[313]

[Vol . 6. No. 40. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 1 APRIL, 1898. No. 40.


ALASDAIR MAC COINNICH. Chaochail an Gaidheal gasda, dileas so, o chionn beagan us da mhios air ais ann an Inbhirnis, an Albainn, far an robh egabhail comhnuidh re iomadh bliadhna. Is ann an inbhe iosal a rugadh e, ach cosmhuil ri mile Gaidheal eile, dheirich e anns an t-saoghal ledhichiollus lethapadh fein gu aite ard, measail. Is e duine laidir, lamhach, foghainteach a bha ann; agus ann an stri nan lann bhitheadh an namhaid sud dan, a bheireadh oilbheum dha. Bha measus gradh ro-mhorus bunaiteach aige air na Gaidheil agus air canainus abhaistean nan Gaidheal. Ann an 1875, thoisich e fein agus a bhrathair Uilleam, air an Leabhar-naigheachd Ceilteach. BhaCeltic Magazinega chur a mach gach miosa. Bha na Gaidheilus na sgoilearan a bfhearr ann an Albainn asgriobhadh airson an Leabhair-naigheachd so. Bha fiosrachadh gle thogarrach air a thoirt seachad ann am Beurlas an Gaidhlig anns an Leabhar so. Thionndaidh Mac Coinnich gleusda aire nan Gaidheal agus nan Albannach gu leir, a dhionnsuidh nan daoinebha treubhach anns aGhaidhealtachd anns na linntean a dhaom; agus a dhionnsuidh nam bard agus nan daoine foghluimtebha am measg nan Gaidheal o shean. Sgriobh Mac Coinnich iomadh leabhar air am bheil meas mor a nis, agus a thanochdadh cia co dichiollachs a bha e, ’s cia co comasachs a bha e air Beurla ghlan, chruaidh, sgairteil a sgriobhadh. Thar leam, oir mas maith mo chuimhne, ghleidh e an Leabhar-naigheachd Ceilteach air aghaidh re fichead bliadhna. Be caraid gaisgeil, neo-sgathach nan croitearanus nan daoine bochd anns aGhaidhealtachd a bha, da rireadh, ann am Mac Coinnich. Sgriobh e leabhar, dan tug en t-ainmHighland Clearances,anns an tug e sgeula tiamhaidh air gach eucoir a rinneadh ann an dùthaich nan Cattach air na Gaidheil bhochda. Ged nach bitheadh annta ach ainmhidhean na macharach, cha burrainn doibh barrachd naimhdeis no an-iochdmhorachd fhulang na rinn iad. Dhoirt Gaidheil Chataoibhus Gaidheil eile am fuil mar uisge air iomadh blar cogaidh an aghaidh Napoleoin agus as leth saorsa Bhreatunn agus na Roinn Eòrpa gu leir. Is iad na Reisimeidean Gaidhealach a bfhearr gaisges a bu mhodha sgairtus cruadail anns an fheachd Bhreatunnach gu h-iomlan. Gidheadh ann an Cataobh agus ann an ionadan eile, chaidh na gaisgich ud agus an teaghlaichean a chur gun iochd, gun trocair, leis an laimh laidir as na dachaidhean diblidh a bhuineadh doibh. Thainig moran de na Gaidheal air an deachaidh an eucoir narach, an-iochdmhor so a dheanamh, do Chanada, ’s tha an clanns iad feinma tha iad fathast a lathairsonas neo-eisimealach air feadh ar dùthcha fein. Beagan buidheachais do Dhiuc Chataoibhus do Thighearna eile maille riSellar ,an duine mosach, nimheil, ged tha na Gaidheil a dhfhag na criochan acasan agus a dhfhuiling foirneart eagalach uathasan, an diugh sona, ’s a mealtuinn soirbheachadh gasda, ’s atogail an cinns an ainm anns gach dreachdus inbhe as modha onoir, ’us molaidh, ’us ughdarrais ann an Canada. Is gle mhaith as aithne do MHAC-TALLAs da chairdean lionmhor, gu drugadh ann an Nobha Scotia, an Ontario, ’s anns na Roinnean eilebhuineas do Chanada, iomadh, iomadh Gaidheal laidir, deas, le cliabh farsuing treun, nach tionndadh a shlinnean ri namhaid air bith air muir no tir. Bha Mac Coinnich ann an Canada o chionn beagan bhliadhnachan, agus chunnaic e leshuilean fein, cia co mors a than t-aghus an sonass an comas airson eirigh agus a bhi teoma, cumhachdach, tabhachdach, a tha aig ar luchd-dùthcha bho aon chuan an-mhor gu cuan iongantach eile. Tha doilgheas mor orm fein gus an lan diugh, nach robh mi ais an tigh an trath a thainig Mac Coinnich gam fhaicinn le caoimhneas cairdeil. On bha e gun tamh gun sgios atogail a ghuthus asgriobhadh co duineil, direach, geur, as leth nan croitearan, bha iarrtuis domhainn aig a chairdean gu rachadh e don phàrlamaid ann an Lunnainn. Is e mo bheachd nach drinn e oidheirp riamh air dol don phàrlamaid, ged bha e daonnan deasus toileach air cuis nan croitearan a sheasamh agus a dhion leis gach eud, ’us cumhachd, ’us eolas a bha aige. Thubhairt e gu firinneach nach tigeadh gu brath àm eile anns am bitheadh a chridhe aig Diùc no Tighearna, ard no iosal, air eucoir no ainneart no cron uamhasach a dheanamh air feadh Albainn leis gach eilean Gaidhealach, air iasgair no croitear, air duine bochd gun lagh gun treoir, no air bantrach gun charaid laidirus le clann òga, mhaoth ri thogailus ri eiridinn.

Babhaist do Mhac Coinnich a bhisgriobhadh gu pailt airson an Leabhair-naigheachd a chur e fein agus a bhrathair air chois. Sgriobh e eachdraidh nan Domhnullach agus Tighearnan nan Eileanan. Sgriobh e eachdraidh Domhnullaich Chloinn-Raonuill, agus Domhnullaich Ghlinne-garaidh. Sgriobh e eachdraidh Chloinn Mhic Mhaith. Is i mo bheachd gu do sgriobh e eachdruidh a chloinn fein, Clann Mhic Coinnich. Mur eil mi fada am mearachd, bha e sgriobhadhan deigh dha crioch a chur air eachdraidh nan Rothacheachdraidh nan Rosach, an uair a thainig crioch obann air a laitheans air an neart anns an t-saoghal so. Chan e duine sean idir a bha ann, agus bha moran treoir fathast aige an uair a chaochail e. Tha briathran an t-salmadair fior, co-dhiu tha daoine òg no sean, lag no laidir, “An duine, mar fheur tha a laithean, mar bhlath na macharach, mar sud fasaidh e fo bhlath, oir gabhaidh aghaoth thairis, agus cha bhi e ann; agus chan aithnich ionad fein e nis mo.” Bha Mac Coinnich daonnan curamach agus dichiollach ann an trusadh gach eolais a burrainn da fhaotuinn thall no bhos mu dheibhinn nan clann no nan daoine mum baill leis eachdraidh pongail, ceart a sgriobhadh. Chan ann gun saothair chruaidh a chaidh thairis air iomadh bliadhnasgriobh Mac Coinnich na leabhraichean a sgriobh e, ’s a bheir tlachd, ’us toileachadhus eolas, chan ann a mhain doibhsan a thagiulan ainm nan clann air am bheil Mac Coinnich atabhairt eachdraidh fhireannaich duinn, ach mar an ceudna do gach Gaidheal eile a tha cosmhuil ri MAC-TALLAus rium fein, deonach a bhilionadh ar cridhes ar n-inntinn le eolas air buaidhean, ’us euchdan, ’us abhaistean laghach, muirneach nan Gaidheal bhon tainig, sinnus a bha mor, ’us maithus carthannachn an lathasnan inbhe fein. Dhfhag Mac Coinnich dileab luachmhorna dheigh. Shaothruich e gu duineil, eudmhor airson nan Gaidheal. Dhfhag e eolasus eachdraidh moran nis fhearrus nis beartaiche na bha iad ann an tus an laithean, le a dhichill, ’us a dheanadais. An trath a ghabhas sinn beachd air gach nirinn Mac Coinnich, tha MAC-TALLAs mi fein a dhaon inntinn, ’n uair a tha sinn acreidsinn gur coir do gach Gaidheal ann an Canada, eisimpleir Mhic Coinnich a leantuinn, agus an culaidh-mhaitheis a dheanamh a reir an eolais agus an comais air caoimhneas agus comhnadh a bhuileachadh air a Ghaidhligus air gach nibhuineas do na Gaidheil.

CONA.



[314]

[Vol . 6. No. 40. p. 2]

SGEULACHDAN ARABIANACH.

