleachd an t-seallaidh a dol thar cùnntais. Ged a bha na bha de dheigh mun cuairt orra an deigh an àile fhionnarachadh agus ionnans am fiaclaibh air chrith leis cho grads a dhatharraich an càile-nàduir, gidheadh a chuid den luchd-turuis a dhfhuirich air clar-uachdar na luinge bha iad air an glacadh le ioghnadh cho mors nach burrainnear cainnt a chur air. Ach bha a mhaduinn ciùin agus bha nah-uile ni gu siochail, sàmhach. ’Nuair a thuiteadh meall dhen deigh bhar nam bineannan a bàirde, ’nuair a bhiodh e air caitheamh aig a bhonn leis an uisges a bhuaileadh e anns an uisge chuireadh e fras de chobhar uaithe ni a bhiodh na chuis uamhais. ’Nan aineolas agusnan neo-chleachdadh ris a ghnothuch a bhann cha do chuir e eagal sam bith air an luchd-turuis, agusnuair a fhuair iad comas cainnts minig a chuir iad an céill an ioghnadh, ann am Beurlas an Gàidhlig, mu na beanntan dealrach deighe a bhag an cuartachadh. Ach bha fior choltas cùram agus iomaguin ri fhaicinn ann an sealladh a chaiptean; bha e geur-mhothachail air a chunnart anns an robh an soitheachs na bha air bòrd, do bhrighs gun robh sabhaladh gle gle chaol aige na leithid eile de chunnard air turus a bha e air a chuan a tuath. Anns na beanntan loinneirach a bha efaicinn ma choinneamh anns an robh an luchd-turuis simplidh a gabhail urad toileachaidh is ioghnaidh, ’cha robh aige-san reusan gàirdeachas sam bith,

(Air a leantuinn air taobh 270.)



[268]

[Vol . 6. No. 34. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, . . . $1 .00
Sia miosan, . . . .50
Tri miosan, . . . .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig garn ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,’
Sydney, Cape Breton


SIDNI, 18 FEBRUARAIDH 1898.

As an Acarsaid Shona.

FHIR-DEASACHAIDH:— ’S fhada agus cian bhon a bha dùil agam sgriobhadh thugaibh ach leis a h-uile trioblaids mi-shonas a bha cumail mo chinn troimhe-cheile cha do dhùraig mi riamh toiseachadh gus an diugh.

Tha misa cheud àite airson mile taing a thoirt do na Gaidheil bhlath-chridheach, uasal a tha bho sheachdain gu seachdain a cur fios ann an litrichean snasail agus an cainnt fhinealta as gach cearn dan t-saoghal gu MAC-TALLA, mu dheidhinn treorachadh agus caithe-beatha nan Gaidheal anns gach aitesam bheil iad. ’S iomadh uair sin a thug e togail dha mchridhenuair a bhithinn trom, dubhach, “’ s mi gun chairid rium am chòira bhith leughadh MHIC-TALLA agus a faicinn cho dileas, duineil, ’sa tha na Gaidheil a seasamh guallainn ri guallainn ann an cumail suas an cainnt mhàtharail agus a cumail air chuimhne cleachdananus mileantachd an sinnsirean a bhair am fuadach á dùthaich nan seòd far an robh sinn uaireigein a cumail tilleadh air na lasgairean Lochlunnach no air na Romanaich gheur-bheumach; tha sinn air ar sgapadh feadh farsuinneachd an t-saoghail, anns a h-uile cearnairn do chuir duine geal riamh aghaidh; tha sinn air faondradh bhon Tuath gus an Deas, bhon Iar gus an Ear; ach ged a tha so mar so, tha fuil bhlàth a Ghaidheil agus cridhe farsuinn na fialachd a leantail ruinn fhathast. Tha dearbhadh air a sonuair a tha MAC-TALLA a glacadh a ceithir àirdean an athair na fàilte a tha na Gaidheil an diugh acur air a chéile agus a tilgeadh air an ais gu ceithir rannan ruadh an t-saoghail na fàilteireachdail so, anns a chanain as milse a chaidh riamh an clò:— “Bliadhna mhath ùr dhuibh!”

Bha uair ann agus chan fhada uaithe sinnuair a bha na Goill mhi-runach a cur air mhanadh gu robh a Ghailig gu dol bàs a thiotadh agus nach deante foighneachd fear an rathaid oirre, ach bha iad air am mealladhs cha duilich leam. ’Sann a tha in diugh nas beòthailes nas reachdmhoire na bha i bho chionn iomadh bliadhna. Tha luaidh is meas oirre am measg uaislean as maitheamh gach dùthaich Chriosdail. Tha i air a seinn gu fonnar, binn, agus air a deilbh an òrain shunndach, bhlasda, anns na Roinnean Iochdrach dhen dùthaich so, ’s an Canada Ard; ann an iomadh àite air feadh nan Staitean Aonaichte, agus le moran sluaigh an Albainns an Eirinn. Chan eil Oil-thigh an diugh as fhiach ainmeachadh an Ceann-a- Tuath America no anns an Roinn Eorpa aig nach eil Foghlumaiche Gaidhlig, agus tha a cliùsa h-ainm a dol a miad gach bliadhna.

Gu mi-fhortanach dhomh fhein chan eil mo chothrom air a Ghaidhlig a chleachdadh ach fad air ais bho thainig a bhliadhna so. Bho thainig mi don dùthaich lom, chreagach, neo-thiorail so beagan roimhn BhliadhnUir far nach cluinn mi ach goil as goilm nan iasgairean Frangach agus sgreadail as godial an cuid cloinne tha min impis mo chiall a chall. Ach tha min dochas gun gleidh mi mo chiall ma leanas MAC-TALLA agus a chairdean dileas dhomh.

