[393]

[Vol . 6. No. 50. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE; 10 IUN, 1898. No. 50.


EACHDRAIDH NAN CAIMBEULACH.

(Air a leantuinn.)

A thaobhs gun do chaochail Seòras Uilleam, an siathamh Diùc, gun sliochd, thainig a bhrathair,

IAIN DOUGLAS EDWARD HENRY, a stigh air an oighreachdna àite, mar an seachdamh Diùc, anns a bhliadhna 1839. Ann an làithean òige ghabh e anns an arm. Bha e anns achogadh fo chomandSir Ralph Abercromby, anns an Olaind. An deigh dha tilleadh dhachaidh bha e air a thaghadh mar bhall pàrlamaid an siorrachd Earraghael. Bha e anns a phàrlamaid fichead bliadhna, air a thaghadh bho àm gu àm le muinntir a dhùthcha fein. Bha e pòsda tri uairean; an toiseach ri Ealasaid Chaimbeul, á Fairfield, a chaochail an 1818; a rìs riJoan Glassel, a chaochail an 1824; agus an treas uair ri AnnaColquhoun, á Ceann-na-Creige. Bha dithis mhac aige bhon dara bean: Iain Eanruig, a chaochailna sheachd bliadhna deug, agus Seòras Douglas, a rugadh anns a bhliadhna 1823.

Chaochail an seachdamh Diùc anns a bhliadhna 1847, ’na chaisteal fein an Inbher-aoraidh. Thainig a mhac,

SEORAS IAIN DOUGLAS, a stighna àite, mar an ochdamh Diùc Earraghael. Tha e fathast beò slàn, ’na thri fichead bliadhnas a seachd deug a dhaois. Phòs e Ealasaid Georgina, nighean an Diùc Sutherlan. Tha da dhuine dheug de theaghlach aca, còignear mhac agus seachdnar nighean. So ainmean a chuid mhacus nighean: Iain Seòras Iomhair Eanruig Douglas Sutherlan, Marcus Lathuirn, a tha pòsdri nighean na bàn-righ, agus a bhana Ard-fhear-riaghlaidh an Canada beagan bhliadhnaichean air ais; Gilleasbuig, Ualter, Seoras agus Cailean, —na gillean. Edith, Ealasaid, Victoria, Evelyn, Frances, Màiri agus Constance Harrietna h-igheanan.

Than t-ochdamh Diùcna dhuine aig am bheil àrd fhoghlum, agus mar an ceudna àrd bhuadhan inntinn. Tha e air a mheas mar aon de phriomh sgoilearan na rioghachd. Sgriobh e àireamh de leabhraichean luachmhor, am measg a bheilLagh-rioghachaidh,” agus iomadh eile. Tha an Diùc mar an ceudna, fad iomadh bliadhna, ann an inbhe aird am pàrlamaid na rioghachd. Bha e ann an iomadh dreuchd chudthromaich an coimh-cheangal ri riaghladh na dùthcha bhon thainig e gu fearachas; agus ged tha en diugh a teannadh suas gu maith ris a cheithir fichead, tha e ann an tomhas mor fior da thaobh, “nach dfhailnich fathast a shùil, ni mo a threig a neart e.” Tha sinn an dòchas gun teid bliadhnachan seachad fathast mun cluinnear sgeul a bhàis. A measg na nithean math a rinn e on thainig e thun na h-oighreachd, than cùram a ghabh e, ’s a tha e gabhail, den eilean ainmeil sin, I Chalum Chille. Thug e fainear na sean-togalaichean a bhi air an caradhs air an cumail suas, air a chosdas fhein; agus a bhar air sin, tha duine còir, tuigseach aige ga chumail, o bhliadhna gu bliadhna air an eilean, gu bhicomharrachadh a mach na sean làraichean, ’s gach ni eile, do na miltean luchd-turuis a tha dol as gach cearn den t-saoghal, a dhfhaicinn an àite. Sgriobh e mar an ceudna, leabhran beag, taitneach, a toirt min-chunntas mun eileans mu gach ni a tha ri fhaicinn annna sean ionadan-aoraidh, na clachan-cuimhne, na h-aitean-adhlacaidh, anns a bheil cinn-fheadhna, prionnsachan agus righrean, á Alba, á Eirinn agus á Lochlann, air an caradh anns an ùir, a feitheamh na trumpaid dheireannach. Tha, mar so, an Diùc, lepheann, ’s lesporan, a deanamh gu maiths gu ro-mhaith.

Thuirt sinn mar tha gun robh an t-oighreMarcus Lathairnepòsda ri bàn-phrionnsa Liùsaidh, ceathramh nighean na bàn-righ. Rugadh am marcus anns a bhliadhna 1845, agus phòs e anns a bhliadhna 1871. Fad cheudan bhliadhna air ais, is ann ri clann righrean na Roinn-Eòrpa a bhan teaghlach rioghail a pòsadh; agus thug e mor thoileachadh, chan e mhàin do mhuinntir Earraghaeil, ach, mar an ceudna, do na Gaidheil anns gach àite, gun deach briseadh air a chleachdadh ud, le bhi pòsadh bana-phrionnsa ri aon de iochdarain na rioghachd, agus gur anns aGhaeltachd a fhuaradh duine do nighean na bàn-righ. Dhaon so as ùr an teaghlach rioghail agus teaghlach Earraghael ri cheile.

S e aonadh ri teaghlach rioghail Alba ri linn Raibeart Brus, ’nuairthug am Brusach a phiuthar Marjori, do Niall Mac Chailein Mhoir mar mhnaoi, a thug a cheud àrd thogail don chinneadh so. Thug sinn iomradh air so, an toiseach na h-eachdraidh so; agus a nis tha sinn air tighinn gu crioch ar n-eachdraidh, le bhi toirt iomradh air an aonadh a ghabh àite eadar an teaghlach urramach so agus teaghlach rioghail Bhreatunn, le pòsadh an oighre ri bàn-phrionnsa Liùsaidh.

Do bhrigh gur e so teaghlach as sine de na Caimbeulaich, ’s e Earraghael Ceann-cinnidh na fine. Ach tha na Caimbeulaich air sgaoileadh a mach nan caochladh mheur, agus aig gach aon diu so tha ceann-tighe dhaibh fhein. Tha cuid de na teaghlaichean so a nise gle aosda, agus airidh air gum biodh iomradh air a dheanamh orra ann an eachdraidh na fine. Mur eil an luchd-leughaidh a fàs sgith dem sgeul, bheir mi dhaibh, le cead an fhir-deasachaidh, iomradh air cuid diu so, anns an àm a tha romhainn, atòiseachadh le teaghlach Bhraidalbainn.


LEABHAR NAN CNOC.

Chan eil Gaidheal tuigseach idir ann aig am bheil comas air Gaidhlig a leughadh agus a sgriobhadh, nach eil fiosrach gu buin do na Ghaidhlig, buaidhean laidir, foghainteach. Nam bitheadh aice cairdean comasach, dichiollach, thogadh i an diugh a ceann co ard, uasal ris aBheurla fein, ged tha mile teangamoladh ailleachdus greadhnachais na cainnt a tha na Sasunnaich alabhairt. Is e, da rireadh, Gaidheal dileas, gasda, tuaireamach, gleusdabha anns an Ollamh Mac Leoid. Bha e eolach air gach duine ardus iosal, air gach inbhe bhochdus bheartach, air gach abhaist beagus mor, air gach cleachduinn aosmhor, ’us iongantach, ’us simplidh air am bheil na Gaidheil eolachus measail. Is ann da fein, an Gaidheal aluinn, treibhdhireach, a baithne Gaidhlig ghlan, eireachdail a labhairt agus a sgriobhadh, agus mar an ceudna, comhairlean glic agus caoimhneil a thabhairt do na Gaidheal, airson an sonas agus an soirbheachadh fein a chur air aghaidh aig an tigh agus ann an tirean cein. Neach air bith as urrainn Gaidhlig bhrioghmhor, bhlasda Mhic Leoid a thuigsinn, is e duine sonatha ann, agus faodaidh ebhi cinnteach gu bitheadh aGhaidhlig urramach, dealbhach, cliuiteach am measg canainean an t-saoghail gu leir, nam bitheadh aice cairdean co inntinneach, co dileas, togarrach ri Caraid nan GaidhealTormod Mac Leoid. Tha MAC-TALLAs mi fein eolach air moran Gaidheil aig nach robh focal Beurla ann an tus an laithean; agus on latha anns an dfhuair iad soirbheachadh mor no suarach ann an gnothuichean an t-saoghail, chaill

(Air a leantuinn air taobh 396.)



