[Vol . 6. No. 44. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 29 APRIL, 1898. No. 44.
EACHDRAIDH NAN CAIMBEULACH.
(Air a leantuinn.)
Bha na Cùmhnantaich a’ fulang gu mor eadar a’ bhliadhna 1660 agus a bhliadhna 1688. Bha Caimbeulaich Earraghaeil a’ gabhail taobh nan Cùmhnantach, ’s bha ’bhuil, cha robh moran sith aca fhad ’s bu bheò iad, agus dh’ fhuiling iad—a mac ’s an t-athair am bàs air an sgàlan. Bha am Marcus air a dhith-cheannadh, mar chaidh ainmeachadh, anns a bhliadhna 1661, agus a mac, ceithir bliadhna fichead an deigh sin, an 1685. Bha GILLEASBUIG, an t-oighre, anns an Olaind aig an àm anns ’n do chuireadh ’athair gu bàs. Cheannaich am Marcus, a sheanair, oighreachd bheag anns an dùthaich sin mar ionad-fasgaidh do ’n teaghlach ann an amaibh caraideach. Mar sin ’nuair thòisich obair a mhillidh air feadh Earraghael ann an coimhcheangal ri diteadh agus cur gu bàs an naoidheamh Iarla, bha ’n teaghlach nan dachaidh féin anns an tir ud. Bha cùisean a’ dol air aghaidh an Alba gun mhoran abharraich gus a bhliadhna 1688, ’nuair chuir moran de mhaithean Alba agus Shasuinn cuireadh air PrionnsaOrangeas an Olaind chum ’s gu ’n gabhadh e riaghladh na dùthcha ’na làimh féin. Gu mi-fhortanach do na Stiubhartaich, bha iad ro-iarrtanach air an toil féin a bhi aca gu h-iomlan ann an riaghladh cùisean na rioghachd; agus bha Seumas II. buileach fada ’na cheann fhéin anns an dòigh so. Thionndaidh sud inntinn moran de ’n t-sluagh ’na aghaidh; agus ’s e thainig as a sin gu ’n deach a chur deth ’n chathair agus Màiri (a nighean), agus a companach, a chur ’na àite. Am measg a mhuinntir a thainig a nall as an Olaind maille ri Prionnsa Uilleam, bha Gilleasbuig Lathairne. Ann an ùine nach robh fada, an deigh an riaghladh ùr a bhi air a shuidheachadh anns an dùthaich, fhuair Gilleasbuig còir air fearann a shinnsir. B’ esan an deicheamh Iarla. Goirid an deigh dha seilbh a ghabhail air caisteal aithrichean an Inbher-aoraidh, bha e air a chur do Lunnainn maille ri Sir Seumas Montgomery agus Sir Iain Dalrimple, ’chum crun Alba ’thairgse do Uilleam ’s do Mhàiri ann an ainm maithean na tire. Chuir Earraghael fo mhionnan a chrùnaidh iad anns an dòigh Albannaich, agus an sin ghairm e iad, “Righ agus Bàn-righ Albainn.” Rinneadh so air an aona là deug de ’n Ghiblein, 1689. An deigh sin thog Gilleasbuig réisimeid an Earraghael gu cogadh fo bhratach righ Uilleam ann am Flànrais. Cha robh oifigeach innte ach Caimbeulach anns a cheud dol a mach. ’S e cuid de na saighdearan so a chaidh ’òrdachadh do Ghleann Comhan a mhort Chloinn Iain. Cha ’n eil sinn a’ fòghlum gu ’n robh lamh aig Earraghael féin anns a ghniomh oillteil so. Bha e aig an àm anns ’n do thachair e ann an Lunnainn. Ach ma bha fios aige gu ’n robh an ni a’ dol a thachairt cha do chuir e bacail air. Bha e ’na ghniomh cho gràineil ri ni air bith air a bheil iomradh againn an eachdraidh na Gàeltachd. Tha e na spot dubh air cliù na h-uile neach aig an robh làmh ann. Tha e air aithris nach do chuir na murtairean car ceart riamh dhiu, ’s cha b’ ioghnadh sin; bha ’n cogais fhéin ga ’n diteadh ged chaidh iad as o pheanas dhaoine.
Beagan bhliadhnaichean mu ’n do chaochail righ Uilleam, bhuilich e air Gilleasbuig an tiodal, Diuc Earraghaeil, agus mar an ceudna Marcus Chinntire agus Lathairne. Bha e an caochladh dhreuchdan anns an rioghachd araon ri linn righ Uilleam agus ri linn ban-righ Anna. Is esan a fhuair còir air Muile bho ’n chrùn. Bha Sir Iain Mac Gilleain Dhùbhairt, dian air taobh righ Seumas. Chog e le chuid sluaigh an cath Coille Chragaidh fo chomannd Chlaverhouse. ’S e thainig as a sin gu ’n d’ fhuair Gilleasbuig Earraghaeil òrdugh dol a null do Mhuile le armachd a thoirt aicheamhail dha. Agus ’s e chrioch a bh’ aig a chùis gu ’n do thuit oighreachd Dhùbhairt agus gach oighreachd eile am Muile leis na Caimbeulaich.
Ri linn ban-righ Anna, bha Earraghael air a shònrachadh mar aon de na Cumhachdairean a bha suidheachadh am bonn air am faodadh pàrlamaid Alba agus pàrlamaid Shasuinn aonadh ri chéile. Ach chaochail e mas do ghabh an t-aonadh sin àite. Bha e pòsda ri Ealasaid, nighean do Shir Lionel Talmash, ann an Suffolk, an Sasunn, bho ’n robh triùir chloinne aige, dithis mhac agus aon nighean—Iain am mac bu shine, agus Gilleasbuig. Thainig iad aon as deigh aoin a stigh air oighreachd an athar. Bha Anna pòsda ri Seumas, dara Iarla Bhute. Chaochail Gilleasbuig ann an Lunnainn, anns a bhliadhna 1703. Ged bha e an inbhe àird anns an rioghachd, agus ged chuir an righ iomadh urram air, cha robh e na dhuine cho measail no cho cliùiteach na thir fhéin ris na daoine bho ’n d’ thainig e, no ris na daoine a thainig a mach uaithe. ’S maith dh’ fhaoidte gu ’n d’ rinn gach trioblaid a thainig air an teaghlach, agus gach calltach a dh’ fhuiling e, inntinn fhàgail greannach agus neo-earbsach na cho chreutair, agus mar sin gu ’n uibhir de spiorad a mhathanais aige ga altrum is bu chòir da, a thaobh na muinntir nach robh, faodaidh e bhi, ann a rùn math dha fein no do ’n uachdranachd da ’n robh e deanamh seirbheis.
(Ri leantuinn.)
AN COGADH.
Tha an cogadh air tòiseachadh a cheart da-rireadh, ach cha d’ rinneadh a bheag fhathast air taobh seach taobh. Chuir na Stàitean àireamh shoithichean sios gu Cuba, agus ghlac iad a dha no tri de shoithichean Spàinnteach a bha tighinn gu Cuba le bathar. Cha’n eil iad a’ ceadachadh do shoitheach sam bith tighinn no falbh á Cuba; air an dòigh sin bheir iad air na Spàinntich géilleadh an ùine gun bhi gle fhada, oir cha’n eil iad air an càradh ro mhath a thaobh bidh no gu h-araid a thaobh guail. Loisg dainghneach Habhna air soithichean-cogaidh nan Stàitean oidhche Di-haòine s’ a chaidh, ach bha astar chòig mile eatorra, agus cha d’rinn na peilearan cron sam bith. Bha na Stàitean an dùil an toiseach arm a chur air tir ann an Cuba, ach tha e coltach gu bheilear an deigh sin a leigeadh seachad; bidh an dùthaich cho làn fiabhruis fad an t-samhraidh ’s nach biodh ann ach am bàs cinnteach do na saighdearan a bhi innte. Cha’n eil teagamh mar sin nach ann air a’ mhuir a bhios na cathan air an cur, agus ma’s ann gheibh arm nan Stàitean buaidh gun àireamh mhor dhaoine chall. Bha eagal anns na Stàitean toiseach na seachdain so gu’n tigeadh luingeas na Spàinne air bailtean mora na dùthcha, mar a thaBostonagusNew York, agus gu’n deanadh iad an sgrios, oir tha na bailtean sin gun dion còir sam bith orra. Ach gu ruige so cha do nochd na Spàinntich iad fhéin faisg air na Stàitean idir. Tha cuid de rioghachdan na Roinn Eorpa gle shearbh an aghaidh nan Stàitean agus tha an Fhraing a’ bagairt taobh na Spàinne a ghabhail, ach tha na rioghachdan eile deònach a’ chùis fhagail eatorra féin. Ged a tha taobh mor aig Breatunn ris na Stàitean, cha cheadaich i ni sam bith a bhi air a dheanamh le a cuid iochdaran an aghaidh na Spàinne. Cha leig i le soitheach-cogaidh air taobh seach taobh fuireach ann am port a bhuineas d’i thar ceithir uairean fichead.
[Vol . 6. No. 44. p. 2]
BAS MHIC UISNICH.
