[Vol . 6. No. 41. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 8 APRIL, 1898. No. 41.
Litir a Alba.
Bodachan a’ ghàraidh
Cho friogadach ’s cho frogadach,
Bodachan a’ ghàraidh
Cho frogadach ’s a bha e riamh.
FHIR MO CHRIDHE: —Cha ’n fhàthaidh mi ’s cha mhac fàthaidh mi, ach tha mi cinnteach gu ’n abair fear is fear de luchd-leughaidh lionmhor a’ MHIC-TALLA an uair a leughas iad an litir so, “Ma tha ’m bodach cho friogadach ’s cho frogadach ’s a bha e riamh, c’ ar son nach ’eil e sgriobhadh na ’s trice na tha e ’deanamh?”
Is iomadh leithsgeul a th’ aig an earrach air a bhith fuar, agus is iomadh leithsgeul a th’ aig a’ bhodach air son nach ’eil e sgriobhadh. Cha ’n eil mi ’dol a thoirt iomradh air na leithsgeulan. Cha dean e feum dhomh fhin no do neach sam bith eile teannadh ri sgriobhadh leithsgeulan. Tha daoine gle dheas aig gach àm gu leithsgeulan innseadh; ach mar is trice cha toirear a’ bheag de chreideas dhaibh.
Tha ùine mhor o ’n a sgriobh mi ugad mu dheireadh. Trang ’s mar a bha mi o chionn iomadh mios, dh’ fhaodainn ùine fhaotainn gu beagan fhacal a chur ugad; ach bha mi ag ràdh rium fhein gu ’n robh am pailteas de dheagh sgriobhadairean a’ sgriobhadh ugad o mhios gu mios. Ged nach deanadh am MAC-TALLA de dh’ fheum ach mar a theagaisg ’s a bhrosnaich e mòran dhe na Gàidheil—gu sònraichte na Gàidheil a th’ ann anAmerica—gu sgriobhadh na Gàilig, tha e airidh air cliù agus air beannachd nan Gàidheal air feadh an t-saoghail mu ’n iath a’ ghrian. Ma leanas na Gàidheil chòire so air sgriobhadh ugad, nochdaidh iad gu soilleir do shluagh an t-saoghail gu’m bheil iomadh fear ann do ’n aithne cànain mhilis, bhlasda nan Gàidheal a sgriobhadh ’s a leughadh.
Bha mi oidhche o chionn mhios a’ leughadh a’ MHIC-TALLA, agus mi ’nam shuidhe gu socrach ri taobh an teine ’garadh mo chas. Rinn mi lasgan mòr gàire; agus an uair a chual’ a’ bhean mi ’gàireachdaich, leig i an stocainn a bha i ’figheadh as a laimh, agus thuirt i, “An ann as do chiall a tha thu, ’dhuine?”
“Cha ’n ann gu dearbh,” arsa mise. Cha b’ urrainn domh an corr a ràdh rithe leis a’ ghàireachdaich.
Ciod a bha mi ’leughadh ach an litir a chuir Seumas Mac Fhionghain ugad á Moosomin. Leugh mi do ’n mhnaoi an litir, agus theab i strachtladh a’ gàireachdaich. Mar a tha fhios agad fhein, bha ’n litir ag innseadh mu ’n chomhradh a bh’ eadar seana Ghàidheal còir a th’ agaibh faisge air fior cheann a’ tuathAmericaagus Andree, am fear a dh’ fhalbh an uiridh á rioghachd na Suaine ann am balùn feuch am faiceadh e sealladh air a’ mhaide mhòr, àrd, ris an abair na Sasunnaich a’ “North Pole. ”
Chuir mi umam mo bhrogan, agus ghrad dh’ fhalbh do thaigh Alasdair ghreusaiche, agus am MAC-TALLA agam paisgte gu cùramach ’n am phòcaid. Bha ’n tigh làn de luchd-ceilidh mar is minic a bha e. Am measg na bha staigh bha bodachan beag, briathrach, do ’n ainm Callum òg. Tha Callum a’ toirt air fhein a chreidsinn nach ’eil mac màthar eile eadar Taigh Iain Ghrot agus Maol Chinn-tire a tha cho glic ’s cho gleusda ’s cho fiosrach ris fhein. Ach cha ’n e so a’ bharail a th’ aig daoine eile air Callum idir. Coma co dhiubh, an uair a shuidh mi thug am MAC-TALLA as mo phocaid, agus leugh mi litir Sheumais ann an éisdeachd na bha staigh. Fhad ’s a bha mi leughadh na litreach, bha mi ’g amharc le deireadh mo shùl air Callum. Agus ged a bha ’n litir a’ toirt sannt gàire orm, cha mhòr nach do bhrist mo ghàire orm an uair a bha mi ’faicinn mar a bha Callum òg a’ fosgladh a bheòil ’s a shuilean an uair a bha mi leughadh na litreach.
An uair a chuir mi crioch air leughadh na litreach, rinn Callum casad, agus chuir e mach smugaid, agus thuirt e, “Cha ’n eil mi creidsinn gu’m bheil facal firinn anns an litir. Is iomadh uair a leugh mise mu na h-ainmhidhean a th’ ann an ceann a’ tuath an t-saoghail, ach cha chuala mi riamh iomradh air an ainmhidh ris an can an duine Sero.”
Bha duine òg, eirmseach anns a’ chuideachd, agus chaog mi ris. Thuig e gu’n robh mi ’toirt faireachadh dha gu tarruinn á Callum. Tha ’n duine òg so glé eibhinn, agus an uair a bhios e ag innseadh naigheachd cha tig streamadh gàire air a ghnùis. Thuirt e air a shocair fhein, “A Challum, is iomadh rud a th’ air an t-saoghal air nach ’eil fhios agadsa. Tha Sero ann gun teagamh. Agus tha droch anail aige. Tha e mar a’s trice ’na chadal fad an t-samhraidh. Ach an uair a dhùisgeas e mu thoiseach a’ gheamhraidh, suidhidh e ’na ghurach air mullach a’ North Pole,agus ge b’ e uair a thionndas e ’aghaidh an taobh so, bidh a’ ghaoth a tuath againn; oir is i a’ ghaoth a tuath an anail aige. Tha earball air anns am bheil tri cheud troidh a dh’ fhad. Aig iomadh àm bidh an caoch dearg air, agus toisichidh e ri sùistreadh an t-sneachda le ’earball. Sin agad an uair a bhios cur is cathadh a’ tighinn oirnn o’n aird a tuath. An uair a bha Nansen o chionn dà bhliadhna ’g iarraidh seallaidh air ceann a tuath an t-saoghail, thug Sero an aire dha agus e ceithir fichead mile mu dheas air, agus ghrad thòisich e ri caitheamh an t-sneachda air le ’earball agus ri seideadh le ’anail mar gu ’m faiceadh tu duine a bhiodh a’ dol a chur as taighe bhiodh a’ dol ’na theine. Ciod e th’ agam air ach gu ’n do theab e Nansen a reothadh leis an fhuachd agus a thachdadh leis an t-sneachda.”
“Sguir dhe do chuid ròlaiste,” arsa Callum; “tha thu cho fada cearr ’nad bharail mu ’n ghaoth a tuath ris an fhear a tha ann an America. Is ann a tha ’ghaoth tuath gu leir a’ tighinn á toll. B’ aithne dhomhsa fear a chunnaic an toll as am bheil a’ ghaoth a tuath a’ tighinn. Tha ’n toll an aiteiginn faisge airHudson ’s Bay.Is cinnteach gu ’n cual’ thu iomradh air. Thachair gu ’n do bhristeadh long mhòr anns an àite, agus cha robh aig na seòladairean ach dhol air tir agus feuchainn ri faighinn as an àite mar a b’ fhearr a dh’ fhaodadh iad. Coma leat, thug iad leotha eallaich an droma dhe ’n bhiadh a bh’ air bòrd, oir cha robh fhios aca c’uin a ruigeadh iad taigh.
Bha iad a’ falbh an deigh a chéile, agus an uair a bha iad a’ dol seachad air an toll bha fear an deigh fir dhiubh a’ reothadh anns a’ bhad ’s an robh e a cheart cho cruaidh ris an iarunn. An uair a chunnaic mo charaid mar a bha, chuir e dheth a sheacaid agus stob e anns an toll i gus an deachaidh e gu sàbhailte seachad air. An uair a bha mise ’nam bhalach beag, chuala mi e ’g a innseadh so. Tha fhios agam nach innseadh e breug; oir is e duine glé fhirinneach a bh’ ann.”
Rinn a h-uile fear a bha staigh lasgan mòr gaire an uair a chual’ iad naigheachd Challum.
“Fanaibh samhach, a bheadaganan suarach,” arsa Callum, “Ciod e am fios a th’ agaibhse air gnothaichean an t-saoghail so: daoine nach do chairich á oir na luathadh riamh o’n a rugadh sibh, agus aig nach ’eil eòlas no fiosrachadh na ’s mò na th’ aig cat-griasaich.”
Chaidh sinn uile gu gàireachdaich an uair a chunnaic sinn cho cas agus cho feargach ’s a dh’ fhàs Callum. An uair a thuig e gu ’n robh sinn uile ’deanamh ceòl-spòrs dhe ’naigheachd, dh’ éirich e agus thug e an dorus air; agus shaoileadh tu gu ’n tugadh e leis a’ chomhla ’s na h-ursannan m’a cheann leis an sitheadh a bha roimhe.
Tha eagal orm gu ’m bheil an litir so tuilleadh is fada; ach ma tha, cha ’n ’eil agad fhein ach an siosar a chur oirre agus dà chruinn leith a dheanamh oirre. Is mi do charaid an là a chi ’s nach fhaic,
BODACHAN A’ GHARAIDH.
