[361]

[Vol . 6. No. 46. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 13 MAIGH, 1898. No. 46.


TRIOBLAID NA H-AIRDEN EAR,

Than saoghal troimh a cheile gu muladach agus gu h-eagalach aig an àm so fein. Faodar a radh gu do bhrist cogadh a mach eadar na Stàidean agus an Spàinn. Is e doigh bhruideil, bhochd a tha ann an cogadh airson cuisean a reiteachadh, agus airson ceartas a dhion agus fhaotainn. Tha cogadh, leis gach leonus marbhadh a tha dluth-cheangailte ris, adol calg-dhireach an aghaidh gach soluis, ’us ceartaisus ionracais, a bu choir a bhi air an nochdadhs air an cur gu feum measail, samhach anns an linn fhoghluimte, eireachdail anns am bheil sinn a lathair. Ged tha aimhreit ann an Cuba, cha bhuin Cuba do na Stàidean. Co thug dhoibhsan ughdarras airAmericamu thuath gu h-iomlan? Tha aobhar tuilles laidir aig na Spàinntich a bhig radh gur iad daoinethachomhnuidh anns na Stàidean fein agus fo thearmunn na h-Iolaire, ’thafadadh suas daonnan aramaichus comhstri ann an Cuba, ’s a thasgaoileadh sgeil uamhasach air feadh an t-saoghail mu dheibhinn nan lochdanus a gheur-leanmhuinn a tha na Cubanaich afulang. Tha na Seanairean a thog an guth gu h-ard, fuaimneach anns na Staidean airson cogadh millteach a dheanamh an aghaidh nan Spainnteach, gu tur aineolach air gach trioblaid, ’us uamhas, ’us dortadh falatha leantuinn stri nan lann anns gach linnus aite. Ma bha na Stàidean air an cradh gu goirt do bhrigh gu bheil aimhreit ann an Cuba, bha doighean cneasda, neo-fhuileachdach eile aca trid am faodadh iad crioch a chur air aramach Chuba, gun cogadh idir a bhi aca leis na Spàinntich dam buin an t-eilean miriaghailteach so.

Tha cogadh adol air aghaidh ann an roinnean deas na h-Eiphit. O cheann deich bliadhna co dhiu, bhan Soudan agus na daoine truagh aig am bheil an dachaidh ann, air an cradhs air an ciuireadh gu goirtus gu h-an-iochdmhor, le ceannardan iargalta Arabianaich agus leis an fheachd bhorb a thag an leantuinn. Chaill an Eiphit ann an laithean Arabis ann an àm a h-airc, a cumhachd gu buileach anns na roinnean farsuing a tha air an taobh deas di. Chan ann gun chogadhus gun mharbhadh a bhitheas comas aig ceannard no aig uachdaran air bith air lamh an uachdair fhaotainn air na fineachan gargathagleidheadh an t-Soudain ann an staid bhronach, bhochd. Is maith agus is ro-mhaith a than ceannard Eirionnach foirmeil Citchener, adeanamh ann am buaidh an deigh buaidh fhaotainn le faobhar geur achlaidheimh air na daoine alluidh a thacumail an t-Soudain fon casan. Fhuair e buaidh iongantach bho cheann seachduinn no dha air Mahmoud, aon de cheannardan fiadhaich an t-Soudain. Dhimich Citchener agus a shaighdearan fichead mile ann an dorchadas na h-oidhche gus an druig iad daighneach acheannard Mahmoud. Rinn iad priosanach de Mhahmoud. Ghleachd e fein agusfheachd gu dalma, dana, gaisgeil. Bha feachd Chitchener ann an uidheam ghasda, agus ged abeigin doibh gleachd gu duineil, ladarna, curanta, fhuair iad buaidh fa-dheoidh, air luchd-millidh an t-Soudain agus air luchd-foirneirt na h-Eiphit mu dheas. Tha na h-Eiphitich iad fein adeanamh saigheadaran gasda, ’s bho stiuradh nan ceannard Breatunnach tha iadnochdadh eud, ’us fulangais, us gaisge nach eil gann no faoin anns achogadh a than Eiphit acur airson a roinnean deas a thabhairt air an ais guriaghladhus a h-ughdarras fein a rithist. Tha Citchener, —ged than t-slighenis fosgailte dha gu Cartoum, on tha e co glic, comasach, faicilleach, —a deanamh moille gus an eirich uisgeachan na Nile, agus gu bi comas aige mar so air a longan cogaidh agus a shaighdearan easgaidh a thoirt suas gu Cartoum. On tha neartus spiorad an namhaid a nis briste, cuiridh gun teagamh, an ceannard dealasach Citchener crioch gu brath air gach uachdaranachd aingidh, bhorb, bhreun, a thug an t-Soudan gu h-inbhe iosal, chraiteach, mhuladach. Bithidh Cartoum agus an dùthaich fharsuing a tha muthimchioll, ann an uine ghearr bho riaghladh a Mhorair Chromair, am Breatuunach stuama, glic, cumhachdach a thastiuradh gnothuichean na h-Eiphit gu h-iomlan. Tha Citchener, an ceannard ciuin, gleusda, tapaidh, aghartach, airidh air cliuus onoir mhor, agus bheir cairdean lionmhor na h-Eiphit taingus moladh da rireadh dha, airson a ghniomharan treubhach, neo-fheineil, mhearganta.

Chan eil sinn acluinntinn uireids a babhaist duinn mu dheibhinn nan Turcachus an Sultain uaibhrich, neo-chneasda, alluidh. Ged tha e gun iochd, no trocair, is e trusdair carach, seoltatha ann. Chuir e, ach beag, crioch gu buileach air na h-Armenianaich thruagha, air chors nach eil comas tuille aige air a naimhdeas mosachs air a thnu fheargach a dhortadh a mach air na Criosduidhean ud. Is maith a chaidh aige air rioghachdan bosdail na Roinn-Eòrpachurg an dubhlann. Rinn rioghachdan na Roinn-Eòrpa farum uamhasach agus strailleadh fhuaimhneach len cabhlach an uiridh mu thimchioll Chrete, eilean a tha gun tamh ann an aimhreit, cosmhuil ri Cuba ann anAmericamu thuath. Ged rinn luchd-riaghlaidh na Roinn-Eòrpa dealas statail, anabarrach len longan troma cogaidh, agus ged a thog iad guth buailteach, ard, gu cuireadh iadsan ann an uine ghearr crioch air aimhreit Chretes air mi-riaghailt nan Turcach anns an eilean, agus gu cuireadh iad ceannard ùr, onorach, uasal thairis air daoine gluasadach Chrete, thainig abhliadhnan uiridh gu crioch agus tha ceithir miosan den bhliadhna ùr so seachad, ’us chan eil uachdaran nuadh comasach fathast air a roghnachadh airson sith, ’us seasgaireachd, ’us ceartas, ’us sonas a thoirt do Chretes do na daoine trioblaideach a thag aiteachadh an eilein thoraich, bhoidhich, iomraitich so.

CONA.


EACHDRAIDH NAN CAIMBEULACH.

Air a leantuinn.

Thainig IAIN, an dara Diùc, thun na h-oighreachd an àiteathar, anns a bhliadhna 1703. Cha robh e aig an àm sin ach tri bliadhna fichead a dhaois. Tha iomradh air an duine so an eachdraidh na rioghachd mar neach aig an robh ard bhuadhan inntinn. Na latha fhéin cha robhsan tir bho cheann gu ceann na bheireadh bàrr air mar fhear-cogaidh gaisgeil air blàr a chatha, agus mar fhear-tagraidh an ard chomhairle na rioghachd. Tha cuimhne air fathast fon ainm, an Diùc Mór, am measg nan Gall. A measg a mhuinntir féin an Earraghael, theirte gu cumanta Iain Ruadh ris. Cha robh e ach seachd bliadhndeugnuair a chaidh e machna chòirneal air ceann réiseamaid anns a chogadh mu dheireadh a bha aig righ Uilleam. Ri linn bàn-righ Anna, dheirich e thun na h-inbhebàirde anns an arm. ’Nuair thainig Seòras I. a dhionnsaidh na righ chathrach an deigh bàs bàn-righ Anna anns a bhliadhna 1714, bha gluasad nach bu bheag air feadh na rioghachd. Bha na Seumasaich gle làidir anns an dùthaich, agus cha robh

(Air a leantuinn air taobh 364.)



[362]

[Vol . 6. No. 46. p. 2]

SGEULACHDAN ARABIANACH.

Na Tri Ubhlan.

CAIB. II.

Thionndaidh an righ ris an duine og, agus thuirt e, “Achreutair thruaillidh, ciod ethug ort an cionta graineil ud a chur an gniomh? Agus ciod etha toirt ort a bhith cho deonach am bas fhulang air a shon?”

A cheannaird nan creidmheach,” arsesan, “nam biodh gach ni a bheadar mise agus abhean-uasal ud air a chur sios ann an sgriobhadh, bhiodh ena eachdraidh a bhiodhgle fheumail do dhaoine eile.”

Tha mig ordachadh dhut an eachdraidh innseadh gun tuilleadh dalach,” arsan righ.

Mar umhlachd don righ thoisich an duine og ri innseadh na h-eachdraidh mar a leanas:—

A cheannaird nan creidmheach, bi abhean-uasal a mhort mi, mo bhean fhein. Bi nighean bhrathar matharnighean an t-seann duine so a tha sibh afaicinn comhladh rium. Cha robh i thar da bhliadhna dheug an uair a phos mi i, agus tha aona bliadhna deug on uair sin. Fhuair mi triuir mhac uaipe, agus tha iad fhathast beo. Agus feumaidh mi radh le firinn nach dthug i riamh an t-aobhar oilbheum bu lugha dhomh. Bha i banail, agus gle mhaiseachna giulan, agus rinn i gach ni a ghabhadh deanamh gus mo thoileachadh. Agus air mo shon fhein dheth, bha gradh mor agam dhi, agus be mo mhiann a toileachadh anns gach doigh, agus gach ni a baill leatha thoirt dhi.

O chionn da mhios dhfhas i tinn. Ghabh mi curam mor dhi, agus fhuair mi gach ni a shaoilinn a bhiodh feumail a chum slainte a thoirt dhi. An deis dhi a bhith mios tinn, thoisich i ri dhol na bfhearr, agus bha toil aicedhol don taigh-fharagaidh. Mun dfhalbh i, thuirt i rium gun robh miann aice air ubhlan. “Nam faigheadh tu feadhainn dhomh,” arsise, “bhithinn fadana dchomain. Tha miann agam orra o chionn fada; agus feumaidh mi aideachadh, mur faigh mi iad gun dail, gum bheil eagal orm gun eirich mi-fhortan air choireiginn dhomh.”

Le muile chridhe,” arsa mise, “ni mi gach ninam chomas a chum do thoileachadh.”

Gun dail sam bith dhfhalbh mi feuch am faighinn ubhlan dhi; agus cha dfhag mi maragadh no buth anns a bhaile gun siubhalg an iarraidh, ach chan fhaighinn a h-aon ged a bha mitairgseadh bonn oir air son a h-uile te. Thill mi dhachaidh agus mi gle mhi-thoilichte a chionn nach deachaidh mo ghnothach leam. Agus an uair a thill mo bhean as an taigh-fharagaidh, agus a chunnaic i nach robh ubhlan agam dhi, dhfhas i cho neo-fhoiseils nach drinn i norradh cadail an oidhche sin.

Dheirich mi gu math mochs amhadainn agus chaidh mi air feadh nan garaidhean gu leir; ach cha robh dad agam air son mo shaoithreach. Ach thachair seana gharadair rium a dhinnis dhomh nach robh ubhlan rim faighinn nas lugha na gheibhinn iad anns na garaidhean agaibh fhein, a righ, ann am Balsora.

On a bha gradh mor agam do mmhnaoi, agus air eagal gun saoileadh i gun robh mi suarach ma deidhinn, thog mi orm, agus, an deigh dhomh a ni a bhanam bheachd innseadh dhi, dhfhalbh mi gu ruige Balsora a dhiarraidh ubhlan. On a bha cabhag orm, cha tug mi ach coig latha deug eadar falbh is tighinn. Cha dfhuair mi ach tri ubhlan, agus thug mi bonn oir an te orra. O nach robh ri fhaighinn ach na tri, cha tugadh an garadair dhomh iad na bu shaoire.

Cho luaths a thainig mi dhachaidh thug mi na h-ubhlan do mmhnaoi. Ach on a bha miann nan ubhlan air falbh dhi, cha drinn i ach breith orra as mo laimh, agus an cur ritaobh. Bha a tinneasg a leantuinn agus cha robh fhios agam ciod e an doigh air am faighinn leigheas dhi.

Beagan laithean na dheigh so bha minam shuidhe anns abhuthaidh far an robh mi reic a h-uile seorsa bathair as luachmhoire na cheile, agus thainig duine-dubh cho grandas a chunnaic mi riamh a steach far an robh mi agus ubhal aige na laimh. Dhaithnich mi gur e te dhe na h-ubhlan a thug mi a Balsora a bhann, oir bha fhios agam nach robh aon ubhal ri fhaotainn ann am Bagdad, no ann an aon dhe na garaidhean. “Innis dhomh,” arsa mise, “caite an dfhuair thun ubhal sin.”

Rinn e gaire, agus thuirt e, “Fhuair mi e o mo leannan. Chaidh mi dhamharc oirre an diugh, agus gu cinnteach cha robh i air a doigh. Chunnaic mi tri ubhlan ritaobh, agus dhfheoraich mi dhi caite an dfhuair i iad. Thuirt i rium gun deachaidh am fear a tha posda rithe gu ruige Balsora gan iarraidh, agus gun dthug e coig latha deug eadar falbh is tighinn. Ghabh sinn biadh comhladh, agus an uair a bha migabhail mo chead dhi, thug mi leam an t-ubhal so.”

Chuir na briathran so bhar mo shiuil mi buileach glan. Dhuin mibhuth, agus ruith mi dhachaidh cho luaths a burrainn dhomh, agus an uair a chaidh mi don t-seomar anns an robhbhean, sheall mi feuch am faicinn na h-ubhlan. Cha robh ann ach an dithis, agus dhfheoraich mi dhi ciod a dheirich don treas fear. Thionndaidh mo bhean a h-aghaidh an taobh a bha na h-ubhlan, agus an uair a chuunaic i nach robh ann ach an dithis, fhreagair i mi gu leith shuarach, agus thuirt i, “Chaneil fhios agamsa ciod a dheirich dha.”

An uair a chuala mi so chreid mi gun robh an naigheachd a dhinnis an duine-dubh dhomh fior gu leor. Aig an am bha mi air achaothach dhearg le eud, agus thug mi lamh air an sgian a bha fo mchrios, agus ghearr mi an sgornan aice- “Na dheigh sin thug mi dhith an ceann, agus ghearr mi ina ceithir cheathrannan. Agus an uair a phaisg mi ann an aodach is a chuir mi ann am bascaid i, agus an uair a thainig an oidhche, dhfhalbh mi leis achiste air mo ghualainn, agus chuir mi fodha anns an amhainn i.

Bhan dithis a boige dhen chloinnnan cadal, ach bha am fear bu shinne am muigh; agus an uair a thill mi fhuair mi ena shuidhe aig agheata, agus e sior chaoineadh. An uair a dhfheoraich mi dheth ciod a bhacur dragh air, thuirt e, “Athairs amhadainn an duigh, thug mi leam gun fhios do mmhathair an treas fear dhe na h-ubhlan a thug sibhse uice, agus chum mi e uine mhath, ach an uair a bha mi cluichadh air an t-sraid comhladh ri mo bhrathair mu aird-fheasgair, thug duine-dubh a bhadol seachd as mo laimh e. Ruith mi as a dheigh agus dhiarr mi air an t-ubhal a thoirt dhomh. Agus a bharrachd air sin, dhinnis mi dha gur ann le mmhathair a bha e, agus gun robh ina laidhe tinn, agus gun deachaidh sibhse a dhaon ghnothach a dhiarraidh nan tri ubhlan dhi, agus gun dthug sibh coig latha deug eadar falbh is tighinn; ach ged a dhinnis mi so dha, cha tugadh e dhomh an t-ubhal air ais. Agus on a bha mig a shior leantuinn, agus micaoineadh, thionndaidh e agus ghabh e orm, agus ruith e air falbh cho luaths a burrainn da, gus mu dheireadh an deachaidh e as mo shealladh. Tha mi on uair sin acoiseachd an taobh am muigh dhen bhaile an duil gum faicinn atighinn sibh a chum gun iarrainn oirbh gun innseadh-sibh do mo mhathair gun dthug mi leam an t-ubhal, air eagal gun cuir e dragh oirre.”

