[Vol . 6. No. 36. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE 4 MART. 1898. No. 36.
AFRICA .
Thubhairt mi moran cheana mu dheibhinn na h-Eiphit agus an eachdruidh a tha aice thar iomadh linn ’us bliadhna. Bha ’n Chedibhe—seanair an uachdaran a tha nis ’na dhuine mor anns an Eiphit—struidheil, proiseil, lan de fein agus de mhorachd. Bha comas aige air moran airgid fhaotainn bho na daoine beartach anns an Roinn-Eorpa. Thog e luchairtean mora, statail, agus rinn e oibrichean feumail air feadh na h-Eiphit. Cha robh tuaiream no gliocas air bith aige; agus air an aobhar so, chaidh e air aghaidh le inntinn amaideach, gus fa-dheoidh, o’n nach robh e ’paigheadh ni air bith airson an airgid a fhuair e bho dhaoine beartach anns an Roinn-Eorpa, ghabh rioghachdan na Roinn-Eorpa orra fein stad a chur air amaideachd a’ Chedibhe, agus sealbh a ghabhail ann air cisean na h-Eiphit, agus mar so tearuinteachd fhaotuinn do na daoine ’thug an airgiod do ’n Chedibhe, agus aig an robh amharus bronach nach robh e ’n a bheachd gu brath an t-airgiod a phaigheadh air ais. Ann am beagan uine chuir Comhairle nan rioghachdan anns an Roinn-Eorpa an Chedibhe so as an duthaich agus bho ’n uachdaranachd a bha aige anns an Eiphit, ged a rinn e buil thruagh agus amaideach dheth. Chaidh a mhac ’na aite, duine glic, modhail, teoma, a ghabhadh comhairle bho dhaoine tuaireamach, glic, caoimhneil. Cha robh e mo thruaighe! ’na dhuine fuasach laidir. Fhuair Arabi, ceannard anns an airm, cumhachd uamhasach anns an Eiphit. Faodaidh daoine ’bhi saoilsinn gur e Arabi ’bha ’nis ’na Chedibhe anns an tir, agus nach robh Chedibhe air bith eile idir ann. Chunnaic Comhairle na Roinn-Eorpa ’bha ’s an Eiphit, gu tigeadh crioch ann an uine ghearr air gach ceartas, ’us lagh, ’us onoir, ’us tearuinteachd anns an Eiphit, nam faigheadh Arabi, an t-Arabianach seolta, breugach, uaibhreach, a dhoigh fein. Chuir iad an cinn ri cheile, ’us rinn na Breatunnaich agus an Fhraing cordadh ’n am measg fein, gu cuireadh iad sios le faobhar a’ chlaidheamh, ughdarras aingidh, chunnartach, Arabi. Bha longan-cogaidh Bhreatuinn ’us na Frainge le cheile ann am port Alecsandria, ullamh airson am baile mor so ’liobhairt as lamhan Arabi, le gunnachan mora ’chabhlaich. An uair a bha na longan-cogaidh deas airson cumhachd mhosach Arabi ’chur air falbh, thainig fios bho Grevi, —ceann-suidhe nam Frangach—duine lag, bochd, gu feumadh cabhlach na Frainge bagh Alecsandria fhagail. Dh’ fhag longan na Frainge mar a fhuair iad ordugh. Sheas longan-cogaidh Bhreatuinn an aite, gu duineil, durachdach. Dh’ fhosgail iad an gunnachan mora, agus thug iad buaidh air Alecsandria, agus chuir iad an namhaid mosach as. Ann an uine ghearr chaidh feachd Breatunnach ann an uidheam, le ceannardan glic, gaisgeil, neo-sgathach air an ceann. Bha fhios aca c’àite ’n robh Arabi le ’fheachd fein, agus cia co laidir ’s a bha e leis gach daighneach, ’us claise, ’s turraid, ’us balla ’chur e an ordugh airson e fein a dhion bho gach feachd ’us namhaid. Chaidh am feachd Breatunnach thar moran astair fo dhorchadas na h-oidhche, gus an d’ ruig iadTel -el- Chebir, ann am bristeadh na faire. Theoruich seoladair Breatunnach, a bha min-eolach air an t-slighe, am feachd Breatunnach fo sholus nan reultan guTel -el- Chebir. Mo thruaighe! thainig peilear bho ’n namhaid a mharbh an ceann-iuil gaisgeach so, agus ’nuair a bha e ’tabhairt suas an deo, —an laoch gasda tapaidh, —thubhairt e ri ceannard mor an fheachd: “Nach do threoraich mi sibh gu dileas, ceart, gun mhearachd.” Ann an uine ghearr fhuair na Breatunnaich buaidh air Arabi ’s air aramach aigTel -el- Chebir; agus is maith agus is ro-mhaith a ghleachd na saighdearan Gaidhealach, am Freacadan Dubh am measg chach. Theich an trusdar Arabi gu Cairo. Lean eachruidh Bhreatuinn e, ’s fhuair iad greim air anns a bhaile mhor ud. Chaidh ’chur ’na fhogarrach do ’n eilean a tha air taobh mu dheasIndia—Ceilon, —far am bi e gus an tig crioch air laithean an duine aingidh, mhillteach. Dh’ fhagadh mar so an Eiphit ann an lamhan nan Breatunnach gu h-iomlan. Nochd na Frangaich gur e daoine suarach, bochd a bha annta. Le gairdean laidir, ghabh Breatunn uallach na h-Eiphit orra fein. Thoisich i air ball air ceartas, ’us ordugh, ’us tearuinteachd a nochdadh agus a thabhairt do na h-Eiphitich bhochda, ’bha anns an duslach leis gach eucoir ’us cruadal a bha aca ri fhuiling re iomadh linn ’us riaghladh. Is e ’m Morair Croman a tha bho cheann iomadh bliadhna ’riaghladh na h-Eiphit ann an ainm ’us le cumhachd Bhreatuinn; agus da rireadh is glic, is tapaidh, is seolta, ’s is duineil, a tha e ’riaghladh cuisean us soirbheachadh na na h-Eiphit gu leir. Is e amadan bochd, gun toinisg, gun tapadh, a tha ’na uachdaran aig an àm so air an Eiphit. Tha Croman a’ gleidheadh a’ bhalaich fhaoin so, ann an ordugh gasda. Dh’ innis Croman dha, uair no dha, mur tabhair e ’n aire mhaith dha fein, gu feum e ’n Eiphit fhagail, agus sgarbh a chladhaich as creig dha fein ann tir eile. Thainig an Eiphit air a h-aghaidh gu maith, gu ro-mhaith, gu h-anabarrach maith, o’n thoisich riaghladh Bhreatuinn innte. Tha ’n Fhraing ag eigheach a mach gun tamh, gu feum Breatunn an Eiphit fhagail. Gu de rinn an Fhraing le claodhaireachd narach airson na h-Eiphit? Tha i ’nis a’ cumail na duthcha air a h-ais le naimhdeas diblidh, bochd. Tha Breatunn a’ deanamh moran maith da rireadh, do ’n Eiphit, agus do na h-Eiphitich thruagha, air chor ’s gu bheil dochas laidir aig iomadh, iomadh neach, nach treig Breatunn an Eiphit gu brath an t-saoghail.
CONA.
Litir bho’n Ghaidhealtachd.
FHIR-DEASACHAIDH IONMHUINN: —Tha mi direach a’ cur nam beagan sreath seo chugaibh a ghuidhe Bliadhna Mhath Ur dhuibh, agus an dòchas gu’m faic MAC TALLA moran dhiubh.
Tha ’n t-side gle bhlàth againn fad a’ gheamhraidh seo, agus cha d’ fhuair sinn ach aon fhras sneachd uile gu leir fhathast san àite seo, agus cha do mhair sin ach beagan laithean gus an d’ thainig an aiteamh.
Tha na h-uidhean ag reic an so a nis air 11d. an dusan, agus tha ’n t-im 1s. 2d. am punnd. Tha uamhas buntàta a falbh cha mhor a h-uile là leis an rathad iaruinn bho’n Taobh Tuath gu Glascho, agus bho ’n tha e cho daor ’gan cur cho fada, feumaidh gu ’m bi a phris gle àrd an ùine ghoirid anns na bailtibh mora.
Bithidh sibh a gabhail iongantais gu’n do sgriobh mi gun naigheachdan a bhith agam, ach tha e ni’s fhearr a bhith gun naigheachd na droch naigheachd a bhith agam.
Bha mi gle thoilichte a dh’ fhaicinn dealbh a Ghaidheil bhig ’nur paipear,’ agus bithidh mi a sealltainn a mach airson tuilleadh dhe’n leithid a rithist.
CREAG AN FHITHICH.
Achadh nan Craobh, Lentran, Albainn, Februaraidh 9, 1898.
Bha teine ann an Charlestown, an Carolina a Deas, Di-satharna s’a chaidh, agus chaidh naodhnar a losgadh gu bàs.
[Vol . 6. No. 36. p. 2]
Mu ’n Luing-imrich “Polly,” 1803.
O’N BHEURLA, LE S. A. MAC ILLE-MHAOIL
(Air a leantuinn.)
