[409]

[Vol . 6. No. 52. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 24 IUN, 1898. No. 52.


CLAMBAR NA H-AIRDEN EAR.

Is e rioghachd mi-onorach, fealltach a tha ann an Ruisia. Tha, am measg luchd-leughaidh MHIC-TALLA, daoine aig am bheil cuimhne mhaith air cogadh amaideach agus fuilteach aChrimea. Dhoirt Breatunn agus an Fhraing fuil an gaisgeach mar uisge, airson comhnadh a thabhairt do na Turcaich mhosach an aghaidh Ruisia. On thainig crioch air achogadh ud, tha Ruisia, gun tamh gun sgios, acur na laimhe laidir air cuibhrionn an deigh cuibhrionn de mhor-roinnAsiagu leir. Tha seirbhisich an t-Sair non Iompaire aig gach àm dealasach le foillus cuilbheartan anns an oidheirp a tha iad adeanamh, air greim a ghabhail agus fhaotainn air fearann no dùthaich an sud agus an so. An uair a chinneas le seirbhisich an t-Sair le innleachd breugach, air sealbh fhaotainn air port no acarsaid, agus an uair a ni rioghachdan eile gearan cruaidh gu drinn Ruisia gniomh breugach, mi-onorach, their luchd-comhairle an t-Sair gu bheil mulad orra, agus nach tug iad riamh cead don seirbhiseach a rinn an eucoir, doigh co fealltach a leantuinn, agus gniomh co aingidh agus mi-chairdeil a dheanamh; ach on chaidh an gniomh a dheanamh ann an ainm Ruisia agus as leth rioghachd morus cumhachdach an t-Sair, feumaidh rioghachdan eilebhi samhach, oir chan fhaodar gu brath oilbheum a thabhairt don t-Sar, no teagamh agairt air achumhachd agus air na tirean a bhuineas dha, agus dam bheil e ann am beachd nan Ruisianachn a athair cairdeil, faoilidh, caoimhneil. Is ann air an doigh sofhuair Ruisia ceum air cheuna, sealbh air meadhonAsia ,agus air gach loch, ’us comhnard, ’us gaineamh a tha faisge air an Fhairge Chaspianach. Bha eagal mor air sluagh lionmhor ann am Breatunn bho chionn beagan bhliadhnaichean, gu robh Ruisia, le dìchiollus obair neartmhor, a togail rathad-iaruinn airson ruigheachd air Innsean na h-Airden Ear, agus mar so airson buille trom, eagalach a bhualadh air treoir, ’us ainm, ’us foghainteachd Bhreatuinn anns na h-Innsean ud. Chaneil ach talamh bochd, gun sugh gun bhrigh, lan de ghaineamh luasganach, —dùthaich gun ùrad, no grinneas, no uisge, no blath air bith, anns achuid as modha den cuibhrionn de thaobh mu dheasAsiaair am bheil uachdaranachd aig Ruisia. Tha Breatunn agus na righrean Innseanach a tha ann an dluth-dhaimh dhi, deasus ealamh airson iad feins an tirs an coirean a dhion latha air bith, an aghaidh gach feachdus innleachd as urrainn do Ruisiadhealbh. Tha Persia aig an àm so, leis gach laigseus droch riaghladh a tha innte, ach beag ullamh a thabhairt suas an deo. Tha suil eudmhor aig Ruisia air Persia. Tha Breatunn mar an ceudna, furachair agus faicilleach mu dheibhinn Persia. Is e bana-choimhearsnach dhluth do na h-Innsean a tha ann am Persia. Is e da rireadh, fairemhadaidh-ruaidh air na caoraich, comas no ughdarras a thabhairt do Ruisia thairis air Persia no air rioghachd bochd no breoite air bith eile. Ma gheibh Breatunn sealbh dhiongmhalta air Persia ni i trocair agus ceartas ris an dùthaich so, a bha co morail, laidir, meamnach anns na laithean a thanis aosmhor, liath. Bheir i mar an ceudna, gu laghach, dileas, aite measail agus inbhe urramach do gach righus prionnsa a tha am measg nam Persianach, mar a rinn i, agus mar tha ideanamh gach latha, am measg righrean uaibhreach nan Innsean: righrean a tha sonas toilichte fo chrunus fo dhidean Bhreatuinn, ged nacheil ughdarras air bith aca. Tha iad fathast deigheil air a bhig an sgeadachadh fein le clachan luachmhorus le neamhnuidean boillsgeanta. Ruig Ruisia cheana ceann-uidheturuis ann am meadhonAsia ,agus air taobh an ear den chearna so. Cha ruig neach air bith a leas farmad a bhi air ri Ruisia, ged ghabh i sealbh le laimh laidir air iomadh acairus mile de mheadhonAsia ,oir chan fhaigh i, an da latha so, riadh mor no beag airson gach airgiod a chosd i ann an ceannach umhlachd nan treubhan iargaltas ann an togail rathaid-iaruinn troimh iomadh lonus clabar, ’us gaineamh mhin, neo-sheasmhach.

