[305]

[Vol . 6. No. 39. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE; 25 MART, 1898. No. 39.


BEAGAN EACHDRAIDH.

Bhon Duine as Sine tha beo an Ceap Breatunn.

Bho chionn da mhios chur mi feasgar toilichte seachad ann an cuideachd Aonghais Chaimbeill air an Amhuinn Mheadhonaich, ann an Siorrachd Bhictoria. Is e mo bheachd gur e an duine as sìne thann an Ceap Breatuinn. Bha e aig an àm a dhainmich mi gu slan fallain ann an buadhan a chuirp agus inntinn. Dhinnseadh e naigheachd cho pongailsa dheanadh enuair nach robh e ach leth-cheud bhliadhna dhaois. Bheir mi dhut pairt dheeachdraidh na bhriathran fhéin. “Gu de an aois tha sibh.’ “Bha mi ochd bliadhna dhaoisnuair a rhaidh mi air bòrd naPollya tighinn do dh’ America, soitheach cogaidh a chuir sin air tir anns abhliadhna 1803 ann an Eilean St. Johns, ris an obrar an diugh Eilean Pronns Iomhair.

Bha sinn, coig ceud pearsa air bòrdnuair a sheòl sinn a Port-righ. Cha robh amPollygle mhor, ’s cha mho na sin a bha an caiptean mor, ach bha an dithis tapaidh. Bha Caiptean Derby misneachails na shàr duine’ -uasal. An ceann choig seachdainean chaidh sinn air tir amBelfast, E. P. I. Cha robh tigh na duine geal ri fhaotuinn gu ceann a deas an eilein.” “Chan urrainn nach do dhfuiling sibh amghar mor?” “Bàmghar a leth, ’s chaneil reusan a bhi dol troimhe oir bhiodh e duilich do dhaoine ann an comhfurtach an la an diugh a thuigsinn agus mor leò a chreidsinn. Rinn na daoine campaichean dhen aodach leapaìdh. Bhrist fiabhrus a mach air an t-soitheach agus bhàsaich àireamh de mhnathan is de chloinn an deigh a dhol air tir.” “An do thog sibh àite an sin?” “Cha do thogsa chuid ud den eilean. Bha mathairna shaor agus thog e bàta a thug theaghlach fhéin agus teaghlaichean eile gu Farrnet, ’san sin thog iad àite. Cheannaich Ruairidh Ruadh Mac Coinnich da mhart agus mathair aon. Bha e air innse dhuinn mun do dhfhàg sinn thall mu fhuachd is mu shneachdAmericais ciamar a gheibheamaid fheinsan crodh troimhn gheamhradh; bha e na uallach mor oirnn. Ghabh mo mhàthair an crodh as laimh agus le corran bhuan i na thug na tri troimhn gheamhradh. Chaidh mo mhàthair a bhàthadh air baidhe Farrnet; bha i dol thairis ann am bàta leatha fhein le tuba ime gu griasaiche ga phàigheadh air son obair agus be sin an lath ruaigh dhuinne. Bha sin naoi bliadhna anns an Eilean. Thainig sinn anns abhàta a thug gu Farrnet sinn a dhionnsuidh na h-Aimhne Meadhonaich ann an Ceap Breatunn anns an 1812. Bha mise an nuair sin seachad bliadhndeug. Bha mi fichead bliadhna dhaois bliadhna blàr Waterloo.

Chan urrainn nach eil deifir mor eadar coltas Cheap Breatunn an diugh sa choltas an la sin.” “Tha choltas an diugh follaiseach do gach aon; bheir mi dhut coltas pairt dhenuair a thainig mi so an toiseach. Bha an tuagh gun a h-obair dheanamh, (agus cha robh sinne gle mhaith air a cùl) ’s bha an t-àite bho choille gu ruige nan uisgeachan. Bha mu choig taighean am Baddeck, is chan fhiosrach mi gu robh an corr as a sin gu ruige AmhuinnInhabitants ,ann an Siorrachd Inbhirnis, aig an àm sin. Cha robh bhar coig teaglaich dheug ann an Siorrachd Bhictoria.” “An ann còmhla ribh fein a thainig bhur coimhearsnaich?” “Chan ann. Thog mo choimhearsnaich, CloinnIc Rath, fearainn amBroad Covean Siorrachd Inbhirniss chaidh iad a Shidni airson tiodal fhaotainn air anàiteachan, thainig iad troimhn Amhuinn Mheadhonaich; chord na h-intervalsriutha, leig iad seachadBroad Coveagus thainig iad dhionnsuidh na Aimhne Meadhonaich. Bha na h-intervalsan uair sin na bfhearr na tha iad an diugh; tha iad air am milleadh leis an Amhunn.” “An robh an t-àite fada gun mhinistear?” “Bha roinn de dhùine. A chiad fhear a thainig an rathad, bha e car deighal air Mac-an-Tòisich, ach aig an àm sin bha an t-òlna chleachdadh, ’s am fear a bhiodh a dhith a dhrama bhiodh e dhith an fhasain. Ach chuala mi gun do rinn an t-òl droch obar air an duine so air a cheann mu dheireadh. Mun dthainig an t-Urramach Mr. Mac Fhearchair garn ionnsuidh bha an t-Urramach Mr. Mac Gill-fhinnein á Eilean a Phrionnsa air cuairt a so na mhissionary.” “Chan urrainn nach robh e duilich gluasad aig an am sin?” “Bha; cha robh rathad no drochaidean ann, bha a chuid bu mho de na bha a dhi oirnn fada bhuainn agus duilich a thoirt dhachaidh, ach an connaidh; bha sin aig an dorus us an àm tuiteam na craoibh bhiodh ro fhaisg air an tigh. Cha robh an uair sin de dhrochaidean againn ach na craobhean, agusn am bitheadh an Amhuinn àrd, bhiodh an t-uisge adol tharas orra. Chaidh còignear a bhàthadh le cionn an drochaidean. Chan fhiach an duigh ach drochaidean iaruinn is thig fear an drastsa rithist a Tir-mor lebrushas lecangan painteadh. Thug sinn a chuid bu mho dhe ar ceannachd á Sidnis á Arichat ann am bàtaichean, agus ann an deireadh na bliadhna, ’nuair a bhiodh stoirmeannan àrd ann gu tric le cur sneachda, bha daoine afulang moran anaceartais atighinn as na h-àiteachean a dhaimnich mi ann am bàtaichean fosgailte.”

Bu toigh leam beagan tuilleadh fhaighinn mur deighinn fhein. Dhi chuimhnich mi-fhaighneachd càiten drugadh sibh?” Rugadh mi ann anApplecrossann Siorrachd Rois anns a bhliadhna 1795. Tha mi dolnam cheud sa ceathar. Bha mo sheanair air taobh mo mhathair á Gearrloch, ’s mo Sheanair air taobh mo athar á Earraghael (Bheir mi stòridh dhut air mo sheanair an Gearrloch a dhfhaodas tu a thoirt uaireigin do MHAC-TALLA an uair a bhitheas beagan agad ri dheanamh). Eadar chloinn oghaichean agus iar-oghaichean tha mi am sheasamh am sheann stoc air ceann ceud de sliochd. Bu mhaith leam fhaighneachd den Urramach Calum Caimbeul, a tha gle eolach air an teaglach againn, mas aithne dha duine eile tha beo dhe na thainig a nall air aPholly.” Bha a chunntais a leugh mi ann san MHAC-TALLA munPhollygle bheò dham inntinn. Shaoil mi gun robh mi a fhaicinn naPollyle a gunnachan moras le h-armachd. Taghail an uair a thig thun rathaid a rithist; ’s toil leam a bhi ag innseadh mun tim a bha ann bho shean. Bheir mo bheannachd don MHAC-TALLA a tha cur a leithid a dhurram air a Ghailig as gu bheil i air a leughadh na fallainachds gach cearna dhen t-saoghal. Saolaidh mi gu bheil eadhon na cnuics na glinn tha thall adeanamh aobhneis gu bheil Gaidheal òg an Ceap Breatunn a deanamh a leithid de chumail suas air cainnt nam bàrd as nan gaisgeach a dhfhag cliu mar oighreachd agus eachdraidh aig an dùthaich. A Ghaidheil thallsa bhos cumaidh suas a GhailigAir son na tim a bhann bho sheann Agus faodaidh mise le firnn a sheinn am sheann aois:

Lecheile ruith sinn feadh nam bruach,
Us bhuain sinn blàth nan raon,
Air allaban thriall sinn ceum no dhà,
O àm nan làithn a dhaom.

Le chéilo mhaduinn mhoich gu oidhch
S na h uillt ri plubairt fhaoin,
Sgarradh sinn le tonnan àrd
O àm nan làithn a dhaom.

