[377]

[Vol . 6. No. 48. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 27 MAIGH, 1898. No. 48.


LITIR A ALBA.

Bodachan aghàraidh
Cho friogadaehs cho frogadach,
Bodachan aghàraidh
Cho frogadachs a bha e riamh.

MO BHALACH GASDA, —Mar a than sean fhacal ag ràdh, “Is fheairrde brà a breacadh, ach gun a bristeadh.” Tha thu fhein is àireamh de luchd-leughaidh aMHIC-TALLA agearain nacheil misgriobhadh ugad nas trice na tha mideanamh. Bidh mi bruidhinn air sgrìobhadh ugad gu math tric ach dheirich dhomh mar a dheirich do sheann fhleasgach còir air an robh mi eòlach aon uair. Bhiodh daoine gu math tric ag ràdh ris, “Am bheil guth agad air pòsadh, Iain?” Is e an fhreagairt a bheireadh e orra mar bu trice, “Is fhearr leam a bhith bruidhinn air nadheanamh.” Is fhearr leamsa bhith bruidhinn air sgrìobhadh na suidhe aig abhòrd a sgriobhadh. Ach leis a h-uile tudanadh a tha mifaighinn uat fhein agus o dChàirdean, feumaidh mi oidhirp a thort air sgrìobhadh ugadna dheigh so gu math nas trice na bàbhaist dhomh. Tuigidh duine sam bith a smaoinicheas aìr, nach urrainn mòran de shunnd sgrìobhadh a bhith air fear sam bith a bhios crom, crotach ann an gàradh o mhoch gu dubh. Tha fhios agam gum bheil mòran de luchd-leughaidh aMHIC-TALLA gu math trang aig obair o latha gu latha, agus an uair a thig iad dhachaidh gle anamochs an fheasgar, chan urrainn gum bi mòran sunnd sgriobhaidh orra.

Tha bhliadhna so gle chruaidh air iomadh duine bochd air feadh Gaidhealtachd na h-Alba. O thoiseach na bliadhna bhan t-side, mar bu trice, anabarrach fliuch, fuar, stoirmeil. Bham fodar anabarrach gann. Mun dthainig meadhain an earraich, bainneamh iodhlann anns am faicteadh cruach arbhair. Beiginn do dhiomadh fear biadh fhaotainn don spreidh á Grianaigs á Ghlascho. Chosg iad so suim mòr aceannach min phonair, min Innseanach, agus fheoir, a chum an spreidh a chumail beò. Than tuna feoir, leis an fharadh, acosg sia puinnd Shasunnach. Ach an duine bochd aig nacheil òr no airgiodna laimh, chan urrainn e min no feur fhaotainn ged a gheibheadh an spreidh bàs air an urlar aige. Tha na cnàmhan gu tighinn troimhn t-seice aig cuid de chrodh na duthchadh. Bidh leith an t-samhraidh seachad mun gabh iad culaidh idir. Tha iad acurn am chuimhne ceathramh de dhoran a chuala mi an uair a bha min am Dhonnachadh òg. Tha e air aithris gur e duine còir a bha aon uair ann an Uidhist a rinn e. Cheannaich e mart gus a marbhadh, agus thachùis coltach gun robh i anabarrach caol. Rinn e òran dhi, oir bha grìd na bàrdachd ann gu nàdurra. So an ceathramh a tha freagarrach air iomadh te de chrodh na duthchadh am bliadhna; agus ged a tha corr is fhichead bliadhna on a chuala mi e, cha deachaidh e as mo chuimhne riamh fhathast.—

Sann agad than amhach
A rachadh troimhn fhainne,
An iasgaid as caoile fon
Chaol-druim as grainde,

Do shlinneans do chruachan
Mar chruaidh anns an rasar,
Do thainnes do bhòdhan
Mar chòsan am fàsach.”

Cha mhòr nacheil sinn air ar bodhradhs air ar dalladh eadar a bhith cluinntinn agus a bhith leughadh mu thimchioll na bheil de chogaidhean aims an t-saoghal. Fhuair na saighdearan Breatunnach am feuchainn gu math araon aciosnachadh nan cinneach fiadhaich a thacumail crìche ri Breatunn anns na h-Innsibh an Ear, agus ri ceannsachadh nan daoine fiadhaich a thann an ceann shuas na h-Eiphit, ris an canar, “na Derbhishis.” Ach, mar bu ghnath leotha, thug Breatunn buaidh air gach aon dhiubh.

Tha sin a nis air ar lionadh le naigheachdan mu thimchioll achogaidh a theadar anSpainagus StaideanAmerica. Ged bu mhath leis amhòr-shluagh gum faigheadh na Staidean buaidh air acheann mu dheireadh, tha iad car coma ged a bheireadh an Spainn buille mhath no dhà dhaibh. Cha do leig sluagh na rioghachd so fhathast air dichuimhne na bagraidhean garbha a bha na Staidean atoirt air Breatunn an uiridh. Tha feum aca nach deachaidh Breatunnnan dàil, Nan deachaidh, chan fhàgadh loingeas chogaidh na rioghachd againn clach air muin cloiche ann an aon dhe na bailtean mòra a thair cois achladaich ann anAmerica. Is ann a nis a tha na h-Americanaich afaicinn cho beagsa tha de chumhachd aca air amhuir. Is gann a tha iad deas gu buaidh a thoirt air an Spainn.

Is e mo mhiann fhein gum faigheadhAmericalamh an uachdar air an Spain gun dail. Mar is luaithe a sguireas an cogadh eadar an rioghachd, ’s ann as fhearr.

Mas fhìor na bheil sinn acluinntinn, tha làn àm aig muinntir Chuba saorsa fhaotainn. Tha’ ’chuis coltach gum bheil na truaghain air am foir-eigneadh gu mòr. Ach is cinnteach gum bheil pàirt dhe choire sin aca fhein. Is ainneamh leis an eucoirs leis an fhòirneart a bhith buileach glan air an aon taobh. Tha thaobh air a Mhaoil, agus tha thaobh air gach sgeul a tha air aithris mu thimchioll na bha dol air aghart ann an Cuba o chionn trì bliadhna. Mun ruig an litir so thu, tha dòchas agam gum bi crìoch air achogadh, agus gum bi reite air a dheanamh eadar an rioghachd.

Than cogadh an deis dolaidh mhor a dheanamh dhuinne mar tha. Tha prìs na mine air éirigh anabarrach àrd. Bidh so gle throm air iomadh duine bochd anns an duthaich mun teirig an samhradh. Ged a bhiodh pris mhath air crodh, cha tog crodh na Gàidhealtachd prìs mhor sam bith, on a tha iad cho caol. Tha h-uile àitefuireach cho lom leis cho fuars a than t-sides nacheil am feur afas ach gle mhall. Ged a than garadh agam fhein gu math fasgach, chaneil na frasan a chuir mi afàs a leith cho brass a babhaist dhaibh.

Than litir so fada gu leor air son na bheil a dhfheum innte. Feuchaidh mi ri sgriobhadh ugad mun dthig LathFheill Sheathan.

Is mi do charaid an a chìs nach fhaic,

BODACHAN AGHARAIDH.
Taobh an Locha,
Seann Latha Bealltain, ’98.


TRATHAN NA BLIADHNA.

Rinn thu an samhradh agus an geamhradh.” —Salm lxxiv: 17.

Bithidh an geamhradh statail re a mhiosan fein. Fa-dheoidh, leaghaidh an sneachds an reothadh air falbh. Cha bhi culaidh gheal, bhoidheach nis mo asgeadachadh nan sliabh, ’us nan lear, ’us nan learg, ’us nan ionadan iosal. Mosglaidh gach magh, ’us srath, ’us ailean, ’us airidh, ’us craobh, ’us lus, as a chadal dhomhainn anns an robh iad. Ath-nuadhaichear aghaidh saothairus dichioll le durachd ùr gus am faicear ann an uine ghearr snuadh dreachmhor, aoidheil air gach dailus ionaltradh, air gach fraochus feur, air gach caolus cuan. Ach chan ann mar so idir a than geamhradh a tham bàs gle thric, ’us gun bhaigh air bith, atoirt a dhionnsuidh iomadh neach air a thasgadh ann an tigh cumhann, samhach a bhais. Chan ath-nuadhaichear

(Air a leantuinn air taobh 380.)



[378]

[Vol . 6. No. 48. p. 2]

EACHDRAIDH NAN CAIMBEULACH.

Air a leantuinn.

