[329]

[Vol . 6. No. 42. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 15 APRIL, 1898. No. 42.


ONTARIO.

Is e Ontario an roinn as fhearr agus as beartaiche ann an Canada. An trath a bhitheas luchd-aiteachaidh Ontariofaotainn beim no oilbheim, is abhaist leobhi ardanach agus a bhig radh, gur iadsan a thacumail suas na dùthcha gu leir agus a thapaigheadh a chuibhrionn gu fadas modha de gach airgiodus riadh a tha Canadapaigheadh airson gach obair mhor, ’us rathad-iaruinn, ’us claise dhomhainn uisgetha air an deanamhs air an togail a chum gu faigh malairt na dùthcha cothrom nis fearr agus comhnadh as airde, ’s tearuinteachd as modha. Gun teagamh air bith tha Ontario lan de dhaoine dichiollach, tuigseach, teoma. Tha na Gaidheil lionmhor ann an Ontario, ’s is iomadh obair ghoirt agus spairn chruaidh a rinn iad ann an gearradh sios nan craobhan ardas tiugha, agus ann an glanadh an fhearainn a chums gu deanadh iad fein agus an teaghlaichean aiteachadh ann agus gu tugadh iad barr reamhar as an talamh chaoimhneil, ghasdabhuineadh doibh agus a tha gle chumanta ann an Ontario. Bithidh daoinelabhairt le iongantas nm dheibhinn nan cisean beartach a tha air an trusadh ann am Montreal no ann am Baile Chnoic Rioghail. Achuid gu fadas modha de gach malairtus bathar a thatighinn gu Montreal, is ann an Ontario tha e faotainn margaidhus airgid. On tha Montreal aig ceann na maras gu bheil comas aig gach long morus bata-smùide teachd a nis air Amhainn Lawrence gus abhaile ghasda so, bithidh gach ginealach àite mor, measail, oirdheirc aig abhaile so ann an surdus dichioll, ’us malairt, ’us maoin, ’us tapadh Chanada. Ged tha moran Fraingich atuineachadh ann am Montreal, (agus da rireadh, is e daoine lunndach, gun treoir, no duinealas, no sgairt a tha annta gu bitheanta), tha àireamh mhor de Shasunnaich, ’us Albannaichus Eirionnaich anns a bhaile ud, mar an ceudna. Tha iad aghartach, seolta, curamach, agus mar so tha ionmhas pailt aca, ’s tha iad gle fhaoilidh len airgiod ann an cuideachadh a thoirt do gach cuisus nitha feumail, a tha maith agus a tha airidh air comhnadh agus cairdeas. Tha MAC-TALLAs mi fein daonnan faicilleach nach toir sinn oilbheum do charaid air bith a tha againn, mu dheibhinn luchd-riaghlaidh agus riaghlaidh na dùthcha anns gach roinn a thaga deaanamh suas. Bha taghadh pàrlamaid ùir againn ann an Ontario o chionn seachduinn no dha. Tha gu cinnteach, ioghnadh mor air iomadh neach gu do chaill luchd-riaghlaidh Ontario àireamh mhor den ughdarras, agus gu bheil a nis am measg nan ceithir ficheadus ceithir deug ball ann am pàrlamaid Ontario, ach beag an àireamh cheudna aig an da chuideachd anns am bheil Ontario air a roinn. Is e an Ridir Olibher Moat a thanisn a uachdaran air Ontario, a bha iomadh bliadhna aig ceann luchd-riaghlaidh Ontario. Is e smior a Ghaidheil a tha ann, ged nach labhair e facal Gaidhlig. Bha e daonnan curamach, faicilleach agus seolta. Bha cuibhrionn mhor de dhaoine Ontariocur muinghinn laidir ann agus acreidsinn gu robh e firinneach, onorach, agus nach deanamh e ni air bith a bha cearr no mionorach. Is e Iain Sandfield Mac Dhomhnuill a bha air ceann luchd-riaghlaidh Ontario ann an 1867, an uair a thoisich Canada le nasgadh a roinnean, air seolaidearachd dhuineil, sgairteil a dheanamh dhi fein am measg rioghachdan an t-saoghail. Is ann do Ghaidheil Ghlinne-Garaidh a bhuineadh Iain Mac Dhomhnuill, —mac duine gle bhochd a bha ann. Lechruadal, lethapadhs leneart fein, dheirich e bho inbhe iosal gus an robh e aig aon àmna fhear-iùil do Chanada iochdrachus uachdrach, am feadh a bhaphàrlamaid ann an Cuebec. Gus an lathan diugh cha robh e comasach do neach air bith air aona gniomh a bha cearr, no mi onorach, no mi-uasal a thabhairtn a aghaidh. Bha e curamach, neo-sporsail, agus air an aobhar so dhfhag e uamhas airgid ann an ciste Ontarionuair a thainig crioch air a riaghladh ann an Ontario. An luchd-riaghlaidh a thainigna dheigh tha iad daonnan ag radh gu bheil saoibhreas anabarrach aig Ontario. Tha daoine geura, duineil eilefoighneachd caite am bheil an t-airgiod lionmhor so? Caite an deachaidh e? Chan urrainn do fhear ionmhas Ontario solus glan, dealrach a chur air a cheist so, agus air an doigh anns do sgaoileadh ionmhas mor Ontario. Is e so aon aobhar sonruichtethug air ar luchd-taghaidh dol co calg-dhireach an aghaidh luchd-riaghlaidh Ontario. Tha na Staidean gun tamh, gun sgios, ag atharrachadh an laghannan an aghaidh Chanada. Chuir iad cis eagalach, amaideach an uiridh, air gach fiodh a bhuineas do Chanada. Tha iadsan a reir gach coslais ag innsidh na firinn an uair a tha iad ag radh gu bheil frithean luachmhor Ontario air an gearradh sios airson obairus maoin a thabhairt do mhuillnean sabhaidh Mhiscigain. Is ann le tuaiream ghasdatha daoine Ontariocreidsinn agus acumail a mach gu bheil acheud choir aig Ontario fein, air gach cosnadhus malairt a thig as a frithean fein, agus nach eil coir, agus nach bi coir gu brath aig na Staidean, leis gach lagh chearr, ’us chruaidh as aithne doibh a dheanamh, air na fritheans air gach ni priseilus luachmhor eiletha ann an Ontario, ’s a bhuineas do mhic Ontario fein. Is gle bheag a bheir na Staidean seachad mas urrainn doibh a ghleidheadh. Is e ceist nam frithean aobhar eilethug air Ontario dol an aghaidh a luchd-riaghlaidh ann an tomhas iongantach.

CONA.


Chan eil atharrachadh mor air cùisean eadar na Stàitean agus an Spàinn o chionn seachdainn, ach gu bheil e sior fhàs coltach ri cogadh. Tha pàirtidh làidir anns na Stàitean a tha a reir coltais suidhichte air cogadh a thoirt air an dùthaich, ge be de chosgas e dhi; tha an rùintean féin acasan amharc, agus tha iad deònach ni sam bith a dheanamh air son an toirt gu crìch. A reir gnàths nan rioghachdan, chan eil còir sam bith aig na Stàitean air a dhol a chuideachadh nan Cubach, oir is iochdarain don Spàinn iad, agus tha còir laghail aice air an cuid ceannairc a chur fodha mar as fhearr is urrainn dhi. Tha iadsan a thag iarraidh a dhol a chogadh ag radh gur ann air son stad a chur air an dòrtadh-fala a tha iad, ach chan eil an sin ach lethsgeul, agus cha mhor a tha toirt creideis dhaibh. Tha an Spàinn an deigh sith a ghairm ann an Cuba, ach chan eil sin ach air son cothrom a thoirt dhi fhéin agus do na Stàitean air tighinn gu còrdadh. Tha na bha de mhuinntir nan Stàitean ann an Cùba an deigh an t-eilean sin fhàgail. Fhuair iad òrdugh bho riaghladh nan Stàitean sin a dheanamh o chionn còrr us seachdain. Rinneadh sin air eagal gum bristeadh an cogadh a mach agus gum biodh iad air an cur gu bàs.


Chan eil an leabharClàrsach an Doireagainn aig an àm so idir, ach tha dùil againn ris an ùine ghoirid. Tha dithis no triùir a chuir ga iarraidh a dhfheumas feitheamh seachdain no dha gus am faigh sinn tuilleadh de na leabhraichean.



[330]

[Vol . 6. No. 42. p. 2]

GILLEASBUIG AOTROM.

LE NIALL MAC LEOID.