Tha an duine còir so lan eachdraidh. Ma theid thu uair sam bith dhionnsuidh na h-Aimhne Meadhonaich, theirig ga choimhead. Bidh e gle thoilichte dfhaicinn, agus còrdaidh treis dhe sheanachas riut gu math. Tha seann duineile an taobh a deas an eilean, ann an siorrachd Richmond, air am bheil mi dol a thaoghal an ùine ghoirid, agusnuair a ni mi sin, bheir mi dhuit beagan dhen t-seanachas a bhios againn,

Is mi do charaid,
AN CUAIRTEAR.



[306]

[Vol . 6. No. 39. p. 2]

SGEULACHDAN ARABIANACH.

VII. —SINDBAD AN SEOLADAIR.

CAIB. XI.

Mu am dìnnearach an la-iar-na-mhaireach chruinnich na h-aoidhean mar a babhaist dhaibh, agus bha Hindbad, am portairn am measg. An uair a chuir iad crioch air an dinnear, thuirt Sindbad riutha, nam be an toil eisdeachd a thoirt dha, gun innseadh e dhaibh a h-uile car mar a dheirich dha air an t-siathamh turus a dhfhalbh e sheoladh.

A dhaoinuaisle,” arsesan, “chaneil teagamh nacheil fadachd oirbh gus an cluinn sibh cia mar a ghabh mi os laimh falbh air an t-siathamh turus a shiubhal an t-saoghails a dhiarraidh tuilleadh fortain, an deigh a h-uile cruadal is uidil is anastachd a dhfhuiling mi re nan coig tursan a bha mi air falbh roimhe sid. An uair a smaoinicheas mi air tha ecur ioghnaidh orm gun drinn mileithid. Ach biodh sin mar a thogras e, an deigh dhomh a bhith bliadhna aig fois, rinn mi deiseil gu falbh air an t-siathamh turus, a dhaindeoin na rinn mo chairdeans mo luchd-daimh de chomhairleachadh orm gu fuireach aig an taigh.

An aite seoladh a Bagh Phersia, is ann a chaidh mi aon uair eile troimh chaochladh de mhor-roinnean Phersia agus nan Innsean, gus an drainig mi baile-puirt araidh far an deachaidh mi air bord luinge a bhadol air turus fada.

Cha be mhain gun robh sinn uine fhadaig muir, ach mar an ceudna gun robh sinn cho mi-fhortanachs gun do chaill an sgiobair a chursa gu buileach. Mu dheireadh fhuair echursa, ach cha robh sinna aobhar solais sam bith dhuinn. Ghlac eagal anabarrach sinn an uair a chunnaic sinn an sgiobair acur cul ridhleasdanas, agus a teannadh ri guls ri caoidh. Thilg e dheth a churrac, agus thoisich e ri spionadh an fhuilts na feusaig as fhein, agus ri bualadh a chinn mar gum biodh duine a bhiodh as a rian. Dhfheoraich sinn ciod a baobhar don obair a bhaige, agus fhreagair e, “gun robh an long anns an aite bu chunnartaiche a bhanns achuan gu leir; gun robh sruth laidirg a tarruinn gu luath a dhionnsuidh achladaich; agus gum biomaid air ar call ann an ceathramh na h-uarach. Guidhibh ri Dia,” arsesan, “gun saor e sibh on chunnart so. Chan urrainn sinn a dhol as mur gabh esan truas dhinn.”

An uair a thuirt e so, dhordaich e na siuil atharrachadh; ach bhrist na scopannan, agus a dhaindeoin gach oidhirp a thugadh air an long a shabhaladh, thug an sruth i ann an uine ghoirid a dhionnsuidh cladach beinne a bha anabarrach ard, cas. Chaidh ina connalaich air achladach. Ach gu fortanach shabhail sinn uile ar beatha, agus chaidh againn air na bhair bord de bhiadh agus achuid a bfhearr dhen bhadhar a shabhaladh.

An uair a fhuair sinn am biadhs am badhar air tir, thuirt an sgiobair ruinn, “Rinn Dia mar a baill leis; tha e cheart cho math dhuinn ar n-uaighean a chladhach, agus beannachd fhagail aig an t-saoghal; tha sinn ann an aite as nach dfhuair duine riamh roimhe air falbh beo.” Chuir na briathran so fo mhor-dhoilghios sinn. Bha sinn uile gu deurach, bronach acaoidh air son mar a thachair dhuinn, agus dhfhag sinn beannachd aig a cheile.

Bhabheinn air an do bhristeadh an long ri cladach eilean a bha mor, fada. Bhan cladach uile comhdaichte le fiodh nan long a chaidh a bhristeadh airs cnamhan nan daoinechaidh a bhathadh. Chuir so uamhas oirnn, agus thuig sinn gun do chailleadh moran sluaigh ann. Cha ghabh e innseadh na bha de bhadhar luachmhor agus de shaoibhreas air achladach. Bha na nithean so gu leir ameudachadh ar broin.

Anns gach aite eile tha na h-aimhnichean aruith don chuan, ach anns an aite so bha amhainn mhor uisge aruith a steach do tholl dorcha a bha mor, farsuinn. Rud a tha gle iongantach, is e clachan luachmhor a thanns abheinn so gu leir. Bha fiodh alois afas an so mar an ceudna, agus tha echeart cho luachmhor ris an fhiodh a thafas ann an Comaraidh.

Faodaidh mi a radh nacheil e comasach do luingeas sam bith faotainn as an aite, aon uairs gun teid iad dluth dha. Ma bhios aghaoth thun achladaich, bheir an sruths aghaoth a dhionnsuidh beul na h-aimhne iad; agus ged a bhiodh aghaoth bhar an fhearainn, tha fasgadh na beinnega cumail uapa agus tha neart an t-sruthgan tarruinn thun a chladaich, far am bheil iad air am bristeadh mar a bhan long air an robh sinne. Agus gu mi-fortanach, chan urrainn duine sam bith abheinn a dhireadh, no faighinn air falbh as an aite dhoigh sam bith.

Cha robh againn ach fuireach air achladach far an robh sinn. Bha sinn mar dhaoine a bhiodh an deigh a dhol as an ciall, agus bha sinn an duil gach latha gun tigeadh am bas oirnn. Roinn sinn na bhagainn de bhiadh cho cothromachsa burrainn duinn, agus cha robh aig gach fear ach a bhith beo air a chuid bidh fhein fhads a mhaireadh e dha. Iadsan a thug buil mhath as na bhaca de bhiadh, is iad a bfhaide a bha beo.

Iadsan a fhuair bas an toiseach, thiodhlaic an fheadhainn a bha beo iad. Bha mise aig tiodhlacadh gach aon dhiubh. Cha ruig e leis foghnadh a chur oirbh ged a bha mise beo an deigh chaich; oir a bharrachd air a bhithcaomhnadh mo roinn fhein dhen bhiadh, bha biadh eile agam dhomh fhein nach do roinn mi air cach idir. Ach an uair a fhuair each uile bas, cha robh agam ach fior bheagan dheth, agus cha robh smaointean sam bith agam gum bithinn abheag a dhuine beo. Chladhaich mi uaigh dhomh fhein, agus bharun orm mi fhein a shineadh innte an uair a theirgeadh am biadh gu leir dhomh, a chionn nach robh duine ann a thiodhlaiceadh mi. Feumaidh mi aideachadh dhiubh gun robh mi aig acheart am gle dhiumbach dhiom fhein, a chionn mo bheathachur na leithid de chunnart. Bha aithreachas gu leor orm a chionn falbh on taigh idir. A bharrachd air so, bhuail e anns an inntinn agam gum bu cho math dhomh crioch a chur air mo bheatha gun fhuireach ris abhas a thighinn.

Ach bi toil Dhe truas a ghabhail dhiom aon uair eile, agus chuir enam inntinn a dhol gu bruaich na h-aimhne a bharuith a steach troimhn bheinn. An uair a bha mi nam sheasamh air bruaich na h-aimhnes migabhail beachd oirre, thuirt mi rium fhein, gum feumadh gun robh itighinn an uachdar an aiteiginn an deis dhi dhol troimh n bheinn. Smaoinich mi nach robh dad a bfhearr dhomh na rath a dheanamh, agus mi fhein a leigeadh le sruth na h-aimhne, agus gun tugadh an sruth mi do dhuthaich air choireiginn, mur a rachadh mo bhathadh. Bha mi coma ged a bhaithteadh mi; oir bha e cho math dhomh a bhith air mo bhathradh ri bas fhaighinn leis an acras. Smaoinich minam faighinn as an aite mhi-shealbhach anns an robh mi gum faoidteadh nach tigeadh am bas orm mar a thainig air mo chompanaich, agus gur docha gum faighinn doigh air choireiginn leis an rachadh agam air a dhol ann an cois achallathainig orm.

