[337]

[Vol . 6. No. 43. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 22 APRIL, 1898. No. 43.


AM BI COGADH ANN?

Is e socheist chudthromach a tha mile duinefoighneachd aig an àm so. Gun teagamh tha neoil bhagrach, dhuaichnidh acomhdachadh an duigh, cearna no dha den t-saoghal. Tha na Cubanaich fathast ann an staid neo-shuidhichte, luasganach, mi-chiatach. Tha iad gle eolach air aramach a dheanadh, oir rinn iad iomadh oidheirp air ughdarras nan Spàinnteach a thilginn air falbh, agus an saorsa riaghlaidh fhaotainn no a chosnadh doibh fein. Is e so eachdraidh nan Cubanach: gur e daoine breun, iargalta, ceannairceach a tha annta, ’s gu bheil e duilich an cumail ann an seasgaireachd. Tha fuil nan daoine gealas nan daoine dubhas nan Innseanach ann an cuislean nan Cubanach. Is e da rireadh, eilean laghach, beartach, torach a tha ann an Cuba. Than siùcar agus an tombacas fhearr acinntinn anns an eilean so. Tha uine mhor a nis on thoisich an t-aramach mu dheireadh ann an Cuba. Ged bha, agus ged tha, feachd lionmhor aig na Spàinntich ann an Cuba, —oir is ann doibhsan a bhuineas an t-eilean, —cha chuala mi fhathast gu do ghleachd iad aon bhlar gaisgeil, no gu dfhuair iad aon bhuaidh air na Cubanaichs air an aramach. O cheann uine ghoirid chaidh aon de longan-cogaidh nan Staidean, am Maine, ’chur as a cheiie ann an doigh chianail, thrioblaideach. Bha i aig Habhana, aon de bhailtean Chuba. Air feasgar la sonruichtenuair a bha gach seoladairna luidhe nona chadal, chaidh an long as a cheile. Bhrisd teine eagalach a mach, agus chaidh da cheud agus tri fichead seoladair a losgadh nomharbhadh. Is e da rireadh, tuiteamas muladach, basmhor a thachair don Mhaine. Tha, agus bithidh, iomadh teaghlach anns na Stàidean bronach gu leoir, do bhrigh gu do chaill caraid caomh a bheatha, gun iochd no forbhais, an uair a chaidh an long-cogaidh Mainelosgadh agus a sgrios. Mar bha iomchuidh, chaidh ceasnachadh a dheanamh air an aobharus air an doigh anns an deachaidh am Maine a mhilleadh gu buileach. Tha na Stàidean acreidsinn gur ann bhon taobh a muigh a thainig an t-olc non cumhachd mosach, aingidh a sgrios an long eireachdail, agus a chuir gu bàs tiamhaidh, iomadh ceatharnach gaisgeil, gasda. Tha na Spainntich acumail a mach gur annna cridhe fein a bhan teine uamhasach a loisg an long agus a mharbh àireamh mhuladach desaighdearanus deseolaidearan. Tha, gun teagamh, gach long-cogaidh agiulan iomadh ni loisgeach air am bi feum aice ann an latha na comhstri an aghaidh naimhdean a dùthcha. Cha chreid MAC-TALLA no mi fein gur robh iarrtus air bith aig uachdaran na Spàinne air gniomh co aingidh, bruideil a dheanamh. Chan urrainn ebhith gu robh iad co amaideach, eu-ceilidh, an-iochdmhors gu cuireadh iad crioch eagalach air aMhaines air a seolaidearan am feadh a bha i feinus na Staidean ann an siths ann an seasgaireachd le cheile. Tha dochas laidir aig gach neach a tha truacanta, direach, caoimhneil, gu faic an saoghal gu leir ann an uine ghearr, dearbhadh diongmhalta, soilleir, nach robh coire air bith aig na Spainntich airson an tubaist mhuladaich, udlaidh a thachair don long-chogaidh, am Maine. Tha moran ann am Pàrlamaid nan Stàidean a tha gun gliocas, gun tuaiream aglaodhach a mach gu feum na Staidean air ball, le deifir anabarrach, agus, gun moille air bith a dheanamh, toiseachadh air cogadh geur, fuileachdach an aghaidh nan Spàinnteach agus airson saorsafhaotainn le faobhar achlaidheimh do na Cubanaich. Aidichidh gach duine gu tainig an t-àm anns an coir crioch a chur air gach aimhreitus aramach ann an Cuba. Tha na Cubanaich afuiling ocraisus iomadh deuchainn eile; ’us tha na h-achaidheanus na comhnardan acafàs gun bhrigh, gun fheur, gun fhochann, gun ciribh mhilis shiùcair, no lus fhallainn thombaca. Nochdaidh na Stàidean caoimhneas sonruichte do na Cubanaich, ma ni sith eadar na Spàinntich agus iadsan. Feumar an fhirinn innseadh, gur e daoine borba, iargaltatha anns na Cubanaich iad fein; agus ged gheibheadh iad an saorsa am maireach, cha deanadh iad ach buil gle bhochd dheth. Is e Breatunn, agus Breatunn a mhain, a tha comasach air Cubariaghladh agus air laghannan cearta, seasmhach a chur an gniomh anns an eilean ud. Tha Mac Fhionnlaidh, Ceann-suidhe nan Stàidean, a nochdadh moran tuigse, ’s gliocais, ’us foighidinn aig an àm so. Tha e soilleir gu bheil meas mor aige air sithus cairdeas am measg nan rioghachdan. Ma dhfhaoidte, mun teid an litir sochlo-bhualadh, gu tig crioch air gach ceistus dragh a tha eadar an Spàinn agus na Stàidean. Tha cogadh ri bhi air a sheachnadh, oir bheir e leis call, aimhreit, losgadh, ’us milleadh, ’us tuir, ’us fearg, ’us naimhdeas bruideil, eucorach. Is e boirionnach gleusda, tuigseach, tapaidh a tha anns abhantrach, Bàn-righ na Spàinne. Chaochail an righ ris an robh i posda ann an tus a laithean, oir bha e breoite, euslainteach. Nam bitheadh saoghal fada aige thogadh e an Spàinn gu h-inbhe ard, urramachus cumhachdach am measg rioghachdan na talmhainn; oir bha e teoma, glic, eudmhor, gaisgeil agus firinneach. Is ro-mhaith a fhuaradh abhantrach gus an àm so, oir chum i sios gach trioblaidus aramach anns an Spàinn, agus tha ig altrum an righ oig gu curamach, uasal, ceart. Chan eil ioghnadh air bith, mata, gu bheil i deonach gu bi gach eileanus aite eilebhuineas don Spàinn ann an cearna air bith den t-saoghal, air an dions air an gleidheadh don oighre òg, a mac fein. Tha dochas laidir aig MAC-TALLAs agam fein, gu faigh an Spàinn agus Cuba doigh air sith fhaotainn, a bhitheas taitneach doibh le cheile.

CONA.


URSGEUL POLACH(POLISH. )

Bha seann duine agus a bhean abruidhinn ri chéile agus acur an céill an uiread gràidh agus a bha aca da chéile.

Tha an uiread gràidh agam dhuit,” arsan duine, “agus nam bàsaicheadh tu, nach bitheadh moran saoghail agamnad dheigh.”

Agusnam bàsaicheadh tusa,” ars abhean, “cha mhairinn uair an deigh dhuit siubhal.”

Agus ghlaodh iad á beul a chéile, “Gun ceadaicheadh Ni-Math dhomh caochladh romhad.”

Gu h-obann, agus gun rabhadh, thainig buille anns an dorus. Be an t-Aog a bha ann, ag iarraidh a stigh.

Droch sgiorram air achùis,” ars am fear, “Cha leig an cràdh a thanam lurgnean leam gluasad ceum; rach thusa a dhfhaicinn ciod e tha bhuaithe.”

Cha leig an lòinidh leam coiseachd; rach fhéin a dhfhosgladh an doruis.”

Ach sgithich an t-Aog afeitheamh, agus sguab e iad maraon leis.


Innis dhomh, a Sheumais, co chuidich thu anns an sgriobhadh so?”

Cha do chuidich fear sam bith leam, le ur cead, a mhaighstir.”

Bu mhath leam gun innseadh tu an fhirinn domh. Nach e do bhràthair a chuidich thu?”

Chan e, le ur cead. Sgriobh e a h-uile facal dheth e fein.”



[338]

[Vol . 6. No. 43. p. 2]

SGEULACHDAN ARABIANACH.

