[25]

[Vol . 6. No. 4. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH, CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 23 IULAIDH, 1897. No. 4.


Litir a Ontario.

Chan eil moran agam ri radh air an turas so, ach air son ainm gun bhi leisg a chumail suas, cuiridh mi beagan shreithean ugad. Bha an t-side fuathasach teth againn an so o chionn tri seachdainnean; bhanthermometera dìreadh cho àrd ri 100° anns an duthar. Ach thainig frasan uisge, agus tha e nas fionnaire aig an àm so.

Tha na tuathanaich a nise gu trang ris an fhiar, bàrr a tha anabarrach math air an t-samhradh so. Cha robh urad feòir anns an àite so o chionn bhliadhnaicheansa tha ann am bliadhna. Than criothnachd mar an ceudna gle mhath; chan fhiosrach mi air fhaicinn cho math on is cuimhneach leam. Mur tig meirg no gaiseadh sam bith eile na rathad, theid e eadar 35 us 40 baiseal an t-acaire. Tha am bàrr uile gu leir gle mhath a reir coltais.

Tha margadh math air spréidhs air mucan, agus tha timeanan ag amharc suas, agus gu cinnteach tha feum air [ ? ] anns an àite so cho math ri àiteachan eile. Tha moran de mhuinntir ann a tha fad air ais a thaobh nithean an t-saoghail so, agus air an laimh eile tha moran ann aig am bheil moran de stòras an t-saoghail so nach eil a gabhail ach gle bheag de thoil-inntiun, agusnuair a chuirear iad féins an duine bochd taobh ri taobh chan eil eadar-dhealachadh sam bith eatorra on taobh a mach, agussann aig a Chruithidhear fhéin a tha fhios mun taobh a stigh.

Tha gach latha-féille air dol seachad. Bha luchd nan còtaichean buidhe (na h-Orangemen) a mach mar a bàbhaist air an dara latha deug dhen mhios so. Bha Iubili na Ban-Righnn air a chumail gu h-òrdail. Bha an Comunn Gàidhealach a mach anns abhaile so air feasgar an latha sin, agus Eachunn Mor Domhnullach aseinn na pioba dhaibh. Lephearsa bhriagha fhéin agus le ceol binn na pioba, thogadh e fonn air cridhe Gàidheil ged a bhiodh e gu tuiteam sios. Bhabhuaidh sin air aphiob-mhòir riamh.

Tha moran Ghàidheal againn ann an so; dhfhaodadh coig ceud MAC-TALLA bhi air a leughadh ann an coimhearsnachd Phriceville gach seachdain, ’nan deanadh iad uilen dleaasanas. Tha Dùghall Mac Gilleain asmaoineachadh nach eil paipear ann cho math ri MAC-TALLA, agus tha e gle dhuilich nach urrainn da a lamh ùisneachadh e reir a chinn, oir tha ceann mor an duine ghlic air agus gu leòr ann.

Tha moran a pòsadh ann an so air an t-samhradh so; tha mar an ceudna moran acaochladh, agus tha àireamh nach beag atighnn a stigh don t-saoghal a ghabhail an àite.

Tha mi fadanur comain, fhir-dheasachaidh air son na taing a thug sibh dhomh anns aphaipear o chionn ghoirid, agus tha min dòchas gun teid leibh féins le MAC-TALLA gu math. Than t-àm agam sgur an dràsda, ach cluinnidh, sibh uam an ùine ghoirid a rithist ma bhios mi gu math. Slàn leibh aig an àm so. Is mi ur caraid,

IAIN MAC ILLEASBUIG.
Priceville , Ont,19, 7, ’97


Sean-Fhacail.

An truir dam bheil e ceadaichtebhi acrachaoireannach croinn, buachaile tuim, agus ban-altrum cuim.

An t-uisge thasa bhraighe, bidh cuid dheths an Inbhir.

An uair a bhios ceo air Cruachan cha bhi pathadh air Urchaidh,

An uair a bhios h-uile duinair muin a bhodaich, bithidh a chailleach fhein air muin a bhodaich.

An uair is e ròn as cusan ruaig, cha teid geàrr a chuain as.

An uair nach toir thu lan do dhùirn á cuagan, bheir thu lan do mheòir as.

Aon eun aig a chorrs e gu doitheanech doirbh; da eun deug aig an dreollan, ’s iad gu soitheamh soirbh.

Apran ùr air beulthaobh Nèill.

Beannachd leis an ni a dhfhalbhaschan e a dhfhoghnas.

Bfhearr a chreach a bhis an tir na la Fhéill-Bridebhi math.

Bha misair banais ceàird roimhe so.

Bhris iad an cnaimh ach cha dfhuair iad cothrom an smior a dheothal.


Tha paipeir-naigheachd anns aGhearmailt, amMagdeburg Gazette,a tha da cheud gu leth bliadhna dhaois, agus buinidh e fhathast do shliochd an duine chuir a mach an toiseach e. ’S gann gu bheil a leithid eile air an t-saoghal.


Fhuair sinn litir ghasda bho ar deagh charaid, “C C.” Bha i beagan anmoch air son na h-àireimh so, ach gheibhear i air an t-seachdain sa tighinn.


Litir Ghoirid.

A CHARAID: —Cha robh mi idir an dùil gum bitheadh tu cho fada gun do chuid airgeid. ’S fior thoigh leam do phaipear, agus tha mo Ghàilig adol nas fhearr a h-uile latha. Chan eil duinagam a chuidicheas mi, ach direach mar a theid agam fhin air. Is toigh leam aGhàilig, agus tha pròis orm air son mo shinnsir. Tha mi creidsinn gur h-iad na Gaidheil salann na talmhainn. Tha thusadeanamh obair mhòr agus tha min dòchas gu faigh thù do dhuais. Tha mi toilichte fhaicinn gu bheil MAC-TALLA afàs agus asior dhol nas fhearr. Gu ma fada beò e; chan eagal dha ma bhios na Gàidheil dìleas dha. Aguidhe soirbheachadh leat, is mi do charaid dileas,

R. I. G.


Chan eil dleasanas a tha sinn adearmad nach eil a falach uainn firinn airm bu choir dhuinn a bhi fiosrach.

An ni sin nach urrainn thu a leasachadh, annad fhéin no am muinntir eile, ’s còir dhuit a ghiulan gu foighidneach gus an òrduich am freasdal atharrachadh.

Tha coltas briagha air gach seòrsa barra anns na h-Innsean air a bhliadhna so. Ma bhios e cho mathsa tha e gealltuinn, chan eagal gum bi gorta ann air an ath bhliadhna.

Bha aon de na réiseamaidean Gàidhealach ann an Inbhirnis o chionn ghoirid a feuchainn ri daoine fhaotainn gu gabhailsan arm. Bha an cuid oifigeach gu saoithreach fad an latha, ach cha dfhuair iad ach aon duine a ghabhadhtasdan na Banrighnn.” A reir coltaìs chan eil thachd sam bith aig Gàidheil an lathan diughsan arm, agus, gu dearbh, ’s beag an t-ioghnadh; bolc an duais a fhuair an athraichean air son gach cath a chuir iad as leth Bhreatuinnsan àm a dhfhalbh.

S caochlaideach an t-àiten saoghal. Ann an tigh-òsda suarach am Paris, chaochail air an t-seachdain sa chaidh bean-uasal a bha aon uair air aon de na boirionnaich bu mhaisaiches bu mheasaile bhan cùirt na Spàinne. Bu phiuthar màthar i do righ òg na dùthcha sin, ach le i phòsadh fir nach robh cho uasal rithe fhéin chuir a càirdean cùl rithe, agusnuair a chaochail esan deich bliadhna air ais, bha i air a fàgailna bantraich bhochd gun sgillinn ris an t-saoghal aice. Chum i i-fhéin beò air doigh eigin uaithe sin, agus chriochnaich i a laithean ann an aon de na h-àitean as bochda tham Paris.



[26]

[Vol . 6. No. 4. p. 2]

NA H-AOIREAN.

(Air a leantuinn.)

