[Vol . 6. No. 37. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE 11 MART 1898. No. 37.
Eachdraidh nan Caimbeulach.
(Air a leantuinn.)
Thainig GILLEASBUIG, am mac bu shine aig a cheathramh Iarla, ’stigh an ait’ athar. Tha e air a radh gu ’n robh e na dhuine aig an robh àrd-bhuadhan inntinn. Bha e ’na theachdaire righ an cuirt na Frainge anns a bhliadhna 1559. ’Nuair ’thainig Ban-righ Màiri air ais o’n Fhraing anns a bhliadhna 1561, bha Earraghael na bhall de ’n Chomhairle Uaignich aice. Mar bu trice, ’s e taobh na ban-righ a bha e gabhail a measg gach aramach ’us ceannairc a bh’ ann, riamh gus ’n do phòs i Bothwell. Sheas e n uair sin taobh na feadhnach a ghabh cùram de ’n oighre òg, nach robh aig an àm ud ach na leanabh. Thug a bhan-righ suas an crùn an deigh cath Charberi Hill, anns a bhliadhna 1567. Ach an deigh sin an uair a thuig Earraghael gu ’m ’ann ga h-aindeoin, ’s nach b’ ann idir ga deòin a rinn i sin, thug e ionnsuidh threun air a cur a ris na suidhe air a chathair rioghail. ’S e bu sheanailear air feachd na ban-righ an aghaidh armachd an Tainisteir Muireigh an cath Langside, anns a bhliadhna 1568. Ach chaidh an là ’na aghaidh, agus b’ eigin do ’n bhan-righ teicheadh do Shasuinn. An deigh mort Iarla Mhuireigh, ’s e Iarla Lenocs bu Tainisteir car ùine, agus na dheigh-san Iarla Mhar. Rinn Mar Earraghael na Ard-oifigeach cuirte(Lord High Chancellor) ,dreuchd anns ’n do chleachd ’se e fhéin le mor dhichioll ann an toirt mun cuairt sith am measg maithean Alba, ni anns an robh tomhas maith do shoirbheachadh aige. Bha e pòsda da uair: an toiseach ri nighean neo-dhligheach a bh’ aig Righ Seumas V., agus a ris ri nighean Iarla Ghlencairn; ach cha d’ fhag e sliochd. Chaochail e anns a bhliadhna 1575. Thainig a bhràthair,
CAILEAN, thun na h-oighreachd ’na àite. B’ esan an siathamh Iarla. Bhuineadh an tiodal, Iarla Bhuchain, da mu ’n d’ fhuair e oighreachd Earraghaeil. Bha mor chùram aige do ’n Phrionns’ òg, oighre chrùin, agus bha e fhein agus maithean eile iarrtanach air gum faigheadh e foghlum a bhiodh freagarrach air son ’inbhe mar phrionnsa rioghail. Chuir iad e mar sin fo chùram an duine ainmeil agus an ard-sgoilear sin Seòras Buchanan mar oid’ -ionnsuich. ’Nuair thainig Righ Seumas gu fearachas cha d’ dhi-chuimhnich e do Earraghael gach caoimhneas a fhuair e uaithe ann an laithean oige. ’Nuair a fhuair e riaghladh na rioghachd na laimh fhein ghabh ’se e a stigh do ’n Chomhairle Uaignich, agus, bliadhna no dha an deigh sin, shuidhich ’se e na Ard-oifigeach Cuirte, dreuchd a bha aige gu àm a bhàis. Bha e posda da uair: an toiseach ri ban-Stiubhartaich, nighean Morair Methbhen, ach cha d’ fhag i clann aige. Bha e ’n dara uair posda ri banntrach Sheumais, Iarla Mhuirigh, an Tainistear, bho ’n robh dithis mhac aige, Gilleasbuig an t-oighre, agus an Ridire Cailean Caimbeul, na Lundi. Chaochail an seatheamh Iarla anns a bhliadhna 1584.
Thainig GILLEASBUIG a mhac, na aite mar an seachdamh Iarla. Bha esan na sha shaighdear agus na iochdaran dileas do Righ Seumas. Bha e air a chur as leith na Morairean Huntli, Angus agus Errol, gu ’n robh iad ag ullachadh gu eirigh ann an ceannairc an aghaidh an righ gu ’n robh Righ na Spainne ga’m brosnachadh air aghaidh anns a chuis so. Chaidh a chuis a rannsachadh agus fhuaradh ciontach iad do ard-fhoill. Chaidh an sin Earraghael agus Morair Forbes a chur le armachd air son an cur a mach as an cuid oighreachdan. Tha e air a radh nach robh toil aig Earraghael lamh idir a chur san obair so, ach nach duraiceadh e an righ a dhiultadh. Gheall an righ dha na bha de dh’ fhearann aig Huntli an Loch-abar mar dhuais air son a shaothrach. Rinn Huntli ’us cach gach dichioll air iad fhein a dhion. Thainig Earraghael orra le seachd mile saighdear, a measg an robh, a bharrachd air a chinneadh fhein, Cloinn Illeain agus muinntir eile as na h-eileanan an iar. Bha na saighdearan so air an armachadh, cuid le gunnachan, cuid le boghachan-saigheid, cuid le claidhnean, agus cuid le tuaghan Abrach. ’S e marc-shluagh a bh’ aig Huntli cha mhor air fad, agus, a thuilleadh air sin, bha sia gunnacha mora aige leis an d’ rinn e droch sgath. Ach ’nuair bha na h-eich suas aodann a chnuic air an robh feachd Earraghael air an tarrainn a mach, thug na h-Earraghaelich ’s na h-eileanaich rotach gharbh sios uca ga ’n cur a measg a cheile gu h-olc, ’s a cur iomadh fear ri làr. Ach a thaoch ’s nach robh spicean aca gu iad fhein a dhian o na h-eich b’ fheudar dhaibh an ruaig a ghabhail. Sheas am batal mu dha uair. ’S e cath Ghlinnlibhet a theirear ris. Bha so anns a bhliadhna 1594. An deigh so dh’ fhag Huntli agus a chompanaich an dùthaich. Anns a bhliadhna 1603 bha Gilleasbuig a cogadh ris na Griogaraich, agus anns a bhliadhna 1614 ris na Domhnullaich. Ann an 1617 fhuair e coir o’n righ, air Cinntire. (Tha Cinntire aig ’na Caimbeulaich o’n uair sin). Chuir e seachad àireamh bhliadhnaichean an seirbheis righ na Spàine. Chaochail e an Lunnainn anns a bhliadhna 1638. Bha e pòsda da uair; an toiseach ri nighean Iarla Mhorton, bho ’n robh mac aige, Gilleasbuig an t-ochdamh Iarla, agus ceathrar nighean. Bha e rithist pòsda ri ban-Sasunnach, bho ’n robh mac agus nighean aige.
(Ri leantuinn.)
Facail a Loch Ainslie.
A CHARAID: —Bho’n tha mi gun mhoran agam ri dheanmh an dràst tha mi cur g’ ad ionnsuidh beagan naidheachdan bho’n chearn so dhe’n dùthaich.
Chaidh each fiachail le fear MacIlleathain a mhuinntirAmhuinn Mhargaree a bhàthadh anns an Loch faisg air bun na h-Aimhne an là roimhe. Bha e air falbh air turus aig balach nach robh eolach air an deigh. Bu choir do dhaoine ’bhi na b’ faiceallaiche mu ’n deigh na tha iad.
Tha a mhuillein sabhaidh a bha na tamh an so fad a gheamhraidh a nis air toiseachadh air obair a ris, agus a reir coltais b’ fheaird i an fhois a fhuair i re na h-ùine sin.
Tha obair na h-olla a dol air adhart gu làidir agus tha sin a deanamh feum mor do ’n choimhearsnachd. Iadsan nach eil ag obair air anderricktha iad a deanamh connaidh air son anenginea tha gu tighinn an ùine ghoirid.
Bha réis each ac’ an so Di-ciaduin, ach leis gu’n robh an latha cho stoirmeil cha do dh’ fhiach ach dithis—each le Iomhar Caimbeul, a Scotsville, agus each le fear Johnson a mhuinnttir Nobha Scotia. ’Se each a Chaimbeulaich a ghleidh.
Tha sinn toilichte a chluinntinn gu bheil Ailean MacAoidh a bha tinn fad a gheamhraidh a dol beagan am feabhas. Ged tha an geamhradh briagha, tha moran de thinneas ’san aite.
Slàn leat an dràst. Is mi do charaid,
AN GILLE DONN.
Màrt 4., 1898.
Cha’n eil aig naLiberalsann am pàrlamaid ùr Ontario ach aon duine bharrachd air na tha innte de luchd-pairtidhean eile.
[Vol . 6. No. 37. p. 2]
Cia mar a Chumar a Ghaidhlig Beo.
LE IAIN MAC PHAIDEIN, GLASCHU.
(Air a leantuinn.)
“ ’Bhi ga h-eisdeachd, ga labhairt, ’s ga seinn,
Ga leugh ’s ga cleachdadh ri ’r cloinn.”