VII. —SINDBAD AN SEOLADAIR.

CAIB. XIII

An la-iar-na-mhaireach thainig na h-aoidhean air ais don tigh aig Sindbad a chum gun cluinneadh iad mar a thachair dha air an t-seachdamh turus a dhfhalbh esheòladh. Ghabh iud an dinnear mar a bàbhaist dhaibh, agus an uair a bha i seachad, thoisich Sindbad ri innseadh a naigheachd mar a leanas:—

An uair a thill mi dhachaidh bhar an t-siathamh turuis, leig mi as mo cheann buileach glan falbh on taigh gu brath tuilleadh; oir, a bharrachd air gun robh mi air tighinn gu leithid a dhaoiss gum feumainn fois a ghabhail, chuir mi romham nach cuirinn mi fhein ann an cunnart mar a rinn mi iomadh uair roimhe, gu bràth tuilleadh; agus mar sin, bha min dùil gun caithinn na bha romham dhe mshaoghal aig foiss aig samhchair.

Air latha araidh an uair a bha mitoirt aoidheachd do chairdean a thainiggam amharc, thainig aon dhe na seirbhisich agus thuirt e rium, gun robh fear a dhoifigich an righ ag iarraidh mfhaicinn. Dheirich mi on bhord, agus chaidh mi far an robh e. “Chuir an righ mise far am bheil thu,” arsesan, “a dhinnseadh dhuit gum bheil toil aige bruidhinn riut.”

Lean mi an t-oifigeach don luchairt, far an dthugadh an lathair an righ mi. Chuir mi failte air le mi fhein a shineadh air an urlar aig a chasan mar bu choir dhomh.

A Shindbad,” arsesan, “tha feum mor agam ort. Feumaidh mi do chur le litir agus le tiodhlac a dhionnsuidh righ Sherendib. Is e mo dhleasdanas caoimhneas a nochdadh dha mar a nochd e fhein dhomhsa.”

An uair a chuala mi so chuir e dragh mor orm. “A Cheannaird nan creidmhach,” arsa mise, tha mi deas gu ni sam bith a dheanamh a chuireas sibh mu mchoinneamh; ach tha mi gu h-umhail aguidhe oirbh gun toir sibh fa near na trioblaidean mora troimhn deachaidh mi. A bharrachd air sin, thug mi boid nach rachainn gu brath tuilleadh am mach a Bagdad.” An uair a thuirt mi so ris, thug mi dha mion-chunntas air gach ni a thachuir dhomh air na sia tursan a bha mi air falbh roimhe sid, agus dheisd e rium gu foighidneach gus an do chuir mi crioch air na bhagam ri radh.

An sin thuirt e, “Tha mig aideachadh gum bheil na dhinnis thu dhomh anabarrach iongantach, agus gun dfhuiling thu trioblaidean neo-chumanta. Ach air mo shon fhein, feumaidh tu falbh air an turus air am bheil mig ad chur. Chaneil agad ri dheanamh ach a dhol gu ruige Serendib, agus an teachdaireachd a bheir mise dhut a thoirt seachad. ’Na dheigh sin faodaidh tu tilleadh dhachaidh. Feumaidh tu falbh; oir tha fhios agad nach biodh e iomchuidh no measail dhomhsa a bhith fo fhiachan do righ an eilean ud.”

An uair a chunnaic mi gun robh e muighs am mach suidhichte gun cuireadh e air falbh mi, thuirt mi ris gun robh mi deonach falbh. Bha e gle thoilichte, agus dhordaich e mile bonn oir a thoirt dhomh gus mo chosgais a phaigheadh.

Ann am beagan laithean rinn mi deiseil gu falbh, agus cho luaths a thug an righ domh an litir agus an tiodhlac, chaidh mi do Bhalsora far an deachaidh mi air bord luinge. Fhuair sinn soirbheas cho maths a dhiarramaid.

An uair a rainig mi Serendib, dhinnis mi don na comhairlich gun robh teachaireachd agam a dhionnsuidh an righ, agus ghuidh mi orra innseadh dha gun dail gun robh toil agam bruidhinn ris. Rinn iad so; agus thugadh mise don luchairt le meas agus le urram. Thug mi umhlachd don righ anns an doigh ghnathaichte. Dhaithnich e anns a mhionaid mi, agus bha aoibhneas mor air a chionn gum faca e mi aon uair eile. “O Shindbad,” ars esan, “is e do bheatha. Air mfhacal gun robh mismaiointean gle thric ort on a dhfhalbh thu a so. Tha mo bheannachd air an latha anns an do thachair sinn ri cheile aon uair eile.”

Thug mi taing da air son a chaoimhneis, agus thug mi dha an litir agus an tiodhlac a chuir an righg a ionnsuidh, agus ghabh e iad gle thoilichte.

Ben tiodhlac a chuir an righga ionnsurdhaodach-buird oir a bfhiach mile bonn oir; leith cheud deise de dhaodach luachmhor; ceud deise eile de dhaodach geal a bha anabarrach grinn, agus a rinneadh ann an Cairo, ann an Cusa, agus ann an Alexandria; leaba rioghail de chriomsan, agus leaba de sheorsa eìle; soitheach agate a bha anabarrach luachmhor. Chuir e mar an ceudna bord anabarrach briagha ga ionnsuidh, agus bha e air aithris, gur ann aig righ Solamh a bha en toiseach.

Be so na briathran a bhann an litir an righ:—

Failte ann an ainm an righ a tha treorachadh dhaoine air an t-slighe cheirt, an righ sona agus cumhachdach, O Abdallah Haroun Alraschid, a chuir Dia ann an ionad urramach, an t-ionadsan robh na daoine on dthainig e:

Fhuair sinn bhur litir, agus thug i aoibhneas dhuinn; agus tha sinn acur na litreach so dor n-ionnsuidh o ard-chomhairle na rioghachd; o ar daoine deadh-fhaclach. Tha sinn an dochas, an uair a sheallas sibh oirre, gun tuig sibh gum bheil deadh run againn dhuibh, agus gun toir i toileachadh dhuibhSlan leibh.”

Chord an litir so gu h-anabarrach math ri righ Serendib. Beagan uine an deigh domh mo theachdaireachd a thoirt seachad, dhiarr mi cead falbh dhachaidh, ach cha robh an righ deonach mo leigeadh air falbh. Mu dheireadh fhuair mi cead falbh, agus thug an righ dhomh tiodhlac a bha gle luachmhor.

Gun dail sam bith chaidh mi air bord luinge gu tilleadh dhachaidh, ach gu mi-fhortanach cha deachaidh leam cho maths bu mhiannach leam.

An ceann tri no ceithir latha an deigh dhuinn seoladh thachair long-spuinnidh ruinn; agus o nach robh airm againn air bord, ghlacadh sinn ann an tiotadh. Bha cuid dhen sgiobadh acurnan aghaidh gu laidir, ach chaill iad am beatha air a shaileamh sin. Ach o nach do chuir mise agus achuid eile dhen sgiobadh an aghaidh nan spuinneaadairean, cha do mharbh iad idir sinn, on a bha run orra ar reic mar thraillean.

Thug iad dhinn a h-uile ball aodaich a bhoirnn, agus chuir iad umainn seann aodach luideagach, salach, agus thug iad leotha sinn do dheilean iomallach far an do reic iad sinn.

Be marsanta saoibhir a bhanns an fhear a cheannaich mise. Thug e leis mi dha thaigh fhein. Bha e gle chaoimhneil rium, agus thug e dhomh deadh dheise ri chur umam.

Beagan laitheanna dheigh sin, agus gun fhios aige co mi, dhfheoraich e dhiom an dionnsaich mi ceaird sam bith. Thuirt mi ris nach bfhear-ceairde mi idir, ach gur e bhannam marsanta, agus gun do reic na spuinneadairean mi an deigh dhaibh mfhagail lom falamh.

Ach innis dhomh, arsesan, “an aithne dhut sealg a dheanamh le bogha-saighead?”

Thuirt mi ris gun robh micleachdadh a bhithsealg le bogha-saighead an uair a bha mi og, agus gun robh mi smaointean nach do dhichuimhnich mi fhathast e. Thug e dhomh bogha agus saighdean, agus thug e leis mi air a chulthaobh air muin elefant, agus cha do stad e gus an drainig sinn coille mhor, fharsuinn a bha astar math air falbh on bhaile. Chaidh sinn astar math a steach don choille mun do stad sinn. Dhiarr e orm tighinn air lar, agus an uair a chomharraich e mach craobh mhor dhomh, thuirt e rium, “Dirich suas don chraoibh ud, agus tilg saighdean air a h uile elefant a thlg dluth dhut; oir tha moran dhiubh anns achoille so. Ma thuiteas a h-aon dhiubh, thig thu le fios ugamsa.” An uair a thuirt e so dhfhag e biadh agam, agus thill e fhein don bhaile.

Bha mi anns achraoibh fad na h-oidhche, ach chan fhaca mi aon elefant fad na h-uine. Ach air an ath mhaduinn, cho laaths a dheirich a ghrian, chunnaic mi àireamh mhor dhiubh. Thoisich mi air caitheamh shaighdean orra, agus mu dheireadh thuit te dhiubh. Theich eachs amhionaid, agus fhuair mise cothrom air a dhol a dhinnseadh do mmhaighistir mar a chaidh leam.

An uair a chuale mar a rinn mi, thug e dhomh deadh bhiadh, nochd e dhomh mor chaoimhneas, agus mhol e mi air son cho maths a linn mi.

Na dheigh sin, chaidh sinn, le cheile don choille, far an do chladhaich sinn toll gus an elefant a chur ann. Agus an uair a ghrodadh i, bha esan gu tighinn a thoirt nam fiacal aìsde gus an reic.



[339]

[Vol . 6. No. 43. p. 3]

Lean mi air an obair so fad da mhios, agus bha mi a marbhadh elefant a h-uile latha. Achraobh air am bithinn aon latha cha bann oirre a bhithinn latheile.

Air maduinn araidh an uair a bha mi ag amharc air an son, thug mi an aire, le mor ioghnadh, an aite dhaibh gabhail seachad orm troimhn choille mar bu ghnath leotha, gun robh iad a gabhail direach far an robh mi, agus fuaim eagallach acaga dheanamh. Bha leithid ann dhiubhs gun robh iad acur na talmhainn air chrith. Chuairtich iad a chraobh anns an robh mi; agus bhan gnois sinte suas ris achraoibh, agus bha iad ag amharc orm gu geur. Chuir an sealladh a bhann a leithid a dheagal orms gun do thuit am boghas na saighdean as mo laimh air an lar.

Bha fior aobhar eagail agam; oir an deigh dhaibh a bhith greis ag amharc orm, chuir an te bu mho dhiubh a gnos mun chraoibh anns an robh mi, agus spion i as a bun i, agus thilg i air an talamh i. Thuit mise comhladh ris a chraoibh, agus thog an elefant mi na gnos, agus chuir i air a muin mi, far an robh mi na bu choltaiche ri duine marbh na ri duine beo. Dhfhalbh i leam, agus cachga leantuinn. agus cha do stad i gus an drainig i monadh ard far an do leig i as mi air an talamh, Cha bu luaithe a leig i as mi na dhfhalbh i fheins cach, agus dhfhag iad an sid mi.

Is gann a thuigeas duine sam bith an suidheachadh anns an robh mi. Bha duil agam fad na h-uine gur e bruadar a bha mifaicinn.

An uair a bha mi greis mhathnam shineadh, agus a chunnaic mi gun dfhalbh iad, dheirich mi, agus ciod a biongantaiche leam na mi fhein fhaotainn air mllach monaidh a bha ard, farsuinn, agus a bha comhdaichte le cnamhan agus le fiaclan elefant. Tha mig aideachadh gun do chuir an sealladh so gu moran smaointean mi. Chuir an gliocas a bhanns na h-ainmhidhean moran ioghnaidh orm.


MAR CHAIDH NA CAIT A CHRUIDHEADH.

LE IAIN MAC PHAIDEIN.

Cha robh bothan anns gach còiseig agus cluaineig fhasgaich, ann an sealladh agus ann an eisdeachd onfhadh achuain shiar, eadar an Rugha-Murchacach, agus Maol na h-Oan Ile, anns nach cluinnteadh sgeul air Eòghan aChinn Bhig, an uair a chruinneachadh cuideachd comhladh, a chur seachad na h-oidhche gheamhraidh ann an tigh coimhearsnaich. Agus cha robh muinntir Lag a’ -chreagain dad air dheireadh air muinntir àite sam bith eile eadar an da rugha a dhainmich mi, ann an eolas air stadagan an eich ruaidh aig Eòghan. Ach tha e air innseadh dhuinn gun deirich Pharaoh anns an Eiphit do nach baithne Eòghan, agus mar thuirt Dùghall Mac Phail anns an Dàn sin, “Cath Alma, ”—

Thug an Russach ionnsuidh fhuilteach
Air an Tuirc le fòirneart.”

Thug am ministear a bhann a sud, ionnsuidh fhuilteach air Eòghan aChinn Bhig, air son cuir as da, ach tha Eòghan righinn, ’s iomadh geamhradh a chuir e seachad. Chan fhoghnadh leis amhinistear a bhig radh nach robh Eòghan ann a nis, ’s ann a dhfheuchadh e ri dhearbhadh á eachdraidh nach robh Eòghan riamh ann. Rinn am ministear Gilleasbuig Ruadhna fhoirbheach, agus gu cinnteach nan abradh am ministeargug,” dhabradh Gilleasbuig, “gug, gug.” Thainig duine mor, beartach as an airde deas, agus cheannaich e oighreachd Dhruim-buidhe ann an sgireachd Lag-a’ -chreagain, agus rinn e moran atharrachadh air an àite, le bhi togail thaighean ùra, agus a cur coille; thog e sreth thaighean fon aon mhullach air son luchd obair, airn do chuir e mullach iaruinn, rud nach facas san àite riamh roimhe; ach leis nach robh lobhta no linntidh sam bith fo iaruinn, chluinnteadh tu guth nan sìontan gu math soillears tu ann ad shuidhe aig taobh an teinecho soillears gun dthuirt Dughal Mac Uilleam gur h-iad taighean gasda bhanntan uair a bhiodh an t-uisge no chlach-mheallain ann, do neach a bhiodh air acras tighinn a stigh ann a h-aon diu, a chionn gun dthugadh an fhuaim a bhiodh ri chluinntinn air an neach sin a chreidsinn, gun robh a mhuic-fheoilga ròsadh air aghealbhan. Ach co-dhiu thachair air oidhche shonraichte gun dthainig Gilleasbuig Ruadh, am foirbheach, air thuras á Lag-a’ -chreagain gu ruig an Druim-buidhe, agus chuir e seachad an oidhche ann an tigh caraid dha féin ann an aon de na taighean ùra a dhainmich mi, agus chuir e seachad a chuid bu mhò den oidhche amineachadhs aleudachadh air goraiche na muinntir sin a bhios acost an uine ri ceol gun fheum, ’us òrain amaideach, faoin, sgeulachdan agus an lithidean sin. Bha duine eile a chòmhnaidh anns na taighean ùra, ris an abradh iad Paruig-Breac; bha Paruig air an oidhche udna shuidhe aig taobh a theine féinn uair a thainig gille òg a mhuinntir abhaile a stigh. “An tuh ann, a Dhomhnuill?” arsa Paruig, “càite an robh thu cur seachad na h-oidhche gus a so?” “Bha mi,” arsan gille, “ann an tigh Iainic Ailein.” “ tha dol a sin a nochd?” arsa Paruig. “Chaneil moran,” arsan gille. “Tha Gilleasbuig Ruadh á Lag-a’ -chreagain a stigh.” “Tha iad an deigh foirbheach a dheanamh de Ghilleasbuig,” arsa Paruig. “Tha bhlàths abhuil,” ars an gille, “tham Biobull aige air a theangaidh.” “Ciod e bha e toirt dhuibh as aBhiobull an nochd?” arsa Paruig. “Thug e dhuinn ainmeanan na Fineachan a bha togail an Teampuill comhla ri Nehemiah, agus mhol e foighidinn Iob, agus an lamh a bhaig Noah air an tsaoirsinneachd.” “Nach do chàin e neach sam bith?” arsa Paruig. “Cha do chàin,” arsan gille, “e neach sam bith ach am fear a thatar acàineadh gun stad an drasd, ‘Eòghan aChinn Bhig. ’” “Eoghan bochd,” arsa Paruig, “cuiridh iad as dha gu buileach air agheamhradh soach chan eil fhios nach faic cuideigin egearra-leum mun tig an t-earrach, agus mar gum bann a leigeil fhaicinn dhoibh, nach eil e dol dad air ais, cha ghabhainn-sa iongantas ged a bhiodh an leum sin an comhair-a- chùil, eadar an Garbh-lios agus Dùn--ghaoth. Ach bha Iain Mac Ailein fein ag radh ris na cùisean, agus gu sònraichte, bha Màiri Bhàn, a mhàthair cheile, ag radh?” “Chaneil,” arsan gille, “mar is math tha fios agaibh, aig Iain Mac Ailein ach an aon fhreagairt air son a h-uile rud a chluinneas e, agusse sin,— “Tha fios air a sin, tha fios air a sin!” aguss iomadh uair a thuirt e na briathran sin a nochd; agus a thaobh Màiri Bhàin, cha dthainig smid as a ceann fads a bha misestigh.” “Tha mi direachgad chreidsinn,” arsa Paruig. “Ach a Dhomhnuill,” arsesan, “falbh a nunn far abheil Iain Griasaiche agus iarr air crioman ròiseid a thoirt dhuit, agus faigh greim air ceathrar no coignear de na balaich as pongala as aithne dhuit, agus cuir a stigh far a bheil misiad.” Dhfhalbh an gille air a thurus; fhuuir e na balaich gun mhoran dragh, ach cha robh an ròiseid cho furasda fhaotainn, ged a bha Iain Griasaichena dhuine cho fialaidh ri neachs abhaile, mu ni sam bith eile a bhaige; bha e fuathasach spiocach mun ròiseid, agusn uair a thill an gille leis achrioman a fhuair e, thuirt Pàruig gum feumadh iad a sheachd uiread eile, ’s chaidh fear an déidh fir a chuir air falbh a dhiarraidh tuillidh, gus an deach triùir a chur air falbh, agusn uair a thill an treas fear cha robh leith gu leòir de ròiseid aca, ach dhaithnich am fear mu dheireadh air briathran Iain nach ruigeadh neach leas dol a dhiarraidh tuillidh ròiseid air an oidhchud, a chionnse thuirt Iain, “Sgriosaidh iad mise a cumail ròiseid riu, tha mim feum an sgireachd a chumail ann a ròiseid.” Ach co-dhiu dhfheumteadh an ròiseid fhaotainn, agus o nach dthugadh Iain Griasaiche dhaibh an corr, bfheudar Lachann Beag a mhac a thoirt a stigh ann an rùn diomhair achomuinn, a bha cruinn ann an tigh Phàruig, agus air an robh Paruig feinna cheann-suidhe-urramach, agus an sin chaidh Lachann Beag a chur air falbh a ghoid na ròiseid airathair fein, o nach gabhadh i faotainn air doigh eile. An uair a dhionndrainn Iain Griasaiche am meall ròiseid a bhaig air an fhurm, thug e glaodh as ri mhnaoi a bhann an ceann eile an taigheglaodh a chualas air taobh a muigh an taighe— “A bheil thu cluinntinn?” ars esan. “Chaneil mi bodhar!” arsa bhean. “Chaneil fhios,” arsesan, “càite an deachaidh am meall ròiseid a bhagam air an fhurm?” “Mur a bheil fios agad fhein air,” arsa bhean, “chaneil fhios cia mar a bhiodh fios agamsa.” “Than donas an

(Air a leantuinn air taobh 342.)



[340]

[Vol . 6. No. 43. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, . . . $1 .00
Sia miosan, . . . .50
Tri miosan, . . . .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig garn ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,’
Sydney, Cape Breton


SIDNI, 22 APRIL, 1898.

ATH-LEASACHADH SLOINNEADH NAN EIRIONNACH.

Mar a tha fios aig amhor-chuid de leughadairean MHIC-TALLA, tha na buill-feise Eirionnach an deigh saothair duineil adheanamh a thaobh an dùthchais agus gu h-àraidh a thaobh an cainnt fein. Ged a chuir na paipearan-naigheachd Sasunnach an aghaidh an oidhearpan a rinneadh as leth an sean doigh-sloinnidh a bha aig na Gaidheil da mhile bliadhna roimh dhuinn an uiread as lugha acluinntinn mu dheibhinn nan Sasunnach, cha mhisd sinn beagan phoncan a thoirt far comhair fein, a thaobh abheachd a bha aig na sean Sasunnaich air a chùis.

Is ann mar a leanas a their am bàrd, Edmund Spencer, anns an leabhar ris an abrarSpencer ’s View of the State of Ireland—

Agus a bharrachd bfhearr leam gun robh gachUaagusMaca tha air thoiseach air ainmean nan ceann-feadhna, air an toirmeasg agus air an cur as gu buileach glan. Oir mar a rinneadh an nòs sona chleachdadh le Ua Briain an toiseach (mar a their cuid) bhitheadh a chur an leth-taobhna mheatachadh mor dhaibh.”

Ann an leabhar Phendergast a tha tighinn air an t-suidheachadh a rinneadh le Cromwell ann an Eirinn, leughaidh sinn mar a leanas:—

Eighichtear gu teann air na h-Eirionnaich an ainmean fein Tadhg, Dearmad, agus an leithidfhagail agus atharrachadh Beurla air na h-ainmean ceudna athoirt orra; agus anns an àm ri teachd thugtar orra ainmean Sasunnach a thoirt air an cloinnagus gu seachd sonruichte gunUanoMacair thoiseach orra, agus fa dheireadh dhfheumadh iad an taighean a thogail le simileirean orra mar a tha air na taighean Sasunnach, agus dhfheumadh iad an giulan fein a thaobh banas-tighe agus nithean eile mar a ni na Sasunnaich.”

Agus so earrann á achd a rinneadh ri linn Eideard IV:—

Feumaidh gach Sasunnach a tha ag gabhail comhnuidh am Baile-Atha-Chliath, Monaghan, Meidh agus Cill-Dair, a bhalt os cionn a bheòil aghearradh dheth, mion umhlachd athoirt seachad don righ, ’ainm Eirionnachfhagail agus ainm eile mar a tha Sutton, Chester, Trvin, Skyme no dath, mar a thaBrown , Green, agus an leithid, a thoirt air, air neo a mhaoin agus a chuid achall gach bliadhna.”

Chi sinn mar so gum bàbhaist do na Sasunnaich bha ag gabhail comhnuidh an Eirinn ainmean Gaidhealach a thoirt orra. Is tearc iad na Gàidheil anns an latha an diugh aig am bheil fios air so. Chan ionann mar a tha cùis na Gàidhlig an diugh agus mar a bha i o shean. “Is fearr abhith as an amhaich na as an fhasan,” deir an seanfhacal. Ach is e mullach an fhasain, neo-sheasmhachd; agus cha chualadh duine riamh ag radh gun robh na Gaidheil neo-sheasmhach. Chan iadsan abhitheadh latha bhuat agus agad,” ged is ann leo a rinneadh am facal brioghmhor tearrachdail sinleam-leat.” Leigidh am facal so ris do dhuine tuigseach, meud an tarcuis a bha aig ar sinnsirean bunailteach air duine faoin caochlaideach. Tha sinn fathasd an diughnar cinneachair leth, agus gun ar coimeas no ar seise anns an t-saoghal mhor, agus ma is math leinn leantuinn mar sin, agus mur math leinn ar measgadh leis na Sasunnaich rud a tha ionann agus am bàs dhuinn, thoireamaid an oidhirp agus theid gnothuch sam bith leinn anns an cuir sinn sùil, ma chuireas sinn spionnadh innte mar an ceudna. (Chan eil cainnt air an t-saoghal aig am bheil focal cho fior-fhoghaintaach rispionnadh. ”) Bu choir dhuinn, mata, àgh agus sanas aghuidhe leis na daoine treuna a sheas an dùthchas féin cho daingeann, ann a bhith afiachainn ri ath-chuthadh agus ath-bheothachadh nan sean ainmean Gaidhealach, gun eagal romh dhuine sam bith a rachadhnan aghaidh.

LUNAINNEACH.


Tha uaislean na Gaidhealtachd atagairt gur leo-san am fearann agus gach ni a tha air uachdar. Is leo-san na h-aibhnichean agus an t-iasg a thig on fhairge; is leo-san gach creutair a ghluaiseas air an talamh; is leo-san maorach achladaich agus an fheamuinn a thig a steach air an traigh.


Tha iomadh sgìreachd anns aGhaidhealtachd a bhana sgìreachd chroitearan o cheann fhichead bliadhna, no eadhon deich bliadhna fichead, anns nach eil deich croitearan an diugh.


Tha neul a chogaidh asior fhàs nas duimhe. Faodadh gum bi cogadh air a ghairm mun teid so an clò.


BATHAR CRUAIDH.

Tha mi a nisecumail Bathar Cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh, Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gun taghal thu orm. Tha mi, mar a babhaist, acreic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha micreic gach ni gle shaor.

AONGHAS MAC LEOID,
Sidni, C. B.


BATHAR EARRAICH.

Deiseachan Fhirionnach air $3 .50, $4 .75 agus o sin suas.

Deiseachan Ghillean air $1 .75, $2 .60, $3 .00, $375 agus $4 .60.

Bathar eile a reir sin. Chan eil stor anns abhaile anns am faigh thu BATHAR MATH cho saor.

Tormad Domhnullach,
SIDNI, C. B.


TAILLAERACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.

Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach.

TRIUBHSAIREAN BHO $3 .00 SUAS.

Niall Mac Coinnich,
Sidni, C. B.


C . H. HARRINGTON & CO.
Flur, Min, Ti agus Siucar dhen t-seorsas fhearr.
Soithichean Glaine agus Creadha, math agus saor.
Brogan, Botainnean, Rubbersagus Caiseart de gach seorsa
GAN CREIC SAOR.



[341]

[Vol . 6. No. 43. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Tha Ard-Sheanadh na h-Eaglais Chléirich gu bhi ann am Montreal air an t-samhradh so; bidh e air fhosgladh air an ochdamh latha den Og-mhios.

Rainig cuibhrionn na seachdain so deEachdraidh nan Caimbeulachsinn tuilleadh us anamoch air son àite fhaotainn anns an àireamh so. Gheibh e àite ann an àireamh na seachdain sa tighinn.

Chan ann gun am beatha chur an cunnart a tha daoine faighinn gu dùthaich an òir. O chionn beagan us seachdain air ais, bha eadar leth-chead us tri fichead duine air am marbhadh aigChalicoot Passle meall sneachda a thuit a nuas bhar nam beanntan.

Tha e coltach gu bheil na Mormanaich afàs lionmhor ann an Canada; tha àireamh theaghlaichean dhiubh eadhon ann an Nobha Scotia, ann an siorrachd Hants, far am bheil Sgoil Shàbaid aca. ’S ann an àiteachan iomallach, nach eil luchd-teagaisg eile ro thric a ruigheachd, a tha na Mormanaich daonnan rim faotainn.

Chaidh tigh-gleidhidh sìlna theine ann am Boston, maduinn na Sàbaid sa chaidh, agus bha e air a losgadh gu làr. Bha ceithir cheud mile buiseal crithneachd ann, agus chaidh an t-iomlan a chall. Tha an call uile gu leir air a mheas aig sia ceud mile dolair, an call bu mhotha rinneadh le aon teine anns a bhaile o chionn choig bliadhna.

Chaidh gillòg, Ernest L. Higgins, a losgadh gu bàs ann anSt . John, N. B. ,oidhche Shatharna, an naodhamh latha den mhios. Chaidh e stigh do sheòmar-nighe, agus spraidh an lampa bhaige, ’s mun dfhuaireadh ga chuideachadh, bha e air a losgadh gu dona, agus chaochail e an deigh cràdh mor fhulang. Cha robh e ach còig bliadhndeug a dhaois.

Fhuaireadh o chionn ghoirid sgeul bàis Shim Fhriseil, a chaidh a mharbhadh aig baile Virginia, an California. Bha e-fhéinsa bhean a mach ann an carbad, agus chuir an t-each an comhair an cùil le banca cas iad. Bha esan air a ghoirteachadh cho donas gun do chaochail e an ceann thri latha. Bu bhràthair e do D. C. Friseal, fear-pàrlamaid siorrachd Ghuysboro.

Mas es gum brist an cogadh a mach eadar na Stàiteans an Spàinn, rud a tha nise gle choltach, ni e malairt gu math nas fhearr anns na Roinnean Iseal. Tha marsantan Halifacs a cheanag ullachadh air son creic ris na Spàinntich. Ach a dhaindeoin sin bfhearr le muinntir na dùthcha so gun an cogadh a bhi ann idir. Faodaidh cogadh a bhi na bhuanachd do chuid. ach bidh ena sgrios uamhasach do mhuinntir eile.

Tha Riaghladh Mhanitoba an deigh tuarasdai nam fear-pàrlamaid agus buill an Riaghlaidh fhéin a lughdachadh. Tha ceud dolairsa bhliadhna air a thoirt bhar nam fear-pàrlamaid, agus tri cheud bhar buill an Riaghlaidh. Tha sona chomharradh nach ann air son airgeid uile gu léir a tha luchd-pàrlamaid Mhanitoba ag obair dan dùthaich. Ann an Nobha Scotia chan eil gle fhada on chaidh na tuarasdail bhliadhnail àrdachadh ceud dolair.

Than laimhrig ùr ghuail a thatar a togail ri taobh anInternational ,a dol air adhart gu bras. Tha mu cheud duineg obair air o chionn còrr us mios, agus tha dùil ri e bhi cho fad air adhart mu mheadhon Maighs gun gabh soithichean luchd-achadh aige. ’Nuair a bhios crioch air, bidh e aona ceud deug troigh a dhfhad, ochd troighean fichead a leud, agus da fhichead troigh os cionn an uisge. Tha e dol a chosg mu leth-cheud mile dolair. Gu ruige so, cha do thachair sgiorradh de sheòrsa sam bith do aon den luchd-obrach.

Chaidh da charbad a chur bhar an rathaid-iaruinn faisg air Pictou, a sheachdain gus an . Bha duine agus bean air an goirteachadh, ach cha robh call beatha sam bith air a dheanamh.

Tham fios mu dheireadh a thainig á Breatunn ag radh, gu bheil Morair Obaraidhean gu bhi ann an Canada mar Ard-Riaghladair fad bliadhna eile. Cha bhi e fàgail na dùthcha guSeptember, 1899; bidh e an uair sin air a bhi sia bliadhna ann an Canada.

Tha am flùr air eiridh ann am pris o chionn da sheachdain air ais; dhéirich e 35c am barailte cheana, aguss ann a sior dhol nas àirde tha e. Cha mhor gu bheil buiseal crithneachd an Canada, ach na thaig na muillearan, nach eil ri bhi air a chur air falbh do dhùthchannan céin.

Thatar ag radh gu bheil seana bhean ann anSt . Peter’s a than deigh ciste-laidhe fhaighinn, agus gu bheil i an deigh teann ordugh a thoirt da teaghlach gur h-i sin achiste anns an cuir iad inuair a gheibh i bas. Chan eil i fhathast ach tri fichead bliadhnasa deich a dhaois, agus tha i cho slàn, fallainsa bha i riamh.

Mar a tha fios aig ar leughadairean, chaochail aon de fhir-pàrlamaid Eilean aPhrionnsa, Mr. S. F. Perry, air a gheamhradh sa chaidh. Bha taghadh anns an t-siorrachd dam buineadh e a sheachdain gus a bhòn-, agus fhuair Mr. Mac Gill-fhaollain, anliberal ,a stigh le ceud bhòtsa dha a bharrachd air an fhear a bharuithna aghaidh.

Tha raon mor fearainn ris an canar anTantramar Marsh,eadar Nobha Scotia agusNew Brunswick,a tha leth na h-ùine fodh uisge chuain. Thatar an dràsda bruidhinn air an sàl a dhùnadh a mach, agus ma shoirbhicheas sin leotha, bidh ena fhearann gle thorach. Tha mu sheachd milacaire ann dheth air fad, agus cosgaidh e muillean dolair a thoirt gu feum.

Thainig barrachd airgeid a stigh don Riaghladh Bhreatunnach air a bhliadhnachaidh seachadsa thainig a stigh bliadhna riamh roimhe. Ben teachd-a- steach an uiridh gu h-iomlan, ceud us sia deug mullean punnd, ( £116 ,000,000), no dlùth air coig ceuds ceithir fichead muillean dolair, ( $580 -000,000), an airgeid na dùthcha so. Cha robh maoin cho mor aig rioghachd riamh roimhe.

Fhuair an t-arm Breatunnach buaidh mhor anns an t-Soudan, an teis-meadhonAfrica, o chionn da sheachdain air ais. Chuireadh blàr ris naDervishesaig àite ris an canar Atbara, agus chaidh an ruaig a chur orra gu buileach. Tha an t-slighe nise fosgailte gu baile Khartoum, agus chan fhadan ùine gus am bi cumhachd nam Mahometanach air a bhristeadh gu h-iomlan anns na cearnan sin, agus am bin dùthaich air fad fo riaghladh Bhreatuinn.

Tha e nise cinnteach gu bheil cogadh gu bhi eadar an Spàin agus na Stàitean. Tha da thigh-pàrlamaid nan Stàitean, ancongressagus ansenate ,an deigh aontachadh impidh a chur air an Spàin Cuba fhàgail, agus an saorsa thoirt do shluagh an eilein sin iad fhéin a riaghladh mar is àil leotha. Tha cead air a thoirt do Ard-Riaghladair na dùthcha, McKinley, an t-arm a ghairm a mach uair sam bith a chi e iomchuidh air son toirt air na Spàintich deanamh a reir iarrtus nan Stàitean, dhan aindeoin, mur dean iad dhan deòin e. Ged tha na Spaintich bochd agus lag mar chinneach, tha iad gle àrdanach, aguss gann a striochdas iad do na Stàitean gun ionnsuidh chruaidh a thoirt air an còir fhéin a sheasamh. Bhiodh Austria agus an Fhraing gle dheònach an Spàin a chuideachadh, ach tha eagal aca roimh rioghachdan eile na Roinn-Eorpa. Tha taobh mor aig muinntir Bhreatunn ris na Stàitean anns achùis.


AN T-AITE
Anns an Ceannaich thu
Suic agus Iaruinn Cruinn,
Creamers, Soithichean Bainne,
Airneis-taighe, Stobhaichean,
Flur, Min, etc., etc.
An Stor aig
ISAAC GREENWELL,
SIDNI, C. B.


Gabh Deagh Chomhairle
agus ceannaich gach bathar a bhios a dhith ort bho
MATHESON , TOWNSEND & Co.

Tha stoc mor aca de Bhathar Tioram, Amhlan, Ti, Siucar, Siabunn, agus gach ni eile air an cuir tigh feum.

Tha Adan, Bonaidean, Fluraichean, Itean, agus gach ni mar sin aca do na caileagans do na mnathan.

Tha gach ni a thaca dhen t-seorsas fearr, agusga chreic cho saorsa ghabhas deanamh.

Cha chosg e sion dhut am bathar fhaicinn; bidh na cleirgle thoileach a shealltuinn.


THAN T-EARRACH
air tighinns an Samhradh gle fhaisg air laimh. Ma tha thu air son Deise no pairt de dheise fhaotainn, taghail aig
Niall Mac Fhearghais,
an Taillear,
agus gheibh thu do dheagh riarachadh. Tha na h-Aodaichean a thaige maths bidh iad an an deanamh a cheart cho math.
CordaidhObair Riut.


J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsas fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B



[342]

[Vol . 6. No. 43. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 389.)

so a nochd!” arsesan. “Chaneil mi idir a cur teagamh nacheil,” arsise, “ach ann am measg gach cron a chuala mig an cuir as a leth, ’s bha iad lìonar, cha be h-aon diu sin a bhi goid ròiseid; fiach nach do shuidh thu oirres a bheil ina plàsd air cùl na brigis agad, mar as minic a bha is tug radh gun robh i air chall.” Ach co dhiu, bhan ròiseid air chall an uair ud, ’s cha ghabhadh i faotainn. An uair a thainig e fada san oidhchesa ghabh muinntir nan taighean ùra mu thamh, thòisich Paruig Breac, agus achuideachd a bha leis, air an smuaintean fein a chuir ann an gniomh. Fhuair iad sia no seachd de chait, agus dòrlach de shligean bhàirneach; chaidh na sligean a lionadh gun leth le ròiseid leaghte; an sin bha spòg achait ga sparradh anns an t-slige fhads a bhan ròiseid blàth, agusn uair a dhfhuaraicheadh i, ’s cha bhiodh sin fada, bhiodh an t-slige gu teann, cruaidh air spòg achait, ’s cha bhiodh e furasda a toirt dheth. Ach cha robh cruidheadh nan cat idir co furasdas a shaoil leis na seòid a bhiodh e; bha fear no dha dhius fhuil mu thalamh mun deach na cait a chruidheadh. A nissen rud a bhanns an amharc aig na gillean, agus an t-aobhar a thug orra iad fein a chuir gu leithid sud de dhragh, na cait a chur suas air mullach an taighe agus leigeil leò dannsadh ann a sud air an iarunn gus am biodh iad sgith, no gus an rachadh an cuir as, agus fhuair iad doigh air a sin a dhianadh. Chaidh leth-dusan cat cruidhte, glan a leigeil as air mullach an taighe cearta comhladh, ach thug na seoid iad fein an casan as cho luaths a burrainn iad, ach cha deachaidh iad cho fad air falbhs nach robh iad a faicinnsa cluinntinn a h-uile dad a bha dol. Thòisich an iorghaill air mullach an taighe, ’s be sin an iorghaill, fuaim nan sligean ris an iarunn agus sgiamhail eagalach nan cat. Bha e air a sheanchas aig an àm gun do ghabh a h-aon diu an caothachs nach dfhuair e riamh ni bfhearr. Dhùisgeadh muinntir nan taighean ùra as an ciad-chadal leis an starum a bhair mullach an taighe agus a h-uile fear anns an robh a bheag no mhòr mhisnich ghearr e cruinn-leum air an ùrlar, ’s e cur uime cho luaths a burrainn e, bha e gabhail a machs cha bfhada gus an robh grunnan math dhaoine ag amharcs ag éisdeachd ris a chluith a bhair mullach an taighe. An am measg na cuideachd a thainig a mach bha Eachunn mòr, agus leis a chabhaig cha dfhan e ri barr-iall a bhròig a cheangal, thug e tacan ag amharc air na bha dol agus an sin thuirt e ris an neach a bha làmh ris— “Ciod iad na creudairean a thann?” “Tha,” thuirt an neach sin, “cait.” “Mas h-iad,” arsa neach eile, “tha cruidhean orra.” “Cruidhean orra no dhiu,” arsEachanncha dian an obair so moch-eiridh, agus ann an uine na bu lugha na ghabhas e ga innseadh, fhuair e fàradh, agus cuaile batas bha e air mullach an taighe aruith nan cat, ’s bu shuarach an fhuaim a bhaig cruidhean nan cat sesch an fhuaim a bhaig cruidhean Eachainn, ach cha bfhada gus an dfhag na cait mullach an taighe aig Eachann dha fein, thug iad iomadh ionnsaidh air fhagail mun dràinig Eachann, agus an uair a chaidh an toil a bhaca gu faotainn a dhionnsaidh an làir, agus an t-eagal a bhaca roimh Eachann còmhladh, cha robh iad fada toirt na leum. Ach ann a h-aon deth leumanan Eachainn an déidh nan cat, dheirich dha gu tubiasdeach, gun do chuir e chas air àite far an robh chrioman dethn iarunn air an grobadh ri cheile, eadar lànain agus a sios ghabh cas Eachuinn troimh mhullach an taighe cho fadsa leig a chom e agus thachair gur h-ann direach os cionn taigh Iainic Ailein, a dheirich an tubaist ud do dhEachann. Chlisg a h-uile neach a bhan tigh Iainic Ailein, agus leum Màiri bhàn, a màthair chéile air an ùrlar, rug i air fòid mòna bharr na teallaich agus teine anns an darna ceann deth; shéid i suas e gus an dthainig lasag ás, thog ilàmhs sheall i ris na sparran, thug i sgriach aisde, thilg im fhoid air ais air an teallachs bha ina leabaidh a chruinn leum. “Biodh ciall agad a bhoirionnaich,” arsa Gilleasbuig ruadh, ’s e ag glaodhaich a ceann eile an taighe, “Biodh ciall agad fhein,” arsa Mairi bhàn, “ ’s tha feum agad air agus cas an eich a nuas troimh mhullach an taighe.” Dheirich Iain Mac Aaileins las en crùisgeans sheall e os a chionn ris na sparran, ach cha robh cas eich no cas duine ri fhaicinn, a chionn fhuair Eachann Mor a chas a shlaodadh leis, mun dfhuair Iain an cruisgean laiste, ach ged nach robh cas duine no cas eich ri fhaicinn, bha e soilleir gu leòir ri fhaicinn gun robh toll air mulach an taighe, agus cha robh sin ann an uair a chaidh Iain a laidhe. Ach co dhiu cha do chaidil Gilleasbuig ruadh, am foirbheach oidhche riamh, tuillidh fo sparraibh a h aon de na taighean ùra, agus cha mhò a chuala neach riamh ás a dheigh sud e a bruithinn air Eoghan-a’ -Chinn-Bhig. Dhfhaoide gun do chuimhnich e air a chomharlaidh a thug glag Sgàin— “An rud nach buin duit na bean da.”


TRATHAN NA BLIADHNA.

Is e Diathug dhuinnn a mhor chaoimhneas, comas air sonas baigheil, gasdathrusadh agus a shealbhachadh. Ma dhfhaoidte gu bheil tlachd mor, eadhon aig brùidean na machrach, am feadh a than samhradh blathus carthannach. Tha iadn an doigh bhalbh fein a coimhlionadh ruin an a chruthaich iad; ach tha iad aineolach air fior àilleachdus maisealachd nan seallaidhean a tha man cuairt daibh. Nam bitheamaid-ne as eugmhais nam buadhan arda fiachail a thag ar togail os ceann ainmhidhean na machrach, cha bhitheadh comas againn air fiamh, ’us grinnead us ciatachd an t-saoghail fhaicinn no mhealltuinn, no subhachas inntinn a tharruing asda. Ach chruthaich Dia sinnn a dhealbh agus a reir a choslais fein, agus air an aobhar sin is urrainn duinn beachdachadh le tlachd air a liuthad comharradh air gliocasus caoimhneas an Tighearnatha trathan na bliadhnanochdadh. Is urrainn duinn ar naireshocrachadh gu durachdach air sgeadachadh fonnmhor, briagh na talmhuinn, agus eigheach a mach le cridheachan iriosal taingeil gur e Dia a rinn an samhradh.

Is ann bho Dhia a tha gach sonas fior, ’us ceart, ’us seasmhach a tighinn. Tha moran den chinne daoine a dearbhadh gu soilleir len comhluadar mi-naomhas ceannairceach, nach ann an coimhlionadh toil an Tighearna a tha iad deonach agus iarrtusach air sonas soghmhor ashireadh agus fhaotainn. Tha iomadh dearbhadh muladach agus cianail againn nach eil ach faoineas agus amaideachd uamhasach a bhig iarraidh sonais ann an gnathachadh no ann an gniomh air bith a tha deanadh dimeas air reachdan naomha an Tighearna. Is e so aideachadh muladach Sholaimh an deigh dha imeachdn a ruithusn a dheann-ruith anns gach ruidhtearach, ’us mi-bheusus anameasarachd, —nach robh ach diomhanass an iomlan, agus buaireadh spioraid neo-bhàsmhor a bhuineas duinn a bhi air a shasachadh gu buileach leis gach ni ris an canar aighear saoghalta. Is ann bho Dhia a mhain a tha gach sonas glan, ’us maithus ceart atighinn. Is E fein an tobar siorruidh bhon bheil gach slainte, ’s sonasus seasgaireachd a sruthadh le fonn milis, ceolmhor, diadhaidh. Ni Esan da rireadh, samhradh grianach dhoibhsan a choimhideas a reachdan gu dichiollach agus gu faicilleach.

RENA.


Anns na laithean a dhfhalbh babhaist do na Sasunnaich an clann a reiceadh mar thràillean. Ma thachair gun robh aig neach air bith tuilleadh cloinne na bha e comasach air a thoirt roimhe gu furasda, bha cead aige na bàill leis diubh a reiceadh. Anns abhliadhna 1102 thog Ard-Sheanadh Lunnainn an guth an aghaidh aghnàthachadh mhi-nàdurra so, agus an deigh sin cha robh e ceadaichte do neach sam bith tràillean a dheanamh de an cloinn no de an seirbhisich. Ged a tha na h-Eirionnaich fo smachd nan Sasunnach an diugh, bha e ro chumantanam measg aig an àm ud, a bhi aceannach nan Sasunnach agusgan gleidheadhnan tràillean.


Bha duine bochd ag iarraidh deirce la, agus thug bean uasal mir arain da, agus thubhairt i ris nach bu mhath leatha air chor air bith fòir a dheanamh air leisgeadair, ach gur annair son a thug i an uiread sin da.

Agus an ann airson nach do chuir thu ìm air?” ars am bacadh.


Am bheil thu pàigheadh air son a phaipeir? Mur eil, bu chòir dhut nàire bhi ort.



[343]

[Vol . 6. No. 43. p. 7]

DOMHNULL MAC FHIONNLAIDH NAN DAN.

Bha am bàrd agus an sealgair ainmeil so beò ri linn an siathamh Righ Seumas. Tha e air a ràdh gum bu mhac e do fhear Mac Eanruig á Gleann Comhann, ach tha muinntir Lochabar ag ràdh gur ann a rugadh e ann am Braigh Mhar, agus gun dthainig enuair a bha e òg, don Fhearsaid far an do thuinich e aig àite anns am bheil a nis taigh ciobair. A mach o thuras-seilg no dha a ghabh e, chuir e thairis achuid mhor de a bheatha feadh nam beann mu thimchioll Loch Treig. Latha de na laithean, ghabh Dòmhnull turas a bfhaide na bàbhaist da. Thog e air a mach troimhn choille mhoir a bha aig an àm sin mun Uisge Dhubh, agus ghabh e air adhart gus an do ràinig e am Monadh Dubh, far an do rinn e buil cho math de a chuid shaighdean am measg nan damh cròcach agus gun dthug an Ridire Dubh, Loch Odha, (no mar bfhearr a baithnichte eDonnachadh Dubh aChurraic. ”) ordugh faire a chumail air. Mu dheireadh chaidh a ghlacadh agus a thoirt don Fhionnlairg. Chuir an Ridire Dubh roimhe Dòmhnull a chur fo ghlais; achnuair a thuig e gum bu e an sealgair agus am bàrd ainmeil a bha aige mar chimach, agus e fein a bhi na bhàrd cuideachd, thairg e Dòmhnull a chur mar sgaoil nan cuireadh e saighead ann an ceann feidh aig astar àraidh. Thog Dòmhnull an geall gu toileach, agus thog e air don bheinn, air toir an fheidh. Chunnaic iad eilid, agus shealg e oirre gus an dfhuair e i aig an astar a chaidh a shuidheachadh. Bha i ag ionaltradh aig an àm, agus cha do thog i a ceann. Mu dheireadh chaill Dòmhnull foighidin, rinn e fead, thog i a ceann, tharruing e a bhogha agus bhuail e eadar an shùil i. ’Nuair a chunnaic an Ridire so, chan e a mhàin gun dthug e a shaorsa do Dhòmhnull, ach thug e da lan chead feidh a mharbhadh air an oighreachd aige, agus thill Dòmhnull don Fhearsaid. Chaith e an corr de a bheatha anns achearn sinagus anns na frithean mora eadar Loch Earrachd agus Loch Liomhann, far an robh madaidh-allaidh agus feidh maraon. Tha na h-àitean air an comharrachadh a mach gus an latha an diùgh far an do chuir e saighdean ann an mhadadh-allaidhaon aig Lub Coire Chreagachaidh, agus am fear eile aig an Dubh Lochan làmh ri Muileann na Fearsaide Moire.

L. L.


FACAL A BAIL’ -AN-TOBAIR.

FHIR-DEASACHAIDH GHASDA: —Tha min ar comain airson an t-saothair a tha sibh a gabhail a chumail suas na Gàilig chòir. Gabhaidh daoine saothair mhor ri creutair a bhios a faighinn a bhàis a chumail beò. Agus mar sin, on tha càirdean na Gàilig a gabhail a leithid de chùram dhiCha teid in ciansa bàs.” Tha cuid de Ghaidheil chòir san àite seo a tha deanamh an uile dhichiol air a chainnt urramach sin a chumail ann an cleachdadh. ’S ann dhiu sinMurcha Camam Bail’ -an-Tobair. Tha eolas math agam air Murcha a nise dlùth air tri fichead bliadhna; ach cha baithne dhomh idir gun robh e cam, mur ann an uair a bhiodh elosgadh air na cearcan-tomain. Ach tha e nis air fàs sean, agus an bhios e air a thoirt air falbh as ar measg tha eagal orm gum falbh tomhas mor dhen Ghàilig maille ris. Agus is i mo bharail gur i a bhios e seinn anns an Teambull Shuas. Air mo shon fhin dheth bha tlachd mor agam, ann an làithean mòige, a bhi leughadh sgriobhaidhean an duine ainmeil Tormad Mac Leòid, Sgialachdan mu Choire-nam-Fiadh, Manus Donn na Beinne, agus Màiri aGhlinne, An t-Each-Iaruinn, agus Sàr-Obair nam Bàrd Ghaidhealach.

Tha moran de dhaoine briathrach a toirt òraidean dhuinn tiom a gheamhraidhgun ghuth ach Beurla, ged a bann air Oisean no Fionn no air Conn a bhiodh iad a labhairt. Ach faodaidh sinn a radh mar thuirt seann duine còir a bha againn an seo, aig nach robh guth Beurla. Thachair dha bhi ann an taigh far an robh triuir mhinisteirean aig an robh deagh Ghàilig. Cha dthug iad fa near nach robh Beurla aig an duine bhochd, ’s cha robh smid Gàilig a tighnn as am bial. Rug Iain còir airaids an uair a bha e mach an dorus dhéibh eO cliu dhut a Thighearna gun tuig Thusa Gàilig.”

AN TAILLEAR CRUBACH.
Bail’ -an-Tobair, E. P. I.


Amherst Boot & Shoe Mfg, Co.,
AMHERST, N. S.

AChuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt as ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.

Amherst Boot & Shoe Mfg. Co.

LEABHRAICHEAN GAILIG.

Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. MacIlliosa 1.10
Gaelic Class Book .35

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte.
Sgriobh gu
J . G. MACKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney, C. B.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C B.


D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C.B.


BADDECK , - - C. B.
Airson a stor a dheanamh nas deiseiles nas feumaile dhaibhsan a thadeanamh gnothuch ris, tha
Albert I. Hart
anise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha achuid sin den ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am BostonsanNew York.Gheibh iadsan a thig ga h-ionnsuidh an
DEAGH RIARACHADH.
BADDECK , - - C. B.


THA EARBSA
aig daoine ann am maidsichean Eddy— ’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha coltach ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum.

Than t-ainm so na urrais air mathas.

THE
E. B. EDDY Co., Limited,
Hull, Canada.



[344]

[Vol . 6. No. 43. p. 8]

Seann Oran Sgiathanach.

LE MAIRI NIGHEAN ALASDAIR RUAIDH.

Hithill, uthill agus O,
Hithill o h-oireannan,
Hithill uthill agus O,
Hithill oho h-oireannan,
Hithill uthill agus O,
Hithill o h-oireannan,
Faill-ill o h-ùithill O,
Ho-ro gheallaidh -ill-an.

Ged do theid mi do mleabaidh
Chan e cadal is miannach leam,
Aig ro mheud na tuile,
S mo mhuilean gun iarann air,
Tha mholtair ri paidheadh,
Mur cailltear am bliadhna mi,
S gur feumail domh faighinn,
Ge do ghabhainn an iasad i.
H-ithill, &c .

Tha mo chion air a chlachair,
Rinn maigne-sa riarachadh,
Fear mor, a bheoil mheachair,
Ge tosdach gur briathrach thu;
Gum faighinn air mfhacal
Na caisteil ged dhiarainn iad;
Cheart aindeoin mo stàta.
Gun chàraich sud fiachan orm.

Ged a thuirt mi riut clachair,
Air mfhacal cha bfhior dhomh e,
Gur rioghail do shloinneadh
S gur soilleir ri iarraidh e,
Fior Leòdach ùr, gasda,
Foinnidh beachdail, glic, fialaidh thu,
De shliochd nam fear flathail,
Bu mhath an ceann chliaranach.

Ach a mhic ud Shir Thormoid,
Gun soirbhich gach bliadhna dhut,
Chuir buaidh air do shliochd-sa,
Agus piseach air t-iarmadan;
S don chuid eile chloinn t-athar,
Anns gach rathad a thriallas iad,
Gun robh toradh mo dhurachd
Dol nan run mar bu mhiannach leam.

Nuair a theid thu don fhireach,
S ro mhath chinneas an fhiadhach leat,
Le dlothain chon ghleusda
Ann ad dheighnuair thrialladh tu,
Sin, as cuilbhear caol, cinnteach,
Cruaidh, direach, gun fhiaradh ann;
Bu tu sealgair na h-eilid,
A choilich, ’s na liath-chirce.

Tha mo chion air an Ruairidh,
Gur luaineach mu dsgeula mi,
Fior bhoinne geal suaircthu,
Am beil uaisle na peacaige,
Air an dfhas an cul dualach,
S e na chuachagan teud-bhuidhe,
Sin as urla glan, suairce,
Cha bu tuairisgeul breugach e.

Slan iomradh dhut Iain,
Gu mu rathail a dheireas dut,
S tu mac an deagh athar,
Bha gu mathasach, meaghrachail,
Bha gu furbhailteach, daonnachdach,
Faoilteachail, deirceachail,
Sàr cheannard airtrùpthu,
Nan cuirte leat feum orra.

Gur àluinn am marcach
Air each an glaic diollaid thu,
S tu cumail do phearsa
Ann an cleachdadh, mar dhiarainn dut,
Thigeadh sud ann ad laimh-sa
Lann Spainteach, ghorm, dhias-fhada,
As paidhir mhathphiostal
Air crios nam ball sniomhanach.


Tha mo Run air a Ghille.

Tha mo rùn air aghille,
S e mo dhùrachd gun tig thu;
S mi gun siùbhladh leat am fireach
Fo shile nam fuar-bheann.

Oidhche shamhraidh dhomhs mim ònar,
Nam burrainn domh gun deanainn òran,
S truagh, a righ, nach robh mi pòsd
Air òigear achùil dualaich.
Tha mo rùn, etc.

O, gur e mo cheist an t-òigear,
Fear chùil duinns an leadain bhòidhich;
S mi gun siùbhladh leat thar meòlais,
Ged than còta ruadh ort.

S mor a thug mighaol don fhiùran,
Tha mach á teaghlach Chill-Iunduinn;
Sealgair fhiadh thum beinn abhùiridh,
S eilid lùth nan luath-chas.

Ged tha blàth na bricad aodann,
Cha do lughdaich sud mo ghaol ort;
S mi gun siùbhladh leat an saoghal,
Nan saoilinn do bhuannachd.

Phòsainn thu dhaindeoin mo chardean,
Gun toil mathar, no mo mhàthar;
Iain saor a tha mig àireamh,
Bhons e chnàmh aghruag dhiom.

Than Nollaig atighn as ùr oirnn,
Ged a tha, gur beag mo shùrd rith’;
M fear nach fagadh anns achùil mi,
Air chul nan tonn uaine.

S beag a shaoilinn féin an uiridh,
Gun treigeadh tu mi cho buileach;
Mar gun tilgeadh craobh a duilleach,
Dhfhàs thu umam suarach.

Chuireadh an t òran so ugainn leis an Dotair Mac Leòid, á Spokane, an stàit Washington. Chuir càirdean eile na roinn cheudna gar n-ionnsuidh. Chan eil teagamh againn nach e so an t-òran a bha ar caraid ag iarraidh.


Tha toiseach an t-samhraidhna dheagh àm gu tòiseachadh air gabhail MHIC-TALLA.


AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leigsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD.
Cuir a dhiarraidh sampuill, teisteannais us urrais.
K . D. C. COMPANY, Ltd. ,


H. D. Mac Ille-Mhaoil,
Stewartdale , C. B.
Cloth,Drogaid, agus PlaideachanEureka.”
Mu dheich air fhichead seorsa aodaichga chreic.
Cloimh air a gabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige neo sgriobh uige.


[Dealbh]
Tha sinn a nisenar luchd-gnothuich aig a
CHANADACARRIAGE Co. ,
air son Eilean Cheap Breatunn. Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead lecheannach uainne.

F . FALCONER & SON.
DIOLLADAIREAN.
Sidni, C. B.


Tha sinn a cumail an aite so do
MACDONALD , HANRAHAN & CO. ,
Nuair a gheibh iad am bathar ur a stigh, bidh tuilleadh aca ri radh rin cairdean.


CAIT AM FAIGH MI?
Saibh, Glasan, Luaidhe, Sgeinein, Lainntearan, Sguabaichean, Paipear-tearra, Paipear-tubhaidh.
Olla, Fudar, Glaine, Siosaran, Tairnean, Bucaidean, Tuaghannan.
GHEIBH AIG
C . P. MOORE,
Sidni, C. B.


Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIGOs cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.

titleIssue 43
internal date1898.0
display date1898
publication date1898
level
reference template

Mac-Talla VI No. 43. %p

parent textVolume 6
<< please select a word
<< please select a page