An uair a thuirt e so, thoisich e ri caoineadh na bu ghoirte na bha e roimhe.

Chuir briathran mo mhic dragh thar tomhas orm. Chunnaic mi gun robh mi ciontach de ghniomh a bha uamhasach graineil. Agus bha aithreachas mor orm a chionn gun do chreid mi na breugan tuaileasach a dhinnis an duine-dubh, dhomh, agus a thog e air mo mhnaoi air bhonn nam briathran a dhinnis mo mhac dha.

Anns an am thainig brathair mathar a dhfhaicinn a nighinn; ach an aite a faotainn thuig e o na labhair mi ris gun robh i marbh; oir cha do cheil mi ni sam bith air. Agus gun feitheamh gus an geur-chronaicheadh e mi, dhaidich mis amhionaidna lathair, gur mi duine cho cionntachs a thair uachdar an t-saoghail.

An uair a chuala e an aidmheal a rinn mi, an aite bagradh orm gu geur, mar a dhfhaodadh e dheanamh, is ann a thoisich e ri guls ri caoidh comhladh rium. Bha sinn agul maille richeile fad thri latha gun stad. Bha esan agul a chionn gun do chaill e nigheam a bha caomh, ionmhuinn leis aig gach am, agus bha misegul a chionn gun do chaill mi bean don robh gradh mor agam, ach a chuir mi fhein gu bas ann an doigh chruaidh-chridheach, do bhrigh gun dthug mi creideas do naigheachd bhreugaich a dhinnis traill de dhuine-dubh dhomh.

So ma ta, a cheannaird nan creidmheach, aidmheil fhior mar a dhaithn sibh dhomh a



[363]

[Vol . 6. No. 46. p. 3]

dheanamh. Chuala sibh a nis gach ni mu thimchioll na cionta a thanam aghaidh, agus tha mi gu h-umhail aguidhe oirbh gun ordaich sibh peanas dligheach a dheanamh orm air a shon. Ciod air bith cho troms a bhitheas e cha ghearain mi air.

Chuir na dhinnis an duine og dha ioghnadh mor air an righ. Ach air dha bhithna righ cothromach, bha e na bu deonaiche truas a ghabhail den duine og nadhiteadh gu bas.

Tha cionta an duine oig so,” arsesan, “mor da rireadh; ach bheir Dia mathanas dha, agus is coir do dhaoine mathanas a thoirt dha mar an ceudna. Is e an traill aingidh bu mhathair-aobhair air amhortis esan naaonar air am feumar peanas a dheanamh. Air an aobhar sin, arsesan, ’s eg amharc air an ard-chomhairleach, tha mitoirt dhut uine thri latha gu greim a dheanamh air; agus mur toir thunam lathair-sa e anns an uine sin, cuirear thu fhein gu basna aite.”

Ged a bha duil aig Giafar bochd gun robh emach a cunnart, bha e fo iomacheist ro mhor an uair a thug an righ an t-ordugh ur so dha; ach cha bu dana leis freagairt a thoirt air an righ, oir bha lan fhios aige gun robh e gle chas. Dhfhalbh e a lathair an righ, agus thill e dhachaidh fo bhrons fo lionn-dubh-agus eg a dhéanamh fhein cinnteach nach robh de shaoghal aige ach tri latha, oir bha e cho cinnteachna inntinn fhein nach fhaigheadh e greim air an traills nach drinn e farraid sam bith ma dheidhinn.

Am bheil e comasach,” arsesan, “gum faighteadh forofhais air an fhear a tha ciontach am measg nan ceudan a tha dhe cheart sheorsa ann am Bagdad? Mur e toil Dhe an traill a churnam rathad mar a rinn e air amhortair, chaneil en comas dhomhsa mo bheathashabhaladh.”

Chuir e seachad acheud da latha ri brons ri caoidh maille ritheaghlach, agus ri gearain air cho cruaidhs cho mi-reusantas a bha ordugh an righ. An uair a thainig an treas latha, thoisich e ri deanamh deiseil air son abhas. Bha ena dhuine a bha ceart, cothromach, dileasna dhreuchd, agus on a bha sith cogais aige, cha robh eagal air am basfhulang. Chuir e fios air sgriobhadairean agus air fianuisean a chum gun deanadh ethiomnadhn an lathair. ’Na dheigh sin, ghabh echead den mhnaois dhen chloinn, agus dhfhag e beannachd aca. Bhan teaghlach gu leir cho tuirseachs cho deurachs gun cuireadh iad mulad air duine sam bith.

Mu dheireadh thainig teachdaire on righ a dhinnseadh dha gun robh e gabhail fadachd nach robh e cluinntinn guth uaithe mu thimchioll an duine a dhiarr e air a ghlacadh. “Tha e air aithneadh dhomh,” arsan teachdaire, “do thoirt an lathair an righ.”

Rinn an t-ard-chomhairleach deiseil gu falbh comhladh ris an teachdaire; ach an uair a bha edol am mach as an taigh, thugadh a nighean a boige, aois choig bliadhna na lathair a chum gum fagadh e aice a bheannachd dheireannach.

Bha gradh mor aige air an leanabh so, agus ghuidh e air an teachdaire cead a thoirt dha stad mionaid a bhruidhinn rithe. Rug e oirre agus phog e i caochladh uairean. Thug e an aire gun robh ni eiginn aicena h-uchd as an robh faileadh cubhraidh.

Ciod a thagadna duchd a ghaoil,” arsesan.

Tha ubhal,” arsise, “air am bheil ainm an righ sgriobhte. Thug ar seirbhiseach, Rihan, dhomh e air son da bhonn oir.”

Ri leantuinn.


A MEASG TUATH NA GAIDHEALTACHD.

LE UILLEAM MAC COINNICH, RUN-CHLEIREACH CUIRT-AN-FHEARAINN.

EARRANN I.

(Air a leantuinn.)

Co-cheangailte ris na h-ainisgean tha rainn is facail mu àitean is mu fhineachan. ’So beagan diubh mu aitean agus bidh mi fadan comain duine sam bith a chuireas an corr diubh thugam:—

ILE.

An uair a threigeas na duthchasaich Ile, beannachd le sìth Alba.”

Nam beileanach mi gun bIleach mi,
S nam bIleach mi, bu Rannach mi.”

Thug Ileach turus uair-eigin gu Lag-a’ -Mhuilinn, far an dfhuair e cus riòl. Seo mar thubhairt e

Lag-a’ -mhuilinn, lag mo dhunach,
Lag bu duilich fhàgail.”

MUILE, &C .

Chaneil an cùil non cuilidh
Nach fhaic sùil aMhuilich;
S chaneil ain aird non ìosal
Nach laimhsich lamh an Ilich,
Na ghoideadh aMuileach
Ghrad sgriobadh an Collach uaithe e;
Ach is mairg a dhearbadh a chuid no anam
Ris achealgaire Bharrach.”

Muilich is Ilich is Deamhain;
S miosa am Muileach nan t-Ileach;
S miosan t-Ileach nan Deamhan.”

Chan fhaic aMuileach nach sanntaich aMuileach;
Na shanntaicheas aMuileach goididh an Collach;
S na ghoideas an Collach cuiridh an Tirisdeach am folach!”

Slìop aMuileach is sgrìobaidh e thu,
Sgrìob aMuileach is slìopaidh e thu.”

Ged a bhiodh tu cho carach ris aMhuileach gheibhear a mach thu.”

TIRIDHE.

Tirisdeach an cead na cuideachd.”
Their cuid nacearcan mararis na Tirisdich.

BARRAIDH IS UIBHIST.

Aspleògaire Barrach, ’s am bleidire Baoghalach.”

Staoinebrig na stamh,
Aites miosa mogh
Gus an ruig thu Thogh.”

Tha Staoinebrigna àite clachach, ach mas fhior gur h-e fear a mhuinntir abhaile sin a thubhairt


* Bha am paipeir so air a leughadh air beulaobh Comunn Gàilig Ghlaschu, air an 29mh latha dhen Mhàrt, 1898.


Och is ochs mi gun chlach
S mi air mol Staoinebrig!”

Tha iad acantuinn gur h-iKirsty Bhornish,” Ban-Uibhisteach a bha ainmeilna latha fhein, a rinn an rann so

Is iomadh fear buidhe
Na shuidhann an Uibhist
Nach itheadh na h-uibhean
S aCharghus,
A rachadh don aonach
S a ghoideadh as caora
Ged chroichte le taod
No le cainb e!”

Am Baoghal leomachs am Barrach bleideil;
An sgeigire Barrachsam bleidire Baoghallach.”


AN T-EILEAN-SGIATHANACH.

Ceilidh nam ban Sleibhteach.”
Sleibhte riabhach nam ban boidheach.”
Faochagan an t-Srath is mnathanShleibhte.”

An Srath-Fhionghuinneach geal
S an grinnè beus gun smal;
An Sraths an cruaidhe clach
S an sgaitiche ls bean.”

Chaneil maide cám na direach nach fhaigh feum an Ròg.”
Siadar sin is Siadar,
Cha do chinnich duine riabh ann;
S ged is lionmhor do chnocan
Leaghaidh do chuid mar am fiar ann.”

LEODHAS.

Fir aChladaichs bodaich Nis;
Daoine uaisle Uige.”

Sùlairean sgire na h Uidhe,
S muinntir aoidheach nan Loch.”

COMHAL.

Comhal chreagach nan daoine bradach.”

Tha muinntir Chòmhail adeanamh mach nach eil sin ceart, agus gur ann mar so a tha am facal

Colla chreagach nan daoine bradach.”

LOCH-ODHA.

Eireachdas mnathan Loch-Odha
Am breid odhar a thionndadh.”

DUN-OLLAIDH.

Dun-Ollaidh nam breacagan tana tolla,
Dùn is eidhionn air aodann
Dun gun aoradh gun onoir.”

GLEANN-NIBHEIS

Gleann-nibheis, gleann nan clach,
Gleanns am bin gart anmoch,
Gleann cumhang, gleann fàs,
Gleann dubh, fada, fiadhaich, grand,
S am beil sluagh amhi-ghnàis,
Gleann ris na chuir Dia a chul
Amar sgùrainn an domhain mhoir.”

AIRD-GHOBHAR.

Mu theid thu dhAird-ghobhar
Far am bin ganntar,
Far an ithteadh na gobhair,
Mum feanntiad;
Na taghails aChùil nos aChill,
Na taghail an Salachan nan creag
S tha Inbhir-Sannda air bheag bìdh.”

GLEANN-EILG.

Eilginneach nan casan caola.”

Oisg Eilginneach le earbul buinneach.”

BAILTEAN LOCH-AILLSE.

Drumbuidhe nan deargad,
Earbusaig nan con cloimheach,
Airdeilbh an eorna,
Is pailisean Bhaile-mhic-ara.”

Baile na bochdainnPloc Lochaillse.”

(Air a leantuinn air taobh 366.)



[364]

[Vol . 6. No. 46. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, . . . $1 .00
Sia miosan, . . . .50
Tri miosan, . . . .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig garn ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh dan duileig, agus, nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,’
Sydney, Cape Breton


SIDNI, 13 MAIGH, 1898.

(Air a leantuinn o thaobh 361.)

tlachd air an t-saoghal aca den Ghearmailteach Seòras. Bha iadga mheasna an-shealbhadair, no mar neach dha nach buineadh crùn na rioghachd. Air ball chuir iad rompa ionnsuidh gharbh a thoirt air Seumas Stiùbhart fhaotainn air a chrùn mar righ Seumas III. an Sasuinn, no Seumas VIII. an Alba. Bha na Gàidheil air am bonn. Chruinnich deich mile saighdear Gàidhealach gu bratach Iarla Mhairr, ulllamh gu cogadh an aobhair Sheumais. Bha Diùc Earraghael aig an àmna àrd-chomanndair air arm a chrùn an Alba. Shuidhich e champ ann an Sruileidh, a cumail a shùil air Marr. Cha robh aige fo a chomannd ach mu choig mile fear cogaidh. Choinnich an da arm a chéile air Sliabh-an-t- Siorraimh. Thainig Marr le chuid Ghàidheal, mar dhaoine fon a chaothach, a nuas air sgiath thoisgeil an airm Shasunnaich, gan cur, cha mhor, á cochall an cridhe. Thug luchd nan cotaichean dearga an cùl do luchd nam breachdan, ’s thar iad as gu Sruileadh. ’S ann fo chomannd Seanailear Witham, Sasunnach air choir eigin, a bhachuid so den arm dhearg. Bha sgiath dheas an airm fo chomannd Diùc Earraghael. Bhuail iad fhéinus sgiath thoisgeil feachd Mhairr a chéile le dian-theas; bha gach taobh cho diorrasach. Bha fuil bhlàth nan Gàidheal nan cuislean le chéile. Ach fhuair Earraghael buidheann de eachraidh a chur mun cuairt cùl cnuics tighinn air na Seumasaich bhon cùl-thaobh. Ann am platha fhuair siad iad fein eadar da theine; bfheudar teicheadh. Lean an t-arm dearg iad gus an deach iad a null air abhainn Allain. Sin mar chaidh latha Sliabh-an-t- Siorraimh. Chaill agus bhuainig an da thaobh. Thugadh an cath so air an treis la deug de Nobhember, 1715. Uine ghoirid an deigh so, thainig Seumas féin air tir aig Ceann-Phàdraig, an ceann a tuath Alba. Bha sùil aig a chàirdean ri arm làidir Frangach a bhi maille ris; ach an àite sin thainig e gun arms gun airgiod, ni a thug leagadh mor do dhinntinn a luchd-leanmhuinn. Bha ullachadh air a dheanamh ann am Peirt air son a chrùnadh. Ach bha Earraghael a sior chruinneachadh airm agus a dlùthachadh air Peirt. Theich Seumas gu Montrose, agus as a sin shiol e féin us Marr don Fhraing. ’S ann mar sin a chriochnaich aramachnan coig bliadhna deug.

Anns a bhliadhna 1718, bhuilich an righ an tiodal Diùc Ghreenwich air Earraghael, agus uaithe so gu àm a bhàis, bha e caochladh uairean na Thainistearnuair bhiodh an righ bhon tigh. Thainig Seòras II. thun na righ chathrach anns a bhliadhna 1727. Ri linn-san bha Iain Ruadh na Mharshal Machrach, (Field Marshal) ,air Breatuinn. Chaochail e anns a bhliadhna 1743, aig aois tri fichead bliadhnasa coig. Bha mor ionndrain air anns gach ceairn den rioghachd. Bha e air adhlaiceadh anns an Abaid-an-Iar, an Lunnainn. Tha clach-chuimhne Diùc Iain air a comharrachadh a mach do luchd-turuis mar aon den fheadhainn is maisiche anns an Abaid.

Bha e pòsda da uair; an toiseach ri nighean do Iain Mac Ille-Dhuinn, an Lunnainn. Cha dfhag i clann aige. Phòs e a ris Sine Warburton, te de na Maighdeannan-Comhailteachd, aig bàn-righ Anna. Bha coignear nighean aige uaithe. Thaobhs nach robh mac aige thainig a bhràthair,

GILLEASBUIG, a stigh na àite mar an treis Diùc. Rugadh Gilleasbuig ann an Sasunn, anns a bhliadhna 1682. Fhuair e fhoghlum ann an Oil-thigh Ghlaschu. ’Nuair dhfhag en colaisde, ghabh e anns an arm. Fhuair e oifig còirneal fo Dhiùc Marlborough, anns a chogadh Fhrangach, ri linn ban-righ Anna. Sud an cogadh anns na choisinn BreatunnGibraltar .Ann an aon bhaiteal mor a thugadh an Flanrais(Flanders) ,chaill na Frangaich coig mile deug duine, agus còrr is ceud bratach. Mhair an cogadh uamhasach so naoidh bliadhna, gus na chuir sithUtrechtcrioch air. ’S iomadh cogadh fuilteach a bha eadar an Fhraing agus Breatunn anns na linntean a dhfhalbh. Ach sheas iad guala ri guala ann an cogadh Rusiacogadh air a bheil cuimhne aig iomadh neach a tha beò fathast. ’S e Uaterloo a bhuille mu dheireadh a thug iad an aghaidh a chéile. Gu ma fadabhios achùis mar sin eatorra. Bheir sinn iomradh air a chuid eile de bheatha Ghilleasbuig anns an ath earrainn.

(Ri leantuinn.)


Fhuair cuideachd aghuail òrdugh o chionn ghoirid air son deich mile tuna guail. Bha ainm na feadhnach a bhaga cheannach air a chumail an cleth aig an am, ach fhuaireadh a mach an ceann beagan lathaichean gum be riaghladh na Spainne a bha ga iarraidh, agus chaidh an gual a dhiùltadh. Bha fathunn a dol mun cuairt toiseach na seachdain gu robh cabhlach na Spàinne gle fhaisg air an eilean so, ach cha robh sin ceart.


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.

Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach.

TRIUBHSAIREAN BHO $3 .00 SUAS.

Niall Mac Coinnich,
Sidni, C. B.


C . H. HARRINGTON & CO.
Flur, Min, Ti agus Siucar dhen t-seorsas fhearr.
Soithichean Glaine agus Creadha, math agus saor.
Brogan, Botainnean, Rubbersagus Caiseart de gach seorsa
GAN CREIC SAOR.


BATHAR CRUAIDH.

Tha mi a nisecumail Bathar Cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh, Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gun taghal thu orm. Tha mi, mar a babhaist, acreic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha micreic gach ni gle shaor.

AONGHAS MAC LEOID,
Sidni, C. B.


BATHAR EARRAICH.

Deiseachan Fhirionnach air $3 .50, $4 .75 agus o sin suas.

Deiseachan Ghillean air $1 .75, $2 .60, $3 .00, $375 agus $4 .60.

Bathar eile a reir sin. Chan eil stor anns abhaile anns am faigh thu BATHAR MATH cho saor.

Tormad Domhnullach,
SIDNI, C. B.



[365]

[Vol . 6. No. 46. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Chaidh soitheach-seòlaidh dam bainm anCrowna chall a mach aSt . Johns, Newfoundland,toiseach na seachdain sa chaidh. Bha aon duine deug air bòrd, agus chailleadh iad air fad. Dhfhàg a h-uile duine dhiubh bean agus teaghlach.

Bha droch theine ann an Truro a sheachdain gus an . Chaidh an fhactoridh anns am biodhtesùghadh abhainnena teine, agus loisgeadh gu làr i. Tha an call gle mhor, agus tha na tuathanaich timchioll air a bhaile acall creic abhainne gus am bi an fhactoridh air a togail as ùr.

Thainig còrr us leth-cheud Frangach a mhuinntirNova Scotiadhachaidh as na Stàitean aon latha air an t-seachdain sa chaidh. Bha iad ag radh nach ben t-eagal a bhagan cur dhachaidh idir, ach gur ann a bha iad atighn a choimhead an càirdean. Bhachuid imrich aig gach fear dhiubh.

Bha sia fichead duinesa deich air an t-soitheach-smùideBruceatighinn a stigh gu Sidni Tuath Di-màirt sa chaidh, ’s chaidh iad air adhart air acharbad- ’iaruinn a mhaduinn sin. Tha iad uile adol gu ruigeCrow ’s Nest Pass,far am bheil rompa dhol a dhobair air an rathad-iaruinn a thatar acur air adhart an sin.

Tha fear dan ainmWilliamson, ann a Halifacs, ri bhi air fheuchainn aig aChùirt Mhóir air son bristeadh air gealladh-pòsaidh a thug e do nighinn dan ainm Mairi Anna Chraven. BhaWilliamsonpòsda ri te eile, ach chum e sin an cleth oirre-se, agus gheall e a pòsadh. Bidh daoine gle thoileach fhaighinn a mach gu de dhéireas dha.

Bha Daibhidh Doleman agus a mhac air am bàthadh ann an Brighton, N. S., o chionn da sheachdain air ais, ’s iad a mach acur thrapaichean air son glacadh ghiomach. Chaidh iad a machsa mhaduinn Di-satharna, agus chan fhacas tuilleadh iad. Fhuaireadh mirean de na bhàta air eilean beag a tha faisg air an aitesan robh iad ag obair.

Am measg na feadhnach a fhuair a bhinan fir-lagha ann an oil-thigh Dhalhousie air an earrach so bha aon duine dubh, achiad fhear a ràinig an inbhe sin ann anNova Scotiariamh. Chan eil lagh no cleachdaidhean na dùthcha so acur bacadh air duine dreuchd sam bith is urrainn dha a thoirt a mach, ge be n sluagh dhe bheil e, no ge be an dath a bhios air a chraiceann.

Chaidh bàthadh muladach a dheanamh ann an Kentville, N. S., toiseach na seachdain sa chaidh. Bha nighean dam bainmIda Hiltz, còmhla ri piuthar us bràthair dhi a mach le bàta, agus air dhaibh a bhig atharrachadh àiteachan-suidhe, chuir am bàta car dheth, agus bha iad uile air an tilgeadh dhan uisge. Chaidh aig aghille, aois da bhliadhndeug, air e-fheinsa phiuthar a bòige a shàbhaladh, ach mun dfhuair e dhol a chuideachadh a phiuthar bu shine, bha i air a bàthadh. Bha i mu ceithir bliadhna fichead a dhaois.

Tha sgeul bhochd air tighn a Madagasgar. Tha gorta measg an t-sluaigh, agus moran dhiubh air bàsachadh le cion bidh. Tha biadh dhe gach seòrsa cho ganns cho daors gu bheil an sluagh bochd atighn beò air friamhaichean a tha iad acladhach anns achoille, agus cha chum iad sin suas iad ach ùine gle ghoirid. Tha moran den t-sluagh air bàsachadh, agus tha chuid as motha de na tha beò air an lagachadh gu mor leis an acrac, agus mur cuirear biadh gan ionnsaidh chan urrainn dhaibh a bhi fada gun a dhol bàs mar a rinn càch. Is ann aig an Fhraing a tha seilbh air Madagascar o chionn àireamh bhliadhnaichean, ach, a reir coltais, chan eil i adeanamh moran cuideachaidh leis an t-sluagh anns an éiginsa bheil iad aig an àm so.


AN COGADH.

Bha batal mor air a chur ann an acarsaid Manila, ceanna-bhaile nan eileanan Philipeach, air latha Bealltuinn. Chaidh luingeas chogaidh nan Stàitean a stigh don acarsaid mu bheul an latha, agus thòisich am blàr. ’S iad na Spàinntich a loisg an toiseach, ach a reir sgeòil cha robh iad adeanamh cuimse ro mhath, agus rinn soithichean nan Staitean milleadh mor orra. An deigh dhaibh a bhig obair fad thri uairean, chaidh soithichean nan Stàitean air an ais gus cothrom a thoirt do na daoine am biadh maidne a ghabhail. Mu mheadhon latha, chaidh iad air adhart agus thòisich iad a rithist. Lean iad gus an robh na soithichean Spàinnteach uile air an tur mhilleadh. Bha àireamh dhiubh air an losgadh, agus bha cuid air an tolladh cho dona leis na peilearans gun deach iad fodha. Lean cuid dhe na saighdearan Spàinnteach air losgadh cho fadsa dhfhuirich na soithichean air uachdar an uisge. Chaill na Spàinntich ceithir soithichean deuga, agus bha sia ciad den cuid saighdearan air am marbhadhs air an leonadh. Cha do chaill na Geancaich soitheach idir, agus cha do mharbhadh duine; cha deach a leòn ach sianar, agus cha drinneadh ach gle bheagan millidh air an cuid shoithichean. Bu bhlàr iongantach e. Cha drinneadh a bheag uaithe sin. Thainig fios air an t-seachdain so gu robh cabhlach na Spàinne, a bha air an Atlantic, air a dhol air ais don Spainn; tha e mar sin coltach gu bheil iad aleigeil dhiubh cogadh ris na Stàitean air an taobh so dhen chuan, agus mar sin feumaidh na Stàitean an leantuinn a null. Tha òrdugh air a thoirt do arm-mara nan Stàitean ionnsuidh a thoirt air Cuba agus Porto Rico a thoirt a mach toiseach na seachdain sa tighinn.

Chaochail an t-Urr. T. H. White, D. D., ann an Shelburne, N. S., far an robh ena mhinisteir air an eaglais Shasunnaich fad thri fichead bliadhnasa dha. Bha e mios thairis air ceithir fichead bliadhnasa dha dheug a dhaois; bha e ann an deagh shlàinte riamh, agus be droch cnatan a ghabh e a dhaobharaich a bhàs.

Chan eil na h-uiread sluaigh air an turus dh ionnsuidh aChlondaic aig an àm sosa bha ann mu mheadhoin an earraich. Tha daoine mar gum biodh iad asmaoineachadh nach eil an t-òr buileach cho pailt annsa bhasan ainm, agus ged a bhitheadh gum bu daor an ceannach dhaibh fhaighinn. Bha òr air fhaotainn ann an cearnan eile dhen t-saoghal roimhe so, aguss iomadh duine bochd a chaill a bheatha afeuchainn ri saibhreas a dheanamh. Chan eil teagamh nach bi an ceart ni fior mun Chlondaic.


BAS.

Ann anNew Canada,faisg air Hogomah, air maduinn na Sàbaid, an ochdamh latha dhen mhios, Caitriona Ghillios, bean ghràdhach Aonghais Mhic Fhionghain, tri fichean bliadhnasa seachad a dhaois.


J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsas fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B


AN T-AITE
Anns an Ceannaich thu
Suic agus Iaruinn Cruinn, Creamers, Soithichean Bainne, Airneis-taighe, Stobhaichean, Flur, Min, etc., etc.
An Stor aig
ISAAC GREENWELL,
SIDNI, C. B.


Gabh Deagh Chomhairle
agus ceannaich gach bathar a bhios a dhith ort bho
MATHESON , TOWNSEND & Co.

Tha stoc mor aca de Bhathar Tioram, Amhlan, Ti, Siucar, Siabunn, agus gach ni eile air an cuir tigh feum.

Tha Adan, Bonaidean, Fluraichean, Itean, agus gach ni mar sin aca do na caileagans do na mnathan.

Tha gach ni a thaca dhen t-seorsas fearr, agusga chreic cho saorsa ghabhas deanamh.

Cha chosg e sion dhut am bathar fhaicinn; bidh na cleirich gle thoileach a shealltuinn.


AIRNEIS TAIGHE,
SOITHICHEAN CREADHA,
BOTUINNEAN agus BROGAN.
Tha stoc mor dhiubh so air ur-fhosgladh againn, agus tha sinng an creic
SAOR! SAOR!
JOST BROS.



[366]

[Vol . 6. No. 46. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 363.)

LOCH-CARTHONN.

Fhads abhios maides achoill
Bios an fhoills a Charthonnach.”
An Carthonnachs an car ann.”

CINN-T- SAILE.

Cinn-t- Saile nam bodachs nam .”
Cho fads a bhios monadh an Cinn-t- Saile,
Cha bhi Mac-Coinnich gun àls a Chrò.”


EARRANN II.

Facal no dha mn na fieachan a nis.

An t-Uasal Leathanach is an Ceatharnach Raonallach.”

Buidheachas do Dhia is Leathanach mi.”

Ged tha mi bochd tha mi uasalIs Leathanach mi.”

Leathanach gun bhòsd; Dòmhnullach gun tapadh; Caimbeulach gun mhòrchuis.”

Theireadh na Leathanaich, “An cinneadh mòr is am pòr tubaisdeach,” riutha-fhéinnuair thòisich na Caimbeulaich air faighinn làmh-an-uachdar orra. Is ann mun àm so a chaidh ministear a choimhead air seann chailleach do Chlann-Leathainn a bhair leabaidh a bàis. “Am beil eagal oirbh a bhean?” thuirt aministear. “Co am fear a tha sin?” arsachailleach. “O tha,” ars aministear, “am fear a thariaghladh na h-uile ni.” “Ciod e is sloinneadh dha?” ars aChailleach. Chunnaic aministear nach burrainn da teagasg sam bith a thoirt di, is fhreagair e. “Is Caimbeulach e.” Fhreagair aChailleach— “Gu dearbh bha mi asmuaineachadh sin; cha do theòthaich mo chridhe riabh ris!”

Amhlaireachd Cloinn-Mhic-Philip.”

Camshronaich bhogan ime.”

Iarr gach ni air Camshronach ach na iarr ìm air.”

Casan tioram Chlann-an-Tòisich.”

Chan ann a h-uile bhios mòd aig Mac-an-Tòisich.”

Fadal Chlann-an-Tòisich.”

Clann-Mhic-Codrum nan ròn.”

Chaneil Clann-Mhic-Neacail dioghalta.”

Clann-Mhic-Neacail abhrochains an droch aran eòrna.”

Cha bhi gean air MacCoinnich gus am faigh edhiot.”

Clann Mhuirich abhrochain.”

Cha bhi gean air Granntach gus am faigh e lite.”

Clann Mhic Leòid na mine

Their iad an t-ainm so ris na Leòdaich bho an àm a chaidh Marcus Mhontròis a ghlacadh an Asainnt. Tha iad acantuinn gun dfhuair Mac-Leòid Asainnt min ghoirt a chaidh a cheannach an Lìtmar dhuais, agus air an aobhar sin thubhairt Iain Lom:—

Marbhaisg ort a dhi-mheis,
Nach olc a reic thum firean,
Air son na mine Lìtich
Is -thrian di goirt.”

Cha robh balach riamh do Chloinn Ghriogair, no caile do Chloinn-an-Aba.”

Co ris a theid mi dham ghearans gun Mhac-ic-Ailein aMùideart.”

Sliochd nan sionnach, Clann Mhartuinn.”

Tha uaisle fo thuinn an Clann Lachlainn.”

Clann-Fhionghainn nam fochag.”

Mar thuirt mi mar tha, bha latha dhen robh an saoghal is gun cuireadh cuid de na facail ud fearg mhor air daoine, ach dhfhalbh iad sin, agus coinnichidh Gàidheil as gach àite nise, is suidhidh iad mun aon bhòrd mar bhraithrean. Bidhidh sinn an dòchas nach fhada gus an tig an lathanuair

Bhios caoimhneas, comunn, iochd is gràdh,
Anns gach àit a measg an t-sluaigh,
Eadar far an éirich grian,
S far an laidh in iars achuan.”

Ged tha na Gaidheil gu tric glé ullamh air son ceartais a thoirt a mach, ’s a bhios iad fo mhulad is fo ghruaimnuair a gheibh iad droch-cheartas tha iad asmuaineachadh gum beil a dhol air bialaobh cùirtena ghnothuch cudthromach. Turus dhan robh mi an Uibhist-a- chinne-Deas dhfhoighnich mi ri seana bhean chòir an robh i riabh air Tir-mòr. “O cha robh, a ghràidhBuidheachas do Dhia, cha robh mi riabh a null air an Fhaoghail-a- Tuath.” Bham boirionnach còir aciallachadh le so nach robh i riabh aig cùirt an Loch-nam-Madadh. Is ann air son sin a bha itoirt buidheachas do Dhia.

Tha cuid a bheir am mionnan mar gum bann agabhail duan air Oidhche Chaluinn a bhiodh iad, ach chan e sin doigh nan seana Ghaidheal idir. Is e gnothuch cùramach do dhuine sam bith a mhionnan a thoirt agus chan ann aon uair a chunnaic mi seann duine anns na h-Earrannan Caitliceach den Ghàidhealtachd adeanamh comharradh na croisenuair bha edol air a mhionnan.

(Ri leantuinn.)


TRATHAN NA BLIADHNA.

Rinn thu an samhradh agus an geamhradh.” —Salm lxxiv: 17.

Co fadas is urrainn do sholus naduir cuideachd a ghleidheadh ri solus maiseach a Bhiobuill, chaneil dealachadh eadar iad. Mar so, chi sinn gu bheil an geamhradh a tha ag eideadh na talmhainn le trusgan sneachdach, reothach, agiulan samhlaidh laidir air laithean liatha a thag innseadh gu bheil an duine deas airson na h-uaighe amhuil mar than t-arbhar craobhach afas deas airson corran a bhuanaiche. Ach ged is e dubhachas an sgail a chithear air tus anns a gheamhradh; ged a shaoileas sinn nacheil brigh no sunnd, no comhfhurtachd idir ann an luib a gheamhraidh, is eiginn gu bheil an raidhe socoimhlionadh aobhar sonraichte, oir nach eil fios againn gur e Diarinn an geamhradh.

Ged than talamh a reir coslais agabhail fois anns a gheamhradh, ged tha cinneas marbh, ’us lusan na macharachus craobhan nam frith air seargadhs air crionadh, ged nach eil feur anns na lointean no ionaltradh anns na comhnardan, than grunnd atrusadh buannachdus beairteis bho shuains bho thamh a gheamhraidh. Nam bitheadh an talamh gun fhois idir, ann an uine ghearr cha ghiulaineadh e toradh, cha bhitheadh brigh, no dreach, no buannachd ann. Tha raidhe fhuarus thosdach a gheamhraidh adeanadh seirbhis fheumail agus luachmhoir ann an Fresdal an Tighearna. Leis an t-samhchair a tha sgaoilte air cnocs air srath, air muirs air tir, air lochus learga, tham fearann air uidheamachadh airson barr brioghmhor, trom a thoirt seachad a rithist. Eadhon an sneachd a thag amharc co fuars co mi-chaoimhneil agus co neo-tharbhach, tha esan agleidheadh uchd nan achaidhean blath, agus atoirt tearuinteachd bho gach stoirmus gaillion, bho gach fuachdus reothadh don bharr a dhfheumas dubhlachd na h-aimsir fhulang, mar than crinneachd geamhraidh anns an dùthaich so fein. Le tosdachd tiamhaidh a gheamhraidh tha moran maith air a dheanadh, agus tha beartas an t-saoghail gu leir air a mheudachadh gu mor. An trath a smuainticheas neach aig abheiln a dhachaidh fein tearmunn, ’us seasgaireachd, ’us comhfhurtachd, ’us dion bho fhuachd a gheamhraidh, air a liuthad creutair diblidh, suarach, bochd aig nacheil fardach, no doigh, no aite air bith anns am faod iad fasgadh fhaotainn, fasaidh a chridhe tairis agus seirceil, agus bithidh miann dileas aige air comhnadh adheanadh leis an duine bhochd aig nacheil maoin no caraid fiughantach am feadh tha dubhlachd a gheamhraidh atoirt da ionnsuidh call agus uireasbhuidh eagalach. Cuiridh trioblaidus an-shocair snuadh dorchaus smuairean bochd air gach aighear, ’us sunnd, ’us slaintemheallar roimhe. Tiormaichidh reothadh cruaidhus searbh na h-iargainn na sruthan seimh, baigheil a bàbhaist aghus subhachas a thoirt dar cridheachan. Thig teachdaireachd uamhasach a ghairmeas air falbh gun iochd, gun truacantachd, ceann-teaghlaich, no neach a bha ro mheasail, neach dam bu nos lechairdeas fior, caidreamhach, cridheachan a luchd-daimh a dheanadh aitus aoibhneachan, neach a choisinn lechomhluadar stuama, beusach, mor-mheasus speis doibh.

RENA.


TURUS A GHILLE GHLAIS DON CHEANNA-BHAILE.

FHIR-DEASACHAIDH, —O! ach cho mórsa than saoghal. Bha mi air an t-seachdain so chaidh an ceanna-bhaile na siorramachd, agus be sin am baile. Bha min dùil riamh an uair a ruiginn an ceanna-bhaile gum bithinn aig ceann an t-saoghail, ach bha pios mor eilann. Gun teagamh, air aon laimh cha robh dòigh na seòl air a dhol na bfhaide, ach air an uisge; theirig an talamh. Coma co dhiu, bha misa cheanna-bhaile, agus chunnaic mi luchd-comhairle na siorramachd ag obair. Ag obair, an dthuirt mi? Cha robh iad ag obair, ach bha iad nan tàmha bruidhinnsa coiseachd. Chan fhaca mise daoine riamh a tha cuir seachad an ùine cho beag feum riutha. Bha Raonull ag ràdhtainn gur h-ann a bha e ga n coltachadh ri, “Drochannual meeting



[367]

[Vol . 6. No. 46. p. 7]

sgoile.” Chan eil ioghnadh idir ged a bhiodh toil aca faighinn ann. Bidh fear dhiu, an uair ainneamh a bhios iad nan suidhe, air àitàrd, moran nas àirde na càch; agus an uair a bhios aon do chàch a dol a bhruidhinn, ni e modh dhan fhear a tha gu h-àrd, agusMr. Ardan,” their esan. Nifear a tha gu h-ard a shùilean cho miogachsas urrainn dha; bheir e cabadh na dha air a bheul, ach cha chan e smid, agus tha cead a sin aig an fhear a tha gu h-iosal air na thogras e ràdh. Air uairibh saoilidh sibh gu bheil iad a dol a shabaid, ach ann an tiotadh tha iad a bruidhinnsa gaireachdaich mar a bha iad riamh. ’Nuair a bha mibeachdachadh orra, thuirt mi nam inntinn fhein, “Tha corrfhear agaibh nach till an so tuilleadh, aguss suarach an call.”

Air mo dhol air adhart, thaghail mi aig Niall, oir chuala mi gun robh damh aige ri reic. Dhfhoighneachd mi dheth an robh an damh reamhar. “Reamhar,” ars esan, “tha, tha,” ’s e sgapadh a dha laimh bho cheile. Lean sinn air bruidhinn gus an dthainig sinn gu bruidhinn air deagh nalake . “An robh,” arsa mise, “deigh mhath air anlake ,am bliadhna.” “Cha robh mis’” arsesan, “air an deigh bho cheann da fhichead bliadhna.” “Nach robh sibh air latha reis nan each,” arsa mise. Fhreagair e gu crosda, “Chan e sin an turus a tha mise ag ràdhtainn.” Dhfhoighneachd mi sin dheth cia miad a bhaige do theaghlach. Thuirt e gun robh seachdnar. “Agus am bheil iad uile beò,” arsa mise. Thuirt e, “Gun robh dithis dhiu beò, dithis anns na Stàitean, agus triùir pòsda.” Ach thainig orm a bhith falbh. Thuirt Niall rium gun robh droch bhogalach eadar misan rathad mor; “Ach,” ars esan, “ ’nuair a bhios tu direach gus a bhi aig tigh Iain Ghròt, tionndaidh air do laimh dheas agus bidh tuall right. ”

Tha moran eilagam a dhfhaodainn innse a chunnaic mi air mo thurus, ach on a tha mo litir air fas tuilleadh is fadas fheudar sgur. ’S mi ur caraid, an latha chis nach fhaic, agus da la eile,

AN GILLE GLAS.


AM BUACHAILLE-LAOGH AGUS AM MINISTEIR.

Bha balachan òg, mac baintrich bhochd, aon uairna bhuachaille-laogh aig tuathanach àraidh. Bha e afaighinn a bhìdh mar thuarasdal on tuathanach, agus bha a mhàthairg a cumail féin a suas mar a burrainn di lebhi ag obair do na coimhearsnaich, maille ri cuideachadh beag a bha air a bhuileachadh oirre o àm gu àm á airgiod nam bochd. Thuit gun robh fearann an tuathanaich acriochnachadh riglebeamhinistir agus co-dhiu a leig am buachaille na laoigh am measg coirce amhinisteir, no ciod air bith a baobhar, ghabh e fuath agus gamhlas mòr don bhalachan, agus chan iarradh e ach a bhig a smàdadh a h-uile cothrom a gheibheadh e. Bha aig amhinisteir gille miodalach, tràilleil a bàbhaist da a thoirt leis an uair a bhiodh e, lecharbad beag, agabhail a chuirt troimhn sgìreachd. Thachair dhoibh a bhi agabhail sgrìob air latha àraidh, agus faicidh iad buachaille nan laoghn a shuidhe taobh an rathaid mhòir le deise ùir aodaich air. Bu mhath a bha fios aig amhinisteir càiten dfhuair am balachan an deise, agus smaointich e gun gabhadh e an cothrom air a nàrachadh. “, mo ghille math,” arsesan, “a chuir ort an deise, ùr, gasda sin?” “Chuir,” thuirt am balachan bochds etogail a chinn, “ler cead, a mhinisteir, acheart feadhainn a chuir an deise sin oirbhse, —chuir an sgìreachd.” An uair a mhothaich am ministeir achùis air a tilgeil cho deasna aodann leis abhalachan chuir echuip ris an each, agus thàr e as. Ach air dha dol beagan air aghart smuainich e gum bu tàmailteach da leigeil leis an ruaig a bhi air a chur air mar so an làthair a gille féin; stad e an carbad, agus chuir e air ais an gille a dhfheòraich dan bhalachan, an gabhadh e muinntireas ga bhin a bhurraidh aig amhinisteir. Thill an gille le othail mhòir, agus chuir e acheist ris abhuachaille. “Am bheil thusadol ga fhàgail?’ arsam balachan. “Chaneil,” fhreagair an gille. “Mata, mureil,” thuirt am balachan, “rach air dais agus abair ris mhinisteir, gum bheil misemeas gum bheil a thighinn-a- stigh beag gu leòir a chumail a suas bhurraidh, gun ghuth air a bhi ag iarraidh an treas fear!” Dhfhalbh an gilles a theangan a phluic a dhìnnseadh a shoirbheachuidh, agus is i mo bharail nach do chuir e féin no am ministeir a bheag tuillidh de dhragh air abhuachaille-laogh.

I. B. O.


THAN T-EARRACH
air tighinns an Samhradh gle fhaisg air laimh. Ma tha thu air son Deise no pairt de dheise fhaotainn, taghail aig
Niall Mac Fhearghais,
an Taillear,
agus gheibh thu do dheagh riarachadh. Tha na h-Aodaichean a thaige math, ’s bidh iad an an deanamh a cheart cho math.
CordaidhObair Riut.


H. D. Mac Ille-Mhaoil,
Stewartdale , C. B.
Cloth,Drogaid, agus PlaideachanEureka.”
Mu dheich air fhichead seor sa aodaichga chreic.
Cloimh air a gabhail an coinneamh Aodaich.
MA tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige neo sgriobh uige.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C B.


D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C. B.


BADDECK , - - C. B.
Airson a stor a dheanamh nas deiseiles nas feumaile dhaibhsan a thadeanamh gnothuch ris, tha
Albert I. Hart
anise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha achuid sin den ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am BostonsanNew York.Gheibh iadsan a thig ga h-ionnsuidh an
DEAGH RIARACHADH.
BADDECK , - - C. B.


THA EARBSA
aig daoine ann am maidsichean Eddy— ’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha coltach ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum.

Than t-ainm so na urrais air mathas.

THE
E. B. EDDY Co., Limited,
Hull, Canada.



[368]

[Vol . 6. No. 46. p. 8]

Domhnull Cruaidh agus an Ceard.

LE NIALL MAC LEOID

Bha gille còirs abhailud shuas
Air am bheil sgeula bochd ra luaidh,
Nuairthachradh dhabhi thall air chuairt
Mu thigh an òil
Mhilleadh en sin gach sgillinn ruadh
Dhechuid apòit.

Is iomadh oidhche, fliuchus sgìth,
A chluinnte suas e troimh na glinn,
Us luinneag aigair òran binn,
Mur biodh e làn;
Ach marbu tricbe taobh an tuim
A leabaidh tàimh.

ChaidhinnseDhòmhnull mìltean uair
Nach biodh echaoidhn a dhuine buan,
S gun tigeadh crìoch air a bhiodh truagh
Us sin gun dàil;
Ach cha do thuig e fhéin non sluagh
Gum bann le ceàrd.

Air oidhche ghruamach, ghreannach fhuar,
Mu eadar -uair-dhiagus uair,
Bha smùdan math air Dòmhnull cruaidh,
Ach ged a bha,
Chaidh aigair direadh ris abhruaich
Gun móran spàirn.

Achn uair a nochd e ris aghleann,
S a thog mo laochan suas a cheann,
Chunnaic e tein’, aig Creag-nam-meann,
A bhruicheadh tarbh,
S mun cuairt dheth daoineruithn an deann
Le caithream gharbh.

Shocraich echasan air an t-sliabh,
S dhfhosgail eshùilean farsuinn fial,
S ghuidh e air Rìgh nan dùl a dhion
A laimh a nàmh;
S gur cinnteach, ma bhan sealladh fior,
Gun robh en sàs.

Ach, bàs no beath’ ,” thuirt Dòmhnull cruaidh,
Cha mhisde balach làn na cuaich’,
S fhearr dhomh mo shearrag a chur uam
Mun tig aghràisg,
S na thair a grunnd a sguabadh suas
Mum faigh mi bàs.”

Thug so do Dhòmhnull tuilleadh neart,
S an uair a bheachdaich e gu ceart,
Chuale pìob-mhór aseinn le sgairt,
S a duis gu h-àrd,
S na dannsairean aleum gu h-ait
Aig banais ceaird.

Mar nacheil ciall aig fear na misg,
S ann a ghabh Dòmhnull siosn am measg;
Leum e don dannsa beòus brisg,
S abualadh làmh;
Us dheubh an ceàrd le glaodh a chlisg
Na bhan a dhàil!

Mhionnaich eDhòmhnull, ’s cha bann fann,
Ethoirt a chasan leis gu teann,
Mum biodh gach fiacaillbhan a cheann
Aige fodhshàil
S acur a chòta dhethn a dheann
Gus a bhin sàs.

Ach cha robh fios aig air gach buaidh
A thug a dhùirn do Dhòmhnull cruaidh,
S a liuthad cathsn do chuir en ruaig
Air laoch a bfheàrr
Na luidean bochd, gun fhuil gun uaill,
A dhablach ceàird.

Thug Dòmhnull ceum no dha gu taobh,
S sheas e gu daingeann air an fhraoch,
Sheall e mun cuairt dheth air an laoisg
Bu mhiosa greann;
S thuig e gum bfhearr dha cumail saor
Nadholn an ceann.

Ach dhruid na naimhdean air mun cuairt,
Us cha robh aigach bàs no buaidh
Obraich a nis, as Dhòmhnuill chruaidh,”
Thuirt e ris fhéin,
“ ’S gedchailleadh tu do cheanns do ghruag,
Gu bràth na géill.”

Thòisich an slachdadh thalls a bhos,
Us sguir aphiobus gàir nan dos;
Ach cha dthug sin am blàr gu clos,
No coltas sìth
Bha Dòmhnull cruaidhs an ceard Iain Ros
Cho garg astrìth.

Ach chaidh an ceard a chur ri làr,
S bhan cuiridh, Dòmhnull cruaidh, gu h-àrd
Chuir sin an cuthach glan air càch,
An righs an triath
Bhi air a cheannsachadh le tràill
Nach fhaciad riamh.

Chruinnich gach duine, bean, ’us clann;
Rug iad air chasan airs air cheann
Gach poitus cuach, gach spàinus bann,
N an sad mudhruim
Dhùisgeadh mac-talla Chreag-nam-meann
Le fuaim a chuim.

Sgapadh an teinen ears an iar,
S an ceàrd ag eubhachsleagh no sgian
A chuireadh air a nàmhaid crioch
An ùine ghearr;
Ach rinn an dorchadas a dhion
Bho ghniomh cho nàr.

Cha chluinnte nis achOch” ’us ràn,
Us tarruing ghruagus bualadh làmh;
Ach fhuair mo Dhòmhnull cruaidh á sàs,
Gu fuilteach fann,
S etoirt a mhallachd air acheàrd
A mhill a cheann.

Tha nis an gaisgeach, Dòmhnull cruaidh,
Gu tosdach balbh ag cnàmhs an uaigh;
Eadar amhisg agus droch fhuachd
Us cath acheàird,
Chaidh Dòmhnull còir a sgaradh uainn
Gu tir as fheàrr.


DO BHIADH

Do NeartMa bhios e air a dheagh chnàmh.

Mur eil do stamag a deanamh a h-obair, feuch K. D. C. Chan eil duine air am bheil Cion-cnamhaidh a cur dragh nach cuidich edo nach toir e slàinte agus comhfhurtachd. ThaK . D. C. Pillsanabarrach math air son a chuim. Leighsidh iad Teanntachd, ma ghabhar iad maille ri K. D. C.

AIR AN SAR MHOLADH.

Sampuill de K. D. C. ’sK . D. C. Pillsa Nasguidh.
K . D. C. Company, Limited, New Glasgow, N. S. & 127 State St., Boston, Mass.


Amherst Boot & Shoe Mfg, Co.,
AMHERST, N. S.

AChuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt as ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.

Amherst Boot & Shoe Mfg. Co.


Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIGOs cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.


CAIT AM FAIGH MI?
Saibh, Glasan, Luaidhe, Sgeinein, Lainntearan, Sguabaichean, Paipear-tearra, Paipear-tubhaidh.
Olla, Fudar, Glaine, Siosaran, Tairnean, Bucaidean, Tuaghannan.
GHEIBH AIG
C . P. MOORE,
Sidni, C. B.


Tha sinn a cumail an aite so do
MACDONALD , HANRAHAN
& CO. ,
Nuair a gheibh iad am bathar ur a stigh, bidh tuilleadh aca ri radh rin cairdean.


[Dealbh]
Tha sinn a nisenar luchd-gnothuich aig a
CHANADACARRIAGE Co. ,
air son Eilean Cheap Breatunn. Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead lecheannach uainne.

F . FALCONER & SON,
DIOLLADAIREAN,
Sidni, C. B.

titleIssue 46
internal date1898.0
display date1898
publication date1898
level
reference template

Mac-Talla VI No. 46. %p

parent textVolume 6
<< please select a word
<< please select a page