Ghabh righ uasal, oirdhearc, àrd-chumhachdach ceannas air Coigeamh Uladh. B’e ainm da Conchubar mac Feachtna Fhathaich. Chaidh an t-àrd righ calma Coigeamhach sin a’ chaitheamh fleadha agus cuirme gu tigh a sgeulaiche fhéin d’ am b’ ainm Feidhlime, mac Doill. Is ann mar so a b’ abhaist daibh caitheamh na cuirme anns an àm sin an Eamhuinn Mhacha. Bha oidhche àraidh suidhichte air gach duine fa leth, agus tigh sam bith anns am bitheadh a’ chuirm, bhitheadh tri fichead agus a còig ann an oidhche sin. Bha mar so duine ann mu choinneamh a h-uile oidhche anns a’ bhliadhna. Agus fad agus a bha iad ag caitheamh na cuirme, rugadh nighean òg do Fheidhlime, agus rinn Cathfach an draoidh fàidheadaireachd, (thachair da’ bhith anns a’ chuideachd anns an àm) agus fàisneachd a’ thaobh na h-ighne, mar so, gu’n tigeadh iomadh doilgheas agus dochair do’n Choigeamh air a tailleadh. Air cluinntinn sin do na h-uaislean rùnaich iad a cur gu bàs gun dàil. “Na deanar sin,” arsa Conchubar, “ach bheir mise leam i, agus cuiridh mi air oileamhuinn i chum agus gu’m bi i ’na h-aona-mhnaoi agam fein.” Ghairm an draoidh Cathfach Deirdre dhi; agus chuir Conchubar ann an dùn fa leith i, agus oide agus muime d’a h-oileamhuinn, agus cha ghabhadh fear sam bith de’n Choigeamh dol ’na làthair, ach a h-oide agus a muime agus ban-chaointeach Choncubair fhéin, de’n goirteadh Leabharcham. Agus bha i air an dòigh sin gus an d’ fhàs i ’na mnaoi, agus bha bàrr aice air mnathaibh a latha fein a thaobh bòidhchead.
Thachair d’a h-oide laogh a’ mharbhadh mar bhiadh di air la sneachda; agus a’ dòrtadh fola an laoigh anns an t-sneachd, chrom fitheach dubh airson a h-òl, agus an uair a thug Deirdre an aire da sin thubhairt i ri Leabharcham gu’m bu mhaith leatha fein fear a’ bhith aice air am bitheadh na tri dathan sin a chunnaic i; dath an fhithich air fhalt, dath fola an laoigh air a ghruaidhean, agus dath an t-sneachda air a chraicionn.” “Tha leithid sin a dh’fhear am fochar Chonchubair anns an teaghlach aige, ris an abair iad Naoise mac Uisnich, mac Chonaill Chlairingnich, mac Ruadhruidh mhoir, o’n d’ thainig Conchubar.” “Ma ’s ann mar sin a tha,” arsa Deirdre, “guidheam ort a chur do m’ ionnsaidh fein gu h-uaigneach.” Nochd Leabharcham do Naoise an ni sin. Thainig Naoise os iosal an dàil Dheirdre, agus chuir Deirdre an céill da meud na seirce a bha aice da, troimh an iomradh a chuala i air, agus dh’ iarr i air a toirt air falbh gu diomhair o Chonchubar.
Dh’aontaich Naoise le sin ge bu leisg leis an gnothach agus eagal Chonchubair air. Thriall Naoise an sin agus a dhithis dearbh bhrathair, Ainnle agus Ardan, agus ceud gu leth gaisgeach comhla riutha gu Alba far an d’fhuair iad o Righ Alba gabhaltasan-fearainn airson còmhnaidh-catha, gus an do rainig iomradh air sgèimh Dheirdre an righ, agus dh’iarr e mar mhnaoi da fein i. Ghabh Naoise fearg mor uime sin, agus air teicheadh da le Deirdre an deigh dhaibh iomadh sabaid a’ chuir ri arm an Righ anns gach ait, thriall e le a bhraithrean o Alba gu eilean mara.
La araidh an deigh sin, dh’ ullaicheadh fleadh moralach le Conchubar an Eamhuinn mhin-aluinn Mhacha; ionnus gu’m bu shugach, meanmnach, aighearach an sluagh uile. Dh’éirich luchd-ciuil, agus oranaichean, agus luchd-ealaidh a’ Choigimh a’ ghabhail an duan agus am fuinn agus an draoidheachdan-gheasa allail, an craobhan cleamhnais, agus an geugan ginealachd am fianuis an Righ agus mhaithean a’ Choigimh.
Is ann an sin a labhair Conchubar le guth ard soilleir, glan, flathail agus thubhairt e; “Oigfheara agus a’ mhaithe Ulaidh, an aithne dhuibh lochd no aineamh no uireasbhuidh oirbh fhéin a nis?” “Cha ’n aithne, a’ righ agus a’ thighearna,” arsa iad. “Cha ’n ann mar sin domhsa,” arsa Conchubar, “is aithne dhomh uireasbhuidh mhor oirbh, eadhon, tri lòchran gaisge nan Gàidheal a’ bhith as ur n-eugmhais, tri mic uaisle curanta Uisnich, eadhon Naoise, Ainnle agus Ardan a’ bhith am muigh air fogradh mar chomharra air aon mhna anns an domhain agus gur i dlighe Naoise a’ bhith ’na righ, agus gu’n do choisinn e fein agus a dithis dearbhrathair leth Alba le neart an lamhan agus le cruas an claidheamhan.”
“A Righ agus a thighearna,” arsa iad, “bhitheamaid air a radh o cheann fhada mur bu e an t-eagal; oir is ann a choisneadh an triùir sin Coigeamh Ulaidh uile an aghaidh gach Coigimh eile an Eirinn, ged nach eireadh na h-Ultaich leotha, oir is leomhan air neart agus air calmachd agus nathair air nimhe gach fear dhiubh.” “Maiseadh,” arsa Conchubar, “cuiribh-se fios agus teachdairean air an ceann gu Alba.” “Co a theid ’gan iarraidh?” arsa maithean Ulaidh. “Tha fios agam,” arsa Conchubar, “gur ann de gheasan Naoise a tha e, gun teachd gu Eirinn ach le Fearghus Mac Rosa Ruaidh, mac Ruadhruidh, no le Conall Cearnach, no le Cuchuilein; agus aithnichidh mi a nise cia aca so leis an annsa mi.” Agus thug e leis Conall Cearnach air leith, agus thubhairt e ris, “A righ mhilidh, a’ Chonaill, ciod e dheanadh tu rium nan cuirinn an coinneamh mhic Uisnich thu, agus am marbhadh air m’ aire, ni nach ’eil mi an los a’ dheamamh?” “Cha ’n e bas aon duine a’ mhàin a thigeadh dheth sin,” arsa Conall, “ach neach sam bith air am beirinn de na h-Ultaich, cha rachadh e uam gun bàs a dh’imirt air.” “Is fior sin,” arsa Conchubar, “agus a nis tuigidh mi gur annsa leat clann Uisnich na mi fein.”
Chuir e Conall uaidh, agus chuir e fios air Cuchuilein chuige; agus thubhairt e ris, “A’ Chuchuilein, nan cuirinn an coinneamh chloinn Uisnich thu, gus am marbhadh air m’ aire, ni nach ’eil dùil agam a’ dheanamh, ciod e dheanadh tu rium?” “Bheir mi mo bhriathran,” arsa Conchubar, “nan deanadh tu sin, ged rachadh tu gus na h-Innsean is iar, nach b’ àite dion dhuit e o thuiteam le mo làimh-sa airson a’ ghniomh sin.” “Is fior dhuit,” arsa Conchubar, “tuigidh mi a nise nach ionmhuinn leat mi fein.” Thugadh an sin Fearghus chuige, agus dh’ fhoighneachd e dheth, “Ciod e dheanadh thu rium, Fhearghuis, nan cuirinn an coinneamh clann Uisnich thu, agus dùil agam ri am marbhadh, mar nach dean mi?” “Cha’n abrainn,” arsa Fearghus, “gu’n cuirinn do chuid fala no do chuid feòla a’ dhochainn, gidheadh, cha’n eil Ultach eile air am beirinn nach faigheadh bròn bàis agus beag-shaoghal uam.” “Is fior dhuit sin,” arsa Conchubar, “is tu fein a theid ann; agus gluais romhad am màireach, oir is ann leat a thig iad, agus ag teachd air tir dhuit an Eirinn an deigh teachd o Alba dhuit gabh gu tigh Bhorraich mac Chainte; agus thoir bhriathran dhomh gu’n cuir thu clann Uisnich, gun fuireach, gun chumha, agus gun dion gu Eamhuinn Mhacha an la thig iad gu Eirinn.” An sin thainig iad a nios do’n tigh-chuirme agus dh’innis Fearghus daibh gu’m b’ e féin a bha dol air an turus sin. An sin labhair Conchubar ri Borrach mac Chainte agus thubhairt e, “A’ Bhorraich, am bheil fleadh agad dhomh?” “Tha, gu deimhin,” arsa Borrach, “ach cha b’ urrainn domh a h-iomchar ugad, ged a thainig leam a h-ullachadh.” “Maiseadh,” arsa Conchubar, “thoir do Fhearghus i air tighinn o’n ear da, oir is ann de gheasaibh Fhearghuis a tha e gun fleadh a’ dhiùltadh.” Chaidh iad rompa an oidhche sin féin, agus dh’éirich Fearghus gu moch air la na màireach, agus cha tug e leis ach a dithis mhac féin, eadhon Iollann Fionn, agus Buinne Borb Ruadh, agus Cuillion fear na birlinn, agus a’ bhirlinn féin, agus cha’n eil sgeul tuilleadh orra gus an d’ rainig iad daingneach Mhic Uisnich, eadhon Loch Eitche an Alba.