Co nach cuala iomradh air Siberia, ’s air gach duines bean as abhaist do Ruisiaaisig gun chead, gun chomhairle, gun aobhar, don dùthaich fhuar, iomallach ud, on bha amharus aig seirbhisich eudmhor an t-Sair nach robh na daoine so dileas umhal gu leoir, agus gu faodadh iad aramach a dheanamh aig àm eiginn an aghaidh laghannan agus riaghlaidh Ruisia. Is iomadh deuchainn chruaidh, mhuladach a dhfhuiling mile Ruisianaich ann an Siberia, agus ann an uaigneas doilleir nam meinn-shlochd. Tha eolas as fhearr a nis ra fhaotainn air Siberia, no air ceann mu thuathAsiagu h-iomlan. Tha feadhainn a chaidh troimh an dùthaich fharsuing, fhiadhaich ud ag innseadh dhuinn, gu bheil pailteas de chomhnardan sultmhor, torach innte, agus gu bheil iasg anns na h-aimhnichean aice, ’s gu bheil mar an ceudna, clachan luachmhor agus storas iomadach eile ann an Siberia. Bithidh, ann an uine ghearr, rathad-iaruinn thairis air Siberia, fo bhaile mor Ruisia, gu ruig na mara samhaich, leathainn, a tha air taobh thall na h-Asia. Tha againne cheana ann an Canada, rathad-iaruinn gasdathanasgadh roinnean Chanada gu daingeann ra cheile, ’sa fosgladh suas ailleachdus beartais nan comhnardan lionmhor, leathunn, lusanach a tha ann an Iar-thuath Chanada. Tha iarrtus mor aig Ruisia air port fhaotainn ri taobh na Fairge Samhaich, far nach bi reothadh no eigh anns a gheamhradhfar am bi an t-uisge non fhairge, gach àm fosgailte, agus a dhionnsuidh am faod i a rathad-iaruinn a thabhairt maille ris gach malairt a ghiulaineas e troimh Shiberia, gu tonnan fuaimneach na fairge. Chuir an Ruisianach carach, seolta, breugach, Mornabhieff, le òr an t-Sair, fo gheasaibh luchd-comhairle Iompaire China. Fhuair e mar so aonta airPort Arthur,agus air port eile far am bheil an fhairge fosgailte gach latha den bhliadhna. Choisinn e coir do Ruisia air cuibhrionn mhor de thaobh mu thuath China. Tha, gun teagamh, a nis sealbh aig Ruisia air iomadh mile acairde thir nan Chineach, agus tha ceud duine gaisgeilus foghluimte ann am Breatunn a tha feargach do bhrigh gu do bhuadhaich Ruisia le h-òrus le cuilbheartan aig Pecin. Tha clambar eagalach adol air aghaidh a nis mu dheibhinn China agus na tires na coirean a thug i ann an lathah-amaideachd seachad do Ruisia. Ni mi luadh anns an ath litir air achlambar so.

CONA.