An uine ghoirid rug an soitheach cogaidh air, agus ann an cainnt gun mhearachd thuirteadh ris gu’m feumadh e stad ar neo gu’m faigheadh e urchair a dheanadh dollaidh da ’shoitheach—agus b’ fheudar striochdadh. Chuir e ’chomhairle ris an Dotair agus ris na h-eildeirean ciod a b’ fhearr a dheanamh, agus ’se thuirt an Dotair gu’m b’ fhearr innleachd mheallaidh a dheanamh orra. Chomharlich e do’n chaiptean an sgioba chumail am falach cho maith ’s a b’ urrainn e, agus gu’n abradh esan riu gu’n robh fiabhras-luinge air bristeadh a mach am measg an luchd-turuis, agus gu’n robh e fior ghabhaltach agus bàsmhor. Bha ’n t-innleachd so ’sa mhionaid air a ghiùlan amach, agus ’nuair a thainig bàta an t-soithich-chogaidh ri taobh a “Pholly,” bha fior choltas tigh-eiridinn air flod oirre. ’Nuair a thainig an t-oifigeach air bòrd choinnich an caiptean e air mhodh iriseal agus umhail, agus an deigh fheorach carson nach do thilg e suas ’nuair a chaidh ordachadh dha, fhreagair e gu’n robh e ’n impis a bhi ’na bhoil, ’s nach robh fios aige gu de bha e deanamh. Thainig an Dotair a nuas agus dh’ innis e do’n chaiptean gu’n do bhàsaich neach eile de’n luchd-turuis, agus gu’n robh eagal mor air gu ’m bàsaicheadh tuilleadh mor dhiu. ’Nuair a chual’ oifigeach na luing-chogaidh so, thuirt e ris a chaiptean gu’n robh seoladairean a dhith air air son na luinge-chogaidh, ach gu’n tilleadh e an dràsd a dh’ innseadh d’ an cheannard staid na cuideachd anns a’ “Pholly.” Thaitinn so ro mhaith ris a chaiptean, agus chuir e air falbh aon de’n sgioba a bha air a bhi ann an gainnteir air son eas-umhlachd comhladh ris an oifigeach. Dh’ fhalbh an t-oifigeach, ’s ’nuair a rainig e an long-chogaidh thog i rithe siuil agus cha’n fhaca cuideachd a “Pholly” tuilleadh i. Gun teagamh shàbhail innleachd an Dotair iad o bhi air an glacadh agus air an cur ’gan aindeoin anns an arm-mhara—mar sin rinn e seirbheis mhaith do dh’ Eilein Phrionns’ Iomhair cho math ’s do’n luchd-turuis. Na’m biodh na daoine òga a bha air bord a “Pholly air an deallachadh bho ’n t-seann mhuinntir, cha bhiodh an diugh urad de theaghlaichean sona, sealbhach, anns an Eilein. Goirid an deigh do na tuiteamais a chaidh ainmeachadh tachairt bha ’m “Polly” gu luath a teannadh ri ceann a turuis. An deigh dha ’n fhear-ionaid a bhi beagan laithean ’na phriosanach chaidh a leigeadh mar sgaoil, ach bha e ’cumail air leith leis fein, na chuil bhig, far an do dhluth lean e air beachdachadh air a chuid leabhraichean-lagha. An uair a rachadh e suas air a chlar-uachdar dh’ fhanadh e as an rathad air a chaiptean, agus cha mho a bha toil aige a bheag a radh r’a cho-luchd-turuis. Ach mu dheireadh chunnacas fearann—an toiseach Newfoundland agus an sin Ceap Breatunn; agus a dol troimh Chaolas Chanso an uine bheag chunnacas fearann iosal Eilein Phrionns’ Iomhair, agus na craobhan air an Eilean mar gu’m biodh iad a fàs as an uisge. An ceann beagan uairean bha ’m “Polly” mu choinneamh nan tràighean bàna, agus gu h-aithghearr bha i mu’n cuairt airPoint Primagus thilg i a h-acaire anns an àite ris an canar an diughPort Selkirk,far an robh aig an Iarla da phios fhearainn anns an robh 20,000 acair ’s gach aon. Cho luath ’sa dh’ fhaodadh e an deigh do ’n “Pholly” Port Selkirka ruigheachd chaidh Alasdair air tii agus rinn e a rathad troimh ’n choille do Bhaile Shearlot, gun aige ach blàradh a bh’ air na craobhan bho ’n uair a bha na Frangaich a tuinneachadh ann. Cha robh Baile Shearlot aig an àm sin ach air gle bheagan de luchd-tuinneachaidh, ach b’e cathair an riaghlaidh e agus an sin bha suil aig an fhear-ionaid gu’m faigheadh e ioc shlàinte air son gach leon a fhuair e ’na inntinn, agus làn dioladh air son gach eucoir a rinneadh air. ’Se ’chiad rud a rinn e ’nuair a ràinig e fear-ceartais a ruighachd dh’ an do dh’ innis e a h-uile eucoir a rinn an caiptean air—mar a bha e air a phriosanachadh gu h-eucorach air a chuan. Fhuair e ’n sin gu oifig a phosda a bha air a chumail an uair sin le fearBenjamin Chappell, agus chuir e litir a dh’ ionnsuidhIarla Shelkirk, anns an do chuir e ’n céill gluasad a chaiptean ris an luchd-turuis an doigh uamhasach. Air an ath latha bha barrantas air a thoirt amach leis an fhear-ceartais ris an robh an gearan air a dheanamh, agus bha buidhean mhor de mhaoir-sith air an cur air falbh le bàta gus greim a dheanamh air a chaiptean ’s a thoirt do Bhaile Shearlot. ’Nuair a chunnaic an caiptean am bàta tighinn cha do ghabh e amharus sam bith, agus cho luath ’s a thainig iad air a chlàr-uachdar rug am fodh-shiorram air, a sealltuinn a bharrantais. Mar sin fhuair an caiptean e fein na phriosanach mu’n robh fios aige c’àite ’n robh e. Bha e ’n sin air a thoirt do Bhaile Shearlot agus air a chur ’sa phriosan. Le e bhi ’na choigreach, agus na cùisean a bha na aghaidh cho cudthromach cha’n fhaigheadh e urras, oir dh’ innis am fear-ionaid a naigheachd cho innleachdach ’s gur ann a bha muinntir a bhaile a’ creidsinn gur e spùineadair mara a bha ’sa chaiptean. Aig àm suidhe na h-ath chùirt fhuaradh ciontach e dhe na cùisean a bha na aghaidh, agus chaidh càin mhor a chur air, agus o nach robh airgiod aige chuireadh dha ’n phriosan e gus an d’ fhuair e seòl air fuasgladh.
Ach aig a cheart àm bha ’n Dotair a cur an luchd-turuis le ’n cuid treallaich gu tir, agus bha fearann air a shònrachadh do cheannardan nan teaghlaichean. Thuinich am fear-ionaid air dà chiad acaire a thug an t-Iarla dha, agus le dichioll neo-chumanta dh’ oibrich e gu buanachdail a réiteach an fhearainn. Bhiodh e a ’gabhail chùmhnantan bho ’n riaghladh agus bhiodh e a fasdadh dhaoine gu fosgladh raidean mora air feadh na dùthcha, agus bha e mar sin air a chùnntas mar urra mhor anns an eaglais agus anns an staid. Ach cha do lean e air a bhi na fhear-ionaid aig an Iarla an deigh dha tighinn do ’n Eilean—bha duin’ -basal eile a bha ni b’ fhearr air son a ghnothuich air a shònrachadh. An deigh beagan bhliadhnachan chaill am fear-ionaid a bhean ’s phòs e a rithist. Dh’ fhàs a theaghlach suas mu’n cuairt air, agus bha a ghabhail fhearainn a b’ fhear a bha ’san sgire aige. Ach dhùisg an spiorad cònspoideach a bh’ ann a rithist suas, agus thug sin léir-sgrios iomlan air. ’Nuair a reitich an luchd-àitich am fearann ’sa chaidh na h-achaidhean ni bu mho bhiodh deasboid aca air uairean nu na criochan, agus is ann le aon de na tagraidhean conspoid so a chaill Alasdair a chuid agus a thuit e ann an ainbhfhiach—cha deanadh na seanna laghannan a bh’ aige an Albainn feum sam bith dha, ’s mo a bha iad a deanamh de choire dha—agus mar sin chaill Alasdair laghail, mar a theirte, a chuid saibhreis. B’ eiginn dha am fearann a reic a phaidheadh gach costas; agus ghabh e crioman fearainn an àit iomalach far an do chriochnaich e a làithean.
(A’ chrioch.)
Cia mar a Chumar a Ghaidhlig Beo.
LE IAIN MAC PHAIDEIN, GLASCHU.
“ ’Bhi g a h-éisdeachd, ga labhairt, ’s ga seinn,
Ga leugh ’s ga cleachdadh ri ’r cloinn.”