[394]

[Vol . 6. No. 50. p. 2]

SUAICHEANTAS SHIOL DIARMAID AN TUIRC.

Tha ina ceist aig sluagh ciod an t-aobhar agus co i an linn anns an dfhuair na Cambeulaich ceann an tuirc mar shuaicheantas. Tha fios gur ni furasda acheist a chur, ach tha lan chinnt againn nach ni cho furasda ceist cho cudthromach fhuasgladh. Ann anDàn Dhiarmaid,” mar a chithear ann am bàrdachd Oisein, tha achuis air a cur mar a leanas,—

Co chasgras,” arsa Fionn, “an torc
A lot ar coin is ar daoine?
Gheibheadh e sgiath chopach is sleagh righ,
Is luibhean a dhiocas a chreuchdan
Is leamsa, Diarmaid, tiodhlac an righ
No tuiteam an strith na beiste.”

Tha an t-Ollamh Mac aGhobha anns acho-chruinneachadh a rinn e de na seann dàna ag ràdh gum bann o Dhiarmaid so agus on torc a mharbh e a fhuair na Caimbeulaich ceann an tuirc mar shuaicheantas, agus gum bann on ghniomh so a chanar gu tric riu anns na dàinibhSiol Diarmaid an Tuirc.” Is lionmhor àite ann an Albainn a tha air a chomharrachadh a mach le luchd-eachdraidh mar an t-ionad anns an do chasgair Diarmaid an torc. Anns an leabhar aig Deaghan Liosmoire tha e air a ràdh gum bann an Ghleann-sith, an siorramachd Pheairt a chaidh an torc a chasgradh agus tha an t-Ollamh Mac Lachluinn anns abheachd cheudna. Ach tha comhdachadh gu mòr nis truime againn gur ann an Siorramachd Earraghaidheal a chaidh an torc air am beil abhàrdachd adeanamh luaidh a chasgradh, agus gum bann an Lathurna a thuit Diarmaid agus a chaidh a chur anns an ùir, far am beil a charragh-cuimhne fathast ri fhaicinn. Ann an co-chruinneachadh nan seann dàna aig an Ollamh Mac aGhobha tha àireamh de dhàitean ann an Lathurn Uachdrach air an ainmeachadh, agus tha na seann ainmeannan sin atogail fianuis gun robh na Fiantan sar eòlach anns achearn sin den t-siorramachd agus gum beil eachdraidh nan treun-fhear maireannach gu h-urail uaine air chuimhne aig na Lathurnaich gus an latha an diugh. Ann an Gniomharan Comunn Oiseanach nan Lathurnach tha an earrann a leanas, air an còir dhuinn gu sonraichte beachdachadh. Tha abhardachd acur an ceill gun robh Diarmaid agus Grainne air an cur anns an ùir aig an aon àm. Tha ainmeannan nan àitean mu thimchioll Loch-nan-eala acumail air mhaireann cuimhne na caraid ud gu h-urail buan. Tha an carragh-cuimhne a chithearna sheasamh aig Sroin-doilleir, a choir ceann Loch-nan-eala air ainmeachadh Carragh Dhiarmaid agus bha seann sluagh an àite gu h-aonsgeulach acomharrachadh a mach an àite ud mar an t-ait anns an deachaidh Diarmaid Donn an strith na beiste. Tha an carragh so gun teagamh acumail air chuimhne neach àraidh no ni sonraichte a tha anns an àite. Is e ainm baile a tha faisg air so Torr an tuirc agus tha fuaran air aghleann fa chomhair ris an cànar Tobar nam bas toll. Tha sgeulachd an tobair agus an t-aobhar air an dfhuair i an t-ainm air chuimhne aig muinntir Lathurna. Tha e mar a leanas:—

Chasgair Diarmaid an Torc nimhe agus bha maïthean na Feinne an lathair. Bha Grainne agus Conan anns achuideachd, agus bha gach neach aoibhneach ach Conan agus e an gaol a chridhe air Grainne. Bann airsan a bhitheadh an solas nam be Diarmaid a bha marbh agus an torc ag imeachd an t-sleibh. Tha abhàrdachd ag ràdh:—

Than laoch a tarruing a bhuille;
Than t-sleagh am muineal na beiste;
A chlaidheamh a charaid ri gabhadh.”

Tha a roinn ga shathadh an coluinn an tuirc agus Conan ag ràdh:—

Tomhais e le troighibh rùisgte
Is ioghnadh leam fein a mheudachd,
Thomhais Diarmaid an torc
Gu socairs cha dfhuiling beud uaith,
Tomhais e an aghaidh na cuilge
As gheibh thu, a laoich bhuirb, gach seud.
Cha bu nos le Diarmaid eagal,
Fhreagair e a rìs guth Chonain,
Ach calg an tuirc mar shleaghan geura
Reub a shail le mile lot,
Tha fhuil aruith gun luibh ga casgadh
S an laoch gasda mar chrann ag aomadh.”

Bha Diarmaid air aomadh agus e acall fola; a bheatha asileadh uaith, agus am pathadh ga sharachadh. Bha a chairdean agiulan uisge thuige ann am basan an làmh. Bha Conan, mar chach, nam bfhior, agus e le thoil aleigeil ruith leis an uisge; deur cha bhitheadhna bhasan nuair a ruigeadh e an ceatharnach leonta. Is e thuirt Diarmaid ris agus e ga chràdh, “Is cinnteach gur ann an Tobar nam bas toll a tha thu atoirt an uisge.” Bho sin gus an so lean an t-ainm air an Tobar. Tha an tobar ri fhaicinn ann an Gleann nam fuath, agusna choir sin tha e air a ràdh nach do chinn feoirnein air leaba na beiste. Is e Duneideann ainm a chnuic as an do dhùisg iad an torc, agus chan fhada an t-astar eadar sin agus Tobar nam bas toll. Tha e ro choltach gum bann eadar an àite ud a bha an ruaig man do bhuaileadh buille. Air an dara taobh de Dhuneideann tha Sroin Chormaig agus air an taobh eile tha Allt ath Chormaig, agus bu nighean do Chormag, Grainne. Tha Tom seilg air abhruthach os ceann Tobar nam bas toil agus tha e coltach gu leòir gum bann on t-seilg so a lean an t-ainm air an tom. Chan ann gun aobhar a tha cho lion àite mu thimchioll Tor an tuirc agiulan ainm sluagh na Feinne. Faodar a bhi cinnteach nach ann a thaobh tuiteamais a thachair e, ach gun robh aobhar sònraichte air na h-ainmeannan a bhi anns na h-àiteachan ud. Ma dhfhaodar earbsa a chur am beul-aithris faodar a chreidsinn gum banns an àite ud a thàinig achrioch air Diarmad, agus gum bann aig acharragh a chaidh a chur anns an uir. Tha lan chinnt nach do chaochail Diarmaid ach ann an aon àite, agus cha chomasach gum beil e ann an àite air a chur anns an uir. Air an aobhar sin feumaidh luchd-eachdraidh na h-airde an ear, a tho cho fiosrach air eachdraidh nan Gaidheal, Diarmaid agus torc fhaighinn an riochd agus am measg sluagh nam Picts a fhreagras do Ghleann-sith aca-fein; oir Diarmaid Donn na Feinne cha toir iad a chaoidh à Lathurna. Chan aithne domh aobhar fon ghrein a thug do na Caimbeulaich ceann an tuirc a mharbh Diarmaid a thogail leo agus a churnam brataich agusnan armachd mar shuaicheantas. As barr chaneil facal anns abhàrdachd acur an ceill gun deachaidh an ceann a chur den torc a mharbh Diarmaid. Bha ena shineadh air an raon nuair a thomhais Diarmaid e le troighean rùisgte. Chaidh e fein a lot, agus chaill e a bheatha, agus gun chomas aige air ceann an tuirc a ghiulan leis, ged a chuireadh e dheth. Bu chall trom do fheachd na Feinne bàs Dhiarmaid, agus e an trein a neart. Cha baobhar gairdeachais a bhàs ach a mhàin do Chonan. Bha suaicheantasan o chian air an gleidheadh le daoine mar chuimhneachan air treuntas a rinneadh le fear de an cinneach. Nam bitheadh beatha bhuan aig Diarmaid an deidh achasgraidh bha lan choir aige fein agus aig a shliochd air an t-suaicheantas a rinn e fein a chosnadh. Cha bu chuis uaill le Clann Diarmaid an casgradh, agus air an aobhar sin cha do ghleidh iad carragh-cuimhne air an àite anns am beil Diarmaid air a chur anns an uir. Nam bu Chaimbeulach a bu treun-laoch anns achasgradh bu choir gun teagamh gum bitheadh aig a shliochd an suaicheantas; ach cliu treuntas Dhiarmaid bhitheadh sin aig Clann Diarmaid agus chan ann aig na Caimbeulaich. Is i mo bheachd nach ruigear a leis dol air ais gu linn cho cian a chum suaicheantas a thogail do na Caimbeulaich agus cliu na gaisge a bhuineas don ghniomh a thoirt do fhear dhiubh fein. A bharr air sin, chaneil e comasach a dheanamh a mach gum bann o Dhiarmad na Feinne a shiolaich na Caimbeulaich, ged is sean an ainm agus ged is lionmhor an àireamh. Conar measg nach cuala iomradh air Donnachadh an àigh? Ma dhfhaodar earbsa a chur ann am facal a chualas o bheul-aithris be Donnachach an aigh an curaidh a choisinn do na Caimbeulaich ceann an tuirc mar shuaicheantas, agus cha do chaill e a bheatha aig àm achasgraidh mar thachar do Dhiarmaid Donn. Is ann a bha an casgradh da-sanna ghniomh an aigh oir bu ann do a thaobh a dheirich e gu ionad ard agus gu urram ann an seirbheis an Righ. Bha Donnachadh an aigh de theaglach aBharain Duibh. Bu mhac e do Ghilleasbuig Mac Cailein. Cho fad agus is comasach a dheanamh a mach bann ri linn Righ Seumas III, a bha Caileanna Bharan air Loch-odha. Be Donnachadh am mac a bòige de an teaghlach. Bha ena òigear flathail, suairce, foinnimh fearail. Bha na h-uaislean an geall air a chuideachd anns gach àite anns an robh e eòlach. Bhitheadh e gu tric air aoidheachd ann an Caisteal na Caraige, air taobh Loch Goill.



