[401]

[Vol . 6. No. 51. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 17 IUN, 1898. No. 51.


MAIGHSTIR GLADSTONE.

Chaochail an duine mor agus ainmeil so. Air feadh gach cearna de rioghachd farsuing Bhreatuinn bha ainmus buaidhean Ghladstone iomraiteach gu leoir. Tha caoidh bhronach air adeanamh a nis do bhrigh gu bheil Uilleam Euart Gladstone tosdach ann an suain abhais, agus gu brath nach cluinnear a ghuth a rithist agus nach tabhair ebheachd seachad mu chuiseanus mu thrioblaidean a tha lan curamus imcheist do chinnichus don t-saoghal. Rugadh Gladstone ann an Libherpool, ann an deireadh na bliadhna 1809. Bha e mar so, faisg air ceithir fichead bliadhnas a deich, an uair a rainig e crioch a reis air an talamh. Is e Albannaich a bhana athair agusna mhathair. Is i bana-Ghaidheal a bha, ann an seadh sonruichtena mhathair. Bhuineadh i do Chlann Raibeirt no do Chlann Dhonnachaidh, ann an siorramachd Rois. Fhuair e measus cuideachadh mor ann an Albainn an uair a bha e aig ceann-riaghlaidh na rioghachd, le bhig innseadh do na Albannaich gur e Albannach a bha ann fein, agus gu robh e fuasach toilichtes proiseil gur e fuil Albainn a bhablaiteachadh a chridhe. Is e smior an t-Sasunnaich a bha ann ann an ionnsachadh, agus anns gach beachd shuidhichtebha aige mun chrunus mun eaglais. Bha athairna dhuine beartach. Chaidh e, am feadh a bha e gle òg, don sgoil chliuteach a tha dluth air luchairt na ban-righ. Ann an Eton, (oir is e so ainm na sgoil,) fhuair e air aghaidh gu tapaidhus gu iongantach. Nochd e gu soilleir gu robh buaidhean inntinn treubhach aige, agus gu robh comas anabarrach aige airson cainntus deasboireachd. Chaidh e bho sgoil Etoin gu oilthigh Ath-nan-damh(Oxford) ,far an do choisinn e cliu ro-mhor airson sgoilearachd. Fhuair e onoir ard, da rireadh, aig crioch a chuairt anns an oil-thigh so. Is e sgoilear gasda a bha ann, agus bha eolas domhainus mionaideach aige air Greugais agus air Laidionn, mar an ceudna. Sgriobh eInventus Mundi,agus leabhraichean eiletha dearbhadh gu cinnteach cia co farsuing agus co pongails a bha an t-eolas a bhuineadh dha. Ged bha, re iomadh bliadhna, obair chudthromach aige ra dheanamh, chum e suas daonnan, deigh ghasda air sgoilearachd. Is ann an uiridh fein, a chuir emach clodh-bhualadh ùr air obair aluinn an Easbuig Butler. Bha e daonnanna sgoilear dichiollach, dealasach, agus bha e min-eolach air na ceistean a bha, o àm gu h-àm, afadadh suas duilgheid, agus iomaguin, ’us stri, am measg daoine foghluimten t-saoghail.

Bha e gle òg an uair a chaidh e don phàrlamaid. Ann an tus a laithean anns apharlamaid, is ann don chuideachd sheasmhach, naTories ,a bhuineadh e. Dhearbh e lesgriobhaidheanus leoraidean, gur ann air an taobh acasan a bha es a bhitheadh e. Bha na beachdan a bha edions a moladhn a òige gu comasachus gu h-ùr-labhrach, gu tur eadar-dhealaichte bho na beachdan a bha aiges a bha e iarrtuiseach a chur an gniomh ann an laithean a chumhachd agus a shean aois. Fhuair e ann an uine ghearr aite measail am measg luchd-riaghlaidh Bhreatuinn. Ma dhfhaoidte, gur en comas geur-inntinneach agus tearc a nochd e mar fhear ard-ionmhais na dùthcha, ’choisinn dha am meas agus am moladhus an t-ainm oirdheirc a bu mhodhas a bfhearr a bha aige riamh. Ghabh e dragh anabarrach ann an oidheirp ghasdarinn e airson eolas mionaideach agus pongail fhaotainn air gach ceairdus malairt; air gach beartaisus dichioll; air gach cisus ain-fhiach; air gach fearannus loch a bhuineadh do Bhreatunn. Is e duine mor, laidir, foghainteadh a bha ann, le gnuis aoidheil, bhoidheach, ’us le cliabh farsuing, laidir. Chunnaic mi fein e aon uair ann an Glaschu, agus fhuair mi sealladh maith dheth, oir bha mi gle dhluth air a charbad anns an robh e. Bha suil gheur, dhubhn a cheann, agus bha iomaireanna aodann, adearbhadh gu drinn e cheana, iomadh obair chruaidh. Bha e ùr-labhrach, ’us deas-bhriathrach. Cha robh anns apharlamaid neach eilelabhradh co maithus co druighteach ris. Ghiulaineadh e leis an sluagh gu leir lechainnt thaitneach, ghreadhnach, agus leis an eudus achumhachadh a bha daonnann a chainntsn a choslas. Mar fhear-riaghlaidh, cha robh e riamh co gaisgeil, neo-sgathach, foirmeil ri Palmerston, anns gach gnothuch a bha aige ri rioghachdan eile, ’s an dion onoirus coirean Bhreatuinn anns gach cearna den t-saoghal. Rinn e mearachd gu tric an uair a bha e aig ceann luchd-riaghlaidh na rioghachd, le bhitabhairt tuilles achoir dam beachdus dan toil fein do righreanus luchd-comhairle rioghachdan eile. Beigin dachuibhrionn fein de dhimeas, ’us de chaineadh, ’us de ghamhlas fhulang, am feadh a bha e, mar bha e fein agus achuideachd acreidsinn, adeanamh leasachaidh feumail. Is ethug on Eaglais Shasunnach ann an Eirinn, an suidheachadh a bha roimhe aice. Thug e uaithe, mar an ceudna, moran demaoinus deh-ughdarras. Thog mile duineghuth an aghaidh Ghladstone aig an àm so. Bha eg a dhion fein lebhi cumail a mach nach robh an Eaglais Shasunnach riamh taitneach do na h-Eirionnaich do bhrigh gur ann le laimh laidir nan uachdaran a bha i air a suidheachadh anns an tir. Is ann don Eaglais Shasunnach agus don chuideachd ard inntebha Gladstone dileas daonnan, agus dan thug eghradh, ’s a speis, ’s a sheirbhis. Bha ioghnadh anabarrach air miltean an uair a thainig eachdraidh beatha Chardinal Manning a mach, gu robh e fein agus Gladstonen an cairdean dileas, gu robh iad le cheilegabhail beachd gu minic air beachdan sonruichte na h-Eaglaise Shasunnaich agus Eaglaise na Roimhe, agus gu robh aon chuid cinnt no dochas laidir aig Manning gu fagadh Gladstone, maille ris fein, an Eaglais Shasunnach.

Ged babhaist do Ghladstonebhicaineadhs a smadadh nan Eirionnach airson gach mi-riaghailt, ’us upraid, ’us othail air am bheil iad aig amannan deigheil, dhatharraich ebheachd gu h-obann; agus gun cead no comhairle nan daoine comasach, uasal a bhariaghladh na rioghachd maille ris, fhaotainn no iarruidh, rinn e suas inntinn gu tugadh e fein-riaghladh do na h-Eirionnaich; —is e sud, parlamaid doibh fein agus comas an gnothuichean fein a riaghladh agus a chumail ann an ordugh. Threig aireamh da luchd-comhairle Gladstone, oir bha iad gu diongmhalta an aghaidh parlamaid a thabhairt do na h-Eirionnaich. Le gaisge dhalma, rinn an sean laoch Gladstone spairn chruaidh airson fein-riaghladh a bhuileachadh air Eirinn. Cha do shoirbhich leis, oir chuir na morairean, le corrus ceithir cheud thairis air na morairean a bha fabharach do Ghladstone, crioch air dichioll an t-seana ghaisgich, agus thug iad dearbhadh follaiseach seachad nach aontaich iad gu brath le beachdan Ghladstone mu dheibhinn riaghladh Eirinn.