S mi bhur caraid gach lathachiths nach fhaic.

RIDIRE NAN SPLEAGH.
3 Ceud Mhios an Earraich, 1898.


Chaochail Mr. Alasdair Mac Coinnich, fear-deasachaidh anScottish Highlander,ann am baile Inbhirnis, air an darna latha fichead den mhios a dhfhalbh. Bha e tinn faisg air tri miosan, ach gu ùine bhig roimhbhàs bha e-fhéin agus a chàirdean a smaoineachadh nach robh air ach tinneas air am faigheadh en uachdar. Cha bu duine sean e idir: cha robh e ach leth-cheud bliadhnasa naodh a dhaois. Bu duine e a bhana mheadhon air moran feuma anns a Ghàidhealtachd. Rugadh e air croit ann an Gearrloch, agus ledhichiolls le thapadh fhéin dhobraich e air adhart gus an robh e air fear de na daoine bu mheasaile bha anns aGhaidhealtachd. Rinn e obair mhor as lethnan croitearan; nuair a bha ena dhuinòg, agus fadan deigh sin, bha iad ann an suidheachadh truagh; bha iad cho bochds a ghabhadh a bhith, agus gun charaid a togail an càs. Ghabh Alasdair Mac Coinnich os laimh a bhina fhear-tagraidh dhaibh, agus air sàileabh a ghluasaid a thainig ri linn, chaidh leasachadh mor a dheanamh air crannchur nan daoine bochda, agus tha dùil ri moran tuilleadh a bhi air a dheanamh fhathast. Rinn Mac Coinnich ainm mor dha fhein mar fhear-sgriobhaidh. Sgriobh e moran mu chor na Gaidhealtachd agus mu litreachas nan Gaidheal, achs ann mar fhear-eachdraidh nam fineachan a choisinn e cliù sònruichte mar ùghdar. Chan eil romhainn an còrr a radh uime aig an àm so, oir tha dùil againn gun deanConacunntas a thoirt dar leughadairean air beatha an duine ainmeil so, ach feumar a radh gun do chaill na Gaidheil ann an Alasdair Mac Coinnich caraid cho dileas, cho blàth-chridheach, ’s cho saothrachail as an lethsa bhaca riamh.


BATHAR MATH SAOR.

Am bheil Deise, Cota, Cot’ -uachdair, Currachd, Brogan, Rubbers, no ni sam bith dhen t-seorsa sin a dhith ort? Ma tha ruig
TORMAD DOMHNULLACH.

S ann aige tham bathar as fhearrs as saoire thasa bhaile, agus ma theid thu dhan stor aigaon uair, theid thu ann a rithist.
Na leig so as do Chuimhe.


MacCoinnich & Co.

Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh
ANN AN LOUISBURG,
agus tha sinn aig an àm cheudna acumail air adhart air an t-seann laraich,
ANN AN SIDNI.

Aodaichean Matha dhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.

Theid sinn an urras air an obair.
Mac Coinnich & Co.


H. D. Mac Ille-Mhaoil,
Stewartdale , C. B.
Cloth,Drogaid, agus PlaideachanEureka.”
Mu dheich air fhichead seorsa aodaichga chreic.
Cloimh air a gabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige neo sgriobh uige.


C . H. HARRINGTON & CO.
Flur, Min, Ti agus Siucar dhen t-seorsas fhearr.
Soithichean Glaine agus Creadha, math agus saor.
Brogan, Botainnean, Rubbersagus Caiseart de gach seorsa
GAN CREIC SAOR.



[269]

[Vol . 6. No. 34. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Tha an t-side thann o chionn seachdain gle bhriagha, agus chan eil ni aig daoine air an gearain iad ach na droch ròidean. Bha na faoillich air a gheamhradh so anabarrach séimh seach mar a chunnacas iad bliadhnaichean roimhe.

Tha bochduin mhor am measg nan iasgairean ann an Ingonishs an Acarsaid Neill, agus tha Riaghladh Nobha Scotia adol a chur bidh us nithean feumail eile gan ionnsuidh. Tha an soitheach-smùideBrucea dol a ghiulan gach ni gan ionnsuidh a nasguidh.

Tha sinn acur an cùnntais bho àm gu àm gan ionnsuidh-san a tha ann am fiachan don phaipear, agus tha dùil againn gun cuir gach aon a gheibh cùnntas an t-airgead ugainn gun dàil sam bith. Tha obair achlo-bhualaidh anabarrach cosgail, agus feumaidh iadsan leis an àill a bhi leughadh phaipearan a bhi ullamh gus am pàigheadh.

Tha iad ag radh gu bheil an t-Ard-Riaghladh adol a thoirt air na paipearan-naigheachdpostagea phaigheadh an deigh so. O chionn àireamh bhliadhnaichean bhatarg an giùlan a nasguidh, ach ma tha an sgeul so fior than t-sochair sin ri bhi air a thoirt uapa. Tha e doirbh gu leor paipear a chumail air adhart an dràsda, ach ma theid tuilleadh cosguis a chur orra bidh e nas fhior dhoirbhe.

Fhuaras o chionn ghoirid sgeula-bàis a Chaiptein Uilleam Mac Leòid a mhuinntirPoint Edward,a chaochail ann an Shanghai, anChina, air an 8mh latha de Dhesember sa chaidh. Bha e leantuinn na mara o òige, agus dhfhalbh e air an turus mu dheireadh mar mhate air soitheach áSt . John, N. B. ,trathsan earrach sa chaidh. Beagan lathaichean mun drainig iad Shanghai, fhuair e droch leagadh air clàr-uachdar an t-soithich, a dhaobharaich tinneas dha. Thainig an tinneas sin gu caitheamh dha, agus chaochail e mar a dhainmich sinn. Cha robh e ach mu leth-cheud bliadhnasa sia a dhaois.