Bho chionn tri fichead no ceithir fichead bliadhnair ais, mun robh taighean bhochd air an togail feadh na Gaidhealtachd, cha robh cearn no baile den dùthaich anns nach robh neach-eigin a chòmhnuidh a bha dol bhon ainmamadan.” Bha na h-amadain sin de chaochladh gne, cuid dhiubh faoin, neo-chiontach, gun cheilg mar an leanamh beag, cuid eile dhiu borb, seolta, garg agus crosta, agus mar a thachair do gach cearn eile den dùthaich, bha a chuid fhein aig Eilean-a- cheò dhiubh. Ach am measg amadain an eilean air fad dleasaidhGilleasbuig aotroman t-ionad is àirde. Bheireadh amadain eile an eilean an t-àite sin dha, agus theireadh Gilleasbuig fhein gun robh làn chòir aig air. Bha déigh mhor aig Gilleasbuig air a bhin cuideachd nan uaislean, agus deigh mhor aig na h-uaislean air a bhin comunnIlleasbuig. Cha robh cuirm no fleagh, féill no banais a bfhiach ainmeachadh a thachair eadar da cheann an eilean nach feumadh Gilleasbuig a bhi an sin.

Air feasgar latha féille ann am Portrigh bha dinneir mhor aig uaislean an Eilean ann an àrd-thigh-òsdabhaile. Bhan latha fuar fliuch, agus bha moran de dhaoine bochd mun dorus nach faigheadh a stigh, achnuair a thainig Gilleasbuig rinn e rathad dha fhein gus an dràinig e an seòmar anns an robh na h-uaislean cruinn. Chuir iad uile fàilte chridheil, chàirdeil air Gilleasbuig. “Co as a thainig thu mar soIlleasbuig?” arsa Fear aChoire. “Mata ler cead a dhaoin uaislearsa Gilleasbuig, “thainig mi á ifruin.” “Ubh, ubh, ’Illeasbuig,” arsa Fear aChoire, “ ’s làidir achainnt sin, agus de mar tha gnothuichean a dol air an aghaidh san ionad sin?” “Tha,” arsa Gilleasbuig, “Fhir aChoire, gle choltach ris mar tha gnothaichean a dol air aghaidh ann an so fein, na daoine saibhear gan gabhail a steach, ’s na daoine bochda gan cumail a muigh.”

Thachair Fear aChoire agus Gilleasbuig ri cheile air àraidh, Gilleasbuig agus cnaimh mhor feòla aigega chriomadh, agus en deigh a dheanamh gu math lom. “Cha chreid mi nacheil thu sgith don chnaimh sin a nisIlleasbuig,” arsa Fear aChoire, “bu chòir dhuit a thoirt don cheud chù a thachras riut,” “So dhuit e mata,” arsa Gilleasbuig, “tha mi creidsinn nach tachair cho mor riut fhein rium car latha no dhà.”

Mun àm an robh Gilleasbuig a làthair thainig ministeir, eadar a bhi Galldas Gaidhealach ris an abradh iadMaighstir Sutardo Sgir Dhùirinish. ’Se làn sgoileir a bhan Sutar, fòghlumaichte ann an iomadh cànain, ach aig nach robh ach fior dhroch Ghàidhlig. Agus na bu mhiosa na sin, tha e coltach gun robh Sutar tuilleadh as déigheil air a bhin comunn Mac-na-bracha, agus ged bha Gilleasbuig mar a bha e, bha e faicinn nach robh caithe-beatha Shutair a co fhreagradh an dreuchd chudthromaich a ghabh e os laimh. Ach ciod air bith aobhar bhon thachair e fhuair Gilleasbuig làn cheannas air Sutar. Bha eagal anma aig Sutar roimh Ghilleasbuig. Cha robh ni dhiarradh e air Sutar nach faigheadh e. Ach feumaidh sinn aideachadh nach robhGilleasbuig còir ach anabarrach mi-thaingeil ri aghaidh gach caoimhneis agus deagh-ghean a bha Sutar a nochdadh dha. Chàineadh e Sutar gubhrògan, agusnuair a bhiodh e sgith dhe air gach doigh eile, dheireadh e air le bàrdachd. Ann an aon de na rainn sin tha Gilleasbuig a toirt dhuinn cunntas air ùrnuigh Shutair:—

Nuair theid thu don chùbaid
Ni thu ùrnuigh bhios gléusda
Bidh cuid dhi na Gàidhlig
Us pàirt dhi na Beurla;
Bidh cuid dhi na h-Eabhra
Is cuid dhi na Greugais,
S a chuid nach tuig càch dhi
Bheir e gàirair Fear Gheusdo.”

Eadar da uair dheug agus uairsa mhaduinn, air oidhche ghruamach gheamhraidh, agus Sutar gu socair blàthna leabaidh, chuale bualadh trom làidir aig an dorus. Dheirich Sutar agus chuir echeann a mach air uinneag an t-seòmair, dheubh eCo bhan sud?” Air do Ghilleasbuig a fhreagairt, “Thus,” arsa Sutar, ciod e tha dhith ort mun àm so dhoidhche?” “Ciod e,” arsa Gilleasbuig, “a bhiodh a dhith air neach sam bith mun tràth so a dhoidhcheach suipeir mhath agus leabhadh mhath na déigh.” Bha fios aig Sutar nach robh math cuir an aghaidhIlleasbuig, agus ged bu leisg bfheudar dha eiridh agus Gilleasbuig a leigeadh a stigh. “A nis,” arsa Sutar (an deigh do Ghilleasbuig a shuipeir a ghabhail), “theid thu mach agus caidlidh tu gu maduinn air lobhta an stàbuill, tha leabaidh bhlàth ghlan ann, agus bidh tu gle cheart gu latha.” “Ma ta,” arsa Gilleasbuig, “chan fhaca mise riamhnuair a thigeadh caraida dhamharc air duinuasal nach rachadh agus nach sealladh e a sheòmar leabaidh dha, agus, mar sin, thig thusam mach agus seall dhomhsa an t-àitesam bheil mi gu laidhe.” Cha robh aig Sutar còir ach falbh a mach le Gilleasbuig. Thachair gun robh dorus an stàbuill glaiste, ach fhuair na fearaibh fàradh faisg air laimh, agus chaidh sud a shocrachadh ris an uinneig; “Suas,” arsa Gilleasbuig ri Sutar, “bidh misas do dheigh.” Achnuair a fhuair Gilleasbuig Sutar as an t-sealladh a stigh air an uinneig, thog em fàradh air a ghuailinn agus dhfhalbh e, agus e aig an àm cheudna ag ràdh, “Nis a Shutair ma than leabaidh cho maths tha thu a gabhail ort, gabh fhein do leòr dhi gu latha, oidhche mhath leat, theid mise stigh agus gabhaidh min leabaidh ta blàth.” Cha robh aig Sutar bochd ach tòiseachadh air eigheach gus an tug e mach daoine a leig á bruid e.

An ath Dhi-domhnaich chaidh Gilleasbuig don eaglais a dhéisdeacdd Shutair, agus ma chaidh cha bann gu sith. Shuidh e suas an staidhre ri bile na lobhta far am biodh sàr chothrom aig air a chothional fhaicinn bho bhalla gu balla. Thainig Sutar agus thòisich seirbhis an latha mar a bàbhaist. ’Nuair thug Gilleasbuig sùil sios air feadh a chothionail, co, gu mi-shealbhach, a thachair a bhi na shuidhe direach fodha ach bodach mor càm crosta a bha na fhior nàmhaid dha. ’Nunir a chunnaic Gilleasbuig am bodach chrath e a cheann agus rinn e gàire ris fein. ’Nuair a dheirich an cothionalnan seasamh aig a cheud urnuigh, chuir Gilleasbuig a lamhna phòca agus thug e mach ubh mor tunnaig, agus thòisich e, thar bile na lobhta, air cuimssachadh air ceann a bhodaich. Mu dheireadh leig Gilleasbuig as an t-ubh, agus bhris e na smùr air sgall a bhodaich. Ma bhrischaidh an ceòl air feadh na fidhle,” chaidh am bodach gu upraid, ’s chaidh an cothional gu gàireachdaich. Chunnaic Sutar nach robh feum an cumail ni bfhaide an latha sin agus leig e ma sgaoil iad le coireIlleasbuig chòir.

Beagan uinan deigh sin thachair Sutar agus Gilleasbuig ri cheile ann an Coille an Dùin, àite fàsail, aonaranach, agus smauintich Gilleasbuig ann fein gun robh an cothrom gu math air ni-eigin a chur a Sutar. Thainig Gilleasbuig air aghaidh agus chuir en fhàilte chridheil, chàirdeil sin air Sutar. Ach an deigh dhaibh beagan còmhraidh a bhi aca ri cheile, “Feumaidh tu,” arsa Gilleasbuig, “airgiod a thoirt dhomh a gheibh brògan, tha mi gun stiall bhròg agam. “Ma tha,” arsa Sutar, “cha toir mise bròg no aodach dhuit, chan eil annad ach droch dhuine.” “Am fear mor gun tog mise!” arsa Gilleasbuig, “ma theid do bheò no do mharbh as a bhad so gus an toir thu dhomhsa an rud a gheibh bròganGhabh Sutar bochd an t-eagal, thug emach a leabhar-pòca, agus thug e litir do Ghilleasbuig thun aghreusaiche air son bhròg. “Ciod e than so,” arsa Gilleasbuig. “Tha,” arsa Sutar, “litir a gheibh brògan dhuit.” “Co a ghabhadh do litir-sa?” arsa Gilleasbuig, “thoir dhomhsan t-airgiod, agus cum do litir agad fein.” Cha robh ann do Shutar ach an aon ni, agas thug e an t-airgiod do Ghilleasbuig; achnuair a fhuair Gilleasbuig an litir anns an dara laimh agus an t-airgiod anns an laimh eile, “Seall tu sud an nisarsa Gilleasbuig, “gheibh an litir na brògan agus bidh an t-airgiod agam fhéin.”

