[369]

[Vol . 6. No. 47. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH, CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 20 MAIGH, 1898. No. 47.


GNOTHUICHEAN NA H-AIRDEN EAR.

Is e daoine geur-inntinneach, gleusda, foghainteach, a bha anns na seana Ghreugaich. Cha robh ann an laithean an gaisge, ’g an treubhantais, agus an eolais ann am bardachd, ann am feallsanachd, agus anns gach foghlum eile, daoine air bith eilebha co sonruichte, co suilbhirus co seolta ris na seana Greugaich. Ann am baile na h-Aithne, ann an Argos, ann an Thebes, ann an Sparta, ann an Corintus agus ann an roinnean eile den Ghreig, bha sluagh atuineachadh a bha, da rireadh, ealanta, comasach, dealasach, fiachail, anns an aimsir a thanis fada air falbh. Thainig na Persianaich le feachd gun aireamh don Ghreig, le durachd aingidh saorsa nan Greugach a chur bun os cionn, agus iad fein a thabhairt gu staid dhiblidh, bhochd, mar thraillean do righ uaibhreach Phersia. Chaidh na Greugaich gan dulan, agus thug iad buaidh air iomadh faiche, air feachd uamhasach nam Persianach. Air blar Mharathoin, aig Salamais, agus ann an ionadan iomraiteach eile, ghleachd na Greugaich gu ro-mhaith agus gu buadhmhor an aghaidh righus ceannardan Phersia. Dhearbh iad gu foghainteach gu bheil an sean fhocal fior: “Is dàn an coileach air a dhunan fein,” agus choisinn iad cliu airson gaisges treoir, nach basaich am feasd. Mo thruaighe! cha burrainn iad cordadh nobhi aig sithn am measg fein, agus fa-dheoidh fhuair Philip, righ Mhacedonia, le foillus airgiod, ughdarras thairis air na Greugaich aluinn, eireachdail, ann an cruths an gniomh, re iomadh ginealach, agus ann an iomadh deuchainn. Fhuair na Romanaich a rithist lamh an uachdair air na Greugaich, agus chaidh grian an saorsas an ailleachd fodha le mulad duaichni. Chaidh linn an deigh linn seachad, gus an deirich cumhachd bhruideil nan Turcach, a sgaoil le faobhar achlaidheimh an ainms an riaghladh mosach thairis air tir morus eileanan nan Greugach. Ann an 1827, aig Nabharind, thug cabhlach Bhreatuinn agus Ruisias na Frainge, buaidh mhor air cabhlach nan Turcachus nan Eiphiteach. Thoisich mar so, agus leis abhuaidh so, saorsa nan Greugach aon uair eile. Mar than eachdraidh a nis ag innseadh gu soilleir, chaochail spiorad, ’us gliocas, ’us treubhantas, ’us aghartas nan seana Ghreugach ghlormhor, agus chan fhaicear a nis am measg an t-sluagh a thacreidsinn gu bheil fuil nan sean-laoch a bhuaidhich aig Marathonus Platea, ’ruithn an cuisleanmaise, ’s duinealas, ’us cruadal, ’us ailleachd nan Greugach a rinn aGhreig ainmeilus taitneach air feadh gach linnus ial. Tha e fior gu buineadh baile mor nan Turcach, agus mile comhnardan farsuing, torach air an dfhuair na Turcaich coir le faobhar geur nan lann, do na Greugaich re moran bhliadhnachan, agus gur e righrean Greugach a bhachomhnuidh ann an luchairtean Chonstantinople. Nam bitheadh surd, ’us eud, ’us tapadhus treibhdhireas cheart aig Greugaich na linn so, dhfhaodaidh luchd-comhairle na Roinn-Eòrpabhig altrum an dochais gu faigheadh iad an oighreachd fein no oighreachd an sinnsirean air a h-ais, an uair a dhfhagas an Sultan agus a Phashas beannachd gu brath leis gach bailes achadh a tha fathast aca anns an Roinn-Eòrpa. Ach chan eil ach daoine suarach, bochd, daoine meat, gealtach, gun mhisneachd, gun fheum,’ gun tabhachd, ann an Greugaich an lathan diugh. Dheirich bho cheann uine nach eil fadair falbh, comunn uaigneach, ardanach, a bhaglaodhach a mach gu tainig an t-àm anns an robh e mar fhiachaibh air na Greugach an guths an lamhan a thogail gu laidir, foirmeil, agus an oighreachd feinfhaotainn air ais gu samhach, no le feargus stri nan lann, bho na Turcaich bhruideil, mhosach. Cosmhuil ri Cuba, tha aramach ach beag daonnan ann an Crete, eilean a bhuineas do na Turcaich. Chuir na Greugaich, ged nach nach eil coir air bith aca air eilean Chrete, feachd shaighdearan gun chead, gun iarruidh don eilean so. Chaidh am beagan gus amhoran, gus mu dheireadh an do bhrist cogadh a mach eadar na Greugaich agus na Turcaich. Cha robh aig na Greugaich amaideach comas no deasachadh iomchuidh air bith airson cogadh a dheanamh an aghaidh nan Turcach. Cha ghabhadh na Greugaich comhairle no stiuradh air bith bho Bhreatunn no bho rioghachd cairdeil eile. Bha iad asaoilsinn am feadh a bha iad fein le guth fuaimneach, bagrach, ag iarruidh cogaidh an aghaidh nan Turcach, gu rachadh rioghachdan na Roinn-Eòrpa as an leth, agus nach leigeadh iad do na Turcaich an claidheamh a thoirt as a thruaill. Fhuair na Greugach cead an toil amaideach fein a ghabhail agus a leantuinn. Thachair feachd nan Turcachus nan Greugach ann an stri nan sleighs nan lann, ’us le gunnachan mora. Thug na Turcaich buaidh an deigh buaidh air na Greugaich ghealtach. Nam bitheadh cuibhrionn beag de spiorad nan Greugach aosmhor aca, dhfhaodaidh iad an grunnd fein a sheasamh, agus buaidh fhaotainn ann am blar no dha air na Turcaich. Na cladhairean truagha! na Greugaich, eadar cheannardanus shaighdearan, theich iad gu narach bho dhaighneach gu daighneach. Bhuail na peilearan iad anns achul-thaobh, gu mu dheireadh an robh na Turcaich gle dhluth air baile na h-Aithne. Beiginn do na Greugaich suim mhor airgid a phaigheadh ris na Turcaich airson gach cost a bha aca anns achogadh a thug na Greugaich bhosdail, bhochda orra. Cha dfhag na Turcaich criochan na Greig fathast. Tha iad a nis co proiseil ri coileach Frangach, on thug iad buaidh air na Greugach agus a nochd iad mar so don t-saoghal gu leir nach do chaill an gairdean a spionnadh; agus gu dean iad gleachd eagalach agus spairn ghaisgeil, mun fag anSultanagus iad fein luchairteanus dachaidhean boidheach, ’us eileananus uisgeachan ciatach Chonstantinople.

CONA.


SOIRBH GU LEOR.

Bha fear-lagha ann uair, aig an robh càs iongantach ri shocrachadh. Is e so e. Thainig lighiche da ionnsuidhse fo iomaguin mhoir. Bha leanabh an te aig dithis pheathraichean, a bha agabhail còmhnuidh anns an aon tigh, agus an da leanabh cho coltach ri chéiles nach aithnicheadh am mathraichean iad o chéile. Ach le dearmad nam banaltrum, an uair a bha iad acluich còmhladh latha air chor-eiginn chaidh iadam measg a cheile,” agus mar sin cha robh fios aig na màthraichean an robh an leanaban féin aca, an uair a fhuair iad air an ais iad.

Ma dhfhaoidhte,” ars am fear laghanach deach iomlaid adheanamh air na leanaban idir.”

O chaidh, chan eil teagamh nach drinneadh an iomlaid,” ars an lighiche.

Am bheil sibh cinnteach?” ars am fear-lagha.

Cho cinnteach agus is urrainn domh bhith,” ars an lighiche.

Mata,” ars am fear-laghamas ann mar sin a tha, carson nach rachadh an iomlaid air ais. Chan eil mi-fhéin afaicinn doirbheadas sam bith anns achùis’ .’


Cuir a dhiarraidh MHIC-TALLA.



[370]

[Vol . 6. No. 47. p. 2]

BAS MHIC UISNICH.

(Air a leantuinn.)

An deigh na laoidhe sin thubhairt Leabharcham ri mic Fhearghuis uinneagan agus dorsan an tighe adhùnadh; “agus nan tig iad chugaibh,” arsa ise, “thoir am mach buaidh, agus dean gu calma, agus teasraigibh sibh féin gu math.” Dhoirt i an sin na frasan deur teth, brònach, agus dhfhàg i beannachd aca agus thainig i far an robh Conchubar. Dhfhoighneachd Conchubar sgeul dhi. “Tha droch sgeòil agus sgeòil mhaithe agam,” arsa ise. “Ciod iad sin?” arsa Conchubar. “Is maith an sgeul,” arsa ise, “an triùir is fearr dealbh agus deanamh an Eirinn teachd chugainn, eadhon clan Uisnich teachd gu Coigeamh Ulaidh, agus is iad so na sgeòil is fearr againn. Agus is iad na sgeòil is miosa againn, eadhon, abhean a bfhearr dealbh agus deanamh anns an domhain an am imeachd uainn a-Eamhuinn, gun a cruth no a dealbh fein abhith oirre a nis.”

Cho luath agus a chuala Conchubar sin chaidh moran deeud air chùlthaobh, agus thòisich e air caoidh an deigh sgeimh Dheirdre, gus an dthubhairt e a rithisd. “Cia agaibh a theid a dhfheuchainn am maireann a dealbh no a deanamh féin air Deirdre?” Agus dhfhoighneachd e fo thri uairean, ach cha do fhreagair aon neach e. An sin thubhairt Conchubar ri Treun-dorn; “A Threandoirn, co mharbh dathalr, agus do thriùir dearbhràthair?” “Tha fhios agam,” arsesan, “gum bu Naoise mac Uisnich a mharbh iad.” “Maiseadh,” arsa Conchubar, “Eirich a dhfhiosrachadh, am maireann a dealbh féin air Deirdre.” Ghluais Treundorn roimhe a dhionnsaidh na bruighne, agus fhuair e uinneagan agus dorsan an dùin dùnta. Ghabh cagal agus faiteachas e, agus thubhairt e, “Cha chòir dhomh teannachadh air clann Uisnich, oir tha fearg mhor orra.” An sin fhuair e air abhruigh, uinneag nach deach a crannadh, agus theann e ri Naoisefheuchainn tre an uinneig; agus mhothaich Deirdre da sin, agus chuir i an céill do Naoise e. Dhfheuch Naoise am mach, agus chunnaic e sùil an fhir sin. Agus thachair gun robh fear-chaille na tàilisgena làimh; agus thug e urchar cuimseach uaidh leis an do chuir e an sùil an òlaich e. Agus dhfhalbh e agus e air leth-shùil far an robh Conchubar. “Bheir mi mo bhriathran,” arsa esan, aChonbhubair, “gum biodh Naoisena righ air an domhain, ma leigear da e, agus gur i Deirdre abhean as fearr dealbh agus deanamh de mhnathaibh na cruinne.”

Is ann an sin a thubhairt Conchubar, “Eirichibh, ’Ultacha, agus imichibh timchioll na bruighne, agus cuiribhna dearg-lasraichean i.”

An sin dhéirich cach an aon-fheachd, agus leig iad tri gaoirean-catha asda, agus chuir iad ri teine i. Air cluinntinn sin do chlann Fhearghuis, dhfhoighneachd iad co bha ann. “Tha, Conchubar agus na h-Ultacharsa iad, “Is truagh sin,” arsa Iollann Fionn, “mas iad urrasan Fhearghuis is aill leibh abhriseadh.” “Dar mo bhriathar,” ars a Conchubar, “is mo an eucoir do chlann Uisnìch mo bhean-sa abhith acana sin.” “Och! mo thruaighe! achlann Uisnich rinneadh fheall oirbh.” “Dar mo bhriathair,” arsa Buinne Bord Ruadh, mac Fhearghuis, “ma chaidh ur brathadh, cha bhrath sinne sibh;” agus air sin, air da a chuid airm aghlacadh, thainig e am mach agus mharbh e tri cheud de na h-Ultaich don ruathar sin, agus bhaith e na teinntean agus mheasg e na slòigh.

An sin thubhairt ConchubarCo chuir an ruaig so air na sluaghaibh?” “Mise,” arsa Buinne Borb Ruadh Mac Fhearghuis. Cumhachan mora uamsa dhuit, aBhuinne, agus treig clann Uisnich,” arsa Conchubar. “Ciod iad na cumhachan sin?” arsa Buinne. “Bheir mi tri triocha-cead de fhearainn duit, mo mhuinighinn agus mo chomhairle.” Gabhaidh mi ris na cumhachan sin,” thubhairt Buinne, agus ghabh e riutha. Agus rinneadh sliabh tre mhior-builean De de an triocha-cead an oidhche sin fein, agus is ann ris a their iad an diugh Dail-Buinne an Uladh.

An uair a chuala Deirdre sin, “Mheall Buinne sinn,” thubhairt ise, “agus is aithreamhail (coltach riathair) am mac e.” “Dar mo bhriathar,” arsa Iolann Fionn, “cha tréig mi fhéin sibh fad agus a mhaireas an claidheamh so agam.” Agus thainig Iollann am mach an sin, agus thug e tri cheud luath-Chuairtean cùramach timchioll na bruighne, agus mharbh e tri cheud de na h-Ultachaibh, agus thainig e air ais far an robh Naoise agus e ag imirt le Ainne, agus dhòl e deoch, agus thainig e am mach a rithisd agus leus laiste aige agus thòisich e air na daoine achasgairt gus nach rachadh gin diubh an coir na bruighne leis an eagal. Agus bu mhaith am mac sin Iollann Fionn, oir cha do ghabh e ailleagain no maoin o aoinneach riamhach o Fhearghus, agus cha do dhiùlt e aoinneach riamh do thaobh sheòd no maoine.

Is ann an sin thubhairt ConchubarCàite am bheil Fiach Fionn mo mhac féin, oir is ann anns an aon oidhche, rugadh e fein agus Iollonn Fionn; agus is e armathar tha aig Iollann Fionn; agus mar sin thoir thusa marm-sa leat, eadhon an Orchaoin, agus aChorrthach, agus am Bogha Bearnach.

Is ann an sin a rinn an dithis so ionnsaidh air acheile gu dàna, deagh-ghaisgeil. Agus bhuadhaich Iollann Fionn mac Fhearghuis, air Fiacha mac Chonchubair an tra sin, ionns gun dthug e air crùban air chùlthaobh a sgéithe; agus bheucaich an Orchaoin le guth fhoclaich ghràinneamhuil le meud an eiginn anns an robh Fiacha MacConchubair. Agus bheucaich tri priomh-thuinn na h-Eire, eadhon, Tonn Tuaithe, Tonn Cliodhna, agus Tonn Rudhraighe afreagairt di.

Bha Conall Cearnach, mac Aimhergin, an Dun Sobhairce; agus chuala e na tuinn ag beucach agus thubhairt e; “Tha Conchubar an eiginn agus cha dligheach dhomhsa eisdeachd ris.” Agus ghabh e a chuid airm gu cliseach, luthmhor, agus thainig e roimhe gu Eamhuinn Mhacha; agus cha leigeadh an t-eagal leis na h-Ultaich a thoirmisg. Agus thainig e gu fealltach, an coinneamh a chùil gu Iollann Fionn, agus shàth e a cholg-ghlas eadhon a chlaidheamh troimh a chridhe. “Ge be ghuin mi a leth mo chùil,” arsa Iollann Fionnbheirinn còmhrag à leth maghaidh da.” “Co thu fhéin?” arsa Conall. “Is mise Iollann Fionn mac Fhearghuis,” fhreagair esan, “agus is e so Conall Cearnach a ghoin mi.” “Is truagh gur mi,” fhreagair Conaill. “Is mor an truagh an gniomh a rinn thu, aChonaill,” arsa Iollannagus clann Uisuich fo mo dhidean.” “Och! Mo thruaighearsa Conall, “dar mo bhriathran cha toir Conchubair a mhac féin uam gun a mharbhadh an dioghaill a’ “ghniomh sin,” agus an sin thug Conall beum claidheimh do Fhiacha Fionn agus gun do sgaradh a cheann de a choluinn; agus dhfhàg Conall iad. An sin thainig comharran bàis air Iollan Mac Fhearghuis; chuir e a chuid airm a steach anns abhruigh agus thubhairt e ri Naoise calmachd adheanamh, agus gun do mharbhadh e fhéin an aimhriochd le Conall Cearnach.