Cha do dhfhan Gilleasbuig ro fhada anns achogadh. Thàinig e dhachaidh anns a bhliadhna 1705, agus shuidhich an riaghladh e na Fhear-coimheid an ionmhais an Alba. Ann an ùine ghoirid nochd e gun robh e comasach mar fhear labhairt, agus bho cheum gu ceum thainig e gu bhi ann an àrd-sheasaimh anns a phàrlamaid. Aig an àm sos e chùis bu chudthromaiche bha fa chomhair an riaghlaidh: am bitheadh, no nach bitheadh, pàrlamaid Alba agus pàrlamaid Shasuinn air an aonadh ri chéile. Bha moran de na h-Albannaich dian an aghaidh an aonaidh so. Bha eagal orra nan tachradh e, gur e Sasunn a bhiodh gan riaghladhs nach biad féin. Bha iad mar an ceudna den bheachd gum biodh cisean gu mor air an tromachadh an Alba; ni a thachair. Ach air son sin uile bhan t-aonadh air a cheann mu dheireadhna bhuannachd do Alba. Anns a bhliadhna 1706, bha deich duine fichead air gach taobh air an sònrachadh leis an da riaghladh, a chum gun tigeadh iad cuideachd agus gun còrdadhiad, nam bu chomas, air cùmhnantan aonaidh a bhiodh freagarrach air son gach pàirt den rioghachd. Bha Gilleasbuig Earraghaeil air aon den mhuinntir a shònraich riaghladh Alba air son a ghnothuich so. Tharruing iad so a mach cùmhnantan aonaidh leis an robh an da phàrlamaid riaraichte. Ghabh an t-aonadh àite air an ath bhliadhna, 1707. Uaithe sin a mach gu àm a bhàis bha Gilleasbuig air a thaghadh mar aon de na h-àrd-uaislean aig an robh àite suidhe anns aphàrlamaid aonaichte. Aig àm aramach na bliadhna 1715 chaidh e mach air taobh righ Deòrsa, ged bha deich bliadhna roimhe sin bhon leig e dheth an t-saighdearachd. Thug Seanailear Gordon ionnsaidh gharbh air baile-mor Inbhir-aoraidh a ghlacadh. Thainig e air le tri mile ceathairneach aige fo chomannd. Gu fortanach do shluagh abhaile, bha Gilleasbuig an sean saighdear, le feachd air an cùl gan dian. Mur be treubhantas an laoich, bhiodh Inbhir-aoraidh air a chur na smàl.

Fhuair Gilleasbuig oighreachd Earraghaeil anns abhliadhna 1743, ’n uair chaochail a bhrathair Diùc Iain, agus air an ath bhliadhna thòisich e air togail caisteal ùr Inbhir-aoraidh. Than caistealna sheasamh an diugh anns a cheart doigh anns na dhfhagse e. ’Nuair bha aramach bliadhna Thearlaich, —1745, —seachad, chomhairlich Gilleasbuig do righ Deòrsa II., àite thoirt do na Gàidheil anns an arm, agus gum biodh barrachd buaidh aige sin orra chum sith a dheanamh nam measg na bhiodh aig peanas air bith a burrainn an riaghladh a dheanamh orra. ’S ann mar sin a bha. Thòisich na Gaidheil air gabhail anns an arm dhearg; agus bhon latha sin gus an lathan diugh càite bheil saighdearan cho dileas agus cho seasmhach air taobh a chrùin ris na Gàidheil, a bha aon uair cho draghail don riaghladh agus cho duilich an cumail fo smachd?

Bha Gilleasbuig, an treas Diùc, pòsda ri ban-Sasunnaich, (Miss Whitfield) ,ach cha robh teaghlach aca. Chaochail e anns a bhliadhna 1761. Bha e tri fichead bliadhnasa naoidh deug a dhaois aig àm a bhais. Thàinig

IAIN, mac bratharathar, a stigh air an oighreachna àite. Bu mhac Iain so don Onorach Iain Caimbeul, na Mam-móire, dara mac an naodhamh Iarla agus brathair Ghilleasbuig, a cheud Diùc. Besan an ceathramh Diùc Earrgahael. Bha e greis de ùinena chòirneal air an reiseamaid each ainmeil ud, naScot ’s Greys.Fhuair e mar an ceudna bhi na sheanalair anns an arm. Bha bhàrr air sin, àite-suidhe aige am pàrlamaid na rioghachd gu àm a bhàis. Bha e pòsda ri nighean Tighearna Bhalleden. Bha ceathrar mhac agus aon nighean aige: Iain, Eanruic, Frederick, Uilleam agus Màiri. Bha Uilleam, an ceathramh mac, na àrd-riaghlair an Nuadh Albainn.

Chaochail an ceathramh Diùc anns abhliadhna 1770. Thainig

IAIN, a mac bu shine aige, ’stighna àite air an oighreachd. Besan an coigeamh Diùc Earraghael. Bha ena àrd-oifigeach anns an arm. Bha ena shaighdear math agusna dhuine cliùiteach. Phòs e bantrach Diùc Hamilton. Bha ceathrair chloinne aige: dithis mhac agus dithis nighean. Chaochail an còigeamh Diùcna chaisteal féin an Inbhir-aoraidh anns a bhliadhna 1806, agus bha e airadhlacadh an àit’ -adhlacaidh a shinnsir an Cill-mun. Be a mhac bu shine,

SEORAS UILLEAM, a boighre air. Be an siathamh Diùc Eorraghael. Rugadh e anns a bhliadhna 1768. Phòs e anns a bhliadhna 1810, nighean Iarla Jersey. Cha robh clann aca. Chaochail e an Inbher-aoraidh anns a bhliadhna 1839.

Ri leantuinn.


SGEULACHDAN ARABIANACH.

Na Tri Ubhlan.

CAIB. III.

An uair a chualan t-ard-chomhairleach na briathran so a labhair am paisde ris, ghlaodh emach le ioghnadh agus le aoibhneas; agus an uair a chuir e lamh ann an uchd aphaisde, thug emach an t-ubhal as.

On a bha Rihan, an seirbhiseach, dluth air laimh, thugadhna lathair e gun dail sam bith.

A dhearg shlaoightire,” arsesan, “caite an dfhuair thu an t-ubhal so?”

Mo thighearna,” arsan seirbhiseach, “tha mitoirt mo mhionnan nach do ghoid mi as an taigh agaibhse e, no a garadh an righ; ach an latha roimhe an uair a bha micoiseachd air an t-sraid, thachair triuir no cheathrar chloinne rium acluich. Bhan t-ubhal aig fear dhiubhna laimh, agus spion mi uaithe e, agus ghabh mi romham. Ruith am paisdenam dheigh, agus thuirt e, rium nach bann leis fhein a bhan t-ubhal idir, ach gur ann a bha e lemhathair. Thuirt e rium mar an ceudna, gun robh a mhathairna laidhe tinn, agus on a ghabh i miann air ubhlan, gun deachaidhathair air astar fadagan iarraidh, agus gun dthug e leis e gun fhios dha mhathair. Bha eg a iarraidh, orm gus an robh e sgith; ach cha tugainn dha e. Thug mi leam dhachaidh e, agus reic mi air son da bhonn oir i ris an nighinn as oige agaibh fhein. Sin agaìbh an tul fhirinn mun chuis.”

Cha burrainn an t-ard-chomhairleach gun ioghnadh a ghabhail air son mar a chuir slaoightearachd an t-seirbhisich bean a bha neo-chiontach gu bas, agus mar a theab e fhein a bheathachall air a shailleamh. Thug e an seirbhiseach leis far an robh an righ, agus dhinnis e don righ facal air an fhacal mar a thuirt an seirbhiseach ris, agus mar a thachair dha fios fhaotainn gur e an seirbhiseach a bha cionntach.

Ged a bha ioghnadh anabarrach mor air an righ, an uair a chuale an naigheachd a dhinnis Giafar dha, cha burrainn e cumail air o ghaire. Mu dheireadh an uair a sguir eghaireachdaich, thuirt e, agus gruaim air a ghnuis, on is e an seirbhiseach bu mhathair-aobhair don olc mhor a rinneadh, feumar peanas a dheanamh air a reir a chionta.

Ler cead, a righ,” arsan t-ard-chomhairleach, “tha mig aideachadh gum bheil e ceart gu leor peanas dligheach a dheanamh air, ach tha mismaoineachadh gum faoidteadh mathanas a thoirt dha. Tha micuimhneachadh air naigheachd iongantach a chuala mi mu thimchioll ard-chomhairleach a bha ann an Cairo, dom bainm, Nuredin Ali, agus Bedredin Hasan a bhann am Balsora. Agus on a tha tlachd agaibh a bhith cluinntinn naigheachdan dhen t-seorsa tha mi deas gus a b-innseadh dhuibh, air chumhnanta gun toir sibh mathanas do msheirbhiseach, ma shaoileas sibh gum bheil i nas iongantaiche nan naigheachd a chuala sibh mar tha.”