Tha fathunn a dol mun cuairt an dràsda gu bheil cuideachd ùr Shasunnach an deigh mèinn ghuail a tha ann anCow Baya cheannach, agus nach teid moran ùine seachad gus an teid a fosgladh air son a h-obrachadh. Tha sinn an dòchas gu bheil so fior, oir ma tha, bidhPort Morienair a chumail ri cheile fhathast, agus aisigear don bhaile sin na timeannan matha agus an soirbheachadh a dhfhalbh uaithenuair a dhùineadh mèinn Ghowrie. Ma theid a mhèinn so air adhart, agus gum fosglar a mhèinn a tha faisg air Sidni, cha bhi na mèinneadairean cho mor an eiseamail na cuideachd a thagan cumail ann an tigh na daorsa o chionn beagan bhliadhnaichean air ais.

Thatar cheana abruidhinn mu thaghadh nan comhairleach anns an t-siorrachd so, ged nach eil an dleasanas sin ri dheanamh gu deireadh an fhoghair. Tha sinn duilich a bhi cluinntinn dhaoine atoirt iomradh airgritsagustoriesan co-cheangal ris achùis. ’Se ar barail gun gabh siorrachd riaghladh moran nas fhearr gun iomradh idir a bhi air a thoirt air na h-ainmean sin am measg an luchd-riaghlaidh no am measg an t-sluaigh. Cuireadh an sluagh a stigh daoine cearta, tuigseach, tapaidh, ge be taobh air am bi iad, ’s leigeadh iad leothasan a bhìos ag iarraidh a stigh a chionn gurgritsnotoriesiad a dhol mu chùl an gnothuich. Buinidh an t-siorrachd don t-sluagh, aguss ann don t-sluagh bu chòir a bhiga riaghladh, ’s chan ann aona chuid do nagritsno do natories .Tha sinn acreidsinn gu bheil na tha sinn ag radh fior, chan ann a mhàin a thaobh na siorrachd so, ach a thaobh shiorrachdan eile cuideachd.

Thainig triuir dhaoine mhuinntir nan Stàitean gu Loch Ainslie o chionn seachdains iad a dol a thòiseachadh air tolladh air son olla. Tha choltas air gun teid an obair air adhart, agus ma theid, thig soirbheachadh mor gu Loch Ainslie ri linn.

Tha Tom Nulty, an gillòg, bhatar a feuchainn ann an Cuibeic air son mort a bhràthar agus a thriùir pheathraichean, air fhaotainn ciontach, agus tha e ri bhi air a chrochadh air an 20mh latha dhen t-samhradh. Rinneadh am mort ann an September sa chaidh.

Thachair sgiorradh uamhasach feasgar Di-màirt donMhaine,” aon de shoithichean-cogaidh nan Stàitean, a bha ann an acarsaid Havana, an Cuba. Spraigh ni-eigin air bòrd, agus a reir sgeòil chaidh an soitheach a chur as a chéile leis, agus bha a mhor-chuid dhe na bhoirre air am marbhadh no air an leònadh. Chan eil fhios ciod a dhaobharaich an spraigheadh.

Tha cuideachd an iaruinn an dràsda air beulaobh pàrlamaid Nobha Scotia lebillag iarraidh cumhachdan àraidh a bhi air am buileachadh orra mun tòisich iad air an obair. Am measg nithean eile tha iad ag iarraidh cead a bhi reicsa ceannach bathair mar mharsantan, ach sin cead a tha sinn an dochas nach fhaigh iad. Chan eil an t-àite anns am bheil iad gu bhi air an suidheachadh air a dheanamh follaiseach fhathast, ach chan eil teagamh nach ann an Sidni.

Mar a thug sinn iomradh uair no dha roimhe, tha cuideachd dhaoine ag obair gu dichiollach ann an eilean beag air cladach an iar-dheas Nobha Scotias iad an dùil gu bheil ionmhas mor airgeid am falach ann. Tha iad cheana an deigh ochd sluichd dhomhainn a chladhach, gun bonn-a- sia fhaotainn, agus tha iad a nise tòiseachadh air slochd eile chladhach. Tha moran de dhaoine gòrach anns an dùthaich a tha creidsinn gu bheil beairteas airgeid am falach an sids an so, far an robh e air fhàgail leis a mharaiche ainmeil Caiptean Kid; achsiad na daoine so a thag obair air Eilean an Daraichsa than deigh moran airgeid a chosg, an fheadhainn as gòraiche dhen t-seòrsa air an cualas iomradh fhathast. Ma dhfhag Caiptean Kid airgead anns gach aitesan robh daoinega shireadh, ’se duine anabarrach beairteach a bhann; cha deanadh muilleanan Vanderbilt airgead-pòca dha.


Iadsan a Phaigh.