A nis, ma ta, tòisichidh sinn anns an sgoil, agus anns a cheud dol a mach, gu ’m bi e air a dhaingneachadh ann an lagh, ’s ann an riaghailtean na sgoiltean, gu feum a h-uile neach a tha ’g iarraidh gu bhi na mhaighstir sgoil, ann an sgireachd Ghaidhealach, a nochdadh gu bheil Gaidhlig aige; agus gu bheil e comasach air a teagasg. Biodh seachd cànainean eile aige ma thogras e, ach ged a bhiodh seachd-deug aige, ’s e gun Ghaidhlig, cuir na coin ris thar na crìche. Agus aon uair ’s gu ’m faic thu gu bheil a maighistir sgoil comasach air Gaidhlig a theagasg, an sin thoir duais do na h-uile neach a thoilleas e, a’s fearr a dh’ ionnsaicheas i, ann a bhi ga leughadh, ga h-aithris, ga sgriobhadh, no ni sam bith eile a ghabh as deanadh innte, a tòiseachadh aig an leanaban a’s òige, gus an ruig thu a mhaighdean no ’n t-òganach a tha deas gus an sgoil fhàgail.”
“Ach c’aite ’bheil thu dol a dh’ fhaotainn nan duaisean Alasdair, ’s gann gu’n iarradh tu fein, gu ’m biodh an rioghachd air càin a chuir oirre, air son duaisean a thoirt do chloinn, a chionn iad a bhi na sgoileirean math Gaidhlig.” “C’àite ’bheil thu faotainn nan duaisean, a Dhùghail, no na càin ma thogras tu, a tha cheana a dol a thoirt sgoil agus oilean do chlann na rioghachd, tha an iompaireachd ma thogras tu, cho fada ann an comaine a Ghaidheal ’sa tha i ann an comaine an t-Sasunnaich, an Eireannaich, an Innseinich, no neach, no sluagh, no cinneach eile, taobh a stigh da criochan; o’n a’s e a h-uaill nach laigh a ghrian oirre, cuimhnicheadh i gur iomadh boinne deth dh’ fhalus, agus deth dh’ fhuil a chaill an Gaidheal ga cuir am farsuingeachd. Ach tha ioma dòigh air an gabh na bheir duaisean seachad faotainn, gun dol a chuir càin air neach sam bith ach na ’s miann leis fein a chuir chum an aobhar sin. Chuireadh e ioghnadh ort, gu de na duaisean a ghabhadh toirt do chloinn anns a’ Ghaidhealtachd, leis na bheil sinn a cost gu ar coire, ann an aon seachdain deth ’n bhliadhna. Tha seanfhacal eile a tigh’n a stigh an so moran ni ’s firinniche na ’n t-aon a thuirt thusa, ’se sin, ‘Nithear càrn mor deth chlachan beaga,’ agus a bharrachd air a sin, dh’ fhaodadh cùisean eile a dh’ aimnicheas mi, a bhi air atharrachadh seach mar a tha iad. ’Se tha mi ciallachadh, gu bheil Gaidheil air uairean a dianadh am fortain anns an t-saoghal so, cosmhail ri daoine eile, agus a rithist direach mar dhaoine eile feumaidh iad an saoghal so fhagail, agus am fortan fhagail anns an t-saoghal, far an d’ fhuair iad e. A nis chi sinn am bitheantas anns na paipeirean mu dheighinn nan dileab a dh’ fhag na daoine sin,; chi sinn tromlach na codach a dol gu càirdean agus luchd-daimh, agus tha sin ceart gu leoir, ’se mo bharail. An sin chi thu dorlach cheud a dol an sid, agus tri mile dol an so, tri puinnd Shasunnach a dol gu minisdeir sgireachd anns a Ghaidhealtachd; an sgireachd anns an d’ rugadh am fear nach maireann; gu bhi air a roinn ann am min air na bochdan. Agus ged nach eil ni agamsa an aghaidh an aiteannan a fhuair na miltean ga ’m faotainn, ’s math leam ac’ e, ’s math an airidh air iad; ach tha direach rud beag tuilleadh ’sa chòir deth dh’ eadar-dhealachadh eadar tri mile agus tri puinnd Shasunnach. Ach nach do dhi-chuimhnich am buidileir Iosaph? ach air a shon sin, fhuair Iosaph á sas an deigh a h-uile rud a bh’ ann. A nis o’n a tha ’n ath doigh air an robh mi fada breanachadh air a toirt suas cheana leis a Chomunn Ghaidhealach aig a Mhòd bhliadhnail, cha ruig mi leas dad a radh uimpe, mar a h-abair mi ris a Chomunn fein, mar thuirt am bodach ri mhac, ‘ ’S òg d’ iomairt!’ agus faodar a chuimhneachadh, gu ’n robh a mac fein deich agus tri fichead bliadhna a dh’ aois ’n uair a labhradh na briathran ud ris, agus ma bhios an Comunn daonnan a dol am feabhas mar a tha iad o’n a thòisich iad, gus a ruig iad an aois a rainig am mac ud, faodaidh iad obair mhor a dheanadh; ach thugadh am fear a tha na sheasaibh an aire, gun fhios nach tuit e, tha na buairidhean laidir agus lionar air gach taobh do ’n Chomunn. Tha Comunn an deigh Comunn ga ’n cuir air bhonn o chionn corr agus deich bliadhna fichead; ’se Gaidhlig agus a bhi Gàidhealach ‘Crioch àraid gach Comuinn,’ a Ghaidhlig agus a litreachas air toiseach a’ chlàir innsidh, an t-àite-suidhe urramach ri bhi aice aig gach còmhail a bhios aig a Chomunn, ach ma theid thu dh’ ionnsaidh nan coinneimhean aca, chi thu gu ’n d’ fhuair an t-seana bhean an t-aite suidhe a’s fhaisge air an dorus, agus na cuireadh e ioghnadh sam bith ort, ged a chi thu gu ’n d’ fhuair i taobh a muigh an doruis uile gu leir. Agus o’n as e sin doigh nan seann Chomunn, tha e gle chunnartach gu ’m faod an Comunn òg tuiteam ann am buaireadh, a chionn ’se ’m fior cheatharnach—cha ’n e a fear a thogas a dhòrn ’sa bhuaileas fear eile, agus a leagas e dheanadh seann làir bhàn sin le ’cois—ach se’m fior cheatharnach, an neach sin a shlaodas e fein á clàbar làthaich an droch cleachdaidh. Ach co dhiu tha aon bhuidheann beag eile ’n ar measg do ’n d’ thugainn tuille misnich agus duais cuideachd: ’siad sin clann a tha air an àrach ann am bailtean mora far nach eil a bheag deth Ghaidhlig air a chluinntinn.” “ ’S iad clann pharantan Ghaidhealach a tha air an togail am bailtean mora na h-airde deas a bhios tu ciallachadh, Alasdair.” Cha ’n eil teagaibh nach e clan pharantan Ghaidhealach a bhios anns a mhor chuid dhiu, ach ged a bhiodh am pàrantan Innseinich, agus an craiceann fein cho dubh ri foid mòna, bheirinn an duais dhoibh nan toilleadh iad i; cha ’n e tha mi ciallachadh, gu ’m biodh iad air am feuchainn ann an sgriobhadh no ann an leughadh ach ann an réidh sheanachas ’n uair a rachadh gairm orra ann an làthair na muinntir sin a bha ri breath a thoirt orra.” “Faodadh tusa a bhi bruidhinn Alasdair, agus bi tu ann an sin de sam bith de theirear riut air an atharrachadh, ach cha ’n eil mise faicinn de math mor a tha e dol a dheanadh dhuinn a bhi cumail cuimhne air ranndachd ’us seann sgeulachdan, obair bhàrd, ’us bhuachaillean ’us daoine diomhain eile a b’ abhaist a bhi siubhal nan gleann ’s nan cnoc an deigh treud agus iad a deanadh dia deth ’n treud a bh’ ann a sin; na leughadh daoine am biobull, agus an aire thoirt air an gnothach, se moran a b’ fhearr dhoibh, na bhi dol air boil an dràsd’ sa rithisd an deigh nithean ùr, agus ’n uair nach faic iad rud ùr ni iad rud ùr deth ’n t-seann rud.” “Dian thusa rud beag air do shocair, a Dhùghaill; an àm dhuit a bhi faodainn air d’ each thoir an aire nach d’ theid thu thairis air, na bàird, na buachaillean ’s na daoine diomhain sin, mu ’n robh thu labhairt agus mar a thuirt thu, a bha deanadh dia deth ’n treud a bha fo ’n cùram, nach b’e ’n treud sin an cuid deth’n t-saoghal, agus an teachd-an-tir; agus am bheil thu smaointinn gu ’n robh iad a deanadh dia deth ’n treud ni ’s mo na tha sinne a deanadh air an latha ’n diugh, deth cheaird no deth ghnothach eile, troimh ’m bheil sinn a faotainn ar beolaind, no ar beairteas. Co dhiu se sin a bhi leagha geire, a bleath chnàmh, no toinneibh tombaca; agus na ’m bi tusa leughadh a bhìobuill mar a tha thu a comhairleachadh do dhaoin’ eile bhi deanaibh chitheadh tu ’n uair a dh’ iarradh air an Ti sin aig a bheil an t-sùil uile léirsinnich, neach a thaoghadh gu chuir na righ air a shluagh taoghte fein; gur h-e ’m bàrd agus am buachaille a thaogh e chum na dreuch. Cha ’n eil an t-Uile chumhachdach glaiste eadar da chlàr a bhiobuill, ged is taisbeanadh air e, ’s biobull fosgailte aghaidh na cruinne gu leir. Ach tha mi cosmhuil ri balach beag a rachadh a chuir air thuras, ged dh’iarrte air cabhag a dheanadh, rachadh e thar an rathaid-mhoir a h-uile uair a chitheadh e tom-smiar. Ach co-dhiu, dh’ ainmich mi dòigh na dha, a chuidicheas gus a’ Ghaidhlig a chumail beo, slan, agus tha iomadh doigh eil ann nach d’ ainmich mi idir. Agus ged nach laigh a ghrian ud shuas an nochd orrasan uile leis an caomh i, ’s ged a sgaoileas i a meanglain ni ’s faidhe na rinn e riamh, ma chailleas i a bun, agus a freumhan a th’ ann an Gaidhealtachd na h-Alba, cha ’n eil e nadarra, gu ’n sgaoil na geugan ni ’s faide. A chionn mar thuirt mi anns an dol a mach, tha e agam air ughdarras, anns nach urrainn sinn teagamh a chur, gu’m bheil comh-chordadh sonraichte eadar cànain agus an dùthaich do an cànain i, agus mar dhearbhadh air a sin, cha ’n eil neach aig a bheil cluas, mu ’s fhiach i cluas a radh rithe, nach d’ thoir
[Vol . 6. No. 37. p. 3]
fuaim na Gaidhlig na chuimhne sàmhchair bheannaichte nan gleann; ’n uair a tha i tighinn ann an rèidh sheanachas, o neach ri caraid, neach gaoil no daimh; tha i gu ciùin, maoth, tlusmhor mar cronan nan allt, le dranndan caoin, ’s le dùrdan milis troimh na cluaineagan fraoich. Mar oiteag chiùin na h-oidhche bhlath, ’san òg shamhradh ’s i luchdaichte le toradh, ’s a siubhal gu seamh troimh ’n doire, ’sa cuir duilleach beò nan geug dosrach, gu seinn mar chòisir chiùil. No ma tha i tighinn ann am mòrachd eallantais a suas, o bhilean an ùr-labhraiche, am feadh ’sa tha chridhe làn, ’sa cuir thairis deth ’n chuspair a tha e sparradh air a luchd éisdeachd; tha i ’n sin mar dhoinneann nam beann a bualadh ri aodann na stallachan borb, mar fhuaim ruagh-thuil na meallan, troimh ’n ghleann san amhain fo cirean, a sguabadh a bruach, ’sa spionadh nam preas, a tha i giùbhlan, a dannsadh air a broileach gu cuan.