Gun dail sam bith thoisich mi ri deanamh rath. Cha robh mi fadaga dheanamh, oir bha fiodh gu leor agus taodan faisge air laimh dhomh. Agus an uair a thagh mi na bha freagarrach dhomh, rinn mi rath beag, agus cheangail mi e gu math laidir ri cheile. An uair a chuir mi crioch air, luchdaich mi e leis gach ni bu luachmhoire na cheile a fhuair mi air achladach. Agus bfhurasda dhomh sin a dheanamh, oir bham pailteas de sheudan luachmhor de gach seorsa ann am braighe achladaich. An uair a cheangail mi gu teann, cruaidh gach ni a bha mitoirt leam air an rath, chaidh mi air bord air, agus bha da ramh bheag agam a rinn mi gun fhios nach biodh feum agam orra. An uair a dhfhalbh mi o thir, chuir mi mi-fhein air curam Dhe.

Cha bu luaithe a chaidh mi steach don toll a bhanns abheinn na chaill mi, gu buileach sealladh an t-solus. Bhan sruthg am thoirt leis, ach cha robh fhios agam caite. Bha mi air an rath laithean araidh, agus mi ann an tiugh dhorchadas. Bhan toll cho cumhang an aiteachans nach mor nach do bhristeadh mo cheann. Ach thug so orm an aire mhath a thoirt dhomh fheinna dheigh sin. Fad na h-uine cha dith mi ach na bhagam chumail beo air eiginn. Ach a dhaindeoin cho maths a bha micaomhnadh abhidh, theirig e dhomh mu dheireadh. ’Na dheigh sin thuit minam chadal. Chan urrainn domh a radh ciod an uine a bha minam chadal; ach an uair a dhuisg mi, ghabh mi ioghnadh an uair a chunnaic mi gun robh mi ann am meadhain duthachadh a bha anabarrach farsuinn, far an robh an rath air a cheangal ri tir. Agus



[307]

[Vol . 6. No. 39. p. 3]

bha aireamh mhor de dhaoine dubha timchioll orm.

Dheirich minam sheasamh cho luaths a chunnaic mi iad, agus chuir mi failte orra. Labhair iad rium, ach cha do thuig mi ciod a bha iad ag radh. Bha mi cho fior aoibhneachs nach robh fhios agam co dhiubh bha minam chadal nonam dhusgadh. Ach an uair a thuig mi nach robh minam chadal, labhair mi na facail a leanas ann an canain Arabia; “Gairm air an Uile-chumhachdach, agus cuidichidh e thu; cha ruig thu leas iomacheist a bhith ort mu thimchioll ni sam bith eile; duin do shuilean, agus am feadhs a tha thuna dchadal, caochlaidh Dia do mi-fhortan gu fortan.”

Thuig fear dhe na daoine dubha na briathran a labhair mi, agus thainig e dluth dhomh agus thuirt e, “A bhrathair, na cuireadh e ioghnadh ort sinne fhaicinn. Buinidh sinn don duthaich so. Tha sinn air tighinn a dhuisgeachadh ar cuid fearainn le uisge na h-aimhne so a thatighinn am mach as abheinn. Chunnaic sinn rud afleodradh air an uisge, agus cho luaths a burrainn duinn thainig sinn a dhfhaicinn ciod a bhann. Agus an uair a chunnaic sinn gur e rath a bhann, shnamh fear dhinn far an robh e, agus thug sinn gu tir e, agus cheangail sinn e gus an duisgeadh tu. Innis dhuinn deachdraidh; oir feumaidh gum bheil i anabarrach iongantach. Co as a thainig tu, agus cia mar a bha de mhisnich agad falbh air an amhainn?”

Thuirt mi riutha gun innsinn dhaibh mo naigheachd nan tugadh iad an toiseach dhomh biadh a dhithinn. Thug iad dhomh caochladh sheorsachan bidh, agus an uair a ghabh mi na thainig rium dheth, dhinnis mi dhaibh a h-uile car mar a dheirich dhomh, agus dheisd iad rium le mor fhaires le mor ioghnadh.

An uair a chuir mi crioch air na bhagam ri innseadh dhaibh, thuirt am fear a bhag eadar-theangachadh eadrainn rium nach cualiad eachdraidh riamh cho iongantach ris na dhinnis mi dhaibh, agus gum feumainn falbh comhladh riutha agus meachdraidh innseadh don righ mi fhein, o nach burrainn duine sam bith eile a h-innseadh ceart. Thuirt mi riutha, gun robh mi deas gu ni sam bith a dhiarradh iad orm a dheanamh.

Gun dail sam bith fhuaradh each, agus an uair a chaidh mi air a mhuin, choisich cuid dhiubh romham gus an rathad a shealltainn dhomh, agus lean cach sinns iad atoirt leotha na rath agus nan nithean luachmhor a thug mi leam o chladach na beinne.

Choisich sinn mar so air ar n-aghart gus an drainig sinn ceanna-bhaile na rioghachd. Thugadh an lathair an righ mi. Chaidh mi dluth don righ-chathair, agus thug mi umhlachd is urram don righ mar bu ghnath leam a thabhairt do righrean nan Innsean; sin ri radh, leig mi mi-fheinnam shineadh aig a chasan, agus phog mi an t-urlar. Labhair e rium gu ciuin, caoimhneil, agus dhfhaighneachd e dhiom cainm a bhorm, agus fhreagair mi, gur e, “Sindbadan Seoladair,” a theirteadh rium gu cumanta, do bhrigh gun robh midol air tursan-cuain gu math tric. Thuirt mi ris mar an ceudna, gur ann do ghnath-mhuinntirBhagdada bha mi. Dhfheoraich e dhiom cia mar a thainig mi don rioghachd aige, agus con t-aite mu dheireadh as an dhfhalbh mi.

(Ri leantuinn.)


Comhradh nan Gaidheal.

COMHRADH EADAR TEARLACH OG AS AN EILEAN SGIATHANACH, CALUM MAC FHIONNLAIDH A MHUILE, AGUS DUGHALL MAC GRIOGAIR A PEAIRT.

(Air a leantuinn.)

TEARLACH. —Mata a chàirdean chaneil mi ann an sunnd mhaithyarnmar their sibh a shniomh dhuibh, no sgeul innse, ach bhon is i a làmh a bheir a gheibh, ’s bhon rinn sibhse ar cuid, feumaidh mise feuchainn ri facal no dha air Tearlach na fhear-fuadain: cha bann, fhearaibh, ann am bata mar bha sibhse ach air dorlach mhaidean ceangailte ri cheile, “raft, ”mar their iad riss a Bheurla, agus a mach air a chuan mhor, am fior aibheis agus lear, ’s cha be Loch Fine no Loch Tagha. —Tha deich bliadhnaus corr uaithe a nis, ach cha dhichuimhnich mim feasd e— ’Se chuir cho liath so mi. Mar tha fhios agaibh le chéile bha mi ri seoladh thairis ann an soithichean non luingeas mhoir o chionn mhoran bhliadhnaichean a nis mar shaor, a cheaird a dhionnsaich mi an Grianaig, agus deireadh bliadhna araid bha sin dhfhàg sinn— ’se sin sheòl an longs an robh mi aig an amGrianaig airson aite ris an abrar na Barbadoescha drainig snn fhathast e. Bha sinn a mach aireamh mhaithlathaichean, ’nuair aig bial na h-oidhcheagus is grad a thig an oidhche sios ann an cuid a chearnaibh

CALUM. —Direach coltach ri ar foghar fhein mum bheil an radh is maith is aithne dhuibh se sinMar clach a ruith ri glean is e sin feasgar fann fogharaidh.”