Raonull Camaran, an Amhuinn a Deas, N. S.
An t-Urr. D. Camaran, Georgeville , N. S.
Iain I. Siosal, Pictou, N. S.
Iain N. Mac Leoid, Orwell ,E. P. I. $2 .00
Iain D. Mac Ille-mhaoil, Dunbheagain, Ont.
I. I. Mac Rath, Baile-Mhàrtuinn, Ont. $2 .00
Aonghas Mac Ille-mhaoil, Lagan, Ont.
Mor Nic Philip, Weymouth , Mass.
Niall Mac Neill, Boston , Mass.
D. C. Domhnullach, Birch Grove, C. B.
Donnachadh Mac Coinnich, Gut Mhira. $2 .00
Lachuinn Domhnullach, Gut Mhira.
Alasdair Dùghlach, Nyanza.
Ailein Camaran, River Dennis Centre.
A. S. Dùghlach, S . W. Margaree.
Domhnull MacPhilip , Framboise.
Aonghas Domhnullach, Boulardarien Ear. 50c
Seumas Mac Isaic, Port Hood.50c
Gilleasbuig Mac Mharais, Essex. 50c
Iain Mac Fhionghain, Allt-a- Bhàillidh, N. S.
Alasdair Mac-an-t- Saoir, Bruce Tuath, Mich. 25c
Lachuinn Mac Gilleain, Bruce Tuath, Mich.
Domhnull Mac Leoid, Bad Axe, Mich.50c
Iain Mac Gill-fhaollain, Gagetown , Mich.25c
Calum Dumhnullach, Owen Dale, Mich.25c
Iain F. Mac Eachuinn, Greenleaf , Mich.25c
Domhnull Caimbeul, (eildear), Baddeck Mhor.
Eachunn G. Mac Aoidh, Bras dOr Mor, 65c
Iain W. Domhnullach, Louisburg .35c


BATHAR UR.
Moran de Churaicean Geamhraidh, eadar 10c. us $5 .00.
Brogan matha saor.
Ti mhath mar a babhaist.
Beagan de Cheannachd Thioram.
Olla 25c. an galan; 5 galain air $1 .00.
NIALL DOMHNULLACH,
BADDECK , - - C. B.


J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsas fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B.


BADDECK , - - C. B.
Airson a stor a dheanamh nas deiseiles nas feumaile dhaibhsan a thadeanamh gnothuch ris, tha
Albert I. Hart
anise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha achuid sin den ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am BostonsanNew York.Gheibh iadsan a thig ga h-ionnsuidh an
DEAGH RIARACHADH.
BADDECK , - - C. B.


LEABHRAICHEAN GAILIG.

Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. MacIlliosa 1.10
Gaelic Class Book .35

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte.
Sgriobh gu
J . G. MACKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney, C. B.



[270]

[Vol . 6. No. 34. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 267.)

agus chuir e an-earbsa gu leor anns a chuan air a mhaduin Chéitein a bhan sid. Bha e smaointeachadhs a deanamh dheth gun eireadh a ghaoth mu dha uair dheug agus gun cuireadh i air ghluasad am meall non tòr deighe a bhan sid, agus bha eagal air mun toradh a bheireadh sin a mach don luing agus do na bha air bòrd.

Ach gu fortanach cha do thiunndaidh a chùis a mach mar a bha esan a deanamh am mach. Lean an aimsir fàbharrach fad caochladh làithean, ach laidh an soitheach gun ghluasad anns na mor-roinnean deighe anns an robh i air a glasadh, agus coltas air gur ann a bhiodh i air a h-iomain calg dhireach an aghaidh a chùrsabha dùil aicedhol. Chunnaic e gun robh coltas gum biodh turus-cuain fada agus diachuinneach aca, agus ged a bhiodh iad co fortanach agus gum faigheadh iad cuibhteas an deigh bha e faicinn aobhar eagail gun ruitheadh an t-uisge agus am biadh goirid. ’S ann a smaointich e gun cuireadh e air luidhesachadh maraon an luchd-turuis agus an sgioba, agus cha do dhfhoigheachd e cead an fhir-ionaid idir anns a ghnothuch, ni a ghabh esan gle ghoirt. ’Se an t-Iarla chuir an lòn turuis air bòrd na luinge agus an àm a bhi ris an obair sinse Alasdair a bha sealltuinn thairis air, agus bha esmaointeachadh gum bu chòir dha an cumhachd ceudna a bhi aige ann a bhiga roinns a bhiodh aig a chaiptean; achse mar a bhachùis cha robh co-fhaireachduin rùnach sam bith eadar Alasdair agus an caiptean bhon oidhche a thainig an deigh a nuas orra. Cha do labhair an caiptean facal ris. Bha an luchd-turuis air an sàrachadh leis cho fadal achs a bha cùisean coltach ri bhi, agus thòisich iad ri monabhurs ri gearain. Chunnaic Alasdair gun robh a choltas air gum faigheadh e e-fhein ann an draghs an trioblaid. Cha robh so a cur moran ioghnaidh air, oir bhiodh eleughadh anns a Bhiobul mar a bha na h-Israelich air an iomainsan fhàsach agus bha fhios aige cho minigs a bhiodh iad ag gearan an aghaidh Mhaois, an ceannard. Bha na Gaidheil chòir a bha fad na h-ùine a gabhail an fhir-ionaid mar cheannard a nis a fàs rud-eigin neo-fhoighidneach, oir bha iad a fàs gle mhi-chomhartail leis nach robh na diotan a bha air an tomhas a mach dhoibh leis an stiubhard ach gle bheag, agus bha fios aig Alasdair gle mhath gun tionndaidheadh iad air fhéin agus gun coiricheadh iad e gu follaiseach gur e bu chùis aobhair dan mhi-fhortan. Bha e mar an ceudna ann an gruaim ris a chaiptean, a deanamh gle bheag ga chuideachadh, agus cha robh e idirna chùis fharmaid; ach air do inntinn bheòthail a bhi aige, cha robh e fada a faotuinn rathad air e-fhéin fhuasgladh as an argumaid-ribidh anns an do chuir an deigh e. Bha fios aige nach robh de chumhachd aige na bhuaileadh aon de na meallan deighe a bhanns an nàbuidheachds a bheireadh air uisge sruthadh amach as, agus bha e a cheart cho cinnteach nach deanadh oidhirp sam bith a bheireadh esan manna no ni dhen t-seòrsa sin áAmericaair an t-soirbheas chiùin a bha a réir coltais gus an tilleadh air an ais gu cùrsa na h-Eirinn. Ach ged nach oibricheadh e miorbhuilean, leugh e Lagh nan Eillthireach a rinneadh ann am Pàrlamaid Shasuinn, agus orra sin shuidhich einntinn air gun tiunndaidheadh e an gamhlas a ghabh an luchd-turuis dha féin, air a chaiptean. Bha seòmar beag aige dha fhéin anns an luing, a dhòrdaich an t-Iarla dha an uair a bha an soitheachsan Oban, agus anns an t-seòmar bheag so dhùin e e-fhéin fad da latha a meòrachadh air Laghannan nan Eillthireach, agus na Ceannairc-mhara. Bha e deanamh am mach gu robh an sgiobair a deanamh ni mi-laghail ann a bhigearradh diotan an luchd-turuis goirid.