Bha Gladstone daonnan direach agus ceartna chaithe-beatha. Bha e ullamh gach uair air cor nan rioghachdan lagadhion, agus air a ghuth a thogail gu duin-



[402]

[Vol . 6. No. 51. p. 2]

eil, dileas an aghaidh luchd an fhoirneirt, agus as leth treubhanus tirean aig nach robh saorsa, no sonas, no sith, no seasgaireachd, on bhan luchd-riaghlaidh co an-iochdmhor, cruaidh-chridheach. Ma dhfhaoidte nach robh Breatunnach air bithna latha fein, air an robh meas co mor ri Gladstone air feadh an t-saoghail. Bha e fuasach caoimhneil agus cairdeil, ’us bha tlathsus ailleachd urramachn a ghnuisusn a chomhluadar gu h-iomlan. Bha iadsan a bha gu tur an aghaidh a bheachdan aghleidheadh suas an cairdeis leis. Is taitneach agus is tiamhaidh a tha na h oraidean a labhair iadsan mu dheibhinn Ghladstone an uair a fhuair e bas; —iadsan a chaidh calg-dhireachn a aghaidh, aig iomadh àmus ann an iomadh cuis. Chuir a bhan-righ agus an duthaich gach onoirus urras air an t-sean duine oirdheirc a chaith a threoir agus a laithean ann an seirbhisna rioghachd. Tha enis aig fois ann an Abaid Iar-Mhinsteir, am measg daoine foghluimte, ’us gaisgeil, ’us treibhdhireach, ’us ceolmhor, ’us ùr-labhrach, ’us ealanta nan linn a bhas a dhfhalbh.

CONA.


MINISTEAR THOM NA CREIGE.

LE IAIN MAC CORMAIG, FIONNAPHORT.

Is fhada on chuala sibh an Sean-fhacal. “Ciad Sagairt gun bhi sanntach,” ach tha cheart fhàilinn anns na ministeirean, agus baithne do chuid agaibh fear dhiuminister Thom na Creige. Bha e air aithris am measg a luchd-eòlas nam biodh nisam bithga dhith nach bann a chionns nach iarradh e e. Cha robh banais aig am bitheadh e nach toireadh e dhachaidhna phòca sgonn cho mór ri foid mòn den bhonnach-bhainnse, a bharrachd air na dhitheadh e, agus be sin barrachd air duine caomaiseach sam bith. Bha e air iomradh nach do mharbh Eoghan Bàn an Lagain, muc riamhnuair a bhiodh gaothn iar ann, a chionn a cheart cho cinnteachsa ruigeadh sgiamhail na muice tigh amhinistear air sgiathaibh na gaoithe, bhiodh am ministear a measg na cuideachd le tuiteamas mur gum beadh, ’s bhiodh a chuid den chuirm aige, cho math ri sgonn den mhuic, a dhol dhachaidh, Ach theab a shannt fhaotainn aon uair ann an dragh. Dònach a bha sin, an deigh na searmoin, ghabh e sràid a sios a dhionnsaidh acheatha, agus m bàta thachair a bhi stigh ach anEalasaid,” bàta Eachainn Ruaidh. Baithne dhaibh air fad Eachannduine cho làn innleachdansa bhan t-ubh den bhiadh. Chaidh am ministear air bòrd, agus chuir Eachann Ruadh fàilte air. Thug e sios da shiòmar féin e agus tharruing e nall botul denbhranndia bfhearr, oir mar is math a bha fios aig amhinistear, bhanEalasaiddìreach an deigh tighinn a nall as an Ollaind. Dhòl am ministear air slàinte Eachainn, agus an uair a fhuair eanail cha do chaomhain e cainnt amoladh abhranndi,” agus leig e ris don sgiobair nach biodh e dad an aghaidh botul a thoirt dhachaidh leis. Cha robh e idir furasda don sgiobair chòir a dhiùltadh. Thug e dha botul agus spar e em pòca-cùil achòta mhòir e. “Saoil thu,” arsam ministear, “a bheil so a sealltainn mi-cheudach?” ’s etoirt sùil thar a ghualainn air earball a chòta, oir bha nis, le cudrom abhotul, an darna taobh a toirt a chudrom as an taobh eile. “Ma ta,” arsgu sgiobair; “tha e gu math éibhinn; ’s ann a bfheàirrde sibh cudrom a bhotuil do rudeigin a chursan taobh eile, shealladh e mòran ni bfheàrr. Nach robh cho math dhuibh am botul fhàgail an nochd agus chuirinn fhéin duine dhachaidh leis am màireach.”

Smaointich am ministear gum bfheàrr aon eunsan laimh na dha dheug air iteig. “Tha e gun teagamh asealltainn mi-cheudach agus mar tha thug ràdh bfheàirre mi cudrom abhotuil de rudeigin air an taobh eile. Chaneil fhios am burrainn thu botul eilesheachnadh?” Cha robh aig an sgiobair ach an darna botul a tharruing a nuassa chursa phòceile. “Nis,” arsan sgiobairnuair a bha iad atighinn a mach as an t-seòmar, ’sam ministear a fhalbh, “tha fear an Tigh chuspain asràideamachd air clàr-uachdar na luinges cha mhath gu mothaich e na botuil agaibh.” “Ubh, ubh! arsam ministeir cha do smaoinich mi air a sin idir, nach bu tàmailteach nam beirte ormsa, ministear na sgìreachd, le mdhà bhotul, “branndiair nach deachaidh riamh cìs a phàigheadh don Bhanrigh.” “Chaneil cùram dhuibh,” arsan sgiobair théid mi fheibh gus am bi sibh a mach á cunnart.” Dhfhalbh na seòid, san uair a bham ministear mu leth cheud slat bhon t-soitheach agus á cunnart mar a shaoil leis, tharruing e osna a ghrunnd a stamaig, ma bha grunnd aice. “ ’Ne e sud am ministear,” arsa fear an-Tigh-chuspain?” ’se sealltainn as deigh an fhir a bhair ttr. “Is e,” arsan sgiobair, “an robh toil agadfhaicinn?” “Ma ta, bha,” arsesan; “tha càraid chloinne agam mu dha mhios a dhaois, agus tha toil agam iad a bhi air am baisteadh. Chaneil mi ach air ùr thighinn don dùthaich sos cha dfhuair mi fhathast eòlas air amhinistear. “Nach ann as fheàrr dhuit ruith as a dheigh,” arsan sgiobair, bithidh e gle thoileach freasdal dhuit uair sam bith.” Am mach ghabh fear an Tigh-chuspain na leum dhearg as deigh a mhinistear. Sheas an sgiobair air clar uachdair na luingese tighinn bho dhruim leis aghaireachdaich, air an eagal a gheibheadh am ministearnuair a chìtheadh e fear nam putan buidhetighinn as a dheigh. Bha am ministear an deigh dol mun cuairt oisinn gàraidhse gearradh bhoicionn mur gum biodh balachan ann, le toileachadh faotainn a mach á cunnart le dhà bhotulbranndi,” ’nuair a chuale fead. Thionndaidh es co chunnaic e tighinn as a dhéigh ach fear an Tigh-chuspain. Thuit a chridhe sìos gu shàiltean. “Leth na bochdainn,” arsesan ris fhein, “tha mi air breith orm an deigh a h-uile rud.” Thainig fallus fuar a mach air a bhathais. Chuir e làmh air a chulaobhs dhfheuch en robh na botuil slàn. Bha iad ann a sud nam fianuisna aghaidh. Dhfheuch e ri coiseachd na bu luaithe agus eadhon ri ruith ach bha na botuil a sadadh a cheile, ’s nam bristeadh iad cha bhitheadh a chùis dad ni bfheàrr. Fead eile. Ach cha do leig e air gun cual e i. Bàil leis gun robh na botuil bhranndisan Ollaind gun fhàgail riamh, ach mu dheireadh thall bhuail fear an Tigh-chuspain a làmh aìr a ghualainn. “Rug mi oirbh mu dheireadh,” ars esan, “chunnaic mi shios aig an t-saothach sibh, ’s bhon a bhan cothrom cho math cha burrainn mileigeil seachadh.” “Gu de an gnothach thagad ruimsa?” dhfheòirich am ministear cho spaireasachs a burrainn da, ach aig acheart ám bha e air chrith mar dhuilleig air craoibh. “Ma ta, ’s en sgiobair thug orm tighinn ás ar deigh, bhruidhinn mi risn uair a chunnaic mi sibh afàgail a bhàta” “Am blaomastair mosach,” arsam minister“ ’s mairg a chuireadh earbsana leithid.” “Tha mi duilich dragh a chuir oirbh air feasgar na Sàbaid.” arsa fear an Tigh-chuspain, “ach cha burrainn mi ur leigeil seachad.” “Nach fhaod thu mo leigeil seachad an aon uair so?” arsam ministear, “cha ruig thu leis a bhi cho cruaidh ormsas a bhitheadh tu air daoineile.” “Chan urrainn mi sin a deanadh. Tha a bhean daonnan air maodann air son a cheud chothrom a gheibhinn a ghabhail, agus smaointich mi bhi agaibh cho luaths a laidh mo shùil oirbh.” “Tuts,” ars am ministear, “gu den gnothach thaig do bhean ris?” “Tha i gabhail gnothach ris dhiu,” arsa fear nam putam buidhe; “chaneil misach mar tha daoine pòsda eile, agas feumaidh mi mo dhleastnas a dheanadh. Chan fhaod mi leis a sin an rud a tha ceart a leigeil seachad.”