Tha ’n sean-fhacal ag radh— “Gur a miosa na ’n t-uireasaibh tuilleadh ’sa choir,” agus air eagal gu ’m faod mise tuilleadh ’sa choir a radh air a chuspair so, cha ’n abair mi diog ach an da shreath a dh’ aithris mi cheana. Ach cuiridh mi sios briathran comhraidh mu ’n chuis, a chuala mi eadar da Ghaidheal. Tha ’n Gall a smaointinn nach eil da bheachd ann am measg nan Gaidheal, mu ’n Ghaidhlig a chumail beo, ach cha ’n e sud an aon bheachd cearr a th’ aig a’ Ghall mu ’n Ghaidheal. Tha ’n comhradh mar a leanas:—
“Tha latha math ann an diugh, Alasdair” “Cha’n eil mise ag radh nach ’eil a Dhughaill, mar a bheil toil do chomhsachadh agad.” “Ma ta, sann a comhsachadh a bha sinn, an uair mu dheireadh a thachair sinn.” “Cha rachainn idir an urras nach ann, ged nach eil cuimhn’ agam; ciod uime ’bha sinn a comhsachadh?” “Bha sinn a deispeireachd mu ’n Ghaidhlig, co dhiu bha e ceart no feumail i bhi air a teagasg anns na sgoilean, no nach robh, no co dhiu bha e chum buanachd sam bith do’n chloinn oig, iad a bhi air an oileanachadh ann an Gaidhlig cho math ri Beurla.” “Tha thu ceart a Dhughaill, tha cuimhn’ agam air a h-uile dad dheth sin a nis, ach mur a d’ atharraich thu do bheachd bh’ uaithe sud, ’sann a comhsachadh a bhitheas sinn an diugh cuideachd.” “Ach ged tha Alasdair, tha e cho furasda
[Vol . 6. No. 36. p. 3]
Ealasaid-a’ -chuain a chuir suas air charadh Beinn-neamhais, sa tha e thusa a chuir as na beachdan a ghabhas tu ann ad cheann.” “Cha ’n eil mise a Dhughaill a gabhail beachdan air a chuis so gu dannarra, ann am cheann no ann am chasan; ach tha mi leigeil le tuigse nàdair mo stiuradh ann an gnothaichean cumanta, direach air reir ’s mar a shaoileas mi a tha an tuigse sin ga m’ sheoladh, ’s cha chreid mi gur a cliu mor sin, do chreutair reusanta sam bith. Cha ’n fhaca tu bruid na machrach fein, riamh a ruith a dh’ iarraidh fasgath gu taobh na sion deth chnoch, no deth ’n gharadh-phloc. An d’ atharaich thu do bheachd air a chuis o ’n chunna mi roimhe thu?” “Cha d’ atharaich gu dearbh, thuirt mi roimhe e, ’s their mi fhathasd e: cho fad sa bhios sinn gu math dheth agus ann an deadh dhoigh, gur coma dhuinn de chànain a labhras sinn.” “Cha ’n eil teagamh agam nach faodamaid a bhi gu math dheth, agus ann an deadh dhoigh, ged nach biodh cànain idir againn. Bidh cuimhn’ agad air a bhalbhan bhàn; bha esan ann an deadh dhoigh fad a shaoghail, ged nach d’ thainig smid riamh as a cheann ach, ‘Bap ap pà pà thu. ’” “Tha cuimhn’ agam air a sin math gu leoir, ach faodaidh tusa do rogha doigh a ghabhail a chum a’ Ghaidhlig a chumail beo, ach theid a’ Ghaidhlig bas gun taing dhut.” “Theid sinne bas an toiseach a Dhughaill, ach cha d’ theid a’ Ghaidhlig bas gu brath, cho fad sa tha beinn, gleann, no srath an Albainn, an Eirinn agus ann an cuid de Shasunn do ’n d’ thug i an ainm, agus an dealbh toinnte anns an ainm sin.” “Faodaidh sin a bhith, ach tha tuilleadh a’s sin air fhilleadh a stigh anns na briathran: ‘A’ Ghaidhlig a’ chumail beo. ’” “Tha mi ag aontachadh leat ann a sin, tha gun teagamh, tha ioma cànain ann, agus ’se na bheil de bheatha annta, gu bheil iad air taobh nan duileag, a steineadh anns an Leabhar-lann, ach tha iad ann an da rireadh cho marbh ri corp spiosraichte ‘Nebuchadnezzar,’ ged a chladhaichte ’n uachdar a maireach e.”
“Agus gu de nis an doigh tha thu dol a ghabhail air a’ Ghaidhlig a chumail beo.” “Cha ’n e aon doigh idir, a dh’ fheumar a ghabhail gus a sin a dheanadh, ach ioma doigh. Agus se a cheud doigh, agus anns an dol a mach cuimhnichidh tu, gu bheil a h-uile doigh eile air a toinneamh ann, agus air a bonn-steidheachadh air; a cheud doigh: A nis o’n tha e againn air ughdarras Oileanaich cho ainmeil sa bha beo ’nar linn fein, gu bheil co-chordadh sonruichte, co-cheangal iongantach, is gann a ghabhas mineachadh, daonnan eadar cànain agus coslas na duthcha do ’n cànain i, ’se ma ta a cheud doigh air a’ Ghaidhlig a chumail fallain, cothrom a thoirt do shluagh na Gaidhealtachd air an teachd-an-tir fein a sholar, anns na glinn ’san d’ rugadh iad agus an sinnsearachd rompa; gu ’m bi cuisean air an atharrachadh o’n doigh anns a faca am bard Ileach iad, ’n uair thubhairt e.
“Cha chluinnear luinneag oighean,” gus an gabh e ’g radh ann an da riribh—
“Gu ’n cluinnear luinneag oighean,
Seisd nan oran air a chléith,
’S gu faicear seoid mar àbhaist
A’ cuir bair air faiche réidh.”
Sin agad an doigh air thoiseach gach doigh, gus a’ Ghaidhlig a chumail slan, fallain, feumaidh tu a chuimhneachadh gur h-ann a bha na Gaidheil ann am priosan o chionn linn; agus ged a rinn neach an sud ’s an so, uair na dha, obair mhor agus urramach ’s e ann am priosan, gidheadh cha ’n eil moran deth leitheadan sin a dol; agus cha chreid mi gu bithinn fada cearr ged theirinn gur h-i ’n smuain air uachdar gach smuain aig a mhor chuid deth na bheil sa phriosan air an latha ’n diugh— “Cia mar a gheibh mi crioman tombaca?” “Cia mar tha thu deanadh a mach Alasdair, gu ’n robh na Gaidheil ann am priosan?” “C’àit eile ’n robh iad, a Dhughaill? ’Se ’n t-ordugh a fhuair an duine air tus: ‘Deth uile chraobhan a’ ghàraidh ithe tu, ach an t-aon!’ Ach ’se ’n t-ordugh a fhuair an Gaidheal: ach tuige tu, cha b’e ’n aon neach a thug seachad an da ordugh; ’se ’n ordugh a fhuair an Gaidheal, “Cha ’n ith thu deth chraobh idir, cha bhi caora, gobhar, na meann agad cha dirich thu ’n bheinn ’s cha siubhail thu ’n sliabh, cha mharbh thu breac no bradan, cha bhean thu do dh’ fhiadh no do chirc-fhraoich, no ma bheanas; air an la sin siubhla tu, thu fein ’s do theaghlach; siubhlaidh; siubhail an domhain ma thogras tu, cha bhi thu ’n so.” “Dian air do shocair, Alasdair, tha ’n darna rud a tha thu ’g radh a diteadh an rud eile, cia mar a their thu gu bheil neach ann am priosan, ma tha cead a choise aige gus an domhain a shiubhal ma thogras e.” “Dian thusa air do shocair a Dhughaill, a chionn b’ fhearr le moran a bhi ann am priosan le muinntir an gaoil, agus an daimh, na bhi saor leis na coimhich, cha bu shaorsa leotha e, ach am priosan dubh.” “Faodaidh sin a bhith, ach, ’Cha truagh leam cu ’s marag mu amhaich. ’” “Dh’ fhaoidte nach truagh; mar do smaoinich thu riamh air brigh an t-sean-fhacail a thubhairt thu ann an sin, ach cha chreid mise gu ’m bi thu fada a smaointinn air ’n uair a chi thu gu ’m faodadh an cu dol bas leis an achdras, agus a mharag mu amhaich. Ged a tha ’mhor chuid deth na sean-fhacail a nochdadh firinn, gliocas agus tuigse; cha bhuin aon chuid dhiu sin do ’n t-sean-fhacal a thubhairt thusa. Ach cha robh a neach a thubhairt air tus e, ach ciontach ann an ni a dh’ fhaodadh a bhi cho cumanta na latha san ’sa tha e na ’r latha fein, ’se sin a bhi seanachas, gun a bhi smaointinn air de tha sinn ag radh. A nis sud agad a cheud doigh, agus mar a thubhairt mi cheana, bonn-stéidh gach doigh eile. Agus tha ’n ath doigh a toiseachadh anns an sgoil ach cha ’n eil e ri stad an sin. Tha mi cinnteach o na tha eolas agad air na sean-fhacail, gu ’n cuala tu an sean-fhacal, ‘ ’S obair latha toiseachadh. ’”
(Ri leantuinn.)
Roinn de Bhardachd na Gaidhealtachd.