(Ri leantuinn.)


BFHEARR LEIS NACH DTHAINIG E.

Ann a h-aon do na linntean a dhfhalbhnuair nach robh leabhraichean na paipeirean-naigheachd air an craobh-sgaoladh air feadh an t-saoghail mar a tha iad an diugh, ach a bha daoine ann an tomhas mor afreasdal na gheibheadh iad de dhfhiosrachadh troimh bhial-aithris; bha tuathanach afuireach ann an dùthaich chéin. Bhan t-aite anns an drugadh e ciadan milestigh air an dùthaich. Co-dhiubha no rach robh sgoil aige, ( ’s chan eil e ro choltach gu robh), bha e tur an-fhiosrach ann an ni sam bith ma dheighinn na mara ni bfhaide na gun cuale gu robh moran don t-saoghal fo uisge, agus gu robh soithichean acairson a dhol o aite gu aite air an uisge so. Bha aig an tuathanach so air latharaidh ri dhol air turas; bhan t-astar a bhaige ri dhol cha fadas gum biodh e oidhchair falbh on tigh. Fhuair e deas airson an turuis agus dhfhalbh e air mharcachd. Air dhabhin deigh àireamh mhiltean a chuir seachad, chunnaic e duinetighinnna choinneamh air an robh trusgan nach fhace riamh roimhe a leithid. Cha thric a chitheadh e coigreach idir air an rathad ud, ach ar leis nach fhace a h-aon riamh anns an eideadh anns an robhm fear so. Dhfhailtich iad a cheile, us dhfhoighneachd an tuathanach dhen choigreach cia as a thug echoiseachd? Agus thuirt e gun dthainig e á leithid so de bhaile-puirt. “Thuig mi gun dthainig thu fad air astar,” arsan tuathanach, “oir chan fhaca mi a cheart sheorsa aodaich a thort riamh air duine.” “Creididh mi sin,” arsan coigreach, “oirs docha nach robh seoladair riamh roimhe am mach cho fada so anns an dùthaich so.” “Ma ta, cha robh,” arsan tuathanach, “agus na robh fios agamsa gu robh fear dhiutighinn an diugh, cha dfhag mi an tigh, oir bha mi ons cuimhneach leam a cluinntinn man mhuirs ma shoithicheanmoran nach robh micreidsinnagus gu dearbh na bithinn aig an tigh an nochd gheibhinn fiosrachadh bhuatsa bha mi o chionn fadairson fhaighinn.” Neo-ar-thaing mar a robh a seoladair duilich nach robh an tuathanach aig a thigh, a chionn, chan emhain gu robh e aineolachs an dùthaich ach gu robh e fior sgith agus gle fheumach air biadhs air tamh. Dhfhoighneachd e don duine cuin athilleadh e, agus thuirt an tuathanach nach tilleadh e gus an ath latha; “ ’S e sin,” arsesan, “cha robh duil agam tilleadh ni bu luaithe namaireach, ach on a thachair thusorms e bhios ann gu leig mi seachad a dhol air an turas air a robh midoilair nach tillinn a nochdoir ni echuis cho math uair eile. Tha gnothach agam do dhaitetha beagan mhiltean romham, ruigidh mi sin agus tillidh mi agus bidh thusa comhla rium a nochd. Cum air dadhart agus chi thun tigh agamsna leithid so do dhaite, (a seoladh dha mar a dhaimiseadh e air an tigh). Abair ris a bhean agam gun do dhiarr misort taghal agus ithoirt do dhinnear dhuit; agus cuimhnich nach falbh thu.” Cha ruigear a leas innse gu robh an seòladair truagh barrachdsa bhi taingeil airson caoimhneas an duine ris. Dhfhalbh gach fear a rathad fein. On a bha fios gu math aig an tuathanach caite robh aige ri dhol, cha ruig sinn a leas a bhigu leantuinn nis fhaide, gus an aimis sinn ris a rithist. Chum an seoladair air adhart le ceum ni baotraime na bhaige roimhe, oir bha e cho toilichte gu robh fhios aige caiten cuireadh e seachad an oidhche. Rainig e tigh an duine choir; chaidh e stighair freagart bean-an-taighe dhabhuile aig an dorus. Fhuair estigh: bean-an-taighe, searbhantaa bha na h-eideadh gu dol air turas airson a bana-mhaighstiragus coltas duine uasal, ris an robh bean-an-taighe fuasach briodalach. Dhinnis an seoladair don mhnaoi mar a dhiarr a companach air. Thug i dha biadh, agusnuair a ghabh e e, thuirt i ris gu faodadh e nis falbh. “Thuirtur companach coir rium, a bhean ghasda,” arsan seòladair, “mi chur seachad na h-oidhche nar tigh, agus mas eur toil e chan fhalbh minochd oir tha mi sgiths chan eil a dhith orm ach fasgadh an taighe. Cha do dhinnis braidein riamh gun robh fear-an-taighe a tilleadhoir thuig e gur ann a gabhail cothrom air a neo-làthaireachd a bhabheansan duin’ -uasal, dhan robh i gu trang a deasachadh bidh. Bhan seòladairna thosd, ach afaicinn gach ni a bha tachairt. Shuidh i feins an duin’ -uasal aig a bhòrd air an robh biadh fada ni bfhearr na fhuair an coigreachach cha do chuir sin ioghnadh air. Am measg gach rud a bhair a bhòrd bha botull de bhranndi air. Bha iad a gabhails a còmhradh gu toilichte. ’Nuair a dhéirich abhean on bhòrd den tubaist ach a chunnaic i fear-an-taighe gus a bhi aig an tigh. A mhic a chridhe! chaidh an ceòl air feadh na fidhleleum an duina bhaig a bhòrds