S e mar a bha, agus mar a dhfhaodas sibh a thuigsinn, bha an bhotul branndis an leanabhg an amaladh a measg a chéiles cha robh an darna fear idir atuigsinn an fhir eile.

Ach seall thusa so,” arsam ministear, ’s e feuchainn ris a ghnothach a reasonachadh a mach air a thaobh fhein, mar a bfheàrr a dhfhaodadh e, “Chaneil peacadhs am bithsa chùis.” “Tha fhiosam air a sin gu math.” fhreagair fear an Tigh-chuspain. “Faodaidh e bhi gur cionnta thann ann an sùil an lagha,” arsam ministear. “Cha chionta e nis ma tha neach pòsda,” arsa fear an Tigh-chuspain.

Cha robh am ministear idir a tuigsinn ciod a bu chiall den ghnè bhruidhne so, agus cha mhor direach nach dadaich echionta, ach chuir ebheul ri cluas fear an Tigh-chuspain agus arsesan ann an cagar— “Nach ann as fhearr dhuinn fear an t-aon a bhi againns gun an corr a bhi air?” “Ciod a tha sibh ag ràdh?” arsa fear nam putan buidhe, “bheil sibh am beachd gut h-amadan minuair a dhiarraibh sibh a leithid orm.



[403]

[Vol . 6. No. 51. p. 3]

air an t-saoghal a dheanadh a leithid sin do rud?”

Ma ta,” arsa ministears a chridhe air tuiteam gu bonn a choise, agus bannamh leis fàilneachadh, “tha cheart cho math dhomh an fhirinn aideachadh— “chaneil ann ach an dithiss e bualadh a laimh air cùl a chòta. Tha fhios gun dinnis an sgiobair sin duit cho math ris a chòr, agus tha iad cho coltach ra cheile ri sgadan.” “Tha sibh ceàrr, cearr an sin,” arsa fear an Tigh-chuspain; “chaneil fhios aig an sgiobair air dad mun chùis. ’S e dithis a thann gun teagamh ach chaneil iad coltach ri chéile chionns e caileag thasan dàrna h-aon agus balachansan t-aon eile, agus tha iad le cheile ruadh mar tha mi fhein.”

Bham ministeir dall, bodhar; cha burrainn da thuigsìnn ciod a bhan duine ciallachadh. “Tha duil agum fhein,” arsesan, ’nuair a fhuair e comas bruidhinngur ann a bruadar a tha thu.” Chan ann idir,” arsa fear an Tigh-chuspainn, “ ’s coltaiche gu mor sibh fhein a bhi bruadar, ’nuair tha sibh ag iarraidh orm mo charaid cloinne a roinn.” “Càraid cloinn!” arsam ministeir, “ciod e chlann tha thug ràdh?” “Nacheil,” arsa am fear eile, “a chlann tha toil agam a bhaisteadh.” “A chlann tha toil agad a bhaisteadh,” arsam ministear, “cha do thuig mi gus a so ciod a bha thu aciallachadh. Nacheil fhios, ’ille mhath gum baist mi chlann, agus bithidh mi agad tràths an fheasgar Di-ciadain sotighinn. Tha thu ad chreideas mor don t-seirbheissa bheil thu, agus tha min dochas gum faigh thu air daghaidh. Oidhche mhath leat!”

Nuair a dhealaich iad ra cheile thionndaidh fear an Tigh-chuspain agus arsesanA mhinisteir chi mi sgòrnan botuil a steòcadh a mach ás ar pòca; feuch nach caill sibh e!” —Highland News.


DROBHAIREACHD DHOMHNUILL-NAM-PRATAN.

LE AONGHAS MAC EANRAIG.

Chaneil dùil am fhéin, a Sheònaid,” arsa Dòmhnull-nam-pratan, “bhon a tha am mart cutach air tighinn gu greis aois, agus bhon a than fhaidhir ribhi aig Druim-nan-damh am màireach nach feàrr dhuinn feuchainn rifaighinn bhuainn, agus ri as òige fhaotainnn a h-àite. Leis gum bheil in ceart-uair seasg, gun laogh gun bhainne bithidh greis mum bi cothrom cho math againn air a faighinn bharr ar làimh.”

Tha am mart, gun teagamh, air fàs glé shean,” fhreagair Seònaid; “fhuair mi fhéin mar thochar i, ’s in a gamhainn, ’n uair a phòs mi thusa; agus leis gum bheil sinn naoi-bliadhn’ -diag pòsda, tha am mart cutach astreap gu math ri fichead bliadhna. Achd é thu ga reic; chan fhaigh thu na bheir builionn gad chù oirruile gu léir; ’s tha fhios agad nach urrainn duinn airgiod a chur a mach a cheannach mart eile, ’n ceart-uair, mura cuir sinn as na clachan e. Olc no mathNoragchutachs fheàrr dhuinn ibhi againn nom feurach a bhi rùisgte.” “Coma leat-sa sin,” arsa Dòmhull; “seanus cutach mar a thaNóragcuiridh mi geall gun dean i urrads a cheannaicheas am mart as eangarrabhios air an fhaidhir.” “Ubh, ùbh!” arsa Seònaid; “bithidh agad, ma , adhaircean ùraus iorball dosrach a chur oirre an toiseach. Ach dean thusa, ’ghaolaich, mar achi thu freagarrach.”

Mar so, chaidh a shocrachadh gun rachadhNóraga chur air falbh.

Thoir thusa, ’Sheònaid, an crùisgean a mach don bhà-thigh, gus am faigh sinn am mart a chur air dòigh air son amhargaidh. Tha rud no dhà ri sealltuinnn a dheigh mun téidear gu féill le mart cho sean riNoraig, ’” thuirt Dòmhnull.

Nis, chaneil duines am bith a thagabhail air a bheag nomhór de dheòlas a bhi aige air spréidh, aig nacheil fios mar as sine mart gurh-ann as muthabhios de dheagann a h-adhaircean, agus gurh-ann as caoile bhios buin nan adhaircean aice fàs. Mar so, leis gun robhNòragfichead bliadhna cha robh cunntas air na bha de dheagan anns gach adhairc aice, ’s bha am buin cho caol ri casan feannaige. Ach cha do chuir so iomagain no -ghean air Dòmhnull. Thug e leis eighe agus dhoibrich e air na h-adhaircean aice gus an robh iad cho mìn réidh ri feadhainn trì-bhliadhnaich; ach ge boil leis cha b urrainn da thoirt oirre gun a bhi coimhead geal neo-shlìogach, air bheag de shlios no de loinn. Ach fhuair e beagan de dhùilleadh ròin, ’us shuath e riutha e gus an robh iad co sliosachs gum faiceadh tu dfhaileas annta.

Air mfhacal,” arsa Seònaid, ’n uair a bha Dòmhnull réidh de ghiollachd nan adhaircean, “gur tu am balach; chan aithnichinn gur h-in t-aon mart a thinnte idir. ’S in ath cheàird ris an teann thu tòiseachadh na spàinean. Ach cha bhi na dròbhairean toigheach oirre leis gum bheil i cutach. ’ thu ris asin?” “Stad thusa,” arsa Dòmhnull, ’s e tachas a chinn, ’s a dlùth-amharc air an làr; —tha mi aigeThan t-iorball aigUin-a- buidhedol focasan co dhiu, leis cho fadas a tha e. ’Seni mi bheir mi sgonn deth agus ceanglaidh mi e ri iorballNóraige’; ’s cha bhi duine air faidhir Dhruim-nan-damh am màireach a dhaithnicheas nach e fàs oirrerinn e.”

Fhuair e deamhas agus sgud e dos math den iorball bharrNin-a- buidheagus cheangail e le ròiseidus le sreang chruaidh chòrcaich e riNóraig.” ’N uair a fhuair em mart a chur mar so ann an òrdugh sgoinneil air son na faidhreach chaidh elaidhe.