[Chaidh am paipear so a leughadh o chionn ghoirid ann an Glaschu aig coinneamh Comunn Uidhist agus Bharraidh, le Mr Aonghas I. Moireastan, M A. ]
Mun teid sinn air aghaidh gu bhi rannsachadh na cuspair chudthromaich so, seallamaid an toiseach am bheil bàrdachd againn a dh’ fheudas sinn a rannsachadh. Eadhon ann ar latha fein, cia cho tric agus a chuala sinn a’ cheisd air a cur— “Ciod am feum tha ann a bhi cumail suas na Gaidhlig, cainnt mar a ta i, gun litreachas fhiachail sam bith?” Tha ’chasaid sin riamh air ar tòir o’n bhaDr . Johnson, leis gach gath cronail agus cumhachdach a b’ urrainn da chaitheadh, a tagradh nach robh aig Gael Albainn sgriobhaidhean foghluimte ri shealltainn, mar a bha aig Gael Eirinn. Dhàsan, bha a’ Ghàidhlig na cainnt neo-ghrinn agus neo-ealanta, agus air a labhairt le daoine fiaghaich agus allmhara. “Bha am bard,” ars’ esan, “na dhuine borb a measg dhaoine borba. Bha e tur aineolach e fein, agus bha comhnuidh a measg bhurraidhean aineolach.” Ciod ma ta a their sinn ris a’ chasaid so a a ta araon làn nimh agus suarachas; ris an spiorad naimhdeil so nach ’eil airidh air daoine tuigseach sam bith. Cha ’n ’eil sinne cho teth no cho dian-dhochasach ri cuid de ar luchd-duthcha a ta sealltainn ri Gàradh Eden mar chreathall na Gaidhlig.
Si labhair Adhamh ann am Pàrras fein
’S bu shiùbhlach Gàidhlig o bheul àluinn Eubh.
’Si an aon chanain, am beul nam bàrd ’snan éisg
’Si a’s fhearr gu caineadh o linn Bhàbeil fein.
Ach ged nach urrainn sinn sealtainn air ais cho fada sin, gidheadh cha’n fheud sinn cromadh sìos bho spògan ar naimhdean, agus aideachadh gu bheil ar cainnt neo-shnasmhor agus neo-fhoghlumte. Aidichidh sinn gu faoilidh nach ’eil ar bàrdachd air son aon mhionaid ri bhi air a coimheas ris na coimheasan luachmhor sin a ta air an tasgadh suas anns a’ Bheurla; ach air a shon sin ta sinn dearbh-chinnteach gu bheil ann ar bàrdachd fein, iomadh maise agus milseachd nach ’eil ri ’m faotainn ach innte fein a mhain. A rithist, chaidh a chur ás leth nam bard gu’n robh iad tur aineolach. Cha robh aca gu fortanach uibhir Laidionn ri Johnson. Bha iad cosmhuil ris a chàraid a thòisich air reusonachadh eatorra fein ciod bu chiall do Laidionn. Mhinich an duine i, mar rud eigin a ta ro-fheumail do fhear-deanamh uaireadairean. “Och cha’n e,” arsa ise, “ ’s e tha ann ni a dh’ ionnsaichear ’san sgoil.” Có dhiu cha d’ thainig iad gu co-dhùnadh, ciod bu bhrigh do Laidionn, agus thog iad an cùis gu “Màiri bhan”’ a bha san sgoil. “ ’Si Laidionn,” arsa ise, “am,” tha mi gràdhachadh, “amat,” tha esan a’ gràdhachadh “amatus” tha sinne a’ gràdhachadh. Fhreagair an duine gu h-ealamh “Ma ’se Laidionn
(Air a leantuinn air taobh 286.)
[Vol . 6. No. 36. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, . . . $1 .00
Sia miosan, . . . .50
Tri miosan, . . . .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher ’Mac-Talla,’
Sydney, Cape Breton
SIDNI, 4. MART, 1898.
Bha muinntir Ontario a’ taghadh pàrlamaid ùr Di-màirt s’a chaidh. Aig àm sgriobhaidh cha ’n eil fhios ro mhath gu de ’n taobh a fhuair buaidh. Tha naliberalsa’ deanamh a mach gu bheil deich a bharrachd aca-san, ach cha ’n eil sin ceart. Faodaidh gu bheil àireamh bheag a bharrachd aca, ach ’s àireamh gle bheag i. Tha naliberalsan dreuchd an Ontario o chionn còrr us fichead bliadhna, agus anns an ùine sin cha d’ fhuair iad riamh tilleadh cho mor ’sa fhuair iad air an turus so. Ach tha aon ni math anns an dùthaich so; ge b’e taobh a bhios a’ riaghladh, cha teid aca air a dhol ro fhada cearr gun a bhi air an cur ceart leis an t-sluagh, agus mar sin cha leig sinn a leas moran eagail a bhi oirnn gu ’m bi an dùthaich air a droch riaghladh. Faodaidh gnothuichean a bhi car leibideach ann an Ontario air sàileabh an da phàirtidh a bhi cho faisg air a chéile ann an àireamh; ach cha ’n eil fhios nach fhaod sinn a chluinntinn fhathast gu bheil gu leor aig aon phàirtidh gus a’ mhor-roinn a riaghladh gun a bhi ’n eiseamail na pàirtidh eile.
Feumaidh ar leughadairean ar leisgeul a ghabhail air son cho mi riaghailteach ’sa bha MAC-TALLA a tigh’nn a mach re an da mhios a chaidh seachad, agus air son an clò a bhi car cearbach air uairean. Mar a tha fios aca cheana, fhuair sinn inneal ùr chlo-bhualaidh mu Bhliadhn’ Ur, agus cha d’ fhuair sinn fhathast a cur air dòigh cho math ’s gu ’n dean i an obair mar bu mhath leinn i bhi air a deanamh. Ach tha sinn an dùil nach bi aobhar ghearain aig ar leughadairean moran na ’s fhaide. Bidh am paipeir a mach an deigh so air an latha àbhaisteach, agus tha dochas againn gu ’m bi an clo-bhualadh a’ dol na ’s fhearr gach seachdain.
Cha ’n eil fior mhoran a’ dol air adhart anns an Ard-phàrlamaid aig an àm so ach deasbud mu ’n rathad-iaruinn a thatar a’ dol a thogail do ’nYukon, agus cha ’n eil solus ùr sam bith ’g a chur air a chùis. Thuirt ceannardan nam pàirtidhean gu ire bhig na bh’ aca ri radh cheana, agus ged a bhios an deasbud air a leantuinn, cha bhi ’ga chumail air adhart ach na “daoine beaga,” agus mar sin bu cho math e sgur gu buileach. ’Se togail an rathaid so a chùis a’s cudthromaiche a thainig air beulaobh na pàrlamaid air a bhliadhna so; tha nithean eile ri tighinn a bhios a cheart cho airidh air deagh aire fhaotainn, agus cha ’n eil teagamh nach fhaigh iad sin. Tha e gle riatannach gu ’m biodh gach ni dhe ’n t-seorsa so air a dheagh rannsachadh mu ’n cuirear aonta na pàrlamaid ris, ’s mu ’n deanar lagh dheth.
Tha ’n rathad-iaruinn ris an canar an t-Intercolonial a nise air fhosgladh cho fada ri Montreal. Roimhe so cha robh e ’dol na b’ fhaide naLevisann an Cuibeic, agus bhiodh dragh mor aig luchd-turuis oir bhiodh aca an sin ri dhol gu Montreal air rathad eile. Ach rinn an Riaghladh air a bhliadhna s’a dh’ fhalbh pios rathaid a cheannach air am bheil iad a’ dol a ruith charbadan áLevisgu Montreal, agus a nise gheibh duine dhol eadar Halifacs us Montreal gun tigh’nn as an aon charbad. Nithear an turus eadar an da bhaile ann am beagan a bharrachd air seachd uairean fichead de thim. Bidh so moran na ’s deiseile ’s nas toilichte do luchd-turuis, agus a bharrachd air sin cha ’n eil teagamh nach toir e an rathad gu h-iomlan gu bhi pàigheadh na ’s fhearr na bha e roimhe so.
Bha Baile Shearlot, E. P. I., o chionn ghoirid a’ taghadh luchd-comhairle. Am measg chàch fhuair aon duine stigh d’ am b’ àbhaist a bhi creic deoch làidir gu mi-laghail. Bha e air a chur d’an phriosan air son na cionta sin gu tric, ’s thatar ag radh gu’n deanadh an ùine chuir e seachad anns n ionad-chòmhnuidh sin suas fhichead bliadhna ’nam biodh i air a cur cuideachd. Feumaidh gu robh fairtleachadh air muinntir a bhaile duine fhaotainn a ghabhadh an dreuchd ’nuair a chuir iad a leithid sin de dhuine stigh.
Ma tha thu gabhail MHIC-TALLA feuch nach dean thu dearmad air a phàigheadh. Cha ’n urrainn dhuinn am paipear a chumail riut a nasguidh. Cha ’n eil sinn ag iarraidh air a shon ach dolair ’sa bhliadhna, agus ’se’ar barail gur fhiach e sin. Mur eil thusa dhe ’n bharail sin cuir uat e gu buileach. Ach na bi ’ga ghabhail idir gu ’n a bhi ’ga phàigheadh.
Tha na buinn airgeid a tha aca ann an Corea anabarrach beag agus air fior bheagan luach. Gabhaidh e mile dhiubh gu fiach leth-chrùn a dheanamh.
BATHAR EARRAICH.
Deiseachan Fhirionnach air $3 .50, $4 .75 agus o sin suas.
Deiseachan Ghillean air $1 .75, $2 .60, $3 .00, $375 agus $4 .60.
Bathar eile a reir sin. Cha ’n eIl stor anns a’ bhaile anns am faigh thu BATHAR MATH cho saor.
Tormad Domhnullach,
SIDNI, C. B.
MacCoinnich & Co.
Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh
ANN AN LOUISBURG,
agus tha sinn aig an àm cheudna a’ cumail air adhart air an t-seann laraich,
ANN AN SIDNI.