[271]

[Vol . 6. No. 34. p. 7]

chaidh gach nifhalach. Am measg gach rud a bha ri fhalach chaidh an duin’ -uasal a chur na sheasamh ann an còrn-chlàr(cup-board)agus an dorus a dhùnadh airagus an uair a thainig fear-an-taighe cha do chuir e umhail air dad. Chuir e fàilte as ùr air an t-seoladair agus dhfhoighneachd e an dfhuair e biadh us deoch, us thuirt an seoladair gu dearbh gun dfhuair.

De,” arsa bhean, “a thug dhuit tilleadh cho luath? nach do shaoil mi nach robh thu gu tilleadh gu feasgar am màireach.” “Shaoil mi fhein sin mar an ceudna,” arsan duine, “achnuair a thachair an duine so orm, bha mi airson gum bithinn oidhchena chuideachd agus gum faighinn fiosrachadh uaithe mun mhuir.” Bha a bhean neo-ar-thaing faoighidneach ricompanach, agus mar an ceudna ris an t-seoladairoir bha i gu mor na eisimeil.

Chaidh biadh a thoirt do fhear an-taighe, ach thug an seòladair fa-near nach robh e idir cho math ris an fhéisd a bhaig a bheans aig an duin’ -uasal Cha do ghabh an seòladair sion air mu ni de na chuala nachuanaic e. ’Nuair a ghabh fear-an-taighe a bhiadhs a fhuair e e-fein air doigh shuidh e ri taobh an t-seòladair agus thòisich e ri foighneachd gach ni a baithne dha fhoighneachd( ’s cha robh sin mor) mu dheighinn na maras nan soithichean. Bha an seoladair ag innse dha, cho soilleirs a rachadh aig air, gach ceist a chuireadh e. “Nach eil,” arsa fear-an-taighe, “an cuan cho mors gum bi sibh uairean nach faic sibh tir air taobh seach taobh.” “ ’S tu a dhfhaodadh a ràdh,” arsan seòladair, “ ’S minig a bha sinn miosan gun ni ri fhaicinn ach an t-uisges an t-athar, agus gle thric a bhiodh an ceo co tiughs nach faiceamaid fad an t-soithich bhuainn.” “Agus ciamar, an ainm a fhreasdail, a bha sibh a faighinn as, mur robh fhios agaibh càitem buaileadh sibh tir?” “Bha fhios againn a cheart cho math air ar cùrsas air an àiten robh sinns a bhagadsan diughn uair a bha thu air a rathad ud shios.” “Beannaich mi! cha ghabh sin creidsinn. Nach robh sibh ni bu mhiosa na ged rachadh mise no thusa fhàgail ann am meadhon fàsaich gun tigh no duine mar mhilltean dhuinn. Nam biodh sin sin mar-sin a bheil thum beachd gun rachadh agad air innse càit an robh thu?” “Air t-athais,” arsan seòladair, “fiachaidh mi ri sin a dheanamh soilleir dhuit, ged a tha ena ni a tha gle dhoirbh a mhineachadh o nach eil an uidheam agam. Tha uidheam ris an can sinn combaiste againn airson an cùrsa chumail.” “Gu den nadar rud a thaa sin?” arsa fear-an-taighe, “cha chuala mi smid idir, riamh, mu thimchioll a leithid de rud. ’No gu de am fios a bhiodh aige-san càite am biodh sibh a dol?” “Faigh thusa dhòmhsam pios béilleig ud thall us bheir mi oidhirp air a dhealbh a tharruinn dhuit.” Thoisich an seòladair an sin us rinn e dealbh a chombaist, agus dhfhiach e ri shoilleireachadh don fhear eile mar a bha eg obrachadh ach cha robh e dol sios aig an fhear eile gun gabhadh a leithid a bhith. Mu dheireadh thuirt an seoladair:— “Cluinn so a dhuine, ged nach eil an so ach an dealbh aig an uidheam, gidheadh gheibhinn rudan leis.” “Seadh,” arsa fear-an-taighe, “a bheil thu smaointeachadh gu leig mi leat a bhifiachainn ri amadan a dheanamh dhiomna mthigh fein; cha dean mi idir eagus tog dhe dobair.” “Eisd rium,” arsan seoladair, us e, nam bfhior, a suidheachudh a chombaist, “gum faic thu nach e sin a tham bheachd: falbh agus fiach anns a bhocsud thall agus mur faigh thu aran ann, us ni no dha eile nas fhearr na fhuair thu air do bhiadh bheir mi suas a chùis.” Chaidh an duine gu h-agail agus dhfhiach em bocsa, agus faighir en gnothuch direach mar a thuirt an seoladair. Thug en so lan chreideas do gach ni a thuirt an seoladair. “Falbh,” arsesan, “a nis agus fiach a chiste mhor ud an sud agusse mo bheachd gum faigh thu botull branndi innte.” Le lan earbsa chaidh fear-an-taighe agus dhfhiach, us fhuair e am botull. Bha so ro mhath buileach, agus, gun dàil, chaidh dràm a thoirt don t-seoladair, agus a thairgse do bhean-an-taighe, ach dhiult i e ag ràdh nach be aon rud ceart a chuir ann e gun fhios gu robh e annach cha do chuir sin tilleadh air na fearaibh, ghabh iad gu toileach air slàintecheile. Bha fear-an-taighe a nis fo lan ioghnadh mu chumhachd a chombaistes bha ega shior choimhead. Ach rug an seoladair air a so gu grad agus a cur greann air thuirt e:— “Than donus a stigh agad.” “Gu de tha thug radh?” ars am fear eile us e fàs crosda, “na biodh a chridhagad a radh gu bheil an donas ann am thigh-sachan eil gnothuch aigann.” “Air mfhacal tha; agus faigh thusa bata an t-aon dhuinnma tha e idir a stigh tha e anns a chorn-chlar ud an sud.” Fhuair am fear eile da bhata. “Nach toir thu maide don mhnaoidh,” arsan seòladair, “tha min dòchas nach bin còrr gnothuich aice ris no aige rithe agus bu chòir dhi ar cuideachadh gus a thoirt air nach tig e a rithist air an t-saothair.” “Mur cuir sinn fein air theicheadh e,” arsa fear-an-taighe, “mo làmhsa nach cuir ise.” Ghlachd gach fear dhiubh a bhata. “Falbh thu a nis,” arsan seoladair, “agus fosgail an dorus a mach agus fosglaidh mise dorus a chlair, agus ma tha e ann cha chumhain sinn each thoir an aire nach bi thu eadar es an dorus.” Dhfhosgail iad na dorsana mach leum a fear a bha anns a chòrn-chlàr, aige bha na fearaibh, sid sad acair fhadsa bha e eadar an da dhorus; ach faodaidh sinn a chreid-chreidsinn nach robh sin fada. “Nach robh mi ceart a nisarsan an seoladair,— “nach robh e ann mar a thuirt mi? agus bfhearr leis nach dthainig e idir.” “Ma tas tusa bha sin ceart agus fior. Bha e ann gun teagamhach fhearaibhsa dhaoine! nach etha coltach ris a mhaighstir-sgoilagainn.”