Air maduinn àraidh ann am Portrigh, ghabh Gilleasbuig cuairt rathad a chladaich. Chunnaic e bàta ann an sin a bha air tilleadh bhon iasgach. Bha sgiobabhàta shuas am baile agabhail drama, agus chan fhaca Gilleasbuig còir gniomh a biomchuidhe na trosg cho maths a chunnaic es a bhata ghoid. Ghabh e suas gu tigh duinuasal a bhanns a bhaile leis an trosg. Bhuail e an clag agus co thachair a fhreagairt ach an duinuasal fhein. “An ceannaich sibh trosg math?’ arsa Gilleasbuig. “Ceannaichidh,” arsan duine, “agus taing airson fhaotainn.



[331]

[Vol . 6. No. 42. p. 3]

Ciod a phristha thug iarraidh air?” “Tha,” arsa Gilleasbuigtasdan agus glainuisge-bheatha.” Gheibh thu sin mata,” arsan duine. ’Nuair a fhuair Gilleasbuig pàidheadh an truisg, “Nis,” arsesan, “bho nach eil a bheag agam fhein ri dheanamh, theid mi thun an uillt agus glanaidh mi dhuibh e.” “Ro mhath,” arsan duine. Achs ann a dhfhalbh Gilleasbuig leis an trosg agus reic e ann an seachd taighean eile e aig a phris cheudna, ach cha dfhag en trosg aig a h-aon aca, chaidh e air ais leis thun a bhàta as an do ghoid e e. ’Nuair a ràinig e an cladach bha sgiobabhàta ag obair air glanadh an éisg; thilg Gilleasbuig an trosg sios nam measg agus aig an àm cheudna ag radhSud agaìbh a ghillean còire bhur trosg agus ma phaigheas e sibhse cho maths a phàigh e mises math am beathach e!”

Bha ena chleachdadh aig Gilleasbuig sgriob a thoirt gu Tir-mornuair a bhuaileadh ena cheann. Thachair dha bhi air la Sàbaid àraidh ann an Gleannseille, agus co dhiubh se spiorad math no droch spiorad a chuir na cheann dol don eaglais, chaidh e ann. Ghabh e suas feadh na h-eaglais gus an drainig e staidhre na cùbaid, shuidh e aig bonn na staidhre gu socair stòlda, ’s a bhata fodh uchd. Shaoil leis a mhinisteir chòir gur ann bodhar a bha Gilleasbuig, aguss ann a ghabh e bàigh mhor ris a choigreach a shuidh gu diblidh cho faisg air gu éisdeachd. Bha gnothuichean a dol air an aghaidh gu reidh riaghailteach car greiseig gus an dthainig coig no sia de chiobairean len cuid chon a stigh. ’Nuair a thachair na coin richeile thòisich iad air dranndan, agus bha na h-uile coltas air gun robh an aimhreit gu bhi air a bonn. Cha deisd Gilleasbuig an corr, ghabh e siosnam measg lebhata, ach an aite sith a chur orras ann a chuir e h-uile san eaglais an claigeann a cheile. Cha robh am minister fada a caochladh a bheachd air Gilleasbuig. “Bfhearr leam,” arsam ministear ris an luchd dreuchd aige, “gun cuireadh sibh an duine truagh ud a mach as an eaglais.” “Cha ruig iad a leas an dragh a chur orra fhein,” arsa Gilleasbuig, “tha mise fada gu leòr an so agus mas e ceòl feadaireachd tha pailteas an sud dhe do shearmon, moranga ràdhs beaganga dheanamhlatha math leat fhir mo chridhe.”

Ghabh Gilleasbuig a mach agus chunnaic e each bàn an ceangal ri cairt aig ceann na h-eaglais. Chan fhaca Gilleasbuig gniomh a biomchuidhe nan ròp a bhan crochadh ri clag na h-eaglais a cheangal ri earball an eich bhàin; chaidh en sin na shineadh ann an raon arbhair a bha shios fodhn eaglais gus am faiceadh e ciod a thachradh. Cha do chuir an t-each bàn car dheth fhads a bha e faotainn criomadh faisg air, achn uair a theann e ceum no dha a mach, bhuail an clag buille, ’s thug an t-each bàn leum as; agusn uair a thuig e gurann ris fhein a bhan gnothuch an ceangal, chaidh e gu ùpraid, agus, ma chaidh, thòisich an clag; cha robh buile bhuaileadh e nach toireadh crith air an eaglais. Mu dheireadh thòisich an cothional air tighinn a mach, agus a h-uile neach a thigeadh a mach bha e fuireach a muigh, gus mu dheireadh an robh iad am muigh air fad agus am ministeir air an ceann. Bha Gilleasbuig ag amharc orra le subhachas agus e làn riaraichte leis a cho-dhùnadh gus an dthug e seirbheis an latha.

Bhiodh Gilleasbuig air a chòmhdach ann an trusgan math mar bu tric, ad àrd, deise dhubh, agus leine ghealbha uaislean an Eileinga chumail daonnan ann an aodach math; bha e mar sin ullamh air daoine do nach baithne e, a mhealladh, agus a thoirt orrachreidsinn gun robh e rud nach robh e idir. Thainig e air latha àraidh gu tigh ann an oisinn iomallach den dùthaich. Bhuail e aig an dorus agus dheubh e co bha stigh. “Chan eil moran a stigh,” arsa bean an taighe, “thigibh air bhur n-aghaidh.” “Am bheil duine stigh ach thu fhein!” arsa Gilleasbuig. “Tha,” arsise, “tha Iain, fear an taighe, stigh; ach tha e air a leabaidh.” “Ciod e tha cur air?” arsa Gilleasbuig. “Mata,” arsise, “chan eil mi fein ro chinnteach, ach tha e air a leabaidh o chionn choig bliadhna.” “Tha e tuilleadh as fadair a leabaidh,” arsa Gilleasbuig, “achse lighiche a thannamsa agus chan eil fios nach dean mi feum dha.” “Nach mise tha taingeilarsa bhean bhochd, “bhur leithid a thighinn rathad an taighe.” “Cha dthainig a dheireadh ort,” arsa Gilleasbuig, “ciod e thanns a phoit sin air an teine,” arsa Gilleasbuig. “Tha,” arsise, “cearc tha mi bruich do Iain.” “Cearc,” arsa Gilleasbuig, “nan toireadh tu dha cearc anns an t-suidheachadh anns am bheil e an ceart uair, bhiodh e cho marbh ri sgadan agad mun ruitheadh ceithir uairean fichead, ach, thoir thusa dheth a chearc agus thoir dhòmhsi, agus innsidh mi dhuit a rithist ciod a ni sinn ri Iain.” ’S ann mar sin a thachair, thainig achearc dheth agus dhith Gilleasbuig air a shocair fhéin i. “Seall tu nis,” arsa Gilleasbuig, “mar ni thu ri Iain. Tha bo agad a mach aig ceann an taighe agus laogh òg aice. Beir air an laogh agus dean feannadh-builg air, agus cuir seiche an laoigh air Iain, agus cuir fodhn bhoin e, agus mur gabh i ris cuir a h-uile sa bhaile rithe mach air na creagan.” Thog a bhean bhochd a laimh, agus thug i an dorus oirre dhiarraidh dhaoine; chunnaic i gun robh an duine as a chiall. Ach mun do thill i, thug an lighiche am monadh air. Ach an ceann latha no dha thill Gilleasbuig agus eallach air dhe gach seòrsaìm, càise, cearcan agus feòil. Dhfhàg e sud aig achaillich air son Iain, agus cha do chuir an léigh an còrr dragh oirre.

Ach feumaidh sinn ar cead a ghabhail do Ghilleasbuig aig an àm so. Ge be ionad anns am bheil a chòmhnuidh tha dòchas agam gum bheil e sona. Tha mi creidsinn gum bi iomadh latha agus linn mum bi gàire subhach, sunndach luchd-àiteachaidh Eilean-acheò air a dhùsgadh le a leithid a rithist.


CALUM BODHARS AN T-UIRCEAN.