Tha Breatunn agus an Fhraing a reir coltais an deigh tighn gu cordadh a thaobh taobh an iarAfrica, agus chan eil moran duil a nise ri cogadh no aimhreit sam bith a bhi eatorra a dhaithghearr. Cha mhor dhaoine air an t-saoghal nach dean toileachadh ri sin, oir bhiodh cogadh eadar an Fhraing agus Breatunnna ni uamhasach. Cha bhiodh ann an cogadh na Spainns nan Staitean ach ni suarach an coimeas ris.


Tha side math fais ann air an t-seachdain so. Tha am feurs am fochann afas gu briagha.



[410]

[Vol . 6. No. 52. p. 2]

SEANA BHEACHDAN AGUS SEANA CHLEACHDAIDHEAN.

LEIS AN URR. IAIN MAC RUAIRIDH.

Anns an àm a dhfhalbh bha àireamh mhòr dhen t-sluagh anns gach cearn dhen t-saoghal alàn-chreidsinn gun robh sìthichean ann, agus gun robh àiteachan-comhnuidh aca fo gach cnocan dòidheach uaine a bha anns gach àite bu shàmhaiches a biomallaiche na chéile a bhanns an t-saoghal. Tha ena ni glé iongantach gum biodh a leithid so de bheachd cho cumanta am measg gach sluaigh fon ghréin.

Tha iomadh neach beò gus an lathan diugh a tha gu làidir acumail am mach gun robh sìthichean anns an àm a dhfhalbh ged a tha iad ag aideachadh nacheil iad a nis rim faicinn. Ach ma bha iad air an talamhs an àm a dhfhalbh, càite an deachaidh iad, no ciod a dhéirich dhaibh? Mun toir sinn oidhirp air na ceisdean so a fhreagairt feumaidh sinn an toiseach oidhirp a thoirt air cunntas a thoirt seachad mu thimchioll iad, agus cia mar a thachair dhaibh a bhith air an talamh.

Chaneil teagamh nach rachadh aig gach sluagh a bhacreidsinn gun robh sìthichean ann air cunntas a thoirt seachad mun timchioll, ach tha aobhar againn a bhithcreidsinn nach bann air an aon dòigh a dheanadh iad so. Mar a thachair dhaibh a thaobh chùisean eile, bha cinnich an t-saoghail a dhatharrachadh barail mun chùis so.

Cha robh na Gàidheil riamh air dheireadh air sluagh sam bith eile ann a bhithtoirt am barail seachad mu gach ni iongantach a bhiodh iad afaicinns acluinntinn mun cuairt dhaibh. Mar shluagh, bha iad comasach air smaointeann iongantach a dhealbhnan inntinnean a thaobh móran nithean. A thaobh nan sithichean, bha na Gàidheil acreidsinn, ged a bha iad ann an cruths an coslas dhaoine, agus ann an iomadh dòigh atighinn beò mar a bha daoine, nach bu daoine nàdarra a bhannta idir. Bha iad acreidsinn gum biad na sithichean earrann dhe na h-ainglean a thuit on ceud inbhe, agus ged a lean iad prionnsa an dorchadais an uair a dhfhuadaicheadh am mach a nèamh e, a chionn gun drinn e ar-am-mach an aghaidh Dhé, nach robh de chionta ri chur as an leith ach gun do lean iad e gun smaointean ciod a bha iad adeanamh. A chionn nach robh an cionta ach beag an coimeas ri cionta na h-àireimh mhòir eile a thuit on ceud inbhe, an àite an druidéadh a steach ann an ionad abhroins na truaighe mar a rinneadh air na h-ainglean a bha na bu chiontaiche na iad, is ann a dhfhuadaicheadh a dhionnsuidh na talmhainn iad, far an robh aca ri bhithgabhail comhnuidh gu abhreitheanais.