Tha mi toileach eisdeachd ri do naigheachd,” arsan righ; “ach tha thu gabhail obair gle dhoirbh air laimh, oir chaneil micreidsinn gur urrainn dut naigheachd innseadh as iongantaiche nan naigheachd mu na h-ubhlan.”

An uair a chuala Giafar so, thoisich e ri innseadh a naigheachd mar so:—

Anns an am a dhfhalbh bha righ air an Eiphit a bhana dhuine ceart, iochdmhor, trocaireach, agus fialaidh. Bha e cho treun, cumhachdachs gun robh ena chulaidh-eagail dha choimhearsnaich gu leir. Bha e caoimhneil ris na bochdan, agus na charaid do na daoine foghluimte don robh etoirt suidheachadh urramach a reir mar a bairidh iad air. Bha ard-chomhairleach an righ sona dhuine turail, glic, tuigseach, agus gle fhogluimte anns gach doigh. Bha dithis



[379]

[Vol . 6. No. 48. p. 3]

mhac aig an ard-chomhairleach so, agus bha iadnan daoine anabarrach eireachdail. Bha iad anns doigh aleantuinn cos-chumannan an athar. Be ainm an fhir bu shinne, Shemsedin Mohamed, agus be ainm an fhir a boige, Nuredin Ali. Bham fear a boige gu sonraichtena dhuine a bha anabarrach turail, tlachdmhor anns gach doigh.

An uair a dheug an athair, chuir an righ fios orra le cheile, agus an uair a thug e orra deise ard-chomhairlich a chuir umpa le cheile, thuirt e riutha, “tha mise cho duilich air son bas bhur n-athar ruibh fhein; agus on a tha fhios agam gum bheil sibh afuireach comhladh, agus agradhachadh a cheile tha mitoirt an urram so dhuibh mar aon. Falbhaibh, agus dluth-leanaibh ri cleachdadh bhur n-athar.”

Thug an dithis ard-chomhairleach oga so moran taing don righ, agus chaidh iad dhachaidh a chum gach ulluchadh feumail a dheanamh gus an athair adhlacadh.

An deigh bas an athar bha iad mios gun dol am mach as an taigh, ’na dheigh sin bha iad adol gu riaghailteach do chuirt an righ an uair a bhiodh feum orra.

An uair a bhiodh an righ adol a shealgaireachd bhiodh fear ma seach dhiubh adol comhladh ris.

Air feasgar araidh an deigh dhaibh an suipeir a ghabhail, bha iad greis mhath acomhradh richeile. Thuirt am fear bu shinne ribhrathair, “O nacheil a h-aon dhinn posda fhathast, agus on a tha caoimhneas is comunn is gaol cho mor eadrainn, tha smaointean air bualadhs acheann agam; posadhmaid le cheiles an aon latha, agus taghamaid dithis pheathraichean a teaghlach araidh a bhios freagarrach air ar son, —ciod e do bharail air achuis?”

Feumaidh miradh, a bhrathair,” arsa Nuredin, “gum freagradh sin oirnn gle mhath; agus air mo shon fhein dheth, tha mi deonach ni sam bith a dheanamh a chi thu fhein iomchuidh.”

Dean air do shocair, tha tuilleadh agam ri radh,” arsa Shemsedin; “abair gun drugadh clann dhuinns an aon lathamac agadsa, agus nighean agamsa, phosadhmaid ri cheile iad an uair a thigeadh iad gu aois.”

Tha mig aideachadh,” arsa Nuredin, “gum freagradh sin gle mhath; thairngeadh a leithid de phosadh mises tusa na bu dluithe richeile na bha sinn riamh, agus tha mi cur mo lan aonta ris.”

Ach, a bhrathair,” arsesan, ’s e leantuinn air bruidhinn,” “nan tachradh am posadh, am biodh duil agad ri airgiod fhaighinn uamsa mar chuibhrionn posaidh do dnighinn?”

Chaneil teagamh nach bitheadh,” arsam fear eile; “oir tha mi cinnteach nach e mhain gun tugadh tu dhi gach ni a bhiodh freagarrach mar chuibhrionn posaidh, ach mar an ceudna gun tugadh tu seachad, ann an ainm do mhic, air a chuid as lugha tri mile bonn oir, tri aiteachan-comhnuidh, agus tri searbhantan.”

Chan aontaich mi sin a dheanamh idir,” arsam fear a boige; “is braithrean sinn, agus tha mise cho ard ann an suidheachadh riut fhein. Nacheil fhios againn le cheile ciod is coir dhuinn a dheamamh? On is e mac as mo urram na nighean, is e do dhleasdanas-sa tochradh math a thoirt seachad leis an nighinn. Ach tha mi faicinn nacheil annad ach duine leis am bu mhiann do ghnothach a dheanamh air chosg duine eile.”

Ged a labhair Nuredin na briathran mar mhagadh, shaoil lebhrathair gur am da rireadh a bha e; agus air dha bhith car casna nadar, ghabh e gu h olc iad.

Dunaigh air do mhac,” arsesan, “on is es docha leat na mo nighean-sa! Tha ioghnadh orm gun robh dhanadas agad na chreideadh gum bheil do mhac airidh air mo nighinn-sa. Feumaidh gum gum bheil thu air a dhol as do chiall ma tha thusmaointean gum bheil thu co-ionnan riumsa. Biodh fhios agad, ’amadain, on a tha thu cho mimhodhails a tha thu, nach tugainnsa mo nighean do dmhac ged a bheireadh tu dha do chuid den t-saoghal.”

Chaidh na fir cho fada thar a cheile mu thimchioll na cloinne nach drugadhs nach mor nach do bhuail iad a cheile.

Mur be gum feum mise falbh am maireach a shealg comhladh ris an righ, bheirinn dhut do thoillteanas,” arsa Shemsedin, “ach an uair a thilleas mi, leigidh mi fhaicinn dhut nach freagair don bhrathair as oige a bhith bruidhinn cho ladarna ris abhrathair assinne mar a tha thusadeanamh.” An uair a thuirt e so chaidh e da sheomar fhein, agus chaidh a bhrathair a chadal.

Dheirich Shemsedin gu math mochs amhadainn, agus chaidh e don luchairt far an robh an righ adeanamh deiseil gu falbh a shealgaireachd.

Chuir Nuredin seachad an oidhche gle neo-fhoiseil; agus air dha bhith smaoineachadh air na thainig eadar e fheins a bhrathair, thuig e nach robh en comas dha fuireach comhladh ribhrathair na bfhaide. Gu math trath air an latha cheannaich e miulaid, agus an deis dha airgiod is seudan is biadh, agus gach ni eile a bhiodh feumail dha air son a thuruis fhaighinn deiseil, dhfhalbh e. Ach mun dfhalbh e, thuirt e ris an luchd-muinntir, nach robh duil aige bhith on taigh ach beagan laithean.

An uair a dhfhalbh e a Cairo, mharcaich e direach rathad fasach Arabia; ach an uair a thug amhiulaid thairis leis an sgios, cha robh aige ach a chas a ghabhail.

An uair a bha efas gu math sgith, thainig fear-turuis a bhadol gu ruige Balsorana rathad, agus thog e air a chulaobh e. An uair a rainig iad Balsora, thainig Nuredin air lar, agus thug e moran taing don fhear-thuruis.

An uair a bha eg amharc air son aite-fuirich, chunnaic e duine urramach atighinn an rathaid a bha e, agus coisridh mhor comhladh ris. Bhan sluagh gu leir atoirt urram don duine so, agus bha iad aseasamh far an robh iad fads a bha e gabhail seachad orra. Sheas Nuredin mar a rinn cach. Ben duine so an t-ard-chomhairleach aig righ Bhalsora, agus bha edol troimhn bhaile feuch am faiceadh e an robh muinntir abhaileg an gluasad fhein gu h-iomchuidh.

Thachair don duine so amharc an taobh a bha Nuredin, agus an uair a thug e an aire gun robh ni eiginn neo-chumanta tlachdmhorna chruths na choslas, bheachdaich e gu dluth air. An uair a thainig e dluth dhas a thug e an aire gun robh e ann an eideadh fir-siubhail, sheas e laimh ris, agus dhfheoraich e dheth co e, agus co as a thainig e.