LE FIONN.

On a thuit dhuibh tighinn air Calum Bodhar, tha mi coma, ma chuideachas mo mheothair leam, ged a bheir mi dhuibh sgeul beag, aighearach mun duine chòir so. Mo bheannachd leis, a chuid de Phàras dha! Ged a theirteCalum Bodharris, bha morans abheachd nach robh Calum idir cho maols achlaisteachds a bha ecumail a mach, ach gun robh e cho bior-chluasachs gun cluinneadh e am feur acinntinn, nan robh fàs an fheòirchum a bhuannachd fhéin. Chuala mi fhéin Eòghan-nan-còrn ag radh, ’s iad a bhi bruidhinn air daoine stacach, gun cluinneadh Calum Bodhar cagar no mna-sìth, nan dthubhairt i, “an gabh thu deur, a Chalum?” Abradh iad an rud a thogaireas iad, than seanfhacal ag radh, “Cluinnidh am bodhar gleadhar an airgid,” agus cha be h-aon no dha a dhionndrainn Calum bochdn uair a chaidh a chàradh fon fhoid ann an Cnoc-Aingeal. Achs fheudar teannadh ri msgeulachd. Bha Calum fuasach pongail, curamachn a dhoigh, ’s cho cinnteachs gum faodadh duine a chuid den t-saoghal earbsa ris. Ri mcheud chuimhne-sa, agus is fada bhon da latha sin, be Calum a baon ghille-gnothaich eadar Baile-nan-leac agus an t-Oban Lathurnach, a bha ma dheich mileo cheile. Cha robh seachdains abhliadhna nach faicte Calums an Oban cho cho cinnteachs a thigeadh maduinn Di-màirt, a mhàileid thar a ghualainn agus cuaille de bhata daraichna laimh. Bha muinntir an Oban cho eòlach airs a bha iad airTigh Tiolam,” ’s cho toigheach airs nach dfhàg e riamh an t-Oban air feasgar Dhi-màirt gun ghloinne no dhan a ghoile agus -sgillinn a phòca a chasgadh iotan uair a ruigeadh eTigh-a’ -Phuirta bha eadar e agus Baile-nan-leac. Ma bha màileid Chaluim seang a ruigeachd an Obain chan ann mar sin a bha i an àm fàgail, ’s ann a bhiodh cruachus mullach orra de gach gnè bhathar. Coran do Eòghan-an-Achaidh, tàirngnean do Phara-nan-sliseag, us siùcar do Mhàiri mhòr, tombaca do Dhòmhnull Og, paipear-naigheachd don Mhaighstir-sgoil, agus ciad rud eile nach gabh ainmeachadh. Bha gach ni air a chur cho òrdail anns amhàileids gun rachadh aige air an cuid féin a thoirt do gach neach gun iad a dhfhaicinn ciod a bha an coimhairsnaich a faotainn, ’s bha Calumcho bodhar ri gobhars an fhoghar,” ’n uair a dhfheuchadh daoine ri fhaotainn a mach ciod a bhaiges amhàileid. Is tric a dhfheuch guanagan Tigh-a’ -Phuirt ri Calum a cheasnachadhn uair a bhiodh e a feitheamh an aisig, ach cha do chuir na fhuair iad riamh as, moran rim foghlum.

Lathabha sud chuir Seònaid Thearlaich Oig poca le Calum anns an robh e ri uircean a thoirt dhachaidh dhi á faighir an Obain.

(Air a leantuinn air taobh 334.)



[332]

[Vol . 6. No. 42. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, . . . $1 .00
Sia miosan, . . . .50
Tri miosan, . . . .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig garn ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,’
Sydney, Cape Breton


SIDNI, 15 APRIL, 1898.

A LOCH AINSLIE.

FHIR-DEASACHAIDH: —Bho nach do chuir thu cùl ris a bheagan naidheachdan a chuir mi ugad roimhe tha sin a toirt deagh mhisneachd dhomh gu tuilleadh a chur ad ionnsuidh an uair so.

Bhon a sgriobh mi ugad roimhe chaidh crioch a chur air anderrick ;ach air oidhche na Sàbaidsa chaidh shéid shoirm mhor, dhfhàilnich te de na ceanglaichean, agus thuit i air a tur mhilleadh. Tha iad a cur suas te eile, agus bidh i an aon àirdes a bha a cheud teceithir fichead troighsa dha.

Bhadriveaig Comunn na Deasboireachd an so Di-mairtsa chaidh, agus ged a bhan latha fuar, thionndaidh moran de na daoine òga a mach len cuid eachus nigheannan. Bha ceithir sleigheachan deug ann. Chruinnich iad aig an tigh-sgoile far am bàbhaist dhaibh coinneachadh, agus bha òraidean air an liubhairt le Aonghas Mac Aoidh, Seumas Dòmhnullach, Iain A. Mac Illeathain, Seumas Gillios, agus Iain L Mac Fhionghain; agus piobaireachd le Seumas Gillios. Am measg na cuideachd bha Mr. Hart, agus Mr. Creese á Pennsylvania, agus rinn iad òraidean briagha. A reir coltais tha an dùthaich so agus a daoine a còrdadh riu gu math. Dhfhàg iad an tigh-sgoile aig aon uair, lem piob-mhor air an ceann, agus chaidh iad mun cuairt air an Loch agus air ais. Tha a nis ceithir bliadhna bhon a chaidh an Comunn a chur air chois.

Tha an deigh ann an òrdugh gle mhath an dràst, agus tha fir nan each luath a gabhail cothrim oirre. Bha réis each aca air Taobh an Ear an Loch air Di haoinesa chaidh. ’Se triùir a dhfheucheach le fear MacIlleathain á Glenville, each le fear MacAonghais a mhuinntir an àite cheudna, agus each le fear Johnson á Pictou. Se MacIlleathain a ghleidh.

Bhon tha mi air ruith a mach á naigheachdan bidh mi a nis a co-dhunadh lebhi guidhe soirbheachadh math don MHAC-TALLA. Slàn leat. Is mi do charaid,

AN GILLE DONN.
Màrt 28, 1898.


LITIR BHOC. C.”

FHIR-DEASACHAIDH: —Leugh mi le mor thaitneas litir aChuairteir” ’s a MHAC-TALLA air an t-seachdainsa chaidh. Tha mi gle thoilichtechluinntinn gu bheil mfhear-cinnidh agus mo charaid Aonghas Caimbeil còir fathast beò slan. Bha toil mhor agam o chionn bhliadhnaichean dol ga fhaicinn. Ach ged tha mi air chuairt ghoirid an Ceap Breatuinn, cha mhor gach bliadhna, cha do cheadaich ùine dhomh sin a dheanamh. Bfhearr leam gum burrainn dhomh lathachur seachad maille ris air an t-samhradhs a tighinn; agus co aige tha fhios, ma bhios e-fheins mi-fhein air ar caomhnadh beo, nach faodadh gun tachradh sin. “Coinnichidh na daoines cha choinnich na cnuic.” Chan ann a h-uile latha bhios cothrom aig neach a nis air aon fhaicinn a rugadh anns an ochdamh linn deug. Bu ghle thoigh leam cuid de nithe, tha air lunn dol air di-chuimhne, fhaotainn a mach bho Aonghas Caimbeul. Bha e air son fhaighneachd dhiomsa am bfhios dhomh an robh duine beò air an Eilean so de na thàinig a nall air aPholly.” Chan fhios domh gum bheil. Chaochail àireamh de dhaoines de mhnathanna fior shean aois, bhon thainig mise don Eilean ceithir bliadhna deug air ais, a bhanan leanabain a tighinn don dùthaich so air a’ “Pholly.” Bha mi, o chionn ghoirid, a faighneachd do chaochladh fheadhainn am baithne dhaibh an robh duine fathast beò de na thainig a nall air an t-soitheach ainmeil ud. Cha bfhiosrach iad gun robh aon ann diu a nis. Ach ma tha fhios aig aon de leughadairean a MHIC-TALLA air neach sam bith dhiu a tha beò, tha min dòchas gun toir iad fios dhuinn.

Ur caraid,
C C.
Strathalba, E. P. I., An Giblean 2, ’98


Bhitheamaid toileach, air son math ar càirdean, àitechur air leth anns a phaipear gach seachdain air son ceistean a chur agus a fhreagairt. Neach sam bith aig am bheil ceist ri fhaoighneachd, cuireadh e ugainn i, agus ma mheasas sinn gur ceist fhreagarrach i, cuiridh sinnsa phaipeir i, agus an sin bidh cothrom air a thoirt do aon sam bith a freagairt. Cha teid sinn an urras idir gum bi gach ceist a theid a chur mar sin air a freagairt, oir theid aig amadan air ceist a a chur nach urrainn an duine as glice air an t-saoghal fhuasgladh; ach geallaidh sinn deanamh cho mathsa bhiosnar comas. Bu mhath leinn na ceistean a bhith de sheòrsa a bhiodh a chum fiosrachadh an luchd-leughaidh air fad.