Taobh an Locha, Là Fheill Padraic, 1898.
[Vol . 6. No. 41. p. 2]
Eachdraidh nan Caimbeulach.
(Air a leantuinn.)
Cha robh GILLEASBUIG, tighearna Lathairn, ach òg ’nuair chuir ’athair anns a bhliadhna 1651, an crùn air ceann righ Tearlach II. an Sgoinne, ach bha e aig an àm ud ’na chòirneal air reisimeid a bha ’na freiceadan aig an righ. Chog e gu treun air taobh Thearlaich an cath Dhunbar agus aigWorcester, far an deach an ruaig orra gu buileach. Gidheadh cho luath ’sa fhuair naimhdean teaghlach Earraghael am Marcus a chur as an rathad, thòisich iad air casaidean a chur a stigh an aghaidh a mhic. Cha do stad iad gus an deach a thoirt gu cùirt agus a ghairm ciontach do fhoill agus binn ditidh a thoirt a mach ’na aghaidh. Ach sheas an righ a thaobh aig an àm ud, ’s cha ’n fhuilingeadh e a chur gu bàs. Bha so anns a bhliadhna 1662, agus air an ath bhliadhna thug an righ dha coir air oighreachd agus tiodal a sheanar. B’e mar sin an naoidheamh Iarla. An deigh so bha gach cuis a dol air aghaidh gu siochail eadar an t-Iarla agus an righ, gus a bhliadhna 1681. Aig an àm sin thainig eas-cordadh eadar Earraghael agus Diuc York, brathair an righ, mu chuisean eaglais. Sheas an t-Iarla an aghaidh an Diuc a thoil fhein a bhi aige ’an Alba. ’S e thainig as a sin gu ’n robh e air a chur as leith Earraghael gu ’n robh e neo-dhileas do ’n righ agus toillteanach air a bhàs mar neach a bha ciontach do ard fhoill. Ach mu ’n deach a bhinn so a chur an gniomh fhuair e teicheadh as a phriosan agus dol do ’n Olaind. Bha e air a dhiteadh air bonn cho faoin ’s gu ’n robh cairdean an Diuc, an deigh laimhe, ’cumail a mach nach robh e idir na rùn Earraghael a chur gu bàs—nach robh e ach air son droch eagal a chur air. Cha ’n eil fios co-dhiu bha sin fior no nach robh. Ach co-dhiu ’nuair thainig an Diùc thun na righ-chathrach an deigh bàs a bhrathar anns a bhliadhna 1685, rinn Earraghael agus Diuc Mhonmouth, mac mi-laghail le Tearlach II., suas eatorra fhein gun tugadh iad ionnsuidh air a chrùn a thoirt bhar ceann Sheumais II. agus a chur air ceann Mhonmouth, ’thaobh ’s gu ’m b’e mac an righ, ged a bha e diolain. ’S ann mar sin a bha. Sheol Monmouth do Shasuinn gu dhol a measg-a chairdean ’s a luchd-eolais, a bha gle mheasail air; agus sheol Earraghael do ’n Ghaidhealtachd. Thainig e air tir a measg a chinne fhein, agus air ball chuir e mach an crann-tàra a ghairm nan Caimbeulach da ionnsuidh gu cogadh fo bhrataich. Chruinnich mu thimchioll air ochd ceud deug fear-cogaidh da ionnsuidh; ach cha robh sud ach beagan de ’n àireamh ris an robh duil aige. Nan robh a chinneadh fhein air tionndadh a mach uile air a thaobh bhiodh ceithir no coig mile saighdear fo chomannda. Ach cha b’ ann mar sin a bha. Dhiult a chuid mhor dhiu eirigh air taobh Mhonmouth. Cha robh mor eolas ac’ air, no ’s maith dh’ fhaoidte, mor earbs’ ann; ann an aon fhacal chaidh a chuis gu h-iomlan nan aghaidh. Cha do chruinnich na Sasunnaich gu suaicheantas Mhonmouth mar a shaoil leis, no na h-Albannaich gu bratach Earraghaeil. Chaidh Monmouth a chur gu bàs an Sasunn. Bha Earraghael greis fo ’n choill ’s e feuchainn ri tarsuinn as ’us tilleadh do ’n Olaind, a rinn e fhagail gu tighinn air an turus mhi-fhortanach ud. Ach chaidh a ghlacadh aig àth aimhne beagan a tuath air Cluaidh. ’S e fear Riddel a bha air ceann na buidhne leis an robh e air a ghlacadh. Bha ’n t-ainm Riddel cho fuathach leis na Caimbeulaich ’s nach robh e sabhailte do neach de ’n ainm ud a ghnuis a nochdadh an Earraghael fad corr ’us ceud bliadhna an deigh sud. Thugadh an t-Iarla do Dhun-eidin na phriosanach, agus, mar thamailt dha, thug iad air imeachd suas an t-Straid Ard, eadar Holyrood agus an Caisteal, cas-ruisgt’ agus ceann-ruisgt’. Cha robh dol as dha ann a nis o’n bhàs. Bha e air a dhith-cheannadh aig Crois-a- mhargaidh, air an deicheamh la fichead de ’n Og-mhios, 1685, ceithir bliadhna fichead an deigh ’athair a bhi air a chur gu bàs air an doigh cheudna. Bha e posda da uair: an toiseach ri Màiri Stiùbhart, nighean Iarla Muraigh, bho ’n robh teaghlach aige, Gilleasbuig, Tighearna Lathairn, Iain, Tearlach, Seumas agus dithis nighean. Bha e posda rithist ri Anna, nighean Iarla Seaforth. Dh’ fhuiling na Caimbeulaich eiginn nach bu bheag ann an coth-cheangal ri aramach an ceann-cinnidh. Thainig Iain Muraigh, Marcus Athol, le sgaoth dha luchd-leanmhuinn fhéin a stigh do dhùthaich nan Caimbeulach, a murt ’s a marbhadh mar bha iad a dol air aghaidh. Fad deich mile fichead air gach taobh do Inbher-aoraidh bha ’n tir na fasaich, daoine air an cur gu bàs, tighean air an losgadh, agus moran do dhaoine ’s do mhnathan air am beubanachadh ’s air a fuadach as an tir. Bha corr ’us tri cheud Caimbeulach air an cur nam braighdean thar a chuain, am measg an robh aireamh de mhnathan. ’S math gu ’n deach na h-amannan garbha so seachad.
(Ri leantuinn.)
AFRICA .
Rinn mi cheana iomradh air Gladstone ’s air gach buaidh iongantach a bhuineas da. Bha e riamh deas-bhriathrach ’us ùr-labhrach. Tha e ’nis ’n a fhior shean duine, ’s tha e airidh air meas ’us onoir mhor, oir bha e daonnan glan ’us geamhnuidh ’n a chaithe-beatha ’s ’n a ghiulan. Bha e, mo thruaighe! ’nuair a bha ughdarras aige, fiamhach, mairnealach anns na cuisean a bha eadar Breatunn ’us rioghachdan eile ’n t-saoghail. Chaochail o chionn leth-bhliadhna ann an Sasunn, ministeir crabhach, foghluimte ’bha gle chosmhuil ri Gladstone ’na a chruth ’us ’n a dhealbh. Gu minic ’bha coigrich a’ saoilsinn gur e Gladstone ’bha ann, an uair a chitheadh iad am minister so. Aig àm sonruichte, bha daoine uasail a lathair agus ’n am beachd is e Gladstone ’bha dluth orra. Dh’ fhoighnich fear eiginn deth, “Am bheil an t-urram sonruichte againn a bhi ’nis a’ seasamh ann an lathair Ghladstone?” Cha robh ach meas suarach aig a’ mhinisteir air Gladstone, agus air an aobhar sud, fhreagair e, “Nar leigeadh Dia!” “Tha mi ’g iarraidh maitheanais,” arsa ’n duine uasal a chuir a’ cheist ris. “Is e mo bheachd,” arsa ’m ministeir, “gur coir duit da rireadh, mo mhaitheanas iarraidh.” Tha e soilleir gu leoir nach robh am ministeir duineil so, fuasach measail air an doigh anns an robh Gladstone ’riaghladh rioghachd Bhreatuinn. Thainig atharrachadh mor agus feumail air beachdan ’us comhluadar nan daoine ’tha bho àm gu h-àm a’ riaghladh cuisean cudthromach, ’us duilich ’us priseil Bhreatuinn. Tha iad uile ’nis a’ faicinn agus a’ creidsinn, gu feum iad na reachdan ceudna ’s comhairle shuidhichte ’s comh-ionnan, altrum agus a nochdadh ’s a chumail suas, anns gach cuis ’us gniomh, anns gach malairt ’us riaghladh a bhuineas doibh agus a dh’ fheumas iad a ghleidheadh air an aghaidh ann anAfrica, ann anAsia ’s anns gach cearna de ’n t-saoghal far am bheil inbhe no ughdarras no gnothuch air bith aca. Chi gach neach againn gle fhurasda gu feum Breatunn a bhi duineil, treubhach, neo-sgathach, anns gach cearna de ’n t-saoghal, anns gach coir ’us ceartas a dhion, agus a chumail suas gu caoimhneil, direach, gaisgeil. Ma leanas i comhairle fhaoin, lag, ghealtach, na biodh ioghnadh idir oirre ged