Moch an lar-na-mhàireach bha e air a bhonn, agus fhuair e gach cuis deas air son tarruing orra gu Druim-nan-damh. “Tha mi cinnteach,” arsa Seònaid, “gum feum thu am beagan airgid a tha stigh a thoirt leat air son a chur ris na gheobh thu airNóraiggu mart eilecheannach,” “Cha toir sgillinn; cha ruig mileag,” fhreagair Dòmhnull. “ ’S mairg a thuirt Dòmhnull-nan-pratan riumsa mur dean mi seòl air mart òg a thoirt dhachaidh air prìs seann .”

Mu dheich uairean thog e air, ag iomainNoraigair thoiseach air. Cha robh smuairean no iomagain air ged is e aois fichead bliadhna a bha dol a sheasamh amhargaidh dha; ’an àite sins ann a bhahùgaigair gabhail duanaig do t-seana-mhart mar so:—

“ ’Nórag chrom, chrogach chrom,
Nórag chroms beag mo thlachd dhiot;
Nórag chroms i gun aoidh,
S clàr a h-aodainn air seacadh.

Nórag chiar, lachdunn, ghnù,
S beagtha shùgh ann ad chraicionn,
Ged gheobhainn ceathramh dhiot ùr
Bfhearr learn ùnsa tombaca.

Gedthuirt iad nach robh thu caoin,
Chan in aois a chuir as dhuit;
S ma tha thu car caol de dhfheòil
Tham pailteas treòir ann ad chasan.

Ged tha sgonn den iorball dhìot,
Cha lughaid do phrìs e tasdan;
S a dhaon mheang a thann ad bhàrr
Chan fhaodar le càch gum faicear.”

N uair a ràinig e an fhaidhir bha ioghnadh mòr air nach robh gin de na dròbhairean atoirt sùil idir air amhart a bhaige-san. Rachadh iad seachad a sìoss a suass cha ghabhadh iad orra gun robh iadg a faicinn. Mu dheireadh thàinig gille òg spaideil a bha air ùr thòiseachadh air an dròbhaireachdmac do fhear Bhaile-nan-each, aig an robh urrad mheas air fhéins ged a biarla e, —thàinig enalls dhfharraid e de Dhòmhnull bha eg iarraidh air an agh! “Tha deich puinnd Shasunnach,” arsa Dòmhnull, “ ’s cha toir mi seachad sgillinn fodha sin e.” “ ’ an aois a tha e,” dhfheòraich an gille. “Bha e trì bliadhna toiseach an Earraich,” fhreagair Dòmhnull. “Cha chreid mi nacheil e tuillidhus sin,” thuirt an t-òganach. “Ma dhaithnicheas tusa beathach,” arsa Dòmhnull, “chan abair thu gum bheil e nas sine na tha miseg ràdhainn.” “Neor thaing murh-aithnich mi beathaichean,” arsan gille; “Moire, aithnichidh mi iad tuillidhus math, ’nis, air mo chosg. ’ chuir bàrr an iorbaill aige buidhes an còrr dheth glas.” “Chaneil fhios agamsa,” arsa Dòmhnull; “sin mar a chinn e.” “ ’S neonach mar a chinn e,” thuirt an dròbhair. “Chinn e mar a chunnaic -math iomchuidh,” fhreagair Domhnull. “Tham beathach fuathasach caol; cha dfhuair e ach an droch gheamhrachadh,” arsan gille. “ ’S ann mar sin is fhèarr a shamhraicheas e,” fhreagair Dòmhnull. “U, ’s ann!” arsan t-amadan bochd. “An gabh thu naoi puinnd Shasunnach air ma ?’ “Cha ghabh,” arsam fear eile; “ach ni mi so riutbheir mi dhuit air deich e.” Tham beathach smearail bòidheach, ’s bhon a tha min déigh soin a ghabhail dheth bheir mi naois a coig-diag air,” arsan gille. “ ’S e do chuid e, ma ,” arsa Dòmhnull, “agus is maith an cùnnradh a fhuair thu.”

(Air a leantuinn air taobh 406.)



[404]

[Vol . 6. No. 51. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, . . . $1 .00
Sia miosan, . . . .50
Tri miosan, . . . .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig garn ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,’
Sydney, Cape Breton


SIDNI, 17 IUN, 1898.

LITIR A CEAP NOR.

A MHIC-TALLA NAN CREAG, —Ged tha mise a nis a teannadh ri sgriobhadh ad ionnsuidh, ’s beag a tha dhfhios agam ciod a sgriobhas mi, ach coltach ri MacIlleasbuig ni mi cho maths a dhfhaodas mi.

Tha ena fhior thoileachadh dhuinn a bhi leughadh nan litrichean gasda tha thu giùlan a dhionnsaidh do luchd-leughaidh gach seachdain. ThaConagu h-àraidh ri mholadh air son cho ro-chuimhneachs a tha e air a bhi toirt dhuinn am briathran soillear, òrdail, cunntasan brioghmhor air gach cearna fa-leth den t-saoghal. Tha mi faicinn nach robh e idir acreidsinn gun tòisicheadh cogadh eadar na Stàidean agus an Spàinn aig an àm so, ged bha na Stàidean cho bagarrach. Ach faodar a radh ris, mar thuirt Domhnull ri Calum. Bha Domhnull a sgròbail air an fhiodhaill agus e gun eòlas sam bith aige air fìdhlearachd. A deigh do Chalum a bhi tacan ag éisdeachd, thuirt e: “Aidh, a Dhomhnuill! cha robh fios agam gun robh thusad fhìdhlear idir!” Fhreagair Domhnull, “Tha fios agad a nis air!” CreididhConacòir a nis gu bheil an cogadh amaideach ud air tòiseachadh cheana, oir chan eil teagamh ri chur ann, marbha ri chur am fìdhlearachd Dhomhnuill.

Faodaidh e bhi gun dean an cogadh so feum do na Cùbaich bhochda, agus mar an ceudna do luchd-àiteachaidh nan Eileanan Philipeach, agus bu mhath gun tachradh sin; ach tha iolach-catha nan Stàidean, “Cuimhnichibh am Maine,” maille ris na tha de dhfhoirneart agus de mhi-riaghailt air a cheadachadh an taobh a stigh da criochaibh féin, a nochdadh gu soillear nach e uile gu leir na tha de thruas aice ris na Cubaich a chuir an tràs a chogadh i, ach fior naimhdeas ris an Spàinn agus dian-shanntachadh a cuid fearainn céin. Tha cuid dhen bharail ma theid leatha gu maths a chogadh so, gur gearr an ùine gus an toir i ionnsuidh air Canada a cheannsachadh, agus a h-aonadh rithe féin. ’S dòcha gu bheil i amaideach gu leòr air son sin a dheanamh, mar a dhfhaodar a bharaileachadh lecuid maoidheadh cogaidh air Breatunn, gun aobhar, o chionn bliadhna no dha air ais. Ach, ma ni ise sin, gheibh i mach nach eil a cuid cogaidh ris an Spàinn ach mar chluich cait ri luch leòinte, an coimeis ris an t-sàruchadh a gheibheadh i an spògan an leomhain Bhreatunnaich. Cha chreid mi nach eil sid gu leòr mu thimchioll a chogaidh mhosaich so, a thatogail pris a bhidh co àrds gum bi gu leòr aig cuid de dhaoine bochda ra dheanamh, mas urrainn iad fhaotainn cruinn dheth na chumas an deò annta. Chan eil teagamh, ged tha an cogadh calldach dhuinnes an dòigh so, nach bi e gle bhuannachdail dhaibhsan a tha togail moran barra an cearnan eile den uachdranachd, agus cha mhisde leamsachùis a bhi mar sin; ach gu firinneach is i mo bheachd gur malluichte an duine non rioghachd, a mhiannaicheadh cogadh fuilteach air sgath am buannachd fein.

Than aimsir air fàs blàth a nis, ’s chan eil an droch fheum air, oir bha deireadh Aprail agus toiseach a mhios so fuar agus rapach. Cha drinneadh moran tuathanachais an so fathast. Cha do chuireadh pòr sam bith ach buntàta.

