[Vol . 6. No. 49. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 3 IUN, 1898. No. 49.
LEABHAR NAN CNOC.
Tha MAC-TALLA ’s mi fein a’ caoidh nach ’eil Gaidheal beartach agus muirneach a gabhail os laimh le airgiod fein clodh-bhualadh ùr a dheanamh air Leabhar nan Cnoc, air an Teachdaire Gaidhealach, air na Sean Dana, ’s air leabhraichean gasda Gaidhlig eile, air an coir do gach Gaidheal meas ’us urram mor a chur. Cha deachaidh ach aon clodh-bhualadh a dheanamh fathast air na leabhraichean urramach air an d’ rinn mi luadh. Tha e ’nis anabarrach duilich aon de na leabhraichean ud fhaotainn airson gaoil no airgid. Gheibhear annta ’Ghaidhlig a’s fhearr a tha air an t-saoghal; agus tha, da rireadh, beachdan, ’us smuaintean, ’us eolas, ’us comhairlean a tha geamnuidh, eireachdail agus suilbhir, air an tabhairt ’s air an nochdadh ann am briathran boidheach, caoimhneil annta. B’ olc an airidh agus bu mhor am beud, gu rachadh na leabhraichean ud, —ionmhas luachmhor na canain Ghaidhealaich, —a dhith no gu tir dhuaichnidh na di-chuimhne. Tha gun teagamh, am measg cairdean MHIC-TALLA, iomadh Gaidheal aig am bheil maoin us saoibhreas gu leoir. Tha Gaidheil bheartach a’ gabhail tlachd ann a bhi ’crathadh an cinn, agus a’ labhairt ann am briathran tuirseach gu bheil a’ Ghaidhlig ’nam beachdsan a’ faghail a’ bhais. Ann an stri nan lann is e gnath nan saighdearan Gaidhealach dol gu gaisgeil an aghaidh gach dragh ’us cunnart ’us namhaid, agus buaidh iarruidh agus a chosnadh air gach ceap-tuislidh, ’us doilgheas, ’us daigneach bhunaiteach. Fosgladh na Gaidheil bheartach an sporan gu faoilidh, agus cuireadh iad a mach na leabhraichean pongail, milis, ciatach air an d’ rinn mi ’cheana iomradh, ann an clodh-bhualadh ùr agus ann an eideadh nuadh, agus ma ni iad so, —agus carson nach deanadh iad e gu toileach, easgaidh, —gheibh a’ Ghaidhlig aosda, onorach, fardach bhlath, ùrail ann an cridheachan nan Gaidheal a tha airidh air an ainm. Co ’dh’ innseas gach maith, ’us solas, ’us toileachas a fhuair miltean bho ’bhi ’leughadh Gaidhlig chiataich, shnasmhoir Thormoid Mac Leoid agus nan sgoilearan eudmhor a thug an comhnadh dha ’n uair a bha e ’deasachadh Leabhar nan Cnoc, agus gach leabhair eile, ’rinn ainm iomraiteach agus gradhach an ear ’s an iar, air feadh nan Gaidheal. Tha amharus laidir agam fein, gu faigheadh clodh-bhualadh ùr de Leabhar nan Cnoc agus na leabhraichean taitneach, greadhnach eile nach gabh faotainn no ceannach, margadh deas maith, agus le bhi ’togail pris chuimsich air an son, gheibheadh neach air bith a ghabhas air fein an cur a mach ann an sgeadachadh ùr, nodha, a chuid fein air ais ann an uine ghearr, agus gheibheadh e, mar an ceudna, ni gu mor a’s modha luach: eadhon, gradh ’us taingealachd gach Gaidheil a tha ’n diugh beò, agus is fhiach Gaidheal a radh ris ann an da rireadh.
Faodaidh sinn a bhi cinnteach gu d’ fhuair an t Ollamh Mac Leoid moladh agus cliu nach robh gann no faoin, an uair a thainig Leabhar nan Cnoc a mach, leis gach comhradh laghach, leis gach eachdruidh thaitneach ’us leis gach bardachd cheolmhor a tha ann. Ma dh’ fhaoidte gu bheil am measg cairdean MHIC-TALLA, daoine aig am bheil fathast cuimhne air an àm anns an d’ fhag iad tir an fhraoich, ’us nam beann. Tha cuimhne aca air an tuireadh airsneulach a nochd an cairdean fein, an trath a bha iad a fagail beannachd gu brath ris an aite anns an d’ rugadh iad, agus far an robh agus far am bheil, an sinnsearan tosdach ann an suain a’ bhais. Chunnaic mi fein sealladh gle mhuladach, am feadh a bha mi gle òg; oir anns an long anns an robh mo dhaimhich agus mi fein, bha àireamh mhor a rugadh ann an eileanan na Gaidhealtachd. Bha an long fa-dheoidh air broilleach a’ chuain, agus a’ fagail Albainn gu sgipidh as a deigh. Bha ’ghrian, lochran nan speur, ag oradh le ’solus buidhe, boidheach, nam beann ann an Diura. Bha na Gaidheil a nis a’ faireachduinn gu robh iad a’ faotainn an t-sealladh mu dheireadh air eileanan ’us cnoic an dùthcha. Streap iad suas anns na croinn, oir b’e seolaidearan sgiobalta ’bha annta, agus ghabh iad sealladh eile gu tiamhaidh, bronach air mullach nan cnoc a bha ’nis ’g am folach fein ann an dorchadas an fheasgair agus na h-oidhche, oir bha gathannan deireannach na greine air dol fodha anns an iar. Thainig na daoine a nuas bho bharr nan croinn. Bha na deoir a ruith gu frasach air an gruaidhean, ’us iad a’ caoidh gu goirt nach robh dochas idir aca gu faiceadh iad gu brath tuille tir an graidh ’us nan laoch ’us a’ chaoimhneis chaoimh.
“An Gaidheal a’ fagail a dhùthcha:” is e so ainm dain ann an Leabhar nan Cnoic, a tha fior bhoidheadh, agus fior thiamhaidh. Cha ’n aithne domh rannan a’s milse, a’s ceolmhoire, ’s a’s taitniche na iadsan. Is ann bho mhinisteir d’ am b’ ainm Ceallaidh a fhuair an t-Ollamh Mac Leoid iad. Tha ’n dàn car fada, ged tha e fonnmhor, druighteach. Nochdaidh na rannan so cia co snasmhor, snuadhach ’s a tha e.—
A Ghlinn mo ghràidh! rinn m’ arach òg,
An eigin t’ fhàgail ’s mi gun treòir;
An eigin domh, ’s do chloinn mo ghaoil,
Falbh gun duil ri tionndadh chaoidh?
Tha muinntir eil’ air teachd d’ ar tir,
A’s sìol nan treun ’ga ’n cur a dhìth,—
Sìol nan treun, a ghleidh le buaidh
Ar beanntan àrd, a’s traigh a’ chuain.
A chlann mo ghraidh! cha dàil ni ’s mo;
’S eigin falbh, ’s cha ’n ann d’ ar deoin;
Ar cnuic, ar glinn, ’s ar beanntaibh àrd,
Fhàgail faoin gun chaoimh ’n an dàil.
Slan le m’ theach bha farsuing fial,
’Sa chòmhladh nach do dhruideadh riamh;
Slàn le leaca’ fuar na h-uaigh,
Fo ’m bheil mo dhaimhich ciùin ’nan suain.
Slàn le Albuinn, ghleann is chnoc;
Oir ’s éigin dhomhsa triall an nochd,
Gun duil am feasd ri cois air t’ fheur,
Mo chreach! mo chràdh! ’se fàth mo dheur.
Cha ’n eil e comasach do Ghaidheal ceanalta air bith aire ’thabhairt do smuaintean ’us do bhriathran an dàin so, gun faireachduinnean crabhach, tuirseach a bhi air am fadadh suas gu tiamhaidh agus gu luath ’n a chridhe fein.
CONA.
LITIR APROVIDENCE .
Tha cogadh air a ghairm a nise le Ard-riaghladh nan Stàitean Aonaichte ris an Spàinn. Faodaidh sinn creidsinn gu ’n robh, is gu ’m bheil, daoine gasda ’san Spàinn; ach leis an Spàinn a ghabhail mar rioghachd, cha ’n eil rioghachd ’sa Chriosdachd a’s modha a dhòirt de dh’ fhuil neo-chiontach na ’n Spàinn, ach Sasuinn a mhàin. Bi ’n Spàinn a chuir a cheud luchd-àiteachaidh geal do America. Chi sinn ann an eachdruidh a sgriobh am manach cliùiteach Spàinteach, Marc de Xalicia,a bha ’na cheannard air gach manach a bha de ’n òrdughSt . Francis,ann anAmericaair fad, dol air adhart na Spàinne a’nAmerica. Bha ann an eileinibh Bahama coig ceud mile Caribean, anns a bhliadhna 1509, ach mu ’n do chriochnaich a bhliadhna 1590, cha robh Caribean air fhagail ach 25 de na 500,000. Tha am manach ceudna ag innse gu ’n robh na Spàinntich a biadhadh
(Air a leantuinn air taobh 388.)
[Vol . 6. No. 49. p. 2]
TAISBEAN MHIRSAH.