Chaochail Cardinal Tachereau an Cuibeic, Di-màirt. Bha e 78 bliadhna a dhaois.


BATHAR CRUAIDH.

Tha mi a nisecumail Bathar Cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh, Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gun taghal thu orm. Tha mi, mar a babhaist, acreic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha micreic gach ni gle shaor.

AONGHAS MAC LEOID,

Sidni, C. B.


BATHAR EARRAICH.

Deiseachan Fhirionnach air $3 .50, $4 .75 agus o sin suas.

Deiseachan Ghillean air $1 .75, $2 .60, $3 .00, $375 agus $4 .60.

Bathar eile a reir sin. Chan eil stor anns abhaile anns am faigh thu BATHAR MATH cho saor.

Tormad Domhnullach,
SIDNI, C. B.


MacCoinnich & Co.

Tha sinn an deigh stòr ùr taillearachd fhosgladh
ANN AN LOUISBURG,
agus tha sinn aig an àm cheudna acumail air adhart air an t-seann laraich,
ANN AN SIDNI.

Aodaichean Matha dhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.

Theid sinn an urras air an obair.
Mac Coinnich & Co.


C . H. HARRINGTON & CO.
Flur, Min, Ti agus Siucar dhen t-seorsas fhearr.
Soithichean Glaine agus Creadha, math agus saor.
Brogan, Botainnean, Rubbersagus Caiseart de gach seorsa
GAN CREIC SAOR.



[333]

[Vol . 6. No. 42. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Bha coinneamh cléire ann an eaglaisSt . Andrews, ’sa bhaile so, Di-màirt. Bha àireamh mhath de na ministearan cruinn.

Chaidh bristeadh a stigh do àireamh thigheanus stòraichean ann am Moncton, N. B., o chionn ghoirid, agus gus a so, cha dfhuaireadh a mach co tha ris. Thatar a deanamh a mach gum buin na mearilich do Mhoncton fhéin.

Bhrist teine mach anns an fhactori chotain ann aHalifacs a sheachdain gus a bhòn-, agus rinneadh milleadh nach bu bheag leis an uisgega chur as. Bha mu cheithir cheud ag obair anns an fhactoridh aig an àm, ach fhuair iad uile as gu sàbhailte.

Chaidh fear Aonghas Gillios, a mhuinntir Pisquid, E. P. I., a bhàthadh o chionn da sheachdain air ais, ’s e tilleadh feasgar anmoch áMount Stewart.Dhfheuch e ri dhol thairis air an amhuinn air cnap deighe, agus chaill e a bheatha anns an ionnsuidh.

Aig Stanhope, E. P. I., seachdain romhn t-Sàbaid sa chaidh, chaidh Mr. Lanks agus a bhean don eaglais, afagail nighean bheag, aois thri bliadhna, agus a bràthair bu shine a stigh leotha fhéin. Ge be ciamar a ghreimich an teine air aodach na h-ighnne, bha i air a losgadh cho donas nach robh i beò ach beagan ùine an deigh da parantan tighnn dhachaidh.

Tha sia mèinnean guailnan tamh ann anWalesaig aig an àm so. Tha na gualadairean adiùltadh obrachadh, agus chan eil fhios cuin a bhios iad toileach toiseachadh a rithist. Tha da fhichead mile duinenan tàmh. Bha soitheach Ruiseanach air tòiseachadh air luchd a ghabhail aig aon de na mèinneannuair a sguir na gualadairean a dhobair; bha i gus an luchd a thoirt guPort Arthur,ann an China, ach bfheudar dhi a dhol a dhàit eile mun dfhuair i de ghual na bha dhith oirre.

Thachair ni uamhasach air an Amhuinn Mhuileich, faisg air Mabou, Di-satharna sa chaidh. Chaidh an tigh aig Alasdair Domhnullach, (muillear), ’na theine, agus bha dithis dhen chloinn, gille aois sheachd bliadhna, agus nighean aois cheithir bliadhna, air an losgadh gu bàs. Fhuair an nighean bu shine i fhein a shabhaladh le leum a mach troimh uinneig, ach bha i air a goirteachadh gu dona. Bha Mr Domhnullach fhein air a losgadh cho dona afeuchainn ris achloinn a shàbhaladhs gu bheil eagal gun caill e a bheatha. Fhuair a bhean agus achuid eile dhen chloinn (ceathrar) iad fhein a thearnadh. Cha do shabhaileadh sion dhe na bhas an tigh ach an t-aodach oidhche. Tha Mr. Domhnullach agus a theaghlach gle mheasail, agus tha na h-eolaich uile anabarrach duilich air son iad a bhi air am fiosrachadh cho goirt.

Ged is mor an t-ainm a tha dhen Chlondaic agus de Cholumbia Bhreatunnach, tha sgeul a thainig air an t-seachdain so ag innse nach eil an obair ach gle fhad air ais anns na cearnan sin. Neor-thaing nach eil obair ann, moran a bharrachd air na bàbhaist a bhi ann bliadhnaichean roimhe so, ach tha uiread sluaigh air dortadh a stighs nach eil e comasach obair a thoirt dhaibh uile. Chan eil teagamh nach eil moran òir anns aChlondaic, agus nach dean àireamh mhor dhaoine saoibhreas ann, ach tha e cinnteach gun dean amhor chuid dhiubh-san a theid ann na thaca ile chuid an t-saoghail a chosg gun dad air a shon ach annradh agus bochduinn. Cluinnear ann an so iomradh gu leor air an t-saoibhreas a nithear le cuid, ach gle bheag cunntais orra-san nach eil adeanamh am fortain, ach acall abheagain a bhaca; ged a tha fios us cinnt gur iad gu mor as lionmhoire.

Aig àite ris an canarSt . Alexis,ann an Cuibeic, air an treas latha den mhios so, mhort fear dam baimn Poirier, fear dam bainm Martin. Chaidh iad bhar a cheile mu mhnaoi.

Bha an t-Urr. D. Henderson, ministeir na Beinne Guirme, N. S., ann anGlace Bay,seachdain romhn t-Sàbaid sa chaidh, acuideachadh an Urr. Mr. Forbes aig a chomanachadh.

Ann an Lunnainn, an Ontario, air an t-seachdain sa chaidh, bha fear dam bainmTuttleair a mhort le fear Emerson. Bha Tuttlena shealbhadair air tigh cluich, agus be Emerson fear de na cleasaichean a bhaige.

Tha Ban-righ Bhictoria aig an àm so ann an ceann a deas na Frainge, agus tha aimsir bhlath na dùthcha sin atighinn rislainte gu math. Tha i gle mheasail air dùthaich a tha briagha gu nadurra, agus is dùthaich dhen t-seorsa sin an Fhraing. Tha Morair Salisbury air chuairt anns an Fhraing cuideachd, agus adol gu math am feobhas.

Chuir a Bhan-righ àireamh dedealbhan fhéin dhionnsuidh nan saighdearan a bha air an leòn anns na h-Innsean. Thadealbh ri bhi air a chrochadh anns gach seòmar anns na h-ospadail anns abheil iad a faotainn aire. Tha i mar an ceudna a cur chasan-meallta dhen t-seòrsas fhearr a ghabhas faotainn gan ionnsuidh-san a chaill an casan anns achogadh.

Tha na fiosan mu dheireadh a thainig ag innse gu bheil pàrlamaid nan Stàitean an deigh aontachadh gur còir don dùthaich a dhol a ghabhail pàirt nan Cubach. Tha iad ag iarraidh saorsa iomlan a thoirt do na Cubaich, agus tha iad deònach arm-mara agus tire nan Stàitean a chur gan cuideachadh gu sin fhaotainn. Tha e coltach a reir so, nach eil an cogadh ri sheachnadh.

Rinneadh bàthadh muladach aig Allt nam Breac, am Mira, feasgar Di-luain sa chaidh. Bha Domhnull Mac Aonghais, mac do Iain Mac Aonghais, air a bhàthadh air loch uisge a tha faisg air tighathar. Chaidh e mach air an deigh a shàbhaladh coin a bha air a dhol ann an toll; bhrist an deigh fodha, agus chaidh a bhàthadh mun dfhuaireadh a dhol ga chuideachadh. Chaidh a bhràthair a mach gus a chuideachadh, aguss ann air eigin a fhuair e fhéin as lebheatha. Cha dfhuaireadh an corp gu maduinn Di-màirt. Cha robh ann ach duine gle òg, agus cuiridh a bhàs air an dòigh mhuladach so duilichinn air a chairdeans air a luchd-eòlais air fad. Tha co-fhaireachdain againn riathair agus riluchd-daimh.


Iadsan a Phaigh.