[395]

[Vol . 6. No. 50. p. 3]

Bu Chaimbeulach a bhana chaiptin air achaisteal aig an àm ud agus fad iomadh linn an deidh sin. Bha Ban-tighearna na Caraige òg, eireachdail, agus i gu meanbh, malda. Cha dfhàg na Sgeulachdan fios againn air dreach, no aogasg, no aois achaiptin, ach tha fios gun do thuit a bhean agus Donnachadh an trom ghaol air a cheile gun fhios, gun amharus don Chaiptin. Is e a rinn iad teicheadh gu h-uaigneach agus an Caisteal fhagail, agus re h-uine cha robh brath no fios ciod a dheirich do na fogarraich. Be a rinn iad an cairtealan a ghabhail car tamuil ann an uaimh ann am Beinn Laomuinn gun aca de chuideachd ach aon ghille. An deidh aireamh mhiosan a chur seachad anns an uaimh bha sproc agus iomaguin air-san mu shlàinte na mna-uasaìl anns an fhardaich fhuair far an robh iad. Bha iondrainn air gach greadhnachas agus gach comhfhurtachd a dhfhàg ina deidh ach bha dorsan aChaisteal air an crannadh gu siorruidh oirre. Bha an iomaguin atighinn eadar Donnachadh agus cadal na h-oidhche, agus bha e ullamh, air cho cunnertach agus gum bitheadh e, gu seol a dheanamh a chum fardach fhaighinn dith-se. Bha Righ Seumas anns an àm ud a còmhnuidh ann an Caisteal Shruidhleadh agus bha gu tric a theachdairean air an t-slighe eadar sin agus Duneideann. Bha na h-eich aca gu tric air an leon agus air am milleadh le torc nimhe a bha atuineachadh ann an coille ris an can iad anns aBheurla Torwood. Chaidh daoine a mharbhadh agus mòran a leon, agus bha an torcna chulaidh eagail do gach neach a bha agabhail an rathaid sin. Is e a bha ann gun deachaidh eigheach leis an Righ mar a leanas: “Gach fogarrach agus gach neach a tha fo bhinn, thugadh iad fainear, co air bith fear dhiubh a mharbhas an torc atha atuineachadh ann an Torwood, agus a bheir a cheann do Shruidhleadh, tha a shaorsa air a h-aiseag air ais da air cho trom agus gum beil a chionta.” Chuala Donnachadh luaidh an Eigheach an Righ, agus bhuail ena inntinn gun robh a nis dòigh aige air staid an fhogarraich fhàgail agus tilleadh gu staid na comhfhurtachd agus na saorsa. Chaidh e-fein agus a ghillenan uidheam agusnan eideadh. Ghabh iad an cead don mhnaoi-uasail anns an uaimh, agus ghabh iad gach ath-ghoirid gus an do ràinig iad Tor an tuirc (Torwood). Cha robh de dharmachd aca ach an claidheamhan dileas a chum an dion o bheud. Nuair a ràinig iad braigh Ghlinn Uaignich, faisg air an àite anns am beil a nis Feill na h-Eaglaise Bric air a cumail, dhealaich iad ri cheile; ach mun do dhealaich thug Donnachadh ordugh do a ghille mar a leanas; “Gabhaidh tu-sa sios air taobh tuath aghlinne agus gabhaidh mise sios mu do choinnimh air an taobh deas. Nuair a bhitheas sinn mu mheadhon aghlinn, mur faic sinn abheist gus an sin ni thu-sa nuallanaich a chum a dhusgadh a thoirt ad ionnsuidh. Nuair a chi mi-se e fagus dut ni mi-se nuallanaich a chum a thoirt air ais; air na dòigh so ni sinn a chlaoidh mu an toir sinn oidheirp air cur as da.” Rinn iad mar sin, agus air don bheist a bhi air a chlaoidh adireadh agus ateirneadh abhruthaich bha e uair de na h-uaireannan adluthachadh air Donnachadh, agus mar thuirt Oisein:—

Ceum an tuirc afas nas moile,
S Concobhar feadh nan roidibh;
A thartar mar thuinn a sleachdadh sgeire,
No mar sgarnaich leis an doire.”

Bha Donnachadhga feitheamh agus e adluthachadh air. Bha a chlaidheamhna làimh chli agus doirneag de chloich chruinnna làimh dheis. Thilg e an doirneag an an craos an tuirc a chur bacaidh air. Le so chuir e á comas na beiste milleadh a dheanamh. Le aon bhuille den chlaidheamh chuir Donnachadh an ceann de an torc, agus thog e fein agus a ghille orra do Shruidhleadh agus an ceann aca air an giulan, mar dhearbhadh air an treun ghniomh. Is ann on ghniomh euchdach so, ma ta, tha mise an lan bheachd, a fhuair na Caimbeulaich ceann an tuirc mar shuaicheantas. Chaidh fàilte agus furan a chur air Donnachadh nuair a ràinig iad Sruidhleadh, agus nuair a dhfhiosraich an Righ an teaghlach urramach on dthàinig e chaidh dreuchd a thoirt da anns an do choisinn e mòr chliu. An deidh da bhi greis a dhuine an Sruidhleadh agus e fo mhòr urram chaidh a chur don Roimh mar Theachdaire o Chuirt na h-Alba. Bha e fo ard mheas agus dheirich buaidh leis anns gach ni. Cha do thill e air ais do h-Albainn tuilleadh ra bheò. Thainig achrioch air fein agus air mhnaoi anns an Roimh, ged a thàinig cha deachaidh an ainm air dhi-chuimhne. Chaidh na dealbhan aca a dheanamh de chloich agus an toirt as an Roimh do h-Albainn agus tha iad fathast far am faodar am faicinn, agus iad anns an aon seomar anns am beil cuirp nan diuc agus nam ban-diuc an Cladh Chille-Munna. Ri amharc air an dealbh chan abairteadh gum bu duine treun air cùl claidheamh Donnachadh. Chaneil e ach còig troighean agus naoidh oirlich air airde. Tha ena shìneadh air a dhruim an taobh cùl an t-seomair. Tha an torc-nimhe mar chluasaig fo a cheann, agus an craos an tuirc tha cnap de chloich chruinn. Tha claidheamh Dhonnachaidhna làimh chli, agus ri bonnaibh a chasan leoghann mu mheudachd an tuirc. Tha Donnachadh air a sgeadachadh le clogaid, agus le luireach mhailich a sios gu a bhrògan. Nuair a choimeasar dealbh Dhonnachaidh ri Diarmaid le a throighean rùisgte agus e atomhas an tuirc a mharbh e fein, cha chomasach gum bu ann on dara dealbh a chaidh an dealbh eile a thogail. Tha abheanna sìneadh ri taobh Dhonnachaidh air a làimh dhèis, agus i air a sgeadachadh ann an trusgan preasach. So mar fhuaradh o bheul aithris sgeulachd Dhonnachaidh an aigh, agus mar fhuair na Caimbeulaich mar shuaicheantas ceann an tuirc. —COIRE AN T-SITH, anns aGhaidheal Albannach.