Is ann a bha Clann Uisnich agus tri bùithean seilge folaichte aca; agus a’ bhùth anns am bruicheadh iad am biadh cha’n ann an sin a dh’itheadh iad, agus a’ bhùth anns an d’ith iad, cha’n ann innte a chaidileadh iad. Chaidh Fearghus a dh’ionnsaidh a’ ghlinne agus leig e glaodh rabhaidh guth-bhinn as, gus an do chluinneadh mu na criochaibh bu dlùithe da, mac-talla a’ mhoir-glaoidh sin. Agus is ann a bha Naoise agus Deirdre aig an àm sin agus ceannchaomh Chonchubair, is e sin an taileasg, eatorra, agus iad ’ga h-imirt. Chuala Naoise an glaodh agus thubhairt e, “Cluinnidh mi glaodh Eirionnaich.” Dh’aithnich Deirdre an glaodh, agus cheil i orra e. Leig Fearghus an dara ghlaodh, agus thubhairt Naoise a rithisd gu’m bu ghlaodh Eirionnaich e. “Cha’n e glaodh Eirionnaich, ach glaodh Albannaich a tha ann,” arsa Deirdre. Leig Fearghus an treas ghlaodh, agus dh’aithnich iad uile gu’m b’ e Fearghus a bha ann; agus dh’ iarr Naoise air Ardan dol ’na choinneamh. An sin thubhairt Deirdre gu’n d’ aithnich i féin a’ cheud ghlaodh o Fhearghus.
[Vol . 6. No. 44. p. 3]
“C’arson a cheil thu sin oirnn?” arsa Naoise. “Chunnaic mi aisling,” arsa ise, “tri eòin ag teachd ugainn o Eamhuinn Mhacha agus tri balguim meala ’gan toirt leo ugainn agus ’gan fagail againn, agus tri balguim de ar fuil ’gam toirt leo uainn ’nan ionad.” “Ciod e a’ bhreith a tha agad air an aisling sin, a’ nighean?” arsa Naoise. “Tha,” arsa ise, “Fearghus a’ teachd ugainn le teachdaireachd sith ’ga tairgseadh dhuibh, agus Conchubar air bhur tòir, agus air ti bhur dochair, oir is milse na mil teachdaireachd sith.” “Eisd,” arsa Naoise, “is fada tha long Fhearghuis anns a’ phort; eirich, ’Ardain, air a cheann (is e sin, ’na choinneamh. ”) Ghluais Ardan roimhe gus an do rainig e far an robh Fearghus agus thug e tri pògan da agus d’ a mhacaibh. Thug e leis iad far an robh Naoise agus Deirdre agus Ainnle, agus thug iad pògan gu dileas agus gu togarrach do Fhearghus agus do a mhacaibh; agus dh’ fhoighneachd sgeul Eirinn dheth, agus gu mor mhor sgeul Choigeamh Ulaidh. “Is iad na sgeòil is fearr againn,” arsa Fearghus, “Conchubar ’gam chuir sa air bhur ceann le braighdean agus urrais sith, e fein a’ bhith dileas tairiseach duibh, agus tha mo bhriathran ormsa na braighdean sin a’ dhaingeachadh.” “Cha dual daibh dol ann,” arsa Deirdre, “oir is mo an tighearnas féin an Albainn na tighearnas Chonchubair féin an Eirinn.” “Is fearr fradharc dùthchais na sin uile,” arsa Fearghus, “oir cha’n aoìbhinn do neach ge mor a rath agus inbhe mur faic e a dhuthaich gach la.” “Is fior sin,” arsa Naoise, “agus is annsa leam Eirinn na Albainn, ge mor mo thighearnas an Albainn. “Is tearuinte dhuibhse mo bhriathran-sa agus mo ghill,” arsa Fearghus. “Is tearuinte, arsa Naoise; ach cha’n ann do dheòin Dheirdre a thubhairt Naoise sin, agus bha i ’ga thoirmisg air Naoise dol gu Eirinn air eagal Chonchubair agus nan Ultach, oir bu dearbh leitha gu’m b’ann le rùn ceilge a chuir Conchubar Fearghus gan iarraidh. Thug Fearghus a bhriathran daibh, nam biodh fir Eirinn air los an dochair agus am marbhadh nach bu daingeann daibh sgiath no claidheamh no cath-bharr (clogaid) uaidh fein. “Tha fhios sin agam-sa,” arsa Naoise,” “agus rachamaid leat.” Ghluais iad rompa an deigh sin; agus cha’n eil sgeul ann ri aithris orra gus an do rainig iad tigh Bhorraich mhic Chainte. Agus dh’ fheuch Deirdre thar a h-ais air chriochaibh na h-Alba, agus thog i an laoidh a leanas:—
Ionmhuinn leam an tir ud shoir
Alba con (le) a h-iongantaibh:
Cha tiginnn aisde gus a so,
Mur tiginn-sa le Naoise.
Ionmhuinn Dun Fiodha, ’us ionmhuinnn Dun Fionn,
Ionmhuinn an Dun tha os an cionn;
Ionmhuinn Innis Droighin fos,
’S is ionmhuinn Dun Suibhne.
Coill Chuanna! A’ Choill Chuanna,
Far am bheil na fuarain;
B’éibhinn bha mi ann an sin,
Le Naoise ’n oirthir Alba.
Gleann Caoin! A’ Ghlinn Chaoin,
Chadlainn ann fo m’earradh chaoimh;
Iasg, ’us sithionn ’us Saill bhroc,
B’ iad mo chuid-sa an Glean Caoin.
Gleann Masain! A’ Ghlinn Masain,
Ard a shealbhag, geal a ghasain;
Dheanamaid ar cadal corrach,
Os Inbher muingeach Mhasain.
Gleann Eitche! A’ Ghlinn Eitche,
Thogadh leam mo chiad tigh innte;
B’aluinn a choille air dhomh eirigh,
’Nuair bhuail a’ ghrian air Loch Eitche.
Gleann Urchain! A’ Ghlinn Urchain,
Sin an gleann tha direach dromchaoin;
Cha bu ullach fear de aoise,
Na Naoise an Gleann Urchain.
Gleann Da Ruadh! A’ Ghlinn Da Ruadh,
Gradh mo chridhe’ do’n fhear d’ an dual;
Binn guth cuaiche os craoibh chruim
Air mi druim os Gleann Da Ruadh.
Ionmhuinn Innis Draighneach fos,
Bu gharbh bha a h-uisgeachan;
Cha tiginn aisde gus a so,
Mur tiginn-sa le Naoise.
(Ri leantuinn.)
SGEULACHDAN ARABIANACH.
VII. —SINDBAD AN SEOLADAIR,
CAIB. XIV.
Cha robh teagamh agam nach b’ e so an t-ait adhlacaidh aca, agus gu’n do ghiulain iad ann mi a chum gu’n tugadh iad orm a thuigsinn gu’m bu choir dhomh sgur a bhith ’g am marbhadh, o nach robh dhith orm ach am fiaclan.
Gun dail sam bith thug mi m’ aghaidh air a’ bhaile, agus an deigh dhomh a bhith coiseachd latha ’s oidhche, rainig mi taigh mo mhaighistir. O nach do thachair aon elefant orm air an t-slìghe, smaoinich mi gu ’n deachaidh iad gu math fada ’steach do ’n choille, agus mar sin gu’m faodainn tilleadh air ais do ’n bheinn gun fhiamh gun eagal.
Cho luath ’s a chunnaic mo mhaighistir mi, thuirt e, “A Shindbaid bhochd, is ann orm a bha ’n dragh-inntinn mu d’ dheidhinn. Bha eagal orm gu ’n d’ eirich beud dhut. Bha mi anns a’ choille, agus thug mi an aire gu’n robh craobh air a h-ur-spionadh as an talamh, agus fhuair mi am bogha-saighead agus na saighdean a bh’ agadsa air an talamh faisge oirre. Bha mi ’g ad shireadh air feadh na coille gus an robh mi seachd sgith. Mu dheireadh thug mi duil thairis gu’m faicinn gu brath thu. Innis dhomh, guidheam ort, cia mar a sheachainn thu am bas.”
Dh’ innis mi dha a’ h-uile car mar a dh’ eirich dhomh, agus ghabh e ioghnadh gu leor; ach is gann a bha e ’gam chreidsinn.
Gu math moch ’s a’ mhadainn an la-iar-na-mhaireach, chaidh sinn le cheile do ’n bheinn, agus bha aoibhneas mor air an uair a chunnaic e gu’n robh an naigheachd a dh’ innis mi dha fior. Chuir sinn uiread ’s a b’ urrain i ’ghiulan de na fiaclan a bha sgaoilte air a’ mhonadh air muin na h-elefant, agus thill sinn dhachaidh.
An sin thuirt e rium, “A bhrathair, o’n a fhuair mise doigh leis am bi mise gle shaoibhir, cha bhi thu ’na do thraill agam tuilleadh. Gu’n tugadh Dia dhut gach sonas agus soirbheachadh a chi e feumail dhut. Tha mi ’na lathair-san gu follaiseach a’ toirt do shaorsa dhut. Cheil mi ort gus a so an ni a tha mi nis a’ dol a dh’ innseadh dhut.
“Tha daoine againn a sealg nan elefant a h-uile bliadhna ’chum gu’m faigh sinn na fiaclan aca; ach a dh’ aindeoin cho tric ’s a tha sinn ’gan cur air am faicill, tha na creutairean cuilbheartach so ’g am marbhadh. Shaor Dia thusa uapa. Tha so ’na chomharradh gu’m bheil tlachd aige dhiot, agus gu’m bheil do sheirbheis feumail dha anns an t-saoghal. Chuir thu fortan mor ’n am rathad-sa. Cha robh doigh againn roimhe so air ibhiri fhaotainn gun bheatha ar cuid sheirbhiseach a chur ann an cunnart. Ach a nis tha ar baile gu leir air a dheanamh saoibhir air do shailleamh-sa. Na bi ’smaointean gu’m bheil mise ’cumail am mach gu’m bheil thu air do lan-phaigheadh air son na rinn thu de mhath dhomh an uair a tha mi ’toirt do shaorsa dhut; bheir mi dhut mar an ceudna cuid mhath de shaoibhreas. Dh’ fhaodainn ’toirt air muinntir a’ bhaile gu leir fortan a chur cruinn dhut, ach cumaidh mi agam fhein an cliu air son so a dheanamh.”
Mar fhreagairt do na briathran taitneach so thuirt mi, “A mhaighistir, gu’n gleidheadh Dia thu. Tha mi meas gu’m bheil mi paighte gu leor air son na rinn mi de mhath dhut an uair a tha thu toirt dhomh mo shaorsa. Cha ’n eil mi ’g iarraidh ort an corr a thoirt dhomh, ach a mhain gu’n leig thu leam tilleadh do m’ dhuthaich fhein.”
“Gle cheart,” ars’ esan; “an uair a thig soirbheas fabharrach, thig luingeas an so a dh’iarraidh ibhiri, agus faodaidh tu falbh dhachaidh ann an te dhiubh. Paighidh mi fhein d’ fharadh dhachaidh.”
Thug mi taing dha a chionn gu’n d’ thug e dhomh mo shaorsa, agus gu’n do nochd e dhomh caoimhneas is curantas mor.
Dh’ fhan mi comhladh ris gus an d’ thainig na luingeis. Chaidh sinn iomadh uair do ’n bheinn a dh’ iarraidh na h-ibhiri. Mu dheireadh lion sinn na taighean-stoir gu leir leatha.
Fhuair marsantan eile a’ bhaile fios gu’n robh moran ibhiri anns a’ bheinn, agus chaidh iadsan g’ a h-iarraidh mar an ceudna.
Mu dheireadh thainig aireamh mhath luingeas do’n bhaile-phuirt. Rinn mi deiseil gus a dhol air bord anns an luing a roghnaich mo mhaighistir dhiubh. Leith-luchdaich e dhomh i le ibhiri. Chuir e biadh air bord dhomh, agus thug e dhomh mar an ceudna mar thiodhlac iomadh ni dhe na rudan bu luachmhoire agus a b’ annasaiche a bha ri ’m faotainn anns an duthaich.
An uair a bha mi ’dol air bord, thug mi mile taing dha air son gach fabhar a rinn e rium.
(Air a leantuinn air taobh 350.)
[Vol . 6. No. 44. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, . . . $1 .00
Sia miosan, . . . .50
Tri miosan, . . . .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher ‘ Mac-Talla,’
Sydney, Cape Breton
SIDNI, 29 APRIL, 1898.
ONTARIO.
On chaidh roinnean Chanada ’nasgadh ri cheile ann an 1867, thainig Ontario air a h-aghaidh gu h-aluinn. Tha ’n t-ainm Ontario ’ciallachadh boidheach, agus da rireadh, is boidheach Loch Ontario le h-uisgeachan glan, fallain, slainteil. Cha ’n ’eil aig dùthaich air bith air an t-saoghal lochan co mor, gasda, farsuing, domhainn ’s a tha aig Canada. Is e Loch Superior loch a’s modha ’tha air an t-saoghal. Tha uisgeachan an loch so ’tighinn a nuas troimh Loch Huroin ’us Loch Erie, ’s a tuiteam le fuaim ’us spionnadh uamhasach thairis uir Eas Niagara ’s a ruigheachd Loch Ontario. Nochd na daoine gliocas sonruichte ’thug an t-ainm Ontario do ’n chuibhrionn aillidh de Chanada d’ am b’ ainm Canada Uachdrach roimhe sud. Is e Toronto baile mor Ontario. Cosmhuil ris an fhocal Ontario, is e ainm Innseanach ’tha ann an Toronto, ’s tha e ’ciallachadh, “Craobhan anns an uisge.” Is ann an Toronto ’tha tigh eireachdail Pàrlamaid Ontario. Tha oil-thighean lionmhor agus maiseach ann. Tha cuirtean arda ’n lagha ann mar an ceudna. Tha Ontario daonnan proiseil do bhrigh gu robh ’us gu bheil aice daoine no fir-lagha comasach, foghluimte, onorach ’us dileas. Cha robh ach baile suarach ann an Toronto o chionn da fhichead bliadhna. Bha moran tuigse aig na daoine ’bha ann an Comhairle Thoronto, ’s bha iad ag amharc fada air thoiseach orra ’n uair a thug iad cuideachadh faoilidh airgid do rathaidean-iaruinn a dh’ fhosgail ionadan beartach mu thuath agus air an airde ’n iar do Thoronto. Is ann air an aobhar so ’tha malairt mor Ontario ’tighinn do Thoronto ’s a’ toirt maoin ’us storas, ’us comhnaidh nach ’eil gann no faoin do ’n bhaile. Cha ’n ’eil clachan airson tighean a thogail pailt mu thimchioll Thoronto. Is ann de chlachan creadha, geal ’us dearg, a tha na tighean agus na sraidean air an togail. Tha sgil ’us tapaidh ealanta air an taisbeanadh ann an iomadh sraid ùr, shnasmhor ann an Toronto.
Is ann an criochan Ontario tha Ottabha, baile mor na dùthcha. Bha iongantas air moran daoine gu deachaidh am baile so ’roghnachadh airson aite seasmhach do uachdaranachd ’us luchd-riaghlaidh Chanada. Bha, aig amannan roimhe so, Baile ’n Righ ann an Ontario, ’s Toronto ’us am Baile Rioghail—Montreal— ’us Cuebec, a’ toirt aoidheachd do Phàrlamaid Chanada uachdraich agus iochdraich. An uair a thainig an t-àm anns an robh e follaiseach gu leoir gu robh e iomchuidh gu bitheadh aon aite bunaiteach air a roghnachadh airson riaghladh na dùthcha, bha stri laidir eadar cairdean Thoronto ’s Chuebeic. Cha b’ urrainn do ’n Phàrlamaid tighinn gu cordadh air bith. On loisg daoine Mhointreail tigh na Pàrlamaid a bha anns a’ bhaile so, le fearg ’us mi-run, am feadh a bha Morair Eilginn na ard-uachdaran ann an Canada, ( ’s is e duine tapaidh, teoma ’bha ann), cha robh aobhar air bith gu rachadh a’ Phàrlamaid gu brath air a h ais do ’n Bhaile Rioghail. Mu dheireadh chaidh a’ chuis a thabhairt gus na Ban righ, agus roghnuich ise Ottabha mar an t-aite ’b’ fhearr ’us a bu fhreagarraiche airson aoidheachd sheasmhach, fhreagarrach a thoirt do Phàrlamaid ’us do riaghladh Chanada. Tha daoine Bhan-righ comhairle na Ban-Tighearna Head, agus gu do mhol a’ Bhan-Tighearna so Bytown, no Ottabha, mar an t aite anns am bu choir do bhaile mor Chanada, le gach riaghladh ’us Pàrlamaid, a bhi air an suidheachadh. Tha frithean giuthais mu thimchioll a’ bhaile so ’us mu thuath deth. Bha ’n giuthas aig aon àm pailt, reidh agus luachmhor. Co ’dh’ innseas meud no àireamh an fhiodh ghasda, fhiachail a dh’ fhag Ottabha bho cheann ceud bliadhna ’s a ruig Cuebec agus a chaidh gu h-iomallan na talmhainn? Bha run aig moran do chairdean cumhachdach Chanada an àm nasgadh na roinnean, gu rachadh an Tigh Pàrlamaid ùr a thogail air comhnardan Abrahaim, faisg air baile Chuebeic, agus far an tug am feachd Breatunnach buaidh air na Frangaich, agus an d’ fhuair Breatunn sealbh gu brath air Canada. Is ann an àite ard, flathail, uaibhreach a tha na Tighean Pàrlamaid air an suidheachadh ann an Ottabha. Tha iad da rireadh, maiseach, ealanta, grinn agus foghainteach. On tha obair na dùthcha ’cinntinn gu luath, tha tigh ùr air a thogail a nis agus a rithist airson cothrom a thoirt doibhsan a tha ’deanamh seirbhis do ’n dùthaich air iomadh doigh. Is e baile mor, farsuing a tha ’nis ann an Ottabha, ’us chuidich a’ Phàrlamaid leis gu h-anabarrach anns gach soirbheachadh a bhuineas da.
CONA.
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.
Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach.
TRIUBHSAIREAN BHO $3 .00 SUAS.
Niall Mac Coinnich,
Sidni, C. B.
C . H. HARRINGTON & CO.
Flur, Min, Ti agus Siucar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr.
Soithichean Glaine agus Creadha, math agus saor.
Brogan, Botainnean, Rubbersagus Caiseart de gach seorsa
’GAN CREIC SAOR.
BATHAR CRUAIDH.
Tha mi a nise ’cumail Bathar Cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh, Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor.
AONGHAS MAC LEOID,
Sidni, C. B.
BATHAR EARRAICH.
Deiseachan Fhirionnach air $3 .50, $4 .75 agus o sin suas.
Deiseachan Ghillean air $1 .75, $2 .60, $3 .00, $375 agus $4 .60.
Bathar eile a reir sin. Cha ’n eil stor anns a’ bhaile anns am faigh thu BATHAR MATH cho saor.
Tormad Domhnullach,
SIDNI, C. B.
[Vol . 6. No. 44. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Tha àireamh mhór de luchd-imrich a’ dol a thighinn do Mhanitoba air an t-samhradh so, agus tha dùil ri barrachd mór fearainn ’sa b’ àbhaist a bhi air a chur fo bharr. Tha na tuathanaich a nise ’tòiseachadh air a’ churachd.
Tha an t-àrd riaghladh an deigh “bill” a thoirt air beulaobh na pàrlamaid air son cothrom a thoirt do luchd-taghaidh na dùthcha innse co-dhiu tha no nach eil iad deònach air bacail iomlan a chur air deanamh, reic agus ceannach stuth làidir ann an Canada. Cha ’n eil ni sam bith eile ri bhi air a chur an co-cheangal ris a’ cheist sin.
Tha an Seanalair Gascoigne, a bha ’na ard chomandair air arm Chanada, an deigh an dreuchd sin a chur uaithe. Bha troimhe-cheile ann an àireamh de reiseamaidean air a’ gheamhradh s’a chaidh, agus cha do choisinn Gascoigne moran meas dha fhein leis na doighean a ghabh e gu reit a dheanamh. ’Se sin a thug air comand’ an airm a chur uaithe.
Thatar a’ dol a thoirt an rathaid-iaruinn aig Sidni Tuath a stigh dh’ ionnsuidh an uisge, agus tha laimhrig ri bhi air a togail aig am faod soithichean luchd a ghabhail direach bhar nan carbadan. Tha an rathad an dràsda a’ stad a muigh air cùl a’ bhaile, agus tha e gle mhi-dheiseil, gu h-àraidh o’n thòisich an soitheach-smùide air ruith eadar am baile sin agusNewfoundland.
Thainig soitheach mor gu ruige Halifacs toiseach na seachdain so, agus naodh ceud ’s leth “cheud ’sa ceithir de luchd-imrich aice air bòrd. Bha i a mach á Hamburg, ’sa Ghearmailt, agus bu Ghalatianaich a’ chuid bu mhotha dhe ’n luchd-imrich. Tha iad ag radh gur daoine neònach iad, air an còmhdach le còtaichean de chraicinn chaorach, ’s taobh na clòimhe leth riutha. Bha iad uile a’r an t-slighe gu Manitoba, far am bheil àireamh de ’n luchd-dùthcha an deigh fearainn a thogail cheana. ’S e ’n soitheach air an d’ thàinig iad, an dàrna soitheach bu mhotha ’thainig riamh a stigh do Halifacs. Cha ’n eil i fada air deireadh air a “Ghreat Eastern.”
Dh’ aontaich Seanadh nan Stàitean a sheachdain gus a bhòn-dé, $473 ,151 a phàigheadh do Bhreatunn, air son deanamh suas a’ challa rinneadh air soithichean-iasgaich Chanada le cabhlach nan Stàitean ann an Cuan Bhehring ’nuair a bha iad a’ dol ann a mharbhadh nan ròn. Dhiùlt iad an t-suim sin do Bhreatunn roimhe, ach air an turus so cha do thog aon duine a ghuth ’na aghaidh. Faodaidh luchd-riaghlaidh nan Stàitean a bhi gle neor-thaingeil ’nuair a tha iad aig sith ris a’ chinne-daonna air fad, ach ’nuair a thig cogadh cha ’n eil toil sam bith aca bhi mach air Breatunn; ’si ’n caraid a’s fhearr a th’ aca a dh’ aindeoin gach càineadh a ni iad oirre air uairean.
Cha d’ rinneadh ach gle bheag atharrachaidh air cisean na cusbuinn leis an àrd-riaghladh air an earrach so. Chaidh cisean an t-siùcair atharrachadh air dòigh ’s gu bheil cothrom na ’s fhearr air a thoirt do mhuinntir nan Innsean an Iar na bha aca roimhe. Bha iad o chionn àireamh bhliadhnaichean air am milleadh gu mòr le siùcar na Frainge ’s na Gearmailte. Tha na dùthchannan sin a’ pàigheadh suim àraidh do luchd-deanamh an t-siùcair aca fhéin air son gach pùnnd siùcair a chreiceas iad ann an dùthchannan céin. agus air sàileabh sin tha iad ’ga chreic ann an dùthchannan eile moran na ’s saoire na tha iad ’ga chreic aig an tigh. Bha siùcar nan Innsean an Iar air an dòigh sin a’ call a’ mhargaidh, agus bha an sluagh a’ fulang. Ach air a’ bhliadhna so tha cisean Chanada a’ toirt cothrom na ’s fhearr do shiùcar nan Innsean agus tha dùil ri deagh mhalairt a bhi eadar na h-eileanan sin agus an dùthaich so.
’Nuair a chi thu sanas o cheannaiche ann am MAC-TALLA, agus a theid thu a cheannach uaithe, na dean diochuimhn’ air innse dha gu faca tu na chuir e anns a’ phaipeir. Faodaidh tu mar sin cuideachadh nach beag a dheanamh leinne, agus cha chosg e sion dhut-sa.
Thatar a’ togail baile Windsor gu bras, agus tha e gu bhi ’na bhaile briagha ’nuair a bhios e ullamh. Cha ’n eil fhios nach bi e fad air thoiseach air an t-seann bhaile. Chaidh moran airgeid a chur cruinn air son cuideachadh leis an t-sluagh, barrachd math ’sa bha dhith orra.
Tha ceann-suidhe nan Stàitean an deigh gairm a chur a mach air son sia fichead us còig mile saighdear, gu dhol a chogadh as leth an dùthcha. Bidh aca ri bhi ’san arm gu ceann da bhliadhna, ma bhios feum orra. Cha ’n eil teagamh nach tairg an àireamh sin iad fhéin an ùine gle ghoirid.
Tha riaghladh nan Stàitean an deigh àireamh mhor de shoithichean a cheannach ann am Breatunn; tha na soithichean sin ri bhi air an armachadh ’s air an cur a chogadh mar a bhios feum orra. Bha barrachd shoithichean a dhith orra ’sa b’ urrainn daibh fhaotainn. Ni sin obair gle mhath ann am Breatunn air an t-samhradh so.
Fhuaireadh fear Domhnullach marbh ann an tigh an àit’ iomallach air eilean Anticosti, agus na h-uile choltas air gu ’m b’ ann air a mhort a bha e. Bha a thigh mar an ceudna air a chreachadh, agus tha ’m fear a fhuair a chorp ag radh gu bheil e faisg air a bhi cinnteach gu ’m b’ iad muinntir an ath bhaile a thainig ri beatha ’n duine bhochd. Tha fear-ceartais air a chur gu ruige ’n t-eilean á Cuibeic gus a’ chùis a rannsachadh, agus gus na ciontaich a thoirt gu ceartas na gheibhear greim orra.
Oidhche Di-dònaich, an t-seachdamh latha deug dhe ’n mhios, spraidh factoridh fhùdair a bha faisg air bailtean Hull agus Ottawa. Cha do rinneadh cron air duine, oir cha robh duine timchioll aig an àm. Bha lasair mhor ann agus fuaim eagalach, agus bha daoine a bha ’fuireach mile air falbh air an tilgeadh as an leapannan. Bha dorsan agus uinneagan air am bristeadh an t-astar ceudna air falbh. Chaidh uinneagan storaichean a bhristeadh ann an Ottawa, faisg air tri mile air falbh o’n àite ’san robh an spraidheadh.
Iadsan a Phaigh.
An t-Urr. D. B. Mac Leòid, Orwell, E. P. I.
A. D. Mac Leòid, Orwell, E. P. I.
Aonghas Brus, Grand View,E. P. I.
Niall Mac Leòid, Victoria , B. C.
I. D. Mac Phàrlain, Knappa , Oregon.
Bean Dhomhnuill Mhic Fhìonghain. Mooreton , N. Dak.
Niall D. Mac Iomhair, Graniteville , Vt.
An t-Urr. Coinneach Mac Coinnich, Halifacs, N. S.
An t-Urr. Seumas Friseal, St Andrew’s, N. S.
Domhnull Domhnullach, Pleasant Valley, N. S.50c.
Floiridh Nic Fhionghain, Livingstone ’s Cove,25c.
J. L. Lister,, Fergus, Ont. 50c.
Uilleam Mac Coinnich, Duneideann, Alba.
Aathur Morgan, Duneideann, Alba.
Padruig Mac-an-t- Saoir, Duneideann, Alba.
Lachuinn Mac Fhionghain, Acarsaid Mhargaree.
Iain Mac Coinnich, Gut Mhira.
BAS.
Ann anNew Boston,air a 14mh latha dhe ’n mhios, an deigh moran tinneis fhulang re shia bliadhna, Anna Nic Amhlaidh, bean ghràdhach Ghilleasbuig Mhic Fhearghais, 64 bliadhna dh’ aois. Bha i ’na màthair agus ’na mnaoi dhileas, chaoimhneil, ’na bana-Chriosduidh sheasmhach, agus ’na boirionnach a bha da rireadh beusach. Dh’ fhàg i dithis mhac, coignear nighean, a céile, agus àireamh mhor de chàirdean ’s de luchd-eòlais gu bhi ’ga caoidh. Chaidh a tiodhlacadh ann an cladh Chatalone; lean àireamh mhor an giulan ’dh’ ionnsuidh na h-uaghach.
THA ’N T-EARRACH
air tighinn ’s an Samhradh gle fhaisg air laimh. Ma tha thu air son Deise no pairt de dheise fhaotainn, taghail aig
Niall Mac Fhearghais,
an Taillear,
agus gheibh thu do dheagh riarachadh. Tha na h-Aodaichean a th’ aige math, ’s bidh iad an an deanamh a cheart cho math.
Cordaidh ’Obair Riut.
J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsa ’s fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B
AN T-AITE
Anns an Ceannaich thu
Suic agus Iaruinn Cruinn, Creamers, Soithichean Bainne, Airneis-taighe, Stobhaichean, Flur, Min, etc., etc.
An Stor aig
ISAAC GREENWELL,
SIDNI, C. B.
Gabh Deagh Chomhairle
agus ceannaich gach bathar a bhios a dhith ort bho
MATHESON , TOWNSEND & Co.
Tha stoc mor aca de Bhathar Tioram, Amhlan, Ti, Siucar, Siabunn, agus gach ni eile air an cuir tigh feum.
Tha Adan, Bonaidean, Fluraichean, Itean, agus gach ni mar sin aca do na caileagan ’s do na mnathan.
Tha gach ni a th’ aca dhe ’n t-seorsa ’s fearr, agus ’ga chreic cho saor ’sa ghabhas deanamh.
Cha chosg e sion dhut am bathar fhaicinn; bidh na cleirich gle thoileach a shealltuinn.
[Vol . 6. No. 44. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 347.)
Sheol sinn; agus cha b’ urrainn mi gun bhith ’smaointean gu math tric air mo thurus do ’n aite, agus air an doigh anns an d’ fhuair mi mo shaorsa.
Stad sinn car uine aig caochladh eileanan gu biadh is uisge a thoirt air bord. An uair a rainig sinn baile-puirt araidh a bh’ air tir-mor nan Innsean, chaidh mi gu tir, agus thug mi leam gu tir an ibhiri agus gach ni eile a bh’ agam air bord; oir cha robh toil agam a dhol air an luing do Bhalsora idir, air eagal gu’m faodadh long-spuinnidh tachairt ruinn.
Reic mi an ibhiri anns a’ bhaile so, agus fhuair mi suim anabarrach mor air a son. An uair a cheannaich mi iomadh ni annasach a bha mi gus a thoirt do m’ chairdean mar thiodhlac an uair a ruiginn dhachaidh, agus a fhuair mi gach deisealachd a bha dhith orm air son mo thuruis, dh’ fhalbh mi dhachaidh ann an cuideachd mharsantan a bha ’gabhail an aoin rathaid rium.
Bha mi uine mhor air an rathad dhachaidh; agus ged a dh’ fhuiling mi sarachach is uidir gu leor fad an rathaid, ghiulain mi gu foighidneach leotha, o’n a bha mi saor o na cunnartan lionmhor a bha ’tachairt rium air na tursan eile a bha mi air falbh.
An deigh a h-uile sgios a dh’ fhuiling mi, rainig mi Bagdad mu dheireadh gu sabhailte.
Gun dail sam bith chaidh mi far an robh ’n righ, agus dh’ innis mi dha a h-uile car mar a dh’ eirich dhomh. Thuirt e rium gu ’n robh e fo iomaguin mhoir mu m’ dheidhinn o’n a bha mi cho fada gun tilleadh, agus gu ’n robh e an comhnuidh an dochas gu ’n gleidheadh Dia mi o gach cunnart.
An uair a dh’ innis mi dha mar a thachair dhomh an uair a chuireadh a shealg nan elefant mi, ghabh e ioghnadh gu leor, agus mur b’ e gu’n robh fhios aige nach innsinn breug, cha chreideadh e mi.
Leis cho math ’s a chord mo naigheachdan ris, thug e ordugh gu ’m biodh iad uile air an sgriobhadh, agus air an tasgadh gu curamach anns an taigh-ionmhais.
Thill mi dhachaidh, agus mi gle riaraichte leis an doigh anns an do ghabh an righ rium, agus leis an urram ’s leis na tiodhlacan a thug e dhomh. ’Na dheigh sin bha mi ’cur seachad na h-uine maille ri m’ theaghlach, ri m’ luchd-daimh, agus ri m’ chairdean.”
An uair a chuir Sindbad crioch air na bh’ aige ri innseadh mu dheidhinn mar a thachair dha air an t-seachdamh turus a bha e air falbh, thuirt e ri Hindbad, “Seadh, a charaid, an cuala tu mu neach riamh a dh’ fhuiling uiread ’s a dh’ fhuiling mise, no a chaidh troimh leithid a chunnartan ’s a chaidh mise? Nach ’eil e reusanta, an deigh na chaidh mi throimhe, gu’m bithinn a nis a’ caitheamh mo bheatha gu foisneach agus gu taitneach?”
An uair a thuirt e so, thainig Hindbad dluth dha, agus an uair a thug e pog dha laimh, thuirt e, “Tha mi ag aideachadh gu’n deachaidh sibh troimh chunnartan eagalach; ged a tha mo thrioblaidean-sa mor, cha’n ’eil iad ri bhith air an coimeas ris na trioblaidean troimh ’n deachaidh sibhse. Ma tha mise ’fulang amhghair car uine, tha e ’na thoileachadh dhomh gu’m bheil fhios agam gur ann a chum mo bhuannachd a tha iad. Cha’n e mhain gu’n bheil sibhse airidh air a bhith ’caitheamh bhur beatha ann am fois ’s an samhchair; ach tha sibh mar an ceudna airidh air an t-soibhreas mhor a tha sibh a’ mealtainn, do bhrigh gu’m bheil sibh a deanamh feum math dheth. Air an aobhar sin, guidheam dhuibh saoghal fada an deagh bheatha, agus bas sona.”
Thug Sindbad dha ceud bonn oir eile, ghabh e e mar aon dhe ’chairdean, agus dh’ iarr e air sgur dhe ’n phortaireachd, agus tighinn a h-uile latha comhladh ris thun a’ dhinnearach, a chum gu’m biodh cuimhne aige air Sindbad, an Seoladair, fad uile laithean a bheatha.
(A’ chrioch.)
LITIR DEALACHAIDH.
Air samhradh na bliadhna 1892 bha Alasdair Mac-an-Tòisich anns an tigh-eiridinn am baile Bhoston, agus bha aige ri dhol troimh dheuchainn chruaidh, gun mor dhùil a bhi aige fhéin no aig na dotairean gu faigheadh e thairis air. Bha an litir a leanas air a sgriobhadh leis gu bhi air a cur gu ’mhàthair an deigh a bhàis. Ach chaidh e am feobhas agus fad cheithir bliadhna bha e ann an deagh shlàinte. Air an darra latha de Ogust, 1896, thainig bàs gle aithghearr air; fhuaireadh marbh anns an leabaidh e air a thoirt air falbh le tinneas a’ chridhe. Bha a chorp air a thoirt dhachaidh ’s air a thiodhlacadh ann am Malagawatch, air an eilean so. Bha an litir a sgriobh e ceathir bliadhna roimhe sin air a faotainn am measg a chuid phaipearan, agus chaidh a cur gu ’mhàthair. Chaidh a leughadh aig an tiodhlacadh, agus bha i mar gu,m biodh guth as an t-siorruidheachd. Theid iomadh bliadhna seachad mu’n teid na briathran air diochuimhn’ orra-san a chual’ an litir air a leughadh. Tha sinne ’ga clo-bhualadh air iarrtus aon de ’chàirdean:—
TIGH EIRIDINN BHOSTON,
Iulaidh 30, 1892.
A MHATHAIR GHRADHACH: —Tha mi ’dol a sgriobhadh nan sreathan so a chionn gu bheil eagal orm gu’n tig mo bhàs gle throm oirbh. Tha fhios agam gu’m fairich sibh a’ bhuille gle ghoirt, a chionn i bhi ’tighinn gun rabhadh- Tha Dia a’ gluasad ann an doigh iongantaich, ach ’se ’n t-àm a dh’ òrduich esan an t-àm a’s fhearr. Ged a bhiodh tuilleadh bhliadhnaichean air an toirt dhomh, ma dh’fhaoidte gur ann a bhiodh iad ’nan aobhar bhròin dhuibhse agus dhòmhsa, agus tha mi làn striochte ri bhi air mo ghairm air falbh aig an àm so—ach gu bheil mi duilich a bhi dealachadh ruibh fein ’s ri m’athair ’s ri mo bhràithream ’s ri mo pheathraichean Ach faodaidh sibh uile tighinn as mo dheigh, agus bidh mi an ùine ghearr maille ri mo phiuthair ghràidh a tha air a dhol a null romham. Tha mi air son a bhi air mo thiodhlacadh ri ’taobh.
Abraibh ri mo bhràithrean ’s ri mo pheathraichean iad a dh’ iarraidh air tùs rioghachd Dhe agus fhireantachd, agus gu’n cuirear gach ni eile riutha. Abraibh riutha cuideachd gu’n do dh’iarr mise orra iad cùram a ghabhail dhibhse agus dhe m’ athair, ’s gun iad a leigeil éis sam bith oirbh. ’Se so am fios mu dheireadh a dh’fhàgainn aca.
Aig seirbheis mo thiodhlacaidh bu mhath leam iad a leughadh an ceathramh caibideal deug de Shoisgeul Eòin, agus dh’iarrainn air Iain Mac-an-Tòisich e leughadh nan ceithir roinn mu dheireadh de’n treas caibideal deug de shoisgeul Mharcuis mar mo bhriathran deireannach do chloinn na sgoil Shàbaid anns an Acarsaid Bhig.
Nise, ’mhàthair ghràidh, ’se so na tha mi ’g iarraidh a bhi air a dheanamh, agus tha mi ’guidhe oirbh gun a bhi ro dhuilich air mo shon. An ùine gun a bha fada thig sibhse cuideachd, oir thubhairt Iosa, “Far am bheil mise, bidh sibhse mar an ceudna-” Tha aghaibh fhathast gillean a’s fhearr agus a’s comasaiche air cùram a ghabhail dhibh na tha mise.
Ghuidh mi air Iosa a bhi maille rium anns an duchainn so, agus gheall e nach fàgadh ’s nach treigeadh e am feasd mi. Iarraibh air mo chairdean uile gun iad a bhi ri bròn air mo shon-sa oir tha mi ’dol gu dachaidh a’s fhearr. Ann an neamh shuas far an gràdh gach ni, cha bi gu siorruidh dealachach. Beannachd leibh, a luchd mo ghaoil, a mhàthair a bhràithrean ’sa pheathraichean.
ALASDAIR.
BEUL-AITHRIS.
Nuair a bha Caiptin Caimbeul Sgiobnes a’ tional dhaoine ann an Cinntire mar shaighdearan airson Ghustabhus Adolphus na Suaine, thàinig Reisimid Sasunnach do’n àite far an robh e còmhnuidh, agus aon latha air do Chaiptin Caimbeul agus an t-oifigeach Sasunnach a bhi a’ comhràdh mu threubhantas nan Reisimidean aca, thoisich an Sasunnach air moladh coltas nan Saighdearan Gaidhealach. Fhreagair an caiptin e gu’n robh iad ceart cho math ri an coltas. “Am beil gu dearbh?” ars am fear eile, “tha agamsa aon saighdear a chuireadh an ruaig air tri de na daoine agad-sa.” Cha do chord so ris a’ Chaiptin agus a’ tionndadh mu’n cuairt thuirt e “A dhuine tha thusa cosmhail ris a’ chorr de mhuinntir do dhùthcha, làn uabhair agus ardain, ach mu am fàg thu so, leigidh mi fhaicinn dut, ciod a tha na Gaidheil comasach air a dheanamh. Tha agam-sa aon duine a chuireas an ruaig—cha’n e air triuir—ach air deich de na Saighdearan agad-sa agus thu fein aig an ceann—tagh do dhuine agus taghaidh mise mo dhuine.” Chuir gach fear diubh teachdaire airson a dhuine. Cha b’fhada gus an d’ thàinig an saighdear Sasunnach ’nan lathair agus gu cinnteach bu e an ceathairneach e. “Cait am beil Ian dubh, mòr?” thuirt an Caiptin ri aon de na daoine aige, ach mu an robh am facal mu dheireadh as a bheul bha Ian ’na sheasamh fa chomhair. Chaidh facal no dhà a’ labhairt eatorra; thionndaidh Ian a chomhlachadh an t Sasunnaich mhòir gun aige de dh’ inneal-gleachd ach bata cruaidh daraich ’n a dhorn. Thug an Sasunnach suil
[Vol . 6. No. 44. p. 7]
gle tharail air Ian agus cha ’n eil teagamh nach bitheadh e ag ràdh ris fein mar thuirt Goliah o shean ri Daibhidh “An cù mise gu’n tigeadh tu ’m aghaidh le bata?” Nuair a thàinig an dà laoch dluth ri cheile, thilg an Sasunnach smugaid an aodann a’ Ghaidheil, agus ghabh e seachad. Ghabh Ian dubh an tamailt gu siobhalta. Bha Ian dubh mòr an dà chuid ciotach agus fiar-shuileach agus nuair a chuir e e-fein an ordugh-catha le a bhata daraich ’na chiotaig, agus nuair a dh’ amhairc e air an t-Sasunnach anns an aodann; chlisg an Sasunnach agus sheas e cho neo-ghluasadach ri iomhaigh —dh’fhàg an rughadh a ghruaidhean agus dh’ fhas e cho geal ris an anart. Thug Ian brodadh da le a bhata, dh’fheuchainn am brosnachadh sin e a chum a chlaidheamh a thogail; ach thug an Sasunnach aon leum as—thionndaidh e a chùlthaobh air Ian—agus theich e. Nuair a chunnaic an t-Oifigeach Sasunnach mar theich a dhuine, ghabh e fearg, agus chuir e as a dheidh agus dh’fhoighnich e ris carson a thug e an tamailt so air an reisimid Shàsunnach le a chùlthaobh a thionndadh air duine neo-àrmachd mar a bha an Gaidheal. “Theich mi” ars an saighdear “a chionn a’ chiad sealladh a fhuair mi de a aodann, bha fios agam gu’m bu duine marbh mi. Chaidh faisneachd a dheanamh domh nuair a bha mi òg, gu’m bithinn air mo mharbhadh le duine ciotach agus fiar-shuileach—agus is e sin an duine—cha teid mi idir a ghleachd ris.” Ach b’fheudar do’n t-Sasunnach bhochd tilleadh air ais agus a chlaidheamh a thogail; agus is e bu chrioch da gu’n deachaidh a mharbhadh le aon sgailc de bhata daraich Iain mhòr agus mar sin bha an fhaisneachd air a comhlionadh
TRATHAN NA BLIADHNA.
“Rinn thu an samhradh agus an geamhradh.” —Salm lxxiv: 17.
Rinn thu an samhradh. Is e Dia, mar an ceudna, ughdair gach soirbheachaidh. Ged dheasaicheas an tuathanach am fearann agus a chuireas e an siol ann, cha tig fochunn no toradh trom, liontach, tiugh, as eugmhais nam frasan blatha, ciuine. Ni dichioll, ’us dealas, ’us durachd, moran gun teagamh, ann an gnothaichean saoghalta, agus is tric a tha daoine lamhach, easgaidh, aghartach, a’ ruigheachd air inbhe uasal ’s air soirbheachadh pailt, gidheadh cha ’n eil ach sonas mealltach a’ tighinn bho aimhnichean truaillidh an t-saoghail so. Thugamaid fainear a’ chrioch thursach, narach gus an d’ thainig righrean amaideach nan Eabhruidheach, a shaoil, ann an ardan an spioraid, agus ann am morachd an neirt fein, gu robh gach eolas ’us tuigse aca fein as eugmhais stiuiridh an Tighearna Dia. Nach minic a dh’ eirich gu h-olc daibh, an uair a dh’ inntrig iad truscan ciar a’ chomhraig an aghaidh feachdan meamnach an naimhdean. Nach iomadh bron, ’us tuireadh, ’us iarguin chraiteach a thug baoghaltachd nan uachdaran air na h-Eabhruich bhochda. An uair a rinn iad dearmad air stiuireadh an Tighearna iarraidh ’s a leantuinn, cha do bhuaidhich iad thairis air an naimhdean, ni mo a phill iad gu ’n ionadan comhnuidh fein le caithream ’us iolach ard nan laoch. Le comhluadar mi-naomha, mi-bheusach ’us ardanach, cha shoirbhich Dia am feasda. An dream a ghluaiseas gu geamnaidh, direach, coir, meallaidh iadsan soirbheachadh bunaiteach, tlachdmhor, oir rinn Dia samhradh do ’n duine ionraic, umhal, stuama.