Calum Gillios, Blue ’s Mills.
Seòras D. Mac Leòid, an Amhuinn a Tuath.
An t-Urr. D. L. Domhnullach, Brook Village.
Iain A. Domhnullach, Loch Bhlackett.
Iain C. Mac Neill, Narrows Mhora.
Iain Mac Fhionghain, Hogamah. $2 .00
Iain A. Mac Ille-mhaoil, Claverhouse .25c
Murchadh Mac Leòid, Valleyfield ,E. P. I.
Calum Mac Leoid, Valleyfield ,E. P. I. 25c
Aonghas Mac Neacail, Elliots ,E. P. I.
Antoni Buchanan, na h-Eileanan Coille.
Coinneach Mac Gillfhinnein, Dunbheagain, Ont.
Dr. D. Mac Dhiarmaid, Maxville , Ont.
Eoghan Mac Eoghain, Maxville , Ont.
Iain Mac Dhunleibhe, Dun Uilleam, Ont.
Sadie Nic-a- Bhiocair, Ware Mass.
Donnachadh Mac Dhunléibhe, Portsmouth , Ohio.


BAS.

Ann anNew Harris,air an 18mh latha den Mhàrt, Flòiri B. Bhain, nighean òg le Domhnull Bain, aois choig bliadhnas da mhios. Bha i òg, gealltannach, fo dheagh chliù agus measail aig na h-uile bha timchioll an àite so. Ach thubhairt Iosa:— “Fulingibh do na leanabaibh, agus na bacaibh dhaibh teachd am ionnsuidh, oir is ann dan leithidibh sin a ta rioghachd Neimh.


AN T-AITE
Anns an Ceannaich thu
Suic agus Iaruinn Cruinn, Creamers, Soithichean Bainne, Airneis-taighe, Stobhaichean, Flur, Min, etc., etc.
An Stor aig
ISAAC GREENWELL,
SIDNI, C. B.


Gabh Deagh Chomhairle
agus ceannaich gach bathar a bhios a dhith ort bho
MATHESON , TOWNSEND & Co.

Tha stoc mor aca de Bhathar Tioram, Amhlan, Ti, Siucar, Siabunn, agus gach ni eile air an cuir tigh feum.

Tha Adan, Bonaidean, Fluraichean, Itean, agus gach ni mar sin aca do na caileagans do na mnathan.

Tha gach ni a thaca dhen t-seorsas fearr, agusga chreic cho saorsa ghabhas deanamh.

Cha chosg e sion dhut am bathar fhaicinn; bidh na cleirich gle thoileach a shealltuinn.


THAN T-EARRACH
air tighinns an Samhradh gle fhaisg air laimh. Ma tha thu air son Deise no pairt de dheise fhaotainn, taghail aig
Niall Mac Fhearghais,
an Taillear,
agus gheibh thu do dheagh riarachadh. Tha na h-Aodaichean a thaige maths bidh, iad an an deanamh a cheart cho math.
CordaidhObair Riut.


J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsas fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B



[334]

[Vol . 6. No. 42. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 331.)

Rainig Calum an t-Oban, cheannaich en t-uircean, chuir e anns aphoca e, agus dhfhàg em pocas na bhann an Tigh Tiolam, feadhs a bha e ceannach nan gnothaichean eile a bha ri dols amhàileid. Mun àm ghnàthaichte thog Calum air, amhàileid air an darna gualainns am poca anns an robh an t-uircean air a ghualainn eile. ’N uair a rainig e Tigh-a’ -Phuirt bha bàta- ’n-aisig air an taobh eiles chaidh estigh a leigeil analach, afàgail aphoca anns an robh an t-uircean taobh an doruis. Mar a bhan t-olc ann an guanagan Tigh-a’ -Phuirt, de rinn iad ach gun tug iad an t-uircean as a phoca, agus gun do chàraich iad cat mor, dubhn a àite. Thainig am bàta, thog Calum am poca air a mhuin, mhothaich e mar a shaoil leasan an t-uircean asporathiail, agus bha an duine bochd cho bodhar nach robh ecluinntinn mialaich achait. Mu bheul an fheasgair, chunnaic Seònaid Thearlaich Oig, Calum ateannadh ris an tigh, ’s chuir i an fhàilte so air, “An dthainig thuChaluim a laochain?” “ ’S mi a thainig,” arsa CalumThig a stigh,” arsa Seònaid, “tha mi làn chinnteach gun drinn thu do ghnothuch gu pongail.” “Moire! ’s mi rinn,” arsa Calum, “fhuair mi uircean beag, bàn, cho boidheachs a chaidh riamh ann am pocacha robh a leithid eile air an fhaighir.” Le so a radh dhfhosgail Calum beul aphoca, ’s mun abradh tu seachd, leum cat mor, dubh, a mach as aphocas chaidh e as an t-sealladh fon leaba ann an prioba na sùla. “Ni Maithg ar dion!” arsa Seònaid, “than Donus anns amhuic.” “Cha be cheud uair a bha,” arsa Calum, ’s e toirt breab don phoca. “A bheil thu cinnteach gur e uircean a cheannaich thu?” arsa Seònaid, ’s i air chrith leis an eagal a fhuair i. “Moire, ’s mi a tha!” arsa Calum, “agus tha fhios agam a nis ciamar a thachair an gnothach. Cuiridh mi geall gur iad na seòid a bhanTigh Tiolama chuir an cat anns aphocas a ghleidh an t-uircean.” “Nach bu pheacach dhoibh a leithid a dheanamh,” arsa Seònaid. “Cha dthugainn bonn-a- h-ochd air apheacadh,” arsa Calum, “nan dfhàg iad agam an t-uircean; agus thusa, a mhic an fhir ud”— ’s e toirt daoi-leum a bheireachd air achat a bha nis an deigh tighinn a mach fon leaba,— “theid thu air ais anns aphoca so gu maduinn am màireach agus bheir mise an sin thu don tigh ainmeil sin as an dthainig thu,— ‘Tigh Tiolam;’ nach ann agam a bhan droch obair do ghiùlan cho fadas cho cùramach.” An ath mhaduinn rinn Calum moch-éiridh mhor, ’s bha e fhéins an cat dubh air an rathad don Oban mun do bhlas an t-eun an t-uisge. Cha do thachair anail bheo air gus an do ruig e Tigh-a’ -Phuirt. Ged a bha cabhag air Calum cha deanadh ni feum le Ailein Tigh-a’ -Phuirt ach gun tigeadh e stighs gun innseadh e dhoibh an cleas a chaidh a dheanadh airs an Oban. ’N uair a bha Calum bochd ag aithris a sgeòil, chaidh Màiri Ruadh agus sgioblaich i leatha don t-sabhull, am poca anns an robh an cat dubh, a chaidh fhàgail eadar an da dhorus, agus chuir i uircean Sheònaid Thearlaich Oig anns aphoca. Bha h-uile h-aon atoirt barr air a chéile, agus Màiri Ruadh atoirt barr air na h-uile, ann a bhi gabhail truas do Chalum agus a càineadh nan abhaistearan a bha taghalTigh Tiolam.”

Chuir Calum am poca aon uair eile thar a ghualainn, ghabh en rathad cùils cha do leig e anail gus an drainig eTigh Tiolam.” “Sin agad do chat,” ars esan, ’s e toirt urchair don phoca gu taobh eile an tighe. Thug an t-uircean bochd sgiamh cruaidh as, a chualadh Calum e fhéin, bodhars mar a bha e, ’s cha robh fhios aige air uile beathan t-saoghail ciod a theireadh no a dheanadh e. Ghlaodh e mu dheireadhs e air chrith air a chasan,— “Than Donus anns aphoca; bha en riochd uircean an , an riochd cait an raoir, agus Ni Maithg ar tearnadh! tha en a uircean an diugh a rithist.” ShaolTiolamgun robh Calum an deigh a chiall a chall, agus chuir i fios gun dail air an Doctair Bhàn a bha gle eòlach air Calum Bodhar. Thàinig an Doctair an deannadh-nam-bonns chuir en fhàilte so air Calum, “ soille, an deachaidh tu dhachaidh an raoir idir?” “ ’S mi a chaidh,” arsa Calum, “ ’s cha bann do mthoil a thill min diugh.” Dhaithris en so gu réidh, ciallach gach ni mar a thachair, ach aig crioch a sgeòil cha robh an Doctair Bàn noTiolamna bu ghlioca na bha iad roimhe. Cha robh fhios dheanta, bha Calum cho purpail, pongails a bha e riamh, ach cha robhs an Oban na bheireadh air an t-uircean a ghiulan a rithist. ’S ethainig as gun dfheumTiolammac a peathar a chuir air ais le Calum agus an t-uircean. Bhoidich Calum an latha sin nach rachadh uircean air a dhruim gu brath tuille, agus ghleidh e a bhòid gu latha a bhàis. Ged a lean Calum air taghal ann an Tigh-a’ -Phuirt, cha robh achridhaca aideachadh gur i Màiri Ruadh a thug an t-uircean as aphoca. Phòs Màiri Ruadh fear Dhoire-na-Cuthaiges cha deachaidh Calum Bodhar riamh an rathad nach do thaghal e aig Màiri, aguss iomadh làn beòil math a fhuair e uaipe. Rainig Calum aois mhor, bha estreap ri deichus-ceithir-fichead mun do chaochail e, ach dhfhalbh es bu laghach e, shiubhail es bu chiùin e.