(Tha an sgeul briagha so air a thoirt á “Leabhar nan Cnoc,” air am bheil “Cona” a’ toirt iomraidh anns an àireamh so. Bha “Taisbean Mhirsah” air a chlo-bhualadh anns a’ MHAC-TALLA roimhe, ach cha b’e an t-eadar-theangachadh so a bh’ ann, agus mar sin bidh e, ann an tomhas, ùr do ar leughadairean. A bharrachd air sin, tha iad ag radh nach bu mhisde sgeul math innse da uair.)
Air a’ chùigeadh là do’n ghealaich, a’ choimhead mi naomh, a réir gnàth mo shinnsir, an déigh dhomh m’ ionnlad, agus m’ ùrnuigh mhaidne a chur suas, dhìrich mi ri beanntaibh àrda Bhagdait, chum a’ chuid eile do’n là a bhuileachadh ann an co-chainnt ri m’ chridhe féin, agus ann an ùrnuigh dhìomhair. Nuair a bha mi a’ mealtuinn fionnachd an t-soirbheis air mullach na beinne, thuit mi ann an doimhne smuaintean mu dhìomhanas beatha mhic an duine; agus a’ dol mar so o aon smuain gu smuain eile, Gun amharus, thubhairt mi, cha’n ’eil ann an duine ach faileas, agus tha ’bheatha mar aisling na h-oidhche. ’Nuair bha mi mar so a’ smuaineachadh, thionndaidh mi mo shùil gu mullach craige nach robh fada uam; far am faca mi neach ann an dreach buachaille chaorach, agus inneal-ciùil ’na làimh. Mar dh’ amhairc mi air, chuir e r’a bhilibh e, agus thòisich e air ceòl a sheinn. Bha’n fhuaim anabarrach milis, agus chluich e ioma port a bha ceòlmhor taitneach r’a chluinntinn, agus air na h-uile dòigh mi-chosmhuil ri aon nì ’chuala mi riamh. Thug iad a’ m’ chuimhne an ceòl neamhaidh sin a tha ’fàilteachadh anama nan naomh air an ùr theachd a steach do fhlaitheanas, chum am fulangas deireannach agus acain a’ bhàis fhuadach air falbh, ’s iad féin uidheamachadh fa chomhair sòlais an àite shona sin. Leagh mo chridhe an taobh a stigh dhiom, ann am mòr-shubhachas dìomhair. Chuala mi gu’n robh Urra-ghlic gu tric a’taghall na craige so, gu’n cuala iomad aon a cheòl-sìth-bhruth; ach cha b’fhiosrach mi gun facas riamh roimhe e. An uair a thog e mo smuaintean leis a’ cheòl bhinn a sheinn e, gu tlachd a ghabhail d’a sheanachas, air dhomh beachdachadh air mar fhear fo ìoghnadh, smèid e orm, agus, le aomadh a làimhe, sheòl e dhomh dol far an robh e. Tharruing mi g’a chòir leis an urram sin a dhlighear do àrd-ghné, agus mar a thugadh buaidh iomlan air mo chridhe leis a’ bhinn-cheòl a chuala mi, thuit mi sìos aig a chosaibh, agus thòisich mi ri caoineadh. Dh’ amhairc e orm le fiamh ghàire, le caoimhneas agus caomhalachd co mòr ’na choslas, ’s gu’n do chaill mi air ball am fiamh leis an d’ thàinig mi ’na làthair. Thog e suas mi, agus ’gam ghlacadh air làimh, thubhairt e, “A Mhirsah, chuala mi do cho-sheanchas. Thig,” ars’ esan, “lean mise.” Thug e mi ’n sin gu àrd-bhinnein na craige, agus le m’ chàramh air a mullach, thubhairt e, “Tionndaidh do shùil ris an àird-an-ear agus innis dhomh na tha thu faicinn.” Fhreagair mi, gu’n robh mi ’faicinn gleann mòr domhain, agus sruth mòr uisge a’ ruith gu bras troimhe. “An gleann sin a tha thu ’faicinn,” ars’ esan, “ ’s e sin gleann na truaighe; agus an abhuinn a tha dol troimhe, is earrann i do shruth mòr na sìorruidheachd.” Dh’ fhiosraich mi dheth, Cionnus a bha tuil na h-aibhne, a bha mi ’faicinn a’ sruthadh a mach á ceò tiugh-dhorchadais aig an darna ceann, agus gu grad a dol as an fhradharc ann an ceò a bha co dorcha aig a’ cheann eile? “Na tha thu ’faicinn,” ars’ esan, “ ’si sin a’ chuibhrionn do shìorruidheachd ris an abair iad aimsir, air a tomhas le gluasad na gréine, agus a’ ruigheachd o thoiseach gu deireadh an t-saoghail. Rannsuich a nis,” ars’ esan, “le d’ shùil, an fhairge sin a th’ air a’ crìochnachadh le tiugh-dhorchadas aig gach ceann, agus innis dhomh ciod a tha thu a’ faicinn.” — “Chì mi drochaid ann am meadhon an t-srutha.” — “An drochaid a tha thu ’faicinn,” ars’ esan, “ ’s i sin beatha mhic an duine, rannsuich i gu mion.” Air dhomh am barrachd beachd a ghabhail, mhothaich mi gu’n robh aice deich a’s trì fichead bogha slàn, a bharrachd air iomad bogha briste; ionnus gu’n robh eadar shlàn agus bhriste mu cheud bogha ann air fad. An uair a bha mi ’g àireamh nam boghachan, dh’ innis an Urra-ghlic dhomh gu’n robh mìle bogha air tùs san drochaid; ach gu’n d’thug tuil mhòr air falbh an còrr, agus gu’n d’ fhàg i ’n drochaid san staid bhreòite san robh mi nis ’ga faicinn. “Ach innis domh a thuilleadh ciod tha thu ’faicinn oirre.” — “Chì mi mòr shluagh,” a’ deir mise, “a’ dol a nùnn oirre, agus is léir dhomh neul dorcha ’n crochadh os gach ceann di.” Mar bheachdaich mi gu furachair, chunnaic mi iomad aon do luchd-turuis a’ tuiteam tre ’n drochaid san t-sruth bhras a bha ’ruith gu dian foidhpe; agus, le barrachd mothachaidh, thug mi fainear gu’n robh àireamh mhor do ghné dhorsan air ùrlar na drochaid, air an cleth gu h-ìnnleachdach o’n t-sùil, air nach luaithe shaltair na coisichean, na dh’fhosgail iad fòdhpa, ionnus gu’n do thuit iad sìos rompa, do’n t-sruth, ’s air ball chaidh iad as an t-sealladh. Bha na tuill fo làr so ro lìonmhor aig ceann na drochaid, far an deach an sluagh a stigh, air chor ’s nach luaithe thàinig dùmhladas dhaoine ’mach as an neul thiugh na thuit mòran sìos annta. Dh’fhàs iad ni bu tierce mu mheadhon na drochaid, ach mheudaich an àireamh gu mòr, agus bha iad ni bu dlùithe aig ceann nam boghachaibh a bha slàn.
Bha gun amharus àireamh éigin, ach bu tearc iad, a ghabh greis air an aghaidh air na boghachaibh briste le ceum turamanach neo-chòmhnard; ach thuit iad a h-aon an déigh a chéile, air dhoibh a bhi air an claoidh leis an turus shaoithreachail.
Bhuilich mi tamull beag a’ smuaineachadh air a’ ghnothach iongantach so, agus a liuthad ni a b’ fhiach fhaicinn agus a thuigsinn a bh’ ann am fhradharc. Mheataich mo chridhe le bròn, ri bhi faicinn mòran a sleamhnachadh air falbh as mo shealladh, gun dùil r’a leithid, agus sin ann am meadhon an sùgraidh agus am fleadhachais, agus a’ deanamh greim-bais air gach ni a dh’ fheudadh iad a ghlacadh chum an teasraiginn. Bha cuid ag amharc ri nèamh mar ann an tròm-smuaineachadh, agus ann am meadhon an-smuaintibh thuislich iad, agus thuit iad as mo shealladh. Bha àireamh lìonmhor a’ saothaireachadh gu dian ann an tòir air faileis, no air faoineachd nach b’ fhiù, a bha boillsgeadh gu bòidheach fa chomhair an sùl, ’s a’ mireag rompa; ach gu tric ’nuair a shaoil iad gu’n robh e ’nan glaic, dh’ fhosgail an drochaid fo bhonnaibh an cos, agus fodha’ chaidh iad. Anns an ùprait choimhich so, chunnaic mi cuid do dhaoinibh le claidhnibh agus lannaibh, air an ais agus air an aghaidh air an drochaid, ’gam fòirneadh air na tuill fo làr so, a dh’ fheudadh iad a sheachnadh, mur rachadh an cur a dh’aindeoin orra.