T. —Gle cheart a Chaluim, ach is fhadon a chuala mi e, agus ged is luath an clach is luaithe na sin an oidhche atighinn mar tha mig radh agus aig an am bha gne shoillsadol nuair chualas an sgial eagallach sinTeine.” Chlisg am fear bu dana nar measg agus chan fhaod mi gun aideachadh gun dthug mo chridhe leum asam air doigh nach dfhairich mi riamh roimhegu fortanach cha robh luchd turuis leinn aig an am, ach bha sinn sgioba de cheatharar fhichead, eadar bheagus mhor, seanus og. Shaothraich sinn gu dian cruaidh air son an teine chur as no mhùchadh air a chor as lugha, ach cha deach againn air gu ro mhaith, agus air don sgiobair fhaicinn nach robh feum dhuinn a bhi stri nis fhaide, thug en t-ordugh seachad biadh us uisgechuir anns na bàtaicheanus an cuir am mach ri a cliathaich. Nis bha aon ni uamhasach anns an long air nach robh fios aig neach sam blth ach agam fhein agus triuir, agus be sin gun robh teann air ceud barailledh fhùdar air bord, agus cho luaths a chunnaic ar Sgiobair gun robh an teine afaotainn buaidh oirnn agus, ’na bheachdsan, a gabhail direach sios an rathad a bham fudar, thug en ath òrdugh seachad sinn a chuir car oirnn; chunnaic mi gun robh e fhein agus na fir eile bha eolach air mar bha cùisean a seasamh, ag oibreachadh gu cruaidh sgiobalta, agus an gruaidhean air dreach no dath a bhàis. Chan eil fhios agam nach robh mi fhein air an aon seol, ach coma co-dhiùbh, direach mar bha sinn an ti bhi deiseil, chunnacasus chualas buird na luinge afosgladh, ’s a sracadaich o cheile le dearrsadhus tailmich uamhasach. Chan eil cuimhnagam air dad tuille gus an dthainig mi h-ugam feir air uachdar an t-sàilemeasg sparranus gach treallaibh a bhuinneadh donAlmorabhochd, a bha nis air a dhol fodha gu grunnd a chuain. Mar thubhairt mi, is ann bial an anmoich a thachair so, agus cha robh ach beagan thar leth uair ri dhol gus am biodh e dorchacho dorcha co dhiubhs a bhiodh e aig an am sins an àite sins an robh sinn, agusnuair a rinn mi mach nach robh mile cuideachadh an Fhreasdailair mo chiùrradh, rinn mi greim air sgonn maide bha air flod fo machlaisus sheall mi mun cuairt orm; chunnaic mi corr cheann an sos an sud ag eiridh agus, air lunn faisg orm, an sgiobair e fhein. “O Thearlaich! an tu thagam arsesan, ’bheil thu a faicinn dad de chàch?” Thubhairt mi gun robh seachd no ochd faisg oirnn, ach gun robh eagal orm nach deirich ach sin an uachdar, “Eigh riu sin,” arsesan, “iad a dheanamh oidhirp air tighinn an so, tha mise, tha eagal orm air mo dhroch leòn, agus chan urrainn mi dad de spàirnn a dheanamh.” An ceann beagan uine an deigh dhomh bhi glaodhaich àird mo chlaiginn, bha sinn ann, timchioll air an sgiobair, aon deichnear a mhàin as an sgioba de cheatharar fhichead a bha beò slàn beagan mhionaidean roimhsin, agus nam measg, gu h-iongantach bha h-uile fear dhen fheadhainn sin dam baithne gun rebh am fudar air bòrd, agus, rud a bha gle bhrònach ri fhaicinn, giullan beag a mhuinntir Leodhais mu thri bliadhna deug a dhaois, ’s a cheann a sileadh fola tre sgaile a fhuair e leis an spreighaadham maol-ciaran bochd! ’Nuair bha sinn cinnteach nach bu mhaireann ach na bha cruinn dhinn, thubhairt an Sgiobair— ’s e labhairt gu fann airtneulach— “Illean, tha agam ri maitheanas iarraidh oirbh mas toir sinn oidhirp air sinn fhein a shaoradh ma ghabhas sin a dheanamh, oir is ann gun fhios dan chuid mhor agaibh a chaidh am fùdar milteach sin a chur an so sinn air bòrd idir, achs e mi dhfhaotainn suim mhor airgid gu sin a dheanamh a mheall mi, agus tha mi nis gun sgillinn ruadh a bhuineas

(Air a leantuinn air taobh 310.)



[308]

[Vol . 6. No. 39. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, . . . $1 .00
Sia miosan, . . . .50
Tri miosan, . . . .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig garn ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh dan duileig, agus, nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,’
Sydney, Cape Breton


SIDNI, 25 MART, 1898.

Litir a Ontario.

FHIR DEASACHAIDH; —Tha mi cinnteach gum bheil an t-àm agam sgriobhadh a ris air sons gu faigh e àitesa MHAC-TALLA mun deid am mios so seachad, oirs math leam sgriobhadh uairsa mhios mas urrainn domh idir.

Tha na làithean a nis air fàs fada agus na h-oidhcheannan air a dhol an giorrad. Tha side bhriagha againn an so on a thainig am Màrt a stigh. Tha cuid de na tuathanaich a teannadh ri treobhadh, achs gann gu bheil e freagarrach air son na h-obrach sin fhathast, oir tha an grùnnd gu math bog. Thòisich a chuid as motha air an t-siùcar o cheann beagan làithean, agus tha ansapa ruith gu maith.

Chaidh latha mor seachadTaghadh Luchd-Pàrlamaid. Thanise naimhdean sàmhach taobh ri taobh ri taobh, is luchd na còmhstri réidh. Cha chluinnear a nis a bhi cònnsachadh no bhi cur gheall copharty a bhuinigeadh. Tha Micheil, ard-aingeal nanConservatives ’sa bhaile so, a nis a toirt an aire air a ghnothach fhein, a bualadh an iarruinn am feadhsa tha e teith. Tha Dùghall, a thair a dhath uair ann an guirmean nanLiberals ,a nisena shuidhe gu socair ag obair aig furam na griasachd adeanamh bhrògan matha dionach air son an earraich. Agus a mhuinntir a bhair taobh namPatrons ,tha iad a nis acagnadh am miar; oir cha dfhuair iad ach àireamh gle bheag de bhotaicheansan taghadh, agus cha mhor a nis nach faodar a ràdh gun dfhalbh an cuimhne; chan aithnichear iads chan aithne dhoibh, oir cha do phill ach aon fhear bochd air son an sgéula innseadh. Bhuannaich naConservativesanns na tri roinnean de ShiorrachdGrey ,achs math nach caillear na theid an cunnart; than làmh an uachdar aig naLiberalsfhathast.

Tha moran de dhaoine òga a falbh as an àite so air an earrach so a shireadh am fortain ann an dùthchannan fad ascuid a dol doAlaska ’s don Chlondaic, agus cuid do Mhontanas don Iar-Thuath. Tha sinn an dòchas gun soirbhich leo gu maith, agus gum pill iad dhachaidh làn saoibhreas a dhionnsuidh an càirdean an ùine gun bhi fada.

Tha prisean a nise gu math àrd air gach ni; tha crodh bainne a reic aig rupaichean fo $30 gu $45 , agus gach ni eile da reir sin.

Thainig luchd Eaglais na Cléire gu còrdadh mu dheireadh, agus thug iad gairm don Urr. Iain A. Mathanach á Cléir Orangeville. Tha e ri bhi air a shuidheachadh air an la mu dheireadh dhen mhios so.

Tha moran gu tinnesan àitso. ’Se sin as maith leis na lighichean; oir mar biodh duine idir tinn bhàsaicheadh iad fein le cion analach, no cion bidh a bàil leam a ràdh. Tha dithis lighichean againnsa bhaile bheag so, agus tha iad a faotainn gu leòr ri dheanamh a réir coslais.

Tha mismaoineachadh gum bheil an t-àm agam sgur. Chan eil e maith a bhi feuchainn nàdur foighidneach; feumaidh gum bheil nàdur maith aig na clo-bhualadairean, oirs iomadh ni cearbach a dhfheumas ìad cur suas leis, agus gu sònruichte an clo-bhualadair Gàilig. ’S iomadh litir air a droch chur an òrdugh a dhfheumas e a chur ceart; oir chan eil sinne a bhios a sgriobhadh ach gu maith leibideach ann a bhicur an òrdugh Gàilig. Tha moran do Ghaidheil fhoghluimte againnsan dùthaich; ach cha chuir iad de dhragh orra fhéin na chuireas beagan sgriobagan a dhionnsuidh an aon phaipeir Gàilig a thasan dùthaich gu léir. Chi mi gu bheil Niall Camaran á Bunnessan afaotainn MHIC-TALLA. Chan e Bunnessan thall am Muilethann, ach ged nach e, tha gu leòr ce Ghàidheil timchioll an àite sin; agus faodaidh e bhith gun cuir Niall còir dàsgadh am measg nan cnàmhan tiorma, agus gun toir e moran dhiubh gu bhi cur an ainmeans an dolair gu MAC-TALLA, agus gu dearbhs iomradhàite anns an cuir iad dolair nach bi cho math.

Slàn leat an dràsda. Cluinnidh tu bhuam air an ath mhios ma bhios mi gu maith.

Is mi do charaid,
IAIN MACGILLEASBUIG
Priceville ,Màrt 15, 1898.


Tha trì nithean no dhuilich ann, sgeul rùin a ghleidheadh, càineadh no lochd a dhi-chuimhneachadh, agus feum math a dheanadh a dhùine a bhitheas aig neach dha féin.

Air doPhlatocluinntinn gun robh naimhdean aige labhair gu h-olc mu dhéibhinn fhreagair e. “Bithidh mo chaithe-beatha air dhòighs nach creid neachs am bith iad.

Seachain an t-sùil a dhaithnicheas an t-olc gu luath, agus a tha mall a dhfhaicinn amhaith.

Chaneil e ceart gun ditheadh sinn neachs am bith nacheils an làthair gu dhion féin.


BATHAR CRUAIDH.

Tha mi a nisecumail Bathar Cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh, Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gun taghal thu orm. Tha mi, mar a babhaist, acreic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha micreic gach ni gle shaor.

AONGHAS MAC LEOID,
Sidni, C. B.


BATHAR EARRAICH.

Deiseachan Fhirionnach air $3 .50, $4 .75 agus o sin suas.

Deiseachan Ghillean air $1 .75, $2 .60, $3 .00, $375 agus $4 .60.

Bathar eile a reir sin. Chan eil stor anns abhaile anns am faigh thu BATHAR MATH cho saor.

Tormad Domhnullach,
SIDNI, C. B.


MacCoinnich & Co.

Tha sinn an deigh stòr ùr taillearachd fhosgladh
ANN AN LOUISBURG,
agus tha sinn aig an àm cheudna acumail air adhart air an t-seann laraich,
ANN AN SIDNI.

Aodaichean Matha dhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.

Theid sinn an urras air an obair.
Mac Coinnich & Co.


C . H. HARRINGTON & CO.
Flur, Min, Ti agus Siucar dhen t-seorsas fhearr.
Soithichean Glaine agus Creadha, math agus saor.
Brogan, Botainnean, Rubbersagus Caiseart de gach seorsa
GAN CREIC SAOR.



[309]

[Vol . 6. No. 39. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Bha teine ann an Chicago a sheachdain gus abhòn-de, leisn da leisgeadh coig duine deug gu bàs.

Bha da cheuds coig deug air fhicheadbillair a thoirt fa chomhair pàrlamaid Nobha Scotia air an earrach so, agus thainig da cheudsa coig dhiubh sin gu bhinan lagh. Co theireadh nach eil dad aig luchd-pàrlamaid Nobha Scotia ri dheanamh.

Gheibhear sanas bhoF . Falconer & Son,ann an àiteile. Bha iad an uiridh nan luchd-gnothuich aig a chuideachd a tha iad ag ainmeachadh, anns an t-siorrachd so a mhàin, ach am bliadhna than t-eilean gu h-iomlan air a thoirt dhaibh. Tha sin ag innse gun drinn iad deagh ghnothuch air a bhliadhna sa chaidh.

Tha iad ag radh gu bheil roinn mhor de bhuinn de dhrirgread meallta adol mun cuairt air feadh na dùthcha aig an àm so. Tha buinn mheallta leth-dolair de chuinneadh Newfoundland air tighnn air lom o chionn ghoirid. ’S còir do dhaoine a bhi gle fhaiceallach mun airgead a dhfhaodas iad a bhi laimhseachadh.

Tha gille beag air a Bheinn Ghuirm, am Pictou, ann an coithional an Urr. D. Mac Eanruig, agus ghabh e, o chionn ghoirid, a h-uile ceist a thann an Leabhar Aithghearr nan Ceist, gun a dhol am mearachd ann an aon fhacal. Chan eil e ach coig bliadhna dhaois, agus cha robh e latha riamhsa sgoil. ’Se Uilleam Ros is ainm dha.

Ann an stàit Maine, far am bheileas a deanamh moran obrach anns achoille na h-uile goamhradh, bàbhaist dhaibh bliadhnaichean roimhe a bhi gann gu leòr de shneachda. Ach air a gheamhradh so tha uiread ann dheth, ’s nach teid aca air obrachadh ach gann idir. Tha e eadar seachd us da throigh dheug a dhoimhnead air a chòmhnard.

Tha e air fhàgail air nighinn oig anGlace Baygun do chuir i coig sentichean fichead gu cuideigin ann aHalifacs air son e dhinnse dhi ciamar a gheibheadh i a lamhan a ghealachadh, agus gum bem chomhairle thugadh oirre igam bogadh gu math tric ann an uisge nan soithichean. Cha chuala sinn ciamar a chòrd a chomhairle rithe, ach tha e air innse gun do chòrd i gu h-anabarrach rimàthair.

Fhuaireadh fios ann an Ottawa o chionn ghoirid o sgioba dhaoine a dhfhag am baile sin o chionn thri miosan gus a dhol don Chlondaic. ’Se rathad Edmontons an Iar-Thuath a ghabh iad. Bha iad aig an àm a sgriobh iad ceithir cheud mile á Edmonton. Bhu an rathad uamhasach doirbh; thug iad ceithir latha air ceithir mile deug a dheanamh. Anns an astar sin chaidh iad seachad air deich air fhichead each marbh, agus chaill iad aon air fhichead de na h-eich aca fhéin. Thug iad ceuds da fhichead us da each leotha, achnuair a sgriobh iad, cha robh beò dhiubh ach a ceud. Chuir am fuachds na droch ròidean as do chàch.

Tha ar caraid Alasdair Caimbeul, á Srath-Lathuirn, ann a bhi cur ugainn pàigheadh a phaipeir, adeanamh moladh mor air bàrdachd Neill Mhic Leòid, agus afeòrach am mac e do Dhomhnull Mac Leòid, “Domhnull nan Oran,” a bha gle ainmeil araon an Albas anns an dùthaich so o chionn àireamh mhor bhliadhnaichean air ais. Faodaidh sinn innse do ar caraid gur h-e mac doDhomhnull nan OranA thann an Niall, agus a reir coltais, gun dthainig spiorad bàrdailathar air ann an tomhas dùbailte. Tha sinn an dòchas gum bi saoghal fada air a bhuileachadh air, agus gum faighear iomadh òran agus duanag bhinn eile bhuaithe mun triall achadal gu bràth an talla nam bàrd nac beò.”

Tha tuathanaich an ceann a deas Mhanitoba ag obair air a churachd. Tha an t-side anabarrach briagha. Ann an àiteachan den dùthaich cha do shil ach gle bheagan sneachda fad agheamhraidh.

Ann an te de na Stàitean a deas, an oidhche roimhe, chaidh sgioba de dhaoine geala gu tigh duine dhuibh a bha air ùr-phòsadh ri boirionnach geal, agus mharbh siad iad le chéile. Cha robh iad air son iad a bhi pòsda idir, a chionn nach robh iad dhen aon dath.

Chaidh àireamh mhor fhiadh a mharbhadh gu mi-laghail ann an Cuibeic air a gheamhradhs air an earrach so. Bha an sneachda cho domhains gu robh e gle shoirbh tighnn suas ris na beothaichean, agus rinneadh sgrios mor orra. Tha luchd-ceartais afeuchainn ri greim a dheanamh orra-san a tha ciontach.

Than t-side beagan nas fhuaire air an t-seachdain so na bha i, ach chan eil reusan aig daoine bhi gearain idir. Cluinnear cuid ag radh gu bheil am Màrt gu bhi doirbhgar fàgail on bha e cho sèimh a tighinn. Cha chuireadh e ioghnadh sam bith oirnn ged a bhiodh sin ceart, no ged a bhiodh stoirmeannan sneachda againn fhathast.

Tha Newfoundland an deigh atharrachadh a dheanamh air cisean na cusbuinn. Tha cisean air nithean air am bheil an sluagh gu h-iomlan a cur feum air an isleachadh. Tha còrn ri leigeadh don dùthaich gun cis a phàigheadh idir. Tha 20c am barailte air min bhuidhe, 10c am buiseal air buntàta, agus 50c am barailte air ùbhlan. Tha na cisean air an àrdachadh gu math air uisge-beatha, ruma agus tombaca. Tha na cisean air ti, siùcar, agus nithean eile air an isleachadh.

Tha tuiltean an deigh cron mor a dheanamh ann an Ontarios an Cuibeic on thoisich an sneachdair aiteamh. Dhat na h-aimhnichean gu mor, agus rinneadh call nach bu bheag ann an Ottawa, am Paris, ’s an Lunnainn. Bhan amhuinn St. Lawrence ag at cho mor toiseach na seachdain ses gu robh eagal air muinntir Mhontreal gu robh tuil mhor gu bhi aca. Tha sneachda cho trom acas na roinnean uds gu bheil e gle chunnartach gum bi tuiltean cronail ann mun teirig an t-earrach.

Mun àm so dhen bhliadhna, ’nuair nach eil an t-airgead gle shiùbhlach, bithear a deanamh dearmad mor air na paipearan-naigheachd. Tha sinn an dòchas nach bi aig a MHAC-TALLA ri gearain sam bith a dheanamh anns an dòigh sin air an earrach so, ach gun dean iadsan aig am bheil dad ri phàigheadh dha an dleasanas sin gun ghuth a thoirt air gainnead an airgeid. Tha MAC-TALLA taingeil airgead fhaotainn aig àm sam bith, ach bidh e gu sònruichte nan comainsan a chuireas am pàigheadh uigenuair a bhios an t-airgead gann.


Iadsan a Phaigh.