VII. —SINDBAD AN SEOLADAIR.

CAIB. XII.

Cha do chum mi ni sam bith an cleith air an righ. Dhinnis mi dha gach ni a dhinnis mi dhuibh fhein; agus chuir mo naigheachd a leithid de dhioghnadh airs gun dordaich e gum biodh i air asgriobhadh ann an litrichean oir, agus air a tasgadh am measg seann-sgriobhaidhean na rioghachd.

Mu dheireadh thugadh an rath an lathair an righ, agus dhfhosgladh na saic anns an robh na seudan agus na nithean luachmhor eilebhagam. Chord gach ni a bhanns na saic anabarrach math ris. Bha seudan is neamhnuidean annta a bha moran na bu bhriagha na h-aon dhen t-seorsa a bhaige fhein.

An uair a thug mi an aire gun robh na seudan atoirt mor thaitneas dha, leig mi mi-fheinnam shineadh aig a chasan, agus ghabh mi orm de dhanadas labhairt ris mar so:— “Ler cead, a righ, faodaibh sibh feum sam bith a thogras sibh a dheanamh dhe gach ni a bhuineas dhomhsa; oir tha miseg am chur fhein agus gach ni a bhuineas dhomh gu saor ann bhur lamhan.”

Thainig fiamh gaire air, agus thuirt e, “A Shindbaid, bheir mi an aire nach sanntaich mi ni sam bith a bhuineas dhut, agus nach toir mi ni sam bith uat dhe na thug Dia dhut. An aite do mhaoin a lughdachadh, is ann a tharun orm a meudachadh. Agus cha leig mi air falbh as an rioghachd thu gun iomadh ni a thoirt dhut.” Cha dthug mi de fhreagairt air ach gun do ghuidh mi gum biodh soirbheachadh aige, agus gun do mhol mi e air son cho fialaidhs a bha e. Dhordaich e do dhfhear dhe na oifigich curam a ghabhail dhiom, agus gach ni a bhiodh a dhith orm a thoirt dhomh air a chosg fhein. Rinn an t-oifigeach gach ni mar a dhaithn an righ dha, agus thug e fa near mo chuid badhair a chur gu sabhailte don taigh anns an robh mi gu bhithfuireach.

Aig an uair araidh chaidh mi gach latha do chuirt an righ, far an robh mi greis acomhradh ris. Bha micaitheamh achorra dhen latha air feadh abhaile, agus agabhail beachd air gach ni iongantach a bha ri fhaicinn ann.

Is e eilean mòr don ainmSerendib, a thanns an rioghachd. Tha e direach ann am meadhain an t-saoghail, agus air an aobhar sin, than lathas an oidhches an aon fhad o cheann gu ceann dhen bhliadhna. Than t-eilean dluth air tri cheud mile air fads air leud. Tha ceann-bhaile na rioghachd ann an gleann maiseach, agus tha beinn ann am meadhain an eilean, agus tha e air a radh gur i beinn as airde a thair an t-saoghal. Chithear i astar thri latha seolaidh air falbh. Tha moran de chlachan luachmhor dhe gach seorsa rim faotainn anns abheinn so. Tha craobhan dhe gach seorsa fon ghrein afas anns an rioghachd so. Tha daoimein rim faotainn innte mar an ceudna. Tha neamhnuidean ro luachmhor rim faotainn anns achuan faisge air beul na h-aimhne. Is anns an eilean so a thabheinn don dfhuadaicheadh Adhamh an deigh a chur am mach a Parras, agus chaidh mi a dhaon ghnothach gu mullach na beinne gus an t-aite anns an robh efhaicinn.

An uair a thainig mi air mais don bhaile, ghuidh mi air an righ cead a thoirt dhomh tilleadh do mdhuthaich fhein; agus thug e an cead sin dhomh gu h-aoidheil toilichte.

Chuir e roimhe gun tugadh e dhomh tiodhlac ro luachmhor; agus an uair a chaidh mighabhail mo chead dheth, thug e dhomh tiodhlac a bha moran na bu luachmhoire na bha min duil a bheireadh e dhomh. Aig acheart am thug e dhomh litir a bha e cur a dhionnsuidh ar righ, agus thuirt e rium, “Tha miguidhe ort thoir an tiodhlac agus an litir so uamsa a dhionnsuidh an Righ, Haroun Alraschid, agus innis dha gum bheil meas mor agamsa air.”

Ghabh mi an tiodhlac agus an litir uaithe, agus gheall mi dha gun tugainn don righ iad; agus thuirt mi ris gun robh mi meas gun do chuir e urram mor orm an uair a dhearb e a leithid de ghnothach rium. Mun do sheol mi, chuir e fios a dhionnsuidh nam marsantan, ag iarraidh orra meas a bhith aca orm, agus urram a thoirt dhomh.

Bhan litir so air a sgriobhadh air craicionn a bhair ainmhidh a bha anabarrach tearc ri fhaotainn anns an t-saoghal, agus be dath buidhe a bhair achraicionn, agus bhan sgriobhadh air a dheanamh le dath a bha eadar a bhith goirms a bhith uaine. Be so na briathran a bhinnte:—

Righ nan Innsean, roimh am bi ceud elefant ag imeachd, a tha chomhnuidh ann an luchairt a tha dealradh le ceud mile rubaidh, agus aig am bheil fichead mile crun adealrach le daoimean a dhionnsuidh an Righ Haroun Alraschid:

Ged nacheil an tiodhlac a tha sinn acur dor n-ionnsuidh ach suarach, gabhaibh e mar bhrathair, agus mar charaid, mar chomharradh air achairdeas a thagainn ruibh, agus air am bheil toil againn dearbhadh a thoirt dhiubh. Tha toil againn gun nochd sibh cairdeas dhuinn air acheart dhoigh, oir tha sinn acreidsinn gum bheil sinn airidh air, air dhuinn a bhith ann an co-inbhe ruibh fhein. Tha sinnga radh so ruibh mar bhrathair. —Slan leibh.”

Be an tiodhlac, an toiseach, aon chupan, a bhair a dheanamh a aon rubaidh, a bha mu leith troidh air airde, agus mu oirleach air tuighead, lan de neamhnuidean mora; a rithist, craicionn nathrach air an robh lannan a bha cho leathann ri bonn oir, agus a chumadh gach tinneas air falbh o neach sam bith a laidheadh air; an treas ni da cheud punnd de dhfhiodh alois, tri fichead cnap de champhor; agus an ceathramh ni, banoglach anabarrach maiseach air an robh trusgan a bha comhdaichte le seudan ro luachmhor.

Sheol an long, agus ged a bha i uine mhor air a turus gu ruige Balsora, rainig i gu sabhailte mu dheireadh. An uine gun bhith fada thainig mi do Bhagdad, agus gun dail sam bith chaidh mi leis an litir agus leis na tiodhlacan a dhionnsuidh an righ. An uair a rainig mi an geata, dhinnis mi ceann mo thuruis, agus gun dail sam bith thugadh an lathair an righ mi. Thug mi umhlachd is urram dha mar a bha iomchuidh dhomh a dheanamh, agus an uair a labhair mi beagan fhacal ris, thug mi dha an litir agus na tiodhlacan. An uair a leugh e an litir, dhfheoraich e dhiom an robh righ Sherendib cho saoibhir agus cumhachdachs a bha e fhein ag radh? Leig mi mi-fheinnam shineadh an dara uair, agus an uair a dheirich mi thuirt mi, “A Cheannaird nan creidmheach, theid mi am barantas dhuibh nacheil aon fhacal anns na thubhairt e ach an fhirinn. Tha misenam shuil-fhianuis air. Chaneil ni sam bith as mo a chuireadh a dhioghnadh air duine na meud agus maise na luchairt aige. An uair a theid emach am measg an t-sluaigh, bidh ena shuidhe air cathair a bhios air a cheangal air druim elefant, agus bidh ard-mhaithean na rioghachd, agus uaislean na cuirte, ag imeachd air gach taobh dheth. Bidh oifigeachna shuidhe air a bheulaobh aig am bi sleagh oirna laimh; agus bidh oifigeachn sheasamh air chul na cathrach, aig am bi colbh oirna laimh, agus air barr acholbh so bidhemeraldanns am bheil leith-troidh air fad, agus orleach air tiuigheadas. Bidh mile saighdear, air an eideadh ann an aodach oir, amarcachd roimhe air ceud elefant, a bhios air an comhdachadh le aodach riomhach.

An uair a bhios an righ ag imeachd air aghart, bidh an t-oifigeach a bhios air a bheulaobh aglaodhaich o am gu am le guth ard, “Faicibh an righ mor, cumhachdach, do-chiosnaichte, righ nan Innsean aig am bheil a luchairt comhdaichte le ceud mile rubaidh, agus aig am bheil fichead mile de chruin dhaoimean. Faicibh an righ as mo gu mor na Solamh.”