Air do’n Urra-ghlic m’ fhaicinn a’ buanachadh fada ni ’s leòir air an t-sealladh mhuladach so, thubhairt e rium nach bu teichd fhad ’sa bha mi ’g amharc air. “Tog do shùil bhàrr na drochaid,” ars’ esan, “agus innis domh am bheil thu ’faicinn ni air bith fhathast nach ’eil thu ’tuigsinn.” Air dhomh amharc suas, thubhairt mi, “Ciod is ciall do’n sgaoth mhòr eun a tha mi ’faicinn do ghnàth ag itealaich mu’n drochaid, agus a’ luidhe oirre o àm gu h-àm? Is léir dhomh am fitheach ’s am fang, agus iomad eun creiche eile nach urradh dhomh ainmeachadh.” “Sud agad,” ars’ esan, “farmad, sannt, saobh-chràbhadh, eu-dòchas, agus a h-uile cùram agus an-togradh eile a tha ’n dual do bheatha mhic an duine.”
An so tharruing mi osna thròm. “Mo thruaighe!’ thubhairt mi, “chaidh an duine a chruthachadh gu dìomhain! Cionnus a tha e air a thoirt thairis do thruaighe, agus do neo-chinnteachd beatha, air a chlaoidh ’na bheatha, air a shlugadh suas ann am bas?” Air do’n Urra-mhath truas a ghabhail diom, “Fàg,” ars’ esan, “an taisbean muladach so. Na h-amhairc tuille air mac an duine ann an ceud thoiseach a làithean, ’na ùr-imeachd chum sìorruidheachd; ach beachdaich air a’ cheò dhorcha sin chum am bheil an sruth gu dian a’ giùlan uile linne dhaoine a tha tuiteam ann.” Dh’ amhairc mi mar dh’ àithn e dhomh, agus, (co dhiùbh a neartaich esan mo fhradharc, air mhodh nach do thuig mi, no dh’ fhuadaich e cuid do’n cheò, a bha roimhe so tuillidh ’s deacair do’n t-sùil amharc troimhe,) chunnaic mi ceann thall a’ ghlinne a’ fosgladh gu farsuing agus a’ sgaoileadh a mach na chuan mòr, anns an robh cruaidh sgeir a’ dol tre a mheadhon, agus ’ga roinn ’na dhà earrainn co-ionann. Bha na neòil a’ sìor shocrachadh air an dara h-earrainn, air chor ’s nach b’ urradh dhomh aon ni fhaicinn ann; ach bha ’n t-aon eile ’na chuan mòr, anns an robh eileinibh gun àireamh a bha làn meas agus bhlàithean, ioma mìle muir
[Vol . 6. No. 49. p. 3]
bheag, agus lochan bòidheach ag iathadh gu séimh sàmhach ’nam measg. Chunnaic mi sluagh air an éideadh ann an earradh ghlòrmhoir, le blàth-fhleasgaibh air an cinn, ag imeachd feadh nan craobh, a’ luidhe sìos ri taobh nan tobar, a’ gabhail fois air an leapaichibh tlàtha; agus chuala mi co-sheirm aig eòin cheòlmhor, torman nan allt, guth dhaoine, agus inneal-chiùil. Dh’ fhàs mi ait le sealladh co taitneach fhaicinn. Mhiannaich mi sgiathan iolaire bhi agam, chum gu ’n rachainn air iteig do na h-ionadaibh taitneach sin; ach dh’ innis e dhomh nach robh dòigh gu ruigheachd far an robh iad ach tre dhorsa a’ bhàis, a chunnaic mi gach mionaid a’ fosgladh air an drochaid. “Tha na h-eileanan,” a deir e, “a tha co ùrar ghorm fa d’ chomhair, agus leis am bheil aghaidh a’ chuain air a bhreacadh co fad ’s a chì thu, ni ’s lìonmhoire na gaineamh na fairge; tha iomadai eilean air chul na tha thus’ a’ faicinn, agus a’ ruigheachd gu mòr ni ’s faide na ’s urrainn do shùil fhaicinn, no eadhon do t’ inntinn a smuaineachadh. ’S iad sin flath-innsean nan naomh an déigh am bàis, a tha a réir tomhas am maitheis air an roinn air feadh nan eilean sin, anns am bheil gach aon diubh a sealbhachadh sòlais a tha ’co-fhreagradh d’ an càil agus do’n tomhas fhoirfeachd air an d’ràinig iad. Tha h-uile eilean ’na fhlaitheanas air a dheasachadh fa chomhair an luchd-àiteachaidh a th’ air an socrachadh ann. Agus a nis, O! Mhirsa, nach airidh na h-ionadan-còmhmuidh sin spàirn a dheanamh chum an cosnadh? Am bheil a’ bheatha sin taireil a tha toirt cothrom gu ruigheachd air luigheachd co àrd? Am bheil am bàs sin ’na chulaidh-eagail a ghiùlaineas tu gu beatha co sona? Na smuaintich gu’n do chruthaicheadh an duine an dìomhain, aig am bheil sìorruidheachd mar so ’na bheachd.” Dhlù-bheachdaich mi le h-anabarra tlachd air na h-eileanaibh sona sin.— “Faidheòidh,” thubhairt mi ris, “Nochd dhomh a nis an dìomhaireachd a ta’n cleith fo na neòil dhorcha tha os ceann a’ chuain taobh thall na craige mòire.” Cha d’thug e freagradh dhomh, thionndaidh mi rìs a labhairt ris, ach dh’fhàg e mi. Thionndaidh mi a rìs a dh’fhaotainn ath-shealladh do’n taisbean air an robh mi ’beachdachadh; ach an àite an t-sruth chais, na drochaid le ’boghachaibh, ’s na h-eileanan sona, cha’n fhaca mi ’bheag ach gleann domhain Bhagdait, le ’dhaimh, le ’chaoraich, ’s gach spréidh eile, ag ionaltradh air ’uachdar.
IONMHAS ADHLAICHTE.
Tha, gu ’m bheil ionmhas falaichte fo ’n ùir, an còmhnuidh a togail deidh dhomhainn agus tlachd do-mhineachadh air clann nan daoine; agus tha an deidh agus an tlachd so a’ dol am meud o àm gu àm mar a tha ulaidhean agus tasgaidhean bhonn agus ionmhasan eile a’ tighinn am folluis agus a cuir nan daoine fo gheasaibh d’ an taobh.
Is ann air baileFalhills , Penicuik,faisg air Dun-Eideann, a fhuaradh ionmhas an tràth mu dheireadh; agus is ceart agus ro cheart a thug na h-arsadairean breith air mar thachartas ainmeil. B’e cladhach no ruamhar faimh a thug an t-ionmhas am folluis air tùs; agus is e cruinneachadh taghta bhonn-airgid a tha ann deth; agus is e an àireamh, da chiad agus tri fichead agus a deich. Is peighinnean agus leth-pheighinnean de linn a’ chiad agus an dara Eideard a’ chuid is mo dhiubh, a chaidh an clò ann an caochladh àitean ann an Sasuinn agus an Eirinn; agus is buinn Albannach de linn an tritheamh Alasdair agus de linn a’ Bhrusaich Mhoir cuid dhiubh.
Le cho stàthail agus a tha na buinn so a thaobh eachdraidh, agus an luach féin, tha maoir a’ chrùin a’ deanamh àird air an glacadh gu h-imir-chuimir. Le cho faicilleach agus a chaidh na buinn a’ chleith, tha e coslach gur ann gun chabhaig a chuireadh am folaich iad airson tearuinteachd re aimsir stoirmeil, uireasbhuidh na h-Alba an deigh bàs a’ Bhrusaich.
Anns na linntean fad air ais, an àm cogadh no geur-leanmhuinn, b’e an talamh an t-aon àite tearuinte anns an cuireadh urraidhean am beairteas; agus cha ghabh teagamh a’ bhith, nach eil an iomadalachd ionmhais anns na h-ionadan is annasaiche agus is neònaiche.
O chionn àireamh bhliadhnachan, aig leagail do na saothraichean sean tighean ann anExeter, bhuail iad air taisg mhath bhonn-airgid, leis an do thòisich iad gun dàil air aighearachd agus aoibhneas a’ dheanamh, gus an d’ thug an ceannard aca an aire dhaibh; rinn e so ceasnachadh daingeann, agus bha a’ bhuil, oir dh’ amais e air meall eile ann an toll fo lic reidh. Is ann ré an aimsir o linn an ochdaimh Eideard gu ruig Cromwell, a chaidh na buinn so a’ chlo.
An uair a theid taisg a’ chuir seachad mar so, cha ’n eil, mar is trice, iomradh air an aite-chleith, agus is ann le tuiteamas a thigeadh orra; ach tha an iomadh aite air a chumail air cuimhne an t-sluaigh, agus is ann le beul-aithris a gheibhear a mach iad, rud a b’ fhath gu minic do an toirt as.
Tha, faisg air Largo, an rioghachd Fiofa, meall ris an abrar, “Norie’s Law, ”am measg an tuaith, o chian gun chuimhne.
Tha beul-aithris ’ag radh gu’n deach gaisgeach mor ’adhlacadh an sin le a luchd-leantuinn anns an luireach airgid bu eideadh dha anns an strith. Air leis a’ gharbh-chuid de na daoine nach robh firinn idir anns an sgeul, ach ghabh fear eiginn air fein gu diomhair gu’n cuireadh e an sgeul a teagamh, agus thug e am meall air anns an oidhche, agus fhuaradh leis roinn mhath armachd arsaidh airgid a reic e gun dail ri ceaird-airgid ann anCupar, baile a bha dluth da.