Ach cha be so uile am peanas a chaidh a leagadh orra. Ann an iomadh dòigh thugadh uapa mòran dhen saorsa. Ged a bha na h-àiteachan-comhnuidh a bhaca anabarrach mòr, farsuinn, agus ged a bha iad, a réir choltais, asealbhachadh gach ni a bhiodh feumail dhaibh, gidheadh, bha e soilleir do gach neach a chuir eòlas orra, no a chuala mun déidhinn, nach robh iad tòilichte len staid. Cha be mhàin gun robh biadh is aodach gu leòr aca, ach bha iad acur seachad mòran dhen ùine leis gach subhachas is toil-inntinn a mhiannaicheadh iad. Bhan solus bu bhoillsgeile a chunnaic sùil duine riamh acanan àiteachan-comhnuidh; bhan ceòl bu bhinne, a chuala clus riamh aca; agus a réir mar a chuala sinn, bha iad anabarrach déidheil air a bhithdannsa. Shaoileadh daoine gum bu chòir dhaih a bhith anabarrach toilichte len staid; oir cha robh a bheag de thrioblaidean cumanta na beatha so acur draghorra. Bha àiteachan-comhnuidh tioram, seasgair, blàth aca; cha robh éis bìdh no aodaich orra; bha iomadh seòrsa toil-inntinn aca; cha robh iad riamh air an sàrachadh le obair thruim; cha robh màl no cìs aca ri pàigheadh; cha chuireadh maor, no bàillidh, no uachdaran dragh no tuairgneadh orra aig àm sam bith; a dhaon fhacal, cha robh creutair beò air an talamh a bha cho saor o dhraghannan, ’s o thrioblaidean, ’s o amhghairean, ’s o chùraman na beatha so riutha. Ach ged a bhachùis mar so, bha farmad gu leòr aca ris na daoine bu bhochdainne crannachur a bhair an talamh gu léir.

Car son a bha so mar so? Bha, do bhrìgh gun robh iad ag amharc orra fhein mar phrìosanaich aig nach robh dòchas sam bith gum faigheadh iad an saorsa gu bràth.

Tha eachdraidh ag innseadh dhuinn gun do thachair nithean iomadh uair air an talamh a tha nochdadh dhuinn car son a bha na sìthichean mi-thoilichte len staid. Aig àm cogaidh, an uair a tha rìgh no prionnsa air a ghlacadh, agus a shaorsa mar righ no mar phrionnsa air a toirt uaithe, ged a bi an lùchairt bu mhòs bu mhaisiche a bhiodh air an t-saoghal a bàite comhnuidh dha, gidheadh, bhiodh e gu nadarra ag amharc air fhein mar phriosanach, eadhoin ged a bhiodh a bhiadh is aodachs a leaba cho maths a bha iad latha riamhna bheatha, agus ged a bhiodh e air a chuartachadh le greadhnachas ro mhòr, agus afaotainn gach frithealaidh air am biodh a leithid dligheach.

Chaneil ni anns an t-saoghal as luachmhoire ann an sealladh duine na saorsa. Cha toir ionmhas an t-saoghail gu léir, ged a bhiodh e aig duine, fìor shonas dha, ma bheirear a shaorsa uaithe. Agus iadsan aig nacheil dòchas gum faigh iad saorsa aimsireil no spioradail, chaneil ena ioghnadh ged a bhiodh iad mi-shona.

A réir mar a chuala sinn, bha na sìthichean ann an iomadh dòigh coltach ri daoine an t-saoghail sonan cruth, ’n an nàdar, ’n an aignidhean, ’n am miannan, agusn an cleachdaidhean. Bha tlachd gu leòr aca do chuid dhen chinne-daon, agus a bha iomadh sgeul air aithris mu thimchioll achaoimhneas a bha iad anochdadh, agus an fhrithealaidh a bha iad gu tric adeanamh do dhaoine. Cha bhiodh mòr-fheum dhuinn aig an àm so iomradh a thoirt air gach sgeul a bhair aithris mun déidhinn, eadhoin ged a bhiodh iad air chuimhne againn.

Ach thachuis coltach gun robh iad fo fhiachan obair a dheanamh air làithean àraidh, ’nan cuirteadh mun coinneamh e, ged nach biodh toil sam bith aca làmh a chur innte. Faodaidh sinn aon naigheachd innseadh mu dheidhinn so.