Ler cead,” arsa Nuredin, “is Eiphiteach mi a rugadh ann am baile Chairo. Dhfhalbh mi as do bhrigh gun robh dluth-charaid dhomh neo-chaoimhneil rium. Agus chuir mi romham gun siubhlainn an saoghal, agus eadhoin gum fuiliginn am bas a roghainn air tilleadh dhachaidh.”

An uair a chualan t-ard-chomhairleach na briathran so, thuirt e, “A mhic, thoir an aire dhut fhein, na lean an cursa a chuir thu romhad; chaneil anns an t-saoghal ach trioblaid is truaighe. Chaneil thu tuigsinn ciod e an cruaidh-fhortan a dhfheumas tufhulang. Thig comhladh riumsa; is docha gu n toir mi ort na nithean a chuir as do dhuthaich fhein thu a dhichuimhneachadh.”

Lean Nuredin an t-ard-chomhairleach da thaigh fhein, agus ann an uine ghoirid dhfhas iad gu math eolach air a cheile. Mar a beolaiche a bhan t-ard-chomhairleach afas air Nuredin, is ann bu mheasaile abha efas air. Mu dheireadh bha leithid thlachd aige dhas gun dubhairt e ris air latha araidh, “A mhic, tha mi, mar a tha thufaicinn, air fas cho aosdas nacheil e coltach gum bi mi beo moran nas fhaide. Tha aon nighean agam a tha nis aig aois posaidh, agus tha ina boirionnach a thacheart cho briagha riut fhein. Bha caochladh dhaoine cho urramachs a thanns an rioghachdg a h-iarraidh orm gus a posadh rin cuid mhac, ach cha robh toil agam a toirt seachad. Tha tlachd agam dhiotsa, agus tha mismaointean gum bheil thu cho airidh air mo nighean fhaotainns gur fhearr leam a toirt dhut na do aon sam bith a bhag a h-iarraidh; agus mar sin tha mi deonach thug a posadh. Ma tha thusa deonach, innsidh mi don righ mun chuis, agus guidhidh mi air gun dean e thusa na dard-chomhairleach an deigh mo bhais. Aig acheart am, on a tha mise feumach air beagan foisnam shean aois, chan e mhain gun toir mi dhut mo chuid dhen t-saoghal, ach fagaidh mi tomhas mor de riaghladh na rioghachdna do lamhan.”

(Ri leantuinn.)


Chan urrainn dhut paipear Gàilig fhaighinn an àite sam bith ach MAC-TALLA, ’s bu chòir dhut a bhi gle mheasail air.



[380]

[Vol . 6. No. 48. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, . . . $1 .00
Sia miosan, . . . .50
Tri miosan, . . . .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig garn ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh dan duileig, agus, nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,’
Sydney, Cape Breton


SIDNI, 27 MAIGH, 1898.

(Air a leantuinn o thaobh 377.)

a nearts a bheatha le teachd no le blaths cairdeil caraid no samhraidh. Caidlidh e gu ciùin ann an suain a bhàissuain nach aithnich bruadar no faireachadh. Ni cluairean an raoin uchd na h-uaighe sgiamhach agus ùr, agus seididh fafan maoth an anmoich gu maldaus gu cairdeil thairis oirre re iomadh laus oidhche, ach chan fhairich fear-comhnaidh an tighe gheamhraidh anail chùbhraidh nan cluaranus nan osag. Ach bithidh, fa-dheoidh, dusgadh mor agus iomraiteach ann, anns an liobhair gach uaigh na fhuair i fein. Is ann suilbhir agus aoibhneach a bhitheas faireachduinn an duine sin aig an robh a cheann geal le sneachd nam bliadhnachan a bha air an caitheamh ann an eagal agus ann an seirbhis an Tighearna. Bithidh samhradh acasan a bha umhal, measarra, stolda, diadhaidh, agus a chaidhghearradh sios ann am moch-thrath an laithean. Gheibh iad failteus furan rioghail, caidreamhach bhon Ard-bhreitheamh feiniadsan a bha mearganta ann an stri Chriosduidh, agus a bha daonnan eudmhor air sgath na firinnus na corach.

Rinn Dia a samhradh agus rinn En geamhradh. Thig e dhuinn a bhi taingeil ann am meadhon gach sonais agus soirbheachaidh a bheir Dia dhuinn. Thig e dhuinn a bhi daonnan iriosal agus dileas dasan, ar n-Athair neamhaidh. Thig e dhuinn a bhi gun mhonmhur, gun luasgadh anma, ged a dhfhaodas geamhradh na deuchainn agus aileadh searbh na h-euslainte a bhi cruaidh oirnn agus neo-chaoimhneil ruinn. Nach e Diarinn an samhradh agus an geamhradh. Gabhamaid misneach bhon fhaidh Habacuc, an uair a tha eg radh: “Ged nach toir an crann-fige uaith blath agus ged nach fas air an fhionain ciuneas, ged fhailnich meas a chroinne olaidh, agus ged nach toir na machraichean uatha lon, ged ghearrar an treud as on mhainnir, agus ged nach bi buar air bith anns na buailtibh; gidheadh, ni mise gairdeachas anns an Tighearna, ni mi aoibhneas ann an Dia mo shlainte.” Amen.

RENA.


NAIDHEACHDAN.

Tha fear Seumas Hamil, ann amPoint du Chone, N. B. ,air a chur an greim air amhrus gun do mharbh e a bhràthair fhéin toiseach agheamhraidh sa chaidh.

Bha Tom Nulty, an duinòg a mhort a bhràthairsa thriùir pheathraichean toiseach agheamhraidh, air a chrochadh a sheachdain gus an diugh. Bhuineadh e do chearn iomallach de Chuibeic.

Than sgeul mu dheireadh a thainig ag ràdh gu bheil luingeas chogaidh na Spàinne ann an acarsaid Santiago, agus luingeas chogaidh nan Geancachga feitheamh aig beul na h-acarsaid. Ma tha sin ceart chan fhada gus am bi blàr ann.

Tha trioblaid eadar Breatunn agus an Fhraing ann an taobh an earAfrica, far an robh an Fhraing agabhail seilbh air fearann air an robh coir aig Breatunn. Thasan ainm gu bheil Breatunn an deigh rabhadh a thoirt dhi i bhi cuibhteas an fhearainn sin an taobh a stigh de mhios.

Tha pàrlamaid Cholumbia Bhreatunnach acur mu dheibhinn rathad-iaruinn a thogail dhionnsuidh anYukon, dùthaich an òir. Bidh e deich ceud gu leth (1050) mile a dhfhad, agus cosgaidh e ceithir muilleans da cheud gu leth mile dolair. Bidh an rathad air fearann Chanada, a h-uile troigh dheth.

Bha fathunn a dol mun cuairt deireadh na seachdain sa chaidh, gu facas naodh soithichean eogaidh Spàinnteach a deas air Nobha Scotia, ach an ceann latha no dha fhuaireadh a mach gur h-e bhann soithichean iasgaich Geancach. Tha moran de na naigheachdan a tha tighinn mun chogadh gle choltach ri so.

Thatar an deigh roinn mhor de stuth ris an canarplumbagofhaotainn faisg air aBheighen Iar, agus mas fior na tha iad ag ràdh, chan eil mèinn cho math dhen t-seorsa ann an Canada. Bàbhaist do na tuathanaich a bhiga thionndadh leis na croinn threabhaidh, ach cha robh fhios aca gum bfhiach e dad, agus cha do chuir iad suimsam bith ann gus o chionn ghoirid.

Tha aig na paipearan naigheachd, an deigh na bliadhnùire sa tighinn, ri bhi paigheadh postachd; an dràsda agus o chionn àireamh bhliadhnaichean air ais, bhatargan giùlan an nasguidh. Nan saolamaid gun toireadh an lagh ùr so air cuid de luchd-gabhail nam paipearan a bhi na bfhearr gus am pàigheadh, dheanamaid toileachadh ris, ach tha eagal oirnn nach bidh a bhuaidh sin air idir.