Alasdair Caimbeul, Strath-Lathuirn.
Mor A. Nic Gilleain, Taobh Sear Loch Ainslie.
Bean Ailein Mhathanaich, Sidni.
Somhairle Mac Neacail, an Amhninn Mheadhonach
Lachuinn Mac Guaire, an Amhuinn Mheadhonach
Alasdair Mac Rath, an Amhuinn Mheadhonach 25c
Iain Mac Iomhair, Baddeck Bay.
Iain Mac Coinnich, (Eildear), Nyanza. $2 .00
Iain M. Domhnullach, Stellarton , N. S.
Iain I. Mac-a- Phi, Little Sands,E. P. I.
Calum Caimbeul, Kinross ,E. P. I.
Calum Mac Leòid, Springhill , Que. $3 .00
Anna P. Nic Laomuinn, Tiverton , Ont.
A. I. Mac Leoid, Leeburn , Ont.
Aonghas Mac Leoid, (Eildear), Hilton , Man.
A Mac Neill, Oir, Dakota, Tuath, $3 .15.
Dotair A. D. Sinclair , Boston, Mass.
Anna Nic Neill, Castlebay ,Barraidh.


Gabh Deagh Chomhairle
agus ceannaich gach bathar a bhios a dhith ort bho
MATHESON , TOWNSEND & Co.

Tha stoc mor aca de Bhathar Tioram, Amhlan, Ti, Siucar, Siabunn, agus gach ni eile air an cuir tigh feum.

Tha Adan, Bonaidean, Fluraichean, Itean, agus gach ni mar sin aca do na caileagans do na mnathan.

Tha gach ni a thaca dhen t-seorsas fearr, agusga chreic cho saorsa ghabhas deanamh.

Cha chosg e sion dhut am bathar fhaicinn; bidh na cleir gle thoileach a shealltuinn.


THAN T-EARRACH
air tighinns an Samhradh gle fhaisg air laimh. Ma tha thu air son Deise no pairt de dheise fhaotainn, taghail aig
Niall Mac Fhearghais,
an Taillear,
agus gheibh thu do dheagh riarachadh. Tha na h Aodaichean a thaige maths bidh, iad an an deanamh a cheart cho math.
CordaidhObair Riut.


J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsas fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B.


LEABHRAICHEAN GAILIG.

Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. MacIlliosa 1.10
Gaelic Class Book .35

Cuirear aon sam bith de na abhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte.
Sgriobh gu
J . G. MACKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney, C. B.



[310]

[Vol . 6. No. 39. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 307.)

domh ris an t-saoghal, am bàs ageur amharc orm, oir chaidh mo leòn gu h-olc, agus na bhuineas doon!” Chrom e a cheann an so agus cha dthubhairt guth no facal fad mionaid no dha, ach an sin thog e a cheanns lean e air bruidhinn ag radhbe toil an Tighearna, leamsa na mheadhoin, ar cuir an so, ach stiuraidhus gleidhidh e sinn an so a reir a dheadh thoil fein, air an aobhar sin na tugamaid thairis agus na bitheamaid eu-dochasach, tha mi faicinn gum bheil moran stuth timchioll oirnn as am faodar ramhach a dheanamh fo sheòladh an t-saoir” —be sin mise— “agusnuair a thig mi beagan h-ugam fein, bheir mi laimh air a ghnothuch còmhlaribh mas urrainn mi idir. Eisdibh ri mo chompanaich Mhr Gow an dràsd agus bithibh dichiollach, agus gum beannaicheadh Diaur n-oidhirpean.” Cha robh duine dhinn, ged is ainmic a gheibhear emeasg mharaichean tha mi duilich a channtuinn, no eadhon am brogach beag fhein do nach baithne snàmh agus an deigh iarraidh air Domhnull beag, ’se sin an gille, greim a chumail air an t-slait taobh ris an sgiobair, thoisich sinn uile, ach an dithis sin, ris na bùirds gach ni bha ri fhaotainn a thoirt cruinn agus gu sgeul goirid a dheanamh dheth, rinn sinn ramhach a bha mu fhichead troidh air fad agus mun aon leud, ceangailte cho teanns a rachadh againn air a dheanamh leis an acfhuin a fhuaireas an crochadh ris na sparran. Chuireadh an sgiobair truagh agus Dòmhnull beag air bòrd taobh ri da chiste fhuair sinn air flod, agus am beagan biadhus deoch a fhuair sinn, ’s faodaidh mi a ràdh nach robh sin ach gle ghann gu dearbh, mu leth bharailte de bhreacagan-cruithneachd agus buideal beag de dhuisge. Be a chiad ghnothuch a ghabh sinn os laimh a dheanamh an deigh an ramhach a chur ri cheile, sealltuinn ri ar sgiobair oir ged chaidh anAlmoragu grunnd a chuain sheall sinn air mar ar sgiobair fhathasd, agus ri Dòmhnull beag; bha gach fear eile againn slàn agus chunnacas gun robh da ghairdean an sgiobair briste os cionn an uilinn, gearradh uamhasach srachte air cul a chinn agus a dhà no tri dhe aisnean briste. Fhuair sinn na gairdeanan a thàthadh ri cheile cuimeasach maith nar beachd ne, agus chuir sinn air doigh gu meadhonach maith an gearradh bha na cheann, le neapaicin agus beagan geire fhuair sinn am measg an stuth a chruinnicheadh leinn, ach bha na h-aisnean bristega phianadh gu h-olc, agus bu ghann a thairneadh eanail.

Chuir sinn Dòmhnull beag air doigh cuideachd, cha robh an gearradh cinn aigesan ro dhona, agus an sin thòisich sinn ri sinn fhein a roinn ann an dafhaire,” a h-aon fo riaghladh amhateMac-a- Ghobha, agus am fear eile fodhamsa; air sinbhi deanta, chaidh a réiteach nar measg gun gabhadh amfaireagamsos laimh a bhi na dhùisg an toiseach gu bhi sealltuinn a mach, oir cha robh an còrr againn ri dheanamh, bhon a bha sinn gun ràimh no seòl a bheireadh astar as an ràmhach, agus a thuilleadh air sin cha bha robh sinn buileach cinnteach aig an àm càiten robh sinn no co an tir a bfhaisge oirnn, agus sin gu ceithir uaireans a mhaduinn a reir an uaireadair aig Mac-a- Ghobha, nach do stad idir a dhaindeoin a bhogadh a fhuair e; a chodail chaidh càch mar bfhearr a burrainn daibh, agus cha bfhada gus an robh a h-uile duine acaon an suain. ’Nis, ged bha mi moran lathaichean doruinneachus oidhcheannan dorcha air na sparran ud, cha chreid mi gun dfhairich mi cho aonaranach truaghs a bha sinns an gàbhadh uamhasach troimhn deachaidh sinn gu gàbhadh a bha ach gann cho mor, uair sam bith an deigh sin cho fior gheur ris a cheud oidhche sin, gu h-àraid a cheud uair no dhà, oir bha sàmhachasus ciùine air aghaidh na doimhne agus, mar is maith a chreideas sibh, is beag sunnd bruidhinn a bhair fear seach fear dhinn; cha chluinnte ach trom analaich na fir a bhanan cadal, dìosgail nan sparran, agus ospagan mùchta bhon sgiobair bhochd a bha fàs nis laiges nis laige. Mhair so mar so fad uairus còrrnuair chuala mi guth fann on sgiobair ag ràdh anns a Chainntcha chreid mi fearaibh ged tha, gun dinnis mi dhuibh gum be smior a Ghàidheil a bhann, a mhuinntir Mhuile, do dhùthaichsa Chaluim, agus gu firinneach be fhein am fior Ghaidheal agus an Dòmhnullach urramach, uasal.

C. —Domhnullach, o Mhuile, chan eil iad pailt den chinneadh sins an eilean ud, a ghràidh! ged gheibhear Domhnullach cha mhor an àite sam bith dhen t-saoghalgun tighinn air na Caimbeulaichach mur eil mi cur bacadh ort, agus ma dhfhaodas mi fhoighneachd, ’de an t-àit am Muile dam buineadh e?

T. —Càrsaig, a Chalum, Càrsaig, agus cha chreid mi nach robh e na dhuine measaal thar chàich an sin, bho rud no dha a leig e tuiteam uaithe is sinn ri seanachas, mar bu tric a bhitheamaid, mun Ghàidhealtachd.

C. —Càrsaig! an dthubhairt thu rium e? ’Se mac Cholla chiar a bhann gun teagamh sam bith; bha esan na sheòladair, ’s chailleadh e direach mu am na sgeòil agad; dhfhàg e céile eireachdailus dithis phàistean laghach luireach, gille agus nighean.

T. —O nach tric a chuala mi ebruidhinn orra uile, agus nach mi chuale gan caoidh gu goirt mas dfhàg e an saoghal, mar tha mi nis a dol a dhinnse dhuibh.