gheibh rioghachdan eile lamh an uachdair oirre. Am feadh a tha ’n saoghal ann an staid mhuladach, luasganach, agus a tha cogadh ullamh gu bristeadh a mach ann anAsia ,ann anAfrica, ’s ann anAmerica, tha e taitneach gu bheil na daoine onorach, comasach, foghluimte, cumhachdach a tha ’gabhail orra fein rioghachd farsuing, beartach Bhreatunn a’ riaghladh agus a mheudachadh, de ’n aon inntinn agus bharail, mu dheibhinn an doigh dhuineil, chalma, neartmhor anns am feum Breatunn i fein a dhion gun eagal, gun eisimeil. Tha MAC-TALLA ’s a chairdean lionmhor gle eolach air an Transbhaal, far am bheil Cruger ’us na Duitsich—na Boerich—a’ gabhail comhnuidh. Bha iad a’ tabhairt moran trioblaid do Bhreatunn aig aon àm, agus chaidh feachd a mach airson an cur sios agus smachd diongmhalta a chur orra. Fhuair iad buaidh air na Breatunnaich aig Cnoc Mhaiuba, agus an aite cothrom a thoirt do na saighdearan dearga an ainm ’s an onoir a dhion ’s a cheartachadh a rithist, chaidh an gairm air an ais; agus gus an latha ’n diugh tha na Boerich uaibhreach do bhuigh gu do bhuaidhich iad ann an aona bhlar an aghaidh feachd Bhreatuinn. Tha ’n Transbhaal a’ seasamh ann an slighe gach maith, ’us saorsa, ’s aghartachd a tha Breatunn a’ deanamh ann
[Vol . 6. No. 41. p. 3]
an airde deasAfrica. Tha clachan anabarrach luachmhor—an daoimein dealrach, maille ri clachan boillsgeach eile—air am faotainn anns an Transbhaal. On tha Cruger agus na Boerich a’ deanamh spairn chruaidh airson gach ughdarras ’us saorsa ’ghleidheadh ’n an lamhan fein, cha ’n eil toileachas ro-mhor am measg an t-sluaigh a’s modha beartas anns an dùthaich so. Tha duine tapaidh, foirmeil, mearganta, d’ an ainm Rhodes, ann an ceann mu dheasAfrica. Is e mac ministeir de ’n eaglais Shasunnach a tha ann. Chaidh e a mach gu h-Africamu dheas am feadh a bha e gle òg. Thoisich e le dealas comharraichte, agus shoirbhich leis gu pailt; oir fhuair e, ann an uine ghearr, cumhachd ’us beartas. Tha e fior-dhileas do Bhreatunn, agus is e iarrtus a chridhe gu bi fa-dheoidh, ainm ’us cumhachd Bhreatuinn a mhain, mor ’us suidhichte, bho Ros an Deadh-dhochais gus na lochan as am bheil an Nile ’g eiridh, agus mar so gu taobh mu thuath na h-Eiphit. Rinn e fein agus Mac Sheumais, agus feadhainn eile, mearachd eagalach, oir an trath a bha sith eadar an Transbhaal ’us Breatunn, bhrist iad lagh seasmhach nan rioghachdan, agus chaidh iad le saighdearan a stigh do ’n Transbhaal a chum ’s gu ’n togadh iad aramach an aghaidh luchd-riaghlaidh na dùthcha. Le onoir ’us ceartas, dhiult Breatunn leth-sgeul Rhodes agus a chairdean a ghabhail. Dh’ innis fir-riaghlaidh Bhreatuinn gun tamh, gun eagal, gun eisimeil, gu d’ rinn na daoine ud ni ’bha fuasach cearr ’us mi-laghail, agus gu robh iad airidh air peanas fhuiling. Thog Breatunn a guth gu h-ard agus gu firinneach as leth gach lagh ’us ceartas eadar rioghachdan na talmhainn. Dh’ fhuiling Rhodes agus a luchd-comhairle mi-mheas ’us tair gle mhaslach, airson an uile a rinn iad. Thig an latha, co-dhiu, anns am bi cumhachd, ’us ceartas, ’us saorsa, ’s suaicheantas Bhreatunn, air an aithneachadh, ’s air an aideachadh ’s air an daighneachadh, ann an comhnardan, ann am fasaichean, anns gach fearann brioghmhor ’us learga bheartach, anns gach cnoc ’us glaic, ’s air gach sruth ’us amhuinn a chitear ann anAfricamu dheas. Tha sinn a’ cluinntinn an drasd’ agus a rithist gu bheil eucoir air a dheanamh air na daoine bochda d’ am buinAfrica, oir bha iad fein agus an sinnsirean a’ tuineachadh ann, cian mun do thoisich rioghachdan na Roinn-Eòrpa, air eolas fhaotainn no air sealbh a ghabhail, air no ann anAfricamu dheas. Am feadh a bha MAC-TALLA ’s mi fein anns an sgoil, is e blar ban gun chomharradh, a bha ri fhaicinn air gach dealbh-dùthcha ’bha againn an ceann mu dheasAfrica. Tha gach ni ’nis air caochladh. Tha na Frangaich a tha deigheil air fantuinn ri taobh a’ ghealbhain aca fein anns an Fhraing; ’us na Gearmailtich bhreuna ’tha creidsinn gur ann le fudar ’us luaidh a nitear am maith a’s modha do threubhan aineolachAfrica; tha iad uile ’toirt gach oilbheum ’us dragh a tha ’n an comas do Bhreatunn. Buinidh e do lagh, ’us do shaorsa, ’us do stuaim, ’us carthannachd ’us treibhdhireas Bhreatuinn gu h-iomlan, gu nochd a seirbhisich anns gach cearna de ’n t-saoghal foighidinn ’us tlus, ’us caoimhneas ’us cairdeas, ris gach fine ’s treubh, bitheadh iad borb no fiadhaich no ceann-laidir, a tha ’tighinn no thig gu brath fo thearmunn no fo dhidein Bhreatuinn, tir na saorsa, ’s a cheartais, ’us an ionracais, am measg rioghachdan an t-saoghail gu leir. Air taobh an iarAfricatha Breatunn a’ gabhail moran saothrach agus a’ faotainn aimhreit gu leoir anns gach oidheirp a tha i ’deanamh airson a coirean fein a dhion agus sonas ’us tearuinteachd ’us saorsa aisig doAfrica ’s a bhuileachadh air na fineachan a tha ’tighinn fo ’curam ’us fo dion anns a’ Mhor-Roinn so. Cha ’n eil dragh air bith aice ann an ceannardan dileas, duineil, comasach, firinneach, glic, fhaotainn am measg a daoine fein, a theid gu criochan an t-saoghail agus a ghabhas curam de gach fina ùr, ’us de gach tir no dùthaich nuadh, air am bheil i gabhail seilbh no d’ am bheil i ’tairgseadh tearuinteachd. Is e daoine fuileachdach a bha anns na h-Ashantais. B’ abhaist do na righrean aca ’bha ’g iobradh fir ’us mnathan, d’ an diathan fein, no do spioradan an sinnsir. Cha robh maith air bith a bhi ’toirt achmhasan doibh. Mu dheireadh, roghnaich Breatunn crioch a chur air an rioghachd mhosach so. Is maith a’s aithne do na daoine borba ud gunna ’losgadh agus namhaid a mharbhadh. Thug na Breatunnaich leo pailteas anabarrach de gach seorsa obair theine, ’s an uair a thainig an oidhche lion iad an iarmailt os cionn nan Ashantais, leis gach teine de ’n t-seorsa so ’rinn gleadhraich eagalach agus a lion an t-athar le solus ’us fuaim a chuir oillt air na h-Ashantais thruagha. An trath a thainig solus an latha ’maireach, chuir an righ teachdairean a dh’ ionnsuidh ceannard an fheachd Bhreatunnaich, a’ guidhe air stad a chur air an teine so, ’s a’ gealltuinn gu striochdadh e gu toileach. Fhuair Breatunn, gun urchair a losgadh, no duine ’mharbhadh, buaidh air na h-Ashantais; agus, mar so thainig crioch air iobradh fir ’us mnathan, agus thoisich na h-Ashantais air abhaistean laghach, ceanalta ’leantuinn. Theid iad air an aghaidh ann an eolas, ’s ann am beusan cubhaidh, measarra.
CONA.
Chaidh leabhar a sgriobhadh ann an Sina o chionn còrr ’us coig ceud bliadhna air ais, anns am bheil fàidheadaireachd a tha ’g innse gu ’m bi air a bhliadhna so a tha làthair, Sina air a roinn, agus gu ’m bi i o so a mach fo riaghladh còig cinnich. Tha na Sineich fhéin a toirt na fàidheadaireachd sin gu cuimhne, agus ag radh gu bheil an dùthaich gu bhi eadar Ruisia, a’ Ghearmailt, an Fhraing, Iapan agus Breatunn, agus tha cùisean a’ sior fàs na ’s coltaiche gur ann mar sin a bhitheas.
Comhradh nan Gaidheal.
COMHRADH EADAR TEARLACH OG AS AN EILEAN SGIATHANACH, CALUM MAC FHIONNLAIDH A MHUILE, AGUS DUGHALL MAC GRIOGAIR A PEAIRT.
(Air a leantuinn.)