An deigh dha na briathran so a labhairt than t-oifigeach a bhios air chul na cathrach aglaodhaich, “Feumaidh an righ so, a tha cho mor agus cho cumhachdach, am bas fhulang.”

An sin freagraidh an t-oifigeach a thair beulaobh na cathrach, agus their e, “Moladh gu robh dhasan a bhios beo gu siorruidh.”

A bharrachd air so, tha righ Sherendib cho cearts cho cothromachs nacheil feum air breitheamhna anns an rioghachd. Chan eil feum aig sluagh na rioghachd orra. Tha iad atuigsinn agus adeanamh ceartais len lan thoil fhein.”

Thug na briathran a labhair mi mor thaitneas don righ. “Tha gliocas an righ sin,” arsesanri fhaicinn anns an litir a sgriobh e; agus an deigh na dhinnis thu dhomh, feumaidh mi aideachadh gum bheil a ghliocas airidh air a shluagh, agus gum bheil a shluagh airidh gum bhiodh prionnsa cho glic ris ariaghladh thairis orra.”

An uair a thuirt e so, thug e cead dhomh



[315]

[Vol . 6. No. 40. p. 3]

a bhith falbh, agus chuir e tiodhlac luachmhor dhachaidh leam.

An uair a sguir Sindbad a dhinnseadh mar a thachair dha air an t-siathamh turus a bha e air falbh, thug e ceud bonn oir do Hindbad, agus chaidh gach aon a bhaig achuirm dhachaidh.


Tomas Davies agus Cainnt ar Duthcha.

Cuiridh daoine am meas is air an fhear do an dual feartan ainmig agus sònruichte. Am fear nach labhair ach gu h-àbhaisteach, agus nach coisich ach ann an clais chàich, cha toir càch feart air. Is iad abhith bruidhinn, nobhith beachdachadh, nobhith deanamh na dhòrdaicheasanam fein gu làidir da, na fianuisean air allaileachd an duine is fearr a thuigeas agus a dhaidicheas an saoghal. Tha facal a shamhail so de dhuine nis mo cliù na urras an duine aithrisich abhaistich. Bithidh earbsa aig a dhlùth-chàirdean as. Tha e calma, seasmhach, eagarra, dubhlanach. Giulainidh a leithid so de dhuine leasachadh an t-saoghail air aghart, agus bheir e buaidh air a chridhe dhaonna.

Carson nach toirteadh breith air na cinnidh mar so mar an ceudna? Nach eil coimhlionadh foirfe lan, nan durachdan duthchasach, feumail gun chumha, do ard-inbheachd cinnidh sam bith? Ma eignichear no ma bheannaichear air nosan, earradh, cainnt no caileachd na h-Eadailt, no an Fhraing, Lochlainn no America, cumar o fhas iad agus bithidh beachdan agus tuigse aoin air bith dhiubh air a thoineadh.

Achainnt a dhfhasàs suas le aitim no sluagh araidh, freagraidh i ri cumhacdan an teanga aca, cuiridh i an ceill gne na h-aimsireach gnathaichte aca, an caitheamh-beatha agus na cleachdaidhean aca, ceangailte mar a tha iad gun chomas dealachaidh, le aneachdraidh agus le am fearainn; agus tha a chainnt sin, thar gach cainnt eile, coma co as di, uidheamaichte gus na smaointean is bitheanta acaaitriseadh air an doigh is eifeachdaiche agus is daimheile.

Is ionann cainnt choimheach a thoirt air fine agus an eachdraidh-san uile achuir air seacharan, buailteach do gach mearachd agus sgiorradh agus faoine an fhir-minichidhis ionann e agus ionannachd an t-sluaigh le gach aite areubadh as a cheile: —is ionnann e agus athiltean no comharraidhean gun seadh, a shuidheachadh an àite ainmean lan tuairisgeul agus brighis ionnann e agus oighreachd dhuthchasach charthannachd achridhe abhristeadh agus an sluagh a dhealachadh o an sinnsearan le aigean gun aiheal nach teid drochaid thairis air gu brathis ionann e agus am baill-cuirp adheanamh breun agus an comas iabhairt achur an lughad.

Is i cainnt oigeachd sluaigh sam bith an aon chainnt dhiongmhalta shocair, a fhreagras amhain agus gu h-aonarach do a lan aois agus do a shean-aois. Agus an am don chainnt sin falbh, theid an sluagh anns an uaigh.

Ciod e am feum aig an Ruisianach air cainnt triobuailteach na h-Eadailt? Cia mar a thigeadh e ris aGhreugach a theanga achuir an cuma agus aigean adhochunn le bhith bruidhinn Dùidsich air bruthaichean Hymettus no air cladach Shalamis, no air an fhasach far an robh Sparta? Agus an iomchuidh don Ghaidheal fheargach, mhin-bhriathrach a chànainn shoirbh athreigsinn, cainnt cho sgairteil ris fein, cho binn ri ceòl, cho laidir ri tonnan iomchuidh gun treigeadh e an teanga shaor so, neo-smachdaichte, dho-cheannsachadh, sho-labhairt, air canainn mheasgta an iomadh ail, ris an abrar Beurla a dhiosgaineas agus a shlacaicheas, dhaindeoin a treisead, mu Ghaidheal sam bith a fheuchas rithe?

Thachair oirnn o chionn ghoirid smuain ard-inntinneach ann anTriadan Mhochmedchaidh a chlo-bhualadh anns naClaran CuimrichleComunn Riaghlaidh nan Iomradh:” “Tha tri nithean ann nach seas duthaich sam bith as an eugmhaiseadhon, comunachadh ann an cainnt, comunnachadh ann an laghan, agus comunnachadh ann am fearann-treabhaidh; taobh am muigh dhiubh so, chan urrainn do dhuthaich i fhein ashesamh ann an sith no ann an aonachd chonaltraich.”

Cinneach gun a chainnt fhein aige, chan eil innte ach leth-chinneach. Is coir do chinneadh a chainnt adhionadh nis mo na a thirIs didean nis daingeann agus iomall nis fiughaile i na dun no abhainn.

Agus bu e sin am beachd anns na h-amannan a bfhearr. Co an Greugach aig an robh de chridhe riamh achuir air sùilean da luchd-dùthcha achainnt Phersianach no Eiphiteachuchd-mhacachadh anns aGhreignach ann gu borb, lasanta a chàineadh Pericles an allmharachnach ann gu h-eagallach a sgiursadh Cato bhon Fhorum am fear a bheireadh achainnt Ghreugach no Cheilteach do mhuiuntir na Roimhe? Nach ann gu statail agus gu flathail a chuir aGhearmailt stad air aghartas snàigeil an Fhrangias? Agus direach an deigh di sin adheanamh dhùisg acail suas gu caithreamach agus gu fallain as an neul anns an robh ina siudan roimhe.

Nan do smachdaich Pyrrhus an Eadailt no Xerxes aGhreig re uine fada gu leor agus gum burrainn daibh cainntean eile asparradh orra càite am bitheadh an fheallsanachd bu mhàthair do àirde mac-meanmnach achinnidh dhaoine? Mas e eadhon an t saorsa fein, agus i air a cosnadh as ùr bhitheadh i driachanach breòite neo-thearuinte gun achainnt leis an do shealg i anns a choille, anns an do rinn i aoradh aig an altair, agus an altair fo mheas, leis an do thagradh i anns achomhairle, agus a thog i ann an ruathar na catha.

Ann am bàrdachd nam Fusianach tha dàn a labhras muUirghiolls saorsa caignichte.” Call na cainnte dùthchasaich no gabhail ri cainnt achoigrich, is e so an suaicheantas is tùrsaiche air geilleadhis i slabhruidh an anma: agus call iomlan na cainnte dùthchasaich, is e sin bàs; chnaimh an geimheal troimh an fheoil. Tha dochas ann an Alba; dochas daingeann airson nan Cuimreach agus airson Hungary. Chaneil uirghioll achoigrich anns achiad aite agus is beag nach deach e as gu buileach am measg nan Cuimrichs nan Hungarianach.

Nach mi-nàdurra, nach millteach dhuinn e, measgadh chainntean Gearmailteach alabhairt, agus tri ceathramhan againn le fuil Ghaidhealaichnar cuislean. Ma chuireas sinn ris a so na h-Albannaich a thainig a nall gu Eire eadar an tritheamh agus an t-seachdamh linn deug agus na Cuimrich Ceilteach a shuidhich ann an iomadh aite amWexfordagus siorramachdan eile ann an Laighion, tha e coltach gum bheil coig siathamhan dhinnnar Ceiltich. Ciod e an gnothach againn, ma tha, le cainnt nan Sasunnach agus nah Normanach?