’Nis cuim gu leigeadh Albainn bàs,
A cànain àluinn shaor,
’Sa liughad uair ’sa theich an nàmh,
Roimh iolach àrd nan laoch.
Do ’n ionnsaich i, o’n òig’ air tùs,
Le teagasg, ’s grùnnd a rann.
Nach faiceadh eascaraid an cùl
Aon uair ’s gu ’n rùisgte ’n lann.
Co chainnt a’s guamaiche na beus,
A freagairt gleus nam pong,
Gu gaol na h-òige ’chuir an ceill
An duanag réidh le fonn?
Co chainnt is drùidiche na càch
Bheir deòir ’us fasgadh shùl,
A brùchdadh anam’ aig Cathair gràis
An làthair Righ-nan-diul?
(A’ chrioch.)
SGEULACHDAN ARABIANACH.
VII. —SINDBAD AN SEOLADAIR.
CAIB. IX.
An uair a bha mi ’smaointean gu ’n robh am bàs dlùth dhomh, chuala mi bhith ’togail na cloiche bhar beul na h-uamha, agus anns a’ mhionaid leigeadh sios corp firionnaich. An uair a bhios daoine ’nan eiginn tha e nadarra gu leor dhaibh oidhirp a thoirt air nithean a dheanamh nach eil aon chuid ceart no cothromach. An uair a leigeadh sios a’ bhean, chaidh mi far an robh a chiste anns an robh i, agus cho luath ’s a thug mi an aire gu’n do chuireadh a’ chlach air beul an tuill, thug mi dha no tri de bhuillean matha do ’n truaghan bhochd anns a’ cheann le cnaimh mor a bha faisg air mo laimh, agus ghrad mharbh mi i. Rinn mi an gniomh cruaidh chridheach so a chum gu ’m faighinn greim air am aran ’s air an uisge a bh’ anns a chiste maille rithe, agus mar so bha agam de bhiadh na chum beo mi fad beagan laithean. Mu’n am ’s an do theirig am biadh so dhomh, leigeadh sios boirionnach marbh agus firionnach beo. Mharbh mi esan mar an ceudna. Gu fortanach dhomhsa, bha moran a’ basachadh anns a’ bhaile aig an am, agus bha mi ’faotainn de bhiadh air an saillibh na bha ’gam chumail beo.
Aìr latha araidh chuala mi coiseachd agus seideil faisg orm. Ghabh mi far an robh mi ’cluinntinn fuaim na coiseachd; ach an uair a thainig mi dluth do ’n chreutair a bh’ ann, theich e air falbh ’s e seideil na bu chruaidhe na bha e riamh. Lean mi e cho math ’s a leigeadh an dorcha leam. Stadadh e an drasta ’s a rithist; ach an uair a dh’ fhairicheadh e mi ’tighinndluth dha, theicheadh e air falbh. Bha mi ’g a shior leantuinn gus mu dheireach an d’ thug mi an aire do runnag sholuis. Rinn mi direach air an t-solus. Uair a bhiodh e ’nam shealladh, agus uair nach bitheadh. Mu dheireadh an uair a thainig mi dluth dha, rinn mi ’mach gur ann troimh tholl a bh’ anns a chreig a’ bha e tighinn. Bha ’n toll cho mor ’s gu ’n rachadh duine ’mach troimhe socair gu leor.
Stad mi aig beul an tuill a leigeadh manalach, oir bha mi air mo chlaoidh gu mor. ’Na dheigh sin chaidh mi ’mach air an toll, agus ciod a b’ iongantaiche leam na mi fhein ’fhaotainn air bruaich a’ chladaich. Bha aoibhneas do-labhairt orm. Is gann gu’m b’ urrainn mi a chreidsinn nach e bruadar a bha mi ’faicinn. Ach an uair a thug mi cuisean fa near, agus a dh’ aithnich mi gu ’n robh mi saor o ’n chunnart anns an robh mi, thuig mi gur e an creutair a bha mi ’leantuinn, creutair a bha tighinn as a’ chuan, agus a bha ’dol a steach do’n toll a dh’ itheadh cuirp nan daoine marbha.
An uair a ghabh mi beachd air a bheinn, thuig mi gu’n robh i eadar a mhuir agus am baile. Bha ’n cladach cho cas mor-thimchioll orm ’s nach robh e ’n comas dhomh air chor sam bith faighinn as an aite ’s an robh mi. Leig mi mi-fhein air mo ghluinean far an robh mi, agus thug mi taing do Dhia air son a throcair. ’Na dheigh sin thill mi steach do ’n toll a dh’ iarraidh an arain ’s an uisge a dh’ fhag mi ann. Dh’ ith mi biadh le barrachd toil agus tlachd na rinn mi o ’n latha ’chuireadh anns an t-slochd mi.
Thill mi rithist a steach do ’n t-slochd, agus ged nach robh runnag sholuis agam, chruinnich mi am measg nan cisteachan-laidhe moran de dhaoimein ’s de sheudan ’s de chlachan-luachmhor ’s de gach ni eile bu luachmhoire na cheile a thachair rium. Phaisg mi na nithean so gu curamach ann an aodach a fhuair mi am measg nan corp, agus cheangail mi iad gu teann cruaidh leis na cuird leis am biodh iad a’ leigeadh sios nan cisteachan do ’n t-slochd. Chuir mi iad air bruaich a chladaich, agus bha mi ’feitheamh feuch an tigeadh long an rathad a bheireadh air falbh mi.
An ceann da latha chunnaic mi long a’ tighinn a mach as an acarsaid. O ’n a bha ’n soirbheas car ’nan aghaidh, b’ eiginn dhaibh a bhi beiteadh. Uair dhe na h-uairean thainig iad cho dluth air an aite anns an robh mi ’s gu’n do mhothaich iad dhomh a’ glaodhaich ’s a’ smeideadh orra. Ghrad chuir an sgiobair bata ’g am iarraidb Thuirt mi ri sgiobadh a’ bhata gu ’n do bhristeadh an long air an robh mi beagan laithean roimhe-sid, agus gu’n deachaidh agam air mi fhein agus am bathar ’a shabhaladh. Gu fortanach cha do chuir iad teagamh sam bith anns na thuirt mi riutha; agus gun dail sam bith thug iad gu bord na luinge mi. An uair a chaidh mi air bord, bha ’n sgiobair gle thoilichte gu ’n do shabhail e mi; agus o ’n a bha ’inntinn suidhichte air a ghnothuichean fhein, cha do chuir e teagamh nach robh na dh’ innis mi dha na seoladairean agus dha fhein fior gu leor. Ged a thairg mi dha cuid dhe na seudan a bh’ agam, cha ghabhadh e iad.
Sheol sinn seachad air caochladh eileanan. Is e Eilean nan Glag a theirear ri aon dhe na h-eileanan so. Tha e mu astar deich laithean seolaidh o Cheidhlon, agus mu astar shia laithean o Chalabar, far an deachaidh sinn air tir. Tha mein luaidhe, craobhan siucair, agus camfor anns an aite so.