Tha tri seachduinean air dol seachad o sgriobh mi na thair thoiseach air so den litir so, agus is iomadh caochladh a ghabh àites an t-saoghal on uair sin. Ann an tigh Alasdair Dhomhnullaich, an coimhearsnachs dlùithe dhomh, dheug dithis leanaban an taobh a stigh do thri latha. Than t-aon leanabh a dhfhàgadh, naoidhean òg, euslaint a nis, agus chan eil e gle choltach gum faigh a mhàthair thairis air a tinneas fein. ’S e na trioblaidean so a bhac mi on litir a chur air adhart roimhe so, agus a dhfhàg mi air bheag sùnnd gu mo lamh a chur ri obair sam bith. Rinn mi togail ri litirBodachan aGhàraidhanns a MHAC-TALLA a fhuair min raoir. Gu ma fada beò e gu bhi coimhlionadh agheallaidh, agus sinne gu bhi faicinn agheallaidh air a choimhlionadh. ’S eiginn sgur. Is mi do charaid dileas,

M. D.
Ceap Nòr, Iun 2, ’98.


BHO ALASDAIR AN RIDSE.

IAIN, A CHEIST: —Gheibh thu dolar am broinn an rola so air son bliadhneile dhen MHAC-TALLA. Tha dùil agam a bhifaighinn aphaipeir sin fhadsa bhios mi beò. Chan eil fhios am bi sin ro fhada, oir tha mi seans chan eil mi ann an deagh shlàinte aig an àm so. Ach faodaidh mi radh mar a thuirt an nighean ris achaillich a bhagulnuair a chaochail am bodach. “Uistibh, a bhean,” ars ise, “fhuair sibh roinn mhath dheth,”

ALASDAIR AN RIDSE.
Braigh Amhuinn a Deas Antigonish, Iun an 8mh, 1898.


Tha riaghladair Santiago atoirt cuireadh do na Stàitean ceud gu leth mile saighdear, no a cheithir uiread sin na thoilicheas iad, a chur do Chuba. Tha eg radh gun dean an cuirp deagh leasachadh don fhearann.


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.

Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach.

TRIUBHSAIREAN BHO $3 .00 SUAS.

Niall Mac Coinnich,
Sidni, C. B.


C . H. HARRINGTON & CO.
Flur, Min, Ti agus Siucar dhen t-seorsas fhearr.
Soithichean Glaine agus Creadha, math agus saor.
Brogan, Botainnean, Rubbersagus Caiseart de gach seorsa
GAN CREIC SAOR.


BATHAR CRUAIDH.

Tha mi a nisecumail Bathar Cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh, Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gun taghal thu orm. Tha mi, mar a babhaist, acreic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha micreic gach ni gle shaor.

AONGHAS MAC LEOID,
Sidni, C. B.


H. D. Mac Ille-Mhaoil,
Stewartdale , C. B.
Cloth,Drogaid, agus PlaideachanEureka.”
Mu dheich air fhichead seor sa aodaichga chreic.
Cloimh air a gabhail an coinneamh Aodaich.
MA tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige neo sgriobh uige.



[405]

[Vol . 6. No. 51. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Bha teine mor ann am baile anns na h-Innsean an Ear, ris an canar Peshawar, air an t-seachdain sa chaidh, agus bha ceithir mile tigh air a losgadh. Tha an call gu h-iomlan air a mheas aig fichead millean dolair.

Tha mu dheich mile fear-lagha acriochnachadh am foghlum anns na Stàitean na h-uile bliadhna, agus ma leanas iad air a dhol an lionmhoireachd mar sin, chan fhada gus am bi an dùthaich beò leotha. Cha bolc an gnothuch do Riaghladh nan Stàitean, àireamh mhiltean dhiubh a chur air falbh don chogadh.

Bha da chorp air an toirt a stigh do Thruro, a sheachdain gus an diugh: daoine a chaidh a mharbhadh air an rathad-iaruinn. Bhuineadh fear dhiubh dam bainm Boutilier do Cheap Breatunn. Bha am fear eilena fear-obrach ann am muileann sabhaidh. Cha bann cuideachd a bha na daoine idir. Chaidh duine eile a mharbhadh aigGloucester Junctionair an latha cheudna.

Thathas a glacadh moran adaig timchioll airIsle Madameo chionn seachdain no dha air ais. Tha na h-iasgairean cheanan deigh a dheich uireadsa bàbhaist dhaibh a ghlacadh. Tha eadhon na gillean atoirt gu tir uiread ri mile adag an aon latha. Tha so adol a dheanamh timeannan gle mhath do mhuinntir nan cearnan sin den eilean, oir is iasg an adag air am faighear deagh mhargadh aig àm sam bith.

Di-ciaduin sa chaidh, chuir an t-Urr. D. I. Mac-an-Tòisich, sagart Sidni Tuath, crioch air a chòigeamh bliadhna fichead deshagartachd. Thug mhuinntir apharaiste an latha sin sporan òir dha mar ghibht, agus liubhair iad òraid bhriagha dha. Bha an t-Urr. A. F. Mab-Gille-bhràth, sagart Bhaoghasdail, coig bliadhna ficheadna shagart air an latha cheudna, agus bha òraid chiatach air a toirt dha leis an t-sluagh.

Thainig frasan briaghuisge o chionn seachdain air ais, a rinn feum mor don talamh, a bha roimhe sin gle thioram. Bu chòir don fhiars don fhochann fàs math a dheanamh a nise. Tha gach seòrsa barra air deireadh air mar a bha iad aig an àm so an uiridh, ach ma leanas side fhabharach faodaidh iad fhathast a bhi ceart cho mathsa bha iad an uiridh, agus ma bhitheas iad sin, cha bhi moran aobhar gearain aig muinntir na dùthcha so.

Chaidh fiach còrr us da cheud mile dolair de dhim a thoirt gu Halifacs an uiridh, á roinnean Ontario us Chuibeic. Bu chòir dha so sùilean a thoirt do thuathanaich Nobha Scotia agus Cheap Breatunn. Nam biodh an cuid ime-san cho math air a dheanamh ri im nan roinnean ud, gheibheadh e margadh ann aHalifacs air toiseach air im sam bith eile. Chan eil ach dùthaich gle ainneamh nas fhearr air son deanamh ime na an dùthaich so, agus iadsan nach eil adeanamh im math, chan eil an leisgeul ri ghabhail idir.

Tha sinn gu mor an comain na feadhnach a chuir ugainn pàigheadh aphaipeir air saileabh na litreach a chuir sinn a mach leis an àireamh sa chaidh, agus tha fhios againn gu bheil àireamh mhor de ar leughadairean adol a dheanamh acheart ni gun dàil. Na deanadh neach sam bith nach do phàigh, a chùis a chur uaithe fhéin. Tha dòchas againn gun dean na Gaidheil air a bhliadhna so, nas fhearr ris aMHAC-TALLA, am paipear fhéin, na rinn iad riamh roimhe. Bha na Gàidheil o shean dileas dan cainnts dan dùthaich; ma tha Gàidheil an lathan diugh dileas dan dùthaich no measail air an cainnt, chan eil dòigh air an fhearr is urrainn dhaibh sin a nochdadh na ann a bhi cumail suas MHIC-TALLA. Tha dòchas làidir againn gun dean iad sin.

Chaidh soitheach a mhuinntir St. Pierre a ghlacadh ann am Margaree, air a 5mh latha dhen mhios so, air son a bhi bristeadh air lagh na cuspuinn. Bha roinn mhor de stuth làidir air bòrd aice. Chaidh a toirt gu Arichat.

Bha mearachd anns achunntas a thug sinn anns an àireamh mu dheireadh, air bàs Aonghais Dhomhnullaich, a chaochail ann aHalifacs beagan ùine air ais. Thuirt sinn gun dfhag e fiach $190 ,000, ach bha sin cearr; tha paipearan anns am faca sinn iomradh mubhàs uaithe sin, ameas na dhfhàg e, eadar airgead us eile, aig $50 ,000.

Tha an cogadh an deigh bochduinn mhor a thoirt air daoine anns na Stàitean. Tha malairt air a dhol air ais gu mór. Ann am Boston, tha aon tigh ceannachd, Jordon & Marsh, an deigh còrr us ceud cléireach a chur air falbh, a chionn nach robh obair aca dhaibh; agus tha tigh eile an deigh glé fhaisg air an àireamh sin a chur uatha air son an aobhair cheudna. Chan eil an cogadh apàigheadh do na Stàitean.

Chaidh Eoghann Moireastan, anns abhaile so, a dhroch leònadh Di-luain sa chaidh, le each. Bha e abreth air an each anns aphastur, nuair a thug e an ionnsuidh air. Bhrist e a ghàirdean cearr, agus ghreim e e gu h-uamhasach, agus mur be gun dthàinig duineile ga chuideachadh, chan eil teagamh nach biodh e air a mharbhadh. Bha Mr. Moireastan gle iseal fad dha no tri lathaichean, ach tha e nisedol am feobhas.