Dh’ fhàg an sealladh oillteil ud tinn mi, ach, aig an aon àm dh’ éirich ’nam chridhe mor thaingealas do ’n Chruithfhear a chum na biasdan fuilteach air falbh fhad ’s a bha sinn ’s an uisge. Thainig gu m’ chuimhne na sreathan a leubh mi ’sa Ghàidhlig uair air Montròs ’nuair chaidh buill a chuirpsan a sgathadh o cheile, agus air do Dhòmhnull beag fhoighneachd dhiom ciamar ’gheibhte an sgiobair aig an latha dheireannach, dh’ innis mi dha, cho maith co dhiu ’s a b’ urrainn domh, mu dheighinn an duine mhor eireachdail sin—Montròs— ’s mar dh’ eirich dhàsan; chuir so cuid mhor dhe ’n oidhche seachad, oir cadal cha robh ’nar comas a dheanamh, agus mu mheadhoin oidhche chunnaic sinn reul soilleir lasrach air a thilgeadh mar gu’m b’ ann gu siubhlach thar na speuran, agus ged nach ’eil mi a làn chreidsinn ann, no mu na theirear air a cheann, shaoileam gum b’e dreug an fhir sin a bha nis na bhloidibh ann am broinn nam biorach chraosach bh’ ann. Cha ruig mi leas ar pianadh fhearaibh le bhi ’g aithris sgeul gach latha ’us oidhche air leth, ach their mi so gun fhacal breige, gun robh sinn deich lath’ ’us oidhche air na sparran sin, fad seachduin dhe ’n uair maith, agus am muir ciuin, feathach, ach air an t-seachdamh no ’n ochdamh lath’ ’us oidhche fhuair sinn ar luasgadh ’s ar crathadh gu h-olc, ionnas ’s gun do theapas an ràmhach bochd sin bha fodhainn a sgaradh o cheile agus ar bàthadh, ach, taing ’us cliù do ’n tighearn, lean e ri cheile, agus, mar is maith a chreideas sibh, bu teann a lean sinne ris. Fad na h-ùine sin cha ’n fhaca sinn sealladh de luingeas sam bith, agus bha nis dithis no triùir dhinn gun chomas gluasad agus air toirt thairis gu buileach. Air maduinn an naoidheamh latha, an deigh an luasgadh uamhasach sin a dh’ fhuiling sinn mar thubhairt mi, dh’innis Mac-a- Ghobha dhuinn gun robh sinn a nis gun bhiadh gun deoch, agus is maith a thuigeas sibh ’de ’m buaireadh a chuir sin oirnn, orrasan co-dhiu bha comasach air a thuigsinn no a chluinntinn, mar chitheadh neach sam bith leis mar nach d’ thug dithis no triùir dhiu feairt sam bith, oir bha iad sin cha mhor gun mhothachadh, agus ged thubhairt fear bha ’n sin—fear Oslen, Lochlunnach—gum faodamaid an cù a mharbhadh, cha deach sin le cach uile, leamsa gu h-àraid; agus air son Dhòmhnuill bhig ’nuair chual e ciod e bha ’m beachd Oslen, dhùisg e suas agus a’ beireachdainn air an abhaig, nach robh fada uaith gu dearbh, ars esan riumsa “Na leig leò a Theàrlaich Bran bochd a mharbhadh” Thubhairt mi fhein gun deanainn na b’
(Air a leantuinn air taobh 326.)
[Vol . 6. No. 41. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, . . . $1 .00
Sia miosan, . . . .50
Tri miosan, . . . .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher ‘Mac-Talla,’
Sydney, Cape Breton
SIDNI, 8 APRIL, 1898.
Tha atharrachadh mor air tighinn air cùisean a thaobh Shina o chionn seachdain. Bha Breatuinn roimhe so air son an dùthaich sin a chumail mar a bha i roimhe, air a riaghladh le a sluagh féin, agus gun chòir a bhi aig aon seach aon de rioghachdan na Roinn-Eòrpa air mir dhi. Ach a dh’ aindeoin sin ghabh Ruisia sealbh air caob math de Shina, agus mur d’ rinn a Ghearmailt an ni ceudna bha roimpe dheanamh. ’N uair a chunnaic riaghladh Bhreatunn mar a bha cùisean a’ dol, tha e coltach gu’n do smaoinich iad nach b’ fhiach a dhol a chogadh os leth Shina, agus gu’m b’e ’n aon ni a b’ fhearr do Bhreatunn a dheanamh greim a dheanamh air pàirt de’n fhearann dhi fhein. Cha’n eil fhios againn gu de chuid air an dean i greim, ach ’s cinnteach an ni ma tha oighreachd Shina gu bhi air a roinn idir, gu’m bi an earann a’s motha aig Breatunn; cha’n fhaigh Ruisia no rioghachd eile air toiseach oirre anns an dòigh sin.
Tha sith eadar na Stàitean agus an Spàin fhathast, ach tha fior choltas na h-aimhreit orra. Bhatar ag radh toiseach na seachdain so gu robh rioghachdan na Roinn-Eòrpa toileach feuchainn ri réit a dheanamh eatorra, ach a reir coltais cha rachadh Breatunn leotha anns a’ chùis, agus b’ fheudar dhaibh stad. Bhatar ag radh mar an ceudna gu robh am Pàp a’ feuchainn ri sìth a dheanamh, ach ma bha, cha do shoirbhich leis. Tha na Stàitean ag iarraidh gu ’m bi saorsa iomlan air a thoirt do Chuba, agus mur aontaich an Spàin sin a dheanamh, tha e doirbh fhaicinn ciamar a ghabhas cogadh seachnadh.
Gheibhear anns an àireamh so litir ghasda bho ar seann charaid “Bodachan a’ Ghàraidh, sgriabhadair air am bheil ar leughadairean uile gle mheasail, agus o’m bu mhath leotha bhi cluinntinn na bu trice. Tha dòchas againn nach fhada gus an sgriobh e ugainn a rithist.
Litir a Margaree.
FHIR-DEASACHAIDH CHOIR: —Tha mi faighinn MHIC-TALLA gasda, ’chuile seachdain, gu riaghailteadh, ’s e còrdadh rium fior mhath; agus gu h-àraid’ an da àireamh mu dheireadh, anns am bheil beagan fhacal—fior bheagan seach mar a dh’ fhaodadh a bhi ann—a molladh nighean uasal àraid a tha fuireach—O! cha mhor nach d’ innis mi; cha mhor nach d’ thuirt mi “Ann’ oirre fhein is Gillios air a h-athair.” Coma co dhiu, tha i bòidheach; ach de ’math a ni sin dhomhsa, oir
“ ’S iomadh car a dh’ fhaodas tigh’nn air na fearaibh
’S theag’ gun gabh iad gaol air an te nach fhaigh iad.”
Tha side bhriagh’ againn bhona thainig an Geamhradh, agus rud a’s fhearr uile, slainte dhaoine ’m bitheantas. Tha biadh dhaoin’ agus bheathaichean ann an riaghailte de phailteas, agus taing do’n Fhreasdal, mar theireadh Gilleaspuig Mor, cha’n eil duine“stuck, ”cho fada so.
Tha dùil againn ris na h-uiread de dh’ oibrichean a bhi dol air aghart air an taobh so dhe ’n eilean air a cheud Shamhradh: tolladh air son olla aig Loch Ainslie; cladhach air son òir ann a Hogama; rathad iarrain eadar an Gut agusBroad Cove,agus bha Iain Mor ag innse dhomh gus robh bruidhinn air“Extension of time, ”cuideachd, ge b’e de tha sin a ciallachadh. Ma theid a h-uile obair a tha sin air aghart bidh sinnflush . (Nach eil mi tapaidh). Ach tha mi ’n dòchas nach “teid a chaor’ aog a feitheamh ris an fheur ùr.”
Tha luchd nan damh biadhte ’toirt géil nach eil bùidsearan a’ tighinn ’gan ceannach, ach biodh foighidinn aca. “Ge b’e ’ghleidheas long gheibh e latha.”
Tha Penny Ghillis gle thinn, ann an tigh Chalum Iain, bho cheann còrr us seachdain, leis an “lòinidh mhor.” Is nighean Penny air am bheil meas mor aig a h-uile duine, agus tha sinn an dòchas gu’m faigh i lamh-an-uachdar air a tinneas an ùine ghoirid.
Bidh mi sgur air an turus so, ma fàs sibh cho sgith dhe m’ chuid seanchais ’s a dh’ fhàs an losgann do’n chliath-chliathaidh.
Tha mi ’n dòchas gu’n gabh sibh mo leth-sgeul ma tha mi ’cur trioblaid oirbh. Tha Dùghall Buchannan ag ràthainn nach
“ ’Eil neach o thrioblaid saor
Am measg a’ chinne-daonn’ air fad,
’S co lionmhor osna aig an righ
Is aig an neach is isle staid.”
’S mi ar caraid an latha ’chi ’s nach faic,
AN GILLE GLAS.
Tha an t-àrd-riaghladh a dol a chosg nan suimeannan a leanas ann an Ceap Breanunn air a bhliadhna so: ann amPort Hood,air son càradh na laimhrig, $500 : Siudaig—laimhrig ùr, $4 ,000; Margaree—meudachadh laimhrig, $4 ,000; an Amhuinn a Tuath—laimhrig, $2 ,000; L’ Ardoise—càradh laimhrig, $3 ,500; Hogomah—laimhrig, $1 ,000.
BATHAR CRUAIDH.
Tha mi a nise ’cumail Bathar Cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh, Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor.
AONGHAS MAC LEOID,
Sidni, C. B.
BATHAR EARRAICH.
Deiseachan Fhirionnach air $3 .50, $4 .75 agus o sin suas.
Deiseachan Ghillean air $1 .75, $2 .60, $3 .00, $375 agus $4 .60.
Bathar eile a reir sin. Cha ’n eil stor anns a’ bhaile anns am faigh thu BATHAR MATH cho saor.
Tormad Domhnullach,
SIDNI, C. B.
MacCoinnich & Co.
Tha sinn an deigh stòr ùr taillearachd fhosgladh
ANN AN LOUISBURG,
agus tha sinn aig an àm cheudna a’ cumail air adhart air an t-seann laraich,
ANN AN SIDNI.
Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.
Theid sinn an urras air an obair.
Mac Coinnich & Co.
C . H. HARRINGTON & CO.
Flur, Min, Ti agus Siucar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr.
Soithichean Glaine agus Creadha, math agus saor.
Brogan, Botainnean, Rubbersagus Caiseart de gach seorsa
’GAN CREIC SAOR.
[Vol . 6. No. 41. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Bha am mios Màrt anabarrach briagha, cho briagha ’s nach eil cuimhne eadhon aig na daoine ’s sine ’san dùthaich air a leithid fhaicinn.
Buinidh a chuid a’s motha de ’n t-sluagh a th’ ann an Dawson, ceanna-bhaile a’ Chlondaic, do na Stàitean. Cha ’n eil mi-riaghailt mhor sam bith ann. ’N uair a ruigeas tuilleadh de mhaoir-sith Chanada am baile, bidh e cho rianail ri àite sam bith.
Rinn Innseanaich Chanada an uiridh, fiach faisg air da mhuillean gu leth de chosnadh, eadar tuathanachas, iasgach ’us sealgaireachd. Tha riaghladh Chanada a buntainn gle chaoimhneil ris ua h-Innseanaich, agus tha iad air sàileabh sin a’ deanamh deagh adhartas.
Tha àireamh mhath de thuathanaich Breatunnach a’ togail fearainn ann am Manitoba ’s anns an Iar-thuath air an earrach so. Tha dùil ri àireamh mhor a thighinn bhar tir-mor na Roinn-Eòrpa, ach cha ’n eil an riaghladh cho deigheil air iad sin fhaotainn, oir cha ’n eil iad air chor sam bith nan sluagh cho math riutha-san a thig á Alba, á Sasunn ’s á Eirinn.
Tha naigheachdan iongantach a sior thighinn as a’ Chlondaic. Thatar a’ meas gu ’m bi fiach deich muillean fichead dolair de dh’ òr air a chur a mach as an dùthaich sin air an t-samhradh s’a tighinn. Tha ’san ainm gu bheilear a’ faotainn chnapan òir is fhiach bho mhile dolair suas gu naodh mile. Tha moran sluaigh ann a nise, agus ’s ann a’ dol na’ s motha tha ’n àireamh gach seachdain. Bha an geamhradh a chaidh seachad gle fhuar.
Tha na bàtaichean-smùide, “Marion,” “Blue Hill, ”agus“May Queen, ”ga bhi ruith air lochan a’ Bhras d’ Oir air an t-samhradh so mar a b’ àbhaist. Tha iad air an càradh ’s air an ùrachadh gu math, agus tha dùil gu ’m bi iad an iomadh doigh air thoiseach air mar a b’ àbhaist dhaibh. Bidh am“Blue Hill”a ruith eadar na Narrows Mhora agus Baddeck, am“May Queen”eadar Hogamah agus am Bras d’ Or Beag, agus am “Marion” eadar Caolas Chnnso agus Sidni. Tha chuideachd d’ am buineadh na bàtaichean roimhe so, an deigh an creic ri cuideachd ùr, cuideachd a tha daoine ’n dùil a bhios na ’s comasaiche air luchd-siubhail a riarachadh.
Thainig sgrios uamhasach air baile Shawnee, ann an Illinois, feasgar na Sàbaid s’a chaidh. Mu shia uairean bhrist balla a bha ’dion a’ bhaile bho uisgeachan na h-aimhne, agus ann am beagan mhionaidean bha am baile fo ’n tuil. Bha moran de na taighean air am bristeadh ’s air an cur leis an t-sruth, agus bha àireamh mhor dhiubhsan a bha ’fuireach annta air am marbhadh no air am bàthadh. Fhuair an àireamh bu mhotha de ’n t-sluagh teicheadh gu talamh àrd, ach bha ’n sgeul mu dheireadh a fhuair sinn ag radh gu robh còrr us da cheud air am bàthadh, agus bha cuid a meas gu robh an àireamh suas ri coig ceud. Cha robh ach da thigh air am fàgail nan seasamh anns a’ bhaile.
Tha riaghladh Newfoundland a toirt oidhearp air misneachd a thoirt do ’n t-sluagh gus am fearann a réiteach agus àiteachadh. Tha gu leòr de dh’ fhearann math air an eilean sin, ged nach d’ rinneadh gus a so, moran dheth a chur gu feum. Tha an riaghladh a’ dol a thoirt duais fichead dolair do gach duine a reiticheas, agus a bheir gu feum, acaire fearainn; cha phàigh iad aon duine sam bith ach air son tri acraichean ’sa bhliadhna. Bha muinntir Newfoundland roimhe so a leigeadh an taic tuilleadh ’sa chòir ris an iasgach, agus ’nuair a rachadh sin ’nan aghaidh bhiodh bochduinn agus gorta ’nam measg. Ma thòisicheas iad air tuathanachas bidh cothrom na ’s fhearr aca air beòlaint chinnteach a dheanamh.
Tha an deigh air bristeadh air AmhuinnSt . Lawrence,agus tha dùil ris na soithichean a ruigheachd Mhontreal an ceann seachdain eile.
’S e Di-dònaich s’a tighinn Di-dònaich na Càisge. ’S e so an ceathramh uair a thainig a Chàisg air an deicheamh latha dhe ’n mhios, o thoiseach na naodhamh linn deug. B’ iad na bliadhnaichean air an d’ thainig i air an deicheamh latha: 1803, 1814 agus 1887.
Bha tuiltean agus stoirmeannan mora ann an cuid de na Stàitean an iar o chionn da sheachdain air ais. Dh’ éirich an Amhuinn Mississippi cho àrd ann an àiteachan ’s gu ’m b’ fheudar do mhiltean de shluagh nam bailtean agus na dùthcha m’a timchioll an taighean fhàgail, no còmhnuidh a ghabhail air na lobhtaichean. Rinn na tuiltean call mor.
Bhrist an deigh air an acarsaid deireadh na seachdain s’a chaidh, agus Di-luain thòisich am bàt-aiseig “Hygeia” air ruith eadar an da bhaile. Tha so gu math na ’s tràithe na b’ àbhaist. Cha’n eil a’ cur iomguin air daoine nise ach an “deigh mhor;” mur tig ise stigh bidh muinntir a bhaile ’g an cunntas fhéin gle shona. B’ fheudar do’n bhàta stad Di-ciaduin, leis an deigh.
A sheachdain gus an dé, bha duin’ òg d’ am b’ ainm Matthias Kilbride, air a bhàthadh faisg air Alberton, E. P. I. Bha e anns a’ bhaile le lòd feòir, agus an deigh dha a chreic ghabh e an daorach. Dh’ fhalbh e dhachaidh mu shia uairean, ach cha d’ fhuaireas sgeul air uaithe sin. Thatar a deanamh a mach gu ’n deach e fhéin ’s na h-eich ’s an t-sleighe ann an toll a fhuaireadh air an deigh, ach cha d’ fhuaireadh a chorp fhathast.
O chionn beagan sheachdainean ais ais, thug dithis dhaoine ionnsuidh air Deòrsa, righ na Gréige, a mhort. Choinnich iad e ’s e tilleadh do ’n bhaile, agus loisg iad a dha no tri dh’ urchraichean air; ach fhuair e as an lamhan tearuinte. Bha ’n dithis dhaoine a thug an ionnsuidh air an glacadh, agus aig cùirt a bh’ air a cumail deireadh na seachdain s’a chaidh, bha iad air an diteadh gu bàs. Tha fear dhiubh ann an trom chaitheamh.
Chaidh am “bill” a chuir an riaghladh troimh thigh nan cumantach, a thaobh togail rathaid-iaruinn do ’nYukon, a thilgeadh a mach leis an t-seanadh. Bha leth-cheud ’sa dha an aghaidh, agus ceithir deug air taobh a’ “bhill.” Cha ’n eil fhios fhathast ciod a tha ’n riaghladh a’ dol a dheanamh, ach ’s cinnteach gu ’n dean iad ni air choir-eigin, oir ’s gann gur h-urrainnear an dùthaich bheairteach ud fhàgail gun dòigh chothromach a bhi aig sluagh air a ruigheachd no a fàgail.
Bha stoirm mhor anns na h-Eileanan Breatunnach o chionn che’ -la-deug air ais, a rinn call nach bu bheag air beatha agus air cuid dhaoine. Bha balla air a leagadh leis an stoirm ann amBirmingham, agus mharbhadh ceathrar dhaoine leis. Chaidh soitheach-iasgach a chur fodha mach o Obaraidhean, agus chailleadh an sgioba gu h-iomlan. Chailleadh ceathrar air soitheach air cladach Eirinn. Aig Marseilles, anns an Fhraing, chaidh soitheach-smùide a chur fodha, agus bhàthadh gach aon a bh’ air bòrd, deich duine fichead.
Tha cuid de phaipearan-naigheachd nan Stàitean tuilleadh us deigheil air a bhi toirt sgeul air gach murt us droch ghniomh air an cluinn iad iomradh. Bhatar a’ feuchainn mortair ann an Lincoln, an stàit Illinois, o chionn ghoirid, agus tha e coltach gu robh moran de na bh’ aig na fianuisean ri innse nach robh ro fhreagarrach a chur an clò. Ach fhuair aon de na paipearan greim air an iomlan ’s chlo-bhuaileadh e. ’N uair a thainig am paipear a mach, cha leigte troimh ’n mhail e, agus a bharrachd air sin chaidh am fear-deasachaidh agus an sealbhadair a chur dh’ an phriosan.