Tha mig aideachadh, ma ta, gu bheil an aoirn a modh-teagaisg a tha dligheachn a h-aite fein, agus a tha, gun amhurus, an uair a tha i air a h-uisneachadh mar is còir dhi, fior chumhachdach. On a tha cunntas air Litreachas agus air Bardachd againn bha an aoir air a cleachdadh airson teagaisg sluaigh. Ach is ann o na seann Romanaich a fhuair na pobuill a tha nis a lathair na beachdan a tha aca mu thimchioll na gnè bhardachd so. Bha bhard Romanach gu sonruichte ghnathaich an aoir airson teagaisg, agus a ghnathaich i air atharrach doigh. Bhon latha-san tha sheorsa aoir cumantan ar measg. Tha an dara aon asgiursadh uilc: tha an aon eile asmadadh faoineis. Ach is e an aon chrioch a tha aca. Firinn ann an cainnt, gloine ann an smuain, ceartas ann an gniomh, agus maise ann an giulan, is e so crioch gach teagaisg, agus crioch gach aoir is airidh air an ainm mar mhodh-teagaisg. Tha an dara seorsa ag amharc air cionta, air foirneart, agus air ain-tighearnas, gu sonruichte ann an ionadaibh arda an t-saoghail; tha am bard alasadh an aghaidh an uilc, tha cleachdadh a bhuaidhean uile a chum corruichus fearg an t-sluaigh a dhusgadh an aghaidh an uilc agus luchd-deanaimh an uilc, cia be co iad. ’S e a run an t-olc agus, mas eigin e, na ciontaich a sgrios bharr aghaidh na talmhainn. Tha an t-aon eile ag amharc air beachdan, cleachduinean, ’us fasain a tha cumantana latha fein, nach urrainnear a radh gu bheil iad olc, no gu bheil iadsan a thag an leantuinn ciontach no peacach, ach faoin suarach, mi-cheutach. Chi am bard nach e fearg no corruich no fuil a chuireas as dan leithidean so; ach spìd, tamailt, fanoid. Ach chaneil an so ach dhoigh a chuairteachadh an aon rùin; chungaidh a leigheas ghnè tinneis. Feumaidh an lighiche air uairean ball den chorp a ghearradh air falbh a chum beatha an duine a shabhaladh. Air uairean eile ni ceirean suarach an gnothuch. Ach leis an dara doigh cho maith ris an doigh eile is e a run slainte aiseag don neach a tha euslan. Air a cheart doigh ma chi am bard a tha gabhail air a bhi leigheas corp an t-sluaigh gu bheil galar basmhor air an siubhal, is e a dhleasdanas cungaidh laidir a chleachdadh; mas e a bheachd nacheil ann ach fòtus faoin a fhuair greim am barr a chraicionn, chaneil e dligheach dha ach cungaidh lag uisneachadh. Tha e cho fior mu chaithe-beatha an t-sluaigh agus a tha e mu chorp an duine gur ann le cungaidhean cunnartach a leigheasear galair chunnartach.

Cha ruigear leas an aoir a chur ann an rann, ged is ann a mhain an uair a tha in a rann non a h-oran a their sinn aoir rithe anns aGhaidhealtachd. Nam biodh feum a dhearbhadh gu bheil e ceart do neach air uairs am bith dol a mhagadh no smàdadh neach eile no dol a thoirt masladh no tamailt do shluagh a chum am pilleadh gu slighe na còrach, bhiodh e farasda gu leoir eisempleirean fhaotainn anns an sgriobtur air achuis. Chan aithne dhomh aite anns am faighear feargus corruich, tamailt, ’us masladh air a thaomadh a mach air uachdarain agus air sluaigh a chum am pilleadh gu slighe na còrach agus an dleasdanais nas trice agus nas cumhachdaiche na anns naFaidhean.” Agus chan eil mi ro chinnteach gum faighear eisempleir air magadh no air fochaid ann an litreachas fon ghrein nas fhearr na gheibhear anns aBhiobull. Tha cuimhne agad an fhreagairt a thug Iob truagh, ann an searbhadas anma, air a thriuir chairdean a bha feuchainn, mar shaoil iadsan, ri ni-eigin de chomh-fhurtachd a thoirt dha: “Chaneil teagamh nach sibhse an sluagh, agus maille ribhse basaichidh gliocas.” Ach tha sgeul bheag gu sonruichte a bhitheas ann an cuimhne gach neach, anns abheil fochaid air uisneachadh anns aBhiobull. An uair a ghabh Eliah os laimh a dhearbhadh do shluagh ana-creideach gum be an tighearna Dia, ged bha en a aonar an aghaidh ceithir-cheud-gu-leth de fhaidhean Bhaail, agus a dhaontaich iad le cheile, e fein agus faidhean bhaail, an Dia a fhreagradh le teine, gum bitheadh esann a Dhia, tha sinn aleughadh, an uair nach robh Baal atoirt freagradh da fhaidhean fein: “Agus an uair a bha e mu mheadhon , rinn Eliah fanoid orra, agus thubhairt e, Eighibh le guth àrd, oir is dia e; an dara cuid tha e beachd-smuaineachadh, no tha e air tòir, no tha e air thurus, no theagamh gum bheil ena chodal, agus gum feumar a dhusgadh.” A ris tha sinn aleughadh mun fhaidhe Elisa; “Agus chaidh e suas as a sin gu Betel agus an uair a bha e adol suas air an t-slighe, thainig clann bheag a mach as abhaile, agus rinn iad fanoid air, agus thubhairt iad ris, gabh suas, fhir mhaoil, gabh suas, fhir mhaoil.” Tha againn anns an sgeul so chan e mhain eisempleir air fanoid ach eisempleir air àmus àite anns an coir agus àmus àite anns nach coir fanoid a bhi air a chleachdadh. Tha e air a radh, ach fagaidh mi aig na ministeirean mineachadh na roinne, gu bheilclann bheaganns an earrainn so aciallacadh gillean òga. Chaneil mi adi-chuimhneachadh gum bu duine naomh Elisa. Ach is e an dealachadh gu sonruichte a bu mhiann leam a thoirt fanear gum be rùn Eliah a bhi pilleadh sluaigh gu firinn, agus gur ann air beachdan a bha air an dearbhadh feallsa a bha e deanamh fanoid. Bha e laghail, ma ta, an t-arm so a chleachdadh a chum inntinn an t-sluaigh a thoirt fo smachd. Ach be run nacloinne bigetamailt a dheanamh air seann duine airson gun robh a cheann maol, ni nach burrainn da leasachadh. Mas e agus gum bu ghillean oga iad a bha airson tamailt a thoirt don fhaidhn a dhreuchd mar theachdaire o Dhia, bha an cionta gu mor air an-tromachadh; agus an uair a dhamhairceas sinn air apheanas throm a rinneadh orra chan eil e eu-coltach nach ann mar so a bhachuis. Ach a dhaon chuid dheth, bha iad acleachdadh fanoid air dhoigh mhi-laghail, a bha toillteanach air peanas.

Saoilidh mi bho eisempleir an sgriobtuir gum faodar a radh gu bheil e ceart an aoir uisneachadh mar mhodh-teasaisg an aghaidh uilc agus luchd-deanamh uilc, an aghaidh bharailean meallta, agus air taobh ceartaisus firinn; achnacheil e ceadaichte dol a dhusgadh fearg no tair sluaigh an aghaidh duine airson failinn no gaoid no uireasbhuidh, ’n a chorp non a inntinn, nach urrainn e fein a leasachadh.

Chaneil mi smuaineachadh gum biodh e freagarrach, agus chan e mo rùn, a bhi faotainn coire dar baird ged nach faighear iad an comhnuidh aleantuinn ro dhlù eisempleir aBhiobuill. Faodar a bhi cinnteach gu bheil iad ceart an uair a leanas iad an eisempleir so; ach chan urrainn sinn a bhi cho chinnteach gu bheil iad cearr an uair nach lean. Ma mholas iad an ni no an neach a tha an sgriobtur aditeadh, no ma diteas iad an ni no an neach a tha an sgriobtur amoladh, tha na baird, agus chan e iadsan a mhain ach gach neach, adeanamh clì. Ach far nacheil am Biobull atoirt seachad teagasg soilleir air achuis, agus saoilidh mi gun aidich gach neach gu bheil roinn dar caithe-beatha a tha air fhagail ann an tomhas mor fo riaghladh air coguis fein, chaneil mi meas gum biodh e freagarrach air aon chor gum bi thusa no mise afeuchainn ri bhi cur ar barail fein mar chuing air inntinnean dhaoine eile. Agus cha bu mhaith leam gum biodh aon againn adiultadh dar Baird Ghaidhealach na saorsa, ’n an steigh agusn an cainnt, a tha air a cheadachadh do na baird, gu sonruichten an aoirean, ann an rioghachdan agus ann an canainean eile. Mhi-bhuilich na baird, gu tric, na buidhean luachmhor a bhuineadh dhoibh, agus chaneil teagamh agam nach do mheall iad, len aoirean, iomadh uair an sluagh a chuir earbsa asda airson teagasg fallain; ach air an laimh eile bha agus tha an teagasg agus an eisempleir, thar cheann, a chum maith an t-sluaigh. Ma dhfhaodte nach do ghleidh na baird an comhnuidh air chuimhne gu bheilàm gu bhi tosdachann cho maith riàm gu labhairt;” ach tha mi meas gur e is fearr don t-saoghal gun do labhair iad an uair a bu choir dhoibh a bhi tosdach na nam biodh iad tosdach an uair a bu choir dhoibh labhairt.