Aodaichean Matha dhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.
Theid sinn an urras air an obair.
Mac Coinnich & Co.
H. D. Mac Ille-Mhaoil,
Stewartdale , C. B.
Cloth,Drogaid, agus Plaideachan “Eureka.”
Mu dheich air fhichead seor sa aodaich ’ga chreic.
Cloimh air a gabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige neo sgriobh uige.
C . H. HARRINGTON & CO.
Flur, Min, Ti agus Siucar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr.
Soithichean Glaine agus Creadha, math agus saor.
Brogan, Botainnean, Rubbersagus Caiseart de gach seorsa
’GAN CREIC SAOR.
[Vol . 6. No. 36. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Tha na giomaich a’ creic ann am Boston air fichead dolair am bocsa.
Dh’ fhalbh duin’ air fhichead áGlace Bayair an t-seachdain s’a chaidh, ’s iad a dol gu ruigeCrow ’s Nest Pass,far am bheil iad a dol a dh’ obair ann am méinn ghuail.
Cha d’ fhuair am “Bruce” a stigh do Shidni Tuath air an t-seachdain s’a chaidh gu Dior-daoin. Bha i ’n sàs anns an deigh fad da latha. Bha mu shia fichead duine aice air bòrd.
Bha an t-side anabarrach briagha air a mhios s’a chaidh: tha iomadh bliadhna o nach robh ceud mhios an earraich cho sitheil ’sa bha e air an turus so. Ach ged a bha e briagha againne, bha e doirbh gu leor ann an àiteachan eile.
Chaidh Rufus Welch, gille òg, aois choig bliadhn’ deug, air seacharan ann am BraighEconomy , N. S.air an treas latha deug dhe ’n mhios a dh’ fhalbh, agus fhuaras marbh e an ceann shia latha, àireamh mhiltean o dhachaidh.
Shearmonaich an t-Urr. I. F. Forbes ann an Louisburg la na Sàbaid s’a chaidh, agus an t-Urr. E. B. Mac Raing aig Aiseag Mhira. Shearmonaich an t-Urr. Iain Falconer ann an eaglaisSt . Andrew’s, agus an t-Urr. Uilleam Calder ann an eaglais Stràid Falmouth.
Chaidh duine dubh agus a theaghlach a mhort gu brùideil ann am baile beag an aon de na Stàitean a deas, an oidhche roimhe. Bha an duine dubh ’na phost-mhaighstir anns a’ bhaile; bha cuid de na daoine geala ’ga mheas mar thàmailt e bhi ’san dreuchd sin, agus thainig iad r’a bheatha. Cha deach ionnsuidh sam bith a thoirt air na mortairean a thoirt gu ceartas.
Cha ’n fhada gus am bi an acarsaid so air a cuartachadh le mèinnean guail, ’se sin ma gheibhear gual anns gach àite ’m bheilear a cladhach air a shon. Thatar an dràsda cladhach aigPoint Edward.Tha pailteas guail anns an talamh anns an t-siorrachd so, agus tha sinn an dochas nach fhada gus am bi mèinnean ùra air am faotainn ’s air an obrachadh.
Thatar a’ smaoineachadh gu ’m bi roinn mhor de dh’ obair air a dheanamh anns na mèinnean òir air feadh Nobha Scotia air a bhliadhna so, agus tha dùil ri barrachd guail a chur a mach á mèinnean Cheap Breatunn am blianhna ’sa chaidh a chur asda o chionn fhuda. A bharrachd air sin tha ’n obair iaruinn ri dhol air adhart, agus eadar gach ni a th’ ann tha dòchas aig daoine gu ’m bi a bhliadhna so ’na bliadhna shoirbheachail do Nobha Scotia ’s do Cheap Breatunn.
Chaidh fear Uilleam Domhnullach agus a bhean, a thoirt gu ceartas ann anOldham , N. S. ,o chionn ghoirid air son droch dhiol a rinn iad air nighinn bhig a bha fuireach còmhla riutha, nighean peathar no bràthair do ’n Domhnullach fhéin. Ghabh iad oirre cho dona ’s gu ’n do theich i do thigh coimhearsnaich. Chaidh cain fichead dolair an urra chur orra a bharrachd air cosguis, agus ’s bochd an gnothuch nach ceadaicheadh an lagh tùilleadh peanaist a dheanamh orra.
Chaidh duine ghlacadh aigLeitche ’s Creek,Dihaoine s’a chaidh, air amhrus gu ’m bu mhortair e. Chaidh fear Tòmas D. Newton, a bhean agus a nighean, a mhort ann am Boston beagan an deigh na Bliadhn’ Uire; theich am mortair agus cha d’ fhuaradh sgeul air uaithe sin. Is Gearmailteach am fear a chaidh a ghlacadh aigLeitche ’s Creek.Tha e anns a phriosan ann an Sidni Tuath, far am bi e air a chumail gus am faighear fios á Boston an e an duine tha dhith orra.
Chaidh tigh tuathanaich faisg airOrillia , Ontario, ’na theine air an t-seachdain s’a chaidh, agus bha a bhean ’s a thriùir chloinne air an losgadh gu bàs.
O chionn dha no tri sheachdainean, tha mèinn aReserveag obair dha no tri lathaichean ’san t-seachdain. Cha ’n aithne dhuinn gu bheil na mèinnean eile ri obair sam bith.
Chaochail an t-Ard-easbuig Cleary, ann anKingston , Ont. ,a sheachdain gus an dé. Bha e air aon de na h-easbuigean a b’ inbheiche anns an eaglais Chaitliceach ann an Canada.
Chaidh UilleamJones, duin’ òg a mhuinntir Chanaan, N. S., a mharbhadh air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e falbh air an rathad-mhor le lòd connaidh, agus chaidh an t-sleighe thairis. Fhuaradh esan fo ’n lòd agus e marbh.
Chaidh dithis dhaoine mharbhadh le tuiteam guail ann am mèinn Dhrummond, ann a’ Westville , N. S. ,Di-luain air an t-seachdain s’a chaidh. B’ainm dhaibhRobert Simpson, agus Andra Darrach. Chaidh dithis no triùir eile a ghoirteachadh.
Chaidh càraid a dhealachadh leis a chùirt ann a’ Halifacs air an t-seachdain s’a chaidh. Phòs iad o chionn cheithir bliadhna air ais, agus bha iad a fuireach cuideachd gus o chionn bliadhna. Cha robh esan ach naodh bliadhn’ deug, agus ise sia bliadhn’ deug, ’nuair a phòs iad.
Rainig ceathrar Fhrangach a bha ’g obair air an rathad-iaruinn ann anCrow ’s Nest Pass,baile Winnipeg o chionn beagan us seachdain air ais, ’s iad an deigh a h-uile ceum dhe ’n astar a dheanamh dh’ an cois. Bha iad air an rathad riamh o oidhche Nollaig. Cha b’ ioghnadh ged a bhiodh iad sgith.
Bha stoirm mhor shneachda ann am Cuibeic air an t-seachdain s’a chaidh—bha ’n sneachda cur gun sgur fad dha no tri lathaichean. Bha na carbad-iaruinn gun chothrom gluasaid fad na h-ùine sin, agus bha gnothuichean air an cumail air ais gu mor. Cha d’ fhuaradh litir no paipear á Montreal an so fad cheithir latha.
Tha Lyman Dartt ri bhi air a leigeil m’a sgaoil. Rinn Ministeir a Cheartais a mach nach robh dearbhadh sam bith air ciont’ a ghille, gur h-ann a bha gach ni a dearbhadh gu robh e neo-chiontach agus uime sin, tha an t-òganach ri bhi air a shaoradh. Tha ’san ainm gu ’n do dh’ aidich Dartt e chionn ghoirid gu ’m b’e a mharbh an duine, ach gu ’m b’ ann le tuiteamas. Bha e coiseachd troimh ’n choille ’s an gunna aig’ air a ghuallainn; thuit e agus loisg an urchair. ’N uair a thainig e dh’ ionnsuidh an rathaid fhuair e an duine marbh; ghabh e an t-eagal agus cha d’ thug e guth air a’ ghnothuch, an dùil nach fhaighte mach e. ’Si bharail choitchionn gu bheileas a’ deanamh ceart ann a bhi ’ga chur m’a sgaoil.
Bha soitheach mor Frangach d’ an ainm“La Champagne, ”air a toirt a stigh gu Halifacs, feasgar na Sàbaid s’a chaidh, an deigh dhi moran cunnairt agus ànnraidh fhulang a tigh’nn thairis air a chuan. Dh’ fhag iHavre, anns an Fhraing air an l2mh latha de Februaraidh, agus air an 17mh latha bhrist pàirt de h-innealan. Dh’ acraich i an sin, ach an la-iar-na-mhàireach bhrist an càbull, agus fad choig latha ’s choig oidhche bha i air a tilgeadh a null ’sa nall leis an stoirm. ’S ann air bancaichean Newfoundland a bha i, agus bha ceò gle thiugh ann. An ceann nan coig latha chunnacas soitheach no dha, agus tharruinn te dhiubh gu Halifacs i. Bha mu thri cheud de luchd-turuis oirre, agus bha iad gle thaingeil faotuinn gu tir an deigh gach deuchainn troimh ’n deachaidh iad.
BATHAR UR.
Moran de Churaicean Geamhraidh, eadar 10c. us $5 .00.