TRATHAN NA BLIADHNA.

(Air a leantuinn.)

Ach anns an fhogharadh ged tha broilleach na talmhainn sgeadaichte le culaidh riomhach, lurach, tha sanas air a thoirt seachad nach eil an uine ach gearr gus an caill an snuadh dreachmhor so a shnasmhorachd. Tha na craobhan acrathadh na duilleagan gorma, ’s tha barr an fheoir aseargadh; oir than geamhradh fuar atighinn gun moilledheanadh. Is e so an trath den bhliadhna anns a bheil dubhachas sgriobhta air aghaidh naduir. Tha maise nam beanns nan comhnardan air falbh. Tha na sruthan brasa fuaimneach air an cuibhreachadh le geimhlean cruaidh. Gidheadh tha ailleachdus eifeachd aig a gheamhradh; oir nach en Dia a tha morus glic, ’us tuigseach a rinn an samhradh agus a rinn an geamhradh mar an ceudna?

Rinn thu an samhradh. Tha sinn mar so atuigsinn gur ann bho Dhia, a mhain, a tha sonasus soirbheachadh a sruthadh. Is Esan a dheasaich solus agus grian agus a shuidhich uile chriochan na talmhainn. Thug Dia dhuinn buadhan inntinn leis am faod sinn toileachas nacheil gann no faoin fhaotainn bho na seallaidhean gasda, ciatach leis abheil an saoghal comhdaichte. Tha gliocas mor ra fhaicinn leinn ann an trathan na bliadhna; oir nam bitheadh an geamhradh daonnan ann leghaothan iargalta dhfhasamaid sgith, airsneulach, agus bhitheadh ar comas air sonas saoghalta fhaireachdainns a mhealltainn gu h-anabarrach air a lughdachadh. Tha againn ann an so fein dearbhadh laidir air cia co grasmhor, glicus cothromachsa dhordaich Dia gach ni. Rinn Dia an samhradh. Is e so an raidh anns a bheil tlus, ’us blathsus aghmhorachd adeanadh aghaidh naduir suilbhir, aighearachus tlachdmhor ann an tomhas sonraichte. Tha sunnd, ’us gean, ’us subhachas alionadh an t-saoghail gu leir. Chaneil e comasach do neach air bith, ged dhfhaodas e bhi air a chradh le trioblaid no le euslaint, gun agh, ’us tlachd, ’us faochadh a thrusadh bho lionmhorachd nam beus agus nam feart a bhuineas don t-samhradh. Thaghrian anns an iarmailt shuas gun sgios adortadh a nuas a gath annan priseil agus agiulan aiteis do gach raonus ard-bheann. Than cuan mor, farsuing, luasganach, gun ghruaim, gun stoirm. Thathoirman, a stris a bheucaich a nis aig fois. Tha sobhraichean agus neonainean maiseach agus lionmhor anns na h-achaidhean. Tham fraoch gaganach, badanach asgeadachadh mullach nam beann le culaidh riomhach, agus acrathadh a chinns a cromadh ann an osaig chiuin an anmoich adeanadh gairdeachais do bhrigh gu bheil e fein co boidheach, co anabarrach boidheach. Tha gach faillean no fluran ùrail, dosrach; agus than òg-mhadainn, mar an ceudna, boillsgeanta le driuchd a thadearrsadh ann an solus òg na gréine. Co a ghabhas beachd air an t-sealladh riomhach so nach aidich le ioghnadh gné a Dia a rinn an samhradh.

RENA.


Bean Mhic Dhonuill.— “Ciod e bu mhotha chuir a dhioghnadh ort, an uair a bha thu am Paris?” Bean Iain Shiubhlaich.— “Ubh! ubh! Burrainn don neach a bòigechunnaic mi Fraingis alabhairt. An rud as mhiorbhuiltiche chunnaic mo dha shùil riamh.



[335]

[Vol . 6. No. 42. p. 7]

AONGHAS AGUS AN TARBH.

Tha Aonghas am beachd ma chi aon dhe na coimhearsnaich beothach no ni sam bith eiletha ereic nocur gu margadh, gum bi e dholaidh, no mar a their e fhein, air a ghonadh. Bha tarbh aige ri chur gu margadh bho chionn ghoirid, agus air eagal duinega fhaicinn dhfhalbh e leis air feadh na h-oidhche. An dùil gun deanadh e gnothuch sàmhach dheth leig en tarbh a mach as an t-sabhal agus thòisich e ri iomain roimhesuis, uis,” aige ris. Dhfhalbh am beothach bochd gu h-aotrom uallach, agus dùil aige gur ann a dol air cheilidh gu sabhal dhe na coimhearsnaich a bha e mar is minig a chaidh e. Bha Aongha deanamh co-ghàirdeachas ris fhein air son cho sàmhachs a bha e faighinn air aghart, ’nuair a mhothaich an tarbh don chiad shabhal a bhair an t-slighe, agus air dha gun toil a bhi aige falbh gunfarewellfhàgail aig a dheagh choimhearsnaich, air neo a bhin dùil gun robh e aig a cheann-uidhe, leig e bural as a shaoileadh sibh a sgoilteadh na creagan. Ma leig, fhreagair na beanntan air gach taobh mar gun spreathadh iad bho mhullach gu bonn. Shaoil leis an ainmhaidh bhochd gur e tairbh eilefhreagair e, agusga chur fhein ann an òrdugh catha leig en ath langan as, na bu mhotha, nan gabhadh ebhith, na a chiad fhear, agus ma leig fhreagair na beanntan a rithist leis an dara spreathadh, agus thòisich an ùpraid da rireabhan tarbh a langanaich, na beanntanga fhreagairt, agus gus an gnothach a chrùnadh thòisich coin air comhartaich. Bha Aonghas a fiachain ris an tarbh a chiallachadh, achs ann an sin bu mhiosa bha e dol. Bha Seumas air chéilidh an tigh coimhearsnaich agusnuair a chualen fhuaim a bhann shaoil leis gur ann a dhfhuasgail te dhen chrodh aige fheinsan t-sabhal, agus leig e as cho luaths a bheireadh a chasan e dhachaidh. ’Nuair a ràinig e fhuair ebhean agus an gillenan làn éideadh gufalbh as an tigh agus iad a caoineadh. “De thoirbh?” deir e. Thuirt iad gun robh beuchdail eagallach timchioll an tighe agus gun robh iad a dol a theicheadh, oir gun robh eagal orra gur e an droch-fhear a bhann. “Ach dhfhalbh an rud a bhann,” deir iad. Dhfhalbh Seumas an rathad a bhan ùpraid a dol air aghart. Bha feadhainga choinneachadh agus feadhain a breith air, ’s iad uilann an iomcheist agusnan ruith an rathad a bhan fhuaim fiach de bha ceàrr. Mu dheireadh thainig iad suas ri Aonghas agus ris an tarbh agus mu dhusan gu leth a tathunn ris. Thuig iad an sin ro-mhath de bu chiall don chùis. Bha e farsuinn gu leòr an lath’ -iar-na-mhàireach gun do reic Aonghas an tarbh ruadh. Sin agaibh facal air an fhacal mar a chaidh innse don

GHILLE GHLAS.


Tha toiseach an t-samhraidhna dheagh àm gu tòiseachadh air gabhail MHIC-TALLA.


Tha riaghladh Newfoundland an deigh coig mile dolair a chur air leth air son cuideachadh le bantraichean agus dilleachdain nan daoine a chaidh a chall o chionn ghoirid ag iasgach nan ron. Tha an sluagh mar an ceudna acur moran airgeid cruinn dhaibh.


Am bheil thu pàigheadh air son a phaipeir? Mur eil, bu chòir dhut nàire bhi ort.


Amherst Boot & Shoe Mfg, Co.,
AMHERST, N. S.

AChuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt as ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.

Amherst Boot & Shoe Mfg. Co.


H. D. Mac Ille-Mhaoil,
Stewartdale , C. B.
Cloth,Drogaid, agus PlaideachanEureka.”
Mu dheich air fhichead seor sa aodaichga chreic.
Cloimh air a gabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige neo sgriobh uige.


LEABHRAICHEAN GAILIG.

Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. MacIlliosa 1.10
Gaelic Class Book .35

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte.
Sgriobh gu
J . G. MACKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney, C. B.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C B.


D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C. B.


BADDECK , - - C. B.
Airson a stor a dheanamh nas deiseiles nas feumaile dhaibhsan a thadeanamh gnothuch ris, tha
Albert I. Hart
anise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha achuid sin den ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am BostonsanNew York.Gheibh iadsan a thig ga h-ionnsuidh an
DEAGH RIARACHADH.
BADDECK , - - C. B.


THA EARBSA
aig daoine ann am maidsichean Eddy— ’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha coltach ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum.

Than t-ainm so na urrais air mathas.

THE
E. B. EDDY Co., Limited,
Hull, Canada.



[336]

[Vol . 6. No. 42. p. 8]

Blar Allt-a’ -Bhonnaich.

LE IAIN MAC FHAIDEIN.

(Air a leantuinn.)

Mar reulsan oidhchaboillsgle aiteal
Tha Dùghlasach nan iomadh baiteal,
Gach uair thalann tighinn thar a ghuaille
Bàssa h-uile h-àitem buail e.
Thug gach gàirdean sathadh guineach
S dioghaltas iomadh tàirs gach buille.
An neach bhair làr acall an deò
Ag éibh ri cach, “Na géillibh beò, ”—
Nach uamhasach bhiliodairt slòigh!
Cuingheibh sinn sith air caochladh dòigh?
Ach ghairm an Righ na suinn a thagh e
Gus abhàrr a chur a thaghal.
Nan éideadh dathach gormus ruadh
Ghluais na fineachan o thuath;
Mar choin-sheilg den tilgteadhn iall
Leum Eileanaich na h-airde- ’n-iar
Fo Aonghas Og, ’thug trian den
Us pian an diomhanaisga chràdh.
Thog elamhus shin elann,
Ga chur tri chuir mun cuairt da cheann,
Neo-òraideach am briathran gann
Bi ghairm gu cath, “A nis mo chlann.”
Thog feachd an ìslich iolach ùr
N uair mhothaich iad an taic rin cùl.
Is luath air fonns cha mhall gu astar
An calpa cruinn mun dannsam breacan;
S mar spreaghadh dealain as na neòil
Tha ainm a churaidhseirm om beòil;
Toirm gach gairm-chathmeasg a chéil
Mar thàirneanach á aird nan speur.
Us faobhar lannan shiol nam Fiann
Atoirt mac-talla bàrr nan sliabh.
Dhath-bheothaicheadh as ùr am feachd
Mar dhoineanndublachadhna neart;
Mar ioma-ghaoth obann gaillinn chruaidh
S i meisdeireadh gu onfhadh cuain;
Slabhraidh daorsaus droch reachd
A sgealbhs a sgàineadh dol ma seach;
Us Saorsaseinn o bheinn gu tràigh
Le iolach uasal, uaibhreach, ard.
Chreanaich cridhen naimh roimhn fhuaim
S gach buille bhàis a fhras mun cuairt;
Bhris iad air gach taobhus ghéill,
Afagail ionmhaiss airmnan déigh;
S acur nan spuir as ùr rin siubhal
Bhrùchd am pràbar leis abhruthach.

Bu mhear gu tuaths bu luath gu deas,
Acur na réis mar spréidh air theas,
Mar ghreidh thar sliabh, ’s an fhaoghail bras,
Gun earbsá ni ach luaths an cas;
Mar chearcan tomain thar an stùc,
Us fuaim na lamhach taobh an cùil;
Mar mhaighicha gadhar teannga ruaig
S imaolachadh gu druim a cluais;
Mar ghreasas sionnach sgithna leum,
Us deileann madaidh as a dhéigh;
Mar sgàirneach bearraich leis aghleann,
A dhfhuasgail aiteamh as an stall;
Mar thuill nam meall troimh isleach chluain,
S na uillt le ràncur thar am bruach.
Tha sgeul ri inns aig crìoch gach cogaidh,
S dhùin an oidhchair Allt-a’ -bhonnaich.


Air aGhille tha mo Run.

SEISD.

Air aghille tha mo rùn,
Tha mo rùn air aghille;
Bhon a thug thu rium do chùl,
Be mo dhùrachd thu thilleadh.

S ann a fhuair thu darach òg
N Apainn bhòidheach nan gillean;
S beag an t ioghnthu dheirigh suas
Ann an uaisles an grinneas.

S meanglan thu dan chraobh nach lùb,
Gur tu fiuran do chinnich;
Leathanaich nach lùbs an streup,
S chan eil beum air aghille.

Falt do chinn tha dualach, dlùth,
Danail cùbhraidh, ro-mhilis;
Da shùil mheallach, chorrach, chiùin,
S tu mo rùn de na gillean.

S ro-mhath thig sud do mo rùn,
Boineid -ghorm as iteag;
Feileadh preasach nam ball dlùth,
Claidheamh-cùil agus biodag.

Tha thu ro-mhath air an t-sliabh,
Thoirt nan eun bharr na h-iteig;
Gunna dubh a leagadh fiadh,
S earbag riabhach an fhirich.

Nuair a rachadh tun tigh-òsd’,
S tu nach soradh an gini;
Bhiodh na botail air a bhord,
Cach gan òls thu gan sireadh.

S ann am Muile nam beann fuar,
Tha mo luaidh de na gillean;
Dhaithnichinn thumeasg an t-sluaigh,
Leis na h-uaislean atighinn.

Feasgar Nollaigdol gu bal,
Loisg as chraidh sud mo chridhe;
Gach fear le nionag aigair lamh,
S fear mo ghraidh-sa gun tilleadh.

S de ma theid thu don taobh tuath,
Gum bu luath ni thu tilleadh;
Tha na nionagan an gruaim,
Bho nach dfhuair iad an gille.

Gu bheil minntinn-sa cho trom,
Ri luing mhor air bheag sgiobaidh;
Bhon a dhfhalbh an gille donn.
Thogadh fonn air mo chridhe.

Their mo mhathair rium gach uair,
Eirich suass tog do mhisneach;
Ged than gille fada uait,
Cha bhi gruaim airnuairthig e.”

S tric mo shuil thar achuain,
Feuch den taobh ni thu tighinn;
S ged a chi mi gillean òg,
Cha tog bron air bharr mo chridhe.

Sann am Muile nam beann ard,
Tha mo ghradh de na gillean;
S ged nach dthug thu dhomh do lamh,
Do dheoch-slainte cha tillinn.

Air a ghille, etc.


Chaidh an t-òran so a chur ugainn le Mr. Donnachadh Mac Dhunléibhe, fear-lagha, a Portsmouth, an Ohio. Bha cuid de na ceathrannan anns an àireamh mu dheireadh, ach tha sinn aclò-bhualadh an iomlain air an t-seachdain so. Tha sinn fadan comain Mhic Dhunléibhe.


Tha iadsan a thacladhach air son na h-olla aig Loch Ainslie an deigh fiach àireamh mhiltean dolair de dhuidheaman a thoirt don àite.


AITE COBHAIR.

Labhair an t-Urr. T . C Mellor, Rural Dean, Christs Church Rectory, Guysboro, N. S. ,mu K. D. C. o chionn ghoirid anns na briathran a leanas: “Tha mi gle thoilichte bhi comasach air teisteannas a thoirt mu luach K. D. C. airson cion-cnamhaidh. Bha mi fulang le droch stamaig ach leighìs K. D. C. mi. ’Nuair a dhfhairicheas mi e tuilleadh rium, gabhaidh mi K. D. C. agus leighsidh e mi gun dail. Molaidh mi K. D. C. ge be àiten teid mi.”

An urrainnear dearbhadh as fhearr na so iarraidh. Tha sinn ag radh gur e K. D. C. an leigheas as fhearr a thann air cion-cnamhaidh. ThaK . D. C. Pillsanabarrach math air tinneasan-cuim, agus ma ghabhar iad comhla ri K. D. C. leighsidh iad teanntachd.


[Dealbh]
Tha sinn a nisenar luchd-gnothuich aig a
CHANADACARRIAGE Co. ,
air son Eilean Cheap Breatunn. Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead lecheannach uainne.

F . FALCONER & SON.
DIOLLADAIREAN.
Sidni, C. B.


Tha sinn a cumail an aite so do
MACDONALD , HANRAHAN & CO. ,
Nuair a gheibh iad am bathar ur a stigh, bidh tuilleadh aca ri radh rin cairdean.


CAIT AM FAIGH MI?
Saibh, Glasan, Luaidhe, Sgeinein, Lainntearan, Sguabaichean, Paipear-tearra, Paipear-tubhaidh.
Olla, Fudar, Glaine, Siosaran, Tairnean, Bucaidean, Tuaghannan.
GHEIBH AIG
C . P. MOORE,
Sidni, C. B.


Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIGOs cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.

titleIssue 42
internal date1898.0
display date1898
publication date1898
level
reference template

Mac-Talla VI No. 42. %p

parent textVolume 6
<< please select a word
<< please select a page