Sgaoil an naigheachd so am fad agus an goirid an uine ghearr, agus air do uachdaran na h-oighreachd mion-rannsachadh a’ dheanamh, fhuair e sgealban luirich-airgid, buill-maise agus binneanan-oirdhearcais claidheimh agus clogaid, agus sgiath-airgid agus tha iad so uile fathasd air an gleidheadh ann an Talla-Largo.
Ged a rannsachadh an iomadh meall eile, is e so an t-aon fhear anns an do ghlacadh armachd airgid, agus bha so ’na dearbhadh air firinn a’ bheul-aithris bha air a innseadh am measg an tuath.
Thachair cuis coltach ris ann an Eirinn. Bu abhaist do Easbuig Dhoire sean chlarsair Eirionnach a’ thoirt an lathair leis an tric oran arsaidh Eironnach a’ ghabhail, ris an abrar, “Moire Borb,” agus a chlarsach ag luidheadh agus ag eirigh mu seach mar atharrach-maise agus mar dhealtradh sgeimh do’n oran.
Is e bu bhrigh do’n oran gu’n robh duine de mheudachd mhor adhlaichte ann an aite araidh faisg air eas Baile an t-Seanoin, agus spangan an oir bu ghlaine dreach air a bhroilleach agus air a chulthaobh, agus fainneachan garbha de’n mhiotaillt cheudna air a mheoir.
Mhol a’ chuid bu mho de’n luchd eisdeachd ruintean agus durachdan an fhuinn, agus iad gun chreideamh aca anns an sgeul, ach bha dithis dhiubh ni’s sgrudaiche agus ni’s ceasnachaile na cach, agus thug iad an t-aite orra, agus mar dhuais air an saothair, fhuair iad da lann tana oir, da oirleach air leud agus coltas orra gu’m bu spangan luirich iad. Cha d’fhuair iad an corr, agus shaoilear gu’n robh neach eiginn eile ann rompa ag toirt firinn na sgeul gu deuchainn.
Am fagus do Mhold, ann an siorramachd Flint, bha torr ris an abrar, “Bryn-yr-ellyon,” no cnoc nan sithichean anns an do luidh, a reir beul-aithris ionadail, craimhneach sgeadaichte an armachd oir.
An uair a chaidh an tom a’ chuir as an rathad air son tuathanachais, thainig craimhneach foirfe duine am follus, uchd-eideadh, oir gun gho ag cuairteachadh a’ bhroillich, air a chnapaicheadh agus air a ghrabhaladh ann an riochd thairngean agus shreathannan, tha e nis ri ’fhaicinn ann an Tigh-seanachd Breatunnach Lunnainn.
Mar so rinneadh fior gach aon de na beul-aithrisean so, agus ghabhainn orm de dhanadas a radh gu’m bheil ursgeulan eile ann ionadan eile anns am bheil roinn de’n fhirinn. Aig Dolbury fa chomhair Churchill ann an siorramachd Wilts, tha campa comharraichte far an d’adhlaicteadh a reir seanachais a tha cho sian ri linn Leland, ionmhas mor nach deach ’fhaotainn fathasd. Tha sgeul eile coltach ris, a thaobh Chaisteil Stokesay ann an siorramachd Salop far am bheil ciste òir falaichte; agus tha a leithid ri innseadh a thaobh Chaisteil Addleborough ann an siorramachd Eabhraic.
Bu spiocaire mosach fear de oighrean Chaisteil Blenkinsopp, agus is ann air a son fein, agus airson tearuinteachd a dh’ fholuich a’ bhean aige gu diomhair cìste oir nach gabhadh gluasad le ni’s lugha na da threun
(Air a leantuinn air taobh 390.)
[Vol . 6. No. 49. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, . . . $1 .00
Sia miosan, . . . .50
Tri miosan, . . . .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher ‘Mac-Talla,’
Sydney, Cape Breton
SIDNI, 3 IUN, 1898.
(Air a leantuinn o thaobh 385.)
an cuid mhadadh air leanabaibh nan daoine truagha ud. Cha cheadaich ùine no àite dhomh, ach beagan a sgriobhadh mu dheibhinn, ach aon air bith leis ’m bu mhaith làn fhios air dol a mach nan Spàinnteach ann anAmerica, cha bhiodh a dhith air ach sgriobhaidhean Mharc chòir a leughadh. Cha ’n eil ioghnadh ged a bhiodh na Spàinntich brùideil, oir tha iad neo-fhoghlumaichte. Tha 65 ’sa cheud do nach aithne facal litreachas, agus tha 35 ’sa cheud a tha ’nam foghlumaich; tha an àireamh sin a deanamh suas na sagartachd, nan àrd-uaislean agus an luchd-dreuchd. Chi sinn mar sin gu ’m bheil cumantaich na Spàinne air an cumail fodha.
Their cuid gu ’r cruaidh a chainnt a bhi ag raituinn gur i Sasuinn rioghachd Chriosdail a’s ciontaiche a tha air thalamh—tha e cruaidh ra luaidh gun ag—ach is firinn glan e. Nuair a rainigPuritansShasuinn mor-thirAmerica, lùb iad an glùn, a tairgse iobairt thaingealachd do ’n Ti a thug iad sàbhailte troimh thonnaibh na h-Atlantic; ach cha luaithe a chuir iad crioch air an iobairt bhuidheachais, na thog iad an claidheamh ’san spealt theine, ’s thòisich iad air murt ’s air marbhadh dhaoine neo-chiontach. Tha e gràineil ri leughadh, an dol air adhart a bha aca anNew England.Bha aon righ gaisgeil an so aig an àm, ris an cainte righPhilip, a bha ’na charaide maith dhaibh, gus am b’ éigin da éiridh ’nan aghaidh a chur stad air an gniomharaibh an-iochdmhor. Dhoirt naPuritansShasunnach do dh’ fhuil neo-chiontach ann anNew England,na chuireadh cabhlach beag air bhog.
Tilleadhmaid air ais gu ar tir fein. Co a bha dòrtadh fuil neo-chiontach Alba? Cha robh Albainn ach a dian a saorsa is a dùthchais, ach bha Sasuinn ’ga còmhdach le fuil neo-chiontaich gus ’n do dh’ fhairtlich orra a ceannsachadh. Ged a bha gniomh nan Spàinnteach fuath-thuillteannach a measg nan Cairibean, cha robh obair nan Sasunnach fada air deireadh ann an Gleann Moireastan, far an d’ thug an t-arm Sasunnach air ceithir-deug de mhnathaibh còire a ghlinne dol air dronnaig chruaidh nan each, ’s an sin, nuair a bha am miann brùideil riaraichte, an tilgeadh le ’n gunaichean ’s iad nan suidhe air muin nan each. Thachair sin as deigh latha Chuil-Fhodair. Gabhadhmaid a suas a rithist thun na Ceapaich, ’s siùbhladhmaid troimh Lochabar, a bha fo dhealt-fola bho cheann gu ceann; cuireadhmaid a rithist ar n-aghaidh ris an ear-dheas gu Gleann Comhan, is ciod a bhios againn ri raitinn, ach gu ’m bheil an fhuil ud a glaodhaich bho ’n talamh, is gheibh i éisdeachd ge b’e c’uin.
Bho ’n la a dh’ fhuaraich fuil nan Domhnullach anns a’ chuisle rioghail, ciod a bha na Gaidheil ach air an liodairt, air am foir-eigneadh is air an ruagadh, mar a chearc-fhraoich roimh ’n ghiomanach. Cha d’ thug na Stiubhartaich Shasunnach-Fhrangach, is na Caimbeulaich Fhrangach, fois no tamh do na Gaidheil, gus ’n do dh’ fhàsaich iad gach gleann, is srath, is cluain, is còsag àluinn, thorach, fhasgach, a b’ fhiach a bhi sealbhachadh an Gaidhealtachd na h-Albainn.
Duimhne, co a b’e Duimhne? An e fàs suas ann a measg nan ceanna-phollan ann an Loch Odha a rinn e mar a dh’ fhas Topsy aigUncle Tom’s Cabin,ann am boglaicheanSavannah; theagamh gu’r e bhi de ’n bheachd sin a thug air Diùc Iain a tha air mhaireann ann an Dun Ara fathast, creidsinn cho laidir ’s anDarwin theory.Cha robh tighearnas aig Caimbeulach ann an Albainn roimh laithibh Raibeart Brus, ach bha piuthar do Raibeart Brus pòsda air uasal Frangach, aig an robh mac do ’n d’ thug Brus oighreachd aig Loch Odha, a chaill na Dughallaich, meanglan de na Domhnullaich, a bha uaireigin cumhachdach. Is ann mar sin a thug Sir Ualter Scott duinn am fios mu na Caimbeulaich. Bha Guinich an Albainn. Dh’ fhan cuid dhiubh sin nan Guinich fathast, (Gunns a theirear riutha ’sa Bheurla) ’s dh’ fhas cuid eile dhiubh nan Caimbeulaich. Chi sinn ann an eachdraidh Albainn le Seoras Buchanain, gu ’r iad na Domhnullaich a bha aige le deagh shloinnteireachd; gu ’n do theirig an treibh le Alasdair. Bha na Stiùbhartaich Shasunnach is na Caimbeulaich Fhrangach nan cairdibh, is cha b’ fheairrde na Gaidheil sin; ach threig na Caimbeulaich na Stiùbhartaich mhi-shealbhach nuair a chunnaic iad iad a’ fàs lag.