Tha righ Chalabair ’na rìgh saoibhir, cumhachdach, agus tha Eilean nan Glag fo ’riaghladh. Tha ’n luchd-aiteachaidh ’nan sluagh anabarrach fiadhaich, agus bidh iad ag itheadh nan daoine. An uair a rinn sinn reic is ceannach anns an eilean so, sheol sinn, agus thaghail sinn ann an caochladh bhailtean puirt eile. Mu dheireadh rainig mi Bagdad agus saoibhreas mor agam. Cha ruig mi leas mion-chunntas a thoirt dhuibh m’ a dheidhinn.
Mar chomharradh air mo thaingealachd do Dhia air son a throcairean, thug mi earrann mhath dhe m’ mhaoin seachad a chum na bochdan a bheathachadh, agus taighean-aoraidh a chumail suas; agus bha mi cur seachad na h-uine le subhachas maile ri m’ theaghlach agus am measg mo chairdean
An uair a chuir Sindbad crioch air eachdraidh a cheathramh turuis a ghabh e, dh’ aidich a chuideachd gu leir gur i a b’ iongantaiche gu mor na eachdraidh na’n tri tursan eile. Thug e ceud bonn oir do Hindbad, agus dh’ iarr e air tighinn an la-iar namhaireach aig an uair ghnathaichte, gus a dhinneir a ghabhail comhladh ris, a chum gu ’n innseadh e mar a thachair dha air a choigeamh turus a dh’ fhalbh e a sheoladh. Ghabh Hindbad agus na h-aoidhean eile an cead dheth, agus dh’ fhalbh iad.
Air an ath latha thainig iad aig an am dhineireach, agus an uair a bha ’n dinnear seachad, thoisich Sindbad ri cunntas a thoirt dhaibh air mar a thachair dha air a’ choigeamh turus a dh’ fhalbh e sheoladh:—
“Chuir gach solas agus toil-inntinn a bha mi ’mealtuinn as mo chuimhne moran dhe na trioblaidean agus dhe ’n mhi-fhortan troimh ’n deachaidh mi, agus mar sin, bha mi cho toileach ’s a bha mi riamh gu falbh a rithist a sheoladh. Cheannaich mi bathar gu leor, agus an uair a chuireadh air deigh e, dh’ fhalbh mi leis do ’n bhaile-puirt, bu deise dhomh long a bhith agam dhomh fhein a chum nach bithinn ann an eisiomail sgiobair sam bith. Dh’ fhan mi anns a’ bhaile
(Air a leantuinn air taobh 264.)
[Vol . 6. No. 37. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, . . . $1 .00
Sia miosan, . . . .50
Tri miosan, . . . .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher ‘Mac-Talla,’
Sydney, Cape Breton
SIDNI, 11 MART, 1898.
AFRICA .
An uair a chiosnaich na Breatunnaich Arabi aigTel -el- Cebir, chuir iad Baring, d’ an ainm a nis am Morair Cromar, mar uachdaran thar tir na h-Eiphit. Is e gu cinnteach, duine fuasach glic, cumhachdach, gasda a tha ann an Cromar. Is maith agus is ro-mhaith a fhuaradh e ann an saorsa, ’s soirbheachadh, ’us ceartas fhaotuinn agus aisig air ais do na h-Eiphitich bhochda ’bha air am pronnadh re iomadh ginealach fo chasan ardanach, an-iochdmhor namPashas. Is gann a’s urrainn duinn a chreidsinn gu robh e comasach do Chromar teoma, duineil, seasmhach—ged tha e an tomhas iongantach—atharrachadh co mor agus co maith a dheanamh anns gach cuis, ’us lagh, ’us àbhaist a bhuineas do ’n Eiphit. Is ann an aghaidh moran stri ’us diulgheid, a chaidh aige air fortain aghmhor a chosnadh do ’n Eiphit. Bhitheadh e ’na ni gasda do ’n Chedibhe ’s do luchd-comhairle uaibhreach, nam b’ urrainn iad crioch a chur air ughdarras Chromair agus Bhreatuinn, agus dol air an ais gus na h-abhaistean mosach, bruideil a nochd, agus a chleachd luchd-leanmhuinn Mhahomaid, ann an riaghladh na h-Eiphit. Dh’ innis Cromar uair no dha do na daoine’ feineil, iargalta so, gu cuireadh e iad fein agus an Chedibhe maille riu, as an dùthaich gu buileach, mur fanadh iad samhach, agus mur tugadh iad aire cheart, churamach doibh fein. Is ann aig Cromar, —ciuin, glic, laidir mar tha e,— ’tha an t-ughdarras a’s modha anns an dùthaich gu leir. Agus c’arson nach bitheadh a’ chumhachd a’s airde aig Cromar, a’ seasamh mar tha e, ann an àite ’s ann an ainm Bhreatuinn? Nach e fuil, ’us feachd, ’us ionmhas Bhreatuinn a choisinn saorsa do ’n Eiphit ann an latha muladach a h-airc? Gu de ’rinn Frangaich no Gearmailtich airson na h-Eiphit, am feadh a bha i gun treoir, gun bheatha, gun dochas? Tha rioghachdan na Roinn-Eorpa ’n an ceap-tuislich do Chromar anns gach gniomh a tha e ’deanamh le cridhe togarrach, onorach anns an Eiphit. Tha iad an drasd’ agus a rithist a’ glaodhach a mach c’uin a tha Breatunn ’dol a dh’ fhagail na h-Eiphit? Feumaidh na Breatunnaich ann an uine ghearr an tir ud fhagail. Tha ann am Breatunn fein daoine amaideach a bhitheas a’ togail na ceisde cheudna. Cha ’n eil cabhag air bith air luchd-riaghlaidh Bhreatuinn tir na h-Eiphit a threigsinn. Is e ’tha ’n am beachd gu fan iad gu brath anns an Eiphit, agus gu teid iad air an aghaidh le comhnadh Chromair agus iomadh seirbhisich ealanta, tapaidh eile, ann an tuille sith, ’us sonais, agus beannachaidh a bhuileachadh air na h-Eiphitich. Tha ’n tir aosmhor so ’fas laidir agus beartach. Tha claisean ùra air an cladhach trid am bheil e comasach feum a’s modha ’s a’s fearr a dheanamh de leasachadh pailt na h-Aimhne Nile. Cha robh riamh barrachd daoine ’gabhail comhnuidh anns an Eiphit, agus cha robh soirbheachadh ’us gnothuich na dùthcha ann an uidheam a’s fearr o’n bha Ioseph ’na uachdaran anns an tir.
Bhuineadh roinnean farsuing a tha mu thuath de ’n Eiphit dise, anns na bliadhnachan a chaidh seachad. Rinn na daoine borba, fiadhaich a tha ’g aiteachadh nan ionadan ud, aramach eagalach ann an laithean Arabi. Chaidh an ceann-feadhna iomraiteachGordon, le cead ’us ughdarras Bhreatuinn gu Cartoum, a chum ’s gu cuireadh e crioch air aramach an t-Soudain. Cha do shoirbhich leis, ged bha e gaisgeil, aghartach, curanta. Cha tug Gladstone comhnadh dha ann an àm, agus air an aobhar so, chaidh an ceannard mor, foghainteach a chur gu bas leis a’ Mhahdi ’s a shaighdearan borba. Tha Cromar agus feachd na h-Eiphit ’us saighdearan ’us ceannardan Breatunnach a’ toirt buaidh an deigh buaidh anns na Roinnean a tha mu thuath de ’n Eiphit. Is e Citchener, Eirionnach easgaidh, calm’, treubhach, a tha air ceann an fheachd; agus da rireadh, tha gach ni ’cinntinn leis gu h-aluinn. Cha ’n fhada gus am bi suaicheantas na h-Eiphit agus Bhreatuinn a’ crathadh anns an t-soirbheas fo bheul naNilegu ruig nan lochan far am bheil tus a turuis. Tha dochas laidir agam fein gu bheil beachd nan daoine ceart a tha ’cumail a mach gu bi ann an uine ghearr coir ’us sealbh aig Breatunn air a h-uile ceum de ’n astar a tha eadar an Eiphit agus ceann mu dheasAFRICA .Cha’n ann gun dragh ’us iomaguin a tha seirbhisich arda Bhreatuinn cosmhuil ri Cromar ’us Citchener, a ciosnachadh gach nàmhaid beag ’us moir a tha cur grabaidh orra, ’s a feuchainn ri stad a chur gu buileach air an obair chneasda, laghach, a tha Breatunn a’ deanamh am measg gach fine buirb ’us laig a tha ’tighinn fo sgiath leathunn, chaoimhneil, onorach Bhreatuinn, air feadh an t-saoghail gu h-iomlan.
CONA.
BATHAR EARRAICH.
Deiseachan Fhirionnach air $3 .50, $4 .75 agus o sin suas.
Deiseachan Ghillean air $1 .75, $2 .60, $3 .00, $375 agus $4 .60.
Bathar eile a reir sin. Cha ’n ell stor anns a’ bhaile anns am faigh thu BATHAR MATH cho saor.
Tormad Domhnullach,
SIDNI, C. B.
MacCoinnich & Co.
Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh
ANN AN LOUISBURG,
agus tha sinn aig an àm cheudna a’ cumail air adhart air an t-seann laraich,
ANN AN SIDNI.
Aodaichean Matha dhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.
Theid sinn an urras air an obair.
Mac Coinnich & Co.
H. D. Mac Ille-Mhaoil,
Stewartdale , C. B.
Cloth,Drogaid, agus Plaideachan “Eureka.”