Mata, mar thubhairt mi, chuala mi an guth funn aige ag ràdhA Thearlaich teann a nall nis faisg orm, tha mi mothuchainn a bhàis a tighinn, agus bu mhaith leam mo bheannachd a ghabhail leat. Is beag a shaoil mi gun robh agam ris an t-saoghal fhàgail cho luath, ach is e toil an Tighearne, agus tha micuir mo làn eerbsas agus ann an dòchas gun robhs gum bheil mi air mo stiùradh leis; ach O, mo bhean bhochds mo phàistean gaolach, tha mi gam faicinn saoleam mar tha mi na mshinaadh an so, fair dhomh do làmh a Thearlaich, arsesan, ’se sochair mhor agus faochadh do mchridhe anns a chruaidh chàss am bheil mi, Gàidheal a bhi làmh rium, agus tha mi nis aguidhe ort, ma theid do chaomhnadh, thu ruigheachd an taigh agam cho luaths theid agad air sin a dheanamh, gheibh thu an stiuradh anns na litrichean thanam phòcaid, so dhuit iadO! chan uraainn mi an toirt dhuitthoir fhein leat iad agus gabh fior chùram dhiubh gus am faigh thu cothrom an toirt thairis do mo bhean ghràdhach, agus abair ritheO, ciod nach abair thuach abair so co dhiu, gur ann orra fein agus air na pàisdean a bha na smuaintean mu dheireadh agam, agus gun deònaicheadh ar Cruithfhear gun coinnich sinn uile far nach bi dealachadh no bròn ann nis .”

Cha dthubhairt e tuille, cha robh an comas aige, ach chrom mi mo cheann ri chluaiss thug min gealladh dha h-uile ni dheanamh mar bha eg iarraidh, an sin mhothaich mi a shùilean a lasadh car tiotan, agus a bhilean agluasad mar gum biodh e ri urnuighs mo làmhsa fàisgte eadar a dhà làmhsan leis am beagan neart a bhannta, agus ri aodann. Beagan an deigh sin mhothaich mi a cheann a luidhe nis truime air mo ghàirdean agusnuair chrom mi mo cheanns mo chluais ribhial dhaithnich mi gun do shiubhail an t-anam o dhuine cho ionraic agus cireachdails a sheas riamh air bonn bròige.

Tharuinn mi mo làmh air falbh gu socrach, dhùin mi a shuilean agus ehuir mi brat de chainbe thairis air a chorp, ’s gu dearbh be sin a bhrat-bhròin dhòmhsa. Leig mi fios don triùir eile bha caithris còmhla rium gun do dhéug an sgiobair, ach cha dthubhairt iad moran.

Aig ceithir uairean dhen oidhche nosa mhaduinn, mu bhristeadh a chamhanaich dhùisg sinn an fheadhainn eile gum faire chumail, ’s thug sinne ar n-oidhirp air cadal; ach is gann a shocraich sinn ar cinn mar bfhearr a burramaidnuair chualas sgal no sgriach cho oillteil, tiamhaidh, eagallachs a chuala mac duine riamhbe sin ar beachd aig an àm co dhiuagus an so fhearaibhs fhearr dhomh sgur an dràsd; oir than cadal orm fhein agus tha mi làn chinnteach gum bheil sibh fhéin ro fheumach airur leapaichean a thoirt oirbh.

C. —Tha mi deònach, a Thearlaich.

D. —Bfhearr leam fhein fios bhi agam ciod e an ràn a bhan sud, ach cluinnidh sinn uaireigin eile.

(Ri leantuinn.)


Chaneil aoibhealachdna dearbhadh gum bheil an inntinn aig fois, oir is tricam meadhon gàire gum bheil an cridhe dubhach.”

Seachain, mar a sheachaineadh tu an nathair, an neach a sgriobhas gu mi-mhodhail, ach fathast a labhrast gu milis.



[311]

[Vol . 6. No. 39. p. 7]

Domhnull an Oir.

LE FIONN.

Chan eil mi cinnteach cia mar a dhéirich am far-ainm so. Tha cuid ag radh gun dfhuair Dòmhnull ulaidh agus gur e so a chuir air a chasan e, ’s tha feadhainn eiles a bheachd gur ann a rinn eairgiod thairis, achs naigheachd eile sin. Coma co dhiu, thill Dòmhnull gu sgìreachdòige an déigh dhabhi air falbh fad fhichead bliadhna, agus cheannaich e tigh eireachdail anns achlachan. Bha Dòmhnulln a bhantrach, ach bha aon nighean aigecaileag bhòidheach mu naoi-bliadhn’ -deug a dhaois. Bha an nighean so barraichte air ceòl, ’s bionann dhi fiodhall no clarsach. Cha robh latha nach tugadh i tacan orra le chéile, agus chan iarradh a h-athair ni bfheàrr na bhig éisdeachd rithe. Ged a bha tigh Dhòmhnuill an Oir na sheasamh car leis féin, bha tighean eile gu math faisg air. Aig dara ceann an tighe bha ceàrdach Sheumais mhóir, agus aig acheann eile bha bùth Phara-nan-sliseag, a bha na shaor-chairtean anns an sgìreachd o chionn còrr agus leth chiad bliadhna. Bha na seòid so eòlach air Dòmhnull mun dfhàg e riamh an sgìreachd agus chuir iad fàilte chridheil airn uair a thill e, ged a bha am beachd fhéin aca air cia mar a rinn Dòmhnull a bheairteas. Goirid an déigh do Dhòmhnulls da nighean dol a chòmhnuidh don tigh mhòr a cheannaich e, thachair e lathabha sin gun robh Seònaid be sin ainm a nighean, a cur an òrdugh air son Coinneamh-chiùil mhòir a bha ri bhis an Oban Lathurnach gu goirid. Bheireadh i tacan mu seach air fidhils air clàrsaich, ’s bha a h-athair, aig an robh deagh chluais-chiùil, làn riaraichte le grinneas laimh a nighinn, agus cinnteach gun coisneadh Seònaid urram na Coinnimh-chiùil. Ann an teis meadhon a chiùil thòisich òrd mòr na Ceardaich air bualadh, ’s chuir so an ceòl air feadh na fidhle. Stad Seònaid da ceòl gus am bitheadh an t-òrd mòr aig Seumas gobhainn na thosd, ’s cha robh i féin noh-athair idir toilichte. An ùine ghoirid sguir fuaim an ùird, agus thòisich Seònaid air a ceòl. Cha deachaidh i fada air a h-aghaidh leisn uair a dhéirich buaireas eile, oir thòisich Para-nan-sliseag air òrdaireachd gun chialls e cur ùrlar ùr ann an cairt Dhòmhnuill-an-Achaidh. “Cha dean so feum, a Sheònaid,” arsa h-athairs eg éirigh, “phàigh mise gu daor air son an tighe so aguss bochd an gnothach mur faigh sinn sìth is sàmhchair ann; mun seas min stairichs an làmhach so nis fhaide, bheir mi air agobhainns air an t-saor dol air imrich ged a dhfheumainn peighinn no dhà a chur am bois gach fir aca chum an saodachadh air falbh.” “Tha min dòchas,” arsa Seonaid, “gun soirbhich leibhathair, oir tha e eu-comasach cluich anns an ùpraid so.” “Chan eil cùram nach soirbhich leam, oir tha iad le chéile glé fheumail air na sgillinnean.” ’S e bhann gun deachaidh Dòmhnull an Oir an taobh a bhan gobhainn, on a be a bfhaisge dha, agus dhinnis e dha mar a bha cùisean agus dhfheuch e ri impidh a chur air imrich a dheanamh, ag gealltuinn dha còig puinnd Shasunnach a chuideachadh costas na h-imrich. “Chi sinn,” thuirt an gobhainn, “agus leigidh mi fios duibh gu goirid ma gheibh mi àiteile freagarrach air son ceàrdaich.” Chaidh Domhnull an Oirs thug e acheart thairgse do Phara-na-sliseag agus is gann a bha Dòmhnullna thigh féinn uair a bhan gobhainn a null a dhfhaicinn Phàruig, agus chual e ciod a thuirt Dòmhnull an Oir ris an t-seann duine. “A dhuine chridhe,” arsa Seumas gobhainn, “nach ann oirnn a thàinign uair a dhfheumas sinn dol air imrich a thoileachadh gràisg de dhfhìdhleireans de chlàrsairean.” “ ’S ann agad than fhirinn,” fhreagair Para-nan-sliseag, “ach nach en gillen t-airgiod?” “Is e gun teagamh,” fhreagair an gobhainn, “achs tric a mhill an cleasair-fhichead am fichead cleas. Cha do bhlàthaich mo chridhe riamh ri Dòmhnull an Oir, ged nacheil fhios agam car son, agus bhithinn coma ged a leigemid fhaicinn da ged is math an t-òrna àite fhéin, nach ceannaich e na h-uile rud, ’s gu bheil daoine aig nacheil òr idir a cheart cho tapaidh risan.” “Ciod mata tha tha thu bràth a dheanamh?” arsa Para-na-sliseag. “Ma ta, innsidh mise sin dhuit. Anns achiad àite is math a laidheas na còig-puinnd-Shasunnach aig Dòmhnull an Oir oirnn le chéile agus bithidh iad againn. Tha mi tuigsinn gu bheil Dòmhnullsa nighean adol bhon tigh air an ath sheachdain, agus tha iad ri bhi air falbh an t-samhraidh. Mum falbh e their sin ris, mar chomain dhasan gu bheil sinn adol air imrich, ged tha e car ceàrr agus cosdail sin a dheanamh; agus ma bheir e dhuinn na còig-puinnd-Shasunnach sin gum bin imrich seachad mun till e.” “Tha sin ciallach gu leòir ri éisdeachd ris,” arsa Pàruig, “ach, fhir mo chridhe, càite bheil sinn ri dol?” “Chaneil fada,” fhreagair an gobhainn, “théid thusa don cheàrdaich agamsa agus thig mise a nall an so.” “A Mhoire, Mhoire! nach tu tha fadas acheann,” arsa Pàruig. Is imrich sin gun teagamh, ged a bhios caochladh bharail aig Dòmhnull an Oir air achùisn uair a thilleas e.” “Mo thogair,” fhreagair an gobhainn, “mar thuirt Eóghan amadan e— ‘Bitheadh esan abruidhinn tha

(Air a leantuinn air taobh 312.)


AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leigsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD.
Cuir a dhiarraidh sampuill, teisteannais us urrais.
K . D. C. COMPANY, Ltd. ,


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C B.


D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C.B.


BADDECK , - - C. B.
Airson a stor a dheanamh nas deiseiles nas feumaile dhaibhsan a thadeanamh gnothuch ris, tha
Albert I. Hart
anise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha achuid sin den ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am BostonsanNew York.Gheibh iadsan a thig ga h-ionnsuidh an
DEAGH RIARACHADH.
BADDECK , - - C. B.


THA EARBSA
aig daoine ann am maidsichean Eddy— ’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha coltach ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum.

Than t-ainm so na urrais air mathas.

THE
E. B. EDDY Co., Limited,
Hull, Canada.



[312]

[Vol . 6. No. 39. p. 8]

(Air a leantuinn o thaobh 311.)

na h-uibhean againne’ —bithidh an t-airgiod againnes faodaidh Dòmhnull an Oir a bhi feadaireachd no fìdhleireachd.” ’S e mar bha gun dinnis iad le chéile do Dhòmhnull an Oir gun robh iad adol air imrich ged a bha e car dùilich àite freagarach fhaotainn, ’s ged a bha cuid mhath de chostas daonnan an lorg na h-imrich. Chuir Dòmhnull an Oir a làmhna sporan agus chunnd e cóig buinn òir ann am bois gach fir, agus dhfhàg e beannachd aca le chéile aguidhe soirbheachadh math dhaibh leis an imrich.

Goirid mun do thill Dhòmhnull an Oirsa nighean, rinn na seòid an imrich. Cha robh imrich riamh anns an sgìreachd a bha cho ainmeil rithe. ’N uair a thill Dòmhnull an Oir thuig e mar thug na seòid an car ás, làs a chorruich agussethàinig ás gun do reic ethigh agus dhfhàg en sgìreachds chan fhacas innte riamhna dhéigh e. Mur do shiubhail e bho sin tha e beo fhathasd.


Oran eile do Mh-- - -g.

LEIS A GHILLE GHLAS.

A nighean donn nam blàth-shùii
A dhfhàg mi fo ghruaman,
Gur truagh nach robh mi làmh riut
Ged tha mi fo smuairean
Se sealladh dhe dbhlàth-shùil
A dhfhàgadh mi uallach,
S gur h-ebhi laidhe làmh riut
A ghràidhdheanadh buan mi.

Gur tric mi ort a smaointean.
Do ghaolrinn mo bhuaireadh,
Cha stòras, òr, no maoin
Tha mi smaointean a bhuannachd;
Si mhaise thanad aodann
A chaochail mo shnuagh dhiom,
Is ged nach dean mi tfhaotainn
Chan fhaod mi bhin gruaim riut,

Do phearsa dìreach, dealbhach
Gun chearb oirrri leirsinn
S i cuimair, deas, neo-mharbhant
Cha talaicheadh neach fon ghréin ort.
Mar dhaoimean ann an airgead
A dealradh am measg cheudan
S ged tha thu measail ainmeil
Chan aithnichear ort fhéin e.

Do chùl dubh-dhonn dualach
S e suas an deagh òrdugh,
Na chamagean mad chluasan
Na dhuail mar bu nòs dha,
Thug Nàdur dhuitsa buaidhean
Nach dfhuair iomadh òg-bhean
Sen t-seirce thanad ghruaidhean
A bhuail mis a leòn mi.

An raoir a rinn mi bruadar
(Gur truaghrinn e mfhàgail)
Gun robh thu ri mo ghualainn
Air chuairt anns an ghàradh,
S am mach air feadh nam bruachan
A cluaineas le càirdeas,
Achnuair a rinn mi gluasad
Cha dfhuair mi thu làmh rium.

Thug mi cion nach criochnaich
Am bliadhna don òg-bhean,
Maigedean bhanail chiallach
Ni gniomh ann an seòmar,
A tha den chinneadh fhiachail
De fhior fhuil Chloinn Dhòmhnuill
A chiosanaich Cloinn Dhiarmaid
Air sliabh Inbher lòchaidh.

Bheirinn as a bhùth dhut
Gun dùil riutha brògan,
Chuirinn sid gad iunnsaidh
Is flùrs a bhiodh bòidheach,
Bheirinn seachad ionmhas
A rùin air son pòg bhuat
S gum bfhearr na muillean crùn
A bhi dlùth dhut an còmhnuidh.

Tha thu uasal, siobhalta
Grinn ann ad nàdur,
Gun chron orttha ri innse
Gun ghiomh dha do nàbuidh.
Chan aithne chomh, chan innis mi,
S chan fhiach mi rin àireamh
A liuthad fearthan ti ort
S a stri ri do mhàran.

Bfhearr leinn gu robh sinn eòlach air M-- - -g, ge be co i, no càitem bheil i còmhnuidh. Agus bfhearr leinn cuideachd gun toireadh cuid-eigin comhairlair a Ghille Ghlas; tha eagal oirnn gur h-ann a théid e gòrach mu bhòidhcheads mu mhathas a leannainn. Tha e a reir coltais tinn le gaol.


An Gille Dubh Ciar-Dhubh.

Is truagh gum biodh sluagh
A clo-bhualadh nam briagan!
Cha be an léigh gasdud
Mac-Lachainn na fialachd
A sgriobh an dàn fileant
Mun ghille dhubh chiar-dhubh.
Mhic-Talla, ’Mhic-Talla,
Na creid an sgeul ùr.
Mhic-Talla, &c .

Mun drugadh am bàrd sin
Le thàlantan òirdheirc,
Bha mnathans gach àite
Den Ghaidhealtachd bhòidhich,
A seinn dan cuid cloinne
Mun ghille dhubh òg ud.
Mhic-Talla, ’Mhic-Talla,
Na creid an sgeul ùr.
Mhic-Talla, &c .

Chan eil air an t-saoghal
Ra fhaotuinnsan la so,
Fear-seanachais a dhinnseas
Co bi an òigh mhàlda
A sheinn mun fhear chiar-dhubh
Bu mhiann leatha làmh-rith’.
Mhic-Talla, ’Mhic-Talla,
Na creid an sgeul ùr.
Mhic-Talla, &c .

CUID-EIGINN.

Sen clo-bhuladair a rinn am mearachd air am bheil an duanag so a cur sios. Bha oran leis an Dotair Mac Lachuinn air an aon taobh dhen phaipeir, “Och mar tha mi,” aguss ann a chionn bu chòir na facailLeis an Dotair Mac Lachunna bhi air an cur.


H. D. Mac Ille-Mhaoil,
Stewartdale , C. B.
Cloth,Drogaid, agus PlaideachanEureka.”
Mu dheich air fhichead seor sa aodaichga chreic.
Cloimh air a gabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige neo sgriobh uige.


[Dealbh]
Tha sinn a nisenar luchd-gnothuich aig a
CHANADACARRIAGE Co. ,
air son Eilean Cheap Breatunn. Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead lecheannach uainne.

F . FALCONER & SON.
Sidni, C. B.
Tha sinn acumail acuinn-each, carbadan agus trungaichean.


$1 .00 air 80c.
Tha tuilleadhsa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dhairgead. Thig mum bin t-am seachad agus
FAIGH BARGAN.
McDonald Hanrahan & Co.
Sidni, Iulaidh 16, ’97.


CAIT AM FAIGH MI?
Saibh, Glasan, Luaidhe, Sgeinein, Lainntearan, Sguabaichean, Paipear-tearra, Paipear-tubhaidh.
Olla, Fudar, Glaine, Siosaran, Tairnean, Bucaidean, Tuaghannan.
GHEIBH AIG
C . P. MOORE,
Sidni, C. B.


Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIGOs cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.

titleIssue 39
internal date1898.0
display date1898
publication date1898
level
reference template

Mac-Talla VI No. 39. %p

parent textVolume 6
<< please select a word
<< please select a page