Brogan matha saor.
Ti mhath mar a b’ abhaist.
Beagan de Cheannachd Thioram.
Olla 25c. an galan; 5 galain air $1 .00.
NIALL DOMHNULLACH,
BADDECK , - - C. B.
J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsa ’s fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B.
BADDECK , - - C. B.
Airson a stor a dheanamh na ’s deiseile ’s na ’s feumaile dhaibhsan a tha ’deanamh gnothuch ris, tha
Albert I. Hart
a’ nise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh.Tha a’ chuid sin de ’n ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am Boston ’sanNew York.Gheibh iadsan a thig g’a h-ionnsuidh an
DEAGH RIARACHADH.
BADDECK , - - C. B.
LEABHRAICHEAN GAILIG.
Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
’Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10
Gaelic Class Book .35
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte.
Sgriobh gu
J . G. MACKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
“Sydney, C. B.
[Vol . 6. No. 36. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 283.)
gràdh, agus gradh Laidionn, cha robh feum ’sam bith agadsa air dol do’n sgoil; oir a tha nadur fein comasach air sin a theagasg.” Feudar a ni ceudna a radh mu thiomchioll a mhòrchuid do àr bàird. Fhuair iad an t-ionnsachadh sin a ta na aonar airidh air an ainm ann an sgoil naduir. A measg cnuic ghorm, mhaiseach an dùthcha, bha iad eadhon o’n òige ag òl suas iomadh leasan cudthromach o nàdur. Lion beuc na bras-shruth agus sealleadh na beanntaibh arda an cridhe agus an anam le gach ni a bha fior agus uasal. Ciod an feum mor a bha aig Rob Donn air ionnsachadh, fear ’s am bith a b’ urrainn rann orain a dheanamh ’nuair a bha e trì bliadhna dh’aois. Chuala sibh uile an eachdraidh roimhe, ach cha mhisde sgeul maith innseadh dà uair. B’e fasan an àite bhi còmhdach clann bheag mar a bha Rob, le gùn beag, smiorail agus e dùinte air a chùlthaobh. Fhuair ar bard òg fear dhiu sin, agus cia luath agus a dheirich e ’sa mhaduinn, bha e mar a bha coltach, deonach air a leigeil fhaicinn air gun na putain a dhùnadh; ’mach a leum e mar a bha e, gus an do choinnich a ’mhàthair e. An déigh dhi a chàineadh gu ciatach, fhreagair Rob air a shocair:—
“ ’S math dhòmhsa bhi ’n diugh gun aodach,
Le slaodaireachd Mhurchaidh ’IcNeill;
Mo bhroilleach chur air mo chùlthaobh
’S gun a dhùnadh agam fein.”
Tha an rann sin, a ta na obair iongaintach do aois tri bliadhna, na dhearbhadh druighteach air gu’n robh bàrdachd dualach do’n Ghael, araon anns a’ Ghàidhéltachd agus an eileanan na h-Alba. Cha’n urrainn fòghlum gu bràth gibhtean ùra a thoirt do neach agus cha bhàrd esan nach ’eil gu nàdurra na bhàrd. Ta cumhachdan inntinn anns an duine, eadhon mar a ta ceòl anns a’ chlarsaich. Ceart mar a ta ’n ceòl air a tharruing a mach as an inneal sin, ta fòghlum a leasachadh, agus cha’n ann a toirt seachad an tàlann a ta air siubhal an duine. Mar sin feudaidh obair nam bard bhi gle mhaith, ged nach faigh sinn annta an t-àrd-fòghlum sin air am bheil ar n-eascairdean an seilbh. Gun luaidh air a sin, cha robh na bàird cho aineolach agus a ta mòran ullamh gu bhi creidsinn; oir bha aig moran aca a bheag no mhor de ionnsachadh. Ach co dhiu bha gus nach robh ciod an gnothuch a ta aig daoine claon-bhreitheach breith thort air cànain dhe nach aithne dhoibh ni ’s mò na “cia mar tha sibh” agus sin gu neo-iomlan. ’Se an Gaidheal agus an Gaidheal na aonar, a’s urrainn a chànain agus a bhàrdachd fein a lan-thuigsinn, agus an sin a luach a mheas.
Tha obair nam bàrd air a sgaoileadh feadh se ceud deug bliadhna ach cha’n urrainn dhuinn ainmeachadh an so ach feadhainn de na na bàird a’s fearr, mar a ta “Oisein,” Donnachadh Bàn, Alasdair Mac Mhaighistir Alasdair, Rob Donn, agus beagan fhacail air bàird Uidhist againn fein. A fàgail a mach marbhrainn agus bárdachd sholaimte, feudar sgriobhaidhean a bhuidheann sin a roinn na ceithir earannan. Tha a cheud earann a labhairt air cogadh, an dara air fleadhan agus cuirmean, an treas air gràdh-dùthcha, agus an ceathramh air gaol.
Na’n òrain chogaidh, tha iad a luaidh air an sinsearan agus air an càirdean; agus dh’ fhàg iad againn cuimhneachain air an treubhantas nach caochail a chaoidh. Ta gaisgich Oisein air an dealbh air dhòigh a ta g’ar giùlan air aghaidh le furachas iongantach. Tha na bàird direach a toirt cùnntas dhuinn air euchdan anns am biodh iad fein glan ullamh gu bhi gabhail pàirt, le sunntachd agus smioralachd. Ma sheallas sinn ri bàird eile gu h-àraidh na Sasunnaich, chi sinn iad, mar gu’m biodh, a gabhail sealladh bradach air an nàmhaid o’n àite fasgaidh air an t-sliabh, agus a feuchainn ri ar n-inntinn a ghluasad eadhon mar a bha an glùinean fein a gliocarsaich leis an eagal. Air an laimh eile, ta sgriobhaidhean nan Gaidheal làn de bhlàthas, agus an cainnt a reir an treubhantais a ta iad a cur an céill. Bha a chuid mhor dhiu na’n luchd leanmhuinn dhùrachdach air taobh nan Stiubhartach. Bha MacCodrum, ar bàrd urramach fein, gu teth air taobh a’ Phrionnsa agus cha do chaill a riamh a mhisneach nach biodh na Stiubhartaich fathast air an crunadh. ’Na “Oran mu’n Eideadh Ghaidhealach” chunnaic e sealladh air Gaidheil ghranmail, sgeadaichte ’san fhéileadh, a gluasad gu stàtail mu gheataibh Lunnainn, an deigh dhaibh Righ Deòrsa a thilgeadh bhar na righ-chathrach. Ach tha MacCodrum agus Donnachadh Bàn ag ionndrainn an fhéilidh a chaidh a thoirt uatha le Achd Parlamaid, pailte cho mor ris a Phrionnsa. ’Se Mac Mhaighstir Alasdair na aonar do ’m bheil cogadh mar anail a bheatha, agus ’se a’s garga gu mor dhe na bàird.
Tha an òrain fleadhach no cuirmeach gu bitheanta a gabhail taobh blàth ri “Mac-na-Braiche,” cha’n ann a’ chionn gu bheil iad tartmhor; ach do bhrìgh agus gu bheil e maith, agus gun dean e cairdeas ni’s diongmhalta. Tha ’n greadhnachas cridhail; oir cha bhi mulad far am bi ’m botul. Ta e na
“Ghille beadarrach sùgach,
Tha ’na chleasaiche lùghor;
’S ro maith bhreabadh an t-ùrlar,
Agus a thionndaidh gu briosg.’
Cha’n ’eil cuimadh no spiocaireachd ri bhi ann, agus ta leth-stopan agus ni sam bith coltach ri ’stuaim air an cronachadh. Air leò gu bheil am beatha uile gu leir air a dheanamh nis taitniche; agus cha’n ’eil iomradh idir air ciod e toradh a mi-stuaim. Gu de’n gnothach tha acasan ri smuaintean mu thiomchioll an latha maireach. “ ’S leor do gach là olc fein.” Tha chuideachd chridheil a sgaoileadh, cha’n ann do bhrìgh agus gu bheil nis leòr aca cheana, ach—
“O’n shuidh sinn cho fada,
Agus a dh’ ol sinn na bh’ again,
’Si chòir dol a chadal,
O’n thainig an t-am.”
Cha’n ’eil an so ach aon taobh de obair nam bàrd. Tha chuid mhòr de’n bhàrdachd Ghaelach dubhach agus muladach, mar gum biodh buaidh mhairennach aig na h-òrain sin a ta ’seinn mu dhoilghios agus àmhghar, ’nuair a ta òrain eutrom agus sporsail ullamh gu bhi air an dichuimhneachadh air ball. ’S ann a measg nam bard Uidhisteach a gheibhear a cheud oranaiche a ghabh mar phriomh chuspair aoireadh agus spors. Tha “Gille na ciotaig” gu ceart air sealltainn suas ris mar a neach is àirde agus is cleasanta dhe na bàird. Tha “Aiseirigh Iain Ruaidh” agus a “Sgiobaireachd” anabarrach uile geur-fhaolach agus sgaiteach agus aig an aon àm làn de spòrs agus aiteas. Cha’n ’eil ’aoirean cho àrd ri “Piob Dhòmhnuill Bhàin” aig Mac Codrum; oir a ta ’n t ughdar sin ach gu beag cho cumhachdach ri Mac Mhaighstir Alasdair. Tha briathran MhicCodrum glan agus eireachdail agus saor o’n anacainnt a ta gu tric taruinn eas-urram air mòran dhe na bàrd, agus a ta obair a leigeadh ris an làn uachdranachd a bha’ige thairis air a chanain fein. ’Nuair a leughas sinn a leabhar, ’se am faireachduinn a’s làidire a ta againn gu bheil na focail ionngantach ceart. Tha sinn a faotainn toil-inntinn cha’n ann anns na dealbhan a ta e tarruinn ach anns no briathran anns am bheil e ga ’innseadh féin.