Mu dheich air fhichead seor sa aodaich ’ga chreic.
Cloimh air a gabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige neo sgriobh uige.
C . H. HARRINGTON & CO.
Flur, Min, Ti agus Siucar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr.
Soithichean Glaine agus Creadha, math agus saor.
Brogan, Botainnean, Rubbersagus Caiseart de gach seorsa
’GAN CREIC SAOR.
[Vol . 6. No. 37. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Chaidh eaglais Chaitliceach a b’ fhiach da fhichead mile dolair ’sa dha a losgadh o chionn ghoirid ann am Megantic, am mor-roinn Chuibeic.
Tha ’n coithional Cléireach ann an Sidni Tuath a’ dol a thoiseachadh air eaglais ùr a thogail. Bha iad gu math feumach oirre; oir tha an eaglais anns am bheil iad ag aoradh air fàs gle shean.
Bha an sneachda ’cur deagh mor air na ròidean-iaruinn air feadhNew Brunswick,Cuibeic, agus an corra àite air feadh Nobha Scotia us Eilean a’ Phrionnsa cuideachd. Tha an sneachda anabarrach domhain ann an Cuibeic. Bha aig na daoine ri obrachadh gle chruaidh gus an rathad a chumail réidh.
Shil dòrlach math sneachda aon oidhche deireadh na seachdain s’a chaidh, ach rinn a’ ghrian a’ chuid bu mhotha dheth a leaghadh an ath latha. Cha mhair an sneachda a shileas mu’n àm so ’n bhliadhna ach ùine gle ghoirid. Tha na ròidean a’ fàs dona, agus ’se ’s coltaiche nach bi iad na’s fhearr gus am falbh an sneachda gu buileach.
Bliadhnaichean roimhe so, b’àbhaist a bhi toirt moran feòir do Cheap Breatunn, oir cha mhor earrach nach biodh am feur gann. Ach am bliadhna, cha’n e mhàin nach eil na tuathanaich a’ ceannach feòir, ach tha roinn mhor aca ri chreic. Tha na ceudan tunna ann am Baddeck deiseil gu bhi air a chur air falbh gu margadh. Bha barr anabarrach math feòir ann am Baddeck Mhor,agus air an Amhuinn Mheadhonaich air an fhoghar s’a chaidh.
Chaidh soitheach d’ am b’ ainm anAsiaa long-bhristeadh o chionn ghoirid air sgeirean Nantucket faisg air Boston. Bha duine air fhichead air bòrd, agus cha do shabhaileadh ach a triùir. Am measg na chaidh a chall bha an caiptean, a bhean, ’sa nighean, aois dheich bhliadhna. Bha an soitheach a tigh’nn á Manilla gu Boston, agus bha i gle fhaisg air a ceann-uidhe ’nuair a chaidh a bristeadh. Bha an caiptean a’ cur roimhe ’nuair a gheibheadh e dhachaidh nach rachadh e dh’ ionnsuidh na mara tuilleadh.
Thuit sneachda trom ann am Montreal o chionn ghoirid, agus b’ fheudar da cheud deug duine a chur a dh’ obair air mu ’n d’ fhuaireadh na sràidean a ghlanadh. Beagan lathaichean an deigh sin—toiseach na seachdain s’a chaidh—thuit meal mor eile, agus cha robh fhios aig luchd-riaghlaidh a’ bhaile ciod a dheanadh iad. Bha an t-airgead gu teirgsinn, agus cha robh fhios càite ’m faighte tuilleadh. Bhatar a meas gu ’n cosgadh e ceud mile dolair na sràidean a ghlanadh air dhòigh ’s nach biodh cunnart sam bith romh thuiltean ’nuair a thigeadh aiteamhan an earraich.
Tha na Stàitean agus an Spàin gle fhaisg air a dhol bhar a chéile a thaobh an sgiorraidh a dh’ éirich do ’n Mhaine. Tha daoine aig na Stàitean a rannsachadh na tha air fhàgail dhe ’n t-soitheach, a feuchainn ri fhaotainn a mach ciod a dh’ aobharaich an spraidheadh a chuir do ’n ghrùnnd i, agus ma’s fior na tha sinn a cluinntinn tha na daoine sin a’ deanamh a mach gu’m b’ ann o’n taobh a mach a rinneadh an gnothuch oirre. Tha aon sgeul ag radh gu’m b’ iad na Spaintich a fhuair duine gus an obair a dheanamh, agus an deigh dhaibh fichead mile dolair a thoirt dha mar dhuais air son obrach, gu’n d’ thainig iad ri bheatha. Ach bidh na h-uiread gu radh mu’n chùis nach gabh creidsinn. Ach ma gheibhear a mach gu robh làmh sam bith aig na Spàintich ann an cur as do’n Mhaine, cha’n eil ni a’s cinntiche na gu’m bi trioblaid eadar an da dhùthaich. Tha na Stàitean a cur a cuid shoithichean us shaighdaran an òrdugh ’s a deanamh ullachaidh air son cogaidh gun fhios nach fhaod e tighinn.
Tha sinn a’ cluinntinn gu bheil Aonghas Caimbeul, seann duine còir a tha fuireach air an Amhuinn Mheadhonaich, tinn. Tha e ceud bliadhna ’sa tri a dh’ aois.
Thug sinn iomradh anns an àireamh mu dheireadh air duine a bhi air a ghlacadh aigLeitches Creekair àmhrus gu’m bu mhortair e. Fhuaireadh fios as na Stàitean toiseach na seachdain so nach b’e an duine a bhatar ag iarraidh idir.
Mar a thug sinn iomradh roimhe tha muinntir na siorrachd so cheana bruidhinn mu thaghadh nan comhairleach a tha gu bhi ann deireadh an fhoghair. Am measg moran eile tha bruidhinn air ruith, tha W. A. Richardson ’sa bhaile so, agusHenryDomhnullach am Bridgeport. Bha ’a dithis so àireamh bhliadhnaichean ’sa chomhairle roimhe.
Di-satharna s’a chaidh bha fear Domhnull Mac Aoidh air a mharbhadh ann am meinn ghuaill ann anStellarton , N. S.Bha e aig obair ’nuair a thuirt tòir guail air ’ga mharbhadh air ball. Bha e na dhuine measail air an robh deagh chliù anns an àite. Bu duine mhuinntir na seann dùthcha e, agus thainig e mach do’n dùthaich so o chionn choig bliadhn’ deug air ais.
Tha sgeul air tighinn as an Fhraing ag innse gu bheil Dreyfus, an duine truagh a tha air a phriosanachadh air eilean beag a tuath air Astralia, a’ dol as a rian, agus gu ’n d’ thug e ionnsuidh o chionn ghoirid air crioch a chur air fhéin. Tha e air a chumail ann an tur aineolas air na tha ’dol air adhart anns an t-saoghal timchioll air, a bharrachd air e bhi air a chumail anns a’ phriosan agus geard làidir de shaighdearan ’ga choimhead. ’S beag an t-ioghnadh ged a bhiodh inntinn a dol air aimhreit. A reir gach coltais tha ’n duine bochd neo-chiontach, ach cha robh dòigh air a shaoradh, oir cha robh eadhon coltas ceartais air a thoirt doZolaa dh’ fheuch o chionn ghoirid ri dhearbhadh nach b’eDreyfusan duine ciontach idir.
Bidh ar leughadairean uile duilich a chluinntinn gu bheil ar caraid Iain Rothach agus a bhana-chompanach gu tinn. Tha co-fhaireachdain againn riutha ’nan trioblaid, agus tha dòchas againn nach fhada gus am bi iad le chéile gu slàn fallain. Bha meas mor aig muinntir nan dùthchannan tuathach so air na litrichean a bha Mr. Rothach a’ cur ugainn ag innse muNew Zealand ’s mu chleachdaidhean nan naisinneach, agus tha dòchas againn gu’m bi e comasach an ùine ghearr air tuilleadh litrichean a sgriobhadh. Mar a tha fhios aig ar leughadairean, fhuair Mr. Rothach a bhreith us ’àrach anns an eilean so, agus tha moran de chairdean ’s de luchd-eòlais ann fhathast. Bidh sinn an comain neach sam bith a chuireas fios ugainn d’a thaobh o àm gu àm, a chum ’s gu’m bi ’nar comas innse da chàirdean ciamar a bhitheas e.
Iadsan a’ Phaigh.
Eobhan D. MacPhilip , Grand River $4 .00
Domhnull Mac Leoid, Stirling
Alasdair Mac Ille-mhaoil, Catalone .
D. B. Mac-a- Mhaighstir, Creaganais, $1 .50
Aonghas Mac Fhearghais, Port Morien
Tormad Mac Ascuill, Framboise $2 .00
Alasdair S. Mac LeoidFramboise50
Alasdair Buchanan, Braid-Albainn, E. P. I.
Iain A. Caimbeul, HeatherdaleE. P. I.
A. J. Mac Dhiarmaid, Ottawa , Ontario
Cailean Caimbeul, Beaverton , Ontario
Barbara C. Leitch, Simcoe, Ontario50
Iain Grannd, Lagan , Ontario $2 .00
Aonghas Mac Aoidh, Providence , R. I.
A. E. Mac Phàilain, Spokane , Wash. $2 .50
Mairi A. Mhathanach, Boston , Mass.
Seumas B. Stiubhart, Robbin , Minn.
Iain. F. Mac-a- Ghobha, Quesnelle , B. C.
BATHAR UR.
Moran de Churaicean Geamhraidh, eadar 10c. us $5 .00.
Brogan matha saor.
Ti mhath mar a b’ abhaist.
Beagan de Cheannachd Thioram.
Olla 25c. an galan; 5 galain air $1 .00.
NIALL DOMHNULLACH,
BADDECK , - - C. B.
J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsa ’s fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B.
BADDECK , - - C. B.
Airson a stor a dheanamh na ’s deiseile ’s na ’s feumaile dhaibhsan a tha ’deanamh gnothuch ris, tha
Albert I. Hart
a’ nise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha a’ chuid sin de ’n ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am Boston ’sanNew York.Gheibh iadsan a thig g’a h-ionnsuidh an
DEAGH RIARACHADH.
BADDECK , - - C. B.
LEABHRAICHEAN GAILIG.
Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
’Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10
Gaelic Class Book .35
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte.
Sgriobh gu
J . G. MACKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, C. B.
[Vol . 6. No. 37. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 261.)
gus an do thogadh long mhor dhomh. An uair a bha i deiseil, chuir mi na bh’ agam de bhathar air bord innte; ach o nach robh agam na luchdaicheadh i, leig mi le marsantan eile an cuid bathair a chur air bord, agus falbh comhladh rium.
An uair a sheol sinn, fhuair sinn soirbheas cho fabharrach ’s a dh’ iarramaid. An deigh dhuinn a bhith uine mhath a’ seoladh, chaidh sinn air tir ann an eilean fasail far an d’ fhuair sinn ugh roc a bha cheart cho mor ris an ugh air an d’ thug mi iomradh roimhe. Bha isean ann, agus bha e deas gu tighinn as an ugh; oir bha e ’n deis toll a thoirt air an t-slige le ’ghob. Bha na marsantan a dh’ fhalbh comhladh rium anns an luing air tir anns an eilean mar an ceudna; agus an uair a chunnaic iad an t-isean air thuar tighinn as an ugh, bhrist iad an t-ugh le tuadhannan; thug iad as an t-isean ’na phiosan, agus rost is dh’ ith iad e. Ged a ghuidh mi gu durachdach orra gun ghnothach a ghabhail ris an ugh, cha tugadh iad cluas no geill dhomh.
Mu ’n gann a chuir iad crioch air an fheisd, chunnaic sinn da roc a’ tighinn an rathad a bha sinn, agus bha iad a cur dubhair air an iarmailt mar gu ’m biodh da neul mhora ann. Thuig an sgiobair a bh’ agam air an luing gle mhath gu’m b’ ann leis an da roc so a bha ’n t-ugh a chaidh a bhristeadh, agus gu ’n robh sinn ann an cunnart ar beatha chall mur grad theicheamaid, agus ghlaodh e ruinn sinn a dhol air ais gu bord cho cabhagach ’s a rinn sinn riamh. Rinn sinn so; agus gun dail sam bith chuireadh a long fo a lan-aodach, agus sheol sinn air falbh.
Anns a’ cheart am rainig an da roc far an robh an t-ugh, agus an uair a chunnaic iad mar a bha, thoisich iad ri glaodhaich gu h-uamhasach. O ’n a bha iad toileach dioghaltas a dheanamh oirnn, thill iad as an taobh as an d’ thainig iad. Car uine chaill sinn sealladh orra. Thuig an sgiobair gu math ciod a bha ’nam beachd a dheanamh, agus dh’ ordaich e tuilleadh sheol a chur ris an luing, a chum, na ’m bu chomasach e, gu ’n rachamaid as o ’n chunnart anns an robh sinn.
An uine gun bhith fadh thill an da roc, agus creag mhor anns an robh cunntas thunnachan de chudam aig gach te thiubh ’na cruidhean. An uair a thainig iad os cionn na luinge, thoisich iad ri itealaich gu socrach, agus leig te dhiubh as a’ chlach a bh’ aice; ach chuir an stiuireamaiche beum air an stiuir anns an am, agus thuit a’ chlach anns a mhuir ri cliathach na luinge. Leis an toll a rinn i anns a mhuir, cha mhor ’nach fhaca sinn an grunnd. Gu mi fhortanach leig an roc eile as a’ chlach a bh’ aice cho direach os ar cionn ’s gu’n do bhuail i air meadhain na luinge, agus rinn i mile pios dhi.
A’ chuid nach do ghrad mharbhadh dhe na maraichean ’s de na marsantan, bhathadh iad ach mise ’nam onar. Ged a chaidh mi fodha mar a chaidh cach, thainig mi rithist an uachdar. Gu fortanach fhuair mi greim air sgonn math fiodha, agus chaidh agam air mi fhein a chumail an uachdar gus an do chuir a’ ghaoth ’s an sruth air tir mi air cladach eilean.
(Ri leantuinn.)
BARAIL EILE.
Cha ’n eil ’na ’r linn litreachas a tha tabhairt barrachd beatha do ar cainnt na MAC-TALLA.
Chi mi a’ measg litreachas nan Gall is nan Sasunnach cuid a tha gabhail ioghnaidh air son a bheò ghluasaid a tha air éiridh air feadh an an t-saoghail ann an litreachas nan Gaidheal.
Cha mhor an teine a lasas moran connadh, ach cha’n eil iad ag amas air an dearbh bhad anns an do chuireadh am fraoch ri ’theine—ach is i mo bharail fein gu’m b’i oifig a MHIC-TALLA a ghluais an fhalloisg. Tha MAC-TALLA tabhairt dhuinn as ionmhas nithibh ùr agus sean; beachdan glana agus firinn neo-chearbach gu beag anns gach ni. Ach mar a thachair do gach litreachas—ach a h-aon a mhàin—tha beagan fo mo shùil an seo na ’litreachas nach eil a dol sios agam, agus is e seo e— “Gu’n do thilg duine foghlumichte beachdan Lachlain na Gàilig air a Ghàilig bun os cionn.”
Bu mhaith leam fhin am fear fhaicinn no a chluinntinn a bhiodh comasach air sin a dhearbhadh air bhonn creideasach. Cha ’n abair mi gur i Gàilig an ceud chanain a bhatar a labhairt, is cha mho a their mi nach i; ach tha blàth na h-aoise cho mor air a Ghàilig is nach eil e air chomas do neach air bith a h-aois innse, no a freumh fhaighail a mach. Chaill e an comharra fiachail, air dhòigh is nach eil foghlumaiche comasach air a h-aois innse.
Suim is brigh nam briathran bha bho shiorruidheachd ’sa Ghàilig. Mur cainnt shiorruidh a Ghàilig tha i gle choltach ri cainnt na siorruidheachd. Tha da ni shònruichte a tha ’ga deanamh cosmhuil ri sin, agus is iad so iad—“Mana, ”agus“Mene, mene, tecel, upharsin. ”
B’e Mana coirc’ nan speur, no biadh nan Aingeal, mar a tha Righ Israeil ag innse dhuinn. Co e an Gaidheal do nach aithne suim is brigh an fhocail Mana, samhladh an arain fhior a bha gu teachd; tha am focal Mana air a chleachdadh co tric ’sa Ghàilig is nach eil aobhar air a bhi sgriobhadh gu a dhearbhadh gur ann bho’n chainnt shiorruidh a b’ eigin do na h-Israeilich am focal a ghabhail an iasad. A rithistme - ne—neo-mheigheach, no neo chothromach; tecel—tha e cleith a chuideam a bu chòir da bhi ann—chunnaic e mar a thachair do ’athair ’s cha d’ thug sin rabhadh dha, ach cheil e ’n cuideam; u -far- sinno tha thu air t-òrdachadh far na cathair rioghail air am bheil thu ’na do shuidhe. Is e mo bharail gu bheil e soilleir gu leor gur e Gàilig a sgriobh an làmh aia a bhalla. Cha b’e Eabhra no Gréugaisg no Caldeeic no Arabic no meanglan air bith de chainnt sliochd Sheim no Ham a bha ’n sid; na ’m b’e bha foghlumaichean gu leòr an sud gus a leughadh, ach b’ eigin aon anns an robh spiorad an De shiorruidh fhaigheil gus a mhìneachadh.
Chi sinn am fàigh Isàiah a tabhairt ainm air Irusalem ann an Gàilig cho glan ’s ge b’ ann an Leòbhas no ’san Eilean Sgiathanach a bheirte e. Is e ’n t-ainm Aeriel (àiridh-ail). Tha am focal air a riasladh aig luchd-rannsachaidh freumhan chànan, cuid ag radh gur e teallach Dhe, cuid eile gur e leomhan Dhe, a’s ciall dha; ach tha ’m foghlumaiche soilleir Mac-a- Ghobha ag ràdh gu’m bheil am focal no suim an fhocail gun fhuasgladh fathast. ’Nam b’ aithne dhoibh Gàilig bhiodh e soirbh gu leòr dhoibh ciall an ainme a thuigsinn.
B’e Salem a b’ aimn do cheana-bhaile na talmhuinn (oir co ris a their sinn ceana-bhaile na talmhuinn ach far an do thòisich s an do chriochnaich Mac Dhe ’obair air thalamh) ann an làithibh Mhelchisidic, agus is e Gàilig a tha san fhocal. Tha saimh, sàth, sàmhach, sàthach, saibhir, agus iomadh focal eile air an tabhairt bho’n aon fhreumh. Is e smear a Ghaidheil a bh’ ann am Melchisidic, (Iaphet gun teagamh), oir mur e Iaphet a bh’ ann am Melchisidic cha deacha faitheadaireachd athar a choimhlionadh do Iaphet fathast gu pearsanta. Fhuair e gealladh gu’n gabhadh e còmhnuidh ann am bùthaibh Sheim. Tha an gealladh air a choimhlionadh do shliochd Iapheit gun teagamh fo fhrithealadh an t-Soisgeil, gidheadh bha aig Iaphet ri còmhnuidh a ghabhail ann an Salem no ann an Iar-u- Salem, oir bha Salem eile ann far an robh moran uisgeachan an ear air Iar-u- Salem. Chi sinn mar an ceudna Micah a dearbhadh an ainme Airidh-aile ’nuair a tha e anns an ochdamh rann de’n cheathramh caibideil a’ cantail “tùr an tréud” ris. ’Nuair a dh’ fhuadaich Iebus na Gaidheil á Airiail thug iad an Eiphit orra, cuid dhiubh co-dhiubh, agus dh’ ainmich iad Amhuinn na h-Eiphit “Neul Eas.” Ghleidh na Gréugaich an t-ainm is mhill na Goill ’s na Sasunnaich e leis an ainm Nile, gus a Ghàilig a chur á seilbh air an ainm aosda. ’Nuair a thriall iad troimh ’n Ghréig thug iad “Oil-thigh Dhia” mar ainm air a bheinn ris an can iadOlympia. Is iad a thug a h-ainm doAreopagus—an àiridh obagach. ’S aithne do gach Gàidheal ciod a tha obag a ciallachadh, ’s ciod a tha àiridh a ciallachadh. Is iad a thug an ainm do naStoics—stocaich. Le fanaid gun ag tha na Sasunnaich a’ cumail a mach gur ann a fhuair iad an t-ainm bho sgàth-thigh a bha aig an Airidh-obagaich, ach cha’n eil an sin ach nach aithne dhoibh ciall an fhocail. Is iad a thug an ainmibh Sgallaiseach do ’n Sclanrig(Sclavonic) ’s do ’n tutanaich(Teutonic) .
Tha rùrantaich, no mar a their a Bheurla,
[Vol . 6. No. 37. p. 7]
philologistsa feuchainn ri dhearbhadh dhuinn gu’m bi ’chainnt ris an abair iad féin Aryan an ceud chànain. Ceart gu leòr, ach cha’n eil iad a gabhail beachd air an fhocal gur e glan Ghàilig e— “airidh,” leis an a a bhi air a fuaimeadh goirid, tha ’m focal a ciallachadhworthyeadhon anns a chainnt Innseanich fhéin, agus tha e soilleir gur e Gàilig am focal. ’Nise ’nuair is e Gáilig a tha ag ainmeachadh na cainnt aosda ud ’s eigin gu’m b’i Gàilig a màthair-aobhair.
Tha a rithist an “t-Seann Sgriobhte,” no ’nSanscritmar a their na Sasunnaich, air a h-ainmeachadh ann an glan Ghàilig. Tha mi eòlach air sgriobhadh Findleter, L. L. D., a bha ’na fhoghlumaiche mor ’s na cànainean a bha e ’thigsinn, gidheadh do nach b’ urrainn focail Ghàilig a bha e sgriobhadh eagar mar bu chòir dhoibh a bhi. Is e “me” tha aige an àite mi, agus is e “deir” a tha aige mar ainm air nighean(daughter) .Bha gun teagamh “Deir-Bhaail” aig ar sinnsir mar ainm air BanDia na Bealltuin, fo riaghladh an robh tabhairt an teine a bha air a bheannachadh air an altair do gach aon air maduinn na Bealltuin; ach cha’n eilear ’sa Ghailig a cantain “deir” ri nighean dnine. Is ann ri nighean an de Baal a theirte Deir-bhaeil, gidheadh cha do chaill ar sinnsir beachd air an Dia neo-aithnichte ach is e Dia do-aithnich a theireadh iad ris, agus ’s ann uaithe sin a tha ainm an latha Di-dònaich.
AONGHAS MACAOIDH.
Providence , R. I.
Tighearn’ Acharonaich.
Ged nach deachaidh Iain Og agus Iseabal Bhàn, a bha còmhnuidh, bho cheann leth cheud bliadhna, ann an Glaicanfheoir, eughach ann an Eaglais, bha fios aig na coimhearsnaich gu ’n robh gealladh pòsaidh eatorra. B’ iasgalr a bh’ ann an Iain, agus b’i nighean croiteir a bh’ ann an Iseabal. Gus an d’ thainig Maighistir Alain, mac bràthair athar Iseabal, a bha ’na fhear-lagha ann am Baile-nan-clach, air chuairt do’n bhaile, cha robh dithis riamh ann a bu shona ann an gràdh a cheile na Iain agus Iseabal.
Air là bha sin thug athair Iseabal a mach Alain a dh’ fhaicinn an fheudail agus a bhara. Air do ’n bhodach a bhi moladh na bha aige de staras, thubhairt am fear-lagha ris—“ ’S iongantach leam fhéin duine cho saoibhir ribh gu ’n tugadh sibh bhur nighean do dhuine cho bochd ri Iain Og agus gun aige eadhon tigh dha féin. Nach ’eil a phiuthar a gabhail roimhe?” “Faodaidh sin a bhi fior, ach co a gheibheadh i na’s fearr na e?” ars’ am bodach. “Nach mi féin na’s fearr na e?” deir Alain, “agus ma ghabhas i mise bithidh i na bean uasal ri ’beò. Cha d’ innis mi riamh dhuibh gu’n do cheannaich mi oighreachd Acharonaich, a tha coig mile a mach á Baile-nan-clach. Ma gheibh mi air m’ aghaidh cho maith ’s a tha dùil agam ’s e Dunéidean a chumas rium agus ’n uair a theid m’ àrdachadh, ’s e ’n tiodal a roighneachas mi, ‘Lord Fernfield. ’Nach bu mhor an t-urram dhuibh féin gu ’n abradh iad‘Ma Lady’ri ’r nighean?” “Tha mis’ ,” ars’ am bodach, “gle dheònach gu ’n gabhadh Iseabl thu agus gur ann mar sin a bhiodh a chùis. O’n a tha thu féin ad’ fhear-lagha cho seòlta theagamh gu’n innis thu ciamar a gheibh sinn cuiteas Iain Og.” “Leigibh sin,” deir Maighstir Alain, “an urra riumsa.”
Ghabh am fear-lagha a chothrom féin air a bhi cuir a mach suil Iain agus ann a bhi g’a chuir féin a stigh air Iseabal. Mheudaich e air a shaoibhreas, a thapadh, a mhorachd féin: agus leudaich e air bochdainn, air amaideachd, air isleachd Iain. “Ma phòsas tu Iain,” ars’ esan, “cha bhi eadhon tigh agad dhuit féin. ’S i do phiuthar-chéile bhitheas na bana-mhaighistir ort.” “Tha thu breugach,” deir Iseabal, “Ni Iain ni sam bith a dh’ iarras mi air.” “Chi sinn,” ars’ am fear-lagha.
A chiad uair a choinnich Iain Iseabal dh’ innis i dha mar thubhairt Maighistir Alain agus, air do Iain a bhi faicinn troimh chuilbheartaibh an nàmhaid, fhuair an fhearg buaidh cho mor air ’s gu’n deachaidh e féin agus Iseabal thar a chéile cho searbh ’s gu’n tug iad bòid nach bruidhneadh iad ri chéile gu bràth tuille.
An ceann beagan mhiosan an deigh so poòs Iseabal Bhàn agus Maighstir Alain. Beagan an deigh dhoibh dol cuideachd, thainig caraid sònraichte, ris an robh Alain a leigeil ris rùn a chridhe, ’choimhead air. Air dhoibh a bhi le chéile air là àraidh thubhairt an caraid so ri Alain— “Tha mi ’n dòchas, leis an tochar mhor so a tha thu faotainnn, gu’n teid agad air t-fiachan a phaigheadh, agus nach bi thu briste, mar a bha eagal ort a bhitheadh tu.” Fhreagair Alain— “Bithidh fios agam a nochd ’nuair a thig na litrichean.”
Air an oidhche sin fhuair Alain litir bho athair-céile, agus is iad so cuid de na briathran a bha sgriobhte innte— “O’n a tha thu féin cho saibhir’s a tha thu cha’n eil feum agad air cuideachadh sam bith uamsa, air an aobhar sin tha mi ’fàgail an tochair a tha mi toirt le ’m nighinn dhuit a mach air ocar gu bhi air uisneachadh air son faoghlum a thoirt do bhur cloinn ’n uair a thig iad gu aois.”
Air an là an deigh sin dh’ fhàg Maighstir Alain beannachd aig a mhnaoi, dh’ fhalbh e agus cha’n fhac i riamh tuille sealladh d’a shùil. —DONULL MAC CALUM ’saHighland News.
Mr Iain Rothach tinn.
FHIR-DEASACHAIDH: —Tha sinn ro dhuillich a chluinntinn bho chinn beagan tim gu bheil an duine còir Iain Rothach ann an Rudha Mharsden, New Zealand,a chleachd a bhi toirt dhuinn bho àm gu àm, anns a’ MHAC-TALLA, litrichean brioghor agus pongail muNew Zealandagus mu chleachdaidhean na Maories, air a bhualadh sios le paralais, agus gu bheil a thaobh cearr gu h-iomlan gun lùs. Tha a’ bhean mar an ceudna air a dochann le tuiteam, agus a reir coltas a’ làmh agus a’ cas air am bristeàdh.