“Cha b’e meud bhur n-ionntais
A dh’ fhàg bhur fatlion rùmail,
Ach caraireachd is lùban,
’S gach cùis a dhol cam.”
ars Iain Ruadh Stiùbhart, ’nuair a bha e fo ’n choill is na Caimbeulaich air a thòir.
Tha sliochd na’mPuritansan so a lan chreidsinn gur iad féin gràine mullaich a’ chinnidh-dhaonna. Ma tha aon idir na Shasunnach, ge nach deanadh am bleideagan ach gann tiormachadh as deigh smùid na h-Atlantic, bithidh e de iarmad namPuritansair ball. Tha baile beag ann amMassachusettsris an abrarNew Plymouth,far an d’ thainig naPuritansgu tir an toiseach; tha taigh beag ioghnaidhean ann—is a measg gach ioghnaidh a tha ann, tha poit-thi a bha aig naPuritansleis an robh iad a deanamh an ti air an turus-cuain. ’Nuair a their thu riutha gun robh sin ùine mhaith mu ’n d’ thainig ti riamh do Lunnainn, cha chuir e gaiseadh na ’n ladarnas.
Sin agaibh beagan air gné a Gheancaich.
AONGHAS MAC AOIDH.
Providence , R. I.
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.
Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach.
TRIUBHSAIREAN BHO $3 .00 SUAS.
Niall Mac Coinnich,
Sidni, C. B.
C . H. HARRINGTON & CO.
Flur, Min, Ti agus Siucar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr.
Soithichean Glaine agus Creadha, math agus saor.
Brogan, Botainnean, Rubbersagus Caiseart de gach seorsa
’GAN CREIC SAOR.
BATHAR CRUAIDH.
Tha mi a nise ’cumail Bathar Cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh, Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor.
AONGHAS MAC LEOID,
Sidni, C. B.
H. D. Mac Ille-Mhaoil,
Stewartdale , C. B.
Cloth,Drogaid, agus Plaideachan “Eureka.”
Mu dheich air fhichead seor sa aodaich ’ga chreic.
Cloimh air a gabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige neo sgriobh uige.
[Vol . 6. No. 49. p. 5]
Bha an sgadan anabarrach pailt mu chladaichean a tuathNew Brunowicko chionn seachdain do dha air ais.
Tha moran dhaoine a’ falbh á Newfoundland gu ruigeCrow ’s Nest Pass;tha còrr us mile dhiubh air a dhol ann o mheadhoin a’ gheamhraidh, agus tha iad a’ sior fhalbh.
Tha iad ag radh gu bheil an t-òr a thatar a’ faotainn ann a’ Hogamah a’ tionndadh a mach gu math, agus nach ruith moran uine gun na mèinnean a bhi air an obrachadh le neart.
Bha e ’na chleachdadh roimhe so ann a’ Halifacs, àireamh de na stòraichean beaga bhi fosgailte air an t-Sàbaid, ach tha luchd-riaghlaidh a’ bhaile a nise ’cur rompa nach leig iad sin air adhart na’s fhaide, oir tha e ’n aghaidh lagh na dùthcha.
Tha fear Arthur Haliburton, a mhuinntir Nobha Scotia, a nise ’suidhe ann an Tigh nam Morairean, an Lunnainn, a cheud duine á Nobha Scotia a rainig an inbhe sin riamh. Is mac e do ’n Bhreitheamh Haliburton, ughdar “Sam Slick,” leabhar a tha ainmeil air feadh an t-saoghail gu léir.
Thainig soitheach a stigh do Halifacs toiseach na seachdain s’a chaidh agus mile de luchd-imrich aice air bòrd; bha iad uile ’dol an Iar. Bha a bhreac air bristeadh a mach ’nam measg air an turus, agus tha iad uime sin, air an cumail o dhol air tir gus am faicear am bheil an tinneas a’ dol a sgaoileadh am measg chàch.
Chreanaich fear-lagha ann an Toronto o chionn ghoirid air a bhi ’na fear-tagraidh aig cùirt an aghaidh mnatha. Beagan lathaichean an deigh na cùirte, thachair i air ’se ’gabhail na sràide, agus bhuail i e, cho dona ’s gu’n deach e ann am paiseanadh. ’Se ’s ainm do’n cheatharnach mhnatha so Mor Bhowen, agus b’e am fear-lagha Mr. Osler, fear de’n fheadhain a’s tapaidhe a tha ’sa bhaile.
Rinn a’ Bhan-righ Ridirean dhe na h-uaislean a leanas air co-ainm latha a breith: —Dr. Bournot, Cleireach Tigh nan Cumantach; an t-Onarach O. A. Pelletier, Ceann-suidhe an t-Seanaidh, agus an t-Onarach J. D. Edgar, ceann-suidhe Tigh nan Cumantach. Is e an Dr. Bourinot a cheud duine mhuinntir an eilein so a fhuair a bhi ’na Ridire. Chaidh àrach ann an Sidni. Tha e ’na dhuine tapaidh, air am bheil fior mheas, agus a tha làn airidh air an urram a chuireadh air.
Thainig fiosan an la roimhe ag radh gu robh blàr mor air a chur eadar na Spàinntich agus na soithichean Geancach, ann an acarsaid Santiago, Di-mairt, agns gu ’n deach an latha leis na Geancaich. Cha ’n eil an sgeul so co-dhiu air a deanamh cinnteach, agus theid beagan ùine seachad mu ’n gabh sin deanamh. Air chul sin, cha d’ thainig fios sam bith re na seachdain air an fhiach iomradh a thoirt. Tha moran de na saighdearan Geancach a bàsachadh le fiabhrus anns na h-Eileanan Philipeach.
Bha corp an Onaraich Uilleam E. Gladstone air a thiodhlacadh ann an Abaid Iar-mhinisteir Di-satharna s’a chaidh; tha e fhein agus Morair Beaconsfield, a bha re am beatha daonnan an aghaidh a cheile a thaobh cùisean-riaghlaidh, ’nan laidhe taobh ri taobh, ann an suain a’ bhàis. Bha an tiodhlacadh air a dheanamh le greadhnachas mor; bha Prionnsa Wales agus a mhac, Diùc York, da oighre ’Chrùin, ’nan seasamh aig ceann na ciste, agus cha robh urram a b’ urrainn uaislean no islean a chur air nach robh air a nochdadh. Thatar a’ meas gu’n deachaidh mu cheud mile pearsa dh’amharc a chuirp Di-haoine, an latha romh ’n tòrradh.
Chaidh moran rionnaich a ghlacadh mu chladaichean Nobha Scotia air an t-seachdain s’a chaidh. Bha deagh mheudachd anns an iasg.
Bha an t-side gle thioram o chionn beagan ùine air ais, agus cha bu mhisde an talamh beagan uisge. Shil beagan air an t-seachdain so, ach chuirte feum air tuilleadh.
Thainig fear Iain Hamilton, ann a’ Westville, N. S., ri bheatha fhéin air an t-seachdain romh ’n t-seachdain s’a chaidh. Chroch e e-fhéin. Bha e ann an droch shlàinte ùine mhath roimhe sin.
Chaidh soitheach-seòlaidh Frangach a chall o chionn seachdain no dha air ais, ’si air a turus eadar Louisbourg agus St. Pierre le luchd guail. Bha sgioba fichead duine air bord, agus thatar a’ deanamh a mach gu’n do chailleadh iad uile.
Tha sinn a’ cluinntinn gu bheil na mathain gle phailt air feadh na dùthcha air an t-samhradh so, agus gu bheil iad a’ deanamh call mor am measg nan caorach. Chunnacas a ceithir dhiubh faisg air an rathad mhor aig an Amhuinn a Tuath, aon latha air an t-seachdain s’a chaidh.
Tha sinn an comain Iain Mhic-a- Bhiocair, ann an Rescue, Mich., agus Eoghain Chaimbeil, ann an Sycamore, Illinois, air son a bhi cur phaipearan-naigheachd nan aiteachan sin ugainn o am gu am. Mar an ceudna, Tearlach Mac Aoidh, an Lunnainn, air son paipearan Gaidhealach agus Sasunnach.
Bha na taighean, na saibhlean agus an spréidh aig dithis thuathanach, ann an St, Thuribe, an Cuibeic, air an slugadh suas le meall talmhainn a thuit a nuas bhar beinne os an cionn, toiseach na seachdain s’a chaidh. Bha nighean bheag le fear dhiubh, aois chóig bhliadhna, air a giùlan air falbh anns a mheall ’s air a marbhadh.
Bha ùpraid mhór ann a’ Halifacs a sheachdain gus an dé. Fhuair na saighdearan òrdugh á Breatunn, gach àite-dion a bha timchioll na h-acarsaid a ghearasdanachadh, agus bha sin air a dheanamh an taobh a stigh de dha uair, aeh chuir e gu mor ’nan cabhaig iad. Cha ’n eil teagamh nach ann a’ cur deuchainn orra bha an luchd-riaghlaidh thall, feuch de cho math ’sa dheanadh iad an àm feuma.
Am feadh a bha àireamh dhaoine ag obair air rathad-iaruinn a thatar a’ fosgladh ann an siorrachd Shelburne, fhuair iad cnàmhan duine ann am boglaich, mar gu’n tuiteadh an duine ann an comhair a chinn. Tha e air innse gu’n deachaidh ceannaiche air chall anns an aite sin mu dha fhichead bliadhna air ais, agus nach d’fhuaireadh sgeul riamh air. Thatar a’ deanamh mach gur e cnàmhan an duine bhochd sin a fhuaireadh leis an luchd-obrach.
Di-satharna s’a chaidh bha MAC-TALLA sia bliadhna dh’ aois; thainig a’ cheud àireamh a mach air an 28mh latha dhe’n Mhàigh ’sa bhliadhna 1892. Thainig adhartas math air uaithe sin, agus le cuideachadh nan càirdean, tha sinn an dochas gu’n tig adhartas air am bliadhna nach d’ thainig air an aon bliadhna fhathast. Deanadh an luchd-gabhail an cuid-san gu math, agus ni sinne ar cuid fhéin air dòigh, tha sinn an dòchas, a bheir deagh riarachadh dhaib uile. Rachadh “Clanna nan Gaidheal an guaillibh a cheile!”
POSAIDHEAN.
—Ann am Boston, Mass., air an 26mh latha de Aprail, leis an Urr. A. D. Mac Fhionghain, B. A., Domhnull N. Mac Leoid ri Caorstaidh S. Dhomhnullach, le cheile mhuinntir Cheap Breatunn.
—Ann am Boston, air an 11mh latha de ’n Mhàigh, leis an Urramach cheudna, Uilleam Brown, a mhuinntir Bhoston, ri Nettie Snow, a mhuinntir Nobha Scotia.
—Ann am Boston, air an 19mh latha de ’n Mhàigh, leis an Urramach cheudna, Aonghas H. Domhnullach, ri Johanna Nic Fhionghain, le cheile mhuinntir Cheap Breatunn.
[Dealbh]
THE WANZER LAMP.
Cumaidh i solus riut.
Goilidh i ’n coire dhut.
Bruichidh i ’m biadh dhut.
Tairnnidh i ’n ti dhut.
Cha chosg i uiread olla ri lamp’ eile, agus ni i solus moran na ’s fhearr. Gheibh thu ri ceannach i aig
CAIPT. RUAIRIDH MAC NEILL,
Sidni, C. B.
[Dealbh]
Tha sinn a nise ’nar luchd-gnothuich aig a
CHANADACARRIAGE Co. ,
air son Eilean Cheap Breatunn. Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead le ’cheannach uainne.
F . FALCONER & SON,
DIOLLADAIREAN,
Sidni, C. B.
Amherst Boot & Shoe Mfg, Co.,
AMHERST, N. S.
A’ Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
Amherst Boot & Shoe Mfg. Co.
[Vol . 6. No. 49. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 387.)
fhear deug; agus is ann a rinn i a gnothuch cho deachdta sin, agus nach fhacas an t-ionmhas a rithisd. Aig Bromfield faisg air Ludlow, bha uamh anns an robh fo chleith taisg mhor oir, agus fhuaradh cuid dith leis an Iarla Warren, agus tha a cheart leithid de luach mor aig Bransil ann an siorramachd Hereford. Ann anWimhill Pond, Acton, Suffolk,tha ciste airgid, agus mar chomharra air, cluinnear, ag stairirich ris a’ cheist a’ chlach a thilgear anns an uisge.
Cluinnear moran de na sgeulan so ann an Alba. Theirear gur ann aig drochaidChraufurdlandfaisg air Kilmarnock a tha prais oir air iochdar linne, fo eas aibhne bige. Dh’fheuch FearChraufurdlandris an ionmhas a’ thogail, agus dhuin e suas rathad an uisge, ach an uair a shaoil leis a’ bhith deisearach da, agus buillean nan oibrichean ri an cluinntinn air a’ phrais, dh’ eirich an glaodh gu’n robh turChraufurdlandri theine. Sguireadh de’n trochailt, agus air do an luchd-siridh tilleadh, an deigh dhaibh rannsachadh fath an rabhaidh bhreugaich, bha an t-eas ag ruith ’na dheann, thairis air an linn.
AigCarnwarth , Lancs,tha meall neonach fo choill ris an abrarThe Moat;tha arsadairean ag creidsinn gur ceann e de aiteachan-suidhe an “Witanagemot,” agus theirear le beul-aithris gu’m bheil toll air a’ mhullach a ruigeas gus an taobh asteach. Ma leigear le cloich tuiteam sios an toll, cluinnear gleadhraich a’ mhiotaillt, ach dh’fhairtlicheadh air gach oidhirp a thugadh riamh chuige so le feirg nan duilean. Chuartaich mise an tom agus dh’fhairtlich orm fein an toll ’fhaotainn; gidheadh, tha lag air a’ mhullach agus ma dh’fhaoidte rinneadh e le obair luchd-toir an ionmhais.
Tha cuid ag creidsinn gu’m bheil meinn bheairteach oir ri a faotainn annLargo Law,Fiofa, ach cha d’ rinneadh sgrudadh ceart riamh air a son; ach mar dhearbhadh air gu’m bheil e ann, thatar ’ga radh gu’m fagar olann nan caorach buidhe an deigh dhaibh luidh air mullach na meinne. Tha an taisg ainmeil sin ris an abrarKatie Nevie’s hoardfaisg air Dun Eideann eadar Dillerhill agus Crossford, agus is e “lan-choire, lan-bhroige, agus lan-seiche oir” a tha ann dith; is neonach an ulaidh i, agus neonach doigh a cuir; ach mor gu leoir airson righ a’ bhuaireadh. Tha am facal “nevie” ag toirt ’nar cuimhne am facail Galldachd “nieve” no dorn duinte, agus faodar a’ bhith cinnteach gu’n robh dorn Ceit spiocach, cnuasach, faicilleach. Tha ionmhas mor ri ’fhaotainn a reir iomraidh, ann an Caisteal Hermitage, a tha ’na dhaingneach cliuiteach, agus tha ionmhas eile ’na luidh sios o tham-leuchar Crois, Selkirk.
Tha an iomadh seanachas eile ioma-ruitheach ann an Eirinn. Tha cnoc “Caisteal Ionmhas” dluth do bhaile Dubh-glas, beagan mhiltean a deas air Corcach, far am bheil “creagan oir” ro luachmhor fo chleith. Corra bhliadnachan air ais, bha glidicheadh mor ann an uair a fhuaireadh soitheach creadha agus innealan prais ann, agus chruinnich domhlachdan agus duil laidir aca gu’n robh iad an inbhe beairteis mhoir ’fhaotainn. Ann am Meidh, thatar ’ga chreidsinn gu’n d’fhag na Lochlannaich roinn mhath oir an cleith, agus gu’m bheil e fathasd far an deach a chur.
Ach tha an t-ionmhas is mo ri a shireadh ann an arus cruinn, de an goirearMoat of Diamos,agus ma’s fior beul an t-sluaigh, tha naoidh gingeanan oir, agus mar fhreiceadan orra cu dubh, agus ball geal air a chorp chum leigeil ris gun dragh dhuit, far an coir beum marbhtach a’ bhualadh chum an t-or a’ ghlacadh, ach gu ruige so fhuair an cu agus an t-ionmhas as air an spuinneadair.
Sin cuid de na h-ursgeulan a thaobh airgid fo chleith agus cha’n ’eil e mi-choltach gu’m bheil roinn de’n fhirinn annta air an suaraichead; agus gu’n tigear air iomadh taisg diomhair luachmhor le cuairteachadh eifeachdach.
RIAGHAILTEAN AIRSON A’ GHAIDHLIG IONNSACHADH.
1. Anns a cheud dol a mach cuir romhad ma tha e na d’ chomas, deagh fhear-teagaisg a bhi agad—saoraidh e moran ùine dhuit le ’bhi glanadh air falbh moran imcheistean a bheireadh ’uat do mhisneach, ga d’ chumail o droch mhodh labhairt ionnsachadh a dh’ fheumas a bhi air a dhi-chuimhneachadh leat air a cheann mu dheireadh.
2. ’Se ’n ath cheum h-uile ni air an laidh do shùil ainmeachadh a mach anns a’ chainnt a’ dùnadh a mach, agus sin gu cùramach, eadartheachd a Beurla. Ann am briathraibh eile o’n cheud uair a thoisicheas tu air a bhi air do theagasg, meòraich ’us dean no cum còmhradh riut fhein anns a’ chainnt, air gach ni timchioll ort, agus cuimhnich gum buin a’ chainnt, ’s a cheud àite, gu h-àraid, cha ’n e mhàin mar tha e na d’ leabhar ’s na d’ eanchainn, ach gu d’ chluas ’s gu d’ theanga.
3. Sparr gu teann na d’ chuimhne tearnadh ainmearan is simplidhe, agus is mo tha réir riaghailtean.
4. Cho luath ’s a dh’ ionnsaicheas tu cuir na h-ainmearan sin, gabh a’ cheud phearsa dhe ’n Taisbeanach lathaireil agus abair no aithris a mach, gu snas-briathrach, ciallairt goirid a réir raghailtean rialtachaidh gniomhair anns an ghuth spreigeil no spreigeach, mar “Chi mi a’ ghrian.”