Bha duine àraidh air taobh an iar Uidhist mu thuath dom bainm Fearachar. Bhan duine so, mar is minic a bha fear a bharrachd air, ’na dhuine leasg, somalta nach deanadh mòran obrach nam faigheadh e daoine eile a dheanadh air a shon i. Anns agheamhradh chuir e cruach mhath arbhair a steach don t-sabhail. Thachair dha radh, gum bfhearr leis gun robh a h-uile sithiche a bhanns an t-sithean a bha faisge air abhaile anns an robh e aige gus gum buaileadh iad an t-arbhar dha. Chuala na sithichean e, oir tha e coltach gun robh claisneachd mhath aca. A bharrachd air so, tha e coltach gun robh comas aca air a bhith làthair am measg dhaoine ged nach robh e comasach do dhaoine am faicinnn.

A nis, tha e air aithris gun robh aon lathas an t-seachdain air am feumadh iad obair sam bith a dhiarrteadh orra a dheanamh, co dhuibh a bhiodh iad toileach no nach bitheadh. Ben latha so, mur do mheall mo chuimhne mi, Di-sathairne. Be so an latha air an do thachair do Fhearachar an òrdachadh. Agus cha bu luaithe a dhòrdaich e iad na thainig iadnan ceudan gu dorus an t-sabhail, agus iad uile aglaodhaichObair, obair, ’Fhearachair.”

Ghabh Fearachar an t-eagal an uair a chunnaic e na thainig dhuibh. Bha fhios aige gun robh a bheatha ann an cunnart mur tugadh e obair gu leòr dhaibh an déigh dha an òrdachadh. An uair a leig e steach dot-sabhal amheuds a shaoileadh e a gheibheadh àite gu leòr ann gu bualadh an arbhair, thuirt e ris an fheadhain a bfhaisge air an dorus, “Cumaibh am muigh na bhios ag iarraidh tighinn a steach, agus cumaibh a staigh na bhios ag iarraidh a dhol am mach.”

Chuir Fearachar na fir a bhanns an t-sabhal gu obair. An àite an cur a bhualadh mar a bha dùil aige dheanamh, is ann a thug e orra teannadh ri spiolaidh an t-sìl bhar an fhodair. Bha iad ann cho lionmhor, agus bha iad cho ealanta air an obairs nach robh iad ùine mhòr sam bith ris an obair a bhaca ri dheanamh. An déigh dhaibh an siol a thoirt uile bhar an arbhair, thug e orra am fodar a chrathadhs a cheangal. An uair a bha iad ullamh dhe so, thug e orra an siol a chathadh len anail. Mu dheireadh bhan obair a bhaige ri dheanamh deiseil. Thug iad uile an aon ghlaodh asda, ag ràdh, “Obair, obair, ’Fhearachar.”

A nis, mur faigheadh iad obair gu leór uaithe, bheireadh iad a bheatha dheth. Ach ged a bha Fearachar leasg, bha e gle



[411]

[Vol . 6. No. 52. p. 3]

ghleusda, mar is minic a bha fear dhesheòrsa. An uair a chunnaic e gun robh iad air thuar a dol an sas ann gus a mharbhadh, dhòrdaich e dhaibh a dhol a dhionnsuidh achladaich, agus sugan gaineamhaich a dheanamh. An uair a chualiad so, dhfhalbh iad gu bog, balbh, agus chan fhaca e riamh tuilleadh iad.

Ged a bha na sìthichean mar bu trice deas gu cuideachadh a dheanamh le daoine a bhiodhnan eiginn, gidheadh bha iad goimheil, gamhlasach gu leòr an uair a chuirteadh corruich orra. Cha robh ni bu mhò a chuireadh de chorruich orra na bhithgan caineadh air chùl an cinn. Cha bhiodh e sàbhailte aon fhacal a ràdh mun déidhinn aig àm sam bith. Mar a dhainmicheadh mar tha, rachadh aca air a bhith làthair ann an iomadh àite ged nach biodh e an comas do dhaoine am faicinn. Be so aon de na cumhachdan a dhfhàgadh aca an uair a dhfhuadaicheadh a dhionnsuidh na talmhainn iad. Than t-ainm a bhaig daoine orrag a dhearbhadh so. Besithichean,” nodaoine sithe,” nodaoine matha,” a theirteadh gu cumanta riutha. Cha tugadh na h-ainmeannan so oilbheum sam bith dhaibh.