Ghabh an so an tigh gu tamh agus shuidh na fearaibh sios gu seanachas, agus an tràs s a rithist rachadh lamh a thoirt air abhotulls air an arans an càisefhuair an combaiste. Chuir iad seachad oidhche thoilichte. Tha e air aithris nach tainig am maighstir-sgoile riamh tuilleadh as deigh na h-oidhche ud, agus nach mothathug bean an tuathanaich cuireadh dha no do aon eile, oir bha i cinnteach gur en donus a bhanns an fhear a thainigan riochd seoladair. Agus air an laimh eile, bha fear-an-taighe ann an lan chinnt gum bann o ni math a thainig an duine ann an riochd seoladair, gus an donus a chur as an tigh. Agus bha e toirt geill gun robh gach ni ag eiridh leis as deigh na h-oidhchechuir iad an donns as an tigh.

V.


Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.


D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C. B.


Dr. G T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIGOs cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.


THA EARBSA
aig daoine ann am maidsichean Eddy— ’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha coltach ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum.

Than t-ainm so na urrais air mathas.

THE
E. B. EDDY Co., Limited,
Hull, Canada.



[272]

[Vol . 6. No. 34. p. 8]

Laoidh.

Nis than geamhradh air gach taobh,
S nàdur teann fon reothadh chruaidh;
S fuaraidh, lóm, gach lus is craobh,
S gach sìon aognuidh mar an uaigh.

Chan eil e ach mar an
Bhon a rìoghaich samhradh uain’,
Bhon a chruinnicheadh am fèur,
S on a chrìochnaicheadh abhuain.

Làithean grianach dhimich uainn;
So mar theid ar bliadhnaidh as,
Aon air sàiltean aoin, gu buan,
S iad nas luaithna chéile bras.

Tha ar beatha breòite, gearr;
S faisg an geamhradh is an t-éug;
S mar an duilleag, seargtair làr,
Tuitidh sinne bharr nan gèug.

Ach nin talamh dùsgudh suas:
Tillidh rithist dreach nam flùr,
S éiridh nàdur as an uaigh,
Beò le beatha ghlòrmhoir, ùir.

Dhuinne fòs, an deigh ar fois,
Thig àm-dùsgaidh aoibhneach, mor,
S gheabh ar feòil an dòchas clos
Gu ruig earrach buan na Glòir’.


Comhairle do na Gillean Oga.

LE A. MAC CUARRAIG.

Horo Iain taobh rium fhin,
As na bistrith ri amaideachd,
Feumaidh mnathan uaisle ti,
S gur goirt an cinn mar faigh iad e.

Tionndaidh rium as leugh achoir,
Tha mise deonach teannadh riut,
Mus olc no mathg am bi mo dhoigh
Cha chluinn na h-eolaich gearain uam.
Horo Iain, &c .

Chan iarr mi siucar no ti
Srol no sioda cheannach dhomh,
Si obair mo dha laimhe fhin
Is cinntiche mi leanailt rium.