Chaidh an t-Urr. R. I. Grannd, ministearRiver John, N. S. ,a mharbhadh ann am Montreal a sheachdain gus an diugh. Bha egabhail na sràide le rothair, agus air dha a bhi feuchainn ri caileag bheag a chaidh anns an rathad air a sheachnadh, thuit e direach mu choinneamh carbad-stràide; chaidh an carbad thairis air, agus bha e air a mharbhadh air ball. Bu mhac brathair e don Urr. Uilleam Grannd, ministear Phort Morien. Cha robh ann ach duinòg, aois dheich bliadhna fichead, agus cha robh e pòsda idir. Bha ena dhuine air an robh fior chliu agus a bha measail aig na h-uile chuir eòlas air.


Iadsan a Phaigh.

Bean Iain Dhughlaich, Mooreton, Dakota Tuath.
An t-Urr. A. Mac-Gille-brath, Dunmaglass , N. S.
Iain R. Caimbeal, Halifacs, N. S.
Donnachadh Siosal, Glassburn , N. S.
An t-Urr, D. Siosal, Antigonish , N. S.
An t-Urr. R. H. Dughlach, Thorburn , N. S.
Alasdair Domhnullach, Amhuinn a Deas N. S.
Iain I Mac Gilleain, Lakedale ,25c.
Murchadh Mac Fhionghain, Brooklyn ,E. P. I.
Uisdean Mac Leoid, Braidalbainn, E. P. I.
Iain M. Gillios, Rona, E. P. I. 65c.
Domhnull Domhnullach, Stornabhagh, Que.
Niall Moireastan, Leeburn , Ont.
Lachuinn Ceanadach, Amhuinn Dhennis.
Domhnull Mac Amhlaidh, Mèinn an Reserve.
Tormad Mac Leòid, Mèinn an Reserve.
Bean A. Mhic Eachunn, Port Hood.
Uilleam Patterson, Forks Shidni.
Domhnull Mac Cuithein, Whitney Pier, $2 .00
Eachunn K. Mac Neill, South Bar.
Bean Alastair Mhic Rath, Sidni.
An t-Urr. A. Mac Coinnich, Meinn Victoria.
Cailean Caimbeul, an Amhuinn Mheadhonach.
Iain Mac Ille-mhaoil, Rathad Horne.
Iain Dillon, an t-Eilean Cruinn.
Eoghan Gillios, Braigh Mhargaree.
Bean D. T. Mhic Dhomhnuill, Mabou.
Alasdair M. Mac-an-t- Saoir, Loch aChanu.
Lachuinn Domhnullach, Gut Mhira.
Seonaid Nic Artair, AmhuinnInhabitants .
Oighrig Nic Aoidh, Beinn aMharmoir.
Mairi Nic-an-t- Saoir. Shunacadie. 25c.
An Sar-Urramach Alasdair Mac Dhomhnuill EasbuigAlexandria , Ont. , $2 .00


[Dealbh]
THE WANZER LAMP.

Cumaidh i solus riut.
Goilidh in coire dhut.
Bruichidh im biadh dhut.
Tairnnidh in ti dhut.

Cha chosg i uiread olla ri lampeile, agus ni i solus moran nas fhearr. Gheibh thu ri ceannach i aig
CAIPT. RUAIRIDH MAC NEILL,
Sidni, C. B.


[Dealbh]
Tha sinn a nisenar luchd-gnothuich aig a
CHANADACARRIAGE Co. ,
air son Eilean Cheap Breatunn. Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead lecheannach uainne.

F . FALCONER & SON,
DIOLLADAIREAN,
Sidni, C. B.


Amherst Boot & Shoe Mfg, Co.,
AMHERST, N. S.

AChuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt as ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.

Amherst Boot & Shoe Mfg. Co.



[406]

[Vol . 6. No. 51. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 403.)

Cha robhnis bhuaith ach mart a cheannach. Chunnaic e sgalag amhinisteir, le atharla òg, bhuidhe chiatach, le laoghn a cois, agus smaoinich e gun leagadh e ballus caman orra so. “Tha mart ciatach agad an sin, ’ille; ’d ébhios tucumail rithe fhéins ra laoighean,” thuirt e. “Bithidh aona-punnd-diag Sasunnach,” fhreagair an sgalag. “Ma tha i cho math ricoltas chaneil thug iarraidh as an rathad,” arsa Dòmhnull. “Tha i h-uile buille cho math ricoltas,” thuirt an gille. “Tha a com asealltuinn glé fhalamh, air chòr-éiginn,” arsa Dòmhnull; “an ith i cuid?” “Murh-ith chaneil mart eile anns an rìoghachd a dhitheas. Théid min urras gum bheil i math air a cuid a ghabhail,” thuirt an sgalag. “Nach stad thusa gus am fiach mibeul; chan ann gun riasan a tha mart òg mar so cho seang chlap-te,” arsa Dòmhnull.

Rug e air cheann air amhart, agus dhfheuch e a beul lelaimh. Chrath en sin a cheann, agus thuirt e— “A bhrònag bhochd; cha mhi nach daithnich. Tha thusa, mar a thachair dhomh fhéin, gann de na fiaclan, aguss mòr am beud e. Feumaidh gun do thuit i air a beul, no gun dfhuair i ana-cothrom air chor-éiginn mun do chaill i na fiaclan mar so. Nach tig thu fhéin, ’s gum feuch thubeul; chaneil a h-aon de na fiaclans abheul àrd, idir, aice. Tha eagal orm, a laochain, nach faigh thu duine ghabhas bhuat i. Cha bhiodh gin de na dròbhairean adraghachadh rithe, co dhiu; ach tha misesealltuinn a mach air son mart math, Gàidhealach, agus dhfhaoidteadh gun rachadh agam air a beathachadh le tùirneaptha micur mòran di daonnan. Tha mi fuathasach duilich mar a dhéirich don mhart agad, ’ille bhochd; ach, a roghainn biodh dhà, —tha mi coma ged a bheirinn còig-puinnd Sasunnach dhuit oirre fhéin, ’s air a laogh.”

Chaneil fhios agamsad é ni mi,” arsan gille truagh; “ach tham ministeir fhéin air an fhéill, ’s théid s chì mi e.”

Nis, thachair nach robh tuillidh eòlais aig amhinisteir air crodh nabhaig an sgalaig, ’s cha robh, mar so, fios aige nacheil fiaclan àrd aig marts am bith, ’s nach robh riamh. Chreid es amhionaid na thuirt Dòmhnull; agus achur an sgeòil an giorrad, thug e am martan t-aona-mhart abhair an fhéillseachad air sia-puinndus leth-chrùn.

Faodaidh sibh a bhi cinnteach gun robh Dòmhnulls an deagh mhisnich atilleadh dhachaidh le atharla air a ciad laogh, ’s an laoghn a cois, agus trì puinnds a dhà-dhiagus sia-sgillinnna sporran; ’us sin uile air tàilleamhNóraigchutaich.

O, dhuine gun chiall,” ’s ethuirt Seònaid, ’n uair a ràinig e dhachaidh, “nach tubhair do bhreathas a dholan caramh a leithid sin de mhart òg breagha. Tha fhios gur dàil a tham pàirt dhi, agus ciamar air an t-saoghal a tha fiughair agad a chuireas sinnen a àite fhéin sin. Nach tu a bha gun tùr gun mhothachadh.” “Fhalbh,” fhreagair Dòmhnull, “Fhuair mi airNòraigna cheannaich i sin, a bharrachd air còrrus trì puinnd Shasunnach a thann am sporran.” Dhinnis en sin di aghiutaireachd a rinn e. “Ma , ma ,” arsa Seònaid, “is fìrinneach a thug iad Dòmhnull-nam-pratan ort; chan fhaca mi riamh na rachadh romhad.” Ma tha Dòmhnull beò tha e pratach fhathast.


TUILLEADH BHON GHILLE GHLAS.