Tha aon ni gu sonruichte nach còir dhuinn a dhi-chuimhneachadh. Ma tha rùn abhaird maith agus ma tha brigh a theagaisg fallain, is gann is urrainn dhuinn, saoilidh mi, tuillidhsa chòir de shaorsa a thoirt dha ann an cur a rùin an ceill. Is ann le aon mheidh a bu mhaith leam a bhi tomhas teagaisg na h-aoir, agus le meidh tur-dhealaichte a bu mhaith leam a bhi tomhas rann agus cainnt abhaird. Tha e ceart gu



[27]

[Vol . 6. No. 4. p. 3]

leoir dhuit-sa agus dhomh-sa a bhi toirt breith air gnè theagaisg aoir no laoidh no searmoin mas e sin ar miann, agus faodaidh sinn gun naire ar barail a chur fa chomhair an t-saoghail, ma dhearbhas sinn gur fiach ar barail eisdeachd rithe. Feudaidh e bhi gur ann dhuit-sa is feaar a thig e dol a thoirt barail air na cuisibh so na don bhard fein. Feudaidh do bheachd mu thimchioll fior leas sluaigh a bhi nas cothromaiche na beachd abhaird; agus feudaidh t-eolas a bhi nas farsuing agus nas freagarraiche airson breith a thoirt air fallaineachd no mi-fhallaineachd teagaisg. Ach is dòcha, mas airidh am bard air an ainm, gur e a bharail-san is cothromaiche air co an rann agus achainnt is freagarraiche airson a smuain fein a chur an ceill. Agus gu sonruichte tha e fior fheumail a chuimhneachadh’, an uair a bhitheas sinn abeachdachadh air meur dar bardachd iomadh linn dar n-eachdraidh, gu bheil sinn uile ro dheas gu bhi gabhail, fasan agus cleachduin ar latha fein mar riaghailt airson a bhi sonruchadh ciod a tha ceart agus freagarrach ann an rann agus gu h-araid ann an cainnt am measg ghinealach agus linntean a bha ann an iomadh doigh dealaichte bhuainn. Tha na laghannan a tha sonruchadh fallaineachd no mi-fhallaineachd teagaisg soilleir, seasmhach, buan. Ach chan urrainnear so a radh mu na laghannan a tha sonruchadh freagarrachd no mi-fhreagarrachd cainnt. Tha so fior ann an doigh ro shonruichte mu thimchioll Ghaidheal na h-Alba. Cha robh leabhraichean ro shiubhlachn am measg a ghleidheadh ceangal eadar sgireachd agus sgireachd no eadar ginealach agus ginealach. ’Se eisempleir do sgireachd agus do latha fein is riaghailt dhuit airson snas agus cubhaidheachd do chainnt. Bho chionn leth-cheud bliadhna, air Galldachd agus air Gaidhealtachd, bha doigh chainnt air a ghnathachadh ris nach eisdeamaid an diugh le tlachd; agus an diugh fein cluinnidh sinn ann an aon sgireachd comhradh nach fuilingear ann an sgireachd eile. Tha modh agus gloine ann an cainnt feumail agus dlù air cho ionmholta ri firinn ann an teagasg, no ri ceartas ann an gniomh. Ach tha firinn ann an teagasg agus ceartas ann an gniomhn an dearbhadh moran nas carbsaiche air staid achridhe na tha achainnt a chunntas tusa salach no mi-mhodhail, ach a shaoileas mise a tha glan agus modhail gu leoir. “An ni a thig a mach as abheul, is e so a shalaicheas an duine,” ach gu sonruichte an uair a tha eateachd on chridhe.”

Is mithich fheoraich ciamar a dhuisnich na Gaidheil anns an rioghachd so an aoir. Tha e coltach gun robh a ghnè bhardachd cumantan am measg o shean. Tha Eireannach foghluimte ag innseadh dhuinn gun robh en a chleachduin aig na baird a bhi seinn rannan eisgeil le deasghnathanna sonruichte dan dthug iad mar ainm Glam Dichinn, agus gun robh cumhachd no buaidh anns an ni so a thogadh léus no guirean air an aodann. Cho fad agus is aithne dhomh chaneil iomradh earbsach againn air cleachduin den t-seorsa so a bhi air a leantuinn ann an Albainn. Cha mho a gheibhear an aoir air a h-uisneachadh mar mhodh-teagaisg anns abhardachd Oiseinich, ged a chithear air uairean an spiorad a tha toirt beatha don aoir anns abhardachd sin, agus gu sonruichte anns na sean-fhocail. Ach tha aobhar no dhà againn gu bhi creidsinn, ged nach do ghleidheadh air chuimhne na seann aoireann ar duthaich, gun robh an aoir o shean cumanta am measg ar sluaigh.

A dhaon ni chaneil, ma dhfhaodte, meur dar bardachd is usa aleigeadh ar dichuimhne na an aoir. Feudaidh e bhi gu bheil e fior, mar thuirt am bard sasunnach, gu mair an t-olc a ni daoine beon an deigh, agus gu bheil sinn teom air amhaith a ni iad a chur anns a ùir len cnamhan; ach tha mi meas, ’n ar measg-ne co-dhiu, gu bheil ar cuimhne nas fearr air deagh ghniomhan na tha i air droch ghniomhan dhaoine. Tha mi den bharail gun dearbh ar bardachd cho fad agus a tha cunntas earbsach againn mu deidhinn gu bheil ar corruich cho maith ri ar gaol teth; ach saoilidh mi gun gabh e deerbhadh mar an ceudna, agus is feart cliuiteach son ar sluagh nach bu choir a dhi-chuimhneachadh, gu bheil ar gaol cho buan agus a tha ar corruich cho diombuan. An aite a bhi sgriobhadh easuntois ar daoine ann an umha agus an deadh-bheusan ann an uisge, is ann a tha e fior mu Ghaidheil na h-Alba gun sgriobh sinn an cliù le peann iaruinn anns achraig, agus am mi-chliu le ar meur anns aghaineamh. Tha am bard anns an aoir abuntainn a mhain ri nithean agus cuisean a latha fein. ’S e a rùn a bhi diteadh dhaoine a tha deanamh clì, no bhicaineadh agus afanoid air cleachduinean nach cord ris. Chan amhairc e air ais air eachdraidh ashluaigh ach airson eisempleir no coimeas agus is gann a dhamhairceas e idir air thoiseach air. An uair a shiubhlas an t-eucorach no a theid achleachduin á fasan is gann a bhitheas moran miagh air an aoir a rinn am bard mun deidhinn. Is leoir dhuit a ghleidheadh air chuimhne mar a dhaoireas baird do latha fein eucoraich agus cleachduinean mi-cheutach do latha fein. Tha e soilleir mar so, mur teid an aoir a sgriobhadh, gur e is docha nach gleidhear air chuimhne i. Agus ma tha e fior, mar thuirt mi cheana, gu bheil na Gaidheal ann an doigh ro shonruichte deat gu euceartan dhaoine a leigeadh as an cuimhne, faodar a thuigsinn ged biodh aoirean cumanta gu leoir o shean nach biodh moran diubh air faotainn an diugh.

Agus tha an dearbhadh nas laidire gun robh an aoir cumanta o shean ged tha i nis air chall ma bheir sinn fanear gu faighear brìgh na h-aoirn ar seann litreachas gu sonruichte anns na sean-fhocail agus anns na sgeulachdan. A rìs anns acheud chunntas earbsach a tha againn mun bhardachd a bha siubhlach am beul an t-sluaigh, gheibhear an aoirn a lan neart. Anns a bhardachd Oiseinich, cia air bith mar ghleidheadh air chuimhne e, no cia be acheud duine a sgriobh i mar tha i againne, chan fhaighear ach roinn den bhardachd a bha siubhlach am measg ar sluaigh, ged is e sin an roinn a bairde, agus a bu chliuitiche. Is ann an leabhar Deadhan Lis-mhoir a gheibh sinn a cheud chunntas earbsach air gach gné bhardachd anns an robh Gaidheil afaotainn toilinntinn. Sgriobh an duine so a sios abhardachd a fhuair e ann am beul dhaoinen a latha fein. Chaidh an leabhar a sgriobhadh o chionn tri-cheud-gu-leth bliadhna. Chaneil teagamh nach do rinneadh moran den bhardachd a tha anns an leabhar iomadh bliadhna roimhe sin; ach tha an cruinneachadh son a dhearbhadh cho firinneach air a ghnè bhardachd a bha siubhlach am measg Gaidheal an ud anns na criochan anns an robh MacGriogair a chomhnuidh agus a thaAn t-Oranaichea chuir Mac-na-Ceardadh a mach ann an Glaschon a dhearbhadh air na h-orain a tha miaghail aig luchd-seinn ar latha-ne. Cuid de na h-orain so rinneadh o chionn corr agus ceud bliadhna; cuid eile rinneadh o chionn latha no dhà. Chan innisAn t-Oranaiche,” ma dhfhaodte cuin a rinneadh na h-orain; ach bithidh an leabharn a dhearbhadh do gach linn air na h-orain is siubhlaiche an diugh, agus is airidh, ann am beachd Mhic-na-Ceardadh, air an gleidheadh air chuimhne. Air a cheart doigh chan innis leabhar deadhan lis-mhoir cuin a rinneadh abhardachd a gheibhear ann; ach tha en a dhearbhadh air a ghnè bhardachd a bu chumanta a fhuair MacGriogair am beul an t-sluaigh, agus a bairidhn a bheachd-san air a sgriobhadh ann an leabhar.