A reir mar a chualas, tha e coltach gun robh aon lathas an seachdain air am faoidteadh labhairt le tàir agus le suarachas mun déidhinn. Be an latha so, Di-haoine. Mar a theiretadh gu cumanta, “Is en diugh Di-haoines cha chluinn iad sinn.” Gun teagamh sam bith, ’nan tachradh dhaibh a bhith làthair gu corparra, chluinneadh iad ciod a theireadh daoine mun déidhinn. Ach air Di-haoine cha robh en comas dhaibh iad fhein a dheanamh neo-fhaicsinneach. A reir barail dhaoine, bann a chionn gun do cheusadh Criosd air Di-haoine a chaill na sìthichean an comas a bhaca air làithean eile air iad fhein a dheanamh neo-fhaicsinneach. Air an latha ud thug Criosd le a bhàs buille-bhàis do chumhachdan an dorchadais; agus on a bhuineadh na sìthichean do rìoghachd an dorchadais, dhfhairich iad abhuille gu trom, gu sonraichte air a h-uile Di-haoine.

Tha mòran a bharrachd air aithris mu thimchioll nam mnathan na mu thimchioll nam fear. Bhiodh na fir tric gu leòr ag obair aig daoine, an uair a dhòrdaicheadh daoine iad mar a rinn Fearachar, agus iomadh fear a bharrachd air. Ach bhiodh na mnathan gu math tric rim faicinn ann an iomadh àite, agus bha iad acheart cho deas gu cuideachadh is comhnadh a dheanamh le daoine a bhiodhnan éiginns a bha na fir fhein. Chaneil en comas dhuinn a bheag a ràdh mu thimchioll cruth is coslas nam fear. Ach is e bharail na muinntir a dhinnseadh na baithne dhaibh mun déidhinn, nach robh annta ach daoine beaga, meata, air nach robh maise no tlachd mòr sam bith rim faicinn. A réir choltais gun robh cuid dhuibh air am faicinn ann an riochd fìor sheann daoine. Ach cha chualas riamh gun dfhuair a h-aon dhiubh bàs leis an aois. Ach ma bha h-aon dhe na mnathan-sìthe air an robh coltas aosda, cha do leig iad iad-fhein fhaicinn riamh do shluagh an t-saoghail so. An dara cuid bha iad aig gach àm afuireach anns na sìtheanan, air neo bha iadg an cur fhein ann an riochd mhnathan òga.

Cha robh a h-aon dhe na mnathan-sìthe, cho fads is aithne do dhaoine, ’n am boirionnaich dhuaichnidh. Bha iad uile dìreach, deas, dealbhach, agus glé sgiamhach ri amharc orra. Cha mhò a chualas gun robh a h-aon dhiubh riamh trom ann am feoil. Chan fhacas riamh air a h-aon dhiubh ach trusgan uaine. Agus cha mhò a chunnacas àireamh mhòr dhiubh comhladh riamh. An àm do dhaoine bhithg innseadh gum faca iad dhiubh, theireadh iad, gum faca iadbean chaol achòtuain.”

Cho fads is fhiosrach daoine, cha chualas riamh gun do thuit aon de mhnathan an t-saoghail so ann an gaol air sìthiche. Is cinnteach nam biodh iadnan daoine dreachar gun tuiteadh te fhaoin air choireiginn ann an gaol air fear dhiubh; oir tha cuid de bhoirionnaich ann a tha cho faoins gun gabh iad gaol air fear sam bith. Ach is dòcha nach robh na boirionnach cho faoins àm a dhfhalbhs a tha iad anns an àm so.