Chaochail an t-Onarach Uilleam E. Gladstone a sheachdain gus an , mu chóig uaireansa mhaduinn. Bha e gu tinn o chionn àireamh sheachdainean, agus bha fhios aig na h-uile nach rachadh e na bfhearr, ach ged a bha, chuir sgeul a bhàis mulad mor air sluagh na rioghachd air fad. Bha e 87 bliadhna dhaois. Chan eil teagamh nach be duine cho math agus cho mor a rinn a dhfheumsa chaidh àrach ann am Breatunn riamh. Ged a bha moran de luchd na pàrlamaid dhen phàirtidh a bha esan an aghaidh, chan eil duine dhiubh nach aidich an diugh gum be an duine a bfhearr airidh air cliù a bhann am Breatunn air fad. Chuir aphàrlamaid rompa cho luathsa chualas mu bhàs gum biodh e air adhlacadh air chosdas na Stàite ann anWestminster Abbey,far am bi a dhealbh-chuimhne air a cur suas, am measg dealbhan-cuimhne nan daoine mora a dhfhalbh. Bha Mr. Gladstone làn airidh air an urram sin, agus tha an riaghladhs an sluagh gle thoilichte an t-urram sin a nochdadh dha. Tha sinn an dùil cunntas aithghearr air eachdraidh beatha an duine ainmeil agus chliutich so a thoirt dar leughadairean an ùine ghoirid.

Chan eil an cogadh ach a dol air adhart gu slaodach; tha gu leòr ri radh air gach taobh, ach gle bheagga dheanamh. Deireadh na seachdain sa chaidh cha robh fhios càiten robh luingeas-chogaidh na Spàinne, ach air an t-seachdain so chan eil sgeul air luingeas-chogaidh nan Stàitean nas mo. Than da chabhlach air a dhol air chall. Chan eil cead aig na paipearan anns na Stàitean a nise uiread naigheachdan innse mun chogadh, ach tha e cinnteach nan robh blàr air a chur o chionn ghoirid gum faighte fios air. Tha iomadh naigheachd a tighinn do nach leigear a leas creideas sam bith a thoirt. Tha na Stàitean an deigh tuilleadh airm a chur do na h-Eileanan Philipeach; tha ena cheist a nise ciod a ni na Stàitean ris na h-eileanan sin. Bha fios a thainig Di-luain ag radh gu robh an Spàinn afeuchainn rin creic ris an Fhraing, co-dhiu tha sin ceart no nach eil.


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.

Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach.

TRIUBHSAIREAN BHO $3 .00 SUAS.

Niall Mac Coinnich,
Sidni, C. B.


C . H. HARRINGTON & CO.
Flur, Min, Ti agus Siucar dhen t-seorsas fhearr.
Soithichean Glaine agus Creadha, math agus saor.
Brogan, Botainnean, Rubbersagus Caiseart de gach seorsa
GAN CREIC SAOR.


BATHAR CRUAIDH.

Tha mi a nisecumail Bathar Cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh, Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gun taghal thu orm. Tha mi, mar a babhaist, acreic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha micreic gach ni gle shaor.

AONGHAS MAC LEOID,
Sidni, C. B.



[381]

[Vol . 6. No. 48. p. 5]

LEABHAR NAN CNOC.

Is ann an 1834 a chaidh an leabhar ainmeil, gasda sochlo-bhualadh. Is iomadh Gaidheal maith agus dileas a bheannaich an t-Ollamh Tormoid Mac Leoid, a chuir Leabhar nan Cnoc ri cheile. Is en t-ainm maiseach a than leabhar sogiulan: Leabhar nan Cnoc, sean agus nuadh, airson oilean agus leas nan Gaidheal, le Tormoid Mac Leoid, D. D.

“ ’S i labhair Padruign Innse-Fail nan righ,
S am faidh caomh sin, Calum naomh an I.”

Tha Gaidheil an lathan diugh anns gach aite, gle thoileach an t-ainm urramach, “Caraid nan Gaidheal,” a bhuileachadh air a mhinisteir uasal, bhlath-chridheach, a chuir Leabhar nan Cnoc agus leabhraichean Gaidhealach an ordugh air an dean mi luadh fathast. Bhachridhe lan de thlusus de ghradh airson nan Gaidheal, agus gach ni, ’s abhaist, ’us eilean, ’us cnoc, ’us caol, ’us cuan a bhuineas do na Ghaidhealtachd gu leir. Is anns a Mhorairn a rugadh e, ann am Fionnairidh faisg air Loch Aluinn, agus fa chomhair an eilein Mhuilich. Is ann mar so an teas meadhoin na Gaidhealtachd a chaith an Gaidheal eireachdail so tus a laithean agus a fhuair e eolas air a chainnt shnasmhor, chiatach agus air na beachdan ceanalta, laghach, a nochd es a chuir e gu feum gasda anns gach leabhar a sgriobh es anns gach searmon ùr-labhrach, dhruighteach a shearmonaich e ann an iomadh sgireachd. Is e dream measail, grinn, foghainteach a bha anns na Leodaich bhon tainig Tormoid. Aidichidh gach duine aig am bheil eolas ceart air Gaidhlig, gur eGhaidhlig aige-san as fearr, as milse, ’s as snasmhoiretha againn; agus nach do sgriobh sgoilear air bith eile Gaidhlig co fonnmhor, glas, blasdas cudthromach ri cainnt urramach Thormoid. Bha buaidhean inntinn treunus geur aige. Bha cridhe blath, caoimhneil, farsuing aige. Be run anma daonnan a maith a dheanamh do na Gaidheil, agus iad fein agus an cainnt a dhion, a chuideachadh, agus a thogail suas. Labhradh e cainnt nam beann le blasdachd comharraichte, ’s le fonn milis, ceolmhor, taitneach. Bha en a mhinisteir re iomadh bliadhna ann an Ceann-Locha Chille-Ciaran, ann an Earraghaidheil, far an robh coimhthional mor aige, ’us far an do choisinn e clius urram fiorus farsuing. Is e duine foghainteach, sgiamhach agus deas a bha ann. Bha caraid nach robh ro-bhoidheachn a ghnuis, asearmonachadh air a shon aon uair an Ceann-Locha. Ghlaodh boirionnach a mach: “Thig a nuas agus leig do na mhinisteir bhoidheach againn fein dol suas.” Dhfhag e Ceann-Lochas ghabh e air curam sgireachd Champsie, eadar Glaschuus Dun-eidinn, far nach robh feum air Gaidhlig. Thainig e mu dheireadh do Ghlaschu. Bha en a mhinisteir ann an Eaglais Chaluim Chille anns a bhaile mhor so gus an tainig am bàs air. Is ann am feadh a bha etuineachadh anns abhaile ainmeil so far am bheil moran Gaidheal, a dhearbh e gu dileas, firinneach, nach robh caraid aig na Gaidheil a bu mhodha baigh, ’us eud, ’us tlaths, na e fein. Chaidh e an ears an iar ag iarruidh agus afaotainn cuideachaidh do na Gaidheil, an uair a bha gort anns na h-Eileanan, on bha galar eagalach anns abhuntata. Dhéisd daoine cneasda, faoilidh ris gach tagradh a rinn e as leth nan Gaidheal ann an latha cruaidh an airc. Le comhnadh an Ollaimh Baird, agus daoine tuigseach, caoimhneil eile, chuir e sgoilean air chois anns aGhaidhealtachd far an robh feum mor orra, agus far an dfhuair iomadh balach bochd ionnsachadh trid an deirich e gu h-inbhe ard, uasal, ann an iomadh cearna den t-saoghal. Thug e comhnadh do mhile Gaidheal ann an Glaschu, ’s chuidich e gu toileach le àireamh lionmhor deluchd-dùthcha obair agus cosnadh maithfhaotainn. Da rireadh, bha meas blath, seasmhach, anabarrach aig na Gaidheil thalls a bhos, agus anns gach aite air Tormoid Mac Leoid, agusn am beachdsan cha robh Gaidheal eile idir ann, a bha airidh air a bhi air a chur ann an coimeas ris; ann an ailleachd cruthus dealbh; ann an caoimhneas cridhes ann am maisealachd anma; ann an gliocas feumailus ann an dealas iomchuidh. Is ann airson comas a thabhairt do na Gaidheal an canain fein a leughadh agus a labhairt gu pongail, ceart a chuir e ri cheile Leabhar nan Cnoc. Sgriobh e fein cuibhrionn mhaith den leabhar so, ’s fhuair e cuideachadh bho sgoilearan ealanta Gaidhealach eile. Is ann fo thearmuinn Comuinn Oiseinich Ghlaschu, a chuir emach Leabhar nan Cnoc. Is gasdabhriathran am feadh a tha eg radh, “Chan fhiosrach leam gu tug ni air bith barrachd solais domh na ceud shuidheachadh aChomuinn Oiseinich. Comunn do Ghaidheil òga theas-chridheach air an tarruing ra cheile le gaol dan dùthaich, agus a thag iarraidh cainnt bhuadhmhor, mhilis nam beann a labhairt agus a sgriobhadh gu teoma, neo-chearbach.” Tha e soilleir gu robh eadhon anns na laithean ud, daoine ann a bhacreidsinn gu robh aGhaidhlig breoites a faghail abhais, ’us nach bitheadh i fada air a labhairt ann an tir nam beò. A chum gaisges dochas diongmhaltathabhairt do na h-oileanaich, sgriobh e air an doigh so: “Na creidibh iadsan a thag radh gu bheil aGhaidhlig air leabaidh a bàis. Tha i co slan, laidir, ùrail, agus a cuisle co fallains a bha i riamh; agus ged thachradh e gum biodh i air a fogradh á h-Albainn am maireach, tha farsuingeachd agus fasgadh afeitheamh oirre taobh thall den chuan mhor, far am bheil cheana na miltean da muirichinn fein a dhfhailticheadh agus a dhaltrumaicheadh i le solas.” Bhan t-Ollamh Mac Leoidn a dheadh fhaidh, oir caite am bheil Gaidheil as foghaintiche agus am bheil meas as modha air an canain fein na Gaidheil Nobha Scotias Eilein aPhrionnsa; ’s nach e MAC-TALLAan laoch muirneach, mearganta, a than a aonar asgriobhadh agus aclo-bhualadh paipeir Gaidhealach bho sheachduinn gu seachduinn, air feadh an t-saoghail gu h-iomlan.

CONA.


THE WANZER LAMP.
[Dealbh]

Cumaidh i solus riut.
Goilidh in coire dhut.
Bruichidh im biadh dhut.
Tairnnidh in ti dhut.

Cha chosg i uiread olla ri lampeile, agus ni i solus moran nas fhearr. Gheibh thu ri ceannach i aig
CAIPT. RUAIRIDH MAC NEILL,
Sidni, C. B.


[Dealbh]
Tha sinn a nisenar luchd-gnothuich aig a
CHANADACARRIAGE Co. ,
air son Eilean Cheap Breatunn. Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead lecheannach uainne.

F . FALCONER & SON,
DIOLLADAIREAN,
Sidni, C. B.


Amherst Boot & Shoe Mfg, Co.,
AMHERST, N. S.

AChuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt as ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.

Amherst Boot & Shoe Mfg. Co.



[382]

[Vol . 6. No. 48. p. 6]

A MEASG TUATH NA GAIDHEALTACHD. *

LE UILLEAM MAC COINNICH, RUN-CHLEIREACH CUIRT-AN-FHEARAINN.

EARRANN III.

Tha e na dhoigh aig Gàidheil deth gach creideadh, spéis is urram a thoirt do na h-uile Pears-eaglais, ach an dràsdasarithisd tachraidh rud mu dheidhinn mhinisteir a bheir gàire air gach neach. Bho cheann beagan bhliadhnachan bha ministear agabhail ceum ann an eileansan airde- ’n-iar. Choinnich e gille beag casruisgte a baithne dha, ’s e ag éisdeachd ri ceard acluith air aphiob-mhòir. “A Dhonnchaidhars esan, “am bu toigh leat a bhina do mhinistear?” “Bu dòcha leam a bhina mo cheard,” arsa Donnchadh.

Chaidh ministear àraidh a choimhead air boirionnach euslainteach, agus mun dfhàg e an tigh rinn e ùrnuigh. Bha cearc air nead ann an cùil as teach, agus an uair a bha am Pears-eaglais ris an urnuigh, rug achearc an t-ubh is dhéirich i le gog-gog-gogaoidh. Stad aministear; ’s dhéirich fear an-tighe; rug e air achircs chuir e a ceann foachlais, is thubhairt e— “Faodaidh sibh a dhol air aghart a nise; fhuair mise greim air nighean an diabhuil.”

Bha ministear ann an sgìre àraid a bhana dhuine fior-mhor, foghainnteach. Bha mac aige a dhionnsaich amhinistearalachd; agus chord e ri ministear eiles an dùthaich gun searmonaicheadh e air a shon air Dòmhnach àraid. An t-seachduinn roimh an Dòmhnach sin labhair aministear suidhichte ris achoimh-thional mar so— “Mo chàirdean, tha mise dol bhon tigh, ach thigibhse so air Di-domhnach mar is abhaisd duibh Bithidh Mac-an-fhir-mhòir fheinna m àite!”

Is aithne dhomh ministear a bha acoimhead air seann-chaillich a bha chòmhnuidh an àite iomallach den sgire aige. Bha comhradh aca mun aimsir, prìsean air crodh is air meanbh-chrodh, is gnothaichean den t-seòrsa sin. Mu dheireadh thuirt aministear. “Tha an oidhchetighinn, is feumaidh misebhisiubhal, ach mas falbh mi, bu mhath leam facal ùrnuigh a dheanamh.” “O ler cead,” ars achailleach, “bfheàrr leam fhéin smoc.”

Bha uair-eigin cìobair ann an glean uaigneach a fhuair droch chliu. Mu dheireadh thainign a cheann pòsadh, is chaidh e gu ministear air son an t-snaim a cheangal. “Tha mi toilichtefhaicinn,” ars aministear, “gum beil thudol a sgur dhe do dhroch-bheusans adol a phòsadh; ach a thruaghain, is iomadh peacadh a rinn thu, is mar fhaigh thu maitheanas ciod e dhéireas dut lathaBhreathanais?” “LathaBhreathanais! An e sin a tha sibh acantuinn?’ ars an cìobair. “ ’Se is dòcha gum bi sinne ann anStralia roimhe sin.


* Bha am paipeir so air a leughadh air beulaobh Comunn Gàilig Ghlaschu, air an 29mh latha dhen Mhàrt, 1898.


Bha duine uaireigin dom bainm Iain Mòr na Claise-carnaich afuireach am monadh ann an Siorramachd Rois. Cha rachadh Pears-eaglais na bu trice na aon uairsabhliadhnana rathad. Bliadhna dhe na bhliadhnachan bha am ministear atoirt teagaisg do dhIains do mhuinntir mun Uan Chaisg. ’Nuair a thill e air aisn ath-bhliadhna dhfhoighnich e ri Iain an robh cuimhne aige air a bhonn-theagaisg a bhaca an uiridh. “Tha gu math,” ars Iain; bha sibh abruithinn air an òisg chaisg.” “Ud, ud, Iain,” ars a ministear, “an t-Uan Caisg, “An t-uan an uiridhn oisg am bliadhna,” ars Iain.

Fhad sa tha mibruithinn air gnothaichean mar so faodaidh mi iomradh a thoirt air albachadh is ùrnuigh no dha. So altachadh a bhaig seann Leodhasach an uair a bhuineadh an t-Eilean Leòdhasach do Chlann Choinnich

O Thighearnaeudail,
Cur Mac Coinnich air tìr
S làn phris air amhart,
Bliochd is fair air an
S meadar blàthaich anns gach àitan tachair sinn,
O Thì a chuir an t-séap so oirnn
Cuir séap eile oirnn
S bho shéap gu séap
Gus an cur thun t-séap dheirionnach oirnn
S biodh e mar sin gu deireadh an t-saoghail
S gu siorruidh suthainn.
Amen.”

Mu chiad bliadhna roimhe so bha seann duinefuireach faisg air Bàgh-a’ -chaisteil am Barraidh. Biodh edeanamh ùrnuigh moch-thra is anmoch, is bha earann di mar so:— “Mas fheudar gun téid loingeas a dhìth, O Thighearna, stiùir Thusa am fiodhs an cainb gu tràigh Bhuirbh is Caolas Bhatarsaidh.”

Bha ministear ann an Eilean Shannda, an Arcamh, aig an robh ùrnuigh air an aon seòl—“If it please Thee, O Lord, to cause helpless ships to be cast on the shore, O Lord, in Thy mercy dinna forget the poor Island of Sanday.

Bha Sgiathanach uaireigin air thurus, is chaidh e as teach do thigh a ghabhail fasgaidh. Dhfhuirich es an tigh gu tràth-diot. Bha fear-an-tighena dhuine gruamach, mi-shuilbheara, mosach. Coma co-dhiu, shuidh an aoidh as teach ris abhòrd. Chuir fear-an-tighe dheth a bhoineid is thuirt e an t-altachadh mar so:— “Gum beannaicheadh Dia mi-fhein is mo bhean is Iain mo mhac, ’s gun duine ach sin.” An deidh dhoibh an dinnear itheadh thuirt an SgiathanachGabhaidh mi-fhéin an t-altachadh a nis.” “Air aghairt mu ta,” ars afear-an-tighe.” “Gun gabh am fear mosach thu-fheins do bhean is Iain do mhac, ’s gun duine ach sin,” ars an Sgiathanach, ’s ghabh e mach air an dorus mhors dhfhalbh e.

Mar tha fhios agaibh, is e mo ghnothuichsa bhidol feadh na Guidhealtachd is nan Eilean cuide ri Cùirt an Fhearainn. Their muinntir gu tric rium— “is iomadh rud a chuala sibh a measg na tuath a bu toigh le Gaidheil eilechluinntinn.” Gun teagamh chunnaic is chuala mi iomadh rud anns an dusan bliadhnathair dol seachad a bfhiach a sgrìobhadh ach cha be obair aon oidhche no aon seachduinn a bhiodh an sin. Chunnaic mi daoine foghainnteach ag iarraidh ceartaiss acur an céill am beachdan ann am briathran cho snasail is cho dòigheils a chluinneadh sibh an cearnaidh sam bith den rioghachd; chunnaic mi creutairean bochda ag innseadh ann an briathrabh tiamhaidh mu na dhfhuiling iad, agus aleigeil fhaicinn do gach neach gun robh an cor truagh; is a chorr air a sin chuala mi fir a bha coma-co-dhiù, no a bha neònach nan dòighean, atoirt freagairtean a bheireadh gàire air neach sam bith. Thuirt mi ruibhs an tòiseachadh nach robh midol a thoirt òraid chudthromach dhuibh a nochd; is tuigidh sibh uile nach biodh e freagarach dhomh a dhol a bhruithinn air lagh an fhearainn, no trioblaid sam bith a dhéirich eadar tuath is tighearna, ach faodaidh mi dha no tri dhe na freagairtean neònach a dhainmich mi innseadh dhuibh.

Bha duine bochd adeanamh a ghearan ris achùirt, is dhfhoighnich am fear-lagha dheth an robh teaghlach aige. Fhreagair Domhnull— “Tha theaghlach agamsa.” “ ’S am beil do bhean beò?” ars am fear-lagha. “Chaneil a chiad ,” arsa Dòmhnull.

Aig am eile chaidh fhoighneachd ri fear ciod en teaghlach a bhaige. Fhreagair e— “Tha deichnear mun teine, ’s fear eiles asgoil!”

Bho cheann beagan bhliadhnachan shuidh aChùirt ann an àite far an robh an tuath agearan nach robh iad afaighinn cuideachadh no cobhair san sam bith bho luchd-riaghlaidh na h-oighreachd. Thog aon fhear tigh ùr, thog fear eile sabhal no bàitheach, is rinn fear eile gàradh-crìch no dìge, ach cha dfhuair duine dhiubh cuideachadh bhon uachdaran. Mu dheireadh an latha, thainig seann duine air bialaobh na Cùirte, is chaidh fhoighneachd ris ciod e an teaghlach a bhaige. Fhreagair am bodach air a shocair fhein— “Tha ceithir-duine diag; agus cha dfhuair mi cobhair bhon uachdaran!”

Chaneil duine sam bith a bhios air siubhal nach fhaic rud an dràsdas a rithisd a bheir gaire air, agus aig amannan faodaidh e rud fhaicinn a chuireas gràin air. Bha fear air chuairt an aite iomallach agus rainig e tigh anns am bu ghnàth le luchd-siubhal cuid na h-oidhche fhaighinn. Aig abhiadh-maidne ghearain e ris abhean-mhuinntir nach robh amhuic-fheòil math. Fhreagair Mairi air a socair fhein—“ ’Se muc a bhaig bean-an-tighe a bhann, is bhàsaich i oirre, is bha i ga cumail air son nanTréibhilearan! ’”

Chaidh mòran do bhàrdachd is do sheann sgeulachdan na Gaidhealtachd a thional, ach tha mòran ri thional fhathasd, agus bu choir dhuinn uile ar dichioll a dheanamh air an sgriobhadh. Tha an t-seana mhuinntir aig am beil iad afas nas gainne is nas gainne,



[383]

[Vol . 6. No. 48. p. 7]

agus chaneil an òigridh ag ionnsachadh nan gnothuichean ud mar bha an athraichean.

Cluinnear mòran phort nach deachaidh riabh air paipeir, ach tha am port-a- bial adol a fasan, is chaneil nas fhearr atighinnna àite. Tha na seana chleachdaidhean adol air dhi-chuimhne is tha e iomchaidh gun reachadh a h-uile dad a tha ri fhaighinn mun deidhinn a sgriobhadhsa chumail air chuimhne.

Babhaist iomradh a bhi air feadh na duthcha air aChliar-Sheanchainn, ach is e glé bheag a chaidh a sgrìobhadh mu dhol-a- mach na buidhne sin. Bu mhiann leam fhein coinneachadh ri neach sam bith a bheireadh dhomh cunntas math air an cleachdaidhean is cuid den seanchus. Ach cha be aChliar-Sheanchainn a mhain a bha math air geur-chainnt. Tha iomradh againn air bàird acoinneachadh a chéile, ’s an dara fear afiachainn ri buaidh fhaighinn air an fhear eile le geur-sheanchus. Chuala sibh uile an rud a thuirt Mac-Ille-Mhaoil an drobhair Abrachn uair bha efàgail Uibhist

Tha misen so na mfhleasgach,
S maodann air preasadh le aois;
Cha phòs mi gruagach a Uibhist
Cha toir mo chridhe dhi gaol.

Fhreagair Uibhisteach e

Carson nach tilleamaid an t-òran,
Air aghnòig, Mac- ’Ille-Mhaoil;
Ma tha em bliadhnana dhròbhair
Tha e eòlach anns gach taobh.

A mhic abhodachan chabuich,
Bho Bhun-Lochabar nan craobh,
Cleas achait a dhòl an t-uachdar
Bheirinn dhiot a chluais fon mhaoil.

Tha maighdionnan shuas mun Linne,
Don toir a h-uile fear gaol
Muineal is gile nan mhala canach,
Iosgaidean fada na faoileig.

Am bard mosach Mac-Ille-Mhaoil,
Cluasan madaidh, claigionn laoigh,
Iosgaidean fada na faoileig
Agus casan caolan fhéidh.

Air an aon dòigh bha achòmhail a bhaig Bard Mhic-Leoid is am Bard Cononnach. Choinnich iad an Dùthaich Mhic-Leòid, is thòisich iad air òl gus an dfhas am Bard Cononnach tinn. An sin thuirt Bàrd Mhic-Leòid

Tham Bard Cononnach gu tinn
Air a dhruim an tigh an òil,
Ge be phàigh air son na deoch
Thug e biadh do choin Mhic-Leòid.”

Fhreagair am Bard Cononnach

Thug thu alladh air Mac-Leòid,
Is dhòmhsa cha bu chòir a chleith;
Nach fhaigheadh a chuid chon do lòn
Ach na dheanamh luchd-òil a sgeith!”

Dhfhaodainn leantuinn air gnothuichean mar so gu maduinn, ach than t-ám agam ged a chur air mo mhàileid a nochd. Air na aobhar sin co-dhunaidh mi le bhiguidhe saoghal fadas deadh bheatha doChomunn Gàilig Ghlaschu.”

(Achrioch.)


J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsas fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B


AN T-AITE
Anns an Ceannaich thu
Suic agus Iaruinn Cruinn, Creamers, Soithichean Bainne, Airneis-taighe, Stobhaichean, Flur, Min, etc., etc.
An Stor aig
ISAAC GREENWELL,
SIDNI, C. B.


THAN T-EARRACH
air tighinns an Samhradh gle fhaisg air laimh. Ma tha thu air son Deise no pairt de dheise fhaotainn, taghail aig
Niall Mac Fhearghais,
an Taillear,
agus gheibh thu do dheagh riarachadh. Tha na h-Aodaichean a thaige math, ’s bidh iad an an deanamh a cheart cho math.
CordaidhObair Riut.


Gabh Deagh Chomhairle
agus ceannaich gach bathar a bhios a dhith ort bho
MATHESON , TOWNSEND & Co.

Tha stoc mor aca de Bhathar Tioram, Amhlan, Ti, Siucar, Siabunn, agus gach ni eile air an cuir tigh feum.

Tha Adan, Bonaidean, Fluraichean, Itean, agus gach ni mar sin aca do na caileagans do na mnathan.

Tha gach ni a thaca dhen t-seorsas fearr, agusga chreic cho saorsa ghabhas deanamh.

