[Vol . 6. No. 38. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 18 MART. 1898. No. 38.
AFRICA .
Bha ’n saoghal gle eolach re iomadh bliadhna air ceann mu dheasAfrica ’s air Ros an Deadh-dhochais. B’ eiginn do gach soitheach-seolaidh ’us do gach long-cogaidh a bha ’dol doChina, noIndia, noAustralia, an turus a ghabhail mu ’n cuairt taobh deasAfrica. Gheibheadh iad aig an ros ainmeil so gach ni air am bitheadh feum aca, ’s mar an ceudna bhitheadh an neart ’s an treoir air an ath-nuadhach airson an corr de ’n t-slighe ’bha fathast air thoiseach orra. Cha robh Claise-uisge Shueis ullamh aig an àm so, ’s cha robh rathad a bu ghiorra ann airson dol gu ionadan farsuing na h-airde ’n ear, na mu thimchioll taobh mu dheasAfrica. Is ann anns a’ bhliadhna 1806, a fhuair na Breatunnaich coir ’us sealbh air ceann mu dheasAfrica. Is iad na Duitsich a rinn a’ cheud tuineachadh a bha airidh air iomradh air bith anns a chearna so deAfrica. An àm cogadh Bhonapairt, b’ eiginn doibh a ’nis agus a rithist, le ’n deoin no le ’n andeoin, aontachadh leis a cheannard. Fhrangach a bha iarrtuiseach air e fein a dheanamh ’na mhaighstear gu buileach air an Roinn-Eòrpa agus air gach righ ’us fine ’bhuineadh dhi. Thug Breatunn le ’cabhlach laidir buiadh air na Duitsich a bha fo chasan Bhonapairt, agus gus an latha ’n diugh is ann aice-sa ’tha ughdarras ard, cumhachdach ann an ceana mu dheasAfrica. Is iomadh dragh ’us call a b’ eiginn do Bhreatunn fhulang o’n rinn e greim le laimh laidir air cearna iomallachAfrica. Is e fineachan borba, iargalta, fuileachdach a bha m’ an cuairt dhi. An trath a chaidh na Breatunnaich mu thuath de ’n ros, thachair orra na Hottentotaich agus na Caffraich, treubhan fiadhaich, co ladarna, treubhach ’s a bha air an t-saoghal. Is iomadh ceannard gasda ’s saighdear aluinn a chaill a bheatha ann a’ cogadh an aghaidh nan treubhan ud. Chiosnuich an Ceannard Cathcart iad mu dheireadh, beagan ùine mun do thoisich cogadh a’ Chrimea, far an do chaill e ’bheatha ann a’ cur a’ chath an aghaidh na Russianaich. B’ abhaist do Ghaidheil o cheann leth-cheud bliadhna ’dol bho Ghaidhealtachd na h-Alba gu Natal, far am bheil an clann gun teagamh measail ’us urramach an diugh. Bha na Duitsich daonnan curamach m’ an slainte ’s an tearuinteachd. Cha deachaidh iad fada mu thuath air an aobhar so, ma bha dragh no cunnart anns a’ chuis. Is iad na Breatunnaich fein a chaidh mu thuath, agus a fhuair le cruadal anabarrach, eolas air an dùthaich agus air na daoine ’bha gabhail comhnuidh innte. Moffatagus a cliamhuinn an Gaidheal aluinn, Dàibhidh Mac Dhun-Leibhe—b’ iad so da theachdaire ’rinn maith mor ann anAfrica. Tha mu dha fhichead bliadhna bho’n thainig Mac Dhun-Leibhe air ais airson na ceud uair do Bhreatunn, agus a sgriobh e eachdruidh mu chuibhrionn morAfricaair nach robh eolas air bith aig an t-saoghal roimhe. Is ann an Ullabha, eilean a tha gle dhluth doIona, ’chaith sinnsirean Mhic Dhun-Leibhe an laithean. Cha robh iad beartach, ach bha ’n dileab luachmhor so aca, gu robh iad uile onorach, agus nach cualas riamh iomradh air aon de ’n ainm nach robh onorach. Cha d’ eirich riamh caraid co eudmhor, foghainteach do threubhan ’us do thraillean bochdaAfrica, ris a’ Ghaidheal ghaisgeil, eireachdail, ainmeil, Daibhidh Mac Dhun-Leibhe. Chaidh, an uair a thainig crioch air a thurus talmhaidh, adhlachadh an Abaid na h-Iar-mhisteir maille ri daoine mora ’us mearganta na rioghachd. Cha ’n ann gun saothair chruaidh a thug na Breatunnaich buaidh mu dheireadh air na Sulanaich. O’n nach robh faire cheart air a chumail, fhuair na Sulanaich aig Isandhula fath ’us cothrom air sgabadh eagalach a dheanamh am measg nan saighdearan Breatunnach. Bha ’m prionnsa òg Napoleon maille ris na Breatunnaich aig an àm so, agus ’nuair a bha e le cabhag a’ leum anns an diollaid a chum gu faigheadh e le tapadh ’eich gu h-ionad tearuinte, rug saighdean Sulanach agus ghearr e sios am prionnsa òg, curanta. Thug iad a chorp dachaidh do Shasunn. Cheannnaich Ban Iompaire nam Frangach, re iomadh bliadhna sona, oighreachd bheag, bhiodheach dhi fein faisg air Aldershot, ann an Sasunn. Thog i tigh Mhanach eireachdail air a h-oighreadh. Ann an grunnd an tighe so, tha corp an Iompaire ’s corp a h-aona mhic agus a h-aon duine cloinne, ann an cistean domhain de ghranite. Bha mi fein anns an tigh so ’us chunnaic mi na cistean mora cloiche anns am bheil corp an Iompaire ’us corp a mic a chaidh ’mharbhadh leis na Sulanaich ann anAfrica. Anns an tigh Mhanach so, tha aite air fhagail airson na Ban-Iompaire i fein, ’nuair ’thig crioch air a laithean, am boirionnach greadhnach, boidheach, a fhuair cuibhrionn fuasach de thrioblaid ’us amhghar geur, guineach, anns an t-saoghal so cheana. Tha Maighstir Gladstone aosmhor a nis. Is e duine foghluimte aig am bheil inntinn iongantach a tha ann. Re iomadh latha ’s bliadhna cha robh ann an tigh na pàrlamaid ann an Lunnainn, aon eile ’bha co ealanta, co ur-labhrach ’us deas-bhriathrach ris. Ged bha buaidhean luachmhor inntinn ’us cainnt aige, bha e daonnan ’na chlaodhaire gealtach, mairnealach anns na cuisean iomadach a tha aig Breatunn air feadh an t-saoghail gu h-iomlan. Chuir Shepstone, uachdaran tuigseach, teoma, crioch air ughdarras nam Boerich, agus naisg e iad ri rioghachd farsuing Bhreatuinn ann an ceann mu dheasAfrica. Ged tha na Boeirich leisg, lunndach, rinn iad spairn chruaidh airson an saorsa ’s an coirean a ghleidheadh. Rinn, anns an dorchadas, ceannard nam Breatunnaich mearachd, agus fhuair na Duitsich buaidh air feachd cliuiteach nam Breatunnaich. An aite cothrom a thabhairt do ’n cheannard ainm ’us cliu feachd a dhùthcha ’chosnadh air ais le faobhar geur a’ chlaidheimh, ghairm Gladstone am feachd air ais. Thug e ’n saorsa do na Duitsich mhosach, agus rinn e mar so ’na ghealtaireachd bhochd dochan eagalach do chearna mu dheasAfrica ’s do riaghladh glan, glic, aghartach nam Breatunnach anns an dùthaich ud.
CONA.
Tha na Stàitean a’ deanamh deiseil air son a dhol a chogadh ris an Spàinn, ma ’se ’s gu’n tig oirre sin a dheanamh. Tha leth-cheud muillean dolair ri bhi air a chosg air air son dion na dùthcha. Tha soithichean-cogaidh ’gan ceannach, ’s ’gan cur an uidheam gu bhi deiseil aig àm sam bith a chuirear feum orra. Cha’n eil dearbhadh sam bith gu bheil na sgeòil’ a bhatar ag innse mu’n “Mhaine” fior, oir cha do dh’ innis iadsan a tha ’ga rannsachadh ciod am barail mu’n chùis fhathast. Cha’n eil fios fhathast ciod a dh’ aobharaich an sgiorradh, agus ’se ’s dùcha gu’n teid treis ùine seachad mu’m bi.
Iallan fada o leather chàich.
’S éigin do ’n fheumach a bhi falbhanach.
Na fir uisge teth fo chloich fhuar.
’Tha car eile an sdharo an daimh.
’S ann a bhitheas a’ chòir mar a chumar i.
Coinnichidh na daoine ged nach coinnich na cnuic.
Mar ’s mianach le brù bruichear bonnach.
’S farasda duine gun nàire a bheathachadh.
[Vol . 6. No. 38. p. 2]
SGEULACHDAN ARABIANACH.
VII. —SINDBAD AN SEOLADAIR.
CAIB. X.
An uair a chuir a ghaoth ’s an sruth air tir mi air oladach an eilean, ghabh mi eagal nach rachadh agam gu brath air direadh suas gu feur glas; oir bha na creagan cho cas fad mo sheallaidh ’s nach fhaigheadh na gobhair fhein leud bonn an cas annta. Shuidh mi greis mhath far an robh mi a leigeadh m’ analach. Ach a dh’ olc no dh’ eiginn ga’n d’ fhuair mi, dhirich mi suas mu dheireadh. An uair a choisich mi beagan astair air m’ aghaidh, chunnaic mi gur e eilean maiseach a bh’ ann, agus gu’n robh moran do chraobhan-mheas dhe gach seorsa fas ann. Is ann a bha e coltach ri garadh mheasan. Bha cuid dhe na craobhan air an robh na measan lan abuich, agus bha cuid eile nach robh faisg air a bhith abuich. Bha na h-uiread de shruthain a’ ruith gu bras, lubach, am measg nan craobh. Dh’ ith mi cuid dhe na measan, agus chord iad rium gle mhath; agus cha b’ e an t-uisge dad bu mhiosa ’chord rium.
An uair a thainig an oidhche, leig mi mi-fhein ’nam shineadh air an fheur ann an aite fasgach, blath; ach cha d’ rinn mi moran cadail, oir bha m’ inntinn troimh a cheile leis an eagal, a chionn gu ’n robh mi ann an aite fasail. Ach cha b’ e an t-eagal uile gu leir a chum o chadal mi ach an diombadh a bh’agam orm fhein a chionn mi bhith cho amaideach ’s gu’n d’ fhalbh mi o ’n taigh an uair nach ruiginn a leas e. Leis mar a fhuair an dragh-inntinn so a leithid da ghreim orm, is ann a smaoinich mi gu’m bu cheart cho math dhomh crioch a chur air mo bheatha. Ach an uair a thoisich an latha ri soilleireachadh, dh’ fhalbh na smaointeanan olca, amaideach so bhar m’ inntinn. Dh’ eirich mi as an aite ’s an robh mi ’nam shineadh, agus thoisich mi ri coiseachd am measg nan craobh, gun fhiamh gun eagal.
An uair a chaidh mi beagan air m’ aghart troimh ’n eilean, chunnaic mi seann duine air an robh coltas a bhith gle lag, lapach. Bha e ’na shuidhe air bruaich aimhne, agus shaoil leam an toiseach gur e fear a dh’ fhuiling long-bhristeadh a bh’ ann mar a bha mi fhein. Chaidh mi far an robh e, agus chuir mi failte air; ach cha d’ rinn e ach a cheann a chromadh rium. Dh’ fheoraich mi dheth ciod a bha e ’deanamh an sid; ach an aite freagairt a thoirt dhomh, is ann a thoisich e ri smeideadh orm, agus ri obair le a lamhan feuch an tugadh e orm a thuigsinn gu ’n robh toil aige mi thoirt cuideachadh dha. Cha robh mi an toiseach ’g a thuigsinn; ach mu dheireadh thuig mi gu’n robh e ’g iarraidh orm a thoirt a null air an amhainn air mo mhuin, a chum gu ’n cruinnicheadh e measan. Lan-chreid mi gu ’n robh feum aige air cuideachadh fhaotainn, agus mar sin thug mi leum a-null air mo mhuin e. Dh’ iarr mi air tighinn bhar mo mhuin, agus chrom mi a chum gu’m biodh e na b’ fhusa dha tighinn air lar; ach an aite deanamh mar a dh’ iarr mi air (agus cha ’n urrainn dhomh gun ghaire a dheanamh a h-uile uair a smaoinicheas mi air), is ann a theannaich e a chasan mu m’ amhaich cho teann ’s ged a bhiodh i ann an glamaradh a ghobha. Sin an uair a thug mi an aire gu’n robh an craicionn a bh’ air coltach ri seiche mairt. Shuidh e casan-gobhlach air mo ghuaillean, agus rug e air sgornan orm cho teann le lamhan ’s gu’n robh e an impis mo thachdadh. Agus leis an eagal a ghabh mi, dh’ fhannaich mi, agus thuit mi far an robh mi.
Ged a dh’ fhannaich mi cha do leig an seana chreutair mosach as an greim a bh’ aige air m’ amhaich idir; ach thug e a chasan beagan o cheile a chum gu’n leigeadh e dhomh m’ anail a tharruinn. An uair a chunnaic e gu ’n d’ fhuair mi m’ anail, chuir e an dara cas gu teann cruaidh ri mo stamaic, agus leis a’ chois eile thug e buille dhomh anns a chliathaich a thug orm gu ’n d’ eirich mi ge b’ oil leam. Ged a bha duil agam gur e seann duine lag, lapach, a bh’ ann, is ann a bha ’n t-seana bheist cho laidir ri dithis fhear.
An uair a fhuair e ’nam sheasamh mi thug e orm falbh leis fo na craobhan, agus an drasta ’sa rithist, thug e orm stad a dh’itheadh mheasan. Cha robh e ’gam leigeadh as fad an latha; agus an uair a bha mi ’g am leigeadh fein ’nam shineadh air an oidhche gu fois a ghabhail, bha esan ’g a leigeadh fhein ’na shineadh ri m’ thaobh, agus bha e ’cumail greim gu teann, cruaidh air amhaich orm. A h-uile madainn phutadh e mi gus mo dhusgadh, agus ’na dheigh sin bhreabadh e mi gus an tugadh e orm eirigh agus falbh leis air mo mhuin. Faodaidh sibh a thuigsinn, a dhaoin’ uaisle, cho draghail ’s a bha e dhomh a bhith ’giulan a leithid a dh’ eallach ’s gun chomas air faotainn cuibhteadh dhe.
Air latha araidh an uair a bha mi siubhal troimh ’n eilean, thachair sligean mora rium a bha air na measan a bha ’fas air cuid dhe na craobhan. Thog mi te dhiubh, agus an deigh dhomh a glanadh, lion mi i le sugh nam fion-dhearcan a bha cho pailt anns an eilean. Chuir mi ann an aite sabhailte i. An ceann beagan laithean na dheigh sin thainig mi ’dh’ionnsuidh an aite an d’fhag mi an t-slige; thog mi i, agus an uair a bhlais mi an stuth a bh’ innte, dh’aithnich mi gur e fion math a bh’ann. Dh’ ol mi deur math dheth; agus thug e orm nach e mhain gu’n do dhichuimhnich mi mo bhron, ach mar an ceudna gu’n d’fhas mi cho laidir ’s cho sunndach ’s gu’n do thoisich mi ri gabhail oran ’s ri ceumannan dannsa dheanamh mar a bha mi ’coiseachd air aghart.
An uair a chunnaic an seann duine a’ bhuaidh a bh’aig an deoch orm, agus gu’n robh mi na bu treise gus a ghiulan na bha mi roimhe, dh’ fheuch e ri thoirt orm a thuigsinn gu’n robh toil aige a roinn dhe’n deoch fhaotainn. Thug mi dha an corr a dh’ fhag mi, agus dh’ ol e h-uile deur dheth. O nach robh e ’cleachdadh a bhith ’g ol fiona, chuir na dh’ ol e a’ mhisg air, agus thoisich e ri seinn ’se fhein a chrabhadh air mo mhuin mar gu’m biodh e toileach a dhol a dhannsa mar a chunnaic e mi fhein a’ deanamh. Leis a h-uile upraid a bh’ aig, thionndaidh an stamac aige, agus thoisich e ri cur am mach. Thug so air gu’n do sguir e dhe mo theannachadh le lamhan ’s le chasan. An uair a chunnaic mi so, thilg mi bhar mo mhuin e; agus o nach robh de luths ann na ghluaiseadh as a’ bhad an robh e, bhuail mi clach mhor air anns a’ cheann, agus marbh mi e.
Cha robh mi riamh cho toilichte ’s a bha mi an uair a fhuair mi a lamhan na seana bheiste. Thug mi m’ aghaidh air a’ chladach, agus an uair a bha mi greis a’ coiseachd air bruaich a’ chladaich, thachair sgiobadh luinge rium a bha’n deis a dhol gu tir a dh’ iarraidh uisge. Ghabh iad ioghnadh gu leor an uair a chunnaic iad mi; ach is ann a bha ’n t-ioghnadh orra an uair a dh’ innis m’ dhaibh a h-uile car mar a thachair dhomh anns an eilean.
“Fhuair seana bhodach na mara greim ort,” ars’ iadsan, “agus is tu a’ cheud fhear riamh a fhuair as a lamhan gun a bhith air a thachdadh. Cha do dhealaich e ri duine riamh air an d’fhuair e greim gus an do chuir e as dha. Tha ’n t-eilean so ainmeil leis na chuireadh de dhaoine gu bas ann. An uair a theid marsantan is maraichean air tir ann, cha dana leotha a dhol astar sam bith o ’n chladach mur bi aireamh mhath dhiubh comhladh.
An uair a dh’ innis iad so dhomh, thug iad leotha mi gu bord. Nochd an sgiobair mor chaoimhneas dhomh an uair a dh’innis mi dha mar a thachair dhomh anns an eilean. An uair a chaidh sinn air bord, sheol sinn, agus an ceann beagan laithean rainig sinn baile-puirt.
Nochd fear dhe na marsantan a bh’ air bord caoimhneas dhomh, agus thug e orm a dhol gu tir comhladh ris, agus a dhol do’n aite anns am biodh marsantan a’ coinneachadh ri cheile. Thug e dhomh poca mor, agus dh’iarr e orm falbh ann an cuideachd nan daoine a bhiodh a’ cruinneachadh nan cnothan-coco. “Ma ’s math leat a bhith sabhailte,” ars’ esan, “leanaidh tu iad agus ni thu a’ cheart rud a chi thu iad fhein a’ deanamh.” An uair a thuirt e so, thug e dhomh biadh, agus dh’ fhalbh mi comhladh riutha.
Rainig sinn coille mhor anns an robh craobhan a bha anabarrach direach, ard. Bha na bunan aca cho lom ’s nach robh e an comas do dhuine sam bith direadh annta. B’e craobhan-coco a bh’annta gu leir; agus an uair a rainig sinn iad, chunnaic sinn aireamh mhor de mhoncaidhean dhe gach meudachd. Cho luath ’s a mhothaich iad dhuinn theich iad, agus shreip iad suas gu mullach nan craobh le luaths a chuir ioghnadh orm. Chruinnich na daoine a bha comhladh rium
[Vol . 6. No. 38. p. 3]
clachan, agus thoisich iad ri’n tilgeadh air na moncaidhean a bh’ ann am mullach nan craobh. Rinn mise mar a bha cach a’ deanamh; agus mar olcas ruinn, thoisich na moncaidhean ri tilgeadh nan cnothan-coco a nuas oirnn chum ’s gu’m bristeadh iad ar cinn ’s ar cnamhan. Bha sinn a’ cruinneachadh nan cnothan cho trang ’s a dh’ fhaodamaid, agus o am gu am bha sinn a’ tilgeadh nan clachan suas gus corruich a chur air na moncaidhean. Bha sinn leis na cleasan so a’ lionadh nam pocannan leis na cnothan-coco, agus b’ e so an aon doigh air am b’ urrainn duinn am faotainn.
An uair a chruinnich sinn gu leor, thill sinn do’n bhaile, agus cheannaich na marsanta uam na cnothan. “Lean romhad,” ars’ esan, “agus dean a h-uile latha mar a rinn thu’n diugh gus an coisinn thu de dh’airgiod na phaigheas do rathad dhachaidh.
Thug mi taing dha air son na comhairle a thug e orm. An uine gun bhith fada choisinn mi deadh shuim air na chruinnich mi de chnothan-coco.
Dh’fhalbh an long air an deachaidh mi do’n eilean as an acarsaid, agus i luchdaichte le cnothan-coco. On a bha duil agamsa ri luing eile, cha d’ fhalbh mi comhladh ris na marsantan. Thainig an long ris an robh duil agam. An uair a fhuair na marsantan air bord gach ni a bha iad a’ toirt leotha, fhuair mise mo chuid chnothan a chur air bord mar an ceudna. An uair a bha i deiseil gu falbh, chaidh mi ’ghabhail mo chead de’n mharsanta a bha cho caoimhneil rium, o nach robh e deiseil gu falbh air an luing comhladh rium.
Sheol sinn rathad nan eileanan anns am bheil am peper a’ fas. Tha luchd-aiteachaidh an eilean so anabarrach stuama, deadh-bheusach. Cha’n ol iad fion idir, ni mo a ni iad gniomh mi-chliuiteach sam bith.
Thug mi seachad na bh’ agam de choco anns na h-eileanan so air son pepeir agus fiodh alois, agus chaidh mi comhladh ri marsantan eile a dh’ iasgach neamhnuidean. Thug mi tuarasdal do dhaoine gus a dhol thun a’ ghrunna ’g an iasgach, agus fhuair iad dhomh feadhainn a bha anabarrach mor agus luachmhor. Bha mi gle riaraichte leis an doigh anns an do shoirbhich mo ghnothach leam. Chaidh mi air bord luinge a bha ’seoladh gu ruige Balsora. As a sin thainig mi do Bhagdad, far an d’ fhuair mi suim anabarrach mor de dh’ airgiod air son na bh’ agam do pheper, de dh’ fhiodh alois, agus de neamhnuidean. Thug mi an deicheamh cuid dhe na bhuanaich mi seachad mar dheirc, mar a b’ abhaist dhomh a dheanamh an uair a bha mi ’tilleadh dhachaidh bhar mo thuruis. Agus a chum an sgios ’s an saruchadh a bh’ orm an deigh mo thuruis a chur dhiom, bha mi ’caitheamh mo bheatha le subhachas, agus leis gach toil-inntinn a bha freagarrach air mo shon.
An uair a chuir Sindbad crioch air a naigheachd, dh’ordaich e ceud bonn oir a thoirt do Hindbad, anns dh’fhalbh e fhein agus gach aon dhe na h-aoidhean eile dhachaidh.
(Ri leantuinn.)
SEONAID OG AGUS A MAIGHSTIR.
Tha cuimhn’ agam-sa air bean-tighe ’bhi aig Fear Bhaile-nan-Sop, bho chionn fhada ’n t-saoghail, ris an abairteadh Seònaid Og. Bha ’n tuathanach fhéin ’n a sheann duine, a’ dlùthachadh gu math air tri-fichead bliadhna; ach cha robh e riamh cho fortanach agus tachairt air boirionnach air an d’ thugadh e suil, no a bheireadh suil air. Coltach ri ioma fear eile d’a sheorsa, cha ’n fhaigheadh e an fheadhainn a ghabhadh e, ’s cha ghabhadh e an fheadhainn a geobhadh e. Bha mar so riaghladh an tighe uile a’ tuiteam air Seònaid, nighean òg, —tha mi ’creidsinn gur h-i ’b’ òige de na seirbhisich uile. Bha i fortanach agus gu ’n robh a dol aice air na seirbhisich eile ’chumail air a laimh, bha spéis ac’ uile dhi—agus, aig a’ cheart àm, air tlachd agus meas a maighstir a chosnadh. Bha earbsa mhor aig’ aisde, agus gu minig chuireadh e a chomhairle rithe mu dheighinn a ghnothaichean. Bha Seònaid greis mhor mar so ann an seirbhis an tuathanaich ’n uair a thòisich boirionnach a bh’ anns a’ choimhearsnachd air droch fhathunn a thogail oirre fein ’s air a maighstir. ’S e ’thug air a’ bhoirionnach so an seanachas a thogail, gu ’n do chuir i fein a suil anns an tuathanach, agus bha a h-uile fiughair aice gu ’m pòsadh e i; agus ’n uair a chunnaic i gu ’n deachaidh a’ chùis ’n a h-aghaidh cha b’ urrainn di dad a dheanamh ach droch ainm a sgaoileadh eadar e fein ’s a bhean-tighe. Thainig na gnothaichean so mu dheireadh gu clusan an tuathanaich fhéin—ach faodaidh sibh a bhi cinnteach gu ’n robh, cha ’n e ’mhàin suim mhor aige d’a chliu fein, ach mar an ceudna do chliu Seònaid, smaointich e nach b’ urrainn da na b’ fhearr a dheanamh ’na chur mu choinnimh Seònaid, e fein a phòsadh. Bha iad eòlach air a cheile agus bha fios aige gu ’n deanadh i an deagh bhean da. ’N uair a thainig am beag sgeul gus am mor sgeul, cha chluinnteadh facal fad na dùthcha ach mu phòsadh an tuathanaich agus Seònaid—Nach i bha fada ’s a’ cheann ’n uair a rinn i ’n gnothach air! Nach b’i mo ghalad i ’n uair a mheall i ’n seann-duine! Cha robh i clì ’n uair a chaidh aice air a ribeadh! Dh’ iarr bana-choimhearsnach oirre, aon latha, innseadh dhi ciamar a thainig an gnothach mu ’n cuairt, agus so agaibh an cunntas a thug i seachad air, facal air fhacal.
“So, so!” ars’ a bana-choimhearsnach, “trothad agus innis dhomh, ’nis, ciamar a thachair an rud a th’ ann—dé fios nach faod tuiteamas a bhi orm fhein latha air choreigin. Cha ’n eil fios againn idir de ’tha romhainn, ’s cha mhisde sinn an rathad innseadh dhuinn, ’nuair nach aithne dhuinn fhein ceart gach lùb ’us fiaradh a th’ air.”
“Gu dearbh,” arsa Seònaid, “ ’s beag a tha ri innseadh uile gu leir. Bha mo mhaighstir air falbh aig an fhaidhir aon latha, a’ reic nan uan, agus bha e car gle anamoch mu ’n d’ thainig e dhachaidh. Cha b’ abhaist da fuireach air falbh anamoch uair ’s am bith, chionn bha e ’n a dhuine cho faicilleach ’s a dh’ iomain spréidh. ’Nis tha thu faicinn, ’n uair a thainig e, bha e ’n a bu chridheala na chunna mi o bho chionn fhada; bu choltach gu ’n d’ fhuair e margadh math do na h-uain, agus ’n uair a bhios sin mar sin ’s coir leithsgeul duine ’ghabhail. A dh’ innseadh na firinn duit dh’ aithnich mi air a shuil gu ’n robh deur beag air. B’ abhaist domhsa riamh ’n uair a bhiodh e air falbh, fuireach air mo chois gus an d’ thigeadh e dhachaidh; agus ’n uair a thainig e ’n oidhche so, bha a shuipeir deas, glan agam roimhe. ‘A Sheònaid,’ ars esan, —agus shaoileadh tu gu ’n do bhruidhinn e car na bu, —seadh, na bu chairdeala na b’ abhaist da. ‘De b’ àill leibh,’ arsa mise. ‘A Sheònaid,’ ars esan, ‘ciamar a bha cùisean a’ dol air aghart bho ’n a dh’ fhabh mi. Tha ’h-uile rud air dòigh tha mi ’n dòchas.’ ‘Tha, a h-uile rud, le ’r cead,’ arsa mise. ‘Tha sin gasda, tha sin gasda,’ ars’ esan, air a shocair fhéin. Chnìotaich e mi air mo ghuala, agus thuirt e rium gur ’h-e caileag mhath a bh’ annam. ’N uair a dh’ innis mi da a h-uile rud a thachair ré an latha, mar a’ b’ àbhaist domh a dheanamh a h-uile h-oidhche ’n uair a thigeadh e dhachaidh, chnìotaich e ’rithist mo ghuala ’s thuirt e gu ’n robh e fortanach mo leithid a bhi aige timchioll an tighe. Cha chuala mi e ’g ràidhinn an urrad so rium fhéin riamh, ged is tric a theireadh e air mo chùl e. Shaoil mi, gu dearbh, nach robh e buileach ’n a thùr fhéin. ’N uair a chuir e crioch air a shuipeir thòisich e air feala-dha, ’s e ’g ràdhainn gu ’n robh mi ’n dà chuid ’n am chaileig mhaith agus bhòidhich. Bha fios agam nach ’eil daoine ’m bitheantas mar iad féin ’n uair a thilleas iad ’bhàrr féille, agus gu ’n abradh iad rud no dha nach abradh iad aig amannan eile. Mar sin dh’ fhàg mi oidhche mhath aige ’s dh’ fhalbh mi.— ’Dé! Och, och! ’dé ’tha thu ’g ràdhainn? Cha d’ fheuch mo mhaighistir ri pòg fhaotainn bhuam idir; bha e na bu mhodhala na sin.”
“Latha no dhà an déigh so thàinig mo mhaighistir far an robh mi. ‘A Sheònaid,’ ars’ esan. ‘ ’Dé b’ àil laibh?’ arsa mise, ‘Thig a stigh an so,’ ars’ esan, ‘tha toil agam bruidhinn riut.’ ‘Théid an ceart uair,’ arsa mise. Ghabh mi ’stigh far an robh e, ’s mi ’smaointeachadh, fad na h-ùine, gu ’n robh e’dol a dh’ innseadh dhomh rud-eigin mu dheighinn biadhadh nam muc, no mu dheighinn na caora a bha sinn ’dol a mharbhadh, no rud-eigin mar sin.’ Ach ’n uair a dh’ iarr e orm suidhe, dh’ aithnich mi gu ’n robh rud-eigin sonruichte air aire; ’chionn cha d’ iarr e orm suidhe riamh roimhe ach aon uair, agus b’e sin ’n uair a bha e ’dol ga faidhir na h-Eaglaise-brice. ‘A Sheònaid,’ ars esan, ‘tha thu, ’nise, ùine mhath agam ’n a d’ sheirbhiseach,— ’n ad dheagh sheirbhiseach, agus ’n ad sheirbhiseach dileas. Bho ’n a bha thu ’n ad sheir-
(Air a leantuinn air taobh 302.)
[Vol . 6. No. 38. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, . . . $1 .00
Sia miosan, . . . .50
Tri miosan, . . . .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher ‘Mac-Talla,’
Sydney, Cape Breton
SIDNI, 18 MART, 1898.
Tha Breatunn a’ deanamh deisealachadh mor air son cogaidh, barrachd ’sa rinn i o chionn àireamh bhliadhnaichean. Aig an àm so tha e gle choltach nach eil cogadh fad as anns am feum Breatunn a cuìd fhéin dhe’n iomairt a dheanamh, agus tha i cur roimpe nach tigear oirre gun fhios d’i. Tha àireamh de shoithichean cogaidh ùra aice ’gan togail agus tha sia mile duine ri bhi air an cur ris an arm-mhara air a bhliadhna so. Tha neart na h-Impireachd Bhreatunnach air a mhuir; ma chailleas i air a mhuir, cha’n urrainn dhi gun chall air tir. Faodaidh an t-arm-tire feum nach beag a dheanamh ann an iomadh cearna dhe’n t-saoghal, ach ’s ann aig an arm-mhara a bhios a chuid a’s motha dhe’n obair a dheanamh. Tha ’n Riaghladh an deigh muillean gu leth punnd Sasunnach a chur air lath’ airson neartachadh an airm-mhara a bharrachd air na b’ àbhaist bliadhnachan roimhe; ’nuair a thainig sin fa chomhair na pàrlamaid air an t-seachdain s’a chaidh, chaidh aontachadh ris gu h-aon-ghuthach.
Ged nach eil a phlàigh cho marbhtach anns na h-Innsean ’sa bha i tha i dona gu leòr ann an cearnan dhe’n dùthaich fhathast. Tha i gle dhona ann am Bombay. Tha luchd-riaghlaidh a bhaile deanamh na dh’ fhaodas iad gus a cur fodha, ach tha ’n sluagh gu bitheanta a’ cur ’nan aghaidh. Toiseach na seachdain s’a chaidh, bhrist na Mahometanaich ’s na Hindùaich a mach ann an ceannairc; fhuair iad lamh an uachdar air maoir a bhaile, agus b’’ fheudar an t-arm a thoirt a mach gus an toirt gu striochdadh, agus bha àireamh dhiubh air am marbhadh. Tha e doirbh casg a chur air an tinneas ’nuair a tha ’n sluagh cho aindeonach air a bhi umhail do riaghailtean a thatar a deanamh air son am math fhéin.
’S i ’n taois bhog a ni más rag.
Bha dùil againn gu robh creideamh nam Mormons air a dhol bàs, no gle fhaisg air. Bha ’chuid mhor ci-dhiu dhe’n bharail nach robh Mormons ri ’m faotainn ach a mhàin ann an Utah, ach tha e air innse an dràsda gu bheil ceud mile dhiubh ann an Ontario, an teis-meadhon ar dùthcha fhéin. Tha moran bheachdan agus chleachdaidhean cronail aig na daoine so; am measg nithean eile tha e na chleachdadh aig na fir a bhi pòsda ri barrachd us aon mhnaoi, ri àireamh sam bith a thogras iad. Tha sinn an dòchas, ma thòisicheas iad air iad fhéin a chur an céill anns an dòigh sin, no air dòigh chronail sam bith eile, gu’n dean an lagh gabhail m’ an cùl, agus toirt dhaibh ri ’thuigsinn nach fhaod iad a bhi anns an dùthaich so mur giùlain iad iad-fhéin mar dhaoine Criosdail—a toirt ùmhlachd do lagh Dhé agus dhaoine.
Tha Pòl Cruger a rithist air a thaghadh ’na Riaghladair air an Transvaal. Tha e ’n deigh àrd-bhritheamh na dùthcha a chur á dreuchd, a chionn nach toireadh e breith a reir mar a a dh’ iarradh esan agus a phàrlamaid air. Tha Cruger ’na dhuine ’tha ’m bitheantas direach, ceart, ach tha e air uaireannan a’ deanamh nithean nach eil aona chuid direach no ceart. Tha e air son a bhi air an stiùir ge b’e doigh air am faigh e ann, agus tha e an sin air son a dhòigh fhéin a bhi aige gu h-iomlan.
Ann an ùine ghoirid tha romhainn a chlo-bhualadh, cùnntas aithghearr air beatha agus obair an t-sàr Ghàidheil nach maireann, Alasdair Mac Coinnich, air a sgriobhadh le “Cona,” sgriobhadair air am bheil ar leughadairean a nise gle eòlach. Cha bhiodh e iomchuidh dhuinn bàs duine cho iomraiteach a leigeadh seachad gun ionnsuidh a thoirt air air eachdraidh a bheatha innse ann an cainnt a dhùthcha, cainnt air an robh meas mor aige, agus d’ an robh e ’ghnàth dìleas.
Cha’n eil a nise teagamh sam bith nach eil na liberals ann air dreuchd an Ontario. Tha eadar seachd us deich aca bharrachd air càch, agus tha dùil aca gu’n teid tuilleadh ris an àireamh an ùine gun bhi fada. Chaidh sàbhaladh gle chaol orra, agus ’se ’s dòcha nach misde ’n dùthaich sin idir; bidh iad na’s faiceallaiche ann an riaghladh na mor-roinne na bhitheadh iad, ma dh’ fhaodte, nan robh iad na bu làidire na tha iad.
Tha caraid ag iarraidh oirnn an t-òran “Tha mo rùn air a’ ghille” a chur ’sa phaipear. Bhitheamaid an comain neach sam bith a chuireadh an t òran ugainn. B’ abhaist do ar caraid a bhi gle eòlach air an òran so an làithean òige, ach air dha a bhi fad air falbh á tir a dhùthchais ’s a còmhnuidh am measg nan Gall, chaidh e air diochuimhn’ air, ’s tha e air son ionnsachadh a rithist.
B’e ’n dé Latha Fhir Padruig, agus bha e air a choimhead anns a bhaile so mar a b’àbhaist.
BATHAR EARRAICH.
Deiseachan Fhirionnach air $3 .50, $4 .75 agus o sin suas.
Deiseachan Ghillean air $1 .75, $2 .60, $3 .00, $375 agus $4 .60.
Bathar eile a reir sin. Cha ’n eil stor anns a’ bhaile anns am faigh thu BATHAR MATH cho saor.
Tormad Domhnullach,
SIDNI, C. B.
MacCoinnich & Co.
Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh
ANN AN LOUISBURG,
agus tha sinn aig an àm cheudna a’ cumail air adhart air an t-seann laraich,
ANN AN SIDNI.
Aodaichean Matha dhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.
Theid sinn an urras air an obair.
Mac Coinnich & Co.
H. D. Mac Ille-Mhaoil,
Stewartdale , C. B.
Cloth,Drogaid, agus Plaideachan “Eureka.”
Mu dheich air fhichead seor sa aodaich ’ga chreic.
Cloimh air a gabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige neo sgriobh uige.
C . H. HARRINGTON & CO.
Flur, Min, Ti agus Siucar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr.
Soithichean Glaine agus Creadha, math agus saor.
Brogan, Botainnean, Rubbersagus Caiseart de gach seorsa
’GAN CREIC SAOR.
[Vol . 6. No. 38. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Sgaoil tigh na pàrlamaid ann á Halifacs a sheachdain gus an diugh.
Air la na Sabaid s’a tighinn (an 20mh) bidh an latha ’s an oidhche an aon fhad. An deigh sin bidh an latha sior fhàs fada ’s an oidhche ’fàs goirid.
Fhuair fearTheophilus Smith, a mhuinntir Digby, coig bliadhn’ deug dhe ’n tigh-obrach ann anLowell , Mass. ,air son ionnsuidh a thoirt air teine chur ri thigh fhéin. Is duin’ e air an robh fior dhroch cliù.
Thatar a’ glacadh moran sgadain anns a Bheighe ’n Ear air a’ gheamhradh so; bha an t-iasg gle phailt. B’ àbhaist geamhraidhean roimhe so a bhi glacadh sgadain ann an acarsaid Shidni, ach o chionn bliadhna no dha cha d’ thainig an t-iasg rathad na h-acarsaid so idir.
Di-satharna s’a chaidh, chaochail Mr. Dupont, aon de bhuill na h-ard-phàrlamaid. Chaidh a ghoirteachadh le sgiorradh da sheachdain romh bhàs, ’se gabhail turuis air an rathad-iaruinn. ’S e so an darra fear de bhuill na pàrlamaid a chaochail o’n dh’ fhosgladh an tigh. B’e ’m fear eile, Mr. Parry, áWest Prince,E. P. I.
Tha duine fuireach ann an St. Barnabe, an Cuibeic, d’ an ainmJaquet Lepage, agus an la roimhe bhaist e an treas duine fichead cloinne. Tha an duine còir a nise car aos la—ceithir fichead bliadhna ’sa ceithir—ach saoilidh sinn nach eil cùram sam bith gu ’n teid a chuid an t-saoghal a dholaidh an deigh a bhàis, oir tha oighreachan gu leòr gu bhi aige.
Bha side anabarrach briagha ann deireadh na seachdain s’a chaidh agus toiseach na seachdain so, ach o Dhi-màirt tha ’n aimsir na ’s fhuaire agus na ’s coltaiche ris an t-side is àbhaist do ’n Mhàrt a bhi toirt dhuinn. Tha an sneachda air falbh bhar nan sraidean cha mhor gu buileach, ach tha roinn mhath air feadh na dùthcha, agus tha cothrom aig na sleigheachan air a bhi falbh fhathast.
Chaidh murt brùideil a dheanamh ann am Montreal o chionn che’ -la-deug air ais. Fhuaireadh Sasunnach d’ am b’ ainm Uilleam Coe marbh ’na sheòmar-cadail agus a cheann cha mhor air a phrannadh. Bha e mu leth-cheud bliadhna dh’ aois. Chaidh am fear a tha cumail an taighe anns an robh e a ghlacadh air àmhrus, ach cha ’n eil fhathast dearbhadh sam bith air fhaotainn ’na aghaidh.
Ann anTaunton , Mass. ,bha aona ceud deug de luchd-obrach nam muillean-cotain ’nan tàmh o chionn treis a dh’ ùine air ais, ’s iad air son aobhar eigin a’ diùltadh obrachadh. An la roimhe, an deigh dhaibh da fhichead mile dolair a chall, chaidh iad uile air ais gu ’n obair, ’s iad a reir coltais gle thaingeil an cothrom fhaotainn. Tha so a tachairt gu bitheanta anns na Stàitean, agus mar a’s trice ’s iad an luchd-obrach, na daoine bochda, a bhios a call.
Tha mèinnean òir Hogamah a’ fas ainmeil, agus ma leanas iad air a dhol na ’s fhearr, cha ’n fhada bhios iomradh idir air a’ Chlondaic. Tha pàirt de ’n stuth a thatar a faotainn ann a Hogamah anabarrach beairteach; fhuaireadh cho àrd ri sia ceud dolair de dh’ òr á aon tunna. Tha cuid dhe ’n bharail gu bheil an t-òr ri fhaotainn gu pailt anns na beanntainean fad an t-siubhail eadar Hogamah us Ceap Nor. Tha an t-Onarach Uilleam Ros ag innse gu ’n d’ fhuaireadh cnap òir aig Ceap Nor ’sa bhliadhna 1861 a cheud òr a fhuaireadh air an eilean. Tha dòchas làidir gu bheil mèinnean òir ann a Hogamah agus an àiteachan eile an Ceap Breatunn a dol a thionndadh a mach gu math.
Tha seachd dhe na Stàitean a Deas anns nach ceadaich an lagh do dhuine dubh a bhi anns an aon charbad ri daoine geala. Tha ceann-fodha uamhasach air na daoine dubha anns na Stàitean ud.
Bha teine ann am baile Halifacs air an t-seachdain s’a chaidh, agus bha fear dhiubhsan a bha ’ga chur as air a leòn cho dona’s gu ’n do chaochail e. Tha a bhantrach a dol a dh’ fhaotainn mile dolair air son a cumail suas.
Aig Loch Megantic, an Cuibeic, o chionn da sheachdain ais ais, chaidh tigh ’na theine, agus bha gille beag, aois choig bliadhna, air a losgadh gu bàs. Fhuair a mhàthair agus a’ chuid eile dhe ’n chloinn as le ’m beatha, ach dh’ fhairtlich orra esan a shàbhaladh. Bha ’n t-athair air falbh aig an àm.
Bha réis each air deigh na h-acarsaid so Di-satharna s’a chaidh. Fhuair each Challaghan an Sidni, a’ cheud duais, each Mhic-Aonghais amPort Morien,an darna duais, agus làir Iain Mhic-Coinnich, an Sidni, an treas duais. Bha reòthadh trom ann oidhche Di-haoine, agus bha an deigh gle mhath, ged nach robhas idir ’ga meas tuilleadh us sàbhailte.
Tha sluagh mor a’ dol a dhòrtadh a stigh do ’n Chlondaic air an earrach so. Tha mu cheud duine a dol troimh Mhontreal air an t-slighe do ’n àit iomraiteach sin, gach latha dhe ’n t-seachdain. Ghabh mu choig mile deug duine an turus air an rathad-iaruinn C. P. R. o’n thainig a bhliadhn’ ùr. ’S e ’s dòcha gu ’m bi an t-àite air a lionadh gu math roimh mheadhon an t-samhraidh.
An deigh ùine mhor a chosg a labhairt mu ’n rathad-iaruinn a thatar a dol a dheanamh do ’nYukon, chaidh a chùis a chur gu bhòt Di-haoine s’a chaidh, agus ghleidh an Riaghladh le 39 bhòt a bharrachd. Mur cuirear grabadh sam bith air a “bhill” anns an t-Seanadh, bidh an rathad air a chur air adhart gun dàil a reir nan cumhachan a rinneadh leis an Riaghladh ri Mac Coinnich agus Mann.
Tha ’n t-Ard-riaghladh a’ dol a chur da cheud saighdear do ’n Yukon, air son cuideachadh feum ail sam bith a thoirt do luchd-ceartais an àite ann a bhi gleidheadh sith agus ceartais eadar duin’ agus duine. Tha an t-àite gle iomallach, fad-as, agus cha ’n eil teagamh nach doirt moran de dhaoine mi-rianail a stigh ann; tha e mar sin gle iomchuidh gu ’m biodh ionnsuidh cheart air a thoirt air lagh agus ceartas a riarachadh ’nam measg.
Tha an soitheach La Champagne gu bhi air a càradh ann a Halifacs. Bha i luchdaichte le sioda agus fion, agus b’ fhiach an t-iomlan eadar muillean us da mhuillean dolair. Tha an luchd ri bhi air a thoirt gu Boston air soitheach eile. Chaidh soitheach eile, an Catalonia, a thoirt a stigh do Halifacs toiseach na seachdain sa chaidh ’sa h-inneal air bristeadh air doigh ’s nach b’ urrainn dhi gluasad ach mar a ghluaiseadh a ghaoth i. Bha i mar sin ùine mhath mu ’n d’ rainig cuideachadh i. Bha àireamh mhor de luchd-turus aice air bòrd.
Air a cheud latha dhe ’n mhios so, thug coithional Mhira gibht luachmhor—soithichean-ti airgeid—do ’n Urr. Uilleam R. Calder agus d’a mhnaoi. An cois na gibhte so bha òraid air a h-òr-chlo-bhualadh a’ nochdadh deagh dhùrachd a choithional dha mar aodhaire os an cionn, agus a’ guidhe saoghal fada dha agus moran soirbheachaidh ’nam measg. Fhreagair Mr. Calder gu drùighteach a’ toirt taing dhaibh air son an deagh dhùrachd dha fhéin ’s d’a chéile, agus a’ toirt iomraidh air gach sonas agus soirbheachadh a mheal iad cuideachd re nan deich bliadhna o’n thainig e ’nam measg.
BATHAR UR.
Moran de Churaicean Geamhraidh, eadar 10c. us $5 .00.
Brogan matha saor.
Ti mhath mar a b’ abhaist.
Beagan de Cheannachd Thioram.
Olla 25c. an galan; 5 galain air $1 .00.
NIALL DOMHNULLACH,
BADDECK , - - C. B.
J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsa ’s fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B.
BADDECK , - - C. B.
Airson a stor a dheanamh na ’s deiseile ’s na ’s feumaile dhaibhsan a tha ’deanamh gnothuch ris, tha
Albert I. Hart
a’ nise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh.Tha a’ chuid sin de ’n ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am Boston ’sanNew York.Gheibh iadsan a thig g’a h-ionnsuidh an
DEAGH RIARACHADH.
BADDECK , - - C. B.
LEABHRAICHEAN GAILIG.
Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
’Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10
Gaelic Class Book .35
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte.
Sgriobh gu
J . G. MACKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, C. B.
[Vol . 6. No. 38. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 299.)
bhiseach cho math, ’s tric a bha mi ’smaointeachadh gu ’m biodh tu ’n ad bhean na b’ fhearr uile. ’Bheil dad agad an aghaidh pòsaidh, a Sheònaid?’ ‘Cha ’n eil fios agm, a le ’r cead’ arsa mise; ‘cha ’n urrainn do dhuine ’radh ciamar a chordas gnothach ris gus am faic e ’de a tha e ’dol a dh’ fhaighinn.’ ‘Ma ta, a Sheònaid,’ ars esan, ‘tha thu gle cheart an sin a rithist. Bha thu agam-sa ’n ad sheirbhiseach bho chionn, a nis, coig-bliadhn’ -deug, ’s cha ’n fhiosrach mi gu ’m b’ urrainn domh riamh a bheag de choire fhaotainn duit. Bha thu cùramach, deanadach, onorach, agus—— .’ ‘O, le ’r cead,’ arsa mise, ‘bha mi air mo phaigheadh air a shon, agus cha robh ann ach an rud bu choir dhomh a dheanamh.’ ‘Tha sin fior,’ ars esan, ‘ach tha toil agam easg a chur air an droch ainm a thog Mor-Nigh’n- Uilleim orm fhéin ’s ort fhéin, agus a tha ’nis am beul a h-uile duine; leis a sin air son beul an t-sluaigh a dhùnadh, ’s e ’ni mise ’s thusa—pòsaidh sinn.’ ‘Direach sin,’ arsa mise:— ’de b’ urrainn domh ’ràdhainn?”
“Thainig mo mhaighstir a stigh far an robh mi làth’ eile, cas ’n a dheigh so, ’s thuirt e rium fhéin— ‘A Sheònaid,’ ars esan. ‘ ’De ’b’ àill leibh?’ arsa mise. ‘A Sheònaid,’ ars esan, ’tha mi ’dol a’ chur a stigh nan gairmeannan an diugh, air son na Sàbaide so ’tighinn.’ ‘Direach sin,’ arsa mise.”
“Mu sheachdain an deigh so thuirt mo mhaighstir rium— ‘A Sheònaid,’ ars esan. ‘De ’b’ àill leibh,’ arsa mise. ‘Tha mi ’smaointeachadh,’ ars esan, ’gu ’n cuir sinn seachad am posadh air Di-haoine so ’tighinn, mur ’h-eil dad agad ’n a aghaidh.’ ‘Direach sin,’ arsa mise. ‘Agus,’ ars esan, ‘theid thu ’stigh do ’n bhaile Di-luain, a cheannach gnothaichean na bainnse. Bha mi fhéin a’ bruidhinn ris a’ Mharsanta Mhor, ’s bheir e dhuit ni ’s am bith a dh’ iarras tu. Cha ’n fhaigh mi dol a stigh leat air an latha sin, ach thoir fhéin leat a h-uile rud mar a thogras tu.’
“Chaidh mi ’stigh do ’n bhaile Di-luain, ’us cheannaich mi a h-uile rud beag a bha ’dhith orm; ach bha gu leoir de dh’ aodach agam roimhe, agus cha robh toil agam a bhi struidheasach. Thug mi mo ghnothaichean a dh’ ionnsuidh na ban-fhualaiche, agus fhuair mi dhachaidh iad air Dior-daoin.”
Air oidhche Dior-daoin thuirt mo mhaighstir— ‘A Sheònaid,’ ars esan. ‘ ’De ’b’ àill leibh,’ arsa mise. ‘ ’S e ’m màireach latha na bainnse,’ ars esan, ‘agus thoir an aire gu ’m bi a h-uile dad deas air son na suipearach, ’chionn tha fiughair agam ri cuideachd, agus bu mhath leam a h-uile rud a bhi ’n deagh ordugh. Faic fhéin a h-uile rud ceart.’ ‘Direach sin,’ arsa mise.”
“Cha do ghabh mi dad de shuim de ’n ghnothach gus a so; ach, a nise, smaointich mi gu ’m feumainn feuchainn ri deanamh cho math ’s a dh’ fhaodainn, air son gu ’n toilichinn mo mhaighstir agus a chuideachd. Mar sin fhuair mi a h-uile ni deas, agus glan, grinn. Shaoilinn nach biodh dad ceart mur biodh mo dha laimh fhein mu ’n cuairt air.”
“Air maduinn Di-haoine thuirt mo mhaighstir— ‘A Sheònaid, ars esan. ‘ ’De ’b’ àill leibh,’ arsa mise. ‘Falbh,’ ars esan, ‘ ’s glan thu fhéin, ’s bi ’faighinn an òrdugh. Bith’dh a chuideachd an so ’n ceart-uair, ’s feumaidh tu ’bhi speisealta. Fanaidh tu anns an t-seòmar bheag,’ ars esan, ‘gus an teid fios a chur ort.’ ‘Direach sin,’ arsa mise. Ach bha de ghnothaichean ri dheanamh, ’s nach b’ urrainn domh faighinn air falbh, agus bha a’ chuideachd uil’ air tighinn mu ’n d’ fhuair mi m’ aodach a chur orm.”
“Thainig mo mhaighstir a stigh a rithist ’s thuirt e rium mi ’bhi ’falbh gun tuille dàlach, ’s mi fhéin fhaighinn air doigh, ’chionn bha ’m ministeir a’ teurnadh ’nuas ’dh’ ionnsuidh an tighe. Mar sin b’ fheudar dhomh a h-uile rud fhàgail aig na seirbhisich eile, agus dol a chur orm m’ aodach caomhanta.”
“ ’N uair a’ bha feum ormsa, thainig fear Lag-an-Uinnsinn agus thug e mi ’stigh do ’n t-seòmar far an robh a’ chuideachd uile, agus am ministeir. Cha mhor nach deachaidh mi ’n laigsinn, ’chionn cha ’n fhaca mi an urrad de chuideachd cruinn bbo n a thainig mi ’stigh do ’n t-saoghal, agus cha robh fios agam c’ àite ’n seallainn. Mu dheireadh rug mo mhaighstir air laimh orm, ’s dh’ fhairich mi mi-fhein a’ fàs na bu laidire. Thuirt am ministeir fuathas, fuathas ruinn, ach cha ’n eil cuimhn’ agam-s’ air a dhara leth; ’s rinn e ’n sin ùrnuigh. An deigh so shaoil mi gu ’n rachainn air bàinidh leis na thòisich air mo phògadh. ’S iomadh aon a chrath mo lamh gu càirdeil, ag guidhe sonais dhomh, nach fhaca mi riamh roimhe.
“An deigh do na gnothaichean so a bhi seachad, thug mise car-mu-luib asam a nuas am measg nan seirbhiseach eile, a dh’ fhaicinn an robh an t-suipeir air dòigh cheart. Ach an ceann tiota co ’bha ’nuas ach mo mhaighstir. ‘A Sheònaid,’ ars esan, ‘ ’De ’b’ àill leibh,’ arsa mise. ‘A Sheònaid,’ ars esan, ‘feumaidh tu ’nis a thuigsinn nach eil thu na ’s fhaide ’n ad sheirbhiseach dhomhsa ach ’nad mhnaoi;’ ars esan, ‘agus leis a sin feumadh tu tighinn a nios agus suidhe comhla ris a’ chuideachd.’ ‘Direach sin,’ arsa mise. ’De, ma ta, a dh’ fhaodainn a dheanamh ach falbh a sios ’us suidhe ’measg na cuideachd. Agus, a nis, a Mhàiri, sin agad a h-uile car timchioll na suiridhe agus a phòsaidh agam-sa.” —Eadar. le LACHUINN MAC GILLEAIN.
Sean Fhacail.
Millidh dànadas modh.
Molaidh an t-each math e fhéin.
Chaidh dubhag ri dualchas.
Trod a’ mheasain ’s a chùl ri làr.
Théid dànadas gu droch oilean.
Tilg mìr am beul na béist.
Leig e ’n t-earball leis a’ chraicionn.
Comhradh nan Gaidheal.
COMHRADH EADAR TEARLACH OG AS AN EILEAN SGIATHANACH, CALUM MAC FHIONNLAIDH A MHUILE, AGUS DUGHALL MAC GRIOGAIR A PHEAIRT.
Tearlach ’s e na shuidhe ’n taigh osd’ ann an Ionaraora a’ feitheamh chaich agus iad air tighinn, ars esan— ’S breagh an gnothuch so fhearaibh! So agaibh mise o’ naoi uairean an raoir an geall coinneachadh mar a dh’iarr agus tha e nis còig uairean dhe’n fheasgar an ath latha, ciod e thainig oirbh idir, idir?
CALUM. —Stad, stad a bhobag? gus am fliuch Dùghall ’s mi fhéin ar ribhidean, ’s gu dearbh sinn tha feumach air; an aite ’bhi talach oirnn gum bheil sinn fadalach ’s ann a dh’fhaodas tu bhi cho toilichte ’s tha sinne taingeil airson ruigheachd idir.
DUGHALL. —Mata’ ’ghaolaich is maith a labhair thu, cha’n ’eil e cho fad bho’n bha mi fhéin an dùil gum fac’ mi ’n sealladh mu dheireadh de bhean an taighe ’s na pàisdean gun bhi tighinn air bus dubh Theàrlaich as an Innse ghall.
TEARLACH. —Seadh, seadh fhearaibh tha mi ’faicinn gum bheil sgeul agaibh ri aithris ’s ri innse, ’s bho ’n tha ’m bàta nis air falbh o chionn fada agus nach fhaigh sinn carbad nan ceithir each gu maduinn am màireach, iarraidh sinn a staigh greim bidh ’s drughag de’n Talamhsgeir—ma tha sin ri fhaotainn ’n so, agus ’nuair a lasas sinn ar pioban neo-ar-thaing mar éisd mise ribh gu meadhon oidhiche ma thogras sibh.
D. —Nis “mo chriosan” mar theireas iad san aite ghailbheach so, tha mise deis airson “one.”
C. —Agus mise cuideachd, ged nach abair mi airson “two,” ’s fhearr leam ’s mi ’bruidhinn na Gaidhlig a bruidhinn, tha gu leoir ann dhi.
T. —Sin thu Chaluim, ’se smior na firinn th’ agad, ’s ’nuair a gheibh sinn do sgeòil bheir sinn treis air pronnadh Dhùghaill air ’bhi maslachadh ’s a salachadh a “Chainnt” leis a Bheurla, nuair nach fheudar
C. —Cha bu toil leam ’bhi tuilleadh is trom air Dùghall bochd, oir, mar is maith ’ta fios agads’ a Thearlaich tha ’Ghàidhlig aige, ged is ann á Peairt tha e cha bhuin e do ’n bhaile, ach ’dé le bhi ’measgachadh le feadhnach anns na cearnaibh sin de ’r dùthaich far an do chaill iad a Geàidhlig ’s nach d’ fhuair iad a Bheurla, tha Dùghall air tuiteam anns a chleachdadh ghrànnda sin—ach, so, so, laidhidh mi air innnseadh dhuit mar dh’ eirich dhuinn, agus ged nach toir mi leth uair na h-uaireach air aithris, gu firinneach saoileam gu ’m bheil e leth-bhliadhn’ o’n sheas mi air cabhsair Ghrianaig an àite mu cheithir uaire fichead. Mata an deigh dhomh bàta-na-smùid fhàgail aig Grianaig bha Dùghall romham air a cheithe agus ultach aige de ghnothuichean àraid mar shampuill air na bha dhith oirnn, mar is aithne dhuit, suas a ghabh sinn, agus an deigh moran chliobraich
[Vol . 6. No. 38. p. 7]
’us ghleaduraich eadar da cheann an latha, fhuair gach ni reidh, ’us mach, an deigh ar bidh, a ghabhail sràide chaidh sinn, gus am biodh againn ris a bhàta ’ghlacadh gu tighinn an so, oir cha robh moran toileachadh ann a bhi suidhe a ’staigh, ach, O mo chreach! Cha b’e ’m bàt’ a ghabhail bha ’n dàn duinn, oir direach ’nuair bha sinn air te dhe na caol-shràidean, ’de ’mhi-shealbh chuairtich sinn ach sgaoth do chrochairean ag eigheach ’s ri gleadhraich bha oillteil; sheas sinne air ar n’ais ann an trannsa bh’ aig laimh, gus am faigheamaid cuibhteas iad, ach cha robh sin cho soirbh, oir direach mu choinneamh an doruis sheas na gràisgean a’ cagnadh ’s a’ canradh ri chéile, gus mu dheireadh rinn sinn a mach gun deach uaireadair òir a ghoid air fear dhiu, agus gun robh aon fhear a stri ri ’cheur air fear eile, ’bha a rithist ag agairt gum b’e gille mor Gàidhealach bha sin a ghoid an t-uaireadair; cha robh, an sin, ach do ’n ghille ’bhi nam bad, agus gu dearbh bu mhaith thigeadh sin da, ach ann an àird’ an t-sabaid, thachair rud nach ’eil tric a tachair aig a leithid a dh’ am—thainig am “Police,” ach ann an làn neart, agus ’an greim bha leth dusan dhiubh co dhiu, ’s an gille mor nam measg, ’s chuir sinne romhainn ar casan a thoirt asainn, ach ’nuair a bha sinn an los sin a dheanamh ’de chunnaic sinn ach an ceart fhear a bha sparradh air an fhear a chaill an t-uaireadair gur e ’n gille mor a ghoid air e, ag cuir an uaireadair ann am pòcaid a ghille mhoir, a bha fosgailt farsuinn aig an àm, ’s gu dearbh bu sgiobalta, seolta, rinn e sin, gun fhios da; sheall mis’ air Dùghall ’s sheall esan ormsa, ach cha d’ thubhairt sinn a bheag gus an deach na bh’ ann seachad, agus an sin arsa sinne comhla’ “Am faca tu sin?” A Righ! chunnaic, agus cha robh nis ach an leantuinn gus ar teisteanas a thairgse air taobh ar fear-dùthcha an gille mor bochd neochiontach gus a shaoradh agus am meirleach a chur an greim nam b’ urramaid, agus aig dorus an t-seòmar-lagha, bheachdaich sinn air an fhear a rinn mar thubhairt mi, ’toirt oidhirp air snagadh air falbh, ’s a chasan thoirt as an ribe, ach ach rinn mise sanas ri fear do luchd nan cotaichean gorma agus thug esan a cheart aire gun deach e ’staigh còmhla ri càch. Is e ’n gille mor a chaidh a cheasnachadh an toiseach, agus ’nuair a chunnaic sinne nach do ghabh iad ’fhacal, bho ’n fhuaireadh an uaireadair na phocaid, nach b’ esan a ghoid e, ged’ dh’ aidich e gun d’ rinn e beagan sabaid—sheas sinne air ar n-adhart gun tuille daileach, ach ma sheas, b’ fhiach dhuit ’bhi ann ach am faiceadh tu cho glas-neulach ’s a dh’ fhas aodainn an fhir ’bha ’cuir nam breugan air a ghille choir. Gu sgeul goirid ’dheanamh dheth, ged’ fhuaireadh an t-uaireadair ’am pocaid a ghille, bha ’n teisteanas ’thug sinne tuille ’s dearbhach, agus bha e saor ann an leth uair o thighinn a staigh, agus mach a ghabh sinn na ’r triuir, an deigh dhuinn ar n-ainmean ’s an aite ’s am faightear a rithisd sinn fhagail aig a’ Chléireach; ghabh sinn beannachd leis a ghille mhoir, ’bha anabarrach taingeil, agus mar bu dual, deonach agus an geall air drama sheasabh co dhuibh, ach, bho na bha leithid a chabhaig oirnn cha robh doigh air fuireach, agus b’ fheudar gabhail thun a cheithe gun stad—ach ’se sin a bh’ againn air a shon—oir, air ruigheachd dhuinn, bha ’m bat’ air falbh ’s cha robh againn na ’r dithis ach Baile Mhòid thoirt oirnn cho luath ’s a fhuair sinn cothrom, coiseachd á sin suas taobh a chaolais, aiseag Chaol-an-t- snaimh a ghabhail ’s coiseachd e sin gu Shra’churra—ceum no dha tha mi ’g radh riut—agus ’bhi air ar n’ aiseag thar an loch ud a muigh gu so, agus Dunach air! se chraidh sinn. Mar tha mi cinnteach is aithne dhuit gu maith, bha side fiadhaich ann an raoir ’s an diugh, ged tha feath geal a nis ann, agus cha ghluaiseadh Eachann greannach g’ ar n’ aiseag cas, ach, rag mar a bha e, b’ fhearr dha fhein ’s dhuinne gur ann nis raige bhiodh e, oir leis an ùpraid a rinn sinn ag iarraidh air am bata chuir a mach gus sinn a chur thar an loch, ghluaiseadh e mu dheireadh an aghaidh a thoil ri leithid a shide ’s ri uair cho gailbheach; cha robh anns a’ bhata ach ceathrar dhinn agus, is cinnteach gur e ’Ni Maith chuir ann iad, faisg air a lan a dh’ acraichean airson na lin sgadain a cheangal ri chéile, leis na bh’ ann dhiu cha robh Eachann airson bhi aig an dragh an cuir a mach, na clachan ’chuir a staigh gus an eathar a chothromachadh gu ceart mar b’ àbhaisd ’s mar bu choir, no aite socrach a dheanamh dhuinne ni ’s mo. Fath ar mulaid! oir cha robh sinn leth na slighe ma dh’ fhaodas mi sin a radh, thar an loch, an deigh na siuil a chuir rithe, nuair thainig a ghaoth cho cruaidh ’s ged leig Eachann ruith leis an sgoid, sud air a cliathaich i mas sealladh tu bhuat, an crann na dha leth, ’s sinne a plubartaich timchioll ’s a greimeachadh air a cheud rud a b’ fhearr a gheibheamaid. Sios an loch chaidh ar fuadachadh gus an d’ thug iad an aire dhuinn, oir neo chual iad sinn air tir, oir rinn sinn sgairt an drasd ’s a rithist, agus thainig bàta a mach o ’n Fhurnais ’s chaidh ar saoradh, ar cuir air tir agus ar tiormachadh, ach chaill sinn ar pocannan tha eagal orm, mar d’ fhuairear iad an ceangal ris an tota mar d’ fhàg sinn iad—Choisich sinn a chuid is mo dhe ’n rathad o’n Fhurnais gu so; agus sin agad ciod e chum gu’n ruigheach gu so sinn!
T. —Dhia beannaich mi! fhearaibh sibh a bha bh’ anns a chrois ’s anns a channart air muir ’s air tir da-rireadh, ach tha mi ’n dochas gu’n teid sibh os a chionn agus gum faigh sibh na bhuineas dhuibh fhathasd.
D. —Nam b’ ann an loch Tagha a thachair a leithid nam b’ urrainn sinn a bhi air an loch briagha ciuin sin, dh’ fhaodadh duil a bhi againn gu’m faightear ar pocannan; ach anns an loch ud a muigh a tha lan chuan-choireachan ’us shlagan, far am bheil an sruth ’ga thoinneamh gu garg faobhagach, sluigidh e leis gach uile ni eadar bheag ’us mhor air am aaigh e greim— “Bithidh dùil ri fear feachd, ach cha bhi duil ri fear lic.”
C. —Tha sruth an sin gu dearbh ged is beag e’n coimeas ris an t-sruth agus an cuan-choire th’ eadar Diùra ’us Sgarba—Coire Bhreacain.
D. —Coire Bhreacain ann no Coire Bhreacain as, cha mharaiche mi ’s cha ’n fhearr leam a bhi; tha Loch Fine, mar a chunnaic mis i, gu leòir air mo shonsa. Chunna’ mi de shumaidean ’s de stuaidnean mhorlannach, le ’m beulan ’s la culan mar their sibhse tha suas ris a mhuir mhoir, na dh’ fhoghnas dhomh ri m’ shaoghal.
C. —Cha ’n eagal duit a ghoistidh! Cha bhi cuimhn’ agad air mu ’n àm so ’màireach, ’s beag sin an coimeas ris gach gàbhadh ’us cunnart troimh an deachaidh Teàrlach fhéin a sin, nis o chionn coig bliadhna thar fhichead ’us còrr; chuala mi“yarn”no dha aige air na chunnaic ’s na dh’ fhhiling e, agus bho ’n tha ’n oidhche òg fathasd’ dh’ fhaodadh e fear thoirt dhuinn a chuireadh Loch Fine as do chuimhne.
(Ri leantuinn.)
Ioseph A MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.
Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C. B.
THA EARBSA
aig daoine ann am maidsichean Eddy— ’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid agus seorsaichean eile rithist a tha coltach ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum.
Tha ’n t-ainm so na urrais air mathas.
—THE—
E. B. EDDY Co., Limited,
Hull, Canada.
[Vol . 6. No. 38. p. 8]
Oran do Mh-- - -g.
Tha mo chridh’ air a mhuchadh,
Tha mi bruite ’s gach àm;
Cha ’n eil doigh air bhi sunndach
Tha mo shugradh air chall.
’S ann tha culaidh mo shugraidh
A toirt a cul rium ’san àm,
Cuilin donn na suil du’ -ghorm
A rinn mo chiuileadh ’s gach àm.
Tha mo chion air a chailin
Bean na meall shuilean mo’ar,
Tha do shlios mar an canach
Na mar eal’ air an lon.
Gur a buidhe dha ’n leannan
A mheallas do phòg,
Bu righ mi air talamh
Na faighinn ort coir.
Bha mi eolach air t’ abhaisd
’S tu ’nad phaisde beag, òg,
Gur a boidheach a dh’ fhàs thu
Mar fhlur an garadh, gun fhot.
Cha robh drochbheirt a fas riut
Cha robh ardan na prois,
Ach go h-iriosal, cairdail,
Lan do mhanran ’s do spors.
Tha thu caoimhneil ri caraid,
Tha thu banail ’s gach uair;
Air gach te, tha mi ’m barail,
Thug thu barrachd an uaill.
Pearsa dhireach gun chamadh,
Aghaidh bhanail ’s glan snuadh,
Suil chaoin is tlath sealladh
Fo chaol mhalla gun ghruaim.
Cha ’n eil feum dhomh ’bhi gearain
Ged nach faigh mi thu ’luaidh,
Tha reusan bhios maireann
Ga do chumailsa bhuam.
Mar a bith dhomh ’bhi ’m banneabh
Air mo sparradh cho cruaidh,
Cha ’n eil air an talamh
Na chumadh thu bhuam.
’Nuair a chunnaic mi ’n tus thu,
Laidh mo shuil ort—gu bochd!
Gur a beusach do ghiulain
’S tha do chliu gun aon spot.
Bidh mi ’n comhnuidh ag urnuigh
Gun thu lubadh le broc,
Ach le uasal bhios ionnsaicht’
Agus cliuiteach, gun lochd.
Ach, a chaileag ro mhodhar,
Is boidhche na each,
B’ fhearr na ’saoghal le storas
Leam coir air do laimh.
’Se do ghliocas do bhoidhchead
’S do [ ? ] àrd,
Do ghrinneas is d’ fhoghlum
A rinn mo leonadh gu brath.
AN GILLE GLAS.
An t-Earrach.
LE R. MAC ’ILLE-BHAIN, NACH MAIREANN.
An toiseach an Earraich bidh an t-oran a’ fàs
Mar chinnsas na lusan am broilleach a’ bhlàis;
Tha nàdur ’fas ait, dh’ fhalbh aobhar a’ bhròin—
Nach cluinn thu na chleirean sheinneas na h-eòin.
Tha ’n Geamhradh air teicheadh o ’n Deas chum an Tuath,
’S an àite fuachd feannaich am blàs ’faotainnn buaidh;
’S na buidhnean chlach-mheallain bha sgaiteach o chéin
Air leaghadh gu tlàs ann an dearrsadh na gréin’.
Tha ’ghrian nis a’ sgaoileadh a gàirdein a mach;
O’n Ear gus an Iar tha i ’g iarraidh mar theach;
’S an t-sòbhrag bha greis uainn a’ folach a cinn,
Le caomh mhais’ tha breacadh a’ mhonaidh ’s a’ ghlinn.
Ach Earraich, ged chaidh uait na baideil air chall,
’S a dh’ fhàg iad an Ard-thir ’us còmhnard nan Gall,
Dean faicill mar ghaisgeach ’s na smuainich air suain,
Mu ’m pill iad mar fhithich a mhilleadh nan uan.
Tha ’n t-airean gun euslain a’ reubadh nan cnoc,
’S a’ tionndadh nan neòinean measg ùir anns a’ ghlaic;
Fear eile gu sùrdail a’ sgapadh an fhrois,
Agus each ’us cliath-chliata ’nan deann aig a chois.
Tha barr-ghucag an Fhoghair ag at air a’ chraoibh,
’S lith-uain’ an Earraich a’ sgaoileadh gach taobh;
Tha ’n tom-sheangan a’ gluasad ’s a’ chuileag gu meur
A’ dannsadh ’sa ghrian-ghath tha sineadh o’n Ear.
Tha ’m foghnan a’ sineadh a shleaghan a mach,
Toirt dùlain do ’n Gheamhradh ris pilleadh gu theach;
Cha ’n ioghnadh leam idir mar chinneas am feur—
Tha grian anns an linne ’s aon eile ’san speur.
Tha ’choill a bha lomnochd a’ feadail ’sa ghaoith
’Ga còmhdach le duilleach ’s blàthaibh gach taobh;
Is taitneach an sealladh bhi ’g amharc a suas,
’Us srannan an t-seillein a’ seirm ann am chluais.
’San Atha, na h-eisg tha ri mire gun chlos,
A’ sireadh nan cuileag taobh geal bhuinne cas;
Beist donn air sgòrr creige air chrith gu bhi shios.
An doimhneachd an aigein ’thoirt bradain a nios.
Tha gobhar a’ faochnadh ri aodann a’ chnaip,
A’ teagasg d’a minnean an ealain air streap;
Agus uan n’ sior mhireag mu’n cuairt air a’ phreas,
’S a mhàthair ’ga shireadh mu bhruachaibh an eas.
Air àrd uilinn Chruachain tha gluasad nan eun,
Am fitheach, an croman, ’s an iolaire threun;
’S gu ’m chluasaibh tha tighinn àrd langan an fhéidh,
Agus òran na h-ainnir ’s i leigeil na spréidh.
Tha ’ghrian nis air luidhe air Earrach an aigh,
’S e le aoidh ’dol a liubhairt an àil suas do ’n Mhàigh;
Chi mi ’n Samhradh a’ tighinn air uilinn nan càrn,
’S gàir ait anns na gleannaibh ’s an coille Mhuc-càrn.
BEAG ACH MOR
Is beag an ni botul de K. D. C. a thaobh meudachd, ach ’nuair a ghabhas tu na bhios ann air son tinneas-stamaig, chi thu cho mor ’sa tha e.
IS E LEIGHSEAS GACH SEORSA DE THINNEASAN-STAMAIG.
Tha daoine mora agus mathaAmerica ’g a mholadh, oir chuir iad deuchainn air. Na ’m biodh botull dolair de K. D. C. air a dheanamh ’na stuth tana lionadh e càrt: mar sin tha e math agus tha moran ann dheth. Cuir a dh’ iarraidh sampuill.
ThaK . D. C. Pillsanabarrach math air tinneasan cuim.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia. —agus—127 State St Boston, Mass.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG—Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C. B.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar duthcha tha ’nar beachd.
NIALL Mac FHEARGHAIS,
TAILLEAR.
SIDNI - - - C. B
$1 .00 air 80c.
Tha tuilleadh ’sa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dh’ airgead. Thig mu ’m bi ’n t-am seachad agus
FAIGH BARGAN.
McDonald Hanrahan & Co.
Sidni, Iulaidh 16, ’97.
C’AIT AM FAIGH MI?
Saibh, Glasan, Luaidhe, Sgeinein, Lainntearan, Sguabaichean, Paipear-tearra, Paipear-tubhaidh.
Olla, Fudar, Glaine, Siosaran, Tairnean, Bucaidean, Tuaghannan.
GHEIBH AIG
C . P. MOORE,
Sidni, C. B.
title | Issue 38 |
internal date | 1898.0 |
display date | 1898 |
publication date | 1898 |
level | |
reference template | Mac-Talla VI No. 38. %p |
parent text | Volume 6 |