Tha na deuchainnean leis a’ bheil sluagh an Tighearna gu minic air am fiosrachadh a’ coimhlionadh crich araidh ann an run diomhair an Tighearna; oir is e Dia a rinn an geamhradh. Is i an raidhe de ’n bhliadhna anns a’ bheil dorchadas ’us dubhachas duaichni air sliabh ard ’s air ailean iosal, air sgairneach nan clach ’s air traigh nan tonn. Tha caochladh tiamhaidh a’ tighinn anns a gheamhradh, air gach aighear, ’us gean, ’us toileachas a bhuineas do bhlaths min ’us malda ’n t-samhraidh. Tha gach lus a seargadh agus a’ crionadh. Tha na craobhan a bha comhdaichte le deise co lurach re uine co fada ’crathadh an duillich diutha, ’us a’ comhdach an lair leis na nithean ùrail, grinn a thug doibh boidhichead roimhe. Na sruthan a bha le torman ceolmhor a’ ruith bho na h-aonaichean agus ann an slighean cam, lubach ag imeachd air feadh nam fonn ’s nan achaidhean. Tha iad anns a gheamhradh a fas mall nan gluasad, agus gu minic tha ’n reis air a stad gu buileach. Air magh, air cluain, ’s air achadh, cha ’n ’eil feur no arbhar, cha ’n ’eil asbhuain no pailteas r’ am faicinn. Tha nadur fein sprochdach, smalanach an deigh pailteas mor an fhogharaidh agus gnuis thaitneach an t-samhraidh. Anns an t-sealladh so fein, anns an atharrachadh mhor a tha teachd a gheamhraidh fhuair ’ag oibreachadh air feadh an t-saoghail gu leir, tha samhladh laidir againn air sean aois maille ri trioblaid agus deuchainn.
RENA.
Amherst Boot & Shoe Mfg, Co.,
AMHERST, N. S.
A’ Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
Amherst Boot & Shoe Mfg. Co.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C B.
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C. B.
BADDECK , - - C. B.
Airson a stor a dheanamh na ’s deiseile ’s na ’s feumaile dhaibhsan a tha ’deanamh gnothuch ris, tha
Albert I. Hart
a’ nise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha a’ chuid sin de ’n ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am Boston ’sanNew York.Gheibh iadsan a thig g’a h-ionnsuidh an
DEAGH RIARACHADH.
BADDECK , - - C. B.
THA EARBSA
aig daoine ann am maidsichean Eddy— ’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha coltach ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum.
Tha ’n t-ainm so na urrais air mathas.
—THE—
E. B. EDDY Co., Limited,
Hull, Canada.
[Vol . 6. No. 44. p. 8]
Eilean an Fhraoich.
GLEUS A.
A chiall nach mise
Bha ’n Eilean an Fhraoich,
Nam fiadh nam bradan
Nam feadag ’snan naosg
Nan lochan, nan òban,
Nan osan ’snan caol
Eilean innis nam bo
’Saite còmhnuidh nan laoch.
Tha ’n t-Eilean ro mhaiseach,
Gur pailt ann am biadh;
’S e Eilean a’s àillt’ air ’n
Do dhealraich a’ ghrian;
’S e Eilean mo ghràidh-s’ e,
Bha Ghàidhlig ann riamh;
’S cha ’n fhalbh i gu bràth
Gus an tràigh an cuan siar!
’N àm éiridh na gréine
Air a shléibhtibh bith’dh ceò,
Bith’dh a’ bhanarach ghuanach
’S a’ bhuarach ’n a dòrn
Ri gabhail a duanaig
’S i cuallach nam bò,
’S mac-talla nan creag
Ri toirt freagairt d’ a ceòl.
Air feasgar an t-Samhraidh
Bith’dh sunnd air gach spréidh;
Bith’dh a’ chuthag ’us fonn oirr’
Ri òran di fhéin;
Bith’dh uiseag air lòn
Agus smeòrach air géig,
’S air cnuic ghlas’ ’us leòidean
Uain òga ri leum.
Na’m faighinn mo dhùrachd
’S e ’lùgainn bhi òg,
’S gun ghnothach aig aois rium
Fhad ’s a dh’ fhaodainn bhi beò;
Bhi ’n am bhuachaill’ air àiridh
Fo sgàil nam beann mòr’,
Far am faighinn an càis’
’S bainne-blàth air son òl.
Cha ’n fhacas air talamh
Leam sealladh a’s bòidhch’
Na ’ghrian a’ dol sios
Air taobh siar Eilean Leòghas;
’N crodh-laoidh anns an luachair,
’S am buachaill’ ’n an tòir
’G an tional gu àiridh
Le àl de laoigh òg’.
Oran Duthcha.
LE IAIN MAC PHAIDEAN.
AIR FONN:— “Thug mi gaol do ’n fhear bhan.”
SEISD—
Chi mi bhuam, fada bhuam,
Chi mi bhuam, ri muir-làn;
Chi mi Muile nam beann fuar,
Fada bhuam thar an t-sàil’.
Chi mi mullach nam beann mòr,
Anns an òg mhaduinn àidh,
An t-aon a’s àirde dhiu na ’n còrr,
’S badan ceò air a bàrr.
Chi mi Dubhairt, chi mi ’n tùr,
Chi mi smùdan na dha;
Chi mi doireachan nan allt,
Spréidh nan gleann le ’n cuid àil.
Chi mi ’n Leitir taobh a’ chaoil,
’Dh’ fhas gun saothair nan làmh,
Chi mi ’ghucag air an fhraoch,
Chi mi ’n caorunn fo bhlath.
Chi mi fior-uisge nam beann,
Tigh’n na dheann leis gach màm;
Airdnancros ’us Rugh’ -nan-Gall,
’S bristeadh thonn air a thràigh.
Chi mi Treisinis nan sonn,
Lunga thall, creagach àrd,
Chi mi Calgairidh ri gréin,
’S boisg’ mar reul o’n Tràigh-bhàin.
Chi mi bràigh Leac-a- lìth,
Chi mi Dìnnseag ’s a Geairn’,
Beul Loch-Leamhain, eilein I,
A ghainibh mhìn ri muir-tràigh.
A’ ghrian a’ siaradh anns na speur
Cuan na réidhlein cho seimh,
Rudh’ Airdeallanais ’n ar déigh,
’S cobhar bréid-gheal o ’sàil.
Chi mi ’n aitreabh, chi mi chruach,
Ris na chuallaich mi ’n t-àl;
’S gu bheil cagar ann am chluais
O gach bruaich, air na bha.
Gu bheil cagar caidreamh binn,
’Thig a nios ’n uair a’s àill;
Ged tha fios agam ’us cìnnt,
Riums’ nach till iad gu bràth.
Tir a bharaich, tir nan stuadh—
’S tric a luaidh ort na bàird;
Car mar char air réir gach pong—
Thig gach rann dheth na àit’.
’N uair a thug mi riut mo chùl,
Rinn mi dùsgadh gu dàn;
’S dh’ éirich m’ fharmad ris a’ bhruid,
’Bhios mu d’ stùcan a tàmh.
Bidh mi ’sealltainn ris a’ Chùirt,
’S bidh mi ’n dùrachd na dha,
’S bidh mi ’g altram tuille ’s dùil,
Gu ’n thig cùisean ni ’s fearr.
NADUR EILE.
Tha bean-uasal á Montreal a’ sgriobhadh:— “Tha K. D. C. an deigh m’ fhear-pòsda a thoirt o bhi mi mhnathan gu bhi ’na dhuine caoimhneil, gràdhach.” Cha ’n e mhain gu bheil esan a th’ air fhàgail crosda, greannach, le droch stamaig, ’na shàruchadh dha fhéin, ach tha e na throm-uallach air feadhain eile. ’Sann gle ainneamh a gheibhear sonas còmhla ri neach air am bheil an tinneas so, agus bha lan aobhar aig a mhnaoi-uasail so air a bhi taingeil do K. D. C. air son a fear-pòsda a thoirt o bhi cho crosda ri mathan gu bhi ’na dhuine caoimhneil, gradhach. K. D. C. air son na stamaig, agusK . D. C. Pillsair son a chuim.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia. —agus—127 State St Boston, Mass.
H. D. Mac Ille-Mhaoil,
Stewartdale , C. B.
Cloth,Drogaid, agus Plaideachan “Eureka.”
Mu dheich air fhichead seor sa aodaich ’ga chreic.
Cloimh air a gabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige neo sgriobh uige.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG—Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
C’AIT AM FAIGH MI?
Saibh, Glasan, Luaidhe, Sgeinein, Lainntearan, Sguabaichean, Paipear-tearra, Paipear-tubhaidh.
Olla, Fudar, Glaine, Siosaran, Tairnean, Bucaidean, Tuaghannan.
GHEIBH AIG
C . P. MOORE,
Sidni, C. B.
Tha sinn a cumail an aite so do
MACDONALD , HANRAHAN & CO. ,
’Nuair a gheibh iad am bathar ur a stigh, bidh tuilleadh aca ri radh ri ’n cairdean.
[Dealbh]
Tha sinn a nise ’nar luchd-gnothuich aig a
CHANADACARRIAGE Co. ,
air son Eilean Cheap Breatunn. Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead le ’cheannach uainne.
F . FALCONER & SON,
DIOLLADAIREAN,
Sidni, C. B.
[TD 353- 360]
[No . 45 a dhìth]
title | Issue 44 |
internal date | 1898.0 |
display date | 1898 |
publication date | 1898 |
level | |
reference template | Mac-Talla VI No. 44. %p |
parent text | Volume 6 |