[Vol . 6. No. 35. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 25 FEBRUARAIDH, 1898. No. 35.
COMUNNAN GAIDHLIG.
Gun teagamh tha cor na Gàidhlig aig an àm so ’na chuis tàireil, maraon do na Comunnan Gàidhlig agus do na Gaidheil anns gach cearn. Tha mòran Chomunnan Gaidhlig air an sgaoileadh air feadh an t-saoghail, agus ma tha, ciod am feum a rinn iad riamh airson na Gaidhlig? Gu dearbh, is i an fhirinn gu ’n do rinn iad mòran lochd di. Is ainmig a chluinneas neach fuaim ceòlmhor na Gaidhlig aig an coinneamhan, agus ma chuireas iad iomradh a mach, mu an gnothachan, is i a’ Bheurla anns am bi e air a chlo-bhualadh. Cha ’n e sin an doigh airson a’ Ghaidhlig a chumail suas. Is e dleasnas gach ball de Chomunn Gaidhlig gach ni a tha ’na chomas a dheanamh gu eòlas air a’ Ghaidhlig a sgaoileadh am fad agus am fagus, ach tha e coltach gu ’m beil a chuid a’s mò diubh cho deidheil air deanamh sodain ris na h-uaislean agus gur i a’ Ghaidhlig bhochd an rud deireannach air an toir iad smaoin. Cha ’n eil ann ach ni gun chiall a bhi ag radh Comunnan Gaidhlig riutha mur eil a’ Ghaidhlig air a labhairt annta, agus an gnothach air a dheanamh anns a’ chànain cheudna. ’Nuair a bhitheas oraidean air an liubhairt aig coinneamhan nan Comunnan so, is trice a chluinnear a leithid so, “Cha ’n fhaodar dearmad a dheanamh air a’ Bheurla.” Carson nach fhaodar? Ged a gheibheadh a’ Bheurla bas, an e sin gnothach Comuinn Ghaidhlig? Cha ’n e! Cha ’n e an gnothach-san a bhi cumail suas na Beurla!” Bheir na Sasunnaich an aire air sin. Is e an dleasnas-san, cànain an sinnsear a chur air aghart gu fearail, gun a bhi smaoineachadh air ciod a thachaireas do chainnt sam bith eile. Ciod a theireadh feadhainn mu dheidhinn seanailear a theireadh ri ’shaighdearan, “Thoiribh an aire agus na deanaibh cron sam bith do ’n namhaid!” Theireadh iad gu ’n robh e ’na amadan, no gu ’n robh e ’na fhear-brathaidh. Tha moran de thighearnan an fhearainn anns na Comunnan Gaidhlig, mar chinn-suidhe agus mar fhir-comhairle, agus is àbhaist daibh a bhi ag radh, gur toigh leo a’ Ghaidhlig, ach cha do chuala neach gu ’n do rinn aon diubh rud sam bith feumail air a son. Bruidhinuidh iad ribh anns a’ Bheurla mu dheidhinn nan nithe mòra a ni iad air a son latha-eiginn, ach is àbhaist daibh a bhi criochnaicheadh direach far an do thoisich iad. A nis, tha fios aig na h-uile gu ’m beil cumhachd gu leòir aca air an oighreachdan fein, agus nam b’e an toil a’ Ghaidhlig a bhi air a teagasg anns na sgoilibh, cha ’n eil teagamh ann nach bitheadh sin air a dheanamh gu grad, agus uime sin cha ruigear a leas suil faidh gu bhi faicinn nach eil iad da rireadh. An iad daoine mar so, anns am faod sin earbsa gu bhi a’ cumail suas na Gaidhlig? Tha sinn an amharus nach iad, no duine sam bith de an aidmheil de am beil iad, oir cha ’n urrainn moran gràidh no speis a bhi aca do ’n Ghaidhlig, ’nuair is iad-san na ceart dhaoine a tha gu sior a’ tilgeadh a mach as an dùthaich a’ mhuinntir a tha ’ga labhairt. Tha e cinnteach nach cuir na h-uaislean a’ Ghaidhlig mhilis air aghart, oir tha seanachas agus beul-aithris agus litreachas nan Gaidheal a’ nochdadh gu soilleir gu ’m beil coir iomlan aig an t-sluagh air an fhearann a tha na h-uaislean a’ cumail fo fheidh agus fo chaoraich. Tha cuid de na Comunnan so a’ deanamh an dichioll a dh’ fheuchainn am faigh iad na gillean Gaidhealach a ghabhail anns an arm dheirg, ged nach eil e soilleir ciod a tha aig sin ri dheanamh ri Comunn Ghaidhlig. Co dhiubh, is iad-san a tha deanamh so, naimhdean a’s miosa a bha aig na Gaidheil riamh, agus tha e cinnteach gu ’n do rinn iad mòran uile do ’n Ghaidhlig a cheana. Tha cuid eile a’ tional sgeulachdan agus dhàn agus eòlais air seann chleachdainnean. Tha sin gle mhath, ach cha bhi a’ Ghaidhlig air a cumail suas le sin a mhàin, gu h-àraidh ’nuair a tha na nithe sin air an clo-bhualadh anns a’ Bheurla. Tha aon diubh a’ toirt beagan leabhraichean Gaidhlig do ’n chlann mar dhuaisean. Tha sin ni ’s fearr, ach cha dean sin an gnothach gu h-iomlan, oir cha ’n urrainn do ’n chlann a bhi ’gan leughadh mur eil iad air an teagasg; agus cha teagasg na maighistearan-sgoile a’ Ghaidhlig no cànain sam bith eile dhaibh, ma chailleas iad airgiod ris a’ ghnothach. Nan d’ thoireadh na Comunnan Gaidhlig do na maighistearan-sgoile an t-airgiod is àbhaist daibh a chaitheadh air cuirmean airson nan uaislean, cha bhitheadh e fada gus am bitheadh a’ Ghaidhlig air a teagasg anns gach sgoil air feadh na Gaidhealtachd. Tha feum mòr againn air Comunn Ghaidhlig a ghabhadh cuis na Gaidhlig os làimh gu surdail, dealasach; Comunn a dheanadh a dhichioll air a son gach latha de ’n bhliadhna. Dheanadh aon Chomunn math, tuilleadh feum na fichead de ’n t-seòrsa a tha ri fhaighinn an drasd, agus ’nuair a bhitheas a leithid de Chomunn ann, tha sinn am barail gu ’m faigh e cuideachadh gu leoir bho na daoine a tha da rireadh. Bha Comunn ùr suidhichte o cheann beagan bhliadhnaichean, agus bha sinn an dochas gu ’n deanadh iad rud-eiginn feumail airson na Gaidhlig, ach rinn na luchd-riaghlaidh a’ cheart mearachd a rinn na Comunnan eile, agus thoisich iad aig a’ cheann chli, agus a nis tha iongantas orra a chionn nach eil iad a’ faighinn a’ chobhair ris an robh duil aca. Cha ’n eil miann oirnn facal a radh an aghaidh ni sam bith a rinn an Comunn sin airson ar cainnt, ach bheireamaid fainear gu ’n d’ fhàg iad gun deanamh a’ cheart ni a’s cudthromaiche; oir ciod am feum a bhi tairgse dhuaisean airson litreachas Gaidhlig, ’nuair nach urrainn do choignear ghillean anns gach ceud, fichead facal Gaidhlig a sgriobhadh gu pongail. Tha e cinnteach gur e teagasg na Gaidhlig anns na sgoilibh a’ chiad cheum a chum litreachas nan Gaidheal a leasachadh. An saoil fear sam bith nach bitheadh tuilleadh luchd-leughaidh aig MAC-TALLA nan robh a’ Ghaidhlig air a teagasg anns na sgoilibh air feadh Chanada, agus air feadh na Gaidhealtachd? Tha fear-deasachaidh MHIC-TALLA agus fear-deasachaidh “An Naigheachd Ghaidhealach,” ann an Albainn, a’ deanamh tuilleadh airson na Gaidhlig na rinn na Comunnan Gaidhlig uile a tha air thalamh. Ach cha do chuala sinn riamh gu ’n do ghabh Comunn Gaidhlig sam bith aon no da àireamh de MHAC-TALLA gach seachdain, agus ged a rinn fear-deasachaidh “An Naigheachd Ghaidhealach” oidheirp a’s fearr agus a’s feumaile a thaobh na Gaidhlig a rinneadh riamh ann an Albainn, cia mead Comunn Gaidhlig a chuidich leis anns an obair mhaith? Nach ann a rinneadh oidheirp gu bacadh a chur air!
Is urrainn do an t-sluagh iad-fein a Ghaidhlig a chur anns na sgoilibh ma ’s toigh leo sin a dheanamh, ach tha na Gaidheil Albannach cho tràilleil air an latha an diugh agus nach dean iad gluasad sam bith gus a chrioch sin, mur eil na h uaislean aig ceann a’ ghnothaich; agus an àite comhairle an cairdean dileas a ghabhail, is ann a tha iad a’ roghnachadh tighearnan an fhearainn, agus bailidhean, agus eadhon Sasunnaich mar fhir-riaghlaidh nan sgoilean, feadhainn a tha direach an aghaidh na Gaidhlig agus nan Gaidheal. A nis, ma bhitheas na caoraich cho amaideach agus gu ’n cuir iad madadh-allaidh os an cinn, faodaidh iad a bhi cinnteach gu ’m bi iad air an sgrios. Shaoileadh neach gu ’m bitheadh na Gaidheil ni ’s glice agus iad cho tric air an reiceadh agus air am brathadh leis na h-uaislean; ach is fior an sean-fhacal, “Is ann an deigh làmh a tha na Gaidheil glic.”