A measg dhaoine teò-chridheach mar a ta na Gaidheal feudaidh duil a bhi againn air iomadh luinneag a ta luaidh air ar dùthaich mheasail fein. B’ urrainn doibh a gràdhachadh eadhon mar bhana-charaid chaomh. Tha gràdh an dùthcha treibhdhireach agus onarach, gu tric ag amharc air ais air glòir na tim a dh’fhalbh le osna throm, agus ghearanach. Am foun druighteach, ta iad a cur an céill duinn maise nan gléann san robh iad òg, ach a nis a fulang iomadh caochladh. Tha iad a labhairt gu tric air companaich an òige. Cait’ am bheil iad a nis? Ta iad aon chuid a fulang tàire, no air siubhal do thir na dichuimhne. Tha iad a faireachduinn gu bheil eadhoin aghaidh nan gleann a nis gruamach agus mi chaoimhneil. Ta iod a caoidh gu bheil na h-uile ni diombuan agus siubhlach agus tha iad a dianthogradh air son rudeigin a ta maireanach. Tha an òrain làn do chaoidh os ceann cleachdaidhean Gaidhealach a ta nis air seargadh air falbh; agus a ta ’m bròn folaiseach ’nuair a ta iad a seinn air na fogarraich a rinn aite do “fhéidh agus do chaoraich bhana.” Bha an doilghios ni bu mho air dhoibh mothachadh nach robh iad ach a breabadh an aghaidh cùisean a bha do leasaichte. ’Nuair a sheinn iad air an tìr fein, bha ’n cridhe cur thairis agus an inntin agus am bodhaig làn do spionnadh. Tha an cunntasan dealbhach agus an sealladh maiseach agus sòlasach. Am “Beinn Dòrain” agus “Coire-cheathach” chi sinn na h-àiteachan fa chomhair ar sùil, pailt cho maith agus ged a bhitheamaid ri ’n taobh. Anns a chuis so feudar an t-ùghdar sin a chùr air an aon suidheachadh ris an
[Vol . 6. No. 36. p. 7]
fheadhainn a’s fhearr do na bàird Ghalda. Tha storas cainnt araon cliù-thoilltinneach agus do-thraoghagh; agus a ta e gnàthachadh samhlaidhean lionmhor le teòmachd chomharraichte. Do na bàrdaibh, b’e Ghaidhealtachd tir na maise ann an geimhlimh. Eadhon MacCodrum, ta e coimheadh ni thir fein, mar dhara Pàrras. Lom, fuar, ged a bha i, ghràdhaich e i leis an urram sin a’s cubhaidh do mhac dligheach a thoirt do mhàthair fein. Fhuair e na machraichean germa, pailteas maisealachd a bha comasach air seasamh an àite blàth na craobh; agus a coimhead thairis air a neo-ghoireasachd bha i dhasan na
“Tir nan curaidh, tir nan cliar,
An tir bhiachar, fhialaidh, mheasail,”
Thig sinn a nis a dh’ ionnsuidh an earann mu dheireadh agus is mo de ’r bàrdachd, an earrann sin a ta labhairt air gaol. Tha òrain ghaoil a deanamh suas a chuid mhor de litricheas na Gàidhealtachd. Tha iad mar so fior do’n fhacal-aithris gu bheil am bàrd de gach creutair talamhaidh, gu h-àiridh mothachail air gaol. Tha an obair a leigeadh ris gu’n robh iad tur-eòlach air gach cuisle a ta beantuinn ris a chridhe. ’Se gaol na aonar an aon chùis mhor, a ghabh iad ris ’n uile chridhe agus a sheinn iad, le sòlas ro-bhlasda. Ta an duanagan air am measgachadh le milseachd, bàighealachd agus dùrachd nach ’eil ri ’m faotainn ann am bàrdachd sam bith eile. Ta an tàladh neo-chiontach, an cronachadh ciuin agus am brìodal milis leis an robh suiridhe nam bàrd air a cur air aghaidh, pailt cho feumail ’san là ’n diugh, agus ’se so an reusan gu bheil na h-òrain sin, ged a tha iad ceudan bliadhna a dh’ aois, cho ur agus a bha iad riamh. Cha’n urrainn do ’n t-sean-ghille a’s cruaidhe cridhe an leughadh, gun bhi cur as a leith fein gu’n robh e gu ruige so fuar agus mi-chàirdeil. Tha MacCodrum na aon de ’n chuideachd bheag sin nach do sgriobh luinneag ghaoil. Bha tuilleadh ’sa chòir de mhnathan aige gu bhi leigeadh dhuinn bhi creidsinn gu robh a chridhe dùinte do shaighdean “Chupid.” Ach o aobhar air choir-eigin, co-dhiu bha maighdeanan Uidhist ni bu neo-thruacanta na feadhainn eile no bha ’m bàrd tuilleadh a’s diongmhalta gu bhi air a ghiulan air falbh le gaol a theid as an t-sealladh mar dhealt fa chomhair grian an t-samhraidh, cha ’n eil iomradh sam bith againn air leannanachd a rinn esan. Maille ri moran eile de na bàird bha boidhchead nan oighean air a cur sios ann ann cainnt mhilis agus bhlasda. Dh’ fhairich Bob Donn tha e gle choltach, beagan de’n tinneas cridhe so. Mheall Annag an òr-fhuilt bhuidhe e agus ruith i air falbh le saor sgiobalta o’n taobh deas agus sheinn e ’na àmhghar, “Is trom leam an àiridh.”
Tha fios maith nach robh Annag mhealltach so riamh toilichte an déigh cridhe a’ bhàird a mhilleadh, agus bu bhliadhna leatha gach latha anns an taobh deas. Bha aig Mac Mhaighstir Alasdair a Mhorag fein, ged a bha e posda. Cha’n ioghnadh leinn ged a dh’ fhàs a bhean eudmhor ’nuair a chual i am bàrd a labhairt le tàir air an “t-snuim a dh’ fhanas ’s nach tréig,” agus a leig e ris a dhorran gu robh e idir air a cheangal leis na “bànntaibh daingein” sin. Ach ’se Donnachadh Bàn, “Burns” na Gaidhealtachd, agus tha “Mhàiri Bhàn Og” anabarrach coltach ri Màiri a’ bhàird sin. Feudar an t-òran sin aig Donnachadh Bàn a leughadh taobh ri taobh ris an òran is fhearr a ta ’sa Bheurla. An so tha e dòirteadh a mach smuaintean sona agus gaol iongantach a leannain. Tha e coimeas a chene ri “reull na maidne,” sguab de ’n ire fhior-ghlan chruineachd, géug fo bhlàth o ’bàrr gu talamh a lùb mi farasda nuas. Bha ’h-anail cho curaidh ri ùbhlan meala, deud geal iobhraidh agus a “briodal blàth,” agus a “mànran milis.” Tha i eadhon iomlan na pearsa agus na nàdur.
“Cha ’n eil cron r’a àireamh ort,
O’d bhàrr gu sàil do bhròige.
Ach ciallach, fialaidh, fàbharach,
Air fiamh a ghàir an còmhnuidh.”
Bha Donnachadh ’nuair a choinnich e ri Màiri, bochd na chrannchur ged bha ise an seilbh air crodh-laoigh air son a tochraidh. Dh’ fheuch Donnachadh truagh ri leith-sgeul a bhochdainn a ghabhail, le bhi toirt seachad mar aobhar orra, deoch-làidir, bainnsean, tiodhlacan d’a leannan, agus eutromachd na h-òige. Ach cha robh feum air leith-sgeul. Bha aig Màiri Bhàn cridhe tuilleadh ’s coimhneil agus nàdur tuilleadh is grinn gu bhi coimhead sios air a fear gaoil a chionn gu’n robh e gun stòras, gun bheartas. Tha an t-oran uile, o thoiseach gu dheireadh, làn maise agus feudar coimhead air mar an t-òran is briagha agus is treibhdhiriche a tha againn ’sa Ghaidhlig. Sin, mata, a bhàrdachd a tha an Gaidheal re iomadh bliadhna a seasamh agus a moladh an aghaidh gach sgèig agus tarchuis leis an robh i gu ruige so air a meas; agus a ta sinn a tagradh gu bheil againn ionmhasan litreachail a ta airidh air tir nam beann. Tha spiorad na bàrdachd fathast beo ’nar measg, agus a nis ’nuair a ta iomadh duilgheadas leis an robh na seana bhàird mhiosail air an teannachadh a nis air an cur as an rathad, tha sinn a coimhead romhainn air son ath-ghineamhuinn fhior air a’ bhàrdachd Ghàidhealach.
Deagh Theisteannas.