Gabh thusa Iain a muir lan,
Mar phatarans chan aireach dhuit,
Ge be cho fhadsa theid in aird,
Gum faic thun traigh an ealachd ann.

Sin mar bhitheas luchd na straichd,
Len curaichdean ards len cailleaguth,
Nim pòsadh bochd an toirt gu lar,
Mar shneachda ban na gaillinne.

An riomhadhcheannaicheas iad gu daor
An saoghal bheir en car asda,
Bidh gun as gun gan cur fa sgaoil,
Gu aodach do na cailleagan.

N uair theid iad a mach gu feill,
Gur gann dhuit te dhiubh aithneachadh,
Gun searg iad mar ni ros no geig,
Ri teas na grein a dhfhannaicheas.

An uaisle bhochd gun chas gun lamh,”
Than dan mar dhfhag an sean-fhacal,
Cha chuir e salann air achal,”
Bi t-fhaiceall tramun lean i riut.

An uaisle, ’bhochdainn, as an spors,
Nan triuir a choir na h-amaideachd,
Ma gheibh an ceathrar ud ort coir
Gur mairg bean og a leanas riut.

Nuair thig am bothan lechraos cam,
Am mal, ’s achlann, ’s acheannachd ort,
Bu taitneach dhuit a bheansan am sin
Thairneadh ceann an amuill dhuit.

Bu mhath do bhean a bhi gun spors,
Gun mhort, na prois, na h-eallaich oirr’;
Ma bhitheas an t-airgiod pailt na poc
Tha h-uile gloir a leanailt ris,

An deise mharcachd gun an t-each,
Co ard nam beachds co amaideach,
Chan ioghnadh cogadh agus plaigh
Bhi anns gach ait’ ’n tachair iad.

Na ruffles gun sgillinns a phochd’,
Na brogans linnigh anuirt annt;
Toirt iasad á sgiath gach coin,
Sen doigh am faod thun aithneachadh.

Than dreolan donn ann as na h-eoin,
An iolairmhors an eala ann
Than sgiathan fein a reir gach seors
A leums an doigh am maith dhoibh e.

Tha thusas misereir a cheil’—
Ar n-or, ar spreidh, ’s ar seanairean;
S mu gheibh mi each a ruith na reis
Cho luath riut fein, nach lean mi ris.

Don uaisle cha tugainn beum
Na h-aite fein, ’s cha teannainn ris
Cha chlius cha ghliocas dhfhear gun spreidh
Bhi foirneadh te a dhaindeoin diubh.


Oran Gaoil.

Cha ghabh min te shrideagach, shradagach, ruadh,
A chumas an conass am mollachd a suas,
Cha bhitheadh i agam airson a cur bhuam
S e turas gun bhuaidh thug dhomhsi.

Ma phòsas mi cha ghabh mi mhòr,
Cha phòs, cha taobh, ’s cha ghabh mi te mhòr,
Ma phòsas mi idir cha ghabh mi mhòr,
S ro bheag an dhfhoghnas dhomhsa.

Cha ghabh mi te mhòrs cha ghabh mi àrd,
Bfhearr leam te bheag a bhiodh faisg air an làr,
Cha ruiginn a leas a dhol fad air a sgàth,
Chur uisge na sàil nam bhrògan.

Mo cheisd air an ainnir is meallaiche sùil,
Do shlios mar an eala, gur math thig dhuit gùn,
Gruaidh dhearg is rosg thanas glan sealladh do shul,
Gum mealladh tu diùc le dbhòidhchead.

Do ghruaidh mar na ròsan cho boidheachs cho mìn,
Do chuailein cho clannachga chàradh le cìr,
Chan fhàg mi thu idir air son bhi gun ,
Gum faigh sinu a chaoidh na dhfhoghnas.

Dhfhalbh mi le cabhaig gu banais don chùirt
Ri oidhche gun ghealach, bu mhath dhomh mo thùr
Cha bhithinn ri gearan ged chosdain na crùin,
Nan tachradh mo rùnsa chòdhail.

Bha càch anns an t-sabhull ri ceangal nam bann,
Bha misaig an teine gun duinach a chlann,
Nam paigheadh abhuideil cha robh mi air chall,
Ged dhòl iad andramgun mfheòirich.

Ma phòsas mi cha ghabh mi mhòr,
Cha phòs, cha taobh, ’s cha ghabh mi mhòr,
Ma phòsas mi idir cha ghabh mi mhòr,
S ro bheag an dhfhoghnas dhomhsa.


AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leigsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD.
Cuir a dhiarraidh sampuill, teisteannais us urrais.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia. —agus—127 State St Boston, Mass.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar duthcha thanar beachd.


NIALL Mac FHEARGHAIS,
TAILLEAR.
SIDNI - - - C. B.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear agraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirtean Nova Scotia
Quebec agus Newfoundland.
SIDNI, - - - - C B.


$1 .00 air 80c.
Tha tuilleadhsa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dhairgead. Thig mum bin t-am seachad agus
FAIGH BARGAN.
McDonald Hanrahan & Co.
Sidni, Iulaidh 16, ’97.


CAIT AM FAIGH MI?
Saibh, Glasan, Luaidhe, Sgeinein, Lainntearan, Sguabaichean, Paipear-tearra, Paipear-tubhaidh.
Olla, Fudar, Glaine, Siosaran, Tairnean, Bucaidean, Tuaghannan.
GHEIBH AIG
C . P. MOORE,
Sidni, C. B.

titleIssue 34
internal date1898.0
display date1898
publication date1898
level
reference template

Mac-Talla VI No. 34. %p

parent textVolume 6
<< please select a word
<< please select a page