(Ri leantuinn.)


Mu Chalum Cille.

EARRANN II.

Ann an Eachdraidh Chalum-Chille tha sinn aleughadh gun robh e, air mhodh àraidh, misneachail agus làn do eud naomh. ’Nuair a thàinig e nall á Eirinn bha e làn eòlais air gach cunnart agus doilghiodas a bha roimhe; ach cha do tharruing e air ais. Ghuidh e air Dia deich-bliadhna-fichead a chur ra bheatha, chum saoithreachadhna obair féin; agus bha dòchas aige, trid còmhnadh an Uile-chumhachdaich, anns an ùine sin gum buadhaicheadh e anns na bhana bheachd. Bha e comharraichte airson a ghliocais: chan fheudar dearbhadh as làidire a bhi againn air so, nan dòigh iongantach air an do choisinn e sìth agus càirdeas nan rìgh uaibhreach, borb, a bha ra linn; an dòigh san do chum e suas. uachdaranachd thairis air ceudaibh eaglais a bha foriaghladh ann an rìoghachdaibh a bha dealaichte o chéile ann an cainnt agus ann an cleachdadh; mar an ceudna, an

(Air a leantuinn air taobh 30.)



[28]

[Vol . 6. No. 4. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, . . . $1 .00
Sia miosan, . . . .50
Tri miosan, . . . .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig garn ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh dan duileig, agus, nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,’
Sydney, Cape Breton


SIDNI, 28 IULAIDH, 1897.

Tha othail mhor anns na stàitean an Iar aig an àm so mu bhi faotainn òir ann an ceann a tuath Alaska. Thatar ag radh gu bheil am miotail phriseil sin anabarrach pailt ann an cearna de Alaska; thainig soitheach gu San Francisco o chionn ghoirid agiùlan beagan us tri fichead duine a tilleadh dhachadh as, agus bha fiach faisg air da mhuillein dolair aca. Tha an t-àite gle dhuilich a nuigheachd, tha e anabanach fuarsa gheamhradh, agus chan eil ach tri miosan samhraidh ann. Tha na neanbh-chuileagan nam plàigh uamhasach ann; cha leig iad fois le duine latha no dhoidhche. Thuirt fear de na daoine gu robh i na dùthaich ghràineil gu bhi innte, ach gu robh i fallain gu leòr. Than tuarasdal gle mhor, cho ard ri leth-cheud dolairsan latha, ach tha achosguis a reir; chan fhaighear barailte flùir nas saoire na ceud dolair. Tha daoine aigm bu chòir fios a bhith, ag radh gun toirear mu dheich muillein dolair de dhòr as an aon àite chaidh fhosgladh an taobh a stigh de choig bliadhna.

Chan eil sinn a cluinntinn moran mun dol air adhart ann an Cuba aig an àm so, ach gu bheil am fiabhrus a toirt air falbh moran de da saighdearan Spainnteach, agus nach eil taobh seach taobh afaotainn buaidh as fhiach air an taobh eile. Tha sgeul air tighinn gu bheil ceannard nan ceannairceach an deigh striochdadh do na Spainntich, ach co-dhiu tha sin fior gus nach eil, tha e doribh a radh. Tha an cogadh so air leantuinn tuilleadh us fada, agus an deigh call mor a dheanamh, agus bfhearr gun tigeadh crioch air.

Bha fras bhriagh uisgagainn an so feasgar Dior-daoin. ’Nan robh a leithid air tuiteam air feadh na dùthcha gu leir dheanadh i feum mor, ach bha iomadh àite air nach drainig i idir. Anns na Forks, mu cheithir mile mach as a bhaile cha do shil boinne uisge. Tha làn àm aig uisge tighinn a nise, oir than talamh air fas gle thioram.

Sgriobh duinàraidh nach dean sinn ainneachadh ugainn o chionn ghoirid ag iarraidh oirnn stad a chur MHIC-TALLA ga ionnsuidh-san, agus ag iarraidh oirnn innse dha gu de uireadsa bhaige ri phàigheadh dhuinn. “Chan eil mi smaoineachadh,” ars esan, “gun do phàigh min thòisich mi air a ghabhail coig bliadhnair ais, ach aon leth-dolar. Tha mi an dòchas gu bheil achùis asoirbheachadh le MAC-TALLA gu math. ’s gu bheil saoghal fada roimhe. Is mi do charaid dileas, &c , &c .” Nach beag an t-ioghnadh ged a shoirbhicheadh le MAC-TALLA, ’s ged a dheanadh am fear a thair a cheann fhortan. ’N am biodh luchd-leughaidh a phaipeir so air fad cho dileass cho dleasannach ris air duine so, nach i Ghàilig a bhiodh suas abhruthach!

Tha na fiosan mu dheireadh a thainig a thaobh na Tuirce ag innse gu bheil an Sultan cho ragsa bha e riamh, agus adiùltadh ùmhlachd a thoirt do na rioghachdan mora. Tha e air innse gu bheil Breatunn air son toirt air striochdadh a dhaindeoin, ach tha Ruisia an aghaidh sin. Tha an cothrom aig an t-Sultan orra chionn iadsan a bhi air an roinn an aghaidh a chéile. Ach tha sinn acreidsinn, a dhaindeoin gach dàil a thatar acursa chùis, gum faigh ceartas lamh an uachdan air a cheann mu dheireadh. Cho seòltas gu bheil an Trucach, agus cho fadan aghaidh a chéiles gu bheil rioghdan eile, cha mhair iad mar sin ach ùine ghoirid.

Bha an taghadh aca ann an Eilean a phrionnsa Di-màirt agus tha naLiberalsair an cur an dreuchd a rithist, ach chan eil àireamh cho mor a bharrachd air càch acasa bhaca roimhe. Thatar a dheanamh a mach gum bi iad eadar seachd us deich nas làidire na naConservatives .Bha muinntir Baile-Shearlot a bhòtadh air anScott ActDior-daoin, ach cha chuala sinn ciamar a chaidh e.

Reic Dr. Nansen an t-seann deise bha uime nuair a thachair Mr. Jackson air anns an àirde tuath riMadame Tussaudair coig mile dolair, agus tha i gu bhi air a gleidheadh ann an tigh-ioghnaidh. Anns an t-saoghal a than so, chan eil aig duinach a bhi ainmeil, agus gheibh en t-airgead cruaidh air ni sam bith ris an togair e dealachadh.

Chan eil dùthaich as caoimhneile tha déiligeadh ris na moitairean na Austria. Anns na deich bliadhna chaidh seachad, fhuaireadh ochd ceud duine ciontach de mhort anns an dùthaich sin, agus dhen àireamh sin cha deach a chrochadh no chur gu bas ach tri duine fichead.

Thachair sgriorradh uamhasach air rathad-iaruinn ann an Denmark, air an t-seachdain sa chaidh. Bhual aon sreath de charbadan ann an sreath eile agus chaidh ochd carbadan a chur as a cheile nan spealgan. Bha da fhichead duine air am marbhadh, agus tri fichead air an leòn.


MacCoinnich & Co.

Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh
ANN AN LOUISBURG,
agus tha sinn aig an àm cheudna acumail air adhart air an t-seann laraich,
ANN AN SIDNI.

Aodaichean Matha dhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.

Theid sinn an urras air an obair.
Mac Coinnich & Co.


F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC

An aon fhear dhe sheòrsa thair Eilean Cheap Breatunn.

Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J Morley.

Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dhas coir dha toghal air.

Tha stoc math de speuclaireans de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.

Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. A seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA, C. B.

THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHANEUREKAair a cheart phris air am beilearg an creic aig na muillin.

Tha Factoridh Eureka air aon den fheadhain as fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar adeanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.

Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.

Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille-mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. MacFhionghain, Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitches Creek.Tha mu dheichair fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd lathan deigh a chlòimh chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.



[29]

[Vol . 6. No. 4. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Chaidh Iain Hughes, fear-cumail tigh-òsda ann anCharlottetown ,a mharbhadh le tuiteam bhar carbaid a sheachdain gu an Di-ciaduin sa chaidh. Bha e air an daoraich, agus chaidh e á cnàimh na h-amhaich.

Thainig fear Iain Balcham ann anCharlottetownri bheatha fhéin oidhche Di-dònaich sa chaidh le deoch phuinnsein a ghabhail. Bha aige ri fianuis a thoirt an aghaidh duine a bhaseasamh cùrtach air son a bhi creic deoch làidir, agus thainig e ri bheatha fhéin air son faighinn cuibhteas sin. Bha e tri fichead bliadhnasa deich a dhaois.