Thainig a nis na h-Ultaich timchioll air abhruigh acur teine rithe. Chaidh Ardan am mach agus mharbh e tri cheud gaisgeach. Agus air dabhith ùine fhada am muigh, thainig e asteach, agus chaidh Ainnle am mach an trian eile den oidhche achoimhead na bruighne; agus mharbh e uimhir do-àireamh de na h-Ultachaibh, gus an deach iad gun mhisneach on bhruigh. Is ann an sin thòisich Conchubar air an iarmailt agus thainig Naoise am mach fa dheòigh, agus cha teid na thuit leisàireamh. Thug na h-Ultach cath an-fhann do Naoise; agus chuir Naoise an ruaig orra tri uairean. An deigh sin dhéirich Deirdrena choinneamh agus is e thubhairt i ris: “Is buadhmhor achòmhrag rinn thu féin agus do dithis dhearbh-bhrathair; deanaibh gu foghainteach o so am mach. Bu olc achomhairle dhuibh taobh a thabhairt ri Conchubar agus ris na h-Ultachaibh agus is truagh nach do rinn sibh mo chomhairle-sa.”

Rinn clann Uisnich a nis daingeann leis na sgiathan acaathadh richéile, agus chuir iad Deirdre eatorra, agus thug iad uile gu leir ionnsaidh an aon-fheachd air an naimhdean, agus mharbh iad tri chiad dhiubh don ruathar sin.

Chaidh Conchubar far an robh Cathfach an draoidh, agus thubhairt eAChathfaich ceannsaich clann Uisnich, agus imir draoidheachd orra, oir millidh iad an Coigeamh so gu bràth ma theid iad as a dhaindeoin uatha an tràth so; agus bheir mi mo bhriathran dhuit-sa nach eagal daibh mi fein.” Chreid Cathfach na facail so, agus chaidh e a dh’ -ionnsaidh clann Uisnich agus rinn e draoidheachd orra, oir chuir e muir mhor-thonnach



[371]

[Vol . 6. No. 47. p. 3]

air feadh na machair roimh clann Uisnich, agus na h-Ultaich air talamh tioramnan deigh. Agus bu ro thruagh mar a bha clann Uisnichgan claoidh anns amhuir mhoir, agus Naoise ag cumail Dheirdre air a ghuailneanga tearmuinn air a bathadh. An sin dhòrduich Conchubar clann Uisnich abhith air am mharbhadh, agus dhiùlt fir Ulaidh uile sin adheanamh; oir cha robh aon duine annta gun tuarasdal aige o Naoise.

Bha òglach dam bainm Maine Lamh-dhearg mac Righ Lochlainn le Conchubar; be Naoise mharbhathair agus a dhithis dearbhrathair, agus thubhairt esan gun deanadh e féin an dith-cheannadh an dioghail aghniomh sin. “Maiseadh,” arsa Ardan, “marbh mi fein air tus, oir is mi is oige de mo bhraithrean.” “Chan e sin a nithear,” arsa Ainnle. “ach marbhtar mi fein air tùs.” “Chan ann mar sin is còir, ”arsa Naoise, “ach tha claidheamh agam-sa thug Manannan Mac Lir dhomh, nach fàg fuigheall beuma, agus bhuailtear oirnnnar triùir an aon-fheachd e, agus nach faiceadh aon againn a dhearbh-bhrathairga dhith-cheannadh.” Agus acheart uair shin na h-uaislean sin am muinealan air aon cheap, agus thug Maine colg-bheum claidheimh dhaibh gun do sgar e na tri chinn a dhaon bheum air abhad, agus leig na h-Ultaich asda tri trom-sgairtean bróin air an songan caoidh.

Athaobh Dheirdre, am fad agus a bha air chàich air achéile dhiubh, chaidh i roimhpe faiche uaine Eamhna, agus i air breitheal agus air a cuthach le mulad agus doilghios agus i afaontradh sear agus siar o dhuine guchéile, gus an do chòmhlaich i Cuchuileinna ceart-aghaidh, agus chaidh i air a chomhairc, agus dhinnis i sgeul clan Uisnich da o thoisich gu deireadh mar a chaidh am brathadh. “Is truagh leam-sa sin,” arsa Conchubar, “agus am bheil a fhios agad co mharbh iad?” “Maine Lamhdhearg, mac Righ Lochlainn,” arsa ise. Thainig Cuchuilein agus Deirdre far an robh clann Uisnich; sgaoil Deirdre a falt, agus thionnsgain i air fuil Naoiseol; dathna h-eibheill air a gruaidhean, dubh-bhròn fiadhaich feargachna cridhe agus an cridhe fein ach beag air a stròiceadh. An sin thog i le dòruinn an laoidh:—

Is mor na h-achdan so an Eamhuinn,
Far an drinneadh feall gu h-olc;
Oidheadh cloinne Uisnich ionraic
Cul-taic gobhlach onoir Eirinn.

Bhiodh an domhain siarus sear
Agad fhéin, aNaoise neartmhoir,
Gun a bheag de theagamh bhiodh,
Mur an drinneadh an droch-ghniomh.

Adhlaichtearsan uaigh mi,
Comhdaichtear le leacan mi,
Le feitheamh orra thig an t-eug
Us crioch an droch-ghniòmh orm féin.

An deigh na laoidhe sin, thubhairt Deirdre, “Leig leam mo chéile aphòsadh;” agus thòisich i apògadh Naoise agus ag òlfhala gus an do thog i an laoidh a leanas:—

Is fad an laus gun chlann Uisnich ann,
Cha robh dragh orms minan cuideachd-san;
Tri mic righ fialaidh do na bochd,
Tri leomhain o chnoc na h-uamha.

Tri dreaguin o Dhùn Monaidh,
Tri curaidh on Chraoibh Ruaidh,
Chan fhada dhomhus minan deigh,
An triùir bhris gach ruaig-cath.

Tri leannain bhàn Bhreatuinn,
Tri seabhagan Shleibh Chuileann,
Mic righ dan geill gaisge,
Don do lùbadh na glùintean.

Cha bu deas leo striochdadh,
Is truagh bochd an tuiteam,
Tri mic inghne Chathfaich,
Tri gobhlain catha Chuailgne.

Tri beathaichean fiadhaich,
Tri leomhain o lios Una,
Triuir lem miann am moladh,
Tri mic uchda Ultach.

Triuir chaidhàrach le Aoife,
Bha criochan fo chis da,
Tri cuilbh bhriseadh cruaidh-chòmhrag,
Tri daltan thogadh ann an Sgathach.

Chaidh an oilean aig Boghmhuin,
Air gach cleasus fòghluim,
Tri mic òirdhearca Uisnich,
S mi tha tuirseachnan easbhuidh.

Na saoileadh duinena bheatha
Gum mairinn an deigh Naoise,
Is beag saoghal a gheibh mi
An deigh Ardainus Ainnle.

Ard-righ Ulaidh mo cheud fhear,
Threig mi e air gaol Naoise;
Gearr mo bheatha dhomhnan deigh,
Sheininn-sa an tuireadh tuirseach.

Ann an deigh cha bhi mi beò,
Bhuadhaich iad anns gach deabhadh,
Triuir murrach air gach dochairfhulang,
Triuir laoich nach obadh gleachd.

Mallachd ort, aChathfaich draoidh,
Mharbh thu Naoise tre mhnaoi,
S truagh nach drinn thu comhair air,
Sath an domhain e daon righ.

Fhir a thochlas uaigh Naoise
Gus a chuir ann, uam-sa,
Na deantar leat an uaigh cumhang,
Bhithinn fein ri taobh nam flaithean.

Cha robh mise riamhnam aonar,
Ach an la a thochladh duaigh;
Ach is minic a bha mise
Agus sibhse féin gu h-uaigneach.

Chaidh mo fhradharc uamsa,
Air faicinn uaigh Naoise;
Gearr gum fàg mi nis mo bheatha
Ach cha mhaireann luchd mo chaoineadh.

Air mo thailleabh mhealladh iad,
Na tri tonna neartmhor, bras;
S bochd nach robh misesan uir,
Roimh marbhadh clann Uisnich.

Truagh mo thurus le Fearghus,
Don Chraoibh Ruaidh bhreugadh sinn,
Le briathran blaithe, binne,
Mhealladh sinne an aon-fheachd.

Agus sheachuainn aoibhneas Ulaidh,
Dhaindeoin churaidheanus chàirdean,
Cha bhi minan deighnam aonar,
Cha dual domhsa saoghal fada.

An sin shuidh Deirdre anns an uaigh, agus thug i tri pògan do Naoise roimh dhaibh a leagail anns an ùir. Chaidh Cuchuilein roimhe gu Dun-Dealgain, gu cumhach, dubh-bhrònach, agus mhallaich Cathfach Draoidh am baile Eamhuinn Mhacha, mar dhioladh air amhor-olc sin, agus thubhairt e nach faigheadh Conchubar no neach eile de a shliochd, am baile sin gu brath an deigh na ceilge sin.

Athaobh Fhearghuis mac Rosa Ruaidh, thainig e air la-iar-na-màireach gu Eamhuinn Mhacha, an deigh marbhadh clan Uisnich; agus an uair a fhuair e gun do mharbhadh iad direach an aghaidhnan urrasan daingneann a thug e fein daibh, thug e féin agus Cormac Conloingios mac Chonchubair agus Dubhthach Daolshulach, ionnsaidh air buidheann eascairdich de mhuinntir Chonchubair, gus an do thuit Maine mac righ Lochlainn leo, agus tri chead de a mhuinntir mar aon leis. Loisgeadh agus chreachadh Eamhuinn Mhacha agus mharbhadh boireannaich teaghlach Chonchubair leo. Agus chruinneachadh sluagh Chonchubair as gach leith, agus be lion an t-sluagh tri mhile laoch; agus thriall iad as a sin gu Connacht gu Oiliol Mor, bhana righ air Connacht an trath sin agus gu Meadhbh Chruachna far an dfhuair iad fàilte agus fasdadh.

Athaobh Fhearghuis agus Chormaic Chonloingis agus an laochraidh, air ruigsinn ann an Connacht dhaibh, cha robh iad aon oidhche gun chreachadairean achuir uapa ag argnadh agus ag losgadh Ulaidh; agus mar sin daibh gus an do thraochadh criochan Chuailgne leo, gniomh as an dthainig iomadh dochair agus fearg eadar an da Choigeamh; agus chaith iad seachad bliadhna no areir dream eile deich bliadhna air an dòigh sin gun osadh uaire eatorra. As leith a stigh den aimsir sin, dhfhàs Meadhbh torrach le Fearghus, gus an do rug i triuir mhac da a dhaon-bhreith mar a tha Ciar, Corc agus Conmhac, mar a their am file anns an rann so:—

Bu torrach Meadhbh an Cruachan chaoin.
O Fhearghus nach do thoill mi-chliu;
Rug i triuir gun lochd nach lag,
Ciar, Corc, ’us Conmhac.”

Is ann on Chiar so ashloinneadh na Ciaruidhe am Mumhan, agus is ann de a shliochd a tha OChonchubar Ciaruidhe; is ann o Chorc OChorcamruadh; agus is ann o Chonmhac a tha gach Conmhaicne tha ann an Connacht; agus ge be leughas an duan dam bu toiseach

Clann Fhearghuis, clann os cach,”

gheibh e gu follaiseach gum bu mhor an uachdaranachd fhuair na triùir mac sin Meidhbhe an Connacht agus am Mumhain. Tha na tirean a tha air an ainmicheadh uatha anns an da Choigeamh sin, ’nam fianuisean air achùis.

Bha fearghus agus an Dubhloingios, eadhon, na coimhich a chaidh leis gu Connacht asior-deanamh spuinnidh agus uile air na h-Ultaich airson bàis clann Uisnich; agus na h-Ultaich mar an ceudna adeanamh ath-

(Air a leantuinn air taobh 374.)



[372]

[Vol . 6. No. 47. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, . . . $1 .00
Sia miosan, . . . .50
Tri miosan, . . . .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig garn ionnsidh an aire nach sgriobhad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,’
Sydney, Cape Breton


SIDNI, 20 MAIGH, 1898.

AN COGADH.

Cha drinneadh a bheag de chogadh on chaidh Manila a ghlacadh. Tha cabhlach de shoithichean cogaidh aig na Stàitean timchioll air Cuba, agus tha cabhlach aig an Spàinn anns an àite cheudna, ach cha dthàinig iad gu blàr fhathast. Tha iad mar gum bann adeanamh falach-fead air acheile bhitheadh iad. Thug na Stàitean ionnsuidh air arm a chur air tir ann an Cuba deireadh na seachdainsa chaidh, ach thug arm na Spàinn ionnsuidh cho millteach orras nach dfhuair iad gu tir idir. Chaidh àireamh dhaoine a mharbhadhsa leònadh air gach taobh. Loisg na soithichean Geancach air baile San Juan aon latha air an t-seachdain sa chaidh, agus bhasan ainm gun do mharbhadh naodh ceud Spàinnteach, ach chan eil sin idir coltach. Bidh moran seanchais atighinn gach latha nach gabh creidsinn. Chan eil fhios an teid moran fala a dhòrtadh acheud treis; tha an Spàinn lag, agus cha toir i ionnsuidh air na Stàitean gus an fheudar dhi, agus tha na Stàitean ged a tha iad gle bheairteach, fada o bhi làn uidheamaichte air son cogaidh. Chan eil teagamh mar sin, nach tarruinn iad ùine. Tha a cheana còrr us tri sheachdainean on thòisich e, agus cha drinneadh ach gle bheag fhathast. Tha moran dhaoine dhen bharail nach mair an cogadh ach ùine ghoirid, agus tha moran eile dhen bharail gur h-ann a mhaireas e ùine mhor, agus mun tig e gu crich gum bi a chuid as motha de rioghachdan na Roinn Eòrpa an sàs na chéile. Tha fhios nach eil ni acumail na Frainge e dhol a chuideachadh na Spàinne ach an t-eagal a thaice romh Bhreatunn, agus tha sinn an dochas gum bi an t eagal sin oirre, oir chan eil iarraidh sam bith air an cogadh a dhfhàs nas motha na tha e. Cha robh na Stàitean us Breatunn cho mor aig cach a chéile riamh on dhealaich iad an toiseachsa tha iad aig an àm so. Air an dòigh sin, dhfhaoidte nach caill an duthaich so air achogadh idir, oir cha robh na Stàitean anochd adh ri Canada ach gle bheag càirdeis anns na bliadhnaichean a chaidh seachad.

Tha obair na h-Ard Phàrlamaid a nise beul ri bhi criochnaichte air son na bliadhna so, agus tha dùil ris an tigh a bhisgaoileadh deireadh na seachdain sa tighinn. Tha gach ni cudthromach a bha ri dheanamh aona chuid air a dheanamh no air a chur as an rathad, agus chaneil moranga chur air adhart anns na lathaichean so ach bruidhinn, ni a tha àireamh nach beag air gach taobh dhen tigh gle chomasach air a dheanamh. Tha an t-Ard Riaghladair, Morair Abaraidhean, aleigeil na dreuchd uaithe, ged a fhuair e tairgse bliadhneile dhi, agus an uine gun a bhi fada bidh edol air ais don t-seann dùthaich. Chan eil fhios fhathast cho bhios air a churna àite.

Tha trioblaid mhor ann an cuid de dhùthchannan na Roinn Eòrpa aig an am so, gu h-àraid anns an Eadailt agus anns an Spainn. Tha an sluagh cumanta anns na dùthchannan sin anabarrach bochd, agus tha daoiread abhidh aig an àm so atighn gle throm orra. Ann an àiteachan, tha an sluagh air éiridh ann an ceannairc, agus tha aig an luchd-riaghlaidh ris an arm a ghairm a mach air son an cumail aig rian. Tha an fhois agus monbhar gu leòr ann an cuid de na dùtchannan eile cuideachd, ged nach do bhrist iad a mach cho follaiseach. Tha e gle choltach gu bheil amannan trioblaideach gu bhi ann an ùine nach eil fad as.

Bidh càirdean Iain Rothaich, á Rudha Mharsden, anNew Zealand,toilichte chluinntinn gun dthàinig litir gu aon de chàirdean o chionn ghoirid, ag innse gu bheil edol nas fhearr. Tha e nise comasach air coiseachd eadar an leabaidhsan teine, agus tha e sior dhol am feobhas. Tha a bhana-chompanach moran nas fhearr cuideachd. Tha sinn an dochas nach fhada gus am bi iad le chéile air an aiseag gun slàinte àbhaistich.

Chan eil teagamh nach eil Breatunn an dùil gum bi aice ri cogadh an ùine ghoirid. Tha i ag ullachadh air a shon gu bras. Tha daingneach làidir ri bhi air a cur suas ann anSt . Johns, Newfoundland;thatar acur ma seach tomhas mor guail ann an Esquimalt, B. C., agus tha iomadh ni eilega dheanamh a thag innse gu bheil dùil ri stri.

Chuireadh an cùnntais gu àireamh de luchd-gabhail aphaipeir a tha air deireadh a thaobh paighidh, o chionn beagan sheachdainean air ais. Fhuair sinn am freagairt a bha dhith oirnn o chuid, ach tha roinn mhath nach dthug freagairt sam bith oirnn. Tha sinn air son cluinntinn uatha sin gun dàil.

Bha an sgeul mu dheireadh a thàinig ag innse gu robh Mr. Gladstone gle fhaisg air achrich. Cha robh dùil ri e mhairsinn ach ùine ghoirid.

Tha toiseach an t-samhraidhna dheagh àm gu tòiseachadh air gabhail MHIC-TALLA.


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.

Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach.

TRIUBHSAIREAN BHO $3 .00 SUAS.

Niall Mac Coinnich,
Sidni, C. B.


C . H. HARRINGTON & CO.
Flur, Min, Ti agus Siucar dhen t-seorsas fhearr.
Soithichean Glaine agus Creadha, math agus saor.
Brogan, Botainnean, Rubbersagus Caiseart de gach seorsa
GAN CREIC SAOR.


BATHAR CRUAIDH.

Tha mi a nisecumail Bathar Cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh, Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gun taghal thu orm. Tha mi, mar a babhaist, acreic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha micreic gach ni gle shaor.

AONGHAS MAC LEOID,
Sidni, C. B.


BATHAR EARRAICH.

Deiseachan Fhirionnach air $3 .50, $4 .75 agus o sin suas.

Deiseachan Ghillean air $1 .75, $2 .60, $3 .00, $375 agus $4 .60.

Bathar eile a reir sin. Chan eil stor anns abhaile anns am faigh thu BATHAR MATH cho saor.

Tormad Domhnullach,
SIDNI, C. B.



[373]

[Vol . 6. No. 47. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Bha àireamh de dhfhoghlumaichean òga Mhontreal ann an Ceap Breatunn o chionn còrr us mios, ag amharc troimh na mèinnean. Tha iad a nise an deigh falbh.

Tha eadar sia fichead us seachd ficheadsa deich de chloinn gu bhi air an toirt gu Halifax á Sasuinn an ùine ghoirid. Is dilleachdain achlann sin athatar atoirt a nall air son dachaidhean fhaotainn dhaibhs an dùthaich so.

Ann an Swatse, an Iapan, bha ceud bat-iasgaich air an sguabadh air falbh le stoirm agus tuil a thainig deireadh na seachdain sa chaidh. Tha ceithir cheud deug duine air chall, agus chan eil teagamh nach robh amhor chuid dhiubh air am bàthadh.

Tha tuathanaich na dùthcha so acur barrachd cruithneachd am bliadhnasa bàbhaist dhaibh. Chan eil fhios car son nach biodh roinn mhor air a chur na h-uile bliadhna; ma mhaireas am flùr cho daorsa tha e an dràsda, pàighidh e gle mhath do dhaoine an cuid flùir fhéin a dheanamh.

Ann anTyne Valley,E. P. I., air an t-seachdamh latha deug dhen mhios a dhfhalbh, bha pàisde leMrs . Turner, aois naodh miosan, air a losgadh gu bàs. Bha e air fhàgail leis fhéin anns an tigh, agus thatar adeanamh a mach gun deach e rathad an teines gun do ghabh a chuid aodaich.

Ann am Petticodiac, N. B., o chionn da sheachdain air ais, bha Cairistiona Mhàrtuinn air a bàthadh, ’s i-fhein us feadhain eile adol ann am bàta gu ruigeSt . John.Chuireadh am bàta thairis le oiteag gaoithe, agus bha iad uile air an tilgeadh dhan uisge, ach fhuaireadh càch a shabhaladh. Bha i ochd bliadhna fichead a dhaois.

Tha Mr. Cailean Ochiltree Domhnullach air tilleadh á Sasuinn, agus tha e an deigh cuideachd laidir fhaotainn air son na mèinn ùr ghuail a fhuaireadh ann amPort Morienfhosgladh agus obrachadh gun dàil. Tha sinn an dochas nach eil mearachd sam bith anns an sgeul so, agus nach fhadan ùine gus am bi Port Morien cho soirbheachailsa bha esna bliadhnachan a dhfhalbh.

Chaidh triùir dhaoine a bhàthadh ann anQueen ’s Port,an siorrachd Ghuysboro, air an deicheamh latha dhen mhios. Chaidh iad a mach ann am bàta beag a dhiasgach sgadain, agus chan fhacas tuilleadh iad gus an dfhuaireadh cuirp dithis dhiubh air an tràigh faisg air beul na h-acarsaid. Cha dfhuaireadh corp an treas fir fhathast. Biasgairean an triùir aca bhar soitheach a bha air tighn a stigh don acarsaid air son bidh.

Tha e coltach gur ann am mios meadhonach an fhoghair a bhios aig an t-sluagh ri bhòtadh air son, no an aghaidh, stad a chur air deanamh, creic, agus ceannach stuth làidir ann an Canada. Tha edol a chosg mu dha cheud mile dolair don dùthaich, agus is coir do dhaoine deagh aire thoirt don ghnothuch, agus a bhi cinnteach gu bheil tuigse cheart aca air gach ni ma thimchioll, mun tig an t-àm air son bhòtaidh. Chan eil e ceart do neach sam bith a bhi aineolach air ni cho cudthromach ri so.

Chaochail DAlton McCarthy, aon de bhuill na h-Ard Phàrlamaid, ann an Ottawa, a sheachdain gus a bhon-. Fhuair e ghoirteachadh le tuiteam á carbad beagan lathaichean roimhe sin, agus be an goirteachadh sin a dhaobharaich a bhàs. Bha e air aon de na fir-lagha a bfhearr a bhann an Canada, agus bha ena dhuine nach robh aig àm sam bith leisg air a bheachdansa bharailean fhéin a leantuinn gu cogaiseach. Bha e gle mheasail ann an tigh na pàrlamaid, agus labhair na daoine binbheiche air gach taobh dhen tigh uime an deigh a bhàis, a toirt cliù mor air. Rugadh McCarthy ann an ceann a tuath Eirinn.

Chaochail dam bainm Miss Antionette Nordbec, ann aHalifacs, air an t-seachdain sa chaidh, agusna tiomnanh dhfhag i tri fichead mile dolair aig ceathrar chloine an Urr. Robert Muireach, fear-deasachaidh aPhresbyterian Witness.

Chaidh tigh-eiridinn Caitliceach a bha ann an St. Hyacinthe, an Cuibeic, ’na theine maduinn Di-luain sa chaidh, agus bha sianar air an losgadh gu bàs; mharbhadh aon eile le leum a mach air uinneig. Bha cóig de na cuirp gun fhaotainnsa mhaduinn Di-màirt.

Tha am flùr air éiridh gu mor ann am pris o chionn da mhios air ais. Mu mheadhon an earraich bha am flùr a bfhearrga chreic air cóig dolair gu leth ann am baile Halifacs; tha an seòrsa ceudnaga chreic an dràsda air ochd dolair. Tha sinn an dòchas nach teid e nas daoire na sin.

Nach bu chòir do na Gàidheil anns gach àite oidhearp a thoirt air àireamh luchd-gabhail MHIC-TALLA a dhublachadh air an t-samhradh. Dhfhaodadh deich mile a bhigabhail a phaipeir Ghàilig nan deanadh a h-uile Gàidheal a dhleasanas dha thaobh. Co a gheibh aon no dha de chàirdean ùra do MHAC-TALLA?

Chaidh seana bhean dam bainmMrs . Adams Archibald, a bha fuireach airRiver John,an siorrachd Phictou, a losgadh gu bàs air an t-seachdain sa chaidh. Spraidh lampa a bha ilaimhseachedh, agus ghabh a cuid aodaich. Fhuair a fear an teine chur as, ach bha i air a losgadh cho donas gun do chaochail i. Bha i ceithir ficheadsa h-aon a dhaois.

Thatar ag radh gun deachaidh àireamh mhor dhaoine a bha air an turus don Chlondaic, a bhàthadh o chionn ghoirid. Bha àireamh mhor dhiubh afalbh cuideachd air deigh na h-aimhne, ’s gach fear atarruinn sleighe. Gun rabhadh sam bith, bhrist an deigh fopa, agus bha da dhuinair fhichead air an slugadh suas, iad fhéins an imrich, ’s chan fhacas tuilleadh iad.


Iadsan a Phaigh.

Iain Mac Fhionghain, New Canada.
Gilleasbuig R. Mac-a- Phearsain, Blue ’s Mills. $3 .
DoraGhillios, Gleann nan Sgiathanach.
Calum Mac Neill, Mèinn a Reserve. $1 .50
D. S. Mac Fhionghain, Shunacadie. .25
Miss Mac Nish, Fingal, Ont.
Iain Ceanadach, Loch na h-Aimhne Deas, N. S.
Domhnull Mac Neill, Loch na h-Aimhne Deas, N. S.
Beataidh Nic Neachtain, Loch na h-Aimhne Deas, N. S.
An t-Urr. R. Mac Coinnich, Arasaig, N. S.
S. D. Mac-a- Phi, Gleann Uilleam, E. P. I.
Iain A. Domhnullach, Beinn an t-Sealgair, E. P. I.
Coinneach Mac Gill-fhinnein, an Amhuinn Mheadhonach.
C. O. Domhnullach, Loch Ghabarus.
Mrs . H. P. Haskell, Boston, Mass.
Seumas MacIlle-mhaoil, Cincinnati , Ohio.


BAIS.

Air taobh an ear Loch Ainslie, air an darra latha dhen mhios, Caitriona M., nighean Phàdruig MhicIlle-mhaoil, da bhliadhna dhaois. Bi an darra te de dhithis nighean ann an teaghlach mor, agus dhfhàg sin abhuille na bu ghoirte. Chuireadh e smaointean air neach a bhifaicinn sianar bhràithrean beaga acaoidh am peathars gun an neach bu shine dhiubh thar sia bliadhndeug a dhaois. Tha co-fhaireachdain nan càirdean uile aig na pàrantannan trioblaid.

Aig Loch aChanu, air an 9mh latha dhen mhios so, Anna Dhomhnullach, bantrach Lachuinn Mhic-an-t- Saoir, 72 bliadhna dhaois. Thainig i don dùthaich so còmhla rih-athairs rimàthair á Uidhist a Chinn a Tuath, anns a bhliadhna 1828. Dhfhàg i coignear mhac agus triùir nighean acaoidh màthair ghràdhach, chaoimhneil, a bha measail aig na h-uile. Chaidh a tiodhlacadh ann an cladh Loch Ghabarus, agus lean àireamh mhor an giùlan dhionnsaidh na h-uaghach.

Ma thug e leisse feinthug uaith,
Beannaichtgach uair biodhainm.”


J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsas fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B


AN T-AITE
Anns an Ceannaich thu
Suic agus Iaruinn Cruinn, Creamers, Soithichean Bainne, Airneis-taighe, Stobhaichean, Flur, Min, etc., etc.
An Stor aig
ISAAC GREENWELL,
SIDNI, C. B.


Gabh Deagh Chomhairle
agus ceannaich gach bathar a bhios a dhith ort bho
MATHESON , TOWNSEND & Co.

Tha stoc mor aca de Bhathar Tioram, Amhlan, Ti, Siucar, Siabunn, agus gach ni eile air an cuir tigh feum.

Tha Adan, Bonaidean, Fluraichean, Itean, agus gach ni mar sin aca do na caileagans do na mnathan.

Tha gach ni a thaca dhen t-seorsas fearr, agusga chreic cho saorsa ghabhas deanamh.

Cha chosg e sion dhut am bathar fhaicinn; bidh na cleirich gle thoileach a shealltuinn.


Amherst Boot & Shoe Mfg, Co.,
AMHERST, N. S.

AChuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt as ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.

Amherst Boot & Shoe Mfg. Co.



[374]

[Vol . 6. No. 47. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 371.)

dhiolaidh orra sin agus air daoine Chonnacht tre an tain bho a thug Fearghus uatha agus tre gach dochair eile dhiubh, ionns gun robh na diobhaltean agus na dochair a rinn iad leth air leth da chéile cho mor sin, agus nan robh leabhraichean sgriobhte mu an deibhinn, bu ro fhada ri an leughadh an so iad.

Athaobh Dheirdre, de an dthainig na gniomharan sin, bha i am fochair Chonchubair anns an teaghlach aige fad bliadhna an deigh marbhadh clann Uisnich, agus ge bu bheag togail a cinn no gàire adheanamh le a beul, cha do rinn i sin re na h-ùine sin. Mar a chunnaic Conchubar nach do thog cluich no caoimhneas deidh oirre, agus nach dthug àbhachd no àrdachadh aoibhneas no misneachna h-aigne, chuir e fios air Eoghan mac Dhurthacht, flaith Fhearnmhuighe. Their cuid de na seanachaidhean gur e an t-Eoghan so a mharbh Naoise mac Uisnich an Eamhuinn Macha. Agus air teachd do Eoghan an làthair Chonchubair, thubhairt e rithe, o nach dfhuair i féin uaithe a h-aigne achaochladh o a cumha, gum feumadh i dol fad seal le Eoghan; agus le sin chaidh a cur air cùlthaobh Eoghain anns acharbad, agus Conchubar comhla rithe airson a buileachaidh air Eoghan.

Air dhaibhbhith atriall, bheireadh i sùil air Eoghan roimhpe gu fiadhaich feargach, agus suil eile air Conchubarna deigh; oir cha robh dithìs air an domhain dam bu mho thug i fuath na dhaibhsan maraon. Mar a mhothaich Conchubar di, agus i acoimhead fa seach air féin agus Eoghan thubhairt e tre àbhachd. “ADheirdre, is sùil caorach an t-suil sin a bheir thu ormsa agus air Eoghan.” Air cluinntinn sin do Dheirdre, ghabh sgeun cho oillteil leis abhriathar sin i, agus gun dthug i dubh-leum as acharbad am mach gus an do bhuail i a ceann air carrraig cloiche bha roimhpe, gus an do rinneadh mirean mion-bhriste de ceann, agus leum a h-eanchainn gu h-obann aisde; is ann mar sin a thainig bàs Dheirdre.

(Achrioch.)


A MEASG TUATH NA GAIDHEALTACHD. *

LE UILLEAM MAC COINNICH, RUN-CHLEIREACH CUIRT-AN-FHEARAINN.

EARRANN II.

(Air a leantuinn.)

Bha cheann bliadhna no dha bha mi fhéin ag eadar-theangachadh eadar seana-mhaighdinn Ghaidhealaich agus Cùirt an Fhearainn. Cha robh i air son a laimh a thogail idir, ach mu dheireadh thug i a mionnan. La no dha an déigh sin bha migabhail an rathaid, is choinnich mi acheart agus seana chailleach còmhla rithe. “O,” ars ise, “is mi a tha diumhach oirbhis e sibhse a chuir air mo mhionnan mi an roimhe.” “Car son a ghabh thu iad?” ars achailleach. “Dhfheumainn an gabhail,” fhreagair an eile. “Nach bu tu an òinnseach,” ars achailleach. “Car son nach dthuirt thu riutha gun robh thu trom!” Tha cuid agéilleadh nach eil e ceart do bhoirionnach anns an t-suidheachadh sin a dhol air a mionnan.

Is minig a chunnaic mi feadhainn a labhradh Beurla meadhonach math, an aghaidh fianuis a thoirts achainnt sin. Bhiodh eagal orra gum biodh feadhainn eilefanaid air am Beurla, no gun deanadh iad mearachd nan seanchus. Tha cuimhne agam air gille gasdafhuair deagh sgoil ach nach robh acleachdadh na Beurla. Thàinig e air bialaobh cùirt, is thubhairt am breitheamh ris—“You speak English, John. ”Bha beagan Beurla aig Iain is fhreagair e—“A few, my Lord. ”Thug am freagairt so gàire air cuid, is cha chanadh Iaid smid Bheurla tuilleadh!

Nuair a bhios cuid do dhaoine ag eadar-theangachadh bho Ghàilig gu Beurla bheir iad freagairtean iongantach aig uairean. Chuala mi iomradh mu lagh a bha an ceàrnaidh àraid den Ghàidhealtachd mu dhéidhinn each a chaidh a ghoid. Bha seana bhodach atoirt fianuis an Gàilig; ’s dhfhoighnich am fear lagha ris—“Was the horse shod? ” “An robh brògan air an each?” arsan t-Eadar-theangair. “A righ nan gràs,” ars am bodach, “am beil an duine air a bhàinidh! Co riabh a chunnaic brògan air each!”

Bha fianuis eile aig an aon chùirt aig an robh Beurla fhad-chasach, chrioplach. Dhfhoighnich am breitheamh ris—“What kind of horse was it, Duncan? ”Fhreagair Donnchadh—“A quadruped horse, my Lord. ”

Bha fear aig an robh Beurla mhòr atoirt fianuis aig uair eile mu dheidhinn Sanas àraid a chunnaic e air dorus eaglais fada bho dhachaidh fhéin. Dhfhoighnich am breitheamh ris ciod e bha esan adeanamh aig eaglais mar sid cho fada bho thigh fhein. Fhreagair e gu socrach, adeanamh stad beag eadar a h-uile facal—“Well, my Lord, there was a rumor of sheriff-officers coming to the country to warn the tenants out of their holdings, and I went to the districts concerned to advise the people against the use of physical force in their paroxysm of land hunger. ”

Chuala mi mu sheann duine a bha air bialaobh cuirt is dhfhoighnich am breitheamh ris mutheaghlach. Fhreagair e nach robh aige ach aon nighean agus gun dfhàg ise-fhein a nis e. ’Si an ath cheist a chuirteadh ris— “Caitam beil i?” Fhreagair am bodach— “Tha i air a mànran fhein cuide ri fear eile.” Chuir an t-eadar-theangair am Beurla mar so e—“She is enjoying herself with another man”—freagairt a thug lachan gàire air a h-uile duinesachuirt. Nise bha am freagairt mar thug am bodach e tuigseach gu leòr; bhan nighean an déigh pòsadh, ’s i air tigh dhi-fhein

Tha cuimhne agam air seann duine a bha atoirt fianuis an cainnt a mhathar, agus an déigh dha achùirt fhàgail thuirt e ris achiad fhear a choinnich e—“ ’S mise bhair mo mhaslachadh an diugh. Bha mina mo sheasamh an sid air am bialaobh fad uair an uaireadair is mo theanga ann am pluic fir eile.”

Tha an sean-fhacal ag radh gum bi am fear a thair tìr an dùil gur h-i a làimh fhéin is fhearr air an stiùir. Is ann mar sin a tha e leis an eadar-theangachadh. Chaneil an obair idir cho fearas a dheanamh cearts a shaoileadh muinntir nach do dhfhiach rithe.

Bha maighstir-sgoil uaireigin an Uibhist a bhiodh ag iarraidh air an òigridh na briathran so eadar-theangachadh facal air an fhacal air mhodh is gum biodh iad tuigseach do Ghall

Taodan beag, caol, cruaidh naoi duail,
Air aon laoghan beag, maol, ruadh Mairi.”

Ged a bhios cuid de na Gaidheil acumhnadh na Beurla an uair bu mho feum orre an cuirt bithidh pailteas aca dhinuair a ruigeas iad an dachaidhean fhein. Tha cuimhne agam air turus a bha mi ann am baile beag cuide ri fear-meas. Bha buaireadh air chor-eigin mu chrìch eadar da chroit. Dhfhoighnich am fear-meas ri seana bhoirionnach a bha an sin—“Whose land is this I am standing on? ”Chuir mi-fhein so an Gàilig, is fhreagair achailleach gum bu leatha-sa e. ’S i an ath cheist—“Whose land is that other rig? ”Cha dfhuirich achailleach ri so a chur an Gàilig dhi, is fhreagair i—“That is Donald MacDonalds; his extremities are next to mine! ”

Is iomadh trioblaid a dheireas mu chriochan, agus gu tric is beag is fhiach an t-aobhar-connspaid. “Fhuirich air do thaobh fhein den chlais, uile-biast,” ars aseann fhleasgach ri a bhana-choimhearsnach. “Chaneil mise ag iarraidh ach ceartasars ise; “cha gabhainnse uidhirs a tha dubh dhe mionga dhe do chuid, amhiosein.”

Chaidh an t-uachdaran a dhfhiachainn ri réitedheanamh eadar seann fhleasgach is banntrach a bha am baile beag. “A Dhòmhnuill,” ars esan, “ciod e is ciall don dol-amach a theadar thu-fhein is Mòr. Pòs i; cuiribh an chroit ri chéile, is cha chuir criochan tuille trioblaid oirbh.” “An e misephòsadh ise!” ars a Dòmhnull. Chaidh e an sin gu tigh na banntraich is thuirt e rithe gum bfheàrr di-fhein is do Dhòmhnull pòsadh, is gum biodh am baile aca dhoibh-fhein. “An e misephòsadh esanars a Mor. Cha deachaidh achrioch ud a chur ceart fhathasd!

Chaneil cànain a tha cho taitneach do chridhe aGhaidheil ris aGhàilig, agusnuair bhios e air fuadan a measg nan Gall tha i cho bhinnna chluasan ri ceòl a sìth-bhruth. Bha Muileach uaireigins an taobh-deas, is air dha tilleadh dhachaidh thuirt e ri a mhuinntir mar so— “Rainig mi Grianaig far nach tuigeadh na daoine chéile; achnuair thill mi do Thobar-Mhuire mhòr nan gràs againn fhéin thog mo chridhe ris, is chuala mi an coileach agoirsinn an Gàilig.”

Ach ged bhios sinn uile dhamoladh tha



[375]

[Vol . 6. No. 47. p. 7]

mòran againn a tha dhamilleadh. Cha toigh leam fhein Gaidheal fhaicinn a bhios asparradh facal Beurla an sidsan so a measg na Gàilig. Chuala mi mu fhear a bha agearan air fliuchad an rathaid, “ach,” ars esan, “ged bhiodh edisagreeableisgutters to the kneeann rachainn a visiteadh na lass.”

Bha fear eile ann, is chaidh e le gamhainn gu féill. Cha dfhuair a prìs gu leòr air is thug e dhachaidh e. “Car son nach do reic thu an Druim-fhionn?” ars a bhean. “Cha dfhuair mi ampriceair,” ars esan. “Nach dfhuair thu tairgse idir air?” ars a bhean.” “Well,” ars esan, dhofferig DrobhairFive Poundsdhomh air ach cha do dhaccept mi e.”

Bha duine eile anns aGhàidhealtachd a thug cuairt mu dheas. Thill e dhachaidh le mòr-ionnsachadh, nam bfhior, is co ach e? Latha dhe na làithean bha deasboireachd eadar e-fhein is fear de na coimhearsnaich mu chreideamh. Fhreagair am fear a thug sgrìob gu deas— “Chaneil mi-fhéinna mo shectarian cho mors gum beil mi abeilieveadh gum beilChristianityair a chonfineadh ridenominationsam bith!”

(Ri leantuinn.)


TRATHAN NA BLIADHNA.

Rinn thu an samhradh agus an geamhradh.” —Salm lxxiv: 17.

Tha coinneach nan laithean aosmhor acaramh measus uaill air seanachas aon de chairdean Ioib: “Ged nach tig amhgar a mach as an duslach agus nach fas carraid as an talamh, gidheadh rugadh an duine chum carraid mar a dheireas na sradan suas.” Ged a bha Iob co diadhaidh, ionraic, bha e air fhiosrachadh le deuchainnean craiteach. Fhuair e fuasgladh, fa-dheoidh, as gach teanntachd anns an robh e; dheirich grian an t-soirbheachaidh air a rithist, agus bheannaich an Tighearna deireadh Ioib nis mo na thoiseach. Is iomadh cradh, ’us aimhreit, ’us dragh a bha aig Daibhidh, Salmadair binn Israeil, gaisgeach curanta nan lann. Gidheadh, tha eg radh, “Is math dhomhsa gu robh mi ann an amhgharchum gu foghlumainn do reachdan.” “Tha fhios agamsa, a Thighearna, gu bheil do bhreitheanais ceart agus gur ann an firinn a chlaoidh thu mi.” “Is ann le moran fulangais a gheibh sinn an oighreachd sin a tha neo-thruaillidh, neo-shalach, agus nach searg as. Bu deurach, bronach, mi-cheisteach a chaith Iosa Criosda, Ceannard ar Slainte, a laithean air an talamh. Bha ena dhuine dhoilghiosan agus eolach air bron.” “A mhuinntir mo ghraidh,” tha Peadar asgriobhadh, “na bitheadh iongantas oirbh a thaobh na deuchainn theinntich a thig oirbh chum ur dearbhadh, mar gun tarladh ni-eiginn neo-ghuathach duibh, ach do bhrigh gu bheil sibh nur luchd comhpairt de fhulangasaibh Chriosda, deanaibh gairdeachas; chum mar an ceudna ann an am foillseachaidh a ghloire gun dean sibh gairdeachas le h-aoibhneas ro-mhor.”

Faodaidh sinn samhladh air gras foghainteach an Tighearnafhaicinn anns a gheamhradh, “Co geal ris an t sneachd.” Is e so gnath-fhocal air abheil sinn uile min-eolach. An uair a thuiteas e gu pailt air cnocus comhnard, air fardachus faiche, air na craobhan ardas air na sruthan fuaimneach; an uair a tha e sgeadachadh aodann na talmhainn gu h-iomlan, ciod en ni a chuireas sinn ann an coimeas ris airson sgeimhus gloineid? Chan eil smal, no sal, no sgleo ram faicinn am feadh a tha e mar bhrat uallach, no mar thrusgan eireachdail acomhdachadh nam beanns nan srathan, ’s acur sgeimh lurach air gach aitreabhs air gach slighe. Nach dileasus nach boidheach an samhladh e air firinntachd Iosa Criosda, an fhirinntachd sin airson an tug E a bheatha luachmhor, an t-ionmhas spioradail sin a shaoras sinn bho lagh a pheacaidh agus a bhais. Chan eil eideadh a gheamhraidh, an fhallainn gheal, shneachdach, air a sgaoileadh thairis air cuibhrionn no air cearn den dùthaichtha e sgeadachadh lechulaidh gheal na tire gu leir, agus air a mhodh so tha en a shamhladh iomchuidh air cia co fial, farsuing, fiughantas a tha teachdaireachd na sithe. Chan eil eadar-dhealachadh air bith air a dheanadh anns a chuireadh ghrasmhor charthannach a tha Iosatoirt seachad. Tha E air a thairgseadh gu fialaidh us gu saor, gun airgiodus gun luach do gach neachus fine, do gach uachdaranus iochdaran; eadhon mar an sneachda, comharradh cinnteach agus companach dileas a gheamhraidh, anns an dùthaich fharsuing anns abheil sinn atuineachadh; atuiteams a laidhe air gach bruthach corrach, ’s air gach machair leathann, reidh.

RENA.


AN DA LEIGHEAS
AGUSK . D. C. PILLS
Leigsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD.
Cuir a dhiarraidh sampuill, teisteannais us urrais.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia. —agus—127 State St Boston, Mass.


THAN T-EARRACH
air tighinns an Samhradh gle fhaisg air laimh. Ma tha thu air son Deise no pairt de dheise fhaotainn, taghail aig
Niall Mac Fhearghais,
an Taillear,
agus gheibh thu do dheagh riarachadh. Tha na h-Aodaichean a thaige math, ’s bidh iad an an deanamh a cheart cho math.
CordaidhObair Riut.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C B.


D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C.B.


BADDECK , - - C. B.
Airson a stor a dheanamh nas deiseiles nas feumaile dhaibhsan a thadeanamh gnothuch ris, tha
Albert I. Hart
anise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha achuid sin den ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am BostonsanNew York.Gheibh iadsan a thig ga h-ionnsuidh an
DEAGH RIARACHADH.
BADDECK , - - C. B.


THA EARBSA
aig daoine ann am maidsichean Eddy— ’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha coltach ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum.

Than t-ainm so na urrais air mathas.

THE
E. B. EDDY Co., Limited,
Hull, Canada.



[376]

[Vol . 6. No. 47. p. 8]

Mac-Griogair o Ruath-shruth.

Tha mulad, tha mulad,
Tha mulad ga mlionadh;
Tha mulad bochd, truagh orm,
Nach dual dhomh chaoidh dhireadh.

Mu Mhac-Griogair o Ruath-shruth,
Dam bu dual bhin Gleann-liobhann,
Mu Mac-Griogair nam bratach
Dam bu tartarach pioban.

Dam bu shuaicheantas giubhas,
Ri bruthachga dhireadh,
Crann caol air dheadh lochdradh
S ite dhosach an fhìr-eoin.

Crann caol air dheadh shnaitheadh
Cuid de dhaighear mhic righ e,
Ann an laimh dheadh Mhic Mhuirich
Gacumail réidh direach.

Ged a bhuail e mim balach
Ga mghearan cha bhi mi,
Ged a rinn iad orm eucoir
A thi fein conidhioladh?

S luchd a ghabhail mo leith-sgeil
Anns achaibeal so shios uam,
Luchd a sheasamh mo chòrach,
Is e mo leòn iad bhi dhi orm.

Mo chomh-dhaltan gaolach,
An leabaidh chaoilsan ceann iosal,
Ann an leine chaoil annairt,
Gun bhannan, gun siod oirr’.

S nach iarr sibh gafuaigheal,
Mnathan uaisle na tire,
Ort bheirinn-se comhairl
Nan gabhadh tu dhiom i.

Nuair a theid thun tigh-òsda
Na òl ann ach aon deoch,
Gabh do dhrama ad sheasamh,
Is bi freasdlach mu ddhaoine.

Na dean diùthadh mu dshoitheach
Gabh an ladhar no taoman,
Dean am Foghar den Gheamhradh
S dean an Samhradh den Fhaoiltich.

Dean do leabas na creagan
Is na caidil ach aotram,
Ge h-ainneamh an fheòrag,
Gheibhear seol air a faotainn.

Ge h-ainneamh an fheòrag,
Gheibhear seòl air a faotainn,
Ge h-uasal an t-seobhag,
Is tric a ghabhar le foill i.


Nighean Thriath Uilinn.

Ghlaodh gaisgeach Gaidhealach, ’s bàrd a ghuth
A phortair furtaich sinne,
Is fichead tasdan bheir mi dhuit,
Gur cur taobh thall na linne.”

sibhse rachadh thar Loch-Goill
S na siantan oillteil uile?”
Air eilean Ulbhas mises oighr’—
S imhaighdean nighean Thriath Uilinn

Luchd-taigheh-athar oirnn than geall,
S ruaig sinn gu teann latha;
S nan drug iad oirnne anns aghleann,
Bhiodh mfhuil na steall mu thalamh.

A mharc-shluagh nis tha aig ar sàil,
Bidh iad gun dàilsan t-sealladh;
Is bheir misneach do mo ghràdh
Ma mharbhas iad a leannan?”

Fhreagair am portair le guth àrd
Gun dàil tha misetighinn,
Chan ann air son nan tasdan bàn,
Achs ann air sgàth na h-ighinn!

Air mfhacal-sa cha bhi do luaidh
An cunnart cruaidh nis fhaide,
Oir ged a dhéirich gàir nan stuadh
Gheibh sibh gu luath an t-aiseag.”

Nis bhòc an doinionnshéid aghaoth
S bhan caol na chaoiribh geala,
S bhuail eagal orra air gach taobh
Mar dhaoina chunnaic tannasg.

Ach ged bu ghàbhaidh gleachd an stoirm
Os cionn gach toirm is farum,
A nuas an gleann gun cualas srann
Luchd-lann ateachd le starum.

Greas ort, greas ort!” gun dghlaodh an òigh,
Ged las na neòils an adhar,
Earbsam á Freasdals á cuan mòr
Seach dol an còmhail mathar.”

Fhuair iads abhàtadhfhàg i tìr
Faic iad astrìths an doinionn,
Ach O! tha gàirdean feòlmhor fann
Nuair dhéireas greann nan tonnan.

Is dhiomair iad gu gaisgeil, treun,
Measg thonnan breun na linne;
Nuair ruig Triath Uilinn taobh achuain
Ghrad mhùth a ghruaim gu tioma;

Oir chunnenigheanbàille snuadh,
S achuan, ’s eruithna ghleannan,
Ri cobhair sìnnte bha aon làimh,
N eile teann ma leannan.

O! tillibh, tillibh!” bàrd a ghlaodh
Air ais a ghaoil dean tighinn,
Dhuibh bheir mi mathanas gu saor
Mo nighean chaoin, mo nighean?”

Na tuinn neo-iochdmhor bhrist air tràigh
Cha robh en dàn dhaibh tilleadh;
Triath Uilinn chunnaic e mar bha,
S a dheòir gu làr rinn sileadh.

Eadar. le FIONN.


[Dearbh]
Tha sinn a nisenar luchd-gnothuich aig a
CHANADACARRIAGE Co. ,
air son Eilean Cheap Breatunn. Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh thu airgead lecheannach uainne.

F . FALCONER & SON,
DIOLLADAIREAN,
Sidni, C. B.


DHIARRAMAID AIR
NA GAIDHEIL
s air muinntir eile a tha air sonTypewritera cheannach, iad a dhfheuchainn ainm na
Blickensderfer No. 5,
mun ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35 .00.

Tha seorsachan eil againn cuideachd.

CREELMAN BROS, Typewriter Co.,
15 Adelaide St., East,
Toronto, - - ONT.


H. D. Mac Ille-Mhaoil,
Stewartdale , C. B.
Cloth,Drogaid, agus PlaideachanEureka.”
Mu dheich air fhichead seorsa aodaichga chreic.
Cloimh air a gabhail an coinneamh Aodaich.
MA tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige neo sgriobh uige.


CAIT AM FAIGH MI?
Saibh, Glasan, Luaidhe, Sgeinein, Lainntearan, Sguabaichean, Paipear-tearra, Paipear-tubhaidh.
Olla, Fudar, Glaine, Siosaran, Tairnean, Bucaidean, Tuaghannan.
GHEIBH AIG
C . P. MOORE,
Sidni, C. B.


AIRNEIS TAIGHE,
SOITHICHEAN CREADHA,
BOTUINNEAN AGUS BROGAN.
Tha stoc mor dhiubh so air ur-fhosgladh againn, agus tha sinn
— ’g an creic
SAOR! SAOR!
SIDNI, C. B. JOST BROS. 13 MAIGH, ’97

titleIssue 47
internal date1898.0
display date1898
publication date1898
level
reference template

Mac-Talla VI No. 47. %p

parent textVolume 6
<< please select a word
<< please select a page