Cha chosg e sion dhut am bathar fhaicinn; bidh na cleirich gle thoileach a shealltuinn.


Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIGOs cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C B.


D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C. B.


BADDECK , - - C. B.
Airson a stor a dheanamh nas deiseiles nas feumaile dhaibhsan a thadeanamh gnothuch ris, tha
Albert I. Hart
anise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha achuid sin den ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am BostonsanNew York.Gheibh iadsan a thig ga h-ionnsuidh an
DEAGH RIARACHADH.
BADDECK , - - C. B.


THA EARBSA
aig daoine ann am maidsichean Eddy— ’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha coltach ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum.

Than t-ainm so na urrais air mathas.

THE
E. B. EDDY Co., Limited,
Hull, Canada.



[384]

[Vol . 6. No. 48. p. 8]

An teid thu leam a Ribhinn Mhaisich.

Eilean Leòdhais, tir nan gaisgeach,
Tir nan lasgaireans nan sàr,
Càitem facas riamh nan cualas,
Laoich air chuan thug orra bàrr?

SEISD.
An teid thu leam a ribhinn mhaisich?
An teid thu leam a ribhinn òig?
An teid thu leam a ribhinn uasail
Null air chuan do dhEilean Leòdhais?

Chi thun t-aitesan deach màrach,
N uair a bha mim leanabh òg;
Canaidh tu gur baile briagha
Lional, ann an Eilean Leòdhais.

Chi thu mathairus mo mhàthair,
Mo bhràithreans mo phiuthar òg,
Gheibh thu iadsan tha dhomh càirdeil,
Cridheil, bàigheil mar bu chòir.

Chi thu laoich is bòidhche snuadh ann
Bheireadh buaidh am blàir na h-Eòrp’,
Chi thu maighdeanan gun ghruaim ann,
Gabhail dhuan ri luadh achlò.

Chi thu mointeach cnuicus ghleann
Le-feadain chàm nan deann gun òs,
Chi thu smeòrach bàrr nan geug,
Air maduinn chéit, an Eilean Leòdhais.

Chi thu Mùirneags beanntan Bharbhais
Beanntan ainmeil, garbha, mór,
Agus airidhean nan guallainn
S gruagaichean ri eualach bhò.

Chi thu lochan agus fuarain
S fhàilte fhuaireadh bho na neòil,
Agus fraoch a fàs mun cuairt dhiubh
Sealladh buan an Eilean Leòdhais.

Chi thu muran agus luachair
Air gach buailes anns gach lòn,
Morran agus canach samhraidh
Nacheil gann an Eilean Leòdhais.

Chi thu muir gun sgios ri bualadh
Creagan gruamach, uamhrach, àrd,
S chan fhaca tu riamh nis bòidhche,
Na na h-eòin a thanntatàmh.

Chi thu tighean air an t-sliabh ann
Nach fhaca tu riamh an seòrs’,
Crodhus caoraich air gach taobh dhiubh
Measg an fhraoich an Eilean Leòdhais.

Chi thu ann gach ni mar shaoil leam
S le mo dhùrachd sud mar bha,
O! ma theid thu leam a chaoidh ann
Gheibh thu caoimhneas agus blàs!

Fhreagair i gu siobhalt, ciùin mi,—
Theid mi ruin leatdhEilean Leòdhais,
Ma tha gach ni mar rinn thu innseadh,
Fanaidh mi gu crich mo .”


Cruachan aCheathaich.

Mi am shuidhen so mònar,
Air còmhnard an rathaid,
Dhfheuch am faic mi fear fuadain
Tighnn o Chruachan acheathaich.

Bheir dhomh sgeul air Clann-Ghriogair,
No fios cion a ghabh iad,
S iad bu chuideachda dhòmhsa
Di-dòmhnaich so chaidh.

Cha dfhuair mi dan sgeula
Ach iad bhin air na sraithibh
Thallsa bhos mu Loch-fìne,
Mas fior mo luchd-bratha.

Ann an clachan-an-Dìseart
G òl fion air na maithibh,
Bha Griogair mor, ruadh ann
Làmh chruaidh air chùl claidhimh.

Agus Griogair mor meadhrach
Ceann-feadhnar luchd-tighe,
Mac an fhir á Srath-Arduil
Bhiodh na bàird ort a tathaich.

Bheireadh greis air a chlàrsaich,
S air an tàileasg gu h-aighear,
S a sheinneadh an fhidheal,
Chuireadh fiughair fo mhnathan.

S ann a rinn sibhn t-sithionn anmoch
Anns aghleann am bin ceathach,
Dhfhàg sibh an t-Eòin bòidheach
Air amhòintichna laidhe.

Na stairsnich air féithe,
N dóigh a reubadh le claidheamh,
S ann a thug sibh ghreigh dhù-ghorm,
Bho lùban na h-abhunn.

Ann am bothan na dìge
Ghabh sinn dion air an rathad,
Far an dfhàg sibh mo bhiodag,
Agus crios mo bhuilg-shaighead.

Gur i saighead na h-àraich
So tharmaich am leathar,
Chaidh saigheadam shliasaid
Crann fiar air dhroch shnaitheadh.

Gun seachnadh Righ-nan-Dùl sibh,
Bho fhùdar caol, neimhe,
Bho shradagan teine,
Bho pheileirs bho shaighead.

Bho sgian nan roinn caoile,
S bho fhaobhar caol claidhimh!
S ann bha bhuidheann gun chòmhradh
Di-dòmhnaichm braigh bhaile.

S cha dean mi gàir éibhinn
N àm eirigh no laidhe
S beag an t-ioghnadh dhomh fein sud,
S mi an deigh mo luchd-tighe.


Faisg air
da bhliadhna air ais, sgriobh an t-Urr. Job RoadhouseáSeeley ’s Bay, Ont. , ’g ar n-ionnsuidhCeadaichibh dhomh innse dhuibh cho measailsa tha mi air K. D. C. Bha mo stamag cho donas gu robh i deanamh coirce do mamhaich, air uairibh bhiodh eagal orm gun caillinn mo ghuth, ach thug K. D. C. a leithid a dhfhaodhchadh dhomh, ’s gu bheil mi creidsinn gur h-e leigheas stamaig as fhearr a dhfheuch mi riamh.

A RITHIST sgriobh air Maigh 25, 1896, mar a leanas— “Cha chuala mi neach sam bith a dhfheuch K. D. C. ag radh dadna aghaidh, ach tha gach aonga mholadh mar leigheas math. Tha ega mholadh fheins gach àiten e.”

Cha toir tim smal air a chliù, agus gun teagamhs en leigheas air cion-cnàmhaidh as fhearr a gheibhear an Canada. ThaK . D. C. Pillsmar án ceudna anabarrach math air son a chuim.

Sampuill a nasguidh.
K . D. C. Company, Limited, New Glasgow, N. S., and 127 State St. Boston Mass.


DHIARRAMAID AIR
NA GAIDHEIL
s air muinntir eile a tha air sonTypewritera cheannach, iad a dhfheuchainn ainm na
Blickensderfer No. 5,
mun ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35 .00.

Tha seorsachan eil againn cuideachd.

CREELMAN BROS, Typewriter Co.,
15 Adelaide St., East,
Toronto, - - ONT.


BATHAR EARRAICH.

Deiseachan Fhirionnach air $3 .50, $4 .75 agus o sin suas.

Deiseachan Ghillean air $1 .75, $2 .60, $3 .00, $375 agus $4 .60.

Bathar eile a reir sin. Chan eil stor anns abhaile anns am faigh thu BATHAR MATH cho saor.

Tormad Domhnullach,
SIDNI, C. B.


CAIT AM FAIGH MI?
Saibh, Glasan, Luaidhe, Sgeinein, Lainntearan, Sguabaichean, Paipear-tearra, Paipear-tubhaidh.
Olla, Fudar, Glaine, Siosaran, Tairnean, Bucaidean, Tuaghannan.
GHEIBH AIG
C . P. MOORE,
Sidni, C. B.


AIRNEIS TAIGHE,
SOITHICHEAN CREADHA,
BOTUINNEAN agus BROGAN.
Tha stoc mor dhiubh so air ur-fhosgladh againn, agus tha sinn
— ’g an creic
SAOR! SAOR!
SIDNI , C. B. JOST BROS. 13 MAIGH, ’ 98

titleIssue 48
internal date1898.0
display date1898
publication date1898
level
reference template

Mac-Talla VI No. 48. %p

parent textVolume 6
<< please select a word
<< please select a page