Fad linntean an deigh linntean bha Gaidhligga labhairt le gach cinneadh an Eire, agus gun sgeul air a Bheurla, ach aig tearc de na cathairichean agus de na h-uaislean taobh asteach den chrioch Shasunnach. Chan ann ach o chionn ghoirid a mhain a dhionnsaich aamhor-chuid den t-sluagh Beurla.

Cha toir dad sam bith oirnn achreidsinn gur maduinn na gur onarach do na h-Eirionnaich cainnt an fhir-foirnidh, achoimhich agus an an-sealbhadair alabhairt, agus uirghioll ar righrean agus ar laoich athreigsinn. An e gun seachnamaid teanga an Ollaimh Fhodhla, Bhriain Bhoroimhe, MhicChaura agus ONeill, teanga Sharsfield, Churran, Mhathew, agus OChonnail airson teanga Strafford agus Phoynings, Shussex, agus Chromwell! Na, leigeadh Dia!!

Ni h-eadh! gu dearbh! thig na laithean geala fhathast, gu cinnteach, itealaichidh an sean bhratach ghorm gu dosrach air ar dideanan, agus cluinnear an t-sean chainnt chiatach mhalda anns an oilthigh, anns an fheill, agus anns an t-seanadh.

Ach nam fairtlicheadh oirnn a teasraiginn, gleidhidh an oidhirp dhuinn a sean fheallsanachd, afagail mar dhileab dar sliochd dearbhadh neo-theagmhachd air gun robh cainnt againn cho anabarrach iomchuidh airson gaoil, cogaidh, gnothaich agus sogh agus a chunnaic an saoghal riamh, agus mo thruaighe, dearbhadh air cho lag-chuiseach meath-chridheil agus a leig sinn uainn i.

Nan robh Gaidhlig aigSwift, bhiodh e air a siol a chur ri taobh na dùthchasachd a shuidhich e, agus bhitheadh iad cho beothail ri cheile aig crioch na linne deireannaich. Nan robh Gaidhlig againnga labhairt ann 1782, nach bitheadh e air stad achuir air ath-cheannsachadh Eire? Chan eil e tuilleadh agus fadalach fathasd.

Is mi-fhortanach an Gaidheal aig nacheil ach Beurla. Tha ainmean Gaidhealach air na cnuic, air na lochan, na h-aibhnean, na dùin

(Air a leantuinn air taobh 319.)



[316]

[Vol . 6. No. 40. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, . . . $1 .00
Sia miosan, . . . .50
Tri miosan, . . . .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig garn ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh dan duileig, agus, nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,’
Sydney, Cape Breton


SIDNI , 1 APRIL, 1898.

Eachdraidh nan Caimbeulach.

(Air a leantuinn.)

Rugadh GILLEASPUIG, an t-ochdamh Iarla, anns abhliadhna 1598. Bha ena fhear-cogaidh bho òige. Na shia bliadhna deug bha e air blàr a chatha maille riathair an aghaidh Domhnullach nan Eilean. A thaobhs gun robhathair uine fhaidesanSpain, bha cuiseanna h-oighreachd air an earbsa ris glé òg. An 1626 ghabh righ Tearlach I. a stigh e don Chomhairl’ -Uaignich, ’s gun en uair sin ach na Thighearna Lathairn, agus mu aois ochd bliadhna fichead. An 1641 thug an righ an tiodal, Marcus Earraghaeil, da. Air an ath bhliadhna thòisich an Cogadh Sitheil eadar buidheann an righ agus buidheann na pàrlamaidna Mor-chuisich agus na Cruinne-chinn. Bha buaireas anabarrach anns an rioghachd. Bha na h-Albannaich diombach air son an righ a bhi fòirneadh beachdan agus cleachdaidhean na h-Eaglais Shasunnach orra, agus uime sin, ghabh moran diubh taobh na pàrlamaid. Am measg na feadhnach a rinn sin bha Earraghael. Ach tha so ri thoirt fainear, nach ann an rùn cron do phearsan righ a bha iad, ach a mhain air son stad a chur air nithe a bha iad a meas mar an-tighearnas. ’Nuair rinn na Cruinne-chinn prisonach den righ, ghabh na h-Albannaich uamhann. Shònruich a phàrlamaid Hamilton a chur do Shasuinn le feachd a chum a theanachadh as an laimh. Bha Earraghael an aghaidh so, air a bhonn gun deanadh e barrachd cron don righ na dheanadh e do mhath do dhAlbadolsan eadraiginn. ’S e rud a bhann gun do choinnich Cromwell, le chuid armachd, am feachd Albannach ann anLancashire, gan cur air theicheadh, agus, a cumail roimhe, shuidhich e an Dun-eideinn riaghladh a bha a reir a chridhe fhéin. TheichMontrose, a bhacogadh gu treun air taobh an righ, don Olaind. Bha Alba fochasan Chromwell. Chleachd Earraghael na h-uile dichioll a chum a chumail air ais bho shail a leagail na bu truime air an tir. Bha Mac Cailean Mor e fhéin trom gu leòr air fineachan eile na Gaidhealtachd aig cuid a dhamaibh; ach ge be sam bithde choire a gheibheadh e fhein dhaibh, no am peanas a leagadh e orra aig cuid a dhuairean, cha bu mhaith leis iad a dhfhaotainn ana-cothrom bho na Sasunnaich. Agus gedse taobh na pàrlamaid Shasunnaich a bha e gabhail cha robh e leagte le mar bha cuisean a dol air aghaidh. Ghairm e fhein agus cairdean eile, dol air aghaidh Shasunn aintighearnail, eucorach agus mi-laghail. Air ball an uairthainig fios gun robh an righ air a chur gu bàs, ghairm na h-Albannaich a mhac na righ, agus thug iad cuireadh dha a nall as an Olaind. ’S e Marcus Earraghael a chuir an crùn air a cheann an Sgoinne, air latha na bliadhnùire 1651, agus a cheud aon de na h-uaislean a rinn umhlachd na lathair, agus a mhionnaich a bhi dileas da. Achnuair fhuair Tearlach gu cathair rioghail Shasunn an 1660, rinn naimhdean a Mharcuis casaid na aghaidh a cur iomadh olc as a leith. Chuir an righ Iarla Middleton, mar fhear-ionad righ, gu pàrlamaid Alba, an 1661, far a a robh am Marcus air fheuchainn. Chuireadh as a leth gun robh e ciontach de dhfhoill ann a bhi geilleadh don rioghladh a shuidhich Cromwell ann an Alba. Fhuaireadh ciontach anns an ni so e, agus thugadh a bhinn a mach air Di-sathairne, an coigeamh la fichead den Mhaigh,— “Gum biodh an ceann air a thoirt dheth air an ath Dhi-luain aig Crois Dhun-eidin, agus gum biodh a cheann air achur suas air bir far an robh ceann Mhontroise air a chur, agus gum biodh suaicheantas teaghlach Earraghael air a reubadh fa chomhair na pàrlamaid agus aig Crois Dhun-eidin.” ’Nuairrinneadh a bhinn aithnichte dha dheisd e le ciuine, agus fhreagair e mar so,— “Fhuair mise an onair an crun a chur air ceann an righ, agus a nise tha esan gam chabhagachadhsa gu crun is fearr na a chrun fhein.” Na sheasamh air an sgàlan labhair e mar so,— “Air dhomh a nise bhidol don t-siorruidheachd far am bheil agam ri seasamh an lathair a Bhreitheamh, tha mi a toirt fianuis nach robh lamh, air doigh air bith, agam ann am bàs an righ nach maireann, aguss e murnaigh gun gleidheadh an Tighearna an righ a tha lathair, gun doirteadh E a mhor bheannachd air a phearsa agus air a riaghladh, agus gun tugadh an Tighearna dha comhairlichean matha agus dileas.” So na facail mu dheireadh a labhhair e.

Bha a Marcus pòsda ri Mairearad, nighean Uilleam Dùghlas, Iarla Mhorton. Bha da mhac aige, Gilleaspuig, an t-oighre, agus Niall, triath Ardmhadaidh; agus triùir nighean, Anna, Sine agus Màiri. Bha Màiri pòsd aig Iarla Bhraidalbin. A thaobh an doigh anns na bhàsaich Gilleaspuig Earraghael, chaidh an tiodal Marcus as maille ris fhein.

(Ri leantuinn.)


BATHAR CRUAIDH.

Tha mi a nisecumail Bathar Cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh, Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gun taghal thu orm. Tha mi, mar a babhaist, acreic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha micreic gach ni gle shaor.

AONGHAS MAC LEOID,
Sidni, C. B.


BATHAR EARRAICH.

Deiseachan Fhirionnach air $3 .50, $4 .75 agus o sin suas.

Deiseachan Ghillean air $1 .75, $2 .60, $3 .00, $375 agus $4 .60.

Bathar eile a reir sin. Chan eil stor anns abhaile anns am faigh thu BATHAR MATH cho saor.