Lunnainn.
L. L.
[Vol . 6. No. 35. p. 2]
Eachdraidh nan Caimbeulach.
(Air a leantuinn.)
B’e GILLEASBUIG, darra Iarla Earraghael. Shuidhich Seumas IV. e anns na caochladh àrd dhreuchdan ’s an robh athair. Bha e pòsda ri Ealasaid, nighean Iain Stiubhairt, Iarla Lenocs. Bha ceathrar mhac aige, Cailean, an t-oighre, treas Iarla Earraghael, Gilleasbuig, Domhnull agus Iain. B’e Iain priomh-athair teaghlach Chaudeir. Phòs e Muriella, nighean Sir Iain Calder. Fhuair e oighreachd Chaldeir leathase, agus uathasan thainig Caimbeulaich Chaldeir. Bha mar an ceudna, seathnar nighean aig an Iarla. Bha iad uile pòsda. Phòs Ealasaid, an te b’ òige, Lachluinn Mac ’Illeain Dhuaird, ogha Lachluinn Oig, a bha posd’ aig nighean Chailean, ceud Iarla Earraghael. Chaidh Iain, Mac a brathar, ’ga faicinn do Dhuaird, ’s e na bhalachan òg. Cha robh na Caimbeulaich ’s Cloinn Illeain mòr aig a’ cheile, agus ’se rinn na Leathanaich an gille bochd a chuartachadh le teine mor leis an robh e air a losgadh cho dona ’s nach mor nach d’ fhuair e ’m bàs. ’Thaobh an dreach a dh’ fhag làrach an teine air aghaidh, thugadh Iain gorm mar fhar-ainm air. Cha b’ ann ni b’ fhearr a dh’ fhiach iad ris a bhain-tighearna fhéin. Bha fuath aca dhi a thaobh ’s gum a ban-Chaimbeulach i. ’S e bh’ ann gu ’n do rùnaich iad cur as d’i le a fàgail air creig mara ’chum is an uair ’thigeadh an làn a stigh gun sguabadh e ’m boirionnach truagh do ’n ghrunnd. Bha Freasdal fabharach dhi, oir chuala cuideiginn a glaodhaich, agus thug iad i gu sàbhailte gu tigh a h-athair. Cha do thill i gu Duaird gu bràth tuille. Bhòidich a bràthair, Iain Chadair, gum biodh beath’ a companaich, Lachluinn Dhuaird, aige, na faigheadh e greim air. Bha fios aig Lachluinn air so, ’s bha e seachnadh a Chaimbeulaich. Ach ’nuair bha e na sheann duine, ceithar fichead bliadhna dh’ aois, co gu mi-shealbhach a choinnich ris air straid Dhuneidin ach gum b’e an’aon duine measg sluaigh an t-saoghail nach robh e ’g iarraidh fhaicinn. Cha bu luaithe dh’ aithnich an Caimbeulach co bh’ aige na shath e an claidheamh ann. Tha “Creag na Bain-tighearn’” air a comharrachadh a mach do luchd-turuis gus an latha an diugh eadar Liosmor agus Muile. Thug an righ mar onair do Ghilleasbuig Earraghael, comannda toiseach an fheachd Albannaich a bhi aige ann am blàr Flodden. Chuireadh an cath air an naoidheamh latha de mhios mheadhonach an fhoghair, 1513. Bhuadhaich na Sasunnaich. ’Nuair bha ’m baiteal seachad bha righ Seumas agus tri deug de chuid Iarlachan ’nan sineadh anns an àraich; ’nam measg sud bha Iarl’ Earraghael.
Thainig CAILEAN, am mac bu shine, thun na h-oighreachd. B’ esan treas Iarla Earraghael. Bha righ Seumas V. gle òg ’nuair a dh’ eug ’athair. Bha Alba fad cheithir bliadhn’ deug air a riaghladh le ard uaislean na tire, a bha fad na h-uine ’stri ach co aige bhiodh an Tainistearachd. Anns a bhliadhna 1528 ghabh an righ riaghladh na dùthcha na làimh féin. Bha Earraghael, mar bha ’athair ’s a sheanair, anns na dreuchdan a b’ airde ’s bu chudthromaiche anns an rioghachd ri linn Sheumais V. Bha ’Mhòrachd Rioghail cho riaraichte leis an dòigh anns an do choimhlion e na dleasnais fa leith a bhuineadh do na caochladh dhreuchdan sin ’s gu ’n do bhuilich e air tighearnas Abernethi greis ro àm a bhais. Bha e pòsda ri Seònaid nighean Alasdair, Iarla Huntli. Bha triùir mhac aige, agus aon nighean; Gilleasbuig an t-oighre, Iain, bho ’n d’ thainig Caimbeulaich Balerno agus Stonefield, agus Alasdair, Deadhan, no fear-ionaid-easbuig am Moraigh. Bha a nighean pòsda ri Seumas Stiùbhart, Iarla Mhoraigh, mac do Sheumas IV, agus an deigh a bhàis, aig an Iarla Sutherlan. ’Nuair dh’ éirich an Dùghlasach, aig a chrich Shasunnaich, ann an ceannairc an aghaidh an righ, ’s e Earraghael a fhuair gairm gu dhol air ceann feachd gu a thoirt fo chìs. Ann an ùine nach robh fada b’ eigin do ’n Dhùghlasach géilleadh. Chaochail an t-Iarla Cailean anns a bhliadhna 1542, agus thainig a mhac
GILLEASBUIG, an ceathramh Iarla ’na àite. Bha moran luasgainn an Alba aig an àm so. Chaochail an righ Seumas V. air a bhliadhna so, (1542), ’s gun oighre chrùin, Màiri iomraiteach, ach beagan laithean a dh’ aois. Bha stri dhion car ùine eadar an Cardinal Peutan cgus Iarla Arrain ach co aige ’bhiodh an Tainistearachd. Ach mu dheireadh bhuainig an t-Iarla. Bha Eanruic VIII., righ Shasuinn, a cur roimhe gu ’m biodh Ban-righ òg Alba, agus a mhac fhein, Eideard, air am pòsadh ri chéile. Ach bha na h-Albannaich a cheart cho dian an aghaidh sin. Bha Earraghael air aon de na maithean a bhòidich le cheile gu ’n seasadh iad an aghaidh a phòsaidh so a bha dol a dh’ aonadh an da chrun ri chéile; “Ni,” ars’ iadsan, “a bhiodh na mhor eas-onair, na olc maireannach, agus na lom-sgrios air saorsa agus àrd-uaisleachd na rioghachd.” Dh’ aobharaich so cogadh eadar an da rioghachd. Bha Earraghael a mach air ceann feachd an aghaidh nan Sasunnach a thainig le 18,000 saighdear thar na crich Shasunnaich, agus ged do chaill na h-Albannaich cath Phinkie, cha ghéileadh iad ’s iad beò. ’S ann a thionndaidh e Alba uile an aghaidh an ni bha Sasuinn ag iarraidh. “Cha ’n eil dad agam an aghaidh an òganaich,” ars’ Iarla Huntli, “ach ’s beag orm an doigh suiridhe.” Chaidh a Bhan-righ òg a chur do ’n Fhraing gu bhi ’n àite sàbhailte, agus gu àrd fhoghlum fhaotainn. Bha Gilleasbuig pòsda tri uairean, an toiseach ri nighean Iarla Arrain, bho ’n robh aon mhac aige, Gilleasbuig Donn, an coigeamh Iarla. Bha e ’n dara uair pòsda ri nighean Uilleam Iarla Mhonteith, bho ’n robh mac is dithis nighean aige; Cailean, a thainig thun na h-oighreachd an deigh bàs a bhrathair, Gilleasbuig Donn; Mairearad, a cheud nighean, agus Seònaid, a bha pòsd aig Eachunn Mac ’Illeain, á teaghlach Dhùaird. B’e Gilleasbuig so a cheud aon de ’n teaghlach a bha de ’n chreidimh Phròstanach. Bha teaghlach Earraghael gus a so nan luchd-leanmhuinn air eaglais na Ròimhe, no an eaglais Chaitliceach. Bho ’n àm so a mach bu Phròstanaich teaghlach Earraghaeil. Chaochail Gilleasbuig, an ceathramh Iarla, anns a bhliadhna 1558.
(Ri leantuinn.)
AFRICA .
Cha ’n eil amhainn air an t-saoghal a’s modha cliu ’s beartas na ’nNile, amhainn iomraiteach na h-Eiphit. Chaidh iomadh linn ’us ginealach seachad o’n thoisich amhainn reamhar na h-Eiphit air leasachadh brioghmhor a sgaoileadh aig am sonruichte de ’n bhliadhna, air achaidhean ’us comhnardan na dùthcha gu leir. Cha robh fios aig na sean Eiphitich air an aobhar gu robh anNileaig àm sonruichte, lom-lan de uisge ’s a’ dol thar a bruachan le sruth laidir, agus mar so, ag urachadh aghaidh na tire agus a’ toirt do gach lean, ’us achadh, ’us lios, ’us learga, comais air toradh trom, tiugh a ghiulan. Is e sgeula neonach a tha aigHerodotusri innseadh mu dheibhinn an aobhar a tha ’toirt air anNilele uisgeachan an-mhor dol thar a bruachan. Tha da fhichead bliadhna ’nis o’n fhuair Speac ’us Granndach a mach na h-ionadan anns am bheil an amhainn mhor so ag imeachd air tus air a turus fada thairis air mile creag, ’us eas, ’us aite gaireach, gus fa-dheoidh am bheil i ’ga dortadh fein le ’uisgeachan troma anns an fhairge. B’ abhaist di seachd beoil no claisean a bhi aice ’nuair a bha i ’ruigheachd na fairge. Cha ’n eil a nis ach aon aice, oir lion a ghainmheach luasganach na beoil eile. Is ann an uair tha ’ghrian a’ leaghadh an t-sneachd’ air na cnoic arda ’tha mu dheas de ’n Eiphit, a tha uisgeachan naNilegu mor air am meudachadh, agus, air an aobhar so, tha i ’sgaoileadh a h-uisgeachan a tha lan de bhrigh ’us de leasachadh air aghaidh na dùthcha. Is maith a b’ aithne do na daoine ’bha bho chian a’ tuineachadh ann an Assiria, ann am Babilon, agus anns an Eiphit, claisean-uisge ’dheanamh, agus mar so an guirmead ’us cuineas urail, grinn a thoirt do mhile slios ’us comhnard a bhitheadh as uagmhais an urachaidh so, loisgte, lom, neo-thorrach.
Bha righrean de ’daoine fein no de na fineachan a bha mu timchioll a’ riaghachadh thar tir na h-Eiphit, gus an do bhuadhaich Alasdair Mor bho Mhacedonia thairis air an ear gu leir. Is e ainm a ghaisgich bhuadhmhoir so tha Alecsandria, baile mor anns an Eiphit a’ giulan gus an latha ’n diugh. An deigh do ’n cheannard mhearganta so caochladh, chaidh an rioghachd anabarrach a chiosnaich e ’roinn ’na cheithir earrannan.
Bha aon gu sonruichte de na righrean a fhuair an Eiphit mar an cuibhrionn, fogh-
[Vol . 6. No. 35. p. 3]
luimte, ealanta, ’us ’na charaid dileas, faoilidh do ionnsachadh. Thog e Leabhar-lann eireachdail, maiseach, fiachail, anns an do chur e gach leabhar maith a b’ urrainn da fhaotainn airson gaoil no airgid air feadh an t-saoghail air an robh eolas aige. Is e ionmhas ro-mhor ’us aillidh a bha ’s an Leabhar-lann ud. ChuirOmaraon de na h-uachdarain a thainig an deigh Mhahomait, teine ris an Leabhar-lann—an t-amadan aineolach, bochd, —agus mar so chaill an saoghal gu brath moran de na smuaintean ’us de na leabhraichean a bhuineadh do na daoine treubhach ’us do na feallsaimhean foghluimte ’s ard-inntinneach a thug meas ’us miagh d’ an dùthaich ’us d’ an daoine fein anns na linntean aosmhor a bha ’s a dh’ aom. Dh’ eirich grian na buaidh air na Romanaich, agus fhuair iad lamh an uachdair air an Eiphit maille ri iomadh rioghachd ’us daoine eile. Is ann as an tir bheartach so a’ thainig moran de ’n bhiadh a bha miltean baile-moir na Roimhe ’g itheadh. Chaill na Romanaich mu dheireadh an lugh ’s an treoir, agus dh’ fhas iad fann, lag, ’us leisg leis gach ana-measarrachd ’us ruidhtearachd anns an do chaith iad an spionnadh agus an uine, gus an tainig crioch narach, mhuladach air an rioghachd, fharsuing, mhiorbhuileach a thogadh suas le gairdean cumhachdach, le cruadal duineil, le gliocas gasda ’us le seoltachd teoma iomadh Romanach o’n thoisich ainm ’us beatha nan daoine so air seachd cnoic na Roimhe. Cha robh na fineachan breuna, borba, leth-ruisgte ’dhoirt a nuas ’n am miltean air an rioghachd Romanach bho iar-thuath na Roinn-Eòrpa, fada ’faotuinn na slighe doAfrica. Thug iad buaidh air ceann mu thuath a mhor-roinn so, agus rainig iad an Eiphit mu dheireadh. Co luath ’s a dh’ fhas Mahomait agus a luchd-leanmhuinn laidir, lionmhor, ladarna chiosnaich iad an Eiphit agus na rioghachdan eile ’tha air taobh mu thuathAfrica. Tha craobh mhosach, mharbhanta ann, d’ an ainm a’ Chraobh Upais, d’ an abhaist gach feur min, agus gach flur bhoidheach, a chur gu bas leis an fhaile dhona ’tha i ’cur uaithe. Is ann air a’ mhodh cheudna ’tha creidimh ’us rioghachd Mhahomait a’ deanamh uilc, ’s a’ dealbhadh truaighe ’s eucorach, ’us a sgaoileadh fulangais ’us aingidheachd ’us leir-sgrios anns gach cearna de ’n t-saoghal anns am bheil cumhachd aige. Do ’n t-Sultanbhruideil, charach, tha tir na h-Eiphit ’us ceann mu thuathAfricagu leir a’ paigheadh cis, oir nach e fein, am ball-sgaire bochd, ard-uacharan no Suserein nan rioghachdan ud.
Is e Chedibhe an t-ainm rioghail a tha uachdaran na h-Eiphit a nis a’ giulan. Fhuair seanair struidheil a’ Chedibhe ’tha nis a’ riaghladh na h-Eiphit ann an ainm co-dhiu, uamhas airgid bho Bhreatunnaich, bho Fhrangaich, agus bho Ghearmailtich, gus fa-dheoidh, o’n nach robh e ’paigheadh aon chuid reidh no calpa, an do ghabh na rioghachdan ud sealbh, ann an tomhas mar air cisean ’us riaghladh na h-Eiphit. Ach innsidh mi ’n sgeula so anns an ath litir a sgriobhas mi.
CONA.
SGEULACHDAN ARABIANACH.
VII. —SINDBAD AN SEOLADAIR.
CAIB. VIII.
Bha mi gu math tric a’ dol a bhruidhinn ris an righ. Air latha araidh thuirt e rium, “A Shindbad, tha tlachd mor agam dhiot; agus tha mi ’tuigsinn gu’m bheil meas aig an t-sluagh ort mar an ceudna. Tha mi ’dol a dh’ iarraidh aon ni ort, agus tha mi ’n dochas gu’n dean thu mar a dh’ iarras mi ort.”
“Le ’r cead, a’ righ,” arsa mise, “ni mise ni sam ni sam bith a dh’ iarras sibh orm, msr chomharradh air m’ umhlachd dhuibh, o ’n tha mi buileach fo ur riaghladh.”
Cha bu dana leam cur an aghaidh toil an righ. Air a chomhairle phos mi aon de mhnathan-uaisle na cuirte. Bha i ’na boirionnach anabarrach maiseach, cliuiteach, agus bha saoibhreas gu leor aice. An deigh dhuinn posadh, chaidh mi dh’ fhuireach do ’n taigh a bh’ aice agus bha sinn car uine gle mheasail air a cheile. Ach feumaidh mi radh nach robh mi cho riaraichte le mo staid ’s bu mhath leam, agus air an aobhar sin chuir mi romham gu’n teichinn agus gu ’n tillinn gu ruige Bagdad a cheud chothrom a gheibhinn. Ged a bha mi math gu leor dheth far an robh mi, cha robh e ’n comas dhomh an duthaich do ’m buininn a leigeadh air dichuimhn.
An uair a bha mi ’smuaintean air so, dh’ fhas bean mo choimhearsnaich gle thinn, agus an uine ghoirid dh’ eug i. Bha meas mor agam air a choimhearsnach so, agus chaidh mi g’ a fhaicinn a chum comhfhurtachd a thoirt dha an am a’ bhroin. Bha e anabarrach bronach, agus cho luath ’s a chunnaic mi e, thuirt mi, “Gu’n gleidheadh Dia thu, agus gu’n tugadh e dhut saoghal fada.”
“Ochan!” ars’ esan, “cia mar a tha thu ’smaointean gu’m faigh mise am fabhar a tha thu ’guidhe dhomh? Cha’n ’eil bhar uair de shaoghal agam.”
“Tha mi ’guidhe ort nach bi thu ’g arach a leithid sin de smuaintean muladach na ’s fhaide. Tha dochas agam nach tachair dhut mar a tha thu ’g radh, ach gur ann a bhios mi fhein ’s tu fhein ann an coimhearsnachd a cheile fad iomadh bliadhna,” arsa mise.
“Is e mo mhiann,” ars’ esan, “gu’m faigheadh tusa saoghal fada; ach air mo shonsa dheth, tha mo laithean aig an ceann, oir feumar mo thiodhlacadh an diugh fhein comhladh ris a mhnaoi. Is e so an lagh a shuidhich ar n-athraichean anns an eilean so, agus bha e riamh air a choimhead gu curamach. Feumar am fear a thiodhlacadh comhladh ris a’ mhnaoi an uair a gaeibh i bas, agus feumar a bhean a thiodhlacadh comhladh ris an fhear an uair a gheibh e bas. Cha ’n ’eil rathad agam air a dhol as: oir feumaidh na h-uile ’bhith umhail do ’n lagh so.”
Am feadh ’s a bha e ’toirt cunntais dhomh air a chleachdadh bhruideil so a bha ’cur eagail agus uamhais air, thainig na cairdean, an luchd-eolais, agus na coimhearsnaich thun an taighe gus an tiodhlacadh a dheanamh. Chuir iad an trusgan a b’ fhearr ’s bu riomhaiche a bh’ anns an tigh mu’n bhoirionnach, mar gu’m b’ e latha na bainnse aice a bhiodh ann. Chuir iad a cuid sheudan gu leir oirre, agus an uair a chuir iad ann an ciste fhosgailte i, dh’ fhalbh iad leatha dh’ ionnsuidh an ait’ adhlacaidh. Bha a fear a’ coiseachd air cheann na cuideachd agus a leantuinn a chuirp. Dhirich iad suas gu mullach beinne a bha gle ard, agus an uair a rainig iad e, thog iad clach mhor a bha comhdachadh beul sluic, agus leig iad sios an corp le a chuid aodaich agus sheudan. An uair a ghabh a fear a chead dhe ’chairdean ’s de luchd-daimh, chuireadh ann an ciste fhosgailte e mar an ceudna, agus chuireadh soitheach uisge agus seachd breacagan arain anns a’ chiste comhladh ris, agus leigeadh sios anns an t-sloc e mar a rinneadh air a mhnaoi. Bha ’bheinn fada, agus bha i ruighinn a dh’ ionnsuidh na mara. An uair a bha h-uile cuis seachad chuireadh a chlach air béul an t-sluic agus thill sinn dhachaidh.
Is gann a ruigeas mi leas, a dhaoin’ uaisle, inneadh dhuibh gur mi fhein an aon duine a bha fo lion-dubh dhe na bh’ aig an tiodhlacadh. Cha robh a chuis a bh’ ann a’ cur moran dragha air cach, oir bha iad cleachdte ris.
Cha b’ urrainn domh gun bruidhinn ris an righ mu ’n chuis. “Le ’r cead a righ,” thuirt mi ris, “cha ’n urrainn domh gun bhith fo mhor ioghnadh air son a chleachdaidh a th’ agaibh anns an rioghachd so an uair a tha sibh a tiodhlacadh nam beo comhladh ris na mairbh. Shiubhail mi fad is farsuinn, agus chunnaic mi iomadh duthaich, ach cha chuala mi, riamh iomradh air lagh cho eucorach ris an lagh so.” “Ciod a tha thu ’ciallachadh, a Shindbaid?” ars’ an righ. “Is e lagh cumanta ’th’ ann. Bidh mise air mo thiodhlacadh comhladh ri mo mhnaoi fhein, ma ’s i a gheibh bas an toiseach.”
“Ach le ’r cead,” arsa mise, “am faod mi fhaighneachd dhibh am feum coigrich a bhith striochte ris an lagh so?”
“Gun teagamh sam bith,” ars’ an righ( ’s fiamh gaire tighinn air an uair a chual’ e mo cheisd), “cha ’n ’eil dol as aca ma’s anns an eilean so a phosas iad.”
Chaidh mi dhachaidh, agus mulad gu leor orm an deigh na chunnaic ’s na chuala mi; oir bha eagal mor orm gu ’m faigheadh mo bhean bas air thoiseach orm fhein, agus gu ’n rachadh mo thiodhlacadh maille rithe. Ach cha robh comas air. Dh’ fheumainn foighidin a bhith agam, agus a bhith umhail do thoil Dhe.
(Air a leantuinn air taobh 278.)
[Vol . 6. No. 35. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, . . . $1 .00
Sia miosan, . . . .50
Tri miosan, . . . .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher ‘Mac-Talla,’
Sydney, Cape Breton
SIDNI. 25 FEBRUARAIDH 1898.
Tha ’n còrdadh a rinn an t-Ard-Riaghladh ri MacCoinnich agus Mann air son rathad-iaruinn a chur a dh’ ionnsuidh a’ Chlondaic ag aobharachadh moran còmhstri agus bruidhne anns a phàrlamaid. Tha iadsan a tha ’n aghaidh an Riaghlaidh a’ deanamh a mach gu bheil MacCoinnich agus Mann a’ faotuinn tuilleadh ’sa chòir air son na h-obrach. Cha’n e gu bheil sgillinn airgeid ri bhi air a thoirt dhaibh, ach tha moran fearainn air a ghealltuinn dhaibh air gach taobh dhe’n rathad, mu 3,750,000 acaire uile gu léir. Cha’n fhiachlam fearann sin ni sam bith mur eil òr no miotailt eigin eile ri fhaotainn ann. Cha’n eil fhios co-dhiu tha no nach eil sin ann, agus uime sin tha iad ag ràdh nach bu chòir do’n riaghladh uiread fearainn a thoirt seachad gun fhios a bhi aca ciod is fhiach e. Air an laimh eile tha ’n Riaghladh ag ràdh gu feumar an rathad a chur air obair cho luath ’sa ghabhas deanamh air son an dùthaich fhosgladh, agus gu’m b’ iad so na h-aon daoine a thug tairgse reusanta dhaibh air son an rathad a dheanamh; tha iad ag ràdh mar an ceudna nach eil cinnt sam bith gu bheil am fearann saoibhir ann an òr no ann am miotailt sam bith eile, agus gu’n cailleadh an dùthaich barrachd ’sa bhuanaicheadh i le dàil a chur ann an deanamh an rathaid-iaruinn gus am faighte mach ciod a ghnè fearainn a tha MacCoinnich agus Mann a faotainn. Cha ’n eil teagamh nach bi an rathad air a chur air adhart mar is còir, ach ’se ’s dòcha gu’n teid còrdadh ùr a dheanamh ris a chuideachd agus nach bi uiread de shochairean air am buileachadh orra. Tha e gle cheart gu’m biodh an duthaich faiceallach ann an gnothuch dhe’n t-seòrsa so, oir cha bu chòir cumhachan a dheanamh ri cuideachd sam bith a dh’ fhaodadh a bhi a chum call an t-sluaigh an deigh laimhe. ’S còir do ’n t-sluagh an còirichean fhéin a chumail.
Cha d’ fhuair sinn sgeul na “Polly” a thoirt gu crich air an t-seachdain so mar a bha sinn an duil. Ach is sgeul thaitneach i, agus tha fhios againn nach misde le ar leughadairean i bhi na’s fhaide na bha sinn a smaoineachadh a bha i. Bidh sgeul na “Polly” fhathast feumail do luchd-eachdraidh. Tha sinn cinnteach gu bheil iomadh sgeul eile a thaobh ceud luchd-àiteachaidh na dùthcha so a ghabhadh innse an diugh ach a bhios gu tur air diochuimhne an ceann beagan bhliadhnaichean. Bu chòir oidhearp a thoirt air eachdraidh ceud luchd-àiteachaidh na dùthcha a sgriobhadh.
Facal a Loch Ainslie.
A CHARAIDE: —Bha mi an dùil sgriobhadh g’ ad ionnsuidh bho chionn treis a dh’ ùine, ach bha mi ’ga leigeil seachad bho àm gu àm. Ach tha an sean-fhacal ag ràdh gur fhearr tighinn anmoch na gun tighinn idir.
Thainig fear Hart a nuas á Pennsylvania deireadh na seachdain s’a chaidh air son tòiseachadh air cladhach air son olla. Tha e a dol a chur derrick suas gun dàil. Tha sinn an dòchas gu ’ri soirbhich gu math leis, agus gu’m bi timeannan matha againn air an t-samhradh s’a tighinn.
Tha ’n t-side agus na roidean gle mhath an dràsda. Tha an deigh gle mhaith cuideachd, agus tha gach fear a tha a smaoineachadh gu bheil each luath aige, a mach leis.
Chaidh Comunn Deasbaireachd a chur air chois an so bho chionn mios, agus tha an gnothuch a soirbheachadh gu maith leothasan a tha ’ga chur air adhart.
Tha na tuathanaich an deigh an cuid connaidh fhaotainn dhachaidh, agus cha’n eil rompa a nis ach fhaighinn air a losgadh, ni a theid aig na boirionnaich air a dheanamh gle mhath. Is mi do charaid,
AN GILLE DONN.
Bha da cheud gu leth duine air an t-soitheach-smùide “Bruce” a tigh’nn a stigh do Shidni Tuath Di-màirt. Thainig iad uile á Newfoundland, agus tha iad air an turus gu Columbia Bhreatunnach air son a dhol a dh’ obair air an rathad-iaruinn aigCrow ’s Nest Pass. ’S e ’n tuarasdal a tha iad gu fhaotainn dolair gu leth ’s an latha. Ma leanas am “Bruce” air ruith ro fhada bidh àireamh nan con agus nan daoine gu math na ’s lugha ann an Newfoundland na bha iad toiseach a gheamhraidh.
Tha Sir DomhnullSmitha nise ’na mhorair, agus air an t-seachdain s’a chaidh ghabh e ’àite-suidhe ann an Tigh nam Morairean ann an Lunnainn. Tha e gle thaitneach do mhuinntir Chanada an duine chuir iad a null mar fhear-ionaid do cheanna-bhaile na h-Impireachd a bhi faotuinn urram cho mor. ’Se “Morair Strathchona agus na Beinne Rioghail,” an t-ainm a ghabh Sir Domhnull dha féin air dha a bhi air a dheanamh ’na Mhorair.
Cha’n eil bliadhna dol seachad gun muinntir Cholumbia Bhreatunnach ionnsuidh a thoirt air tuilleadh bacaidh a chur air na Sineich a tigh’nn do Chanada. Tha aca ’n dràsda ri leth-cheud dolair am fear a phàigheadh a tigh’nn do’n dùthaich agus tha fear de’n luchd-pàrlamaid am bliadhna air son am t-suim àrdachadh gu coig ceud dolair. Ach cha deanar sin’ idir.
BATHAR MATH SAOR.
Am bheil Deise, Cota, Cot’ -uachdair, Currachd, Brogan, Rubbers, no ni sam bith dhe ’n t-seorsa sin a dhith ort? Ma tha ruig
TORMAD DOMHNULLACH.
’S ann aige tha ’m bathar a’s fhearr ’s a’s saoire tha ’sa bhaile, agus ma theid thu dh’ an stor aig’ aon uair, theid thu ann a rithist.