SGEULACHDAN ARABIANACH.

Na Tri Ubhlan.

CAIB. IV.

An uair a chuir an t-ard-chomhairleach an tairgse chaoimhneil agus mhath so fa chomhair Nuredin leig e e-fheinna shineadh aig a chasan, agus air dha aideachadh gun robh e anabarrach aoibhneach agus taingeil air son a chaoimhneis dha, thuirt e ris gun robh e deonach ni sam bith a chuireadh e ma choinneamh a dheanamh.

An uair a chualan t-ard-chomhairleach so, thug e ordugh do stiubhartan a thaighe an talla mor a chur an ordugh, agus gach ulluchadh feumail a dheanamh air son na bainnse. ’Na dheigh so thug e cuireadh do dhuaislean na cuirt agus abhaile gu tighinn thun na bainnse. (Anns an am dhinnis Nuredin dha co e.) An uair a thainig ard-uaislean abhaile, smaoinich e gum bu choir dha bruidhinn riutha mun chuis, air eagal gum biodh eud air na daoine don do dhiult e a nighean. Thuirt e riutha mar so:— “Mo thighearnan, tha mi nis adol a dhinnseadh dhiubh ni a chum mi an cleith gus a so. Tha brathair agam a thana ard-chomhairleach do righ na h-Eiphit mar a tha mi fhein aig righ na rioghachd so. Chaneil aig mo bhrathair ach an aon mhac, agus o nach robh toil aige a mhac a phosadh ri te de mhnathan uaisle na h-Eiphit, chuir e an so e gus mo nighean-saphosadh, a chum gum biodh an da theaghlach air an tarruinn nas dluithe richeile. So agaibh an duine og a tha gus mo nighean a phosadh. Dhaithnich mi gum be mac mo bhrathair cho luaths a chunnaic mi e. Tha min dochas gum fan sibh an diugh aig a bhanais.”

Cha robh ioghnadh sam bith air na h-uaislean a chionn gun do roghnaich an t-ard-chomhairleach mac a bhrathar air thoiseach air a h-aon eile dhe na tairgseachan matha a fhuair a nighean, agus an aite diumbadh a bhith aca ris air son mar a bha edeanamh, is ann a thuirt iad ris gum biodh iad gle dheonach a bhith aig abhanais. Agus ghuidh iad gun tugadh Dia saoghal fada dha, a chum gun biodh toileachadh aige ann an co-cheangal ri posadh a nighinn.

Chruinnich uaislean na cuirte thun na bainnse an uair a thainig am feasgar, agus shuidh iad aig an dinneir. An deigh dhaibh a bhith uine mhath aig abhord, chuireadh measan dhe gach seorsa, an cursa mu dheireadh, ’nan lathair, agus ghabh iad na thainig riutha dheth. An sin thainig na sgriobhadairean a steach, agus an uair a sgriobh iad cumhnantan aphosaidh, chuir na h-ard-uaislean an ainm ris mar fhianuisean.

An uair a bha gach ni seachad, thug an t-ard-chomhairleach ordugh do na seirbhisich an soitheach-faragaidh a bhith deiseil aca, a chum gum faraigeadh Nuredin e fhein. Fhuaradh aodaichean-cuim deiseil agus gach ni eile a bhiodh feumail dha.

An uair a nighs a thiormaich e e-fhein,

(Air a leantuinn air taobh 398.)



[396]

[Vol . 6. No. 50. p. 4]

(Air a leantuinn o thaobh 393.)

iad gach eolas a bha riamh aca air cainnt an athraichean. Dhfhag aGhaidhlig iad gu buileach. Is gnath doibh a bhig radh, “Chaill mi mo Ghaidhlig!” Ma chaill iad an Gaidhlig, tha e co cinnteach ri solus an latha nach do chaill aGhaidhlig iadsan; oir tha, agus bithidh, gu crioch an laithean, blas an fhraoich agus nan cnoc, agus comharradh na Gaidhlig air an teangas air an seanachas, gach latha. Is iomadh naigheachd iongantach a tha air innseadh mu dheibhinn Gaidheil a chaill ann an uine ghearr agus air doigh ghaireach, gach comas a bha roimhe aca air Gaidhlig a thuigsinn agus a labhairt. Tha mo chuimhne gle shoilleir air sgeulachualadh mi mo dheibhinn caileig a bhana searbhanta car uine anns aGhalltachd. Babhaist, agus is abhaist, ma dhfhaoidte, fathast do chaileagan Gaidhealach, dol a dhionnsuidh na Galldachd airson cosnadh fhaotainn am measg nan Gall. Gu tric is e rùn suidhichte nan caileagan ud, Beurla gharbh, bhlabhdach nan Gall ionnsachadh, agus an culthaobh a thionndadh air cainnt nan Gaidheal, agus air abhaistean na Gaidhealtachd. Thainig aon de na mnathan òga so dachaidh, do na Ghaidhealtachd. Bha ena beachd innseadh da caraid, gu do chuir bo a h-adharc ann an suil a h-athar. Is ethubhairt i: “Chuir ancooahornann an suil mathar.”

Tha dochas laidir agam gu faigh mi cothrom ann am beagan ùine air eachdraidh ghoirid a thabhairt ann am MAC-TALLA, air Iain Og Ile, —Gaidheal co uasal, foghluimte, oirdheirc, ’s a chunnaic an linn anns am bheil sinn a lathair. Is echuir ri cheile Leabhar na Feinne, ’s Sgeulachdan na Gaidhealtachd. Am feadh a bha e air a thurus am measg nan Gaidheal airson eolasfhaotainn air gach dàn, ’us sgeula, ’s comhradh a bha aca, thachair e air duine tuigseach, tapaidh, air an robh eolas agam. Ann an labhairt na Gaidhlig, bhan duine, so gun tamh atoirt focail Bheurla a stigh don sheanachas Ghaidhlig a bha aige ris aChaimbeulach aluinn, Iain Og Ile. “Is eiginn,” arsa Iain Og ris, “gu bheil Beurla anabarrach bhlasdas chiatach agad, oir, chan urrainn duit focal no dhalabhairt ann an Gaidhlig gun focal Bheurlabhi agad mar an ceudna.” Nach anabarrach diblidh, truagh, a dhimireas Gaidheal a bhith a tha muladach gur Gaidheal idir a tha ann, agus a tha deanamh amadain bochd de fein, ann a bhig aicheadh gur Gaidheal a tha ann, agus ann a bhifeuchainn air Sasunnach no Frangach adheanamh de fein.