Tormad Domhnullach,
SIDNI, C. B.


MacCoinnich & Co.

Tha sinn an deigh stòr ùr taillearachd fhosgladh
ANN AN LOUISBURG,
agus tha sinn aig an àm cheudna acumail air adhart air an t-seann laraich,
ANN AN SIDNI.

Aodaichean Matha dhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.

Theid sinn an urras air an obair.
Mac Coinnich & Co.


C . H. HARRINGTON & CO.
Flur, Min, Ti agus Siucar dhen t-seorsas fhearr.
Soithichean Glaine agus Creadha, math agus saor.
Brogan, Botainnean, Rubbersagus Caiseart de gach seorsa
GAN CREIC SAOR.



[317]

[Vol . 6. No. 40. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Gheibhear anns an àireamh so cunntas aithghearr air beatha aGhàidheil chliùitich nach maireann, Alasdair Mac Coinnich, air a sgriobhadh gu h-ealanta leCona.” Tha sinn toilichte gu bheil nar comas cuideachd a dhealbh a chur anns aphaipear, ni tha sinn cinnteach, a thaitneas gu math ri ar leughadairean.

Chaidh màthair an Eirionnaich ainmeil nach maireann, Tearlach Stiùbhart Parnell, a lasgadh gu bàsna tigh fhéin ann an Avondale, an Eirinn, Di-satharna sa chaidh. Bha ina suidhe mu choinneamh an teine, ’nuair a ghabh a cuid aodaich, agus ann an tiotadh bha i air a cuartachadh leis na lasraichean. Bha i air a lasgadh cho donas nach robh i beò ach gu feasgar an ath latha.

Chan eil aig an àm so fior mhoran coltais gum bi cogadh eadar na Stàitean agus an Spàinn, ged a tha bagraidheangan deanamh taobh air thaobh. Ach tha fior choltas na h-aimhreit air cùisean ann anChina. ThaRuisiaan deigh i-fhéin a neartachadh gu mor anns an dùthaich sin, agus tha e coltach gum feum Breatunn i-féin a chur an ceill nas fhearr na rinn i roimhe so mur eil i deònach a còirichean ann anChinaa chall.

Dhfhalbh maighdeann dam bainm Màiri Lorentz, á stàitVirginia, o chionn beaganus mios air ais, ’s i air son a dhol don Chlondaic a shireadh a fortain. Chaidh ainm mor dhith, agus cha robh ach gann paipear anns na Stàitean no an Canada nach dthug iomradh oirre. Rainig i cho fada ri baileSeattle, far an robh aice ri feitheamh gus an tigeadh beagan de bhlàths an earraich. Am feadhsa bha in sin, co thachair oirre ach seann leannan a bàbhaist a bhi aice, agusse bhann gun drinn iad rèits gun do phòs iad. Chan eil i dol dhan Chlondaic idir; an àite bhi cladhach air son òir mar a bha in dùil, ’s ann a bhios in deigh so a cumail taighe.

Beagan lathaichean an deigh don t-soitheach-chogaidhMainea bhi air a smùideadh as a chéile, chuir na Stàitean sgioba dhaoine a rannsachadh na cùise, agus a dhfhaotainn a mach ciod a dhaobharaich an spraidheadh. Chuir an Spàin sgioba dhaoine air an aon ghnothuch. Tha iadsan a chuireadh a dhobair leis na Stàitean a nise ag innse dhuinn gur h-em barail-san gum bann on taobh a mach a thainig an ni sin a rinn an cron; agus tha iadsan a bhag obair don Spàin ag innse gur h em barail-san gum bann air bòrd an t-soithich a bha e. Chan eil fhios co ghabhas creidsinn; ach a dhaon ni, chan eil ach àireamh gle bheag a creidsinn gu robh coire sam bith aig an Spàin anns a ghnothuch. Faodaidh gun drinneadh an cron le Spàintich, ach cha bann air aithne no le toil an Riaghlaidh a rinn iad e.

Thachair sgiorradh muladach aig Acarsaid Chloinn Fhionghain, Di-dònaich sa chaidh, leisn do chaill gille beag, aois da bhliadhndeug, mac do Thormad Mac Fhionghain, a bheatha. Bha etoirt each gu deoch, agus gu gòrach cheangail e an ròp a bhaigen ceann a bheothaich mu theis-meadhoin fhéin. Air dha bhi falbh mar sin, thuit an ròp mu chasan, ’galeagadh. Ghabh an t-each eagal, ’s theich e, a slaodadh a ghille as a dheigh, gus an deach en sàs ann am feansasn do bhrist an ròp. ’Nuair a chaidh an t-each air ais dhionnsuidh an t-sabhuil, chaidhtear a shireadh a ghille, agus fhuairathair e aig an fheansa, ’se a tilgeadh na h-analach. Bha a cheann usaodann air an gearradhs air am prannadh air dòigh eagallach. Tha an sgiorradh cianail an deigh mulad mor a chur air na coimhearsnaich uile, agus tha co-fhaireachdain aca ri pàrantan a ghille bhochd air an dthainig crioch cho ealamh, agus cho beag dùil ris.

Tha Morair Salisbury, priomhair Bhreatuinn, gu tinn o chionn ghoirid, cho tinns gum bfheudar dha obair na dreuchd a leigeadh uaithe car tacain, agus a dhol air chuairt feuch am faigheadh e a shlàinte. Bhasan aimn gu robh e dol as an dreuchd gu buileach, ach chan eil sin ceart. Tha e a nisedol beagan am feobhas, ach theid treis a dhùine seachad mum bi e cho mathsa bha e.

Thainig sgeul toiseach na seachdain so ag innse gu bheil Mr. Gladstone gu tinn agus a dol air ais gu mor. Chan eil dùil sam bith ri e bhi beò ach ùine gle ghoirid. Dhinnis na lighichean dha an la roimhe nach robh dòchas sam bith aca da thaobh, agus bha e làn riaraichte. Tha e anabarrach toilichtena inntinn, agusnuair a bhios cràdh mor air, cha toir ni faothchadh dha ach a bhig éisdeachd ciùil.

Thachair droch sgiorradh ann an Tyndale, N. S. mu sheachd mile o bhaile Amherst, leisn do chaill duine dam bainm Eideard Cormier a bheatha. Bha eg obair air gearradh connaidh anns achoille, agus gille òg, mac a bhriathar còmhla ris. Bha gunna aige agus leig e an taic craoibhe e am feadhsa bha eg obair. ’Nuair a thainig e faisg air a chraoibh leobair, rug e air barailte a ghunna gus a chur an àite eile agus air dha bhiga tharruinn ga ionnsuidh mar sin dfhalbh an urchair, a dol troimh chridhes ga mharbhadh air ball.

Chaidh lagh a dheanamh le pàrlamaid Nobha Scotia aig an t-suidhe mu dheireadh, leis nach fhaod neach sam bith a chuireasainm ri paipear ag iarraidh cead a thoirt do dhuine deoch làidir a chreic, a bhina chomhairleach ann am baile no ann an siorrachd. Tha an lagh sin atighnn gle chruaidh air muinntir siorrachd Halifacs; bha moran dhiubhsan a bhacur rompa ruith air an fhogharsa tighinn an deigh an ainmean a chur ri paipearan dhen t-seòrsa sin mun robh an lagh air a dheanamh, agus tha iad a nise air an dùnadh a mach.

Tha sgeul uamhasach air tighinn á Newfoundland. Thainig an soitheach-smuideGreenland, ”a stigh do acarsaidBay de Verds, ’sa mhaduinn Di-satharna sa chaidh, agus sia cuirp air fhichead air bòrd aice, air an reothadh gu bàs, agus leth-cheud duine sa còig eile air an reothadh gu dona. Dhfhalbh an soitheach áSt . John’ stoiseach a mhios le tri cheud duine a dol a mharbhadh ròn. Chaidh gach ni gu math leotha, agus mharbh iad àireamh mhath. Di-màirt air an t-seachdain sa chaidh, chaidh na daoine mach air an deigh mar abàbhaist dhaibh; cha dthug iad leotha ach fior bheagan aodaich, oir is obair gle bhlàth marbhadh nan ròn. An deigh dhaibh a dhol astar math on t-soitheach, dhéirich an soirbheas, agus chaidh a chuid mhor dhiabh a ghiùlan air falbh air an deigh. Cha dfhuaireadh a dhol gan cuideachadh gu maduinn Di-ciaduin, agus an uair sin fhuaireadh gu robh sia duine fichead air an reothadh gu bàs, còrr us leth-cheud air an reothadhs ann an cràdh mor, agus bha tri duine fichead air nach dfhuaireadh sgeul idir, agus a tha, a reir coltais, air an call. Bidh iomadh ànradh agus cunnart air am fulang le iasgairean gach bliadhna. ’Se so call as motha agus as cianaile a rinneadh riamh ann an Newfoundland. Bha a chuid mhor dhiubhsan a chailleadh pòsda, agus dhfhag iad teaghlaichean laganan deigh.


BAS.

Aig EileanChristmas ,air a 24mh latha den mhios, Calum Dùghlach, 86 bliadhna dhaois. Bha e ri ceannachd o chionn leth-cheud bliadhna air ais, agus bha ena dhuine gle mheasail. Is mac dha Eachunn F. Dùghlach, a thana fhear-pàrlamaid don t-siorrachd so. Bha e air a thiodhlacadhsa mhaduinn Di-donaich. Bha an t-Easbuig Camaran agus àireamh shagart a lathair, agus leam àireamh mhor sluaigh an giùlan dhiunnsuidh an àit-adhlacaidh.


Gabh Deagh Chomhairle
agus ceannaich gach bathar a bhios a dhith ort bho
MATHESON , TOWNSEND & CO.

Tha stoc mor aca de Bhathar Tioram, Amhlan, Ti, Siucar, Siabunn, agus gach ni eile air an cuir tigh feum.

Tha Adan, Bonaidean, Fluraichean, Itean, agus gach ni mar sin aca do na caileagans do na mnathan.

Tha gach ni a thaca dhen t-seorsas fearr, agusga chreic cho saorsa ghabhas deanamh.

Cha chosg e sion dhut am bathar fhaicinn; bidh na cleir- gle thoileach a shealltuinn.


THAN T-EARRACH
air tighinns an Samhradh gle fhaisg air laimh. Ma tha thu air son Deise no pairt de dheise fhaotainn, taghail aig
Niall Mac Fhearghais,
an Taillear,
agus gheibh thu do dheagh riarachadh. Tha na h Aodaichean a thaige maths bidh, iad an an deanamh a cheart cho math.
CordaidhObair Riut.


J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsas fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B


LEABHRAICHEAN GAILIG.

Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. MacIlliosa 1.10
Gaelic Class Book .35

Cuirear aon sam bith de na abhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte.
Sgriobh gu
J . G. MACKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney, C. B.



[318]

[Vol . 6. No. 40. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 315.)

agus na caisteil, na h-eaglaisean agus na sgireachdan, na h-oighreachdan baranach agus na Siorramachdanainmean a chuireas an ceill gu snasmhor gne cruthachaidh na dùthcha agus cumadh na tire, ainm cinnfheadhna, no sagairt no leughadair an àite, no an ni is cudthromaiche mu a dheibhinn. Is neo-thuigsinneach agus duilibh ri ràdh na h-ainmean so, dhaibhsan nach tuig cainnt na dùthcha.

Agus air chinnt, bfheairrd iad fios orra. Bhitheadh ena dhealbh, ’na eachdraidh agusna ursgeul daibh, ’na chompanach laimh riutha troimh an dùthaich agus acuideachadh le an conaltradh. Innsidh Midhe a còmhnardachd, Clonmel toireachs a bhealaich, is e Fermanagh dùthaich nan loch, is e Tyrone, tir Eoghain, is ionann. Kilkenny agus Cille Naoimh Choinnich; Dunmore, is e sin an dìdean àrd; Athenry, is e sin Ath-an-Righ; agus Dunleary, is e Daingneach OLeary a tha ann. Is efionn-uisgeis mathair don chaigionn-fhocalPhœnix Park, ”agus chithear an t-uisge fathast stealladh gu h-aotrom as, fagus do chachlaidh an ear am Baile-atha-Cliath.

Is Gaidhealach iad, ainmean ar fonn agus ar n-òran uile, ach tha an seadh agus am brigh adol air iomrall oirnn gu tric, coltach ris an duine air an do iarradh am fonn ris an abrar, “Ta mi in mo chodladhna duisigh me;” ach thug esan atharrachadh ainme air, (agus bu bheag a bfheairrd am fonn bòidheach sin idir a leithid a dhainm) “Tommy MacCullagh made boots for me. ”

Is ann an Gaidhlig a thachuid is mo dar n-eachdraidh sgriobhta; agus an e gum bi sinne, comasach mar a tha sinn air Dante, Livy agus Homer aleughadhnan cainnt fein, an e gum bi sinne riaraichte toileach, agus sinn gun eolas againn air aGhaidhlig gun chomas againn air ar cainnt mhàtharail athuigsinn?

Tha e fior gum bheil ainmean ealdhain Gaidhealach a dheasbhuidh oirnn, agus gun teagamh is còir na h-ainmean gnàthach àbhaisteach aghlacadh do an n-uchd. Rinn na Gearmailtich an ni ceudna, ach chan abrar iomadh-alach ris achainnt Ghearmailtich da thaobh sin. Tha a chuid is mo de na h-ainmean so ana-cuimseach, luidseach, cearbach, no-lamhchair; is i aGhreugais no an Laidionn is bun do na h-uile fear diubh nach mor, agus tha coltas cho neonach coimheach orra anns a Bheurla agus anns an Fhrangais agus a bhitheadh orra anns aGhaidhlig. Aon uair agus gun daidicheadh gun robh aGhaidhlig na cainnt fhreagarrach air foghlum, agus airidh air achùram is àirde, rachadh ar foclairean amheudachadh, agus mearachadh ar sreathan.

Chan eil anns na tagraidhean so ach leth-sgeulan innleachdachda gu cuir an aghaidh na Gaidhlig, ach chan eil iad air an toirt air an aghaidh, mar is bitheanta, gus am bheil am bacadh is mo air a chuir as an rathad.

Is e so am bacadh gnàthaichte an aghaidh ath-bheothachadh na Gailig, nach tigeadh oidhirp sam bith gu feum.

Nan toireadh oidhirp sam bith air Gaidhlig a thoirt a steach air taobh an ear na h-Eire, an dara cuid troimh na sgoilean dùthchasach no anns na cùirtean lagha, dhfhàilneachadh e gun teagamh, agus mhùchadh ma dhfhaoidte buil amhi-aigh so agus an calldach aGhaidhlig gu buileach as. Ach chan eil so am beachd duine sam bith, ach mar bhruadar air na bhitheas ceud bliadhna o an latha an diugh. Agus chan ionnan so agus an rud a their sinn, eadhon, gur coir don Ghaidhlig abhith air a h-altrum, air a teagasg agus air a meas, agus gur urrainn duinn a gleidheadh agus a meudachadh uidh air n-uidh.

Is e tha bhuainn, achànainn a chuireas an ceill brigh feart agus seadh, ainmean ar laoich, ar n-aitean, ar sean eachdraidh agus ar ceòl, agus a tha air a labhairt anns amhor-chuid de ar siorramachdan, achànainn sin a bhith air a munadh do chlann ar n-uaislean, seach Eadailteach, Greugais no Fraingis. Bhitheadh i nis feumaile do fhaireachdainnean agus do aomadh-inntinn ar n-oigridh, agus nis tairbhichenan caithe-beatha, agus bhitheadh comas labhairt, seinn no sgriobhaidh anns achainnt Eirionnaichna mhaise nis fhusa laimhseachadh, agus nis iomchuidh do Ghaidheal no do Bhana-Ghaidheal na bhitheadh na comas an ceudna dhaibh anns a chainnt Fhrangaich no cainnt sam bith eile.

An drasd is comharra air graisge e leis na h-uaislean achainnt Eirionnach alabhairtis i Beurla tha acaga labhairt, agus is ina h-aonar a tha ga munadh anns na sgoileanagus mar is miosa gu mor, tha e air a thoirt agus air a sparradh air a chloinn le duaisean agus peanasan, gun ilabhairt aig an tigh, oir is i cainnt am maighistirean agus cainnt chreachadairean Eire i. A nis, ar leinn, gum bu leor e airson achùis athoirt gu buil, nan tugadh uaislean Eire ionnsuidh laidir agus dian oidhirp air atharrachadh seol agus suidheachadh is fearr achuir air chois an Eirinn; tha e mar fhiachaibh oirnn direach athaobh deagh oilean. Agus tha sinn ag aslachadh air ard-aigne, air gràdh-dùthcha agus air cridheachan ar tuathanachais agus ar luchd-ceannaich, gun feuchainn ri cainnt dhùthchasaich gach fir ainmeil nach-mor bha riamh againn, adhubhadh as gu brath o anmannan na cloinne aca. An dean sinn suaip dhiblidh thàireil le cainnt Bhriain Bhoroimhe agus OChonnail, air am bheil na chuic, ha bailtean agus na h-orain air an sloinneadh air teanga luchd-fòirneart Eire?

Tha Gaidhlig air a labhairt le mu thaiream leth an t-sluaigh aig am bheil comhnuidh air taobh an iar sreath sinte o Dhoire gu Port-lairge, agus tha i coitchionn fathast taobh an ear an t-sreath sin. Nan toireadh air na maighistirean-sgoile abhith mion-eolach air aGhaidhlig far an aitich luchd-na-Gaidhlig, agus nan tugadh dhaibh leabhraichean-sgoile Gaidhlig, bu leòr sin gus achanain adhion far am bheil i fathasd beo, agus bhacadh sin muchadh na Gaidhlig leis aBaeurla, mar a rinneadh air na daoine ruadha le sliochd nan Sasunnach o Nuadh Eabhrac gu Nuadh Orleans.

Ach is e steidhicheadh paipear-naigheachd, a leth no a h-iomlan anns aGhaidhlig, an doigh is fearr gu cuideachadh leis an teanga. Gheibheamaidnar cainnt fein sgeul air cuilbheartan riaghlaidh agus naigheachdan eile a dhfheumas sinn sireadh an diugh anns aBheurla; is tric a bhitheadh Gaidlig air beulthaobh luchd-labhairt Beurla. ’gan talach agusgam brosnuchadh gus a litrichean a dhionnsachdainn agus an uine ghoirid a brigh.

Is ann an gach cearna an t-saoghail, ach amhain an so, a tha paipearan iom-chainnteach ri am faotainn. Ann an Taobh a DeasAmericagheibhear Spainnteach agus Beurla no Fraingis ann an iomadh aon diubh; gheibhear Fraingis agus Beurla ann an Taobh TuathAmerica; Gearmailteach agus Eadailteach ann an taobh tuath na h-Eadailt; Gearmailteach abharrachd air an teanga duthchais ann an Lochlainn agus an Tir-fa-thuinn(Holland) :Frangais agus Gearmailteach ann an Switzerland; Gearmailteach, Fraingis agus Sclavonach ann amPoland; Fraingis agus Turcach anns an Tuirc; Magyar, Sclavonach agus Gearmailteach ann an Hungary; agus tha tri cainntean anns achanton bheag sin, Grison. Gun ghuth athoirt air Hungary tha an dara cainnt anns gach aite air a labhairt le àireamh sluaigh is lugha na luchd-labhairt Gaidhlig an Eirinn; agus ged a ghiùlaineas an sluagh anns gach aite leis an aon chainnt mar mheadhon air comh-mhalairt, altrumaichidh iad an te eile mar thaiag-lann eachdraidh, mar sgiathan bardachd, mar mhathair an tograidhean agus mar chomharra didean an dùthchasachd.


Comhradh nan Gaidheal.

COMHRADH EADAR TEARLACH OG AS AN EILEAN SGIATHANACH, CALUM MAC FHIONNLAIDH A MHUILE, AGUS DUGHALL MAC GRIOGAIR A PEAIRT.

(Air a leantuinn.)

CALUM.— ’De so tha mi cluinntinn a Thearlaich gum bheil againn ri fuireach an so gus nach eil fhios cuin, tha mi seachd searbh dhen àite agus nam bithinn leam fhéin chan eil fhios ciamar a dheireadh dhomh. Am bheil aig Dùghall ri fuireach cuideachd?

TEARLACH. —Is e do roghainn fuireach no falbh a Chaluim, ach bhon tha mi fhéin is Dùghall leat tha min dòchas gum fuirich thu.

DUGHALL. —Tha fhios gle mhaith gum fuirich e, feumas e. —Nach eil Sgeul nam Fògarach agad ri aithris dhuinn fhathasd?

C. —Na abair tuille, ach las do phiobs dean suidhes eisd ri Tearlach, siuthad a



[319]

[Vol . 6. No. 40. p. 7]

Thearlaich ciod en ràn uamhasach a bha sud a chuala sibh?

T. —Bha sinn dhen bheachd aig an àm gum be an ràn a chuala sinn ràn cho oillteilsa burrainn a bhith, agus chuir e a chuid as nar measg, lag, trom mar bha sinn, air ar casan, cha bann gun chunnartbhi mach air a mhuir, ’us sheall sinn a mach gu geur an rathad bhan fhuaim, ach bha a rithisd sàmhchair ann. “Deanamaid glaodh,” ars ammate, ”agus le sin dheigh e mach, “Ship ahoy. ” ’S gann a bha na facail as a bheilnuair bhan sgal air aithris, agus leam Domhnull beag gu chasan a nis, ag radh, “ ’S e Bran a thann, ’s e Bran a thann;” be sin abhag Sgiathanachbhuineadh don sgiobair; dheibh Domhnull air a dha no tri uaireans cha bfhada gus an cuala sinn eplubartaich, asgiamhail, ’s a comhartaich faisg oirnn, chuir mise mach mo lamh, ’s air fhaicinn domh rug mi air abheathach bhochds en impis toirt thairis, oir bha e air a t-snàmh fad an uine tha mi asmuaineachadh o na thachair mar dheirich dhuinn agus maith dhfhaoidte faisg oirnn, sin agad Sgiathanach dhuibh fhearaibh. Bhan creutair bochd air meileachadh leis an fhuachds am bogadh, ach thiormaichs shuath sinn e gu curamach, agus an deigh criomag bhreacaig, ’us drughag, fior dhrughag, uisge, thainig e thuige. Bhan latha nis air soillearachadhus thubhairt Mac-a- Ghobha gum feumadhmaid ar cead a ghabhail leis an sgiobair, bho nach robh feum no maith sam bith an corp a ghleidheadh, sinn cho fada bho thir no o luingeas sam bith a reir a h-uile coslas, agus le sin dhiarr e air na fir eile iad a spionadh dhe na sparran na burrainn daibhdhiaruinn, agus ormsa echuideachadh gus an corp a dheasachadhO Righ! be sin an obair mhuladach, ach air na h-uile ni bhi ullamh, réidh, labhair no dhaithris ammateceathramh no dha de shalm agus chuir e suas ùrnuigh ghoirid shimplidh ann am Beurla, tha mi cinnteach gun tuig sibh fhearaibh gun do luidh na facailsa chainnt sin, mas a cainnt i, fuar, fuar air minntinnsa, agus mas do thair dhaibh an déile bha fodhathoirt air falbh, gus an corp a leigeil a mach air a mhuir, arsa mise, “dhaoinese mfhear-dùthcha fhéin than so, an Gaidheal Albannach, mar is aithne dhuibh tha min duil, leigibh leam facal no dha a radh ann an urnuighs a chainnt againn fhein mas dealaich sinn. Le sin chrom iad an cinn, ’s gun ach Domhnull beag ga mthuigsinn, agas ma dhfhaoidte an abhag bhochd, rinn mi mo chridha bhrùchdadh a mach cho durachdachs a rachadh agam air, ’us cach, feumaidh mi aideachadh, gu sàmhach, modhail, ged nach robh iad ach Gallda no nan Sasunnaich aineolach, mi-bheusach; air dhomh bhi deas thogadh an deile agus a sios ann an doimhneachd mhor achuain á fradharc, gu grad chaidh corp an sgiobair bhochdbochd ni theiream; cha robh duinen sin nach bu mhaith leis gum be fhein a bhann, oir a reir a h-uile coslais cha robh romhainn ach bàs cianail. Air a ghnothuch mhuladach so a bhi seachad, thubhairt Mac-a- Ghobha gun robh e mar fhiachaibh oirnn cuir romhainn gum faodamaid bhi fada, fada gun tachairt ri long, agus air a chor sin am beagan bidhus deochbhagainn a shioladh a mach thun an ires fhaide a rachadh e, agus, mar bha esan ga mheas, se aon bhreacag-chruinneachds an latha, air a roinn na da leth, airson a mhaduinns an fheasgar, agus balgam beag uisge, na burrainn duinn fhaotainn, gach fear againn, “agus Bran,” arra Domhnull beag; “O,” ars ammate, ” “Feumaidhh-uile fear criomag thoirt do Bhran, faodaidh e bhi gle fheumail dhuinn fhathasd.” Is maith thuig mi fhein ciamar, ach cha dthubhairt mi diog, ni araidchuir sgean orm gu goirid an deigh so, feumaidh mi innseadh dhuibh, agus be sin so: Chuala sibh iomradh, tha mi cìnnteach, air iasgan mora ris an abrar anns Bheurlasharks, ”chan aithne dhomh Gàidhlig orraiasgan craosgach, fuilteach, air daths air cumadh nam biorach, agus nam bharailschan eil annta ach bioraich mhora dhem bheil a liuthad sheòrsaGobagan,” their cuid riutha, ’chionn an gob fadathorra; “mudagan,” ’chionn iadbhi mudach, gnathad; “dallagan,” ’chionn an suilean a bhi leth duinte, ’s mar sin sios. Mata, goirid an deigh dhuinn corp an sgiobairchuir fodha, chuala mi fear dhe na lamhan ag radh, “Ann an ainm an Tighearna ciod e tha sin?” ’Snuair a sheall sinnn rathad bha e coimhead, ciod e bha sin ach an corp air fleodradh bhàrr an t-saile, agus mur gum bannna sheasamhs a cur charan dheth, adol fodhas a leum an uachdar a rithisds a rithisd air mhodh bha araon iongantach agus uamhasach; cha bfhada gus an drinn sinn a mach de a baobhar dha so. “Is e na bioraich tha ris,” ars aon seann mharaiche, “shrac iad a bhrat; chaidh pairt dhe na chudthromachadh gu grunnd, agus than corr acumail a chuirp na sheasamhsan uisge mar tha sibh afaicinn, chunnaic mileithid roimhe, ach chan fhada mhaireas e, gheibh na beathaichean granndaige gu goirid;” agus mar thubhairt bfhior, oir ann an tiota beag leum biorach mor, glas, ghorm, leathach as an uisge, agus air beirsinn air a chorp, sios fodhn uisge, shlaodadh leis e agus chan fhaca sinn tuilleadh e.