Chaidh seòladair dam bainmHerbert Hays,a mhuinntirNewfoundland ,a chall bhar bord an t-soithich-smùideCape Bretonair an turus mu dheireadh a rinn i gu Montreal. Bha e tilgeadh a mach luathainn, agus thuit e thairis; chaidh e fodha mun dfhuaireadh cuideachadh a chur ga ionnsuidh, agus chan fhacas tuilleadh e.

Fhuaireadh corp duine air an rathad-iaruinn faisg air Montreal air an t-seachdain sa chaidh, agus e air a phraunadh cho donas gu feum gun deachaidh dha no tri charbadan thairis air. Fhuaireadh paipear na phòcaid air an robhJ. Mc Neilsgriobhte, agus tha feadhain dhen bharail gur ann a mhuinntir Cheap Breatunn a bha e.

Bha teas mor aca ann an Lunnainn air an t-seachdain sa chaidh, teas airn do chuir iad uidhreachd mhor ged nach robh e ri choimeas ri teas na dùthcha so. Am feadhsa bha muinntir a bhaile a gearan air an teas, bha muinntir nan Stàitean a chaidh a null gus an samhradh a chur seachad, a sior mholadh cho fionnarsa bhan t-side.

Chaidh càraid a phòsadh o chionn ghoirid, agus iad còrr us tri mile de mhiltean o cheile. Bha fear na bainnse ann am Pretoria, an ceann a deasAfrica, agus bean na bainnse ann am bailAmsterdam, ’s an Ollaint. Chaidh am pòsadh a dheanamh le fiosan a chur air aiss air adhart air antelegraph ,agus a reir lagh nan Dùitseach, tha e cheart cho laghails ged a bhiodh achàraid òg taobh ri taobh.

Tha aig iasgach nan giomach ri stad Di-satharna; sin an latha air am bheil an lagh ag òrduchadh leigeil leis a ghiomach fuireach na dhachaidh fhéin gun dragh sam bith a bhi air a chur air. Bha an t-iasgach air an t-samhradh so na bfhaidair ais na bàbhaist dhi bhi; bha barrachd dhaoine ris an obair, agus cha do ghlac iad thar a chéile uireadsa bàbhaist a bhi air an glacadh bliadhnaichean roimhe so.

Chaidh àireamh de na soithichean-smùide tha giùlan guail gu Montreal air an t-samhradh so, air tirsan amhuinnSt . Lawrence.Chaidh no dha dhe naTurretsair grunnd o chionn mios no dha air ais, agus air an t-seachdain sa chaidh, chaidh soitheach eile, anTyrair grunnd, ach fhuaireadh a toirt dheth gun chall sam bith. Feumaidh gu bheil rud-eigin cearr, nuair a tha sgiorraidhean dhen t-seorsud atachairt. Mur eil an amhuinn cunnartach, chan eil an luchd-iùil cho math air cheann an gnothuichs bu chòir dhaibh a bhi.

Tha stampaichean na h-Iubili acur mu mhuillein dolar a stigh do ionmhas Chanada nach rachadh ann mur bitheadh iad. Tha daoine cho deigheil air am faotainns gu bheil iadgan gleidheadh gun an cur am feum idir. Mar sin tha na seann stampaicheangan cur am feum mar a bàbhaist, agus tha Riaghladh na dùthcha adeanamh airgeid. Tha cuid de na stampaichean air fàs gle dhaor; tha nan ochd sentichean acreic an àiteachan air da dholair, agus ma chreidear na their cuid bidh aphris cho àrd ri coig dolair an ùine gun bhi fada.

Bha an t-side anabarrach teth air an t-seachdain so, ach on bha sinn cho fada feitheamh ris abhlàths, cha chòir dhuinn a bhigearan on thainig e.

Fhuaireadh cuirp nan daoine chaidh a bhàthadh ann an Glace Bay air a21 latha den mhios a dhfhalbh. Thainig corp Churtis gu tir Di-satharna sa chaidh, agus fhuaireadh corp Umlah ann an lionsa mhaduinn Di-màirt.

O chionn treis a dhùine air ais, bha na bancaichean atoirt coig sentichean bhar an dolair de dhairgead nan Stàitean. Tha iad a nisen deigh a chur mar a bha e roimhe, agus chan eil iad a toirt bhar an dolair ach aon sent.

Tha moran sluaigh adol air aiss air adhart air lochan a Bhras dOir. Bha ceithir ficheadsa coig air aMharion atighnn a stigh feasgar Di-màirt sa chaidh. Bhachuid mhor dhiubh a mhuinntir nan Stàitean agus nam mor-roinnean uachdrach.

Bhan Comanachadh aig Drochaid an Aiseig, am Mira, la na Sàbaid sa chaidh; bha dòrlach math sluaigh cruinn, ach cha robh uireadsa bàbhaist a bhi ann. Bidhn Comanachadh anLeitche ’s Creekla na Sabaid sa tighinn, ’s an t-Urr. UIlleam Calder air ceann na seirbheis.

Tha mèinn aReserve ag obair gu bras air an t-samhradh so, agus tha àireamh de na mèinnean eile mar sin cuideachd, ach tha sinn duilich a chluinntinn nach eil mèinn Ghowrie ach gann ag obair idir. Air a mhios sa dhfhalbh cha do dhoibrich i ach ochd latha. Chan eil sin ach bochd dhaibh-san a than taice rithe air son am beò-laind.


Iadsan a Phaigh.

An t-Urr. Coinneach Mac Coinnich, Halifax , N. S.
Alasdair Domhnullach, Braigh na h-Aimhne Deas.
An t-Urr. A. Mac Gillebhràth, Lismore , N. S.
Iain Domhnullach, Antigonish , N. S.
An t-Urr. Calum Caimbeul, Strathalba, E. P. I.
An t-Urr. Niall Mac-na-h- Innse, Cornwall , Ont.
Tormaid K. Mac Leoid, Dunbheagain, ( $2 .) Ont.
Iain D. Mac Ille-mhaoil, Dunbheagain, ( $2 .) Ont.
Eachunn Mac Fhionghain, Priceville , Ont.
R. I. Grannd, Gleann Chashion, Ont.
C . L Lister, Rat Portage, (25c.) Ont.
Murchadh Mac-an-t- Saoir, Gaylord , Mont.
R. I. Mac Eachuinn, Newton Centre, Mass.
Domhnull Mac Leoid, Detroit , Mich.
Iain F. Smith, Quesnelle , B. C.
Dr. D. H. Domhnullach, Welsford , N. B.
Domhnull Mac Amhlaidh, Mèinn aReserve .
Iain Stiùbhart, Gleann aPhiobaire.
Padruig Mac Fhionghain, New Canada.
Domhnull Mac-a- Phearsain, NarrowsMhora.
A. R. Domhnullach (gobha), Baddeck . $2 .00
Eos. Domhnullach, Rathad nam Frangach.
Aonghas Moireastan, Marsh Lake.
An Siorram Buchanan, Sidni.
Tormaid Domhnullach, Sidni.
Uisdean Gillios, Braigh Mhargaree.
Cairistiona Chaimbeul, Cladach-a- Tuath.
M. R. Mac Aonghais, Amaguadus Pond, 50c
Seumas R. Dughlach, Sidni. 50c
Mairi Cheanadach, Alba, 50c
Padruig Mac Raing, Mabou. 35c

Ma rinn sinn dearmad air neach sam bith cuireadh e fios ugainn gun dàil. Tha da reusan againn air a bhi cur nan ainmean anns a phaipear o àm gu àm:— (1) air son gum bi fhios aig gach neach a phàigh gun dfhuair e creideas, agus (2) air son gum bi fhios aig na h-uile tha leughadh a phaipeir co thaga phàigheadh.


BAS.

AigKempt Road,air an naodhamh latha fichead de dhIun, Mairearad, bean ghràdhach Raonuill Dhomhnullaich, tri fichead bliadhnasa sia a dhaois.


LEABHRAICHEAN GAILIG.

Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. MacIlliosa 1.10
Gaelic Class Book .30

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte. Sgriobh gu
J . G. MACKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney, C. B.


CARADH
Uaireadairean
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.


NUAIR THEID THUBHADECK
taghail an stor
Albert I. Hart.
Tha Stor mor aige dhe na h uile seorsa bathair.
Bathar Tioram Bathar Cruaidh
Amhlan, Aodaichean, Caiseart,
Adan, Curraichean, agus iomadh ni eile.
An seorsas fhearrs aphris as isle.
ALBERT I. HART.
Baddeck, Aug. 1, ’90.


NIALL DOMHNULLACH,
CEANNAICHE.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B.
Tha e na fhear-gnothuich don. MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaipear, agus ainmean luchd ghabhail thoirt dha.


CUIR A DHIARRAIDH A MHAC-TALLA
$1 .00 SA BHLIADHNA.



[30]

[Vol . 6. No. 4. p. 6]

(Air a leantuiun o thaobh 27.)

dòigh anns an daraich e a liuthad òigridh, a thàinig a ghabhail fòghlum fodha; agus am modh anns an do thagh e aodhairean airson a liuthad eaglaissa bhan earbsa ris. Chan ann gun ghliocas mòr a bha so ra dheanamh, air dòigh a chosnadh meas agus urram dha o gach tìr, a bha meudachadh fhads bu bheò e.

Leis gach buaidh eile, tha e airinnseadh dhuinn, gun robh aige cruth àrd dreachmhor; aghaidh shuilbhearra, thaitneach; guth smachdail cumhachdach, a burrainn da air uairibh a thogail mar thoirm tàirneanaich; tha Abdomnan ag aithris, ann an eachdraidh a bheatha, gun cluinnte gu soilleir dlùth do mhìlair astar aseinn shalm.

Achs ann airson a chràbhaidh, agus a dhiadhachd a bhan duinainmeil so co comharraichte. ’Na uile chainnt, agusna ghiùlan gu léir bhan spiorad so an uachdar.

Ghiùlain e airinntinn, anns gach còmhdhail agus anns gach àm, mothachadh daingeann beò air gnàth-làthaireachd agus sùil-choimhead an Tighearna. “An àill leat,” arsa Coibhi, an t-àrd-Dhruidh, ris air còmhdhail àraidh, “seòladh am màireach?” — “Air an treas ,” fhreagair Calum, “mas deònach le Dia, ’s gum bi mi beò.” — “Chan urrainn duit,” a deir an Druidh; “bheir misair an stoirm éiridh, agus air aghaoith séideadh ann ad aghaidh; sgaoilidh mi ceò agus dorchadas mun cuairt duit.” Fhreagair an duine naomh e, “Thana h uile ni fo smachd an Uile-chumhachdaich; ’na ainm-san tha mi gabhail gach ni os làimh; fo stiùradh a fhreasdail théid mi mach, ’s cha bhi eagal orm.”

Bha spiorad na diadhachd ra fhaicinnna uile ghiùlan; Bhabheatha air a caitheamh ann an ùrnuigh agus ann am moladh; moch agus anmoch, ge be àit am bitheadh e, cha do leig e aon seachad gun ùrnuigh fhollaiseach a chur suas, am measg naimhdean, luchd-fochaid agus magaidh, bhuadhaich e sachleachdadh so. ’Nuair nach robh fardoch os a cheann, no fasgadh thairis air ghlòraich esan Dia le aoradh riaghailteach agus follaiseach. A bhàrr air so, bha àmanna àraidh aige airson ùrnuigh dhìomhairna sheòmar féin agusna eaglais féin. Ann lagan uaigneach, ann an sàmhchair na h-oidhche, ’s gach aon mun cuairt danan suain, bàbhaist dhà-sananam a dhòrtadh a mach ann an ùrnuigh don Dia a chruthaich e. Tha aon àit ann an eilean I far am bu ghnàth don duine naomh so mòran da ùine a chaitheamh ann an co’ -chomunn riDhia agus riShlànuighear. Than t-àit air a chomharrachadh gus an n diugh fon ainm Cnoc-nan-aingeal; a thaobh na barail a bhaig daoinibh air achuideachd ghlòrmhor a bhag iathadh muthimchioll air na h-àmannaibh naomha sin. Cha do ghabh e riamh ni air bith os làimh, agus cha do thòisich e air obair sam bith, gusn do ghuidh e air tùs soirbheachadh o Dhia. Mun rachadh e stighna charbad beag, dhasluicheadh e beannachd an Ti sin a burrainn a chumail o thuisleadh. Ma chaidh bainne na buaile seachad air gach , cha deach e riamh seachad air gun a bheannachadh. ’Nuair chitheadh en t-arbhar ateachd fo dhéis, “Gu ma beannuichte,” theireadh esan, “gun robh Dia airson a mhaitheis.” Ge be àird as an séideadh aghaoth bha esan taingeil; oir bha caraid éiginna bheachd don robh i freagarrach. Cha deachaidh e riamh a stigh a dhamharc caraid caoimh nach bi haleluia a cheud fhàilte; agus bha cuirm spioradail aiganam mun dfhuair a cholann lòn. Tha e againn uime ann an eachdraidh, gun deachaidh e, air àm àraidh, a dhamharc an naoimh urramaich sin Centigern, a bha chòmhnuidh san àite sin far am bheil baile-mòr Ghlaschu air a thogail. ’Nuair a dhlùthaich e air an tigh san robh na manaich a chòmhnuìdh, chaidh iad uile mach ga choinneachadh le laoidhibh naomha, agus thàinig esans a chàirdean air an aghaidh aseinn haleluia bhinn. An ìoghnadh ged a chinn obair an Tighearna ann an làimh an duine so, a bha co dùrachdach, eudmhor, seasmhach ann an ùrnuigh. Don fhear-theagaisg a tha mar so acaitheamh a làithean tha gach comasach.

(Ri leantuinn.)


ELIAH.

Gu fanoideach agus gu taireil than Tisbitheach aig àm bheil fios air crioch na stri air mullach Chairmeil, acomhairleachadh nam faidhean breugach a tha cheana airsneulach leis gach oidheirp a rinn iad. Tha e feargach agus doilghiosach aig acheart àm. Tha e feargach do bhrigh gu bheil sluagh Israeil aig an robh eolasus oilein a bfhearr, air an tarruing a thaobh le mealltaireach truaillidh nan cinneach. Tha e feargach do bhrigh gu bheil an sluagh atabhairt do Bhaail an t-aoradh agus am moladh a bhuineas do Dhia a mhain. Tham faidh doilghiosach, oir tha àireamh co mor acathachadh an aghaidh an De ghloirmhoir a thamhain o shiorruidheachd gu siorruidheachd. Tha e doilghiosach gu bheil aineolas co tiugh, co muladach agus co marbh adorchachadh inntinneanus coguisean nam faidhean. Is ionann a tha faireachduinnean gach cridhe dirich a tha air a chuartachadh le mi-naomhachdus le ana-measarachd.

Innleachdanus creuchdanus gairm nam faidhean, chan eil stath no tabhachd annta Tha neoil an anmoich gu luath ag iadhadh mun cuairt, agus than duine molach aiginneach an Tishbitheachga chrioslachadh fein airson aghniomh ghaisgeil a tha e dol a dheanamh. An deigh do fheoil an tairbh oig a bhi air a deasachadh, an connadh air a chur an uidheam, agus achlais mun cuairt air a lionadh le pailteas uisge, tham faidh adeanamh urnuigh ris an Dias Tighearn ann; agus ann an uine ghearr tha teine bho nèamh alosgadh suas gach ni a tha mun altair agus eadhon ag imlich an uisgetha anns achlais. Than sealladh mor sogiulan cuimhnen t-sluaigh a thag amharc air, a dhionnsuidh an àms an robh iad aineolach air cuilbheartan Bhaail agus fhaidhean. Tha agartas trom ag eiridh suas an taobh stigh dhiu, airson nan gniomharan amaideach a rinn iad. Tha iad atuiteam air an aghaidh agus ag eigheach a mach: Is en Tighearna fein as Dia ann! Is en Tighearna fein as Dia ann! Thug an Tighearna buaidh a mach gu glormhor. Rinneadh a dheas-lamh glormhor ann an cumhachd. Ann am meud oirdheirceis chlaoidh E Ahab agus iadsan a dh-éirich suas maille ris an righ bhochd sin. Chuir an Tighearnamach fhearg, agus loisg E suas comhairles cleachduinn nam faidhean breugach mar asbhuain. Bhuadhaich Eliah a sheasn a aonar ann an og-mhaduinn an latha air sliabh Chairmeil as leth gloirus moralachd an Tighearna. Anns an anmoch, chan eil cridhe am measg an t-sluaigh a thacomhdach na beinne, co curanta, calma, làidir, aghartach, ri cridhen fhàidh. Bhon t-sealladh àrd uamhasach a chunnaic iad, than sluagh truagh afaicinn cia mar bha iad air am mealladh, cia co an-diadhaidh agus olc a bhan caithe-beatha, am feadh a bha iad a sleuchadh gu h-iosalus gu maslach do dhiathan a dhealbhadh le lamhan dhaoine. Aig iarrtus teann Eliah, tha greim air a dheanamh air fàidhean Bhaail uileair a cheithir cheuds an leth-cheud.

Tamull beag roimhe so, bha iad lan misuich, ’us pròis us dòchais. A nis tha iad gun dreach, gun tuar, gun treòir. Coimhich us coigrich a tha araon annta fein, agusn am beachdan. Thruail iad oighreachd an Tighearna. Mhaslaich iad ainm naomha-san. Air an aobhsr sin, cha teid duine dhiu as.

Le torman ciùin tha sruth Chision asiubhal seachad air sliabh Chairmeil. A dhionnsuidh bruaich na h-aibhne so, tha feachd Bhaail air an tarruing, agus an so tha iad air am marbhadh. Tha amhuinn Chision ag imeachd sios, ’us i air fàs deargs air a truailleadh le fuil nam faidhean a thruaill an tir gu léir. Air feadh gach linnus ial theid iomradh a dheanamh air buaidh Chairmeil, air treòirus treubhantas Eliah, air mòrachdus neartus glòir an is Tighearna ann, ’s air an aoradhs air an t-seirbheis dhileas as còir do gach neachus finethabhairt Dhasan a mhàin, am feadh a bhios grianus gealach ann.

CONA.


Atharrachadh Cainnte.

Ann an Ceann-tìre, ’s e groib a their iad ri h-ine, biorach ri gamhuinn, cuinneag-mhaistridh ri muidhe, agus boch ri bàthaich. ’S e càr a their iad ri càrn-slaoid, coibe ri spaid, madhalt ri sgùilean, bodhtradh ri buarach, sugan ri sioman, agus màtad ri croman-dùin. Their iad eun ri ian, deur ri diar, lòch ri loch, agus deòca ri deoch. Ri dìonas creagach ann am bruaich uillt, far am



[31]

[Vol . 6. No. 4. p. 7]

bi togailg a deanamhan ceilt, their iad tur. —Their iad cudainn ri tuba no ballan, rathad Ionbharnis; achs e ciut a their muinntir Chinn-tìre rithe. Their cuid molt ri mult, balt ri bolt, cos ri cas, corc ri coirce, earna ri eòrna, agus steòll ri steall.

Ri blòth garbh their iad romach, mu dheas oirnn. —Mu thuath their iad ris abhruinn-deargan pigidh; their sinn féin biaidh ri èun sam bith. ’S e stuaididh a their iadan Uidhist ri stìdidh. —Ann an Arasaig their iad Tòmas ri Tómas, agus thà àan àite thà è. Ann an Siorrachd Rois, theireadh iad— ‘Am pac thum piocaid am? ’ an àite mar a their sinne— ‘Am fache thuphiocaid agam?’ —agus Duic-aoi— ’an àite Dùthaich-Mhic-Aoidh. —Ann an Aruinn their iad an treigh ris an tràigh, an spèin ris an spàin, agus am bweta ris abhàta. Tha cuid againn fein a their mar seo, metheir ri ri màthair, agus spein ri spàin. —Rathad Urchaduinn their iad cheana no chean rigu dearbh.’ Mu Ionbhar-aora their iadmo chriosanri pàisde ris am bi iad ri beadradh, an àite (mar theireadhmaide) mo cheist, mo rùn, no mo laogh thu. —Ann an Caolasaid their iad bhitheabh e, ’an àite bhitheadh e, nam buaileabh e mi, ’an àite nam buaieadh.

Ann am Bràighe Lochabar their iad lùgh, frùch, cùl, sùthal, ùl, ri laogh, fraoch, caol, saoghal, aol; agus tha cuid de mhuinntir Lochaber a their mùdal ri maodal, agus dorust, solust, brist, ’an àite dorus, solus, bris. Tha seo uile glé neònach; ach nach eil e dìreach cho iongantach Peadal a ràdh ri Peadar, Pòl, ri Pàl, agus Saul ri Sàliuntas ri ioghantas, cearchd ri cearc, bràch ri bràth, maich ri maith, agus an taolus tigh dhiom, ’an àit an taobh as tigh dhiom, &c .? Dhfhaodainn leabhar gàbhaidh a sgriobhadh mun chùis seo, nam biodh duinann aig am biodh làn-eòlas, pailteas ùine, agus na bu leòr de dh-airgiod gus a chur a mach a nasgaidh.

Tha mòran fhacal anns aGhàidhlig a ghabh i an iasad; mar a ta inid, caileadairachd, combaist, speuclair, eiseimpleir, caiptin, eiirneal, sgipeir drong, minister, sagart, truinnseir, clarc, simileir, salm, tiompan, trompaid, oifrinn, ifrinn, aingeal, deomhan, diabhol, paidhir, boid, bola, brot, briuthas, cîbear, calluinn, fùdar, pûthar, closaid, pàilliun, caibideal, &c .

Tha mòran de bhun-fhacail na cainnte air dol á cleachdadh; ach faodar fathast am brìgh a lorgachadh suas on t-sliochd a rinn tàrmach uapa, mar seo; eir (cearc); pis (cat); cuil (piast); aigle (àille); cait (driuch); fait (sgàth); frog, forg, subh (sunnd); ciom (bruid); driong (fuaim bhrònach fhann); beairt (maoin); gread (treis), &c . Mìnichidh an sìol seo brìgh an sìnnsir; eireag, piseag, cuileag, aiglean, caitean, faiteach, frogan, forgan, subhach, ciomach, drìongan beairteach, greadan, &c .” —An Treoiriche.


Tha sinagog Iudhach ann anSt . Louis, Mo,agus tha còisir-chiùil innte anns nach eil aon seinneadair Iudhach; is Criosduidhean iad uile.


As an Iar-Thuath.

FHIR-DHEASACHAIDH:— ’S fhada bho nach fhaca mi guth as an Iar-Thuath no á Manitoba nar paipear; bhaur sgriobhadairean á Manitoba gle ghearaineach air fuachd a gheamhraidh sa chaidh, mar a dhfhaodamaid a bhi uile, ach tha min dòchas nach do reothadh am meòrain gu h-àraid an fheadhain a bhiodh a stuireadh a phinn.

A thaobh coltas an Iar-Thuath aig an am, bhan t-sidecumail gu math tioram deireadh an earraichs a chiad chuid den t-samhradh; bha aogas nan tuathanach gu math duaichnidh re an ama sin, mar gum biodh iad diombach ri cléireach na sìde, ach bhon àm sin thainig uisgeus gu leòr dheth a thug a mach gach pòr gu math, agus a thug fiamh taitneach gu h-àraid air aghaidhean a luchd àiteachaidh, ’s tha iad réidh gu leòr ris a chléireach aig an àm seo, ’g òl a dheoch-slàinte gu subhachs ag iarraidh air anail a leigeil car tacain.

Tha mi toilichte gu bheil MAC-TALLA a fàs nas pailten taobh seos am Manitoba, ged a tha gu leor fhathast as aonais a leughas Gailig gle mhath. Bha Calum Dughalach ag ràdh rium an latha roimhe gun robh e dol a chur bilag bhòidheach uaine gar n-ionnsuidh an uine gun a bhi fada airson bliadhna dheth, ach ma chuireas gnothach àraid eile as a chuimhne e, bheir sinn ribag as romh dheireadh an fhoghair.

Gus a bhi coltach ris a chuid eile den t-saoghal bha Iubili Dhoimean na Ban-Righ air a cumail suas an seo leis a h-uile greadhnachas a ghabhadh deanamh, feadhainn nach fhacam baile bho chionn thri-bliadhn-deug, rainig iad air an lathud a nochdadh an dilseachd. Chan eil teagamh nach robh nach robh Lunnainn eag no dha fos air cionn a thaobh ioghnaidheanus sheallaidhean iongantach, ach bha gu leòr a làthair a bha smaointean nach robh. Ur Caraid,
SEUMAS N. MACFHIONGHAIN.


Don Chuaich.

Fonn: —The Bonny Cuckoo.

LET . O. RUSSELL.

Mo Chùach duìl bhinn táir fáilteach linn,
S tre coilltibh as blàthleat beidh san ,
Go dtiocfaidh na sgothas go seinfir leó,
Agus seinfidh mo Chùach insin go beo,
Cucù, cucùgo dtiocfaidh na sgoth,
Agus seinfidh mo Chùach a ris go beò.

Deirfidh na crainns deirfidh na blàth,
A Chùachìn bhinn fàg sin go brath,
Fan linn in sos deun samhradh go deò,
Ni sgarfair linn, fanfair go binn,
Fan linn a gcòmhnuidhes deun samhradh go deò,
Fan linn a gcòmhnuidhes deun samhradh go deò.


Bha dotair anns na Stàitean o chionn ghoirid a dol mun cuairt air toir fir a chaidh as a rian agus a bha aige-san ri thoirt dan tigh-chaothaich. Fhuair e e ann an tigh-cùrtach, agus e airjury .


D. A. Mac FHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.


Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIGOs cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear tagraidh. Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B


Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.


D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C. B.


Indurated Fibreware

Tha an seòrsa so nas daoire na na bucaideans na tubaichean cumanta, achs math is fhiach iad sin; tha iad nas buaine, agus mar sinsiad as saoire.

THE E. B. EDDY Co
LIMITED
HULL, CANADA.



[32]

[Vol . 6. No. 4. p. 8]

Am bheil iadgam ionndrain on Bhaile.

Am bheil iadgam ionndrainn on bhaile?
Bu ghaolach le mchridhes an ams’,
Achinnt gu bheil gràdhaich a guidhe,
O! bfhèarr leinn gun robh e son dràst!”
Am fios gun robhn croillein mun teallach
Asmuaindeachadh ormstha air falbh,
Dearbh-bheachd gu bheil ionndrain aig bailorm,
Bard-sholas gun tomhas an sealbh!
Bard-sholas, &c .

N uair chiaras air feasgaran tràth sin,
Tha coisrigtdon dàncian nan cian
Bheil neach ann a luaidheas air mainm-sa,
Sa their, “ ’S fhad air falbh uainn mo mhiann?”
S am mothaichear meang anns an òran.
S gun mo ghuth-sabhicòmhnadh na téis’?
Non duisg e teud-bhroin anns gach anam
Mibhi uapa air maineil, an céin!
Mi bhi uapa &c .

An suidhich iad cathair aig bòrd dhomh,
N am eibhnis an teòghlaichbhi dluth,
Nuair lasar na coinnlean ast-seòmar,
S na reultans a ghorm-speur gu ciuin?
N uair a ghabhas gach aon cead da cheile,
S a theid iad fa lethghabhail taimh,
M bi cuimhnair an fhear tha airaineol,
S an guidh iad fo smalan dhomhslaint’ ?”
S an guidh iad, &c .

Am bheil iadg am ionndrain on bhaile,
Tra maidne, tra feasgair, no nòin?
S na tharmaich neul duthach mun cuairt doibh,
Nach soillsich a ghruaim ach mo neòil-s’ ?
Bheil sugradh amanran cho taitneach,
S a bha ciann a baitbha mi leò?
Nobheil iad o cheal, on nach doigh dhomh
Bhin caidribh achroilein ni is ?
Bhi n caipribh, &c .


Comhstrith nan Litrichean.

AIR FONN— “Cabar Féidh-”

AN T-UACHDARAN.

ThuirtAriB,” mas leir duit mi
Na dean le mi-run amharc orm,
Bhons mise ceannard oirbh gu leir
Nach éisd sibh ris na labhras mi,
An ciad neach bha riamhsan t-saoghal
Bha misem aonar maille ris,
Us chanar ris an t-ainmA
Ons e chiad ràdh rinn anail da.

O ghob na speireigthas na creagan
Thainig an dealbh beag agam-sa,
A tha dùinte anns a bhràigh
Da spàgus teangamh ghaganach;
Mar dhearbhadh gun dthàinig beathan t-saoghail
S an ni bha marbh air cathrachadh,
Nach lionmhor ailleachdtha airA
Nach urrainn bàrdbhi canail air.

AN TUATHANACH.

Gu beachd, thuirtB,” geds mor do phròis
Tha beagan eòlais agamsort,
Thàinig mi cho math riut fhéin,
S gach ceum aon dòigh an gabhar e:
S ann leam-sa thàinig beathas blas,
Bliochdus bàighus barralachd,
Us bha michomhnuidh mar ri Adhamh
Mun deachaidhAa chanail leis.

Mo dhealbh-sa thàino chrodhan
Anns a bheil sòghus maitheasachd;
Bheir imus càise dhuinn ler lòn,
Us air son òlbheir bainne dhuinn,
Grudhus uachdar, bàrr na fuaraig,
Brith o chuach na bannaraich,
Cha bionnanus an speireag lachdunn
Spùineadh cearcan tighe leis.

AN T-OIBRICHE.

Le smachd thuirtC,” ’us fiamh-ghàir orr
S àbhachdach aphaidhir sibh,
Le cheileg iarruidh a bhi àrd
S an straic a deanamh fanoid oirbh,
Ged bha mi cruthachadh an t-saoghail
Man robh ann h-aon agaibh-se
Cha chuala is cha chluinntan drast e
Mar sàraichear ler glaigeal mi.

Mo dhealbh-sa thàinon dara séud
A dhealron speur air talamh dhuinn,
Nar chitear i air tùs gach mios,
ThaCmar chulaidh mhaitheis oirr
Don choigreach gu tric toirt iùil
S gur àrd mo chliu on mharaiche,
S ged tha mim sheirbheiseach don ghréin
Cha nàr leam fhein sin aideachadh.

Than t-Uachdaran fodh fhallain A, toirt a chiad àite da fein, mar a bu dual da o thùs. Chaneil an Tuathanach, B, air aon chunanta a diultadh sin dha, ach tha eg innseadh dha cho beags as urrainn e dheanadh gun a chònadh-san. Tha C, an t-Oibriche, a leigeil fhaicinn gu soilleir gu bheil iad uile marbh ás ionnais oibre.

CALUM CAIMBEUL MAC PHAIL.


Oran Ur.

FONN.

Seinn an duan so, hug i ri hu o,
Dom chailin dualaich hug o ro hi,
As deirge gruaidheans as duinne cuailean,
S gur lionmhor buaidh a thair luaidh mo chridh’.

Fhuair mi eòlas an iomadh àite,
Ach bean do ghràdh-sa chan fhaca mi,
Na te do ghluasaids do nàdur suairce
O càitan cualas an dfhuaradh i?

S beag ioghnadh leam-sa na tha an déigh ort,
S na bheil toirt spéis dhut an iomadh dòigh;
Thu modhail, ionnsaicht’, lan tùirus ciùne,—
S glan, cridheil, sùnndach mo rùn geal, og.

Pearsa dhìreach, dheas, chuimir, dhealbhach,
Fo shioda balla-bhreacs an fhasan ùr;
Ceum aotram, còmhnard, nach lub am feòirnean,
As miann gach òigear do shealladh suil.

Tha do bhriathran-sa blasda, dòigheil,
Gun mheang, gun ghòraich, ’an òrdugh réidh;
Do ghuth mar smeòraich aseinns an òg-mhios,
S tu gabhail òrain as bòidhche seis.

Chan e diomhanaschleachd mo rùn-sa
Ach snas is cùram le tùrga rian;
Ro mhoch ag éirigh, go dol ri feum thu,
S gun dearbhainn fhéin nach eil éis ad ghniomh.

Meur na chraoibh thu nach fhaodte réubadh,
S a chinnich gle mhathsan duthaich thall;
S a chuid dhith bhuannaich taobh bhos nan cuaintean,
Gun chinn i suas mar bu dualach ann.

Ged bha thu sgrìob feadh na Staitean Aonaicht’,
Cha tug sin smaointeanbha faoin ad cheann;
Thu soitheamh, ciallach, ro-chinn am briathran,
Mar chleachd thu riamh man do thriall thu ann.

Gur buidhan òigear a gheibh do làmh-sa,
S dhan toir thu gràdh os cionn chàich gu léir;
O, biodh e caoimhneil, lan tuir is faighdinn,
Gun gniomh, gun fhoill ann, ’s na shaighdear tréun.

S ge be àites am bi do chòmhnadh,
Bidh paillteas stòraisus sòlais buan;
O, guidheam slàinte dhut, fad do làithean,
S nuair thig am bàs dhol gu Pàrras suas.


LEIGHEAS BUAN.

Sgriobh an t-Urr. Hy . Carter, Maddock, Springfield, P. E. I,mar a leanas, ann an Iun, 1895:— “Chan urrainn do mmhnaoi labhairt tuilleadh us math muK . D. C.an deigh na rinn e air a son. Dhfhuiling i le droch stamaig, agus bha i ann am pian mor, cho mors nach burrainn dhi a cuid aodaich a chumail uimpe, agus smaoinich mi gum faighinnK . D. C.dhi. Cha robh turas a ghabhadh i e nach robh edeanamh feum dhi, agus fada mun do chuir i crioch air da bhotull bha i ail a leigheas, agus theid aice nis air rud sam bith ithe.”

Tha an litir so a nochdadh an éifeachd a thann anK . D. C.agus than a leanas ag innse gu bheil an leigheas buan. Sgriobh Mr. Carter Iulaidh 31, 1896, còrr us bliadhnan deigh so, “Chuir mi roimhe so litir ugaibh ag innse mar a leighisK . D. C.mo bhean. Tha i fhathast slan, ’s gun a seann eucail a cur dragh sam bith oirreSibhse tha tinn feuchaibh e. ThaK . D. C. Pillsanabarrach math air son tinneasan cuim.


C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


NIALL Mac FHEARGHAIS,
Taillear.
SIDNI - - - - C. B.


$1 .00 air 80c.
Tha tuilleadhsa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dhairgead. Thig mum bin t-am seachad agus
FAIGH BARGAN.
McDonald Hanrahan & Co.
Sidni, Iulaidh 16, ’97.


J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsas fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B.


[TD 33- 40]

[No . 5 a dhìth]

titleIssue 4
internal date1897.0
display date1897
publication date1897
level
reference template

Mac-Talla VI No. 4. %p

parent textVolume 6
<< please select a word
<< please select a page