Chan e an t-Ollamh Mac Leoid e fein, a sgriobh gach naigheachdus bardachd a tha ann an Leabhar nan Cnoc. Is e fein a sgriobh, “Long mhor nan Eilthireach; no, nan Gaidheal a bhafagail an dùthcha fein, agus adol gu tir eile.” Leis na bataichean-smuidethanis adol gu siubhlach thar achuain mhoir, leis gach tearuinteachdus comhfhurtachd a tha aca, tha di-chuimhne air a dheanamh air gach deuchainnus cruadail a bha aig na h-Eilthirich Ghaidhealach an uair a chaidh Leabhar nan Cnoc a sgriobhadh. Anns na laithean ud is e longan goirid, cumhann anns an robh na h-Eilthirich air an cur gu dluth ri cheile, gun aileadh fallain, gun chomhfhurtachd iomchuidh, gun farsuingeachd beag no mor anns an long. Babhaist do na longan leisg so, a bhi seachd, ’us ochd, ’us naoi miosan a triall thar achuain, gus an drainig iad America. Is ann aig ceann mu thuath Mhuile, ann an acarsaid a bha tearuinte bho gach stoirmus gaillion, a bha Long mhor nan Eilthireach air am bheil iomradh co boidheach, tiamhaidh, druighteach againn ann an Leabhar nan Cnoc. Tha e air innseadh dhuinn ann an cainnt bhlasda, mhuladach, gu robh anns an long so sean duine dall a chaidh air bord lenighean agus leoghachan fein. Bha iadsan adol thar achuain gu h-America. Bha esan, an sean duine dall, adol a dhfhantuinn gu crioch achuairt air an talamh ann an tir an fhraoich anns an drugadh e. Tuigidh sinn gle fhurasda cia co tuirseach, bronachsa bha an sean duine dall, liath so, agus a nighean agus a chlann, ann an àm an dealachaidh a bhanis ann. Than duine aosmhor ag radh: “Tillidh mise an nochd don ghleann ud thall, ach chan aithnich mi an lamh a thag am threorachadh; cha tig sibhse, aleanaba mo ghraidh, a mach an coinneamh an t-sean duine. Cha chluinn mi tuillidh briagailm beoil ri taobh na h-aibhne, ’s cha ghlaodh mi tuillidh, ged nach bu leir dhomh an cunnart, ‘Fuirichibh airur n-ais on t-sruth.’ Co a nis a stiuras mi gu fasgadhn tuim, ’s a leughas dhomh an leabhar naomha? Cait an ath-oidhche, ’nuair a theid aghrian fodha, am bi sibhse, a chlann mo ruin? agus co a thogas leamsa laoidh an anmoich? Am bheil thu so, a Mhairi? Cait am bheil do lamh? Thig nis dluithe dhomh? Mfheudail thu do mhnaibh an domhain, is solasach leam do ghuth! Tha thudealachadh rium! Falbh! tha mo lan chead agad! Tha beannachd do Dhe agad!” Briathran as boidhche, nos snasmhoire, nos durachdaiche na iadsan, chan aithne dhomhsa ann an canain air bith.

Tha, ann an Long mhor nan Eilthireach, iomradh bronach air a dheanamh air minister urramach, lecheann liath, a thainig as an Earradh, chum beannachd fhagail le Eilthirich a bha roimhe sotuineachadh anns an sgireachd aige fein anns an Earradh no eilean an Earraidh. Bha cridheachan nan Eilthireach gle thiamhaidh, dhuaichni, agus bha moran iomaguin orra mu dheibhinn gach trioblaidus cruadail a bhafeitheamh, ma dhfhaoidte orra, air taobh thall achuain stuadhaich, bheucaich. Is briagha, da rireadh, a chomhairlethug am ministeir tuigseach, crabhach orra, an dochas a chur gu daingeann, seasmhach ann an Dia. Chan urrainn Canada gu brath meas iomchuidh a chur air ainmus cuimhne nan Eilthireach ud, a thug leotha bho thir an dùthchais, urram mor air nithean diadhaidhus crabhach, agus a ghearr sios le gairdean reachdmhor, coillteanus frithean Chanada.

CONA.


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.

Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach.

TRIUBHSAIREAN BHO $3 .00 SUAS.

Niall Mac Coinnich,
Sidni, C. B.


C . H. HARRINGTON & CO.
Flur, Min, Ti agus Siucar dhen t-seorsas fhearr.
Soithichean Glaine agus Creadha, math agus saor.
Brogan, Botainnean, Rubbersagus Caiseart de gach seorsa
GAN CREIC SAOR.


BATHAR CRUAIDH.

Tha mi a nisecumail Bathar Cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh, Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gun taghal thu orm. Tha mi, mar a babhaist, acreic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha micreic gach ni gle shaor.

AONGHAS MAC LEOID,
Sidni, C. B.


H. D. Mac Ille-Mhaoil,
Stewartdale , C. B.
Cloth,Drogaid, agus PlaideachanEureka.”
Mu dheich air fhichead seor sa aodaichga chreic.
Cloimh air a gabhail an coinneamh Aodaich.
MA tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige neo sgriobh uige.



[397]

[Vol . 6. No. 50. p. 5]

LITIR GU AR CAIRDEAN.

Tha MAC-TALLA a nise beagan a barrachd air sia bliadhna dhaois; thainig acheud aireamh dheth a mach air an 28mh latha den Mhaigh, 1892. Tha e tighinn a mach gu riaghailteach uaithe sin, agus fhuair e lan di-bheatha ann an iomadh mile dachaidh anns am bheil aGailig air a labhairt. Rinn e toiseachadh gle bheag, ach on thainig e mach an toiseach chaidh a mheudachadh da uairann an 1893, agus a rithist ann an 1896. Tha na sgoilearan Gailig as fhearrs as comasaiche a tha rim faotainn asgriobhadh ann o am gu am, agus a bharrachd air sin, tha sinn gu tric atoirt seachad cuibhrionn thaghte de sgriobhaidhean nan sar sgoilearan Gailig nach maireann. Tha sinn asmaoineachadh gu faod sinn a radh le firinn gu bheil MAC-TALLAna dheagh phaipeir teaghlaich, atoirt seachad naigheachdan, eachdraidh, sgeulachdan, bardachd agus leughadh eile nach urrainn ach a bhi taitneach do luchd-leughaidh Gailig. Is e an aon phaipear a thann an diugh a tha air a chlo-bhualadh gu h-iomlan an Gailig, agusse acheud phaipear seachdaineil a chuireadh a mach anns achainnt san riamh. Chaidh paipearan eile chur a mach anns an robh pairt Ghailig agus pairt Bheurla, ach is Gailig gu h-iomlan MAC-TALLA, AGUS LEANAIDH E AIR A BHI MAR SIN. Agus a chionn gur e an aon phaipear Gailig a tha ri fhaotainn, bu choir gach fior Ghaidheal cuideachadh leis. Tha a Ghailig a sior fhas measail aig na foghlumaichean as fhearr a than diugh beo; tha gramairean Gailig agus oraidean ionnsaichte mun Ghailig air an sgriobhadh le oilearan mora anns aGhearmailts ann an dutchannan cein eile. Carson a dheanamaide, na Gaidheil, dan canain i, a leigeil air diochuimhn? Tha h-uile reusan againn air a bhi deanamh uaill aisde, agus bu choir dhuinn a h-altrun gu curamach mar an oighreachd as luachmhoire a dhfhagadh againn le ar n-athraichean. Agus chan eil doigh air an fhearr is urrainn dhuinn a cumail suas na le bhi toirt gach cuideachadh a dhfhaodas sinn do phaipeir Gailig mar a tha MAC-TALLA.

Chan eil sinn ag iarraidh air neach sam bith gibht a thoirt dhuinnagus chan eil duil againn ri nithean dhen t-seorsa sin, ged bu taitneach rim faighinn iad. Chan eil sinn ag iarraidh air ar leughadairean ach iad a dheanamh an cuid fhein mar dhaoine coltach rin athraichean, agus ni sinne an corr. Thoir thusa, ’charaid, an aire gum bi pris a phaipeir air a phaigheadh agad daonnan romh laimh, agus theid sinnen urras gu faigh thu paipear math agus airidh air a leughadh. Tha romhainn, toiseach an ath mhios, am MAC-TAI,LA a mheudachadh. Tha sinn afaighinn inneal ur clo-bhualaidh, leis an teid againn air a chur a mach ann an dreach nas fhearr na bha e riamh, agus tha sgriobhadairean matha gu bhi toirt seachad ann gach seachdain, nithean nuadha agus sean, sgeulachdan, eachdraidh bardachd, agus leughadh eile, a bharrachd air naigheachdan an t-soghail gu leir. Faodar a thuigsinn nach gabh gach ni dheth sin deanamh gun a dhol fo mhoran cosdais, agus air an aobhar sin, feumaidh sinn iarraidh air ar luchd-leughaidh ar cuideachadh le bhi math gu paigheadh. Cuiridh sinn feum air a h-uile sgillinn airgeid a bhiosnar comas fhaotainn eadar so agus deireadh a mhios, agus tha dochas againn gun dean a h-uile h-aon den luchd-gabhail na tha aca ri phaigheadh a chur ugainn. Tha aireamh cheudan don coir paigheadh toiseach an ath mhios air son na bliadhna sa tighinn; tha aireamh cheudan eile nach do phaigh air son na bliadhna sa chaidh, agus tha aireamh nach beag nach do phaigh o chionn a dha no tir bhliadhnaichean. Ma tha e idir comasach, tha sinn air son cluinntinn o gach aon dhiubh. Ma tha thusa dhen aireamh, a leughadair, tha suil againn ri litir (anns am bi air a chuid as lugha dolar) fhaotainn uatsa; feuch nach meall thu oirnn. Ma tha thu paighte, chan eil gnothuch sam bith aig so riut, agus cha chuir thu suim sam bith ann, ach mur eil, na cuir dail sam bith anns achuis, ach dean an t-airgead a chur air adhart gun dail. A chum sin a dheanamh furasda dhut, tha paipear agus cuibhrig litreach air am fileadh am broinn na h-aireamh so. Bidh ainm gach neach a phaigheas air a chur anns aphaipear mar is abhaist. Biodh gach litir air a seoladh gu

J . G. MACKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney, C. B.


Tha an t-Urr. Uilleam Calder, letheaghlach acur seachad an t-samhraidh anns abhaile, anns an tigh a bàbhaist a bhi aig aChoirneal Biscoe. Tha an tigh air ùr-charadh, agus tha ena aite-còmhnuidh cho taitneachsa thasan dùthaich. Tha Mr. Calder asearmonachadh aig Aiseag Mhira agus an Catalone mar a bàbhaist.

Tha Mr. M. C. Camaran air a thaghadh leis an Ard-riaghladh gu bhina Riaghladair air an Iar-Thuath. Bha e roimhe so asuidhe anns an ard-pharlamaid, air son siorrachd Huron an Iar. Tha a nise da fhior Ghàidhealnan Riaghladairean ann an Canadaan Camaranach anns an Iar-Thuath, agus Mac Aonghais, duine mhuinntir an eilean so fhein, ann an Columbia Bhreatunnach.

Bhaochail fear Aonghas Domhnullach ann aHalifacs o chionn seachdain no dha air ais, afagail ochd fichead us deich mile dolair de dhairgead. Bhuineadh e do Cheap Breatunn, agus bha e mu cheithir fichead bliadhna dhaois. Bha stor beag aige anns abhaile, agus bha e acumail beòlaind gle bhochd ris fhéin fhads bu bheò e. Cha robh duinefuireach còmhla ris.

Chaidh fear Manus Mac Gilleain a mharbhadh ann amPort Hawkesbury,seachdain gus an Diciaduin sa chaidh. Bha e fhéin agus àireamh dhaoineile ag obair air an rathad mhor, agus air dhaibh a bhi cladhach a stigh an taobh bruaich thuit i orra, agus bha esan air a ghrad mharbhadh. Bha fear Domhnull Mac-an-t- Saoir air a dhroch leònadh aig an aon àm. Bha Mac Gilleainna dhuine gle mheasail.


[Dealbh]
THE WANZER LAMP.

Cumaidh i solus riut.
Goilidh in coire dhut.
Bruichidh im biadh dhut.
Tairnnidh in ti dhut.

Cha chosg i uiread olla ri lampeile, agus ni i solus moran nas fhearr. Gheibh thu ri ceannach i aig

CAIPT. RUAIRIDH MAC NEILL,
Sidni, C. B.


[Dealbh]
Tha sinn a nisenar luchd-gnothuich aig a
CHANADACARRIAGE Co. ,
air son Eilean Cheap Breatunn. Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh thu airgead lecheannach uainne.

F . FALCONER & SON,
DIOLLADAIREAN,
Sidni, C. B.


Amherst Boot & Shoe Mfg, Co.,
AMHERST, N. S.

AChuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt as ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.

Amherst Boot & Shoe Mfg. Co.



[398]

[Vol . 6. No. 50. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 395.)

bha edol a chur uime an aodaich a bha uime roimhe, ach thugadh da ionnsuidh deise a bha anabarrach riomhach.

An uair a chuir e uime an deise so, chaidh e far an robhathair-cheile. Agus an uair a chunnaicathair-ceile cho maiseachs cho tlachdmhors a bha ena choltas, bha e anabarrach toilichte. Thug e air suidhe rithaobh, agus thuirt e, “A mhic, dhinnis thu dhomh co thu, agus an suidheachadh anns an robh thu ann an cuirt na h-Eiphit. Dhinnis thu dhomh mar an ceudna gun dthainig ni eiginn eadar thu fheins do bhrathair a thug ort tir de dhuthchais fhagail. Bu mhath leam gun leigeadh tu ris dinntinn dhomh gu saor, agus gun innseadh tu dhomh ciod a baobhar gun deachaidh tu fheins do bhrathair thar a cheile; oir chaneil a nis aobhar sam bith agad air teagamh a chur annam, no air ni sam bith a chumail an cleith orm.”

Dhinnis Nuredin dha a h-uile car mar a chaidh e fheins a bhrathair thar a cheile. An uair a chualan t-ard-chomhairleach mu na thainig eatorra, rinn e lascan gaire, agus thuirt e, “Is e so rud cho neonachs a chuala mi riamh; am bheil e comasach, a mhic, gun deachaidh sibh thar a cheile mu thimchioll posaidh nach do thachair aig an am? Tha mi doilich gun deachaidh tu fheins do bhrathair aimhreit air son ni cho suarach. Ach cha robh e ceart dhasan fearg a bhith air riutsas gun thu deanamh ach mar mhagadh. Bu choir dhomhsa, air a shon sin, a bhith taingeil gun deachaidh sibh aimhreit on a fhuair mi mac air a shailleamh. Ach tha e nis air fas anamoch, agus than t-am agad a dhol a laidhe. Tha do bheang ad fheitheamh anns an leabaidh. Am maireach bheir mi an lathair an righ thu, agus tha min dochas gun toir e urram dhut air a leithid a dhoighs gum bi sinn le cheile riaraichte.”

Dhfhag Nuredin oidhche mhath aigathair ceile, agus chaidh e don t-seomar anns an robhbhean.

Tha e anabarraich comharraichte, arsa Giafar, gun do phos Shemsedin ann an Cairo, air acheart latha air an do phos a bhrathair, Nuredin ann am Balsora. So mar a thachair:—

An deigh do Nuredin falbh a Cairo, le run nach tilleadh e gu brath tuilleadh, bha Shemsedin, a bhrathair, a dhfhalbh a shealgaireachd an cuideachd an righ, mios gun tilleadh air ais; oir bhan righ ro dheidheil air sealgaireachd, agus bu tric leis a bhith uine mhor anns abheinn sheilg. An uair a thill Shemsedin dhachaidh, ghrad chaidh e do sheomar a bhrathar an duil gun robh e ann roimhe. Ach ghabh e ioghnadh mor an uair a dhinnseadh dha gun dfhalbh a bhrathair on taigh air achearc latha air an dfhalbh e fhein don bheinn sheilg comhladh ris an righ, agus nach cualas guth no iomradh ma dheidhinn, ged a thuirt e an latha dhfhalbh e, gun tilleadh e air ais an ceann a dha no tri laithean

Chuir so dragh mor air Shemsedin, gu h-araidh a chionn gun robh ecreidsinn gur e na bhriathran searbh a labhair e ribhrathair a thug air cul a chur ri tir a dhuthchais. Chuir e teachdaire air a thoir gu ruige Damascus agus Alepo, ach bha Nuredins an am ann am Balsora.

An uair a thill an teachdaires gun sgeul aige air Nuredin, bha duil aig Shemsedin forofhais a dheanamh ma dheidhinn ann an aiteachan eile. Ach anns an am bha esmaoineachadh air posadh, agus ann uine ghoiridna dheigh sin, phos e nighean fir dhe na tighearnan a bhann an Cairo. Thachair dha posadh air acheart latha air an do phos a bhrathair nighean an ard-chomhairlich ann am Balsora.

Cha be so uile mar a bha; ach thachair air acheart latha air an drugadh nighean do Shemsedin ann an Cairo, gun rugadh mac do Nuredin ann am Balsora, air an dthugadh Bedredin Hasan mar ainm.

Leis cho aoibhneachsa bhan t-ard chomhairleach ann am Balsora gun drugadh ogha dha, thug e cuirm mhor do mhaithean abhaile, agus thug e tiodhlacan do na bochdan. Agus a chum gun nochdadh e do Nuredin gun robh meas mor aige air, chaidh e don luchairt far an robh an righ, agus ghuidh e gu h-umhail air guu deanadh e Nuredinna ard-chomhairleach, a chum gum biodh de thoileachadh aigefhaicinn anns an dreuchd urramach so mun faigheadh e fhein am bas.

Bha meas mor aig an righ air Nuredin riamh on latha chunnaic en toiseach e, agus on a bha gach neach a chuir eolas air alabhairt gu math uime, rinn e mar a ghuidh an t-ard-chomhairleach air, agus dhordaich e do Nuredin trusgan ard-chomhairlich a chur uime.

Air an ath latha, an uair a chunnaic an t-ard-chomhairleach a chliamhuinn air cheann comhairle an righ, far am bu ghnath leis fhein a bhith, agus cho ordails a bha edeanamh a dhleasdanais, bha e cho aoibhneachs a burrainn a bhith. Rinn Nuredin a dhleasdanas cho maths gun saoileadh duine sam bith gun robh e fad uile laithean a bheatha anns an dreuchd. Lean e air a bhith suidhe air cheann na comhairle o am gu am, an uair a bhiodhathair-ceile ann an droch shlainte tre anmhuinneachd na h-aoise.

An ceann cheithir bliadhnana dheigh sin dheugathair-ceile. Aig am a bhais bha e ro thoilichte gun robh a chliamhuinnna dhuine ro urramach, agus gun robh a h-uile coltas gum biodhogha, nam biodh e beo gu aois fearachais, ’na dhuine measail, cliuiteach mar an ceudna.

Chuir Nuredin an gniomh an dleasdanas deireannach dhaathair-ceile ann an spiorad graidh is taingealachd.

An uair a bha Bedredin Hasan seachd bliadhna doaois, fhuaradh fear-teagaisg dha cho maths a bha rifhaighinn. Bha e air a theagasg anns gach foghlum a bha freagarrach air son a shuidheachaidh. Bha ena leanabh cho turail, glic, geur-chuiseach, agus cho math gu foghlum a thogail ri leanabh a burrainn a bhith.

Bha Bedredin Hasan da bhliadhna fo theagasg an duine so, agus cha be mhain gun leughadh e an Coran gu math, ach dhionnsaich e air a theangaidh e mar an ceudna. ’N a dheigh sin fhuaradh luchd-teagaisg eile dha, agus thainig e air aghart cho math ann am foghlums gun robh e lan-ionnsaichte aig aois da bhliadhna dheug. Aig an am so bha e cho maiseachna ghnuis, agus cho tlachdmhor anns gach doighs gun robh gach neach a chitheadh e agabhail tlachd dheth.

Gus an drainig e an aois so, cha dthugadh an lathair uaislean na cuirte e. Ach a nis thugadh don luchairt e, a chum gun tugadh e pog do lamh an righ. An uair a chunnaic an righ e, nochd e gun robh meas mor aige air. Ghabh an sluagh a chunnaic air na sraidean e tlachd mor dheth, agus thug iad mile beannachd dha.

On a bha toil aig athair gum biodh ena ionad fhein an deigh a bhais, rinn e gach ni a ghabhadh deanamh a chum a dheanamh freagarrach air son an dreuchd aird agus urramaich sin. A dhaon fhacal, rinn e gach ni a ghabhadh deanamh a chum a mhac a chur air aghart anns an t-saoghal. Ach an uine gun bhith fada, thainig tinneas trom air; agus an uair a thuig e nach robh am bas fada uaithe, rinn e deiseil air son abhais.

Anns na laithean deireannach cha do dhichuimhnich e a mhac Bedredin. Chuir e fios air a dhionnsuidh taobh na leapadh, agus thuirt e ris, “A mhic, tha thufaicinn nach mair an saoghal so ach uine ghoirid; chaneil ni sam bith a mhaireas ach an saoghal a dhionnsuidh am bheil misedol gun dail. Feumaidh tu, air an aobhar sin, deanamh deiseil a so suas gus an saoghal so fhagail, mar a tha misedeanamh. Feumaidh tu ulluchadh a deanamh gun ghearain sam bith, a chum nach bi do chogaisg ad agairt air son nach do chaith thu do bheatha mar dhuineonarach. Fhuair thu eolas o do luchd-teagaisg mu thimchioll nan nithean a bhuineas don fhior chreideamh. Agus a thaobh nan dleasdanasan a tha mar fhiachan air daoine onarach a chur an gniomh, bheir mise beagan fiosrachadh dhut, agus tha min dochas gun dean thu feum math dheth. On a tha e feumail gum biodh fiosrachadh aig duine mu thimchioll fhein, agus o nacheil e comasach dhutsa am fiosrachadh so fhaotainn gus an innis mise dhut e, innsidh mi nis dhut e.

(Ri leantuinn.)


Cairistiona (aleughadh)— “Tha na luchan gle dheigheil air ceòl, agus thig iad cho teann air agus is urrainn daibh?”

Fear an tighe— “Gearr as, agus cuiridh mi gu caileag Iain Bhainsan ath thigh e.


Cuir a dhiarraidh MHIC-TALLA.



[399]

[Vol . 6. No. 50. p. 7]

Tha iad ag radh gu bheil an carbad-iaruinn, an deigh an 20mh latha dhen mhios so, gu bhifàgail abhaile so aig ochd uaireansa mhaduinn, agus a tilleadh mu naodh uairean feasgar. Bidh sin moran nas fhearr na mar a tha e ruith an dràsda.

Chaidh gillòg dam bainm Iain H. Domhnullach, a mharbhadh anns aMheinn a Tuath a sheachdain gus an diugh. Bha efuasgladh da charbad guail o chéile, agus air dòigh eigin chaidh a cheann an sàs eadar aon de na carbaid, a bha air ghluasad, agus posda bha ri taobh an rathaid. Cha robh e beò ach fhadsa bhatarga thoirt dhachaidh.

Thainig bàs gle aithghearr air an Urr. Fionnladh Siosal, SagartGlace Bay.Ghabh e droch cnatan o chionn ùine ghoirid air ais, agus chaochail esa mhaduinn Di-haoine, air an t-seachdain sa chaidh. Bha e ann am paraisteGhlace Bayre choig bliadhndeng. Rugadh e air an Amhuinn Duibh, an siorrachd Antigonish; cha robh e ach leth-cheud bliadhnasa h-aon a dhaois. Bha a chorp air a ghiulan gu Antigonishsa mhaduinn Di-luain, agus air adhlacadh an sin. Chaidh àireamh mhor do mhuinntir a pharaiste, agus de dhaoineile air adhart dhionnsuidh an adhlacaidh.

Fhuair na Stàitean seachd mile fichead saighdear a chur air tir ann an Cuba air an t seachdain so. Tha cabhlach nan Stàitean fhathast aig beul acarsaid Santiago, agus cabhlach na Spàinne a stigh as am fianuis. Thug ceannard nan soithichean Geancach ionnsuidh air an acarsaid a dhùnadh suas le bàta guail a chur fodha ann an àitesam bheil i gle chumhang. Chaidh ochdnar dhaoine treuna air adhart leis abhàta, agus chaidh aca air a cur fodha direach far an robh iad ag iarraidh. Loisg na Spàinntich orra, ach cha deach a leon ach a dithis. Chaidh an glacadh uile, agus tha iad a nise air an cumail mar phriosanaich cogaidh; bha an gniomh a rinn iad cho treuns gu bheilear abuntainn gle chaoimhneil riutha. Bha beagan sabaid air a dheanamh toiseach na seachdain so anns an àite cheunna, ach cha robh buaidh mhor air taobh seach taobh. Tha Santiago air a dhion le àireamh de dhaighneachdan làidir, agus bidh e gle dhoirbh do arm nan Stàitean an t-àite chosnadh.


LEABHRAICHEAN GAILIG.

Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. MacIlliosa 1.10
Gaelic Class Book .35

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte.
Sgriobh gu
J . G. MACKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney, C. B.


J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsas fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B


AN T-AITE
Anns an Ceannaich thu
Suic agus Iaruinn Cruinn, Creamers, Soithichean Bainne, Airneis-taighe, Stobhaichean, Flur, Min, etc., etc.
An Stor aig
ISAAC GREENWELL,
SIDNI, C. B.


THAN T-EARRACH
air tighinns an Samhradh gle fhaisg air laimh. Ma tha thu air son Deise no pairt de dheise fhaotainn, taghail aig
Niall Mac Fhearghais,
an Taillear,
agus gheibh thu do dheagh riarachadh. Tha na h-Aodaichean a thaige math, ’s bidh iad an an deanamh a cheart cho math.
CordaidhObair Riut.


Gabh Deagh Chomhairle
agus ceannaich gach bathar a bhios a dhith ort bho
MATHESON , TOWNSEND & Co.

Tha stoc mor aca de Bhathar Tioram, Amhlan, Ti, Siucar, Siabunn, agus gach ni eile air an cuir tigh feum.

Tha Adan, Bonaidean, Fluraichean, Itean, agus gach ni mar sin aca do na caileagans do na mnathan.

Tha gach ni a thaca dhen t-seorsas fearr, agusga chreic cho saorsa ghabhas deanamh.