Tha da rireamh co-fhaireachadh againn ri Mr Rothach na thrioblaid agus b’e ar dùrachd, na’m bitheadh e ’nar comas, fhiosrachadh na thrioblaidean. ’Se ar n-iarrtus gu’m bi e féin agus a bhana-chompanach air an aiseag gu slàinte agus air an cumhnadh moran bhliadhnaichean fhathast gu bhi tabhairt còmhnadh agus comhfhurtachd do aon a chéile, agus gu’m bi sinn a’ faicinn a litrichean, air an robh sinn ro dhéigheil, fathast anns a MHAC-TALLA.
I. M.
An Gut a Deas, Màrt 2., 1898.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG—Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.
Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C. B.
THA EARBSA
aig daoine ann am maidsichean Eddy— ’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha coltach ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum.
Tha ’n t-ainm so na urrais air mathas.
—THE—
E. B. EDDY Co., Limited,
Hull, Canada.
[Vol . 6. No. 37. p. 8]
Di-moladh an Uisge-bheatha.
Cha ’n òl mi deur tuille, deur tuille, deur tuille,—
Cha ’n òl mi deur tuille, deur tuille do ’n dram;
Cha ’n òl mi deur tuille; cha dean mi ris fuireach
’S mi cinnteach gu ’n cuireadh e ’n tubhaist ’am cheann.
Gur mis’ tha gu bronach, am laidhe ’s tigh-osda,
Mi ’teannadh ri oran le bòidean gu teann;
Ag eirigh air m’ uilinn, ’s ag éigheach gu duineil—
“Cha’n òl mi deur tuille, deur tuille do’n dram.”
Cha ’n òl mi, &c .
’S trom, eisleineach m’ aigne ’n àm eirigh ’sa mhaduinn,
Mo bhriogais mu m’ chasan ’ga tarruing a nall,
Mo bhriogais ’na stroicean, cha dean i mo chomhdach,—
’S e eighach nan stop ’chuir am poca cho gann.
Le m’ chois air an urlar, ’s gann tha mi air dùsgadh
’S gur measa ’na brùid mi le sturdan ’sa cheann;
Le smal air mo leirsinn, ’san t-snigh air mo leine,
Mo chridhe lan eislein le speura de ’n dram.
Mo leirsinn air tuiteam, cha leir dhomh mo thrusgan,
Cha ’n eil mi ach tuisleach a’ trusadh gach ball,
Ann an seomar na bochdainn, ag iarraidh gach oisinn,—
Ciamar ’theid mi air choiseachd ’s na h-osain air chall?
Tha muinntir an tighe ri buird agus fanoid,
O’n dh’ eirich mi falamh, cha ’n fhaigh mi an taing;
Bu bhriathrach an raoir iad, ’n àm lasadh nan coinnlean,
An toiseach na h-oidhche bu chaoimhneil an cainnt.
Bidh iadsan cho fiadhaich mur paigh thu na fiachan,
Gach latha ’s a’ bhliadhna ’gan iarraidh gu teann.
’Cur cagair ad achlais, le briathran a’ mhaslaidh—
“Tha agam ort tasdan, a’s aisig e nall!”
Bidh esan cho sporsail ’s a’ chlachan Di-donaich,
Bho ’n cheannaich e cota le poiteir an dram,
Clann ceathairne coir ann, gun bhoineid gun bhrogan,
’S nighean dubh an tigh-osda, le srol air a ceann.
Sguiridh mi an bheist ud, cha bhi mi ga eigheach,
Gun fhios-a’ m fo ’n ghrein ciod am feum a tha ann;
Their na fir laidir, ’nuair chi iad air sraid mi,—
“Tha poit an tigh-thairne ’ga fhagail-san fann!”
Cha ’n òl mi deur tuille, cha dean mi ris fuireach,
Cha teid mi le furan an cuideachd mo chall,
’N uair chluinneas mi ’n deoch ud ’ga h-eighlich le frogan,
Bidh iallan mo sporan g’ an roladh gu teann.
Laoidh.
’Nuair bhios na neòil am spéur a’ gleachd,
Na làithean dorch’ ’s na càirdean tearc,
Mo thaic bidh air a’ charaid ghaoil
A dh’ iomchair uile àmhghar dhaoin’;
Mo dhìth ’s mo gheilt ’s ann dà is léir,
’S leis cunntar ’s taisgear suas gach dèur.
Gu seachran ma bhios m’ anam buairt’
Bho chèum an ionracais ’s na stuaim’,
A sheachnadh aon ni mhaith bha ’m shùil,
No dhèanamh rud nach robh am rùn,
An tì a bhuadhaich thar gach nàimh,
Cumaidh e suas mi ’s a’ chruaidh-chàs.
An uair bhios m’ acain trom a thaobh
Gun d’ fhàs rium feallsa luchd mo ghaoil,
Ni esan còmhnadh leam e fhéin,
A fhuair ’s an t-saoghal bròn is péin;
Thréigeadh is bhrathadh e d’ a nàimh,
Leòsan a dh’ ith ’s a dh’ òl o ’làimh.
’N uair dh’ éireas smuaintean goirt am chrìdh’,
’S a leagas uamhas m’ anam sìos,
An tì aon uair a lub a chluas
Gu caoin ri cnead a’ chridhe thruaigh.
Cuiridh gach doilghios-crìdh’ air chùl,
’S gu bàigheil tiormaichidh mo shùil.
’N uair ruitheas deòir a sìos mo ghruaidh,
Thar caraid gaoil ga chur ’s an uaigh,
A ghuth, a làimh, is aoibh a ghnùis’,
Ga ’m falach seal o bheachd mo shùl.
A Shlan’gheir, faic mo dhèura searbh,
Oir ghuil thu fein thar Lasaruis marbh.
Is O, ’n uair bhios mi réidh ’s an saogh’l,
’S gach dèuchainn seachad ach an t-aon,
Cum thusa ’n sin mo mhisneach suas,
Oir laigh thu fhéin fo ’n bhàs car uair’;
Seòl mi gu tìr an t-soillse bhuain,
’S an dèur mu dheireadh siab o m’ ghruaidh.
’S Caomh Leam mo Mhaldag.
O! ’s caomh leam fhéin mo mhaldag,
An té bhàn da ’n d’ thug mi ’n gaol;
’S ro thoigh leam fhéin mo ghràdh geal,
An té ’s fhearr leam air an t-saogh’l,
Tha m’ aigne nis air dùsgadh—
Gur mùirneach mi gu ceòl,
Bho’n thug mo leannan rùn domh,
Mo chion ’us m’ ùigh ri ’m bheò.
’Nochd caidlidh mi neo luaineach,
Gun bhruaillein orra no cràdh,
Cha ’n eagal leam na bruadair,
A bhios a luaidh mu ’m ghràdh;
An t-eun is àirde ’ghluaiseas,
Theid uair-eigin gu tàmh—
Cha b’ aithne dhòmhsa suaimhneas—
Gu’n d’ thug mo luaidh dhomh ’làmh.
O! ’s caomh leam fhein, &c .
Is lionmhor seud glé luachmhor,
Tha ’n uaigneas fad o shùil,
’Nan àilleachd fhéin neo-thruailte,
Gun luaidh bhi air an cliu;
Mar sud tha maise ’m eudail,
A measg nan ceudan slòigh,
A buadhan àrd cha léir dhoibh,
No beusan glan na h-oigh.
Is caoin an osag chubhraidh
Tha ’guilan tùis nan cluan,
Is lionmhor ribheid shiùbhlach
Tha ’n coill nan dlùth-chrann uain’.
Ach ’s annsa leamsa mànran,
’Us cagar tlàth mo rùin,
’Nuair ghleusas i na dàin dhomh
’S mo làmh ga tarruing dlùth.
Cha sheinn mi tuillidh ’n tràth so,
’S cha toir do chàch mo sgeul,
Ach feithidh mi gu sàmhach,
An là a their thu fhein:
’N sin fuadaichidh an fhàire,
Na sgàilean ’laidh cho dlùth,
’S thig sonas agus àbhachd,
Thoirt fàilt’ do’n mhaduinn ùir.
AN DA LEIGHEAS
AGUSK . D. C. PILLS
Leigsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD.
Cuir a dh’ iarraidh sampuill, teisteannais us urrais.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia. —agus—127 State St Boston, Mass.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar duthcha tha ’nar beachd
NIALL Mac FHEARGHAIS,
Taillear.
SIDNI, - - - C. B.
$1 .00 air 80c.
Tha tuilleadh ’sa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dh’ airgead. Thig mu ’m bi ’n t-am seachad agus
FAIGH BARGAN.
McDonald Hanrahan & Co.
Sidni, Iulaidh 16, ’97.
C’AIT AM FAIGH MI?
Saibh, Glasan, Luaidhe, Sgeinein, Lainntearan, Sguabaichean, Paipear-tearra, Paipear-tubhaidh.
Olla, Fudar, Glaine, Siosaran, Tairnean, Bucaidean, Tuaghannan.
GHEIBH AIG
C . P. MOORE,
Sidni, C. B.
title | Issue 37 |
internal date | 1898.0 |
display date | 1898 |
publication date | 1898 |
level | |
reference template | Mac-Talla VI No. 37. %p |
parent text | Volume 6 |