AN T-AITE
Anns an Ceannaich thu
Suic agus Iaruinn Cruinn, Creamers, Soithichean Bainne, Airneis-taighe, Stobhaichean, Flur, Min, etc., etc.
An Stor aig
ISAAC GREENWELL,
SIDNI, C. B.
Gabh Deagh Chomhairle
agus ceannaich gach bathar a bhios a dhith ort bho
MATHESON , TOWNSEND & Co.
Tha stoc mor aca de Bhathar Tioram, Amhlan, Ti, Siucar, Siabunn, agus gach ni eile air an cuir tigh feum.
Tha Adan, Bonaidean, Fluraichean, Itean, agus gach ni mar sin aca do na caileagan ’s do na mnathan.
Tha gach ni a th’ aca dhe ’n t-seorsa ’s fearr, agus ’ga chreic cho saor ’sa ghabhas deanamh.
Cha chosg e sion dhut am bathar fhaicinn; bidh na cleir gle thoileach a shealltuinn.
THA ’N T-EARRACH
air tighinn ’s an Samhradh gle fhaisg air laimh. Ma tha thu air son Deise no pairt de dheise fhaotainn, taghail aig
Niall Mac Fhearghais,
an Taillear,
agus gheibh thu do dheagh riarachadh. Tha na h-Aodaichean a th’ aige math ’s bidh, iad an an deanamh a cheart cho math.
Cordaidh ’Obair Riut.
J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsa ’s fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B
[Vol . 6. No. 41. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 323.)
urrainn dhomh gus a shaoradh, ach gun robh eagal orm gum feumt’ roghainn a bhi aca gu goirid, agus thubhairt Mac-a- Ghobha “Mur faic sinn long aig briseadh an latha màireach feumaidh sinn an cù a mharbhadh.” Bha grian an latha sin na ’s teotha na bha e fad na h-ùine truaidhe bha sinn ga ’r fuadach, agus bha bhuil ann, oir mu mheadhoin latha dh’eirich fear dhe na truaghain, a bha cha mhor gu sin gun mhothachadh, air a chasan ag eigheach gun robh e ’faicinn achaidhean gonna ’us sruthan uisge, preasan ’us craobhan dosrach ’s a leithid sin. “Sud, sud, sud iad” ars’ an truaghan bochd. Bha e, chunnaic mi, gu glan air a dhol as a bheachd. Leum mi fhein, am mate, agus fear no dha dhe ’n fheadhainn bu treise ’nar measg gu greim a dheanamh air, ach, le seoltachd na cuthaich, rinn a ar seachnadh gu h-ealamh, agus le ’shùilean a lasadh na cheann le teine an fhiabhruis bha ga chlaoidh ’s ga losgadh, ’mach air a mhuir bha e mas do thàr dhuinn làmh a chur air Cha b’ e so a chuid bu mhiosa dhe ’n ghnothuich, dona gu leòir ’s mar bha e, oir bha da bhiorach mor, no“sharks, ”a sior snàmh taobh ri taobh ruinn, agus cho luath ’s a leum an creutair bochd a mach, sios chaidh na cinn aca còmhla. ’Nuair dh’ eirich an duine bochd gus an uachdar ’s gann a rinn e buille no dha bhuainn ’nuair chunnaic e iad, agus le sgal tha ruith ’nam cheann ’s ’nam chlaigionn fhathasd, thionndaidh e ’n rathad bha ’n ràmhach a rithisd, ach, ann am priobadh na sùla ’s mas b’ urramaide urrad ’us ar lamhan a shineadh dha, ghlacadh leis na beistean craosach e agus sios sios chaidh a shlaodadh ’s cha ’n fhacas an còrr dheth leinne ach ball mor dearg air uachdar an t-sàile, ’s tuigidh sibh fhein fhearaibh ciod e bha sin. Chrom sinn ar cinn ’us gun guth a ràdh, lean na bha comasach dhinn air sealltuinn a mach gu cruaidh ’s gu fior chruaidh air son luingeas a thighinn am fradharc, agus air an doigh sin chaidh a ghrian fodha aon uair eile air sgioba cho truagh, agus a reir a h-uile coslais cho faisg air bàs ’s a chunncas riamh.
So dhuibh a nis fhearaibh pairt dhe m’ sgeul cho iongantach ’s a chuala sibh fhathasd agus faodaidh e bhi gum bi e doirbh leibh a shlugadh ach cha’n ’eil facal breige ann.
DUGHALL—Bho ’n th’ againn ri bhi ’n ceann gnothuch beag eile an ceart-uair—se sin aig Calum ’s agam fhein dean stad an dràsd a Theàrlaich ’us tarruinn d’ anail gus an till sinn.
TEARLACH—Gle mhaith fhearaibh, cha ’n ’eil mi fhein gun iarraidh air sgur, ach bitheabh sgiobalta, ach an innis mi dhuibh “Taibhse phiuthair Dhòmhnuill bhig.”
TAIBHSE PEATHAR DHOMHNUILL BHIG.
TEARLACH—Mu mheadhon oidhch’ an déigh na dh’ innis mi dhuibh mas d’ fhalbh sibh, dhùisg Dòmhnull beag— ’s cha bu doirbh sin—bha mise air an fhaire aig an àm air neo cha b’ urrainn domh bhi cho cinnteach mu ’n ghnothuch, agus thubhairt e rium— “A Thearlaich saorar sinn fhathasd, saorar sinn ’s a mhaduinn agus cha mharbh iad Bran orm.” Shaoileam fhein gun robh e dh’ aona chuid a’ cuir ceist orm, neo gun robh e aotram ’sa cheann, no ’na leth dhùisg, agus fhreagair mi e gu socrach mar b’ fhearr a b’ urrainn domh, ach thog mi cearr e, oir lean e air a radh “saorar sinn, saorar sinn” gus am b’ fheudar dhomh fhoighneachd dheth ann an leth spòrs, agus tha fios aig Dia ’de cho fada ’s a bha spòrs bhuam aig a cheart àm— “Am fac thu taibhs’ ’ille?” Cha ’n fhac,” arsa Dùmhnull, “ach chunnaic mi mo phiuthar, Raonaid bheag, bhàn ’nam bhruadair ’s mi ’nam chadal an dràsd, agus leig i fhaicinn domh, air doigh anns am bheil mi a làn chreidsinn—oir cha d’ innis i breug riamh dhomh—ciamar a bhitheamaid air ar saoradh mar thubhairt mi.” Cha robh agam air ach éisdeachd ris, agus iarraidh air innseadh mar a chunnaic e ’sa bhruadair, agus so mar dh’ aithris e rium— “Bha mi,” ars’ esan, “gam fhaicinn fhein aig an taigh ann an Leòdhais agus mi an deigh an crodh a leigeil a mach as a bhàthaigh ’s gan iomain suas an lag aig cùl an t-sabhail ’nuair chunnaic mi Raonaid bheag a’ direadh ri uchd gleois, agus ged smeid mi orra a ris ’s a ris ’s a ris cha d’ thainig ni’s fhaisg orm na gàradh fàil bha ’n sin air ’n do sheas i, ’s a sineadh a mach a làmh gus an àird an ear far an robh a ghrian aig an àm ag éiridh eadaruinn ’us eilean Rona; cha toireadh i feairt orm idir idir, agus mu dheireadh ’nuair chunnaic mi sin sheall mi fhéin an rathad a bha i ’beachdachadh, agus ’de bha sin ach long mhor thri chruinn, a’ seòladh a mach o ’n àird-an-ear, agus air tionndadh dhomh gus oidhirp eil’ a dheanamh air bruidhinn ri Raonaid, cha robh piochd ri fhaicinn dhi thall no bhos.
Dhùisg mi an deigh sin agus, a Theàrlaich, tha mi cho cinnteach agus a tha mi air fuadain an so còmhla’ riut, gum faic sinn long a’ seòladh mu àm éirigh na gréine am màireach—agus cha mharbh iad Bran bochd orm, o cha mharbh, cha mharbh a chuilean,” ’s e toirt fàsgadh air a chù. Dh’ éisd mi fhéin le gnà de dh’ uamhas ann an sàmhchas ris a ghiullan, ach ’de b’ urrainn domh a ràdh, agus le Dòmhnull bhi cho dùrachdach dearbhta mu ’n ghnothuich; luidh am bruadar aig’ air m’ inntinn cho trom ’s nach d’ fhuair mi norradh cadail, agus ’nuair a las na speuran aig bristeadh an latha, faodaidh sibh bhi cinnteach gum bu gheur mo shùilean a’ sealltuinn ’san iarmailt far an robh a ghrian a tighinn am fradharc. Mar thubhairt b’ fhior, oir cha robh a leud féin os cionn nan tonn ’nuair chunnaic mi na chuir m’ fhuil gu leum ’nam chridh ’s ’nam chom, agus b’e sin croinn ’us slatan luinge, direach mar bha Dòmhnull beag ag ràdh a chunnaic e na bhruadar; bu ghrad a leum mi gu m’ chasan, agus a’ greimeachadh air a’ ghloin-amharc, thug mi oidhirp air a chuir direach air na chunnaic mi, ach mas do tharr dhomh sin a dheanamh le mo làmh bhi air chrith, bhrùc a mach bho fhear eile dhuin an éigh“Sail a’ hoy! ”Sin far an robh an dùsgadh ’s an leum ’measg ar sgioba truagh, airtneulach, gach fear a’ sealltuinn an rathad bha mise coimhead, agus cha b’ fhada gus an d’ thubhairt am“mate”—taing do Dhia tha i ’stiùradh an rathad so ’s cha’n fhada gus an cluinn i sgal bh’uainn, ach gus a sin, cuireamaid suas an t-slat a thuit oirnn ris a ghaillionn an là roimhe, agus gibeag luideagach a dh’ aodach air choireignich an ceangal ris a bhinnein, a leigeas fhaicinn daibh air bòrd—mas e ’s gum bith iad a’ sealltuinn a mach mar bh choir dhaibh, gum bheil ar leithidean an so. Gus an sgeul a thoirt gu criche cha ’n abair mi ’n còrr mu dheighinn, ach gun d’ thainig an long faisg gu leòr gu ar cluinntinn ’s ar faicinn, ged thubhairt iad gum b’e ulalaich a choin a chual’ iad an toiseach—Chaidh ar cur air tir ann am Poll-a ghrubhain an ceann seachdain no dha an deigh sin.
Chaochail dithis dhe’n sgioba latha no dha an deigh ar saoradh dh’ aindeoin aire dhùrachdach an leigh bh’ air bord, ach thainig càch gu maith uaith’ an deigh moran fhulangais air nach ruig mi leas ’bhi tighinn an dràsd; air mo shon fhéin tha mo cheann a foillseachadh mar luidh e ormsa, oir tha mi liath o’n là ud. Sin agaibh a nis fhearaibh a chrois a’s mo anns an robh mi fad mo sheoladaireachd.
D. —Air mo bhogadh ann an Loch-Fine cha toir mi guth tuille an deigh dhomh do sgeulsa a chluinntinn a Theàrlaich, agus tha mi ’n dòchas nach coire dhomh a radh— “Am fear d’ an dàn a’ chroich cha teid gu bràth a bhàthadh!”
CALUM—Mur b’e mar thachair dhuinn uile ’san uisge ’s air an uisge theirinn “mo nàire” riut a Dhùghail ’s gum b’ olc do bhreith, agus mar a chaitheas duine a bheatha fhein ’s ann a bheir e breith air a choimhearsnaich—Ni Maith eadar mi ’s tu, ma’s e sin do bheachd air Tearlach!
D. —Tha mi ’g iarraidh moran maiteanais, cha robh mi ach ri spòrs, ach their mi so, agus tha e ’cur iongantais mor orm, ciamar air an t-saoghal a ghleidh thu a’ Ghàidhlig cho maith a Thearlaich?
T. —Ciamar a ghleidh mi a’ Ghàidhlig! an d’ thubhairt thu? ’Se “Ciamar a chaillinn i” a cheisd bu chòir a chur. Tha e nis faisg air còig bliadhn’ ’ar fhichead o’n chuir mi cùl an toiseach ri eilean us tir mo ghràidh, agus a sheòl mi mu dheas air a Rudha Mhorchuanach an toiseach, agus tha mi taingeil gur urrainn mi ’ràdh le firinn gum bheil a’ chainnt agam ni ’s fhearr na bha i agam an lath ud, le bhi ga sior leughadh, ’s ga sgriobhadh ’nuair fhuair mi cothrom, a bhàrr air a bhi ga bruidhinn an dràsd ’s a rithisd; agus, mur ’eil mi ’gar bodhradh le mo chuid fein-fhiosrachadh, faodaidh mi innseadh dhuibh ma ’s teid sinn a laidhe mar chaidh agam air.
[Vol . 6. No. 41. p. 7]
C. —Tha mise réidh agus theid mi an urras airson Dhùghaill.
T. —So mata fhearaibh mar tha ’chùis; an oidhche mas do dh’ fhàg mi an Ath-leathain thainig mo sheann mhaighstir-sgoil’ a choimhead orm, agus an deigh graine mhaith ’sheanachais, agus ioma’ deagh chomhairle uaithesan, air gabhail beannachd rium chuir e ’nam laimh dà leabhar Gàidhlig—Biobull agus Gramar dùbailt. ’Se sin an da leabhar phriseil le cheil ann an Gaidhlig ’s am Beurla, agus dh’ iarr e orm gu dùrachdach, agus sin ann am briathraibh sòlaimte, a cheud fhear a leughadh gu cunbhalach, agus am fear eile fhoghlum air a h-uile cothrom a gheibhinn. Thug mi ’n taing dha mar b’ fhearr a b’ urrainn domh aig an àm, agus gu dearbh iomadh lath’ ’us uair o sin, oir, le foclair( ’se sin“Dictionary, ”a Dhùghaill) a cheannaich mi, agus le bhi a’ leughadh a n-uile leabhar ’us paipeir Gàidhlig dheth, air air an ruiginn, fhuir mi mi fhéin a dol ni ’s deiseile air a’ chainnt a leughadh ’s a sgriobhadh o là gu là, ann an ùine bha gle ghoirid, agus sin a thuilleadh air cainnt sam bith eith eile—agus rinn mi leth-eolas air te no dha, mar fhuair mi cothrom air tir ann an dùthchanna céin. Mar tha fhios agaibh bhithinn daonnan a tighinn dachaidh a h-uile bliadhna cha mhor, fad mios no raidhe, agus cho luath ’s a gheibhinn saor, agus cuidhteas m’ aite bheirinn an t-Eilean orm far an do ghleidh mi m’ eòlais ’s mo luchd-eòlais dh’ aindeoin gach caochladh anabarrach a thachair ann ’s orra, agus cha bu bheag iad; agus ’nuair thig dhomh “feasgar fann mo lo” a chur seachad ann an àitegineach, is ann ris an Eilean tha mo shùil, agus, le toil an Tigh earn ni mi sin ann fhathasd.
C.— ’S breagh do bheachd a Thearlaich agus is bochd nach robh an leithid aig a chòrr dhe ’n fheadhainn sin tha ’toirt a’ Ghalldachd orra gu priobaidean airgiod a dheanamh, agus nach seall rathad na Gaidhealtachd ri ’m beò, ach neo ’ar thaing an gleadhraich a ni iad—ud! ud! co ach iad? mu dheighinn an luchd-dùthcha bochd, ’s mu dheighinn an cuid chòirichean, gun dad tuille gus am bheil moran de na Gaidheil is aineolaiche aig an taigh a’ fuireadh nach ’eil ac’ ach seasamh aig a cheann stuaidh gus am faigh iad a h-uile ni tha uatha, maith no olc, co dhiubh is ann le daoin’ eile tha e gus nach ann, agus sin gun mhàl, gun obair, no ni a dhioladh air.
T. —Biodh sin mar a dh’ fhaodas, agus b’ urrainn domh moran a radh agus a sgriobhadh air gach taobh dhe ’n ghnothaich mhuladaich sin, tha ’n t-àm dhuinn an leapa ’thoirt oirnn bho na tha moch-eirigh againn ri dheanamh am màireach. —Highland News.
AN DA LEIGHEAS
agusK . D. C. PILLS
Leigsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD.
Cuir a dh’ iarraidh sampuill, teisteannais us urrais.
K . D. C. COMPANY, Ltd. ,
TRATHAN NA BLIADHNA.
“Rinn thu an samhradh agus an geamhradh.” —Salm lxxiv: 17.
Tha an salmadair ann an aite eile, an deigh dha beachd shonraichte a ghabhail air an tuigse, air a mhaitheas, ’s air a chumhachd a tha air an nochdadh le dealbh sgiamhach, iongantach a chruinne-che, ag eigheach a mach, “Cia lionmhor d’ oibrean a Thighearna! ann an gliocas rinn thu iad gu leir; tha ’n talamh lan de d’ shaoibhreas.” Is ann le bhi ’rannsachadh gu dichiollach agus gu mionaideach gne ’us feum ’us eifeachd nan nithean a chruthaich Dia ’s a tha sgaoilte ’n an uile ailleachd ’us maisealachd fa chomhair ar suilean, a tha e ’n ar comas dearbh-bheachd a ’s airde ’s a ’s soilleire a thrusadh mu dheibhinn an Dia oirdheirc, ghlormhoir sin a ghairm air tus gach neach ’us ni a neoni, agus anns a bheil againn uile ar bith, ar beatha agus ar comas gluasaid. Ma dhearcas sinn air lochran aghmhor nan speur le ’ghnuis ghrianach, chairdeil, agus ma bheir sinn fainear gur i a ghrian a tha ruagadh air falbh dorchadais na h-oidhche; ma ghleidheas sinn air chuimhne gur ann bho mhac nan speur a tha blaths a’ tighinn, agus, mar an ceudna, an solus glan, aoidheil, aidichidh sinn air ball gu bheil na sochairean araon lionmhor agus priseil a tha gathannan dealrach na greine a’ frasadh air an t-saoghal. Tha ’m buannachd fein aig an oidhche ’s aig an dorchadas. Is anns an trath a tha teas ’us treise na greine a’ fannachadh, agus i fein a deifireachadh a dh’ ionnsuidh a leabaidh anns an airde ’n iar, a tha ’n driuchd a’ braonadh air gach learg ’us comhnard, air gach lus ’us tom, air gach feur ’us fochann, air gach slios ’us cladach.
Tha, shochair, a shugradh ’us aighear fein a’ leantuinn gach trath de ’n bhliadhna. Anns an earrach tha gach ni mar gu ’m b’ ann a’ dusgadh bho chadal fada, trom; tha ’n talamh ag ath-nuadhachadh a thrusgain gu h-iomlan. Tha guirmead ’us boidhichead a’ cur sgeimh air gach fonn ’us faiche, air gach gleann ’us glaic. Tha ùrachd ’us ailleachd r’ am faicinn air gach coille, ’s preas ’us magh. Tha dichioll, ’us dealas, ’us tapadh mor air an nochdadh leis na tuathanaich am feadh a tha iad a’ deasachadh an fhearainn airson an t-sil. Tha eoin bhuchullach an athar a’ deanadh gniomh gu dichiollach ’n an obair uaigneach, sheolta fein ann am mile craobh, ’us lon, ’us creag.
Thig an samhradh le greadhnachas ’us aoibhneas, agus thig gach geug ’us crann gu luath fo bhlath. Comhdaichidh trusgan eireachdail ann an uine ghearr na blaran a bha dubhach, gruamach, roimhe. Cluinnear guth binn, ceileireach nan eun ag eiridh bho iomadh crann ’us preas; agus fasaidh suas gu sgipidh toradh brioghmhor na talmhainn.
Thig am foghar, agus tha obair fein aige r’a dheanadh. Tha an t-arbhar ann an deich mile achadh a nis abuich, agus tha na buanaichean le farum taitneach ’g a ghearradh sios. Is firinneach agus is foghainteach briathran an t-salmadair, “Crunaidh thu, a Dhe, a bhliadhna le d’ mhaitheas, agus silidh do cheuman saill. Silidh iad air cluainibh an fhasaich, agus ni na cnuic gairdeachas air gach taobh.”
RENA.
(Ri leantuinn.)
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C B.
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C.B.
BADDECK , - - C. B.
Airson a stor a dheanamh na ’s deiseile ’s na ’s feumaile dhaibhsan a tha ’deanamh gnothuch ris, tha
Albert I. Hart
a’ nise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha a’ chuid sin de ’n ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am Boston ’sanNew York.Gheibh iadsan a thig g’a h-ionnsuidh an
DEAGH RIARACHADH.
BADDECK , - - C. B.
THA EARBSA
aig daoine ann am maidsichean Eddy— ’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha coltach ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum.
Tha ’n t-ainm so na urrais air mathas.
—THE—
E. B. EDDY Co., Limited,
Hull, Canada.
[Vol . 6. No. 41. p. 8]
Blar Allt-a’ -Bhonnaich.
LE IAIN MAC PHAIDEIN.
A thìr nan glean ’s nan stùcan cas,
Nan srath, nan sliabh ’s nan caochan bras,
’S e taitneas m’ inntinn tamull tàmh
Air euchdan na bheil uainn a’ snàmh
Le sruth na tim, a shiubhlas luath
’San tric am bàthar gràdh ’us fuath.
O, cuimhnich air na suinn a b’ fhiù,
’S a dhòirt am fuil a dhìon do chliù
’N uair thainig nàmh ’s a bhagair daors’—
B’ i brìgh an gairm chath “Bàs no saors,”
Aig Allt-a’ -Bhonnaich bheir sinn buaidh,
No caidlidh sinn gu bràth ’nar n-uaigh.”
O Charragh Uallais air an stùc so,
Chi mi sios sruth liath nan lùban,
Allt-a’ -bhonnaich ’s Cnoc nan gillean:
Chuala ’s leugh mi moran uime.
Thog gach ainm a thaobh an sgàile
’Bha eadar mise ’s linn nan sàr-laoch,
Mar thogas ceò ’n uair dh’ éireas grian.
’S gach meangan failchte ’n dealt na h-oidhch’
A’ tilgeil deàrrsadh ’s dealradh soills’.
Am priobadh dhearc fo m’ shùil
Feachd fo ’n airm ’nan sreathan dlùth,
’S an lòchran àigh a las am fonn
’Cur neamhaid ann an taobh gach lann;
’S ’n uair dh’ aomadh e an laimh gach tréin
E ’plathadh caoir mar dhealan speur.
Gach cruth ’nan seòil ri crannaibh caola,
An uair a shineadh iad ’sa ghaoithe,
Bha mi teann an glaic mhic-mheanmna,
Shaoil mi gu’m bu chòir dhomh ’n aithneachdainn;
Feòrag, Fiadh ’us Ian ’us Beithir,
Ceann ’us cròic ’s na Ròin o ’n eilean,
Caisteal, Crùn ’us Cù ’us Iolair,
Saighdean paisgte, Cat ’us Cridhe,
Leoghann, Clogad, Craobh ’us Mathghann,
Torc ’us Tarbh, Lamh dhearg ’us Bradan.
Seall, ceann-ruisgte, gach laoch aig fois,
’S am manach liath ’s gun bhròg air cois;
Deich mile fichead air an glùinean:
Cha ’n ann mar chleachdainn ach le dùrachd.
Fada bhuam a’ teachd o dheas,
Mar shruth a’ tighinn troimh chaiseal bras,
Mar choill ’s an sgitheach trom fo bhlàth,
Tha sròilean geala feachd an nàmh;
’Us lùireach mhàlaidh mhìltean treun
A’ geiltreadh brionnagach ri gréin.
Dh’ fheuch am marc-shluagh ’neart le corruich
Ri daingneach nàdur nan creag corrach,
Air laimh eile sios ’sna tollaibh
’S ann an sluic nan speic ’gam pronnadh.
Ach lùb am bogha ’s chluinnteadh ’fhuaim
Bh’ aig slatan dìreach nan ceann cruaidh,
Mar shéideil nathrach anns an tom
’S idol air ghleus gu leum thar fonn
Nan dithean dlùth, mar ghlìob an raoin
A’ frasadh leòn ’us bàis gach taobh.
’N uair thug an t-sùil nach dùineadh dearmad
Gu dìon a laoich o ’n chlàdan mharbhteach.
Dhiùc a doire dlùth nan tom
An eachraidh eangarra air lom;
Clis neo-mhàirnealach an taruinn,
Nunn ’nan still ’s Mac Cithich ’gan sparradh:
Car os cionn an lann a’ boillsgeadh
Sgrios le aog air laoich nan saighdean.
Nuallan bagraidh aig an Dràgon.
Dhùisg an Leoghann as a làraich;
Sheall e air na bha mu ’choinnimh:
Shìn e uilt an caol a dhroma:
Dh’ fhosgail ’s dhùin e iongnan còmhla;
Thog e stiall de ’n riasg le spògan:
Chas e greann ’us dh’ éirich earbull;
Sheas a mhuing a suas ’na dealgan:
Dh’ at a ghoile ’s nochd e ghonag;
Las a shùil ’na ghnùis le norunn—
’S beag ri iarraidh train de fhuighleach—
Bheuc ’us tha e thall ’na chruinn-leum.
Os cionn gach glaoidh tha gaoir a sgathaich,
’S e ’g aomadh gu gach taobh dheth ’tamhadh;
An deigh gach beum tha cheann ’ga chrathadh
’S fionntach dearg o ’chraos a’ cathadh.
Buinn fir Alb ri ’m fonn an taic,
’Us rinn am pìc ri cìbhlean each:
’S tric a thill am brùid ’na dheannaibh,
Fuil ’ga dhìth ’s a dhiollaid falamh.
Ach o gach gnop o ’n tillear nàmh
’S ann tighinn air ais le neart is fear,
Mìltean laoch a choisinn buaidh
An iomad cath taobh thall a’ chuain.
(Ri leantuinn.)
Air a’ Ghille tha mo Run.
Air a’ ghille tha mo rùn,
Tha mo rùn air a’ ghille;
Bho ’n a thug thu rium do chùl,
B’e mo dhùrachd thu thilleadh.
’S ann a fhuair thu t’ àrach òg
’N Apainn bhòidheach nan gillean;
’S beag an t-ioghn’ thu dh’ éirigh suas
Ann an uaisle ’s an grinneas.
Air a ghille, etc.
’S meanglan thu de ’n chraoibh nach lùb,
Gur tu fiùran do chinnich—
Leathannaich nach lùb ’san streup—
’S cha ’n eil beum air a’ ghille.
Falt do chin tha dualach, dlùth,
T’ anail chùbhraidh, ro-mhilis;
Da shùil mheallach, chorrach, chiùin—
’S tum o run de na gillean!
Tha thu ro-mhath air an t-sliabh,
Thoirt nan ian bharr na h-iteig;
Gunna dubh a leagadh fiadh
’S earbag riabhach an fhirich.
’S ann am Muile nam beann fuar
Tha mo luaidh de na gillean;
Dh’ aithnichinn thu ’measg an t-sluaigh,
Leis na h-uaislean a’ tighinn.
Amherst Boot & Shoe Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.
A’ Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
Amherst Boot & Shoe Mfg. Co.
H. D. Mac Ille-Mhaoil,
Stewartdale , C. B.
Cloth,Drogaid, agus Plaideachan “Eureka.”
Mu dheich air fhichead seor sa aodaich ’ga chreic.
Cloimh air a gabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor; taghail aige neo sgriobh uige.
[Dealbh]
Tha sinn a nise ’nar luchd-gnoth uich aig a
CHANADACARRIAGE Co. ,
air son Eilean Cheap Breatunn. Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead le ’cheannach uainne.
F . FALCONER & SON.
DIOLLADAIREAN.
Sidni, C. B.
Tha sinn a cumail an aite so do
MACDONALD , HANRAHAN & CO. ,
’Nuair a gheibh iad am bathar ur a stigh, bidh tuilleadh aca ri radh ri ’n cairdean.
C’AIT AM FAIGH MI?
Saibh, Glasan, Luaidhe, Sgeinein, Lainntearan, Sguabaichean, Paipear-tearra, Paipear-tubhaidh.
Olla, Fudar, Glaine, Siosaran, Tairnean, Bucaidean, Tuaghannan.
GHEIBH AIG
C . P. MOORE,
Sidni, C. B.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG—Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
title | Issue 41 |
internal date | 1898.0 |
display date | 1898 |
publication date | 1898 |
level | |
reference template | Mac-Talla VI No. 41. %p |
parent text | Volume 6 |