Cha chosg e sion dhut am bathar fhaicinn; bidh na cleirich gle thoileach a shealltuinn.


Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIGOs cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C B.


D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C. B.


BADDECK , - - C. B.
Airson a stor a dheanamh nas deiseiles nas feumaile dhaibhsan a thadeanamh gnothuch ris, tha
Albert I. Hart
anise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha achuid sin den ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am BostonsanNew York.Gheibh iadsan a thig ga h-ionnsuidh an
DEAGH RIARACHADH.
BADDECK , - - C. B.


THA EARBSA
aig daoine ann am maidsichean Eddy— ’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha coltach ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum.

Than t-ainm so na urrais air mathas.

THE
E. B. EDDY Co., Limited,
Hull, Canada.



[400]

[Vol . 6. No. 50. p. 8]

Laoidh.

(Air a leantuinn.)

Anns an t-saoghal bithidh amhghar agaibh; ach biodh deadh mhisneach agaibh, thug mise buadh air an t-saoghal. —Eoin, xvi: 33.

S anuair a ghabh e feoil air,
Bha doruinnean gu tachairt air,
S gun rumsan tigh-òsda
Aig an òigh, chaidh sud bhachdadh dhi.
S ged bu mhac e, dhfhoghlum e,
Umhlachd thoirt don òrdugh,
Nuair chaidh e sios do Iordan
Gu Eoin a chum a bhaisteadh leis.

S mun deach e gu gloir,
Bha e comhla ri chuid dheisciobuil,
S e maille riuthacomhradh,
Na shuidh aig bord na suipeireach;
Sann dhàithn e sud mar ordugh,
Gu fhrithealadh an còmhnuidh,
Gun tigeadh e fa-dheoidh
Anns na neoil a chum a fiosrachadh.

S on tha an obair criochnaicht’,
Is riarachadh aig ceartas,
Leis a neach a phaigh na fiachan
S nach iarr e dad o pheacairean,
Ach umhlachdthoirt don riaghailt,
A ta na fhocal sgriobhte,
S do mheudsa thig ga iarraidh,
Tha bainne is fion a nasgaidh dhoibh.

S tha cuirm do nithibh àraidh
A ghnath don dream a ghabhas ris,
A ghairm thug e gu cairdeil,
S bha pairt is cha do ghabh iad e.
Ach chuir e muinntir araidh
Ga tional bhar na sraidibh,
S ged rinneadh mar a dhaithn e
Tha fathast àite falamh ann.

Ach cia margheibh mo sheòrsa-sa,
Coir air a bhi maille ris,
Nuair chaith mi laithean mòige
An goraichis ri amaideachd.
Achsann a tha mo dhòchas,
San Ti don ainm Iehobha,
S on rinn e fhuil a dhòrtadh,
Tha trocairean gun cheannach ann.

Ach cliù a bhi don ghradh,
Tha do ghne cho eadar-dhealaichte,
S nach dinntrig ann a nadur,
An airde thann a bhreathnachadh.
Tha doimhne, ’s fad is leud ann,
Tha e gun tus, gun chrioch air,
Sann dhinntrig e rùn siorruidh,
Na Trianaid uile-bheannaichte.

Ach cia mar ni mi cainnt air
S mi manntach ann a labhairt air,
A ghradh a tha do-rannsaicht’,
Gun cheann air tha e maireannach.
S mun robh na cnocaibh ann,
S mun do shuidhicheadh na beanntaibh,
Na toibrichean, na doimhne,
Cho fada thalls nach aithne dhomh.

Ach goirear focal dheth,
S tha sloigh na nèamhan umhail dha,
S tha bhriathran air an seuladh
Le spiorad fein, oir thubhairt e,—
Gu dealaicheadh na sleibhtean,
Rim bunaitibhs ran steidhidh,
Mum fag e chaoidhs mun treig e,
A mheuds air son an dfhuiling e.

Se charraig esan fhàsach,
Se Mana echaidh ullachadh;
Sen tobar do thigh Dhaibhidh,
S luchd-aitichidh Ierusaleim;
Gu glanadh dhiubh gach càileachd,
Tha ceangailte ri nadur,
Gu dhol a stigh don aros,
Anns nach eil bàs no fulangus.

S a mheudsa lean an t-uan dhiubh,
Sen suaimhneas a bhi maille ris,
On cheannaich e le luach iad,
Cha dean e bhuaidh an dealachadh.
S ged dhamhlacarsan uaigh iad,
Am bàs bidh dhoibh na bhuannachd,
Nuair ni en togal suas leis,
Sa chuartaicheas e dhachaidh iad.

S an uair theid iad thar Iordan,
A dhfhaicinn gloir an fhearainn sin,
Sa shluigear suas an dòchas,
Le seilbh na còir a cheannaich e.
Bidh iad a seinn an òrain,
A chaoidh a bhios mar cheòl dhoibh,
S ag imeachd ann an òrdugh,
Air sraidibh oir na cathrach sin.

S bidh comhliontachd nan aoibhneas,
Sa chaoidh cha bhi iad uireasbhach.
Nuair gheibh iad crùn na h-oighreachd,
A rinn an righ dhoibh ullachadh;
Theid buileach as an cuimhne,
Gach dragh a bheir an inntinn,
S chan iarr iad solus coinnle,
S cha tig an oidhche tuilleadh oirr’.

Tha ghne a thann cho oirdheirc,
S ged labhradh beòil chan urrainn iad,
Le cainnt a chur an òrdugh,
Mu ni cho glòirmhor, urramach,
A dhinntrig ann an tròcair,
Am buadhaibh graidh Iehobha,
S o n tha mi mall an eòlas
Gu tóiseachadh, ’sann sguireas mi.

Rinneadh an laoidh so le Tormad Bàn Mac-an-t- Saoir, a bhafuireach anns a Bheighen Iar, agus a chaochail an sinsa bhliadhna 1896.


Bha tiormachd mhor ann o chionn treis a dhuine air ais, agus bha an talamh ann an iomadh àite gle fheumach air uisge. Bha uisge trom annsa mhaduinn Diordaoin a thug deoch mhath dhan talamh, agus a bheir air fiar us fochann fas gu bras.


FAICEALL
a mhuinntir òga, cha mhair na suilean boillsgeach, no na gruaidhean dearga sin agaibh fada, ma bhios tinneas stamaig oirbh. Ma bha sibh gòrachs ma tha sibh a nise air ur cradh le cion-cnamhaidh, gairmibh gur cuideachadh an lighiche tapaidh sin, K. D. C. Cuiridh e ruaig air an nàmhaid, agus aisigidh e lathaichean briagha, sona dhuibh. Bu choir K. D. C. a bhi anns gach tigh oir leighsidh e gach seorsa tinneas stamaig.

Sampuill de K. D. C. ’s de naPillsa nasguidh
K . D. C. Company Limited, New Glasgow, N. S., and 127 State St., Boston, Mass.


DHIARRAMAID AIR NA GAIDHEIL
s air muinntir eile a tha air sonTypewritera cheannach, iad a dhfheuchainn ainm na
Blickensderfer No. 5,
mun ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35 .00.

Tha seorsachan eil againn cuideachd.

CREELMAN BROS, Typewriter Co.,
15 Adelaide St., East,
Toronto, - - ONT.


BATHAR EARRAICH.

Deiseachan Fhirionnach air $3 .50, $4 .75 agus o sin suas.

Deiseachan Ghillean air $1 .75, $2 .60, $3 .00, $375 agus $4 .60.

Bathar eile a reir sin. Chan eil stor anns abhaile anns am faigh thu BATHAR MATH cho saor.

Tormad Domhnullach,
SIDNI, C. B.


CAIT AM FAIGH MI?
Saibh, Glasan, Luaidhe, Sgeinein, Lainntearan, Sguabaichean, Paipear-tearra, Paipear-tubhaidh.
Olla, Fudar, Glaine, Siosaran, Tairnean, Bucaidean, Tuaghannan.
GHEIBH AIG
C . P. MOORE,
Sidni, C. B.


AIRNEIS TAIGHE,
SOITHICHEAN CREADHA,
BOTUINNEAN agus BROGAN.
Tha stoc mor dhiubh so air ur-fhosgladh againn, agus tha sinn
— ’g an creic
SAOR! SAOR!
SIDNI, C. B. JOST BROS.13 MAIGH, ’98.

titleIssue 50
internal date1898.0
display date1898
publication date1898
level
reference template

Mac-Talla VI No. 50. %p

parent textVolume 6
<< please select a word
<< please select a page