5. Leudaich an cleachdadh so le ’bhi a cuir ris an ainmear facal eile anns am bheil buaidh, iar a thearnadh a reir an ainmear sin, mar “chi mi a’ ghrian ghlòrmhor.”
6. Rach air d’ adhart air a mhodh so ceum air cheum, a’ sparradh na d’ chuimhne an Taisbeanach lathaireil, an Seachadail ’s an Teachdail thaisbeanach de ghniomharan simplidh, a ghnàth a’ deanamh ciallairtean goirid leò, agus le ainmearan freagarrach; a sior meorachadh ’s a’ chainnt agus a’ dunadh a mach na Beurla, no eadhon a blas.
7. ’Nuair shiubhlas a chluas ’s an teanga gu deiseil thar cleachdaidhean ainmearan, gniomhairean ’us ciallairtean simplidh, an sin—ach cha b’ ann gu sin—bu choir do ’n fhoghluimiche ’bhi air a threòrachadh gu cleachdaidhean n’ is doirbhe ’s n’ is deacaire.
8. Na biodh ni air ionnsachadh bho riaghailtean nach cuirear air ball gu feum ann an cleachdadh, neò—agus is e so ’n dòigh is fheàrr—leig le cleachdadh na cluaise ’s an teangaidh iad fein na riaghailtean fhoillseachadh, agus bitheadh iad tearc agus so-thuigsinn.
9. Is fhearr gach ni nach ’eil a reir riaghailtean ionnsachadh tre chleachdadh mar thig iad; ach ionnsaich air do mheomhair leithid an fheadhainn sin thig na d’ rathad gle thric, mar an Gniomhar “Bi.”
10. Leubh ’s a cheud dol a mach sgeul soirbh air choreignich, ach na leig le leubhadh tighinn an àite meòrachaidh ’us labhairt. Is e ’n dòigh is fheàrr dhuit gu so a bhacadh gach ni a chi thu mu d’ thimchioll ainmeachadh a mach aird’ do ghuth anns a’ chainnt, riut fhein, gun smuaineachadh air a’ Bheurla.
11. Aithris a rithisd agus a rithisd gach oileanachaidh leughaidh agus mineachaidh. Ma tha leabhar sam bith airidh ’us feumail air a bhi air a leughadh ann an tra-cheumannan d’ fhoghluim, is fhearr e bhi iar a leughadh barrachd ’us aon uair.
12. Cho fad ’s tha na d’ chomas, bitheadh do leughadh a ghnàth a reir càil d’ inntinn. Ma thaitneas e riut is ann is fhearr agus is luaithe thig thu air d’ aghairt. Is mor an cuideachadh beagan eòlas bhi agad air an ceann-teagaisg roimh laimh. Air an aobhar so, do Chriosduidhean d’ an aithn’ an Sgriobtuir, mar is aithne dhuinne ’s an dùthaich so, is e ’n Leabhar is feàrr gus a’ Ghàidhlig ionnsachach— “am Biobull.” —Highland News.
TUATH BHEANNAICHTE.
LE DONULL MACCALUM.
Air an là ’s an do chaochail Seumas Donn, aig an robh leth Thoruaine (bha an leth eil’ aig Uilleam Beag, a’ bhrathair) ghairm e a’ dhithis mhac, Colla agus Rob, agus mar so labhair e riu— “A’ chloinn mo ghaoil, gu m’ dhachaidh shìor, an diugh, tha mis’ a siubhal, Fhuair mi ur ’n ainm, le chéile; ’chur ann an Leabhar a’ Mhàil. Gradhaichibh a chéile. Mo bheannachd leibh.”
Cha luaithe bha athair air adhlac na chaidh Colla, os ìosal, far an robh Uilleam, bràthair-athar, a dh’ fhaodainn a’ chomhairle air ciamar ’bheireadh e a’ chòir o Rob. Mar so thubhairt e ri Uilleam— “Dh’ fhàg m’ athair, mar tha fios agaibh, am fearann a’ bh’ aige, leth mar leth, eadar mo bhràthair, Rob, agus mì féin. Ach tha fios aig Dia gu bheil am fearann sin beag gu leòir dhomh féin, fear mo theaghlaich. Math dh’ fheudte gu’n cuir sibhse mi air seòl anns an toir mi
[Vol . 6. No. 49. p. 7]
o Rob a chòir air an fhearann, gu’n chomas a bhi aige coire ’s am bith, gu brath, a chuir ormsa?” “Eisd ri so,” deir Uilleam, agus leugh e as a phaipeir-naigheachd, a bha na laimh, na bhriathran so— “Aig cuirm ràitheil Comunn an t-Sòrachain, ann an seomar-aoidheachd Ban-Tighearna nan Creagan-liath, thugLady Lora,a bha sonraichte maiseach air a sgeudeachadh ann an trusgan fada sioda, daite buidhe ’s uaine, seachad òraid mhòr agus mhath. Dhearbh i gu’n robh an tuath bh’ air a’ h-oighreachd uile gu léir beannaichte. Croiteir air bith air an rachadh ùbhladh a chur air son briseadh lagh na rìoghachd, no gheibhtear ciontach do eas-ùmhlachd aon de seachd-àinte-deug féin bha ’bhàirlinn cinnteach ri bhi air a cuir na ’dhorn. ‘C’arson,’ le guth binn, ghlaodh i, ‘nach lean na h-uachdarain gu léir m’ eiseamplair? Ma ni iad sin, ann an ùine ghearr, bithidh sluagh nan Ard-bheann uile gu léir beannaichte. ’”
’N uair a leugh Uilleam sin, sheall e air Colla agus thubhairt e— “Tha fios agad gur h-iLady Loraar Ban-uachdaran féin. Nach ’eil Rob gu math togailteach na ’nàdur?” “Glan mar an diamond,” deir Colla, “ach bras mar am fùdar.” “So a nis,” ars’ Uilleam, “mo chomhairle-sa dhuit— ’Nuair a bhitheas ur sgioba, ’s a’ mhaduinn, a cuir a mach a bhàta, gabh cothrom air fearg a chur air Rob, agus ’n uair a bhitheas gu leòir de dh’ fhianuisean ann, leig leis do bhualadh. Gabh ort a bhi, gu mòr, air do dhochainn; teich dhachaidh ’s thoir do leabaidh ort. Cuir mise dh’ iarraidh an lighiche, agus mu ’m faigh Rob cothrom air maithneas iarraidh ort, cuir do bhean, ann an deanna nam bonn, ’thoirt na cùis a suas do’n lagh. Cha luaithe ’chuireas an Siorra ùbhladh air Rob na chuireasLady Loraa’ bhàirlinn na ’dhòrn, agus gu bràth cha’n urrainn e coire ’s am bith ’chuir ort-sa.”
Air an ath là rinn Colla gach ni mar chomharlaich Uilleam e, agus thachair a chùis mar bha duil aige. Thubhairt an lighche gu’n robh Colla bochd air a’ dhochann gu ro olc ’s an leth a stigh, far nach ruìgeadh duin’ air, agus gu’m feumadh e fanachd, air a’ dhriom dìreach, ’s an leabaidh fad trì làithean.
’Nuair a fhuair Colla, mar so cothrom smuainteachaidh, na leabaidh, thubhairt e ris féin—“ ’S e duine cunnartach ’tha ’n Uilleam, bràthair-m’ athar. Tha mi nis a tuigsinn c’air son a chuidich e leam Rob a chuir ás an fhearann. Mur toir mis’ an t-sitig do Uilleam bheir easan dhomhs’ i. Ma théid Rob fhuadachadh air son briseadh lagh na rìoghachd théid Uilleam fhuadachadh air son eas-ùmhleachd do aon de àinteanLady Lora.
Mu’n d’ éirich Colla o leabaidh chuir e litir, gun ainm rithe, thun buachaile nam bànag, a toirt sanais dha gu’m bitheadh Uilleam Beag ag iasgach bhànag, roimh bhriseadh an latha, air an ath Dhi-luain, ann an Tob-na-muic, agus mar sin a briseadh dara àint’ Lady Lora.Chaidh Uilleam a ghlacadh a briseadh na h-àint’.
Chaidh Rob, air son briseadh lagh na rìoghachd, agus Uilleam, air son eas-umhleachd do dhara àint’ Lady Lora,a chiontachadh ’s an aona mhòd; agus air an aon là chaidh a’ bhàirlinn a chur na ’n dorn. Mar sin shealbhaich Colla còir, na aonar, Toruaine.
J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsa ’s fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B
AN T-AITE
Anns an Ceannaich thu
Suic agus Iaruinn Cruinn, Creamers, Soithichean Bainne, Airneis-taighe, Stobhaichean, Flur, Min, etc., etc.
An Stor aig
ISAAC GREENWELL,
SIDNI, C. B.
THA ’N T-EARRACH
air tighinn ’s an Samhradh gle fhaisg air laimh. Ma tha thu air son Deise no pairt de dheise fhaotainn, taghail aig
Niall Mac Fhearghais,
an Taillear,
agus gheibh thu do dheagh riarachadh. Tha na h-Aodaichean a th’ aige math, ’s bidh iad an an deanamh a cheart cho math.
Cordaidh ’Obair Riut.
Gabh Deagh Chomhairle
agus ceannaich gach bathar a bhios a dhith ort bho
MATHESON , TOWNSEND & Co.
Tha stoc mor aca de Bhathar Tioram, Amhlan, Ti, Siucar, Siabunn, agus gach ni eile air an cuir tigh feum.
Tha Adan, Bonaidean, Fluraichean, Itean, agus gach ni mar sin aca do na caileagan ’s do na mnathan.
Tha gach ni a th’ aca dhe ’n t-seorsa ’s fearr, agus ’ga chreic cho saor ’sa ghabhas deanamh.
Cha chosg e sion dhut am bathar fhaicinn; bidh na cleirich gle thoileach a shealltuinn.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG—Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C B.
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C. B.
BADDECK , - - C. B.
Airson a stor a dheanamh na ’s deiseile ’s na ’s feumaile dhaibhsan a tha ’deanamh gnothuch ris, tha
Albert I. Hart
a’ nise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha a’ chuid sin de ’n ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am Boston ’sanNew York.Gheibh iadsan a thig g’a h-ionnsuidh an
DEAGH RIARACHADH.
BADDECK , - - C. B.
THA EARBSA
aig daoine ann am maidsichean Eddy— ’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha coltach ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum.
Tha ’n t-ainm so na urrais air mathas.
—THE—
E. B. EDDY Co., Limited,
Hull, Canada.
[Vol . 6. No. 49. p. 8]
Laoidh.
Anns an t-saoghal bithidh amhghar agaibh; ach biodh deadh mhisneach agaibh, thug mise buadh air an t-saoghal. —Eoin, xvi: 33.
Ged tha mi ’n so ’san fhàsach,
Fo àmhghair is le alaban,
A thaobh mo thruail’eachd nàduir,
Dh’ fhag corp a bhàis na eallach dhomh.
’S ann tha mo dhòchas tearnaidh,
A chomhnaidh anns na h-ardaibh,
’S tha craobh na beatha fàs ann,
’S gu bràth cha bhi mi anaiseach.
’S tha galair air mo ghiùlan,
Dh’ fhàg brùite mi ’nam fhaireachdain;
’S ged theid mi air mo ghlùinean
An cùil no ’n àite ’m faicear mi.
Ach ’se ceann a chùmhnaint,
Nuair sheallas mi dha ionnsaidh,
’N sin bheir e spionnadh ’s lùs dhomh,
’S ni e ag ùr mo neartachadh.
B’ fheumail dhuinn an còmhnaidh
Le stòltachd bhi ro fhurachair,
’S na h-airm a dh’ innis Pòl dhuinn—
Ni ’m feòlmhor iad ach cumhachdach—
Bhi againn ann ar dòrnaibh
Gu gleachdadh leo an còmhnaidh
Is fhocal bhi na lòchran,
Gu ’r seòladh anns na h-uile ni.
Nuair ghabh am peacadh fàth oirnn
Tre ’n àithne thug e ’n car asainn,
’Nuair mheall e sinn bho fhàbhar
An àrd-Righ ’se cion faire bh’ ann.
Nuair dhith sinn dearan fiadhain
Tha deisinn air na fiaclan,
Chuir sud mar bhogha fiar sinn
Ro fhada cian air seacharan.
Do pheacaich sinn da-rireadh,
An aghaidh Righ na flathanais,
’S gun dh’ fhag sud sinn fo dhiteadh,
Na binne thug an ceartas oirnn.
Sann aig “Iehobha-Ierebh”
A dh’ullaicheadh an Iobairt,
’S tha thearainteachd aig Isac,
’Sa chaoidh bi shith dha maireannach.
’S tha dalladh air bhur léirsinn,
A chum ur feuman fholach uainn,
Gu sùil a thoirt na dheidhsan
A chum a cheuman aithneachadh.
’Se ’n Ti a phaigh an éiric,
Le Iobairt a chroinn-cheusaidh,
’S nuair dhoirt e fuil na reite,
’S tha eifeachd chum ur glanaidh innt’.
’Se an gealladh thug e dh’ Adhamh
’Sa gharadh, ’nuair a pheacaich e:
Gun robh cuspair àraidh,
Gu teachd an àite pheacairean.
Gun tigeadh ann an nadur,
An neach a bhruthadh Sàtan,
’S bha Maois is Abraham,
Le gairdeachas a dearcadh air.
’S fhad o’n dh’ innis Daibhidh
’S Isaiah gum b’ aithne dhoibh
An Ti, ann san robh tàmhachd,
Ga teachd an aite pheacairean.
’Nuair rugadh dhuinn ’san stapull,
Fo chomhair Ioseph ’s Mhàiri,
An neach a ghabh ur nadur,
Immanuel nam beannachd e.
’S mun d’ thainig e bhon airde
Bha shuil a ghnath a dearcadh air,
Na priosanaich bha ’n sas
Chum an tearnadh on a pheacaich iad.
’S ged bha Caiaphas
Is Pilat, ’s na bha laimh ris,
Is adhaircean air Bhasain,
Cha do chur sud sga na gealtachd air.
(Ri leantuinn.)
Rannan Air Bas Mic.
LE IAIN CAIMBEUL, BARD NA LEADAIG.
A Chailean, a Chailean, a Chailean a rùin,
Gur cràiteach mo chridhe ’s na deòir ann am shùil,
Tha m’ inntinn fo mhulad, fo mhulad, gun sùnnt,
Bho ’n dh’ fhàg mi mo Chailean ’s an Achadh fo ’n ùir.
Tha t’ aogas gach latha fa chomhair mo shùil;
’S gu ’n saoil mi mar àbhaist gu ’m bheil thu dhomh dlùth
Le d’ aghaidh mhin, bhòidheich, ’s do mheall shùilean gorm’,
’S do bhilean a nis nach dean mànran no toirm.
Gur trom tha mo cheum a’ tighinn dachaidh ’s an oidhch’,
Is bristeadh ’s a’ chròilean a b’ àbhaist bhi cruinn;
Bidh càch tighinn a m’ choinneamh ’s a streupadh ri m’ ghlùin,
Ach aon dhiubh tha ’m dhith, is cha till e ri ùin.
Cha ’n eil bràthair a nis aig do pheathraichean gaoil,
’S tha t-athair ’s do mhàthair ’g ad ionndrain o ’n taobh;
Ach dh’ iarr thu mu ’n d’ fhàg thu nach robh sinn ri caoidh,
Is sùil bhi ri dachaidh a mhaireas a chaoidh.
’N uair a shiab thu na deòir o ar sùilean bha làn,
’S a phaisg thu ar muineal ad’ ghàirdeanan bàn’,
’S a phòg thu le aiteas gach sean agus òg,
’S a dh’ fheum sinn a ghealltainn nach bitheamaid ri bròn.
O athair, a mhàthair, a pheathraichean gràidh!
Mo bheannachd a nis leibh gu siorruidh ’s gu bràth,
Is leanaibh an caraid thug mise as gach càs,
’S gu ’n coinnich sinn far nach teid sgaradh le bàs.
Cha robh thu ach òg ann an saoghal a’ bhròin:
Ochd bliadhna ’s seachd làithean a fhuair sinn ort còir;
Ach esan ’thug dhuinn thusa nis a thug uainn,
Bheir neart gu bhi strìochdte d’a thoil anns gach uair.
AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leigsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD.
Cuir a dh’ iarraidh sampuill, teisteannais us urrais.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia. —agus—127 State St Boston, Mass.
DH’ IARRAMAID AIR NA GAIDHEIL
’s air muinntir eile a tha air son“Typewriter”a cheannach, iad a dh’ fheuchainn ainm na
Blickensderfer No. 5,
mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35 .00.
Tha seorsachan eil againn cuideachd.
CREELMAN BROS, Typewriter Co.,
15 Adelaide St., East,
Toronto, - - ONT.
BATHAR EARRAICH.
Deiseachan Fhirionnach air $3 .50, $4 .75 agus o sin suas.
Deiseachan Ghillean air $1 .75, $2 .60, $3 .00, $375 agus $4 .60.
Bathar eile a reir sin. Cha ’n eil stor anns a’ bhaile anns am faigh thu BATHAR MATH cho saor.
Tormad Domhnullach,
SIDNI, C. B.
C’AIT AM FAIGH MI?
Saibh, Glasan, Luaidhe, Sgeinein, Lainntearan, Sguabaichean, Paipear-tearra, Paipear-tubhaidh.
Olla, Fudar, Glaine, Siosaran, Tairnean, Bucaidean, Tuaghannan.
GHEIBH AIG
C . P. MOORE,
Sidni, C. B.
AIRNEIS TAIGHE,
SOITHICHEAN CREADHA,
BOTUINNEAN agus BROGAN.
Tha stoc mor dhiubh so air ur-fhosgladh againn, agus tha sinn
— ’g an creic—
SAOR! SAOR!
SIDNI, C. B.JOST BROS.13 MAIGH, ’98.
title | Issue 49 |
internal date | 1898.0 |
display date | 1898 |
publication date | 1898 |
level | |
reference template | Mac-Talla VI No. 49. %p |
parent text | Volume 6 |