(Ri leantuinn.)


O CHIONN còrr us bliadhna, sgriobh an t-Urr T. Watson, áCoburn , Ont. ,mar a leanas:— “Tha K. D. C. an deigh atharrachadh mor a thoirt orm, aon uairs gun do thoisich mi air a ghabhail. Tha tinneas mo stamaig air falbh gu buileach, agus tha mi nas slàine na bha mi o chionn bhliadhnaichean. Tha mi creidsinn gu bheil e cheart cho mathsa tha iadsan a thaga dheanamh ag radh.

(Aug. 14, 1896) sgriobh e rithist:— “Tha mi toilichte innse gu bheil an leigheas a rinn K. D. C. orm buan.”

K. D. C. Bu choir e bhi anns a h-uile dachaidh, on tha e math air gach eucail bheag us mhor a tha buailteach don stamaig, a leigheas.

ThaK . D. C. Pillsanabarrach math air son tinneasan-cuim. Ma ghabhair iad comhla ri K. D. C. leighsidh iad teanntachd.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C B.


D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C.B.


BADDECK , - - C. B.
Airson a stor a dheanamh nas deiseiles nas feumaile dhaibhsan a thadeanamh gnothuch ris, tha
Albert I. Hart
anise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha achuid sin den ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am BostonsanNew York.Gheibh iadsan a thig ga h-ionnsuidh an
DEAGH RIARACHADH.
BADDECK , - - C. B.


THA EARBSA
aig daoine ann am maidsichean Eddy— ’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha coltach ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum.

Than t-ainm so na urrais air mathas.

THE
E. B. EDDY Co., Limited,
Hull, Canada.



[320]

[Vol . 6. No. 40. p. 8]

An Gaidheal Uasal.

DUANAG DON URR. ANNDRA MAC-GILLEBHRATH.

LUINNEAG.
S toil leam fhin an Gaidheal uasal
Nach cuir suarach cainnt a shinnsre;
S toil leam fhìn an Gaidheal uasal.

Fhuaradh litir ghrinn an leam,
A dhùisg eibhneas suas am inntinn,

Air a sgriobhadh sios gu soilleir,
Is coig dollair mar cheann-crichoirr’.

A chraobh-sgaoileadh cliu nan Gaidheal
Anns na dànaibh blasda, brioghmhor,

Bhiodhta seinn an tir nam fraoch-bheann,
Tir nan laoch nach coisneadh dimeas;

Tir nam banbha caoimhneil, stòlda,
Tir nan òighean stuama, siobhalt’;

Tir nam filidh bàirde buadhan,
Tir an t-sluaigh sin bhon do chìnn sinn.

Fhuair mi sud bho shàr dhuin’ -uasal,
Dam bu dual bhith daimheil, dileas;

Fear nach dthug a chridhdon t-saoghal
No do dhfhaoineasan gun bhrigh annt’.

Fear a chleachd bhith aoibheil, fialaidh;
Chiteadh riamh a làimh gasineadh.

Fear de shliochd nam Bràthach greannmhor
A bhan Innse-Gall nam birlinn.

Thainig e bhon churanta chalmud,
Ris an earbtan àm na strithe,—

Anndra Mor nam Madadh-alluidh,
Sealgair barraichtes na frithean.

S iomad fiadh thug e bhon aonach,
S iomad faol-chu chaidh gu dith leis.

Thainig e bhon chonnapunn dhearbhtud,
Mu bheil eachdraidh Albag innse,—

Lachainn Morbhan Dubhairt mhùirneach
Nam fear sùnndach, seasmhach, rioghail.

Thainig e bhon churaidh ghasdud,
Chumadh smachd air luchd a mhioruin,—

Eoghan Dubh, an sàr cheann-armailt’,
Triath Chlann-Chamshroin nan lann liomhte.

Guidheam buaidh le fear na bàighe
Fhads a dhfhàgar esan tìr so;

S aingil De a bhith muchluasaig
Nuair thig gairm a nuas bhoRigh air.

GLEANN-A- BHAIRD.
An 10mh la den Mhàrt, 1898.


Tha Mo Run air a Ghille.

Do Dhomhnull Donn, mac fhir Bhothiuntinn, le nighean Tighearna Ghrannd. Bha duil aigi so a phosadh, mar bhi gun deachaidh e feins a h-athair a mach air a cheile.

Tha mo rùn air a ghille,
S mor mo dhuil ri thu thilleadh,
S mi gu siubhladh leat am firach
Fo shileadh nam fuar-bheann.

Tha thud mhac do dhfhear Bhothiuntinn,
S mise nighean Tighearna Ghrannda,
S rachainn leat a null don Fhraing
Ged bhiodh mo chairdean gruamach.
Tha mo rùn air a ghille, &c .

Gur h-e mathair rinn an do-bheart,
Mise chumail gun do phòsadh,
Shiubhlainn leat ged bann dan Olaind
Ach do choir a bhuannachd.

Nall as e mo cheist a fiuran,
Domhnull Donn mac fhir Bhothiuntinn,
Fada us farsuinn a tha cliu
Air murnan nam ban uaisle.

Nail as e mo ghaol an t-oig-fhear
Domhnull Donn an leadain bhoidhaich;
Tha thun fhior-fhuil aid gun fhotus,
Domhnullaich a chruadail.

S iomad nighnag a than toir ort,
Eadar Inbhirnisus Morair;
Ged a bhiodh air crùn do storas
Phosainn anns an uair thu.

Tha do phearsa cuimir, dealbhach,
S math thig eididh dhutus armachd;
Bu tun curaidh treun, neo-chearbach,
Meamnach anns an tuasaid.

S math thig féile dhuts an fhasan,
Boineid ghormus cota breacain,
Osan gearrus tri chuir ghartan,
S glas-lann air do chruachan.

Chan eil òganach cho ainmeil
Riut sa chearna so de dhAlbuinn,
S meirg a dhuisgeadh suas gu fearg thu,
N àm nan arm a bhualadh.

Mur e so an t-òran a tha dhith air ar caraid, cuireadh e fios ugainn, agus bheir sinn ionnsuidh eile. Tha sinn fada an comain an fhir a chuir an t-òran so gar n-ionnsuidh; ged a dhiarr e oirnn gun ainm a chur ris, faodaidh sinn a radh gun do chuidich e leinn anns an dòigh cheudna uair no dha roimhe.


Amherst Boot & Shoe Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.

AChuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt as ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.

Amherst Boot & Shoe Mfg. Co.


H. D. Mac Ille-Mhaoil,
Stewartdale , C. B.
Cloth,Drogaid, agus PlaideachanEureka.”
Mu dheich air fhichead seor sa aodaichga chreic.
Cloimh air a gabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor; taghail aige neo sgriobh uige.


[Dealbh]
Tha sinn a nisenar luchd-gnothuich aig a
CHANADACARRIAGE Co. ,
air son Eilean Cheap Breatunn. Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead lecheannach uainne.

F . FALCONER & SON.
Sidni, C. B.
Tha sinn acumail acuinn-each, carbadan agus trungaichean.


Tha sinn a cumail an aite so do
MACDONALD , HANRAHAN & CO. ,
Nuair a gheibh iad am bathar ur a stigh, bidh tuilleadh aca ri radh rin cairdean.


CAIT AM FAIGH MI?
Saibh, Glasan, Luaidhe, Sgeinein, Lainntearan, Sguabaichean, Paipear-tearra, Paipear-tubhaidh.
Olla, Fudar, Glaine, Siosaran, Tairnean, Bucaidean, Tuaghannan.
GHEIBH AIG
C . P. MOORE,
Sidni, C. B.


Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIGOs cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.

titleIssue 40
internal date1898.0
display date1898
publication date1898
level
reference template

Mac-Talla VI No. 40. %p

parent textVolume 6
<< please select a word
<< please select a page