Na leig so as do Chuimhe.
MacCoinnich & Co.
Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh
ANN AN LOUISBURG,
agus tha sinn aig an àm cheudna a’ cumail air adhart air an t-seann laraich,
ANN AN SIDNI.
Aodaichean Matha dhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.
Theid sinn an urras air an obair.
Mac Coinnich & Co.
H. D. Mac Ille-Mhaoil,
Stewartdale , C. B.
Cloth,Drogaid, agus Plaideachan “Eureka.”
Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic.
Cloimh air a gabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige neo sgriobh uige.
C . H. HARRINGTON & CO.
Flur, Min, Ti agus Siucar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr.
Soithichean Glaine agus Creadha, math agus saor.
Brogan, Botainnean, Rubbersagus Caiseart de gach seorsa
’GAN CREIC SAOR.
[Vol . 6. No. 35. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Tha fad math air tighinn anns an latha; tha còrr us uair us tri chairteil air a dhol ris o’n thainig a bhliadhn’ ùr.
Chaidh gille beag ann anOxford , N. S. ,mac do Sheumas A. King, a mharbhadh air an t-seachdain s’a chaidh le e dh’ òl deoch de stuth puinnseanta a fhuair e ann am botull.
Tha coig fir dheuga agus aon bhoirionnach anns a’ phriosan ’sa bhaile so an dràsda, an àireamh a’s motha bh’ ann aig aon àm o chionn bhliadhnaichean. Tha sianar dhiubh aig am bheil ri sia miosan a chur seachad ann.
Tha factoridh-ime ri bhi air a cur suas ann anNew Glasgowair an t-samhradh; cosgaidh i eadar a dha s’a tri mhiltean dolair. Tha sinn an dochas nach teid moran ùine seachad gun taighean dhe ’n t-seòrsa cheudna bhi ann an Ceap Breatunn.
Tha sinn toilichte fhaicinn gu bheil an t-Urr. Uilleam Calder, a bha gu tinn o chionn da mhios air ais, air a dhol gu math am feobhas. Shearmonaich e ann an eaglaisSt . Andrew’ s ’sa bhaile so, la na Sàbaid s’a chaidh, maduinn us feasgar. Shearmonaich an t-Urr. Mr. Forbes an latha sin an Eaglais an Aiseig, am Mira.
Oidhche Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh ann am baileNew York,chaochailMiss Frances Willard, aig aois da fhichead bliadhna ’sa seachd deug. Riamh o’n bha i ’na caileig òig bha i ’g obair gu dian air taobh stuamachd, agus bha soirbheachadh mor leatha. A mach o bhan-righVictoria, ’s gann gu robh boirionnach air an t-saoghal a bha cho ainmeil rithe.
Tha càise Chanada a faotainn margadh math ann am Breatunn. Dhe gach còig puinnd a chaidh a chur gu feum anns an t-seann dùthaich an uiridh, chaidh tri puinnd a cheannach anns an dùthaich so. Cheannaich muinntir Bhreatuinn an uiridh fiach da fhichead muillean dolair de dh’ ìm, ach cha d’ rinneadh dhe ’n ìm sin ann an Canada ach mu fhiach da mhuillean us cairteal. Tha daoine ’n dòchas nach teid moran bhliadhnaichean seachad ’nuair a bhios im Chanada a cheart cho measail ann an Sasuinn ’s an Alba ’s a tha a cuid càise cheana.
Chaidh ceithir fichead us sia duine deug a chall air a chabhlach-iasgaich a tha dol a mach á Gloucester, Mass., air a bhliadhna chaidh seachad. Dh’ fhàg iad sia bantraichean deuga, agus da fhichead ’sa coig de dhilleachdain. Bha an àireamh bu mhotha dhe na daoine bochda gle òg—eadar fichead us còig bliadhna fichead a dh’ aois. Bhuineadh tri fichead ’sa coig dhiubh do na Roinnean Iseal ’s do Newfoundland. Cha ’n eil teagamh againn nach buineadh roinn mhath dhiubh sin do Cheap Breatunn. Cha ’n eil bliadhna dol seachad gun àireamh de ghillean an eilein so a bhi air an call air cabhlach-iasgaich Ghloucester.
Tha an sgeul a dh’ innis sinn air an t-seachdain s’a chaidh mu chall an t-soithich chogaidh “Maine” ann an Cuba, fior gu leòr. Bha i air a smùideadh as a chéile ’s air a tur mhilleadh, agus chailleadh da cheud ’s da fhichead ’sa h-ochd deug dhe na bh’ air bòrd; b’ oifigich dithis dhiubh. Bha cuid a’ deanamh a mach an toiseach gu robh na Spàinntich coireach ris a’ ghnothuch, ach cha ’n cha ’n eil dearbhadh sam bith air sin. Ma bha duine sam bith coireach, a reir coltais ’s iad oifigich an t-soithich fhéin; mur do rinn iad an dleasdanas a thaoibh fhaicinn gu robh gach ni ceart mu’n do ghabhadh mu thàmh. Ach tha e doirbh a dheanamh am mach an robh coire aig neach sam bith ris. Bu sgiorradh uamhasach e, sgiorradh nach do thachair ach ainneamh a leithid riamh roimhe.
Litir a Boston.
FHIR-DEASACHAIDH: —Ged a tha mo lamh air bhalla-chrith, ’s ged a dh’ fhaodas mo sgriobhadh a bhi car dona, bheir mi oidhearp air beagan fhacal a chur ad ionnsuidh air na dh’ fhaodas mi fhaicinn ’s chluinntinn anns a bhaile mhor so, a bhitheas na naigheachd dhuibh shios ann an Ceap Breatunn.
’Sa cheud àite faodaidh mi innse dhuit gu robh stoirm ghabhaidh shneachda againn toiseach a mhios so, stoirm dhe’n t-seòrsa cho uamhasach ’s a dh’ fhuirich sinn bho chionn aireamh mhor bhliadhnaichean. Bha gach seòrsa malairt air feadh a bhaile air a chur gu stad gus an d’ fhuaireadh an sneachda a ghlanadh air faibh dhe na sraidean. Chaidh moran shoithichean a bhristeadh timchioll na h-acarsaid agus iomadh fear tapaidh a chall orra; ach mar a thuirt am fear roimhe, is olc a ghaoth a shéideas nach dean feum do chuideigin. Is iomadh duine bochd ’sa bhaile so aig nach robh fios ciamar a gheibheadh e aran an latha maireach a fhuair obair a glanadh nan sraidean de’n t-sneachda. Is lionmhor Paddi a bha mach gu moch ’sa mhaduinn ud a sireadh obrach, cha’n ann a mhàin airson biadh a chosnadh, ach mur a d’ thuirt iad fein airson“Drap o’ the cratter. ”Is ann air cuideachd carbad na sraide agus air cuideachd an“telegraph”a bu truime a bha ’n call. Tha e air a mheas gu’n do chosg an soirm ud do bhaile Bhoston mu thimchioll da cheud gu leth mile colair, eadar gearradh air falbh an t-sneachda agus gach cosgais eile a bha na lorg.
Tha timeanan gle fhad air ais ’na bhaile so. Tha moran na’n tamh ann a’ feitheamh cosnaihd; ’s ged nach eil Bailidh no Ceann-suidhe ’nuair a bhithear ’gan cur ’san dreuchd nach bi ’g radh gu’n tig timeanan nis fhearr r’a linn-san, mur eil timeannan a dol ni’s miosa cha’n eil iad idir ni’s fhearr, agus cha léir dhomhsa cionnas a theid iad ni’s fhearr, a chionn gu bheil tuilleadh mor ’sa choir de luchd-obrach ann airson na bhithear a cur air adhart. Tha moran sluaigh air teachd do na Staitean á dùthchannan eile, agus tha a roinn fein aig Boston dhiu. Tha moran ann á Canada, á Nobha Scotia, a Ceap Breatunn, ’s á Eilean a’ Phrionnsa. Ach air a gheamhrudh so tha moran dhiu nan tamh, agus cha’n eil teagamh agam nach biodh gu leòr dhiu ni b’ fhearr dheth air a cheann mu dheireadh na’m biodh iad air fuireach aig an tigh. Tha mi fhein air aon an dùil, ged a dh’ fhag mi Ceap Breatunn bho chionn fhada, gur h-ann na h-ùir a theid mo chàradh, agus a’ gealltuinn sgriobhadh thugad an ùine gun a bhi fada a rithist, bithidh mi ’stad.
CEAP BREATUNN.
Feb . 14, ’98.
Tha chùirt a bha dol air adhart ann amParisair a toirt gu crich, agus thaEmile Zolaair fhaotainn ciontach. A reir dòighean dhùthchannan eile, cha d’fhuairZolaceartas idir. Bha moran fhianuisean air an gairm nach toireadh fianuis idir, bha am breitheamh ’na aghaich cuideachd. Fhuair e bliadhna priosain, agus chaidh càin tri milefranca chur air.
AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leigsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD.
Cuir a dh’ iarraidh sampuill, teisteannais us urrais.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia. —agus—127 State St Boston, Mass.
BATHAR UR.
Moran de Churaicean Geamhraidh, eadar 10c. us $5 .00.
Brogan matha saor.
Ti mhath mar a b’ abhaist.
Beagan de Cheannachd Thioram.
Olla 25c. an galan; 5 galain air $1 .00.
NIALL DOMHNULLACH,
BADDECK , - - C. B.
J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsa ’s fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B.
BADDECK , - - C. B.
Airson a stor a dheanamh na ’s deiseile ’s na ’s feumaile dhaibhsan a tha ’deanamh gnothuch ris, tha
Albert I. Hart
a’ nise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha a’ chuid sin de ’n ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am Boston ’sanNew York.Gheibh iadsan a thig g’a h-ionnsuidh an
DEAGH RIARACHADH.
BADDECK , - - C. B.
LEABHRAICHEAN GAILIG.
Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
’Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10
Gaelic Class Book .35
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte.
Sgriobh gu
J . G. MACKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, C. B.
[Vol . 6. No. 35. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 275.)
Nam faicinn coltas an tinneis bu lugha tighinn air mo mhnaoi, bha mi ’dol air chrith leis an eagal. Ach mo thruaighe! fhuair mi aobhar eagail ann an uine ghoirid; oir dh’ fhas mo bhean gle thinn, agus ann am beagan laithean dh’ eug i.
Faodaidh sibh a thuigsinn gu ’n robh mi gle mhuladach; oir bha mi ’smaointean gu ’m bu cho mach dhomh a bhith air m’ itheadh leis na daoine fiadhaich ri bhith air mo thiodhlacadh beo. Ach b’ fheudar dhomh striochdadh.
Thainig an righ, uaislean na cùirte, agus ard-mhaithean na rioghachd a dh’ ionnsuidh an tiodhlacaidh; agus bha moran de shluagh a’ bhaile ann mar an ceudna. An uair a bha gach ni deas, chuireadh corp na mna ann an ciste fhosgailte an deigh dhaibh chomhdachadh leis an trusgan a b’ fhearr a bh’ aice, agus leis na seudan bu luachmhoire a bhuineadh dhi. Dh’ fhalbh an comhlan, agus bha mise coiseachd an deigh a chuirp agus mi ’caoidh gu trom ’s a’ sileadh dheur gu frasach.
An uair a rainig sinn mulach na beinne dh’ fheuch mi impidh a chur air na daoine gus mo leigeadh as. Bhruidhinn mi an toiseach ris an righ, agus ’na dheigh sin ris na daoin’ eile a bha mu’n cuairt orm. Leig mi mi-fhein ’n am shineadh air an talamh aig an casan, agus ghuidh mi orra gu durachdach truas a ghabhail dhiom, “Thugaibh fa near,” arsa mise, “gur coigreach mi, agus nach bu choir gu’m bithinn air mo chur fo ’n lagh chruaidh so. Agus a bharrachd air sin, tha bean is clann agam ’nam dhuthaich fhein,”
Ach cha robh feum sam bith dhomh a bhith bruidhinn riutha. Cha robh truas sam bith aca rium. An aite sin is ann a bha cabhag orra a’ leigeadh sios corp mo mhna do ’n t-sloc. Ghrad chuir iad mise ann an ciste fhosgailte, agus an uair a chuir iad soitheach uisge agus seachd arain anns a chiste comhladh rium, leig iad sios do ’n t-sloc mi, agus chuir iad a’ chlach air a bheul, a dh’ aindeoin na bha mi deanamh de chaoidh ’s de bhron ’s de ghlaodhaich.
An uair a rainig mi grunnd an t-sluic, thug mi ’n aire, le cuideachadh beagan soluis a bha tighinn orm o tholl beag a bha as mo chionn, gu’n robh e mu leith cheud aitheamh air doimhneachd. Anns a mhionaid dh’ fhairich mi faileadh breun a bha ’n impis mo thachdadh, Bha ’m faileadh so ag éirigh as na cuirp mharbha a bha mu’n cuairt orm. Air leam gu’n robh mi ’cluinntinn cuid dhiubh ag osnaich, agus a tilgeadh na h-analach. Ach air a shon sin, cha bu luaithe ’rainig mi sios na ghrad dh’ fhalbh mi as a’ chiste ’s mo lamh mu m’ shroin; agus an uair a choisich mi astar beag o ’n aite ’s an robh na cuirp, leig mi mi-fhein nam shineadh, agus bha mi uine fhad’ ann a’ gul ’s a caoidh gu goirt.
An uair a bha mi greis a’ smaointean air cho truagh ’s a bha mo chor, thuirt mi:— “Tha e fior gu ’m bheil Dia a riaghladh gach ni a reir orduighean a fhreasdail; ach thusa, ’Shindbaid thruaigh, nach ann agad fhein a bha ’choire gu’n d’ thainig tu gu bhith ’faighinn a’ bhais anns an doigh iongantaich so? B’ fhearr gu ’n robh thu air bas fhaotainn ann an aon dhe na cunnairt anns an robh thu! Cha bhiodh do bhas cho fadalach ’s cho uamhasach’s a tha e nis air thuar a bhith. Ach thug thu so ort fhein leis an t-sannt mhollaichte a bha annad. Ah! a chreutair thruaigh, mhifhortanaich, nach b’ fhearr dhut gu mor a bhith air fuireach aig an taigh, agus a bhith gu socair, samhach, a’ mealtuinn toradh do shaoithreach?”
So na gearainnean gun fheum leis an cluinnteadh mo ghuth o thaobh gu taobh dhe ’n uaimhe. Bha mi ’bualadh mo chinn is m’ uchd gun stad ’s mi ann an corruich ’s an eu-dochas ro mhor, agus thug mi mi fhein suas gu buileach do smaointean bronach.
Ach air a shon sin gu leir, feumaidh mi innseadh dhuibh, an aite bhith toileach am bas fhaotainn anns an t-suidheachadh thruagh ’s an robh mi, gu ’m b’e mo mhiann a bhith beo, agus gach ni ’nam chomas a dheanamh a chum fad a chur ri m’ laithean. Bha mi ’g ealadh air mo shocair ’s mo lamh ri m’ shroin feuch am faighinn an t-aran agus an t-uisge a chuireadh anns a’ chiste dhomh. Agus an uair a fhuair mi e dh’ ith mi rud dheth. Ged a bha ’n uaigh dubh, dorcha, bha mi ’n comhnuidh ag amas air a’ chiste. Agus thuig mi gu ’n robh an uaigh gu math na b’ fharsuinne na bha mi ’n toiseach an duil. Chum an t-aran t-uisge beo mi fad beagan laithean. An uair a theirig iad, shaoil mi nach romham ach am bas.
(Ri leantuinn.)
Mu ’n Luing-imrich “Polly,” 1803.
O’N BHEURLA, LE S. A. MAC ILLE-MHAOIL.
(Air a leantuinn.)
Thoisich e ’n sin air a bhi am measg an luchd-turuis gu math tric, agus gu sonruichte aig am an aoraidh a bha aig an am so a fas ni bu bhitheanta ’s ni bu deine. Bha e gabhail air truas mor a bhi aige riutha air son gainnead an teachd-an-tir, agus bhiodh e toirt misneach dhoibh gu’m biodh cùisean ni b’ fhearr ’nuair a gheibheadh iad far an turuis. Chuir e mar so as an aire moran de ’n droch run a bha aca dha bho’n uair a chaidh an soitheach anns an deigh, agus ’nuair a fhuair e mar so gu’n robh a choltas air a bhith ann an seasamh rudeigin ni b’ fhearr a measg an t-sluaigh, thoisich e air a bhi leughadh Lagh nan Eillthireach dhoibh ann am Beurla, ’s ga eadar-theangachadh gu Gailig. Agus mar so chuir e mar fhiachaibh orra gur ann air son buanachd dha fein a bha ’n caiptean a deanamh so uile, agus gu’n robh e calg-dhireach an aghaidh an lagha, agus mar sin thog e buaireas nam measg—b’ e ’n caiptean a nis an t-aobhar an earbsa agus amharuis a bh’ aca, agus ’sann a fhuair am fear-ionaid tàir mhor a nis gus na Gàidheil àrdanach a chumail gun cheannairc a thogail. Air eagal gu’m biodh cùisean a fàs cudthromach ’sann a chomharlaich e teachdairean a chur a dh’ ionnsuidh a chaiptean air son an t-aobhar ghearain ath-leaschadh. Dh’ fheuchadh ris an Dotair fiach an deanadh e cuideachadh ann an deanamh suas an tagraidh, ach dhiùlt esan lamh sam bith a chur anns a chùis. Chaidh paipear a tharuinn suas mar a bhiodh anns na seana chùirtean Gaidhealach—paipear anns an robh iomadh facal snasmhor a tha nise a dol a cleachdadh, le moran de fhacail Laidinn air a fileadh a stigh ann. ’Se am fear-ionaid fein agus seana mhaighstir-sgoile—a bha aon uair a cumail sgoile ann an aon de pharaisdean Ghalloway ach a nis a smaointich gu’m fiachadh e ’fhortan le ’charaid Alasdair ann anAmerica—a sgriobh am paipear. Chuir am maighistir-sgoile an Laidionn ann, agus chuir Alasdair na gearainn ann. Bha ’n dearbhadh-sgriobhaidh mor ’nuair a bha e ullamh—thug an dithis da latha agus oidhche ris, agus is iomadh argumaid a bha aca ’ga chur an òrdugh agus a cur nam facal Laidinn ’nan àite fhein. B’e an ath cheist, an deigh am paipear a shealltuinn do’n luchd-turais agus ainmean nan daoine a bu cheannsgallaiche dhiubh fhaotainn ris, co a rachadh mar theachdairean leis. Bha ’m fear-ionaid an toiseach air a shonrachadh, agus bha ’n sin am maighstir-sgoile air ainmeachadh, ach dh’ eirich an sin comhstrith co dhiu ’se aon de na h-eildeiren no Eachann Caimbeul am piobaire (oir bha am fear so a tagairt càirdeas air MacCallum Mor) a rachadh ann; ’s mar sin smaoinich iad gur esan bu fhreagarraiche. Dh’ aontaich Eachann a dhol ann air chùmhnant gu’m feudadh e a phiob a thoirt leis agus“The Campbells are coming, ”a chluich air a mhairds do’n t seomar-luinge, ach cha cheadaicheadh iad so idir, agus ’se bh’ ann gu’m b’ eigin do Eachann dol ann mar neach coitcheann eile de’n luchd-tuauis.
Ach fhuair an sgiobair sanais air choireigin air a chùis—docha gur ann bho ’n Dotair, agus ghabh e riu gu suairce. Bha ’n sgriobhadh air a leughadh leis a mhaighstir-sgoile, agus bha na laghanaibh air am mineachadh le Alasdair. Cha’n eil e coltach gu’n do chuir Eachann e fhein gu mor am fiachibh aig an àm, oir b’e ceòl bu roghnaiche leis agus ’o nach leisgte leis a phiob a thoirt leis cha robh feum sam bith ann. Cha robh aige ach beagan Beurla agus ni bu lugha de Laidinn, agus bho nach robh Gailig no ceòl a dhith orra anns an t-seomar-luinge aig an àm so cha d’ rinn e ach seasamh a leth-taobh agus leigeadh le ’cho-theachdairean, aig an robh am barrachd foghlum, a chùis a chur an céill. An uair a chriochnaich na teachdairean aobhar an turuis, gheall an caiptean gu’n deanadh a ath-leasachadh cho luath ’sa gheibheadh e ’n soitheach as an deigh, ach gu siobhalta agus gu daingeann dhiùlt e na diotan a mheud-
[Vol . 6. No. 35. p. 7]
achadh. Bha ni-eigin mu thimchioll a chaiptein agus na ghluasad a thug air an fhear-ionaid a smaoineachadh gun a bhagraidhean a chur air adhart tuilleadh is fada, agus ghabh e mu chùl a ghnothuich gu siobhalt, agus mar gu’m b’eadh lan thoilichte. Chomhairlich na h-eildeirean foighidin agus ùmhlachd do’n àrd chomnandair, agus an ùine ghoirid bha nithean eile aig an luchd-turuis ri smaoineachadh air. An ath latha an deigh na teachdaireachd a dh’ ainmcheadh thoisich an speur ri fàs gruamach, ’s thainig an soirbheas beagan ris an airde deas agus gu goirid thionndaihh i ris an airde tuath, agus gu ath-ghoirid dh’eirich i gu doinionn. Na beanntan deighe a bha gus a so gun moran gluasaid thoisich iad ri togail an cinn, a cumail tim ri onfhath na fairge—an deigh chòmhnard anns an robh an long air a ceangal thoisich i ri bristeadh ’s ri bleith mu chliathaichean an t-soithich, a cur coltas air gu’m pronnadh i ri cheile i air neo gu’n tigeadh i air bòrd ’ga cur fodha do grunnd a chuain. B’i oidhche an uamhais i, anns an robh an caiptean, an sgioba, air an aon chàradh. Anns a mhaduinn sgaoil na raointean deighe a bha an toiseach mar gu fasgadh a chumail orra agus an sin ghabh cudthrom na doinionn air an luing ’ga laidhe sios gus an robh an taobh leis aice fo’n uisge, gus an robh an obair-ard ’s na bàtaichean air an sguabadh air falbh, agus an fhairge a tilgeadh cnapan mor deighe glan thairis orra. Cia mar a shàbhail i air an oidhche uamhasaich sin bha e ’na aobhar ioghnaidh do neach sam bith aig am biodh dad de thùr m’an ghnothuch, ach thuig iad uile gu feumadh gur e làmh an Fhreasdail bheannaichte a chumhain iad uile gu léir.
Dhichuimhnicheadh gach lagh Laidinn agus gaine bidhidh, ach dh’ earb na h-eildeirean iad fein mar Chriosduidhean cruadalach. Chaidh iad air feadh an t-sluaigh a toirt na h-uile comhurtachd a b’ urrainn iad dhoibh, agus cha do dhiobair am fear-ionaid, am maighistir-sgoile, no ’m piobaire fein, rag-mhuinealach, féineil, ’s mar a bha iad, anns an àm shòluimte agus dhiachuinneach ud, gun aire urramach a thabhairt d’ an comhairlean treimhdhireach. An deigh oidhche ’s latha thoisich am pronnadh uamhasach a bha ri cliathach na luinge air fas na bu shiochaile, agus uidh air uidh thainig i gu clos; bhàsaich an soirbheas, a tionndadh ris an iar-dheas, ach bha an fhairge fathast air ghluasad. ’Nuair a thainig an luchd-turuis air clar-uachdar na luinge cha robh crioman dhe’n deigh an àite sam bith r’a fhaicinn, ach gu’m faiceadh iad an coltas neoil iseil, chianail ud a bha ’n toiseach ri fhaicinn anns an àirde ’near, anis fad air fuaradh orra ’san iar-dheas. Mar a bha ’n latha ’tighinn air adhart agus a chaidh sealltuinn thairis an t-soitheach, chunnacas nach robh dochunn sam bith oirre, agus ged a bha na taobhannan aice air an sgriabadh agus an clar-uachdair a taisbeanadh coltas long-bhristeadh, gidheadh cha d’ rinn e dad a dh’ uisge.
Bha ’n saor agus a luchd-cuideachaidh, na seòladairean, agus a mheud ’sa b’ urrainn obair a dheanamh de’n luchd-turuis gu trang a leasachadh an dochainn a dh’ fhuiling i leis an stoirm. Bha pailteas de threallaich aca anns an toll a fhuaireadh a thoirt air a chlar-uachdair. Bha ’m “Polly” a sealltuinn cho maith ’s a bha i roimhe, an deigh na h-uile droch-uisneachadh a fhuair i. Rinn an stiubhard a chur an céill an staid anns an robh an teachd-an-tir laitheil a bha fo laimh-san, agus ’nuair a chual’ an caiptean mar a bha ’chùis smaointich e gu’n robh a chùis gu ro mhaith, agus ’nuair a chuir e ’chomhairle ris na h-oifigich, ris an fhear-ionaid, agus ris na h eildeirean, rùnaich e gu’n leanadh e air a thurus. Bha am fear-ionaid, mar a b’ àbhaist da, a’ gearain ’s a mi-chòrdadh ris gach aon do chàch, agus a’ cumail roimhe gu’m b’e an t-aon cheum sàbhailte dhoibh tilleadh air ais do dh’ Albainn—bha e sgith dhe ’n mhuir, agus bha eagall air gu’m biodh an turus tuilleadh is fada agus nach robh moran coltais gu’n rachadh am biadh-turuis a mheudachadh—agus bha fios aige mar an ceudna gu’n eireadh monamhar am measg an luchd-turuis, agus gu’n cuireadh iad a choire air fein airson na h-uile ni, agus cha robh an t-eagal a bh’ air gun aobhar. Cha robh an soitheach ach gann fo làn uidheam agus an luchd-turuis air fàs gu maith bho’n tinneas a dh’ aobharraich an stoirm dhoibh, ’nuair a thoisich an gearain ’s am monabhar a rithist air gach taobh. Bha am fear-ionaid a rithist air a choireachadh air son tir an dùchais fhàgail gus an cur gu bàs le gort air an turus, no gus am bàthadh air a chuan. Chaidh an darna teachdaireachd a chur do’n t-seomar-luinge leis na ceart fheadhainn a bh’ ann roimhe, ach air an turus so cha robh urad de Laidinn air a cleachdadh ’s a bh’ anns a cheud litir-ghearain, agus b’ e am fear-ionaid am priomh fhear labhairt. An deigh an teachdaireachd a chur an céill, bha facail àrd eadar e fhein ’s an caiptean. Thug Alasdair cainnt dhùbhlanach agus thàmailteach dha an clàr an aodainn.. Gun ag thugadh buaidh air a chaiptean anns an argumaid; ach chuir e roimhe gu’n seasadh e ’na làn ùghdarras féin. Ghlaodh e air a mheat, a thainig le paidhear de ghlasan-lamh, agus chàraich e air na dùirn aig Alasdair iad. Ach cha b’ ann gun spàirn Theann am piobaire ri leithsgeul Alasdair a ghabhail, agus thoisich e air an leagadh air gach sliabh anns an t-seann dòigh Ghaidhealaich. Dh’ eubh an caiptean, air fear no dithis dhe ’n sgioba, ’s thug iad sin a chùis gu striochdadh. Bha ’m fear-ionaid an sin air a thoirt do’n t-seomar bheag aige féin, agus chaidh a lamhan ’s a chasan a chur ann an iaruinn. Dh’ fhàg iad anns an t-suidheachadh sin e gu bhi smaoineach air a ghiùlan, air aran agus uisge. Ach an àite a bhi a foghlum gliocais bho na dh’ fhiosraich e, agus gu’m bu chòir dha ùmhlachd a thoirt do dh’ ùghdarras, ’s ann a bha e ’smaoineachadh air an ana-cothrom a fhuair e, agus ciod an deigh am b’ urrainn e dioghaltas a dheanamh—ni a rinn e na àm féin. A thaobh eadarmheadhonaireachd nan eildeirean agus gu’n robh e féin air tighinn gu siobhaltachd mur brosnuicheadh muinntir eile e, fhuair am piobaire cead a dhol da àite féin am measg an luchd-turuis, agus cha do chuir e tuilleadh dragh orra.
Bha an long a nis a falbh gu sùrdail air a slighe agus bha tomhas de thoilinntinn am measg an luchd-turuis, ach cha b’ fhada gus an d’ thainig aobhar smuairein eile anns an t-sealladh, le te de shoithichean an Righ a bha air a suidheachadh ann anAmericaTuath. Anns an àm a bh’ an sin bha e na ni cumanta gu’m feudadh soitheach-cogaidh, air am biodh daoine ’dhith, daoine a thoirt leo á soitheach Breatunnach no Americanach sam bith a thachradh riu. Mar sin air maduinn àraidh dhùisgeadh luchd-turuis a’ “Pholly” le urchair gunna-mhoir tarsuinn air an toiseach, ag iarraidh orra tilgeadh suas. Bha ’n caiptean air oillteachadh gu’n cailleadh e an sgioba, agus rinn e na h-uile dichioll a b’ urrainn da airson cumail as an rathad air an t-soitheach a thainig am fradharc ’sa mhaduinn agus a bha gu dian a leantuinn a chùrsa.
(Ri leantuinn.)
Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C. B.
THA EARBSA
aig daoine ann am maidsichean Eddy— ’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha coltach ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum.
Tha ’n t-ainm so na urrais air mathas.
—THE—
E. B. EDDY Co., Limited.
Hull, Canada.
[Vol . 6. No. 35. p. 8]
Laoidh.
Feuch aig in dorus coigreach sgith!
Bhuail e ga sèimh a ris ’s a ris;
Caraid le gnùis mar aon ri caoidh,
’S a chiabhan fliuch le dealt na h-oidhch’.
Ach caraid an e th’ ann gun bhréig?
An t-aon a mhàin a ni dhuit féum;
An duine sin d’ an goirear Ios’,
De ’éideadh dearg o Chalbhari.
O àilleagan gach linn is àil,
Le lamhan sgaoilt’ is cridhe blàth;
O gràdh gun smal a thug ann buaidh,
’S an gràdh sin nochdte d’ a luchd-fuath!
Grad fhosgail da, oir fear a ghaoil,
Cuid oidhche riamh cha d’ iarr a dhaoin’;
Cha mhò is léir do dhaoin’ an tràths’,
An sògh-san leis a bheil e ’tàmh.
Grad fhosgail dà mu ’n éirich ’fhearg,
’S mu’m falbh e uait na ’chorruich dheirg;
Grad fhosgail dà no ’n ùine gheàrr,
Na ’làthair seasaidh tu le nàir.
A Righ nan Dùl, a Phrionns’ na Sìth,
Do rioghachd thigeadh anns gach tir;
Fosglaibh an dorus dà gach aon,
’S fo bhrataich gabhsa, chinne-dhaonn’.
Do Ghaidheil Dhargai.
AIR FONN:— “Tha mo bhreacan-sa fo ’n dile.”
Seinneam cliù nan Gaidheal mhilant
Thall ’s na h-Innsean ’strith a thà iad;
Seinnean cliù nan Gaidheil mhilant.
Seinneam cliù nan Gaidheil chruaidh
A fhuair a bhuaidh air mullach Dhargai.
Seinneam cliu, &c .
Seinneam cliu nan gillean uallach,
Da ’m bu dual na h-osain gheàrra.
Cha ’n eil cearn air feadh an t-saoghail
Gun am biuthas ’s dùrachd bhlàth dhaibh;
Mar a shreap iad bearraidh aognaidh,
Far na gheill gach aon d’ an nàmhaid,
A dh’ fhas ladarn’ air an dùnadh
Air gach taobh le daighneach nàdair.
Ach gun ghairm bha ’n “Coileach Tuathach,”
Gun tigh’nn suas riu luchd na Gàilig.
“Feumaidh sinn an t-àite bhuannachd
Ged is duaichnidh, cruaidh an càs e;
Co ’nar feachd d’ an dian e aomadh?”
“Luchd nam fraoch-bheann!” ghlaodh an t-armunn.
Suas nan deannamh bha na treun fhir,
Chaidh air sgeith na frasaibh bàsmhor,
Tighinn bho’n naimhdean, triùir m’an aon diu,
Guineach, lùbach, ’n cùiltean làidir.
’S iomadh gaisgeach treun ’s an ionnsuidh
Bh’ anns an tiùir [ ? ]nnt am bàs ann.
Ach gun mheatadh bha na Tuathaich
Dh’ aindeoin bhruach ’us luaidir an nàisean.
Suas air adhart gun robh stuadh ud,
Gus ’n do sguab i leatha ’namhaid.
Fhad ’s bhios eachdraidh air a h-innnse
Gu ’m bi ’m piobair’ anns an àireamh;
Mar a sheinn e ’n deis a chiùrradh,
Air a ghlùin ri taic ’s an araich.
Ged a rinn a cholunn striochdadh
Chum a spiorad lionte ’m màla.
Mar a mhol an t-euchd an aaoghal
Fhuair e cliù ’us Crois na Bànrigh’nn.
Chaoidh cha ’n atharraich na fiùrain
Fhuair ’s na fraoch-bheannaibh an àrach.
’N àm an fheum an spsorad dùisgidh
Ge b’e àit am faod iad tàmhachd.
Chaoidh cha ’n atharraich gu dilunn
Fhad ’s a bhruidhneas iad a Ghàilig.
Seinneam cliù nan Gàidheal mhilant,
Thall ’s na h-Innsean ’strith a thà iad
Seinneam cliù nan Gàidheal mhilant.
FHIR-DEASACHAIDH: —Ma shaoileas sibh gur fhiach an t-òran so a chur an clò, tha fhios agam gu’n dean sibh sin. Chaidh gu leòr a sgriobhadh ’sa Bheurla mu Ghaidheil Dhargai, agus co dha bu chòire ’bhi air thoiseach air an co-bhràithrean ’s an luchd-dùthcha a’ luaidh an euchd. Cha’n eil teagamh nach do rinn cuid sin (ged nach fhaca mise e) a b’ fhearr a thagradh an cùis na ur caraid,
SEUMAS N. MACFHOINGHAIN.
Moosomin , N. W. T. ,11 Feb. ’98.
An Gaidheal am measg nan Gall.
LEIS A’ BHARD MAC GILLEAIN.
Och! a rùin gur tu th’ air m’ aire—
Och! a ghaoil gur tu th’ air m’ aire:
’S tusa ’rùin, ’s gur tu th’ air m’ aire,
’S gur h-i mo dhu’aich dha tigh’nn fainear dhomh.
Cha togar fonn leam ach trom air m’ aineoil,
Cha dean mi òran ’s an dòigh bu mhath leam:
Gur mi bha gòrach ’nuair thug mi ’n gealladh
Do’n nionaig òig a bha chòmhnaidh ’n Cana.
Och! a rùin, &c .
Gur h-ann le h-ailgheas a dh’ fhàg mi ’m fearann
’S an deachaidh m’ àrach ’n uair bha mi ’m leanabh;
’S mi ’n dùil gu’n deanainn am bliadhna ’dh’earras
Na cheann’chaidh lion dhomh gu iasgach earraich,
Gur mi bha stàtail ’n uair dh’ fhàg mi Ailean,
Ri togail gàraidh ’s a’ caradh bheallach;
Gu’m b’ fhearr bhi ann air neo ’s meàlta ’bharail,
Na bhi ’s an àm ann an taing na’n Gallaibh,
Cha ghabhainn tuarasdal uaith mar sgallaig,
Ach tigh’nn do’n Ghalltachd a shealltainn chaileag;
’S ’n uair ni gach te dhiubh a’m Beurla m’ fharraid,
Their mis’ an Gàilig gu’n d’ fhàg miBarra.
Cha ’n ’eil e ’còrdadh rium seòl a h-arain—
Bhi ’falbh Di-dòmhnuich ’s a’ giùlan eallaich;
’S nach faigh mi fàrdach, na àit’ am fanain,
Ach sabhal fàs, air-neo stàbull ghearran.
’N uair ni sinn gluasad Di-luain do ’n bhaile,
Bidh bodaich Ghàlld’ ann an geall ar mealladh;
Cha tuig mi’n nàdur le ’n cànain Ghallaich—
Tha mise dàll ’s gun an cainnt am theangaidh.
Thoir soraidh uam-sa thar chuan’ gu m’ leannan,
A’s innsibh fein di gu bheil mi fallain—
Gu bheil mi ’n tràs’ ann anCalder parish,
’S gu’n deach’ a’ Ghailig á àite seallaidh.
Is tu ’Chatriona, tha tigh’nn air m’ aire—
Cha ’n e do stòras a rinn mo mhealladh;
Ach thu bhi bòidheach, gun bhòsd, gun bharrachd,
Do’n fhine mhor o Mhac Leòid na Hearadh.
Dr. G T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG—Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
Ioseph A MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar duthcha tha ’nar beachd
NIALL Mac FHEARGHAIS,
Taillear.
SIDNI, - - - C. B.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid and chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.
$1 .00 air 80c.
Tha tuilleadh ’sa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dh’ airgead. Thig mu ’m bi ’n t-am seachad agus
FAIGH BARGAN.
McDonald Hanrahan & Co.
Sidni, Iulaidh 16, ’97.
C’AIT AM FAIGH MI?
Saibh, Glasan, Luaidhe, Sgeinein, Lainntearan, Sguabaichean, Paipear-tearra, Paipear-tubhaidh.
Olla, Fudar, Glaine, Siosaran, Tairnean, Bucaidean, Tuaghannan.
GHEIBH AIG
C . P. MOORE,
Sidni, C. B.
title | Issue 35 |
internal date | 1898.0 |
display date | 1898 |
publication date | 1898 |
level | |
reference template | Mac-Talla VI No. 35. %p |
parent text | Volume 6 |