FHIR-DHEASACHAIDH CHOIR, —An uair a bha misa cheanna-bhaile chunnaic mi iomadh ni a chuir ioghnadh orm. Chunnaic mi tigh air a dheanamh air cloich uile, agus leacan air a mhullach an àite nam bòrdanan tana bhios sinne cuir ann. Chan eil mituigsinn idir cia mar a chuir iad na tairnean annta, ach tha e coltach gun gabh e deanamh. Chunnaic min tagh-cuirt, aguss briagh e; agus fon tigh-chuirt, ni math gar teasruiginn, am priosan! ’Se àiteagallach a thasa phriosan, le chomhlachean iarrainn, ’sa chuile te dhiu cho trom ri trosg marbh. Am fortan ga sheachnadh air gach duine, ach an duine thaga thoilltuin. Tha balaichsa bhailetha gle mhi-modhail. An uair a bha misann bhan sgadan air tighinn as ùr, agus bha annas aig gach aon dheth. Chunnaic mi seann duinedol dhachaidh á buth, agus ged aige dhen sgadan. Bhan duine còir a dluth sheannachas ris fhéin, agus an gad aigair a chulthaobh. ’Nuair a chunnaic na balaich e, ruith iad as a dheigh agus thoisich iad air spiolladh an éisg bhar a ghoid, ach tha inntinn an duine bhochd air a thoirt suas cho mor do cheann teagaisg a sheanachaiss nach robh e muthachadh do na balaich idir; agusnuair a rainig e dhachaidh cha robh aigach an gad air an robh an t-iasg. Bha mi duilich air son an duine bhochd, ach cha burrainn mi gun ghàire dheanamh. Tha e coltach gu bheil a thrioblaid fhein air gach aon. Bha dithis dhaoinecòmhstri uair; an dara fear a deanamh a mach nach robh duine sabith toilichtesan t-saoghal so, agus am fear eile deanamh a mach gun robh, nuair a chunnaic iad amadan atighinn nan coinneamh. Thuirt fear dhiu, “Ma tha duinidir saor bho thrioblaid inntinn tham fear so, oir chan eil an saoghal a cur cùram sam bith air.” ’Se bhann, ’nuair a thainig e faisg orra, dhfhoighneachd iad dheth an robh dad a cuir trioblaid air. “Chan eil,” ars an t-amadan, “ach coileach Frangach a thaig an letheid so do dhuine; na rachadh cur as dhasan, bhiodh minntinn toilichte.” Achs ann mar sin a tha, thachoileach Frangach fhéin aig gach duine, agus tham fhear fhéin agamsa.

Bha mearachd beag anns an litir ma dheireadh a chuir mi gur niunnsaidh; co dhiuse sibhse na mi fhéin a rinn e chan eil mi cinnteach. ’Nuair a dhfhoighneachd mi do niall an robh an damh reamhar, thuirt e gun robh. “Tha,” ars esan, ’s e sgapadh a dha laimh bho chéile, “bàrr a dha adhairc cho fad sid bho chéile.”

Than t-side gle mhi-fhabharrach air son curachd, leis cho fliuch sa tha i; gidheadh, tha na tuathanaich afaighainn air aghart riaghailteach math. Tha siol-cuirgu h-araide buntatagann, agus mar sin, daor. Ach ruim Domhnull ruadh, an duine coir, fuasgladh air iomadh duine. Bha e toirt seachad tomhas math, aig pris reusanta, agus bha e coma co dhiu bhiodh an t-airgead agaibhsan laimh no nach bitheadh. Bidh sinn an dochas nach teid esansa phriosan, co dhiu. Bha duine coirsan àite so a bha reic beagan buntata. Air aon latha thainig duine bochd a dhiarraidh baraille buntata, agus dollar aige chuir am Freasdal air; ach gu mi-fhortanach cha robh buntatann; theirig e. Achse rium an duine coir chuir e each na chairt agus dhfhalbh e man cuairt air feadh nan coimhearsnach a dhiarraidh buntata dhan dhuine bhochd, mar dheirce. Bha efaighain buiseal, leth-bhuiseal, agus sios gu dusan bho gach duine, gus an dfhuair e, chan e mhain baraille, ach a coig. Thainig e dhachaidh agus reic e baraille ris an duine bhochd air son an airgeid agus ghleidh a na cethir eile gus an dthainig daoine bochd eile le airgead. Sin agaibh duine math.

Tha mi cinnteach gun do sgriobh mi gu leòr dhethn t-seorsa thann. Ma bhios e deiseil aitfhaighainnsa MHAC-TALLA, bhithinnnur comain so a chuir ann; mur a bi, cuireabhsa bhascaid mhosaich e, agus bitheabh coma ciod e their

AN GILLE GLAS.


ANNS AN LION.

LE DONULL MAC CALLUM.

Shaoil an Gille Bàn gur e Calum Brocair a bhrath e, ’n uair a chaidh a ghlacadh ri sealgs aChoire liath, ach a chume gum bitheadh tuile cothrom aige dioghaltas a thoirt a mach cha do ghabh e facal air. Cha do smuaintich Calum féin gun robh amhras aig a Ghillair agus mar sin cha robh e air fhaicil.

Mun dfhuair an Gille Calum a riobadh na lìon cha mhòr nach tug e suas dòchas gum burrainn e sin a dheanadh. Fhuair e mach gum bitheadh Calums a Bheinn-bhuidhe air latha sònraichtagus, os ìosal, thug e sanas do Phara nam Feadag, àrd bhuachaile nam fiadh, da thaobh.

Air an ladhinnis e, thog Para le ghillibh ris a mhona, ach, des am bith a chunnaic iad, ’n uair thill iad thubhairt Para ris a Ghille— “An ath turus a chuireas tu mise mar siod air ghogaireachd pàighidh tu glé dhaor air a shon.”

An déigh sin srgrìobh an Gille gu Captain Goblets a brath air dol a mach Chaluim. So an litir a sgriobh an Captain air ais ga fhreagairt—“Captain T. Goblets, Esq., C. K. P., sends no compliments to G. Bain, but he warns him to watch himself. The Captain



[407]

[Vol . 6. No. 51. p. 7]

knows Mr. M. Broker too well to believe him guilty of the crime G. Bain impiously lays to his charge. ”

Aig an àm so bha Captain Goblets deònach air an t-seilg a shuidheachadh agus bha Sasannach mòr, ris an abradh iad Sir Harold Tripod, a bha sealltuinn urrair aoidneachd aige.

Ghabh an Gille Bàn beachd air na slighean a bha na Sasannaich a gabhails amhonadh, ’s far am bitheadh iad agabhail anlunch. ’

Roimh éiridh na gréine, air àraidh, dhùisg an Gillam Brocair agus thubhairt e ris— “Eirich aChaluim, gun dàil, ’s cuir ort. Theid sinn a shealg don Choire-liath an diugh. Chaidhyachtnan Sasannach, an raoir, a mach an loch. Tha Sir Harold dol a thoirt lathan seilg don Chaptain a phàigheadh nan laithein a fhuair e fein air an oighreachd so. Mar sin cha chuir duinan diugh dragh oirnn.” “Glé mhath,” deir Calum, “bithidh mise deas an ceart uair.”

Len gunnaibh air an guaillibh, thog na fir ris a mhonadh. Air dhoibh fiadh, trì cearca-fraoich, agus fheadag amharbhadh aig iarrtas a Ghille dhfhadadh iad téine mòr anns an àitanns am bàbhaist dha bhi aig na Sasannaich, leis a mhòina dhfhàg iad. Leis na b-eòin a mharbh iad, math ris a chuideachdadh a thug iad leò on tigh chuir iad an òrdadhlunchdhoibh féin.”

Nuair a bha gach ni air dòigh, thubhairt an Gille ris a Bhrocair— “Theid mis’, a Chaluim, agus gabhaidh mi sealladh mun tòisich sin air anlunch .Fan an sin gus an tig mi.” “Ceart gu leòir,” deir Calum, “ach na fan fada, oir bith’ ’nlunchan dolaidh.”

Dhfhalbh an Gille Bàn, agus, luaths a bheireadh a chasan e, thug en cladach air. Thog e seòl ris abhàta, ’thug en sin an oidhche roimhe, agus bha e aig an tigh mun do mhothaich duine dha.

Bha Calum Brocair, air dha bhigabhail fadail nach robh an Gilletilleadh, direach a tòiseachadh air feadag a laobadh, ’n uair a dhfhairich e làmh air a leagail, gu faicilleach, air a ghualainn. Air dha sealltuinn a suas, co a chunnaich e ach Captain Goblets na sheasadh làmh ris, le h-uile Sasannachs gillebhann mun cuairt air!

Mar chloich as an athar thainig e steach air A Bhrocair gun do leig e, gu socharach, leig féin a bhi air a bhrath leis aGhille Bhan, agus a bhi air aghlacadhs an lion a shuidhich e.

Mun dfhuair e cothrom air lide beag no mor a radh, le òrdadh Chaptain Goblets, bham Brocair air a cheangal agus air a chur air muin eich ga thoirt air falbh don phrìosan.


LEABHRAICHEAN GAILIG.

Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. MacIlliosa 1.10
Gaelic Class Book .35

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte.
Sgriobh gu
J . G. MACKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney, C. B.


J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsas fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B


AN T-AITE
Anns an Ceannaich thu
Suic agus Iaruinn Cruinn, Creamers, Soithichean Bainne, Airneis-taighe, Stobhaichean, Flur, Min, etc., etc.
An Stor aig
ISAAC GREENWELL,
SIDNI, C. B.


THAN T-EARRACH
air tighinns an Samhradh gle fhaisg air laimh. Ma tha thu air son Deise no pairt de dheise fhaotainn, taghail aig
Niall Mac Fhearghais,
an Taillear,
agus gheibh thu do dheagh riarachadh. Tha na h-Aodaichean a thaige math, ’s bidh iad an an deanamh a cheart cho math.
CordaidhObair Riut.


Gabh Deagh Chomhairle
agus ceannaich gach bathar a bhios a dhith ort bho
MATHESON , TOWNSEND & Co.

Tha stoc mor aca de Bhathar Tioram, Amhlan, Ti, Siucar, Siabunn, agus gach ni eile air an cuir tigh feum.

Tha Adan, Bonaidean, Fluraichean, Itean, agus gach ni mar sin aca do na caileagans do na mnathan.

Tha gach ni a thaca dhen t-seorsas fearr, agusga chreic cho saorsa ghabhas deanamh.

Cha chosg e sion dhut am bathar fhaicinn; bidh na cleirich gle thoileach a shealltuinn.


Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIGOs cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C B.


D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C.B.


BADDECK , - - C. B.
Airson a stor a dheanamh nas deiseiles nas feumaile dhaibhsan a thadeanamh gnothuch ris, tha
Albert I. Hart
anise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha achuid sin den ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am BostonsanNew York.Gheibh iadsan a thig ga h-ionnsuidh an
DEAGH RIARACHADH.
BADDECK , - - C. B.


THA EARBSA
aig daoine ann am maidsichean Eddy— ’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha coltach ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum.

Than t-ainm so na urrais air mathas.

THE
E. B. EDDY Co., Limited,
Hull, Canada.



[408]

[Vol . 6. No. 51. p. 8]

Mar a Sguir Tearlach dhen Deoch-Laidir.

AIR FONN.
Seigin dhomh gu firinneach
Sgur dhen dram,
S iomadh sgillinnmhill mi
Sa chuir mi ann.
S eigin dhomh, &c .

S ann air oidhche Challuinn
Thachair mi air Calum,
Thuirt e rium, “a charaid
Saoil nach gabh thu dram?”

Thuirt mi ris gu sunndach,
Cha chuirinn air cul e,
S on tha sinn cho dlu dha
Gheibh sinn druthag ann.”

Thoisich sinn gu cairdeil,
Air ol nan deoch slainte,
S on bhan stuth co laidir
Chaidh enaird am cheann.

Cha bfhadgus an tainig
Tuilleadh anns an aireamh,
Thoisich iad air capraid
Bfhearr nach robh mi ann.

Se thuirt Ruairidh tailleir,
“ ’Cait am bheil thu Thearlaich
Cha robh thusach garlach,
S cheanglainn thu gu teann.”

Cha robh sud ri eisdeachd,
Rinn am bodach eiridh,
S ann am bad a cheile
Bha sinn fein air ball.

Ach bu duine Ruairidh
A bha deas aig tuasaid,
S thainig e mun cuairt,
Is bhuail e misan sgall.

Bha mi ann mo shineadh
Cho ealamh ri naoidhean,
S dhfhairich mi gu cinnteach,
Bigeil ann mo cheann.

Thainig mac mo bhrathar,
A thogail mu thailleamh,
S chuireadh e ri lar
Am fear a bfhearr a bhann.

Thainig Anna Sheorais,
Leig i air mo sgrobadh,
S cha chreideadh Iain og,
Gur i mo shron a bhann.

S mise nach robh sona
Le obair na mallachd,
S cuide ris gach dorran
Bhabhoineid air chall.

Sud far an robhn upraid
Fhadsa dheanadh duirn e,
Saig deireadh na cuise,
Bha mo shuilean dall.

Nuair a sguir an tsabaid,
Threoraich iad mi dhachaidh,
Chuir iad mi san leabaidh,
Gu h-airsneulach fann.

Air maduinn am maireach,
Thachair mi air nabuidh,
Thuirt e rium le gaire,
“ ’Thearlaich bithidh tu cam.”

Achse cairdeas Chalum,
Agus gaol an drama,
Choisinn dhomh mo phrannadh,
Anns a bhailud thall.

Sud an obair ghorach
A bhisan tigh-osda,
Toir mo chuid don osdair,
Dhfhag mo phocaid gann.

Mise nam chuis bhuirte
G obair air a ghruid ud
Se na chuir mi dhuigh ann
Dhfhag cho ruisgta chlann.

Ach a nis a Mhairi
Caraide no namhaid,
Chan fhaic iad gu brath mi,
Ris a cheaird a bhann.

Bithidh thu feins na paisdean,
Nis sona na bha sibh,
S chan fhaicear do Thearlach,
Le deoch-laidir dall.

Ach faodaidh an t-osdair
Dol a thigh Iain Ghrota,
Cha toir mis an chor dha
Thug mi boid cho teann.

Tha esan cho roiceil
Air chosg an fhir ghoraich
Ach cha chuir mincorr
Am pocaid Ailein Ghrannd.


Chan eil an cogadh ach adol air adhart gu slaodach, agus a reir coltais chan eil ni is fhiach gu tachairt an ùine ghearr. Tha daoine a nis air an sàrachadh acluinntinn mu na tha na Stàitean agus an Spàinn a dol a dheanamh, agus a feitheamh gus an deanar na tha iad abagairt. Tha na soithichean Spàinnteach fhathast air chall, agus chan eil fhios cuin a gheibhear sgeul orra. Tha na Stàitean an deigh saighdearan a chur air tir ann an Cuba, ach ma bha blàr air a chur eadar iad féins na Spainntich, cha chualas guth air. An uair a thoisich an cogadh, bha fàidhean nan Stàitean adeanamh faisneachd nach maireadh e bhar tri seachdainean, ach tha barrachd us aon tri seachdainean air a dhol seachad a nise, agus is gann gu bheil e air tòiseachadh, gun ghuth a thoirt air criochnachadh. Chan eil teagamh sam bith nach toir na Stàitean buaidh air acheann mu dheireadh, achses dòcha gu mair an t-stri cho fadas gum bi sluagh na dùthcha sin gle shearbh dheth.


AN DA LEIGHEAS
K D C AGUSK . D. C. PILLS
Leigsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD.
Cuir a dhiarraidh sampuill, teisteannais us urrais.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia. —agus—127 State St Boston, Mass.


DHIARRAMAID AIR
NA GAIDHEIL
s air muinntir eile a tha air sonTypewritera cheannach, iad a dhfheuchainn ainm na
Blickensderfer No. 5,
mun ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35 .00.

Tha seorsachan eil againn cuideachd.

CREELMAN BROS, Typewriter Co.,
15 Adelaide St., East,
Toronto, - - ONT.


BATHAR EARRAICH.

Deiseachan Fhirionnach air $3 .50, $4 .75 agus o sin suas.

Deiseachan Ghillean air $1 .75, $2 .60, $3 .00, $375 agus $4 .60.

Bathar eile a reir sin. Chan eil stor anns abhaile anns am faigh thu BATHAR MATH cho saor.

Tormad Domhnullach,
SIDNI, C. B.


CAIT AM FAIGH MI?
Saibh, Glasan, Luaidhe, Sgeinein, Lainntearan, Sguabaichean, Paipear-tearra, Paipear-tubhaidh.
Olla, Fudar, Glaine, Siosaran, Tairnean, Bucaidean, Tuaghannan.
GHEIBH AIG
C . P. MOORE,
Sidni, C. B.


AIRNEIS TAIGHE,
SOITHICHEAN CREADHA,
BOTUINNEAN agus BROGAN.
Tha stoc mor dhiubh so air ur-fhosgladh againn, agus tha sinn
— ’g an creic
SAOR! SAOR!
SIDNI, C. B. JOST BROS.13 MAIGH, ’98.

titleIssue 51
internal date1898.0
display date1898
publication date1898
level
reference template

Mac-Talla VI No. 51. %p

parent textVolume 6
<< please select a word
<< please select a page