Bha duine ann am baile beag anns an t-seann dùthaich ris an canadh iad Uilleam Bàn, agus cha bu duine e air an robh deagh chliù no moran meas. Ach aon samhradh a bha ’n sin thog e air gu dhol air imrich do dh’ America. Fhuair e mach nach fhaigheadh e falbh mur toireadh na coimhearsnaich deagh theisteannas dha, agus chaidh e mu’n cuairt le paipear air son iad sin a thoirt dha. Bha na coimhearsnaich dho deònach e ’n duthaich fhagail ’s gu’n d’ thug iad fior chliu air, gach aon ’na dhòigh fhéin. Cha do chuir am moladh a rinn iad air uiread ioghnaidh air duine ’sa chuir e air Uilleam Bàn fhéin, agus air dha an teisteannas a leughadh agus àireamh mhor ainmean ris, thuirt e— “Ma ta, cha robh mi smaointeachadh gu robh mi cho measail so idir. Cha’n eil mi ’n dùil nach ann a dh’ fhuiricheas mi far am bheil mi.” Agus ’se fuireach a rinn e.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG—Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
Ioseph A MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.
Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C. B.
THA EARBSA
aig daoine ann am maidsichean Eddy— ’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha coltach ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum.
Tha ’n t-ainm so na urrais air mathas.
—THE—
E. B. EDDY Co., Limited,
Hull, Canada.
[Vol . 6. No. 36. p. 8]
Mo comhnuidh taobh an t-Sail’.
DE IAIN MAC PHAIDEIN, Ughdar an “Eileanaich.”
Cha ’n fhuirich sruth ri bàta,
Cha ’n fhuirich là ri rìgh,
Na bliadhnachan ga ’r fàgail
A dh’ aindeioin spàirn ’us strì;
Ach ’s tric gheibh m’ inntinn tlàths,
’S mo cridh’ o fhuarachd blàths,
Ann an cuimhne caidir m-òige,
’S mo chòmhnuidh taobh an t-sàil’,
Air iomadh uair ’s mi ’m ònar,
Na ’n cròilein chi mi ’chlann,
Le greum air oirb an còtain.
A còmhlachadh nan tonn,
A beadradh ris na still,
’Us còbhrag stoth na mill,
Gur a cuimhne caidir dhòmhsa
Mo chòmhnuidh taobh an t-sàil’.
’N uair dhìrinn ris an stùcan,
O ’m faicinn lùb a chaoil,
O ’m biodh am bàta stiùradh,
’S i giùlan luchd mo ghaoil,
Le toradh cuain ’us àdh,
Gu ’m buannaicheadh i ’m bàdh,
Gur a cuimhne caidir dhòmhsa.
Mo chòmhnuidh taobh an t-sàil’.
I tighinn ri fuaradh ealamh,
Fo iùil nan gallan suairc’,
Air nach cuir geamhraidh ainneas,
Air nach cuir gaillionn fuachd,
Spriot o ’sròin na deann,
Ròlag gheal fo ceann,
Gur a cuimhne caidir dhòmhsa.
Mo chòmhnuidh taobh an t-sàil’.
Be ’n solas còmhradh eagailt’,
’S a chomhlan gheanail, ghrinn,
Bu taitneach sgeul o’n aithris,
No duan le caithream binn,
Toirt aileal dheth na bh’ ann,
’O chian an tir nam beann,
Gur a cuimhne caidir dhomhsa.
Mo chòmhnuidh taobh an t-sàil’.
’N uair a thilgeadh beinn a duthar,
Air coill fo ’duilleach gorm,
Dé dh’ fhàgadh m’ inntinn dubhach,
Dé chuireadh mulad orm?
’S mo leannan caomh ri m’ thaobh,
Leinn fhéin fo sgàil nan craobh,
Gur a cuimhne caidir dhomhsa.
Mo chòmhnuidh taobh an t-sàil’.
Mar chuairt feadh chluan nan dìthean,
Tha chuimhn’ do m’ inntinn tlath,
Ged ’s tric mo chridhe ’g innseadh,
Nach till sud ruinn gu bràth.
Mo bheannachd leis na bh’ ann;
An tir nan sruth ’s nan gleann,
Gur a cuimhne caidir dhòmhsa.
Mo chòmhnuidh taobh an t-sàil’.
Faodar an t-òran so a sheinn ri fonn“Annie Laurie. ”
An Gille Dubh, Ciar-dhubh.
LEIS AN DOTAIR MAC LACHLUINN.
’S truagh nach robh mise,
’S an gille dubh ciar-dhubh;
An aodainn na beinne
Fo shilleadh nan siantan
An lagan beag fasaich,
’Nan aiteigin diamhair,
’S cha ghabh mi fear liath
’S e tighinn fo m’ ùidh.
Dh’ òlainn deoch-slàint’,
A ghille dhuibh chiar-dhuibh
Do dh’ uisge nan lòn,
Cho deònach ’s ge b’ fhion e,
Ged tha mi gun òr,
Tha ni ’s leòr tigh’nn g’ am iarraidh,
’S cha ghabh mi fear liath
’S e tighinn fo m’ ùidh.
Mo ghille dubh bòidheach,
Ge gòrach le càch thu;
Dheanainn do phòsadh,
Gun deòin da do chàirdean;
Shiubhlainn leat fada,
Feadh lagan a’s fhàsach,
’S cha ghabh mi fear liath,
’S tu tighinn fo m’ ùidh.
Mo ghille dubh laghach,
’S neo-raghainn leam t-fhàgail,
Na ’m faicinn an cuideachd thu,
Thaghainn ro chàch thu;
Ged’ fhaicinn cùig mìl,
Air chinnt gur tu b’ fhearr leam,
Cha ghabhainn fear liath
’S tu tighinn fo m’ ùidh.
’S luaineach mo chadal,
Bho mhadainn Di-ciadain
’S-bruileanach m’ aigneadh,
Mur furtaich thu chiall mi.
’S mi raoir air dhroch leabaidh,
Cha’n fhad gus an liath mi,
’S an gille dubh ciar-dhubh,
Tighinn fo m’ ùidh.
Och! och! mar tha Mi.
Och! och! mar tha mi ’s mi ’nam aonar,
A’ dol troimh ’n choill far an rabh mi eòlach
Nach fhaigh mi àit’ ann am fhearann dùchais,
Ged phàighean crùn air son leud mo bhròige.
Neo-bhinn an fhuaim leam a dhùisg á m’ shuain mi,
’S e ’tigh’nn a nuas orra o chruaich na mòr-bheinn—
An ciobair Gallda, ’s cha chòrd a chainnt rium,
E ’glaodhaich thall ri cù mall an dòlais.
Moch maduinn chéitein an àm dhomh éirigh,
Cha cheòl air gheugan, no geum air mòintich,
Ach sgreadail bhéisdean ’s a chànain Bheurla,
Le coin ’gan éigheach ’cur féidh air fògar.
An uair a chi mi na beanntan àrda,
’S an fhearann àigh ’san robh Fionn a chòmhnuidh,
Cha ’n fhaic mi ann ach na caoraich bhàna,
’Us Goill gun àireamh ’sa h-uile còdhail.
Na gleanntan ciatach ’sam faighteadh fiadhach,
’Us coin air iallan aig gillean òga,
Cha ’n fhaic thu ’n diugh ann ach ciobair stiallach,
’S gur duibhe ’mhiaran na sgiath na ròcais.
O, chaidh gach àbhaist a chur air fuadach;
Cha chluinn thu gruagach ri duan no òran;
Nach bochd an ni e gu ’n shearg ar n-uaislean,
’S na balaich shuarach ’nan àitean-còmhnuidh!
An uair a chi mi na lagain àluinn,
’S a h-uile h-àiridh ’dol fàs le còinnich,
Fo bhadain chaorach le’n uain ’gan àrach,
Cha ’n fhaod mi ràdhtainn nach b’fhàidhe Tòmas.
Grace Darling
Leth-cheud bliadhna ’sa h-ochd air ais, air an 7mh deSeptember, shàbhailGrace Darlingagus a h-athair, le ’n tréine, naodhnar dhaoine o bhi air am bàthadh. Tha ’n obair sin, sàbhaladh-beatha a dol air adhart fhathast, agus tha K. D. C. a’ deanamh a chuid fhein. Is e bhi slàn an dòigh a’s fhearr air son a bhi fior shona.
Tha stamagan neo-fhallain a’ deanamh dhachaidhean agus dhaoine mi-shona, ge b’e àite ’n faighear iad. Gheibhear cuideachadh, faochadh, agus leigheas do stamagan neo-fhallain ann an K. D. C. Feuch e. Tha e air a shàr-mholadh.
ThaK D C Pillsanabarrach math air son tinneasan cuim.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar duthcha tha ’nar beachd
NIALL Mac FHEARGHAIS,
Taillear.
SIDNI - - - C. B.
$1 .00 air 80c.
Tha tuilleadh ’sa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dh’ airgead. Thig mu ’m bi ’n t-am seachad agus
FAIGH BARGAN.
McDonald Hanrahan & Co.
Sidni, Iulaidh 16, ’97.
C’AIT AM FAIGH MI?
Saibh, Glasan, Luaidhe, Sgeinein, Lainntearan, Sguabaichean, Paipear-tearra, Paipear-tubhaidh.
Olla, Fudar, Glaine, Siosaran, Tairnean, Bucaidean, Tuaghannan.
GHEIBH AIG
C . P. MOORE,
Sidni, C. B.
title | Issue 36 |
internal date | 1898.0 |
display date | 1898 |
publication date | 1898 |
level | |
reference template | Mac-Talla VI No. 36. %p |
parent text | Volume 6 |