Ach mas fhìor na chuala sinn, thuit iomadh fear ann an gaol air na mnathan-sìthe, agus phòs cuid dhiubh iad. Bainneamh a bha fear riamh toilichte an déigh dha bean-shithe a phòsadh, eadhoin ged a bhiodh gaol anabarrrach mòr aige oirre mun do phòs e i. Cha drinn dhiubh bean-taighe mhath riamh. Bhiodh iad cho neo-steidheils nach fhanadh iad aig na taighean. Cha bhiodh iad toilichte mur biodh iad afalbh o àite gu àite mar a tha cuid dhe na mnathan guanach, neo-stéidheil a tha cho pailt anns an t-saoghal gus an lathan diugh. Rud eile dheth, cha do rugs cha dàraich bean-shithe sliochd riamh.

Chaneil cunntas againn gun robh na sìthichean apòsadhn am measg fhein idir. Cha chuala sinn ciod a baobhar dha so, ach tha chùis coltach gun robh e fior gu leòr.

(Ri leantuinn.)


AN TAILLEAR AGUS NA BUIDSICHEAN.

Bha e urramachn a thaillear.” —Donnachadh Ban.

Mur biodh na taillearan gu nadurra cridheil, aighearach, cha bhiodh an sean-fhacal acurCiad taillear gun bhi sunndach,” am measg nan nithean sin a bha e doirbh, no eadhon eucomasach, ’fhaotainn. Faic an taillear an uair a gheibh e mach air dorus an tighe! An saoil thu an teid e a ghabhail a chuairt gu h-athaiseach, ciallach, cho socair ri fear air tiodhlacadh? Mo chreach! is e nach teid! Is ann a chi thu e atoirt nan sìnteags nan surdag as thar an reidhlein. Cha chum rathad-mor no callaid rischan fheith e ri bhifosgladh cachaileidh nostreap garadh-tota, ach man abradh tuSeachd,” tha e thairis orra le duibh-leum cho aotram luth-chasach ri earbag nan tom. Is ann a bheir e am chuimhne-se mart a bhiosg a beathachadh a stigh fad agheamhraidh, achiad uair a gheibh i mach air maduinn chubhraidh earraich. Faic is a sailtean os cionn barr a breamain, acur nan car dhia ceanns a h-earr ri adhar uair mu seach! Agus nacheil so gu leir mar a bhiodh suil againn, agus mar a bu choir dha? Tha e cheart cho nadurra don taillear, no do fhear sam bith a tha air a chrubadh a suas ann an tigh fad fin-foineach an latha, e fein a ghiulan air amhodh so, ’s a tha e don bho bhochd nach fhaca grian no speur fad agheamhraidh. Tha doigh no dha ann air anail a leigeil agus fois a ghabhail, —direach a reir na dreuchd no na h-oibre a tha aig neach. Mas gobhainn, no fear aig am bheil obair throm, ghoirt, a tha ann, is solas agus faochadh dha suidhe am measg a theaghlaichs an fheasgar an uair a thaobair seachad, no eadhon ceum a ghabhail, lebhalachan aige air laimh, a dhfhaicinn ailleachd agus maise na cruitheachd. Mas cleireach no maighstir-sgoile a tha ann, gabhaidh eanail rud-eigin mar a ghabhas an taillear, no ma dhfhaoidte, ann an tilgeil achabair no na cloiche-neirt. Mar so chi sinn nach e idir dith saothaire no oibre a bhi gabhail fois, ach iomadh uair gur e muthadh oibre, an fhois as fearr agus as freagarraiche do dhuine. Thug ar sinnsearan an aire don ni so, oir, nach dthuirt iad anns na sean-fhacail, “An uair a bhios Murchadhn a thamh bidh eruamhar,” agus, “Faochadh gilleghobhainn, —bho na h-uird gus na builg.”

Chan e mhain gum bheil na taillearan an coitcheannas aotram, uallachn an giulan ach chaneil daoine ann is sunndaiche no is toighiche air amhuiltearachd as ah-uile gne fhearas-chuideachd, —agus co bheir barr orra air na h-orain?

Is math a tha cuimhne agam an t-eagal a bhiodh oirnn, as sinnn ar clann bheag, an uair a thigeadh an taillear, Donnachadh Mac Neillagus bu chridheil, laghach ea dhobair don tigh againn. Cha burrainn tuilleadh fiamh a bhi oirnn roimh leomhan beucach na bhiodh oirnn ar sron a chur a stigh air an dorus far am biodh e ag obair; agus cha chuireadh urchair á gunna tuilleadh geilt oirnn na chuireadh esan, an uair a dhuineadh e an siosar-mor le fead, nan tigeamaid dluth air. An deigh sin uile chan iarramaid e dhfhalbh. Chan fhaigheamaid o cheann gu ceann dan bhliadhna àbhachd a bfhearr na bhi ag éisdeachd ris ag innseadh na chunnaics na chuale air a thurais, agus biomadh sin, oir, “bu lionmhor tubaist an tailleir.”

Bha aig an taillear gille òg, ris an abair sinn Cailein, ag ionnsachadh a cheird, agus chan iarradh Donnachadhn a bfhearr na bhi atoirt achar á Cailein, agus acur ghnothuichean neo-chomasach mar fhiachadh air; agus sin uile gun urad agus smeid-

(Air a leantuinn air taobh 414.)



[412]

[Vol . 6. No. 52. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, . . . $1 .00
Sia miosan, . . . .50
Tri miosan, . . . .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig garn ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,’
Sydney, Cape Breton


SIDNI, 24 IUN, 1898.

BUILLE ANNS GACH AONA CHRAOIBH.

FHIR-DHEASACHAIDH CHOIR: —Tha ecuir iomacheist mhor air cuid, co enGille Glas.” Choinnich Eoghan orm bho chionn ghoirid, ma bheul na h-oidhche, agus a chiunn nach do dhaithnich mi e, Chuir mi mar fhailt air, “An tuso, a Raonuill,” Fhreagair e. “Cha mhi; mise thann.” Ach sin mar tha manGhille Ghlas;” ’s mise. Agus air son gun aithnich a chuile duine mi faodaidh sibh innse dhaibh gu bheil beul mor orm a ruite air tarsuinn maodain, eadar mo shron agus mo smig; coltar gasda do shroin fos cuinn mo bheoil; da shuil mhor ghlas, air gach taobh dhe mo shròin, ’s iad fosgailtem bitheantas, gu haraid air an latha. Tha feadhain a deanamh a mach eadhonnuair a bhios mim chadal gum bi te dhen shùilean fosgailte, car mar a bhios andog .Os ceann mo shuilean tha bathais leathunn, bhriagha. Le mo ghabhail bhar a chéile tha mim dhuine tlachdair, agus a cheart cho math ri duine dubh, ach gu bheil mise geal, gu bheil mi measara, agus gu bheil micumail mo shròine glan. Ach carson nach aithnich iad mi? Nach eil mo chomharradh am chois? Co dhiu tha no nach eilsmin Gille Glas, agus chaneil nàirorm á ainm. Ach ma bhios tu ri ni sa bith nach math leat a chluinntinn, “nuair a chi thun Gille Glas, tar as, tar as.” Than tubaist orm le luathair a bheòil.

Tha Mac Iain air sealltainn suasnar measg a rithisd. Tha e coltach gu feum sinn déirc naisg gus e fhein sa rud a tha comhladh ris a chuir air falbh, se sin mar a falbh am fear beag leis a bhòsd.

Tha bruidhin an drasdà gu bheilJohn Bull ’sa cheann am bruaich aburach ris an Fhraing. Ma thoisicheas cogadh nach ann agam a bhios mo chridhefalbh sios do Sheticamp le mo chuaille gasda de bhata, a chnuacadh nam Frangach. Na builg bhuidhes mise bheir orre. Tha mi creidsinn gur gann a thiarneasMedricksan dol seachad. Bha sinn a bruidhain air an chogadh an la roimhe, agus dhfhoighneachd Eoghan co bha dol a chogadh. Thuirt mi fhein, bhon is mis luaithe bial gun robh na Breatunnaich agus na Frangaich. Fhreagair Eoghan gu grad, “Sa bheil guth idir air muinntir na h-Aimhne Rosaich.” Feumaidh mi beagan innse dhuibh mu Eoghan bhon thug mi tarruinn air. ’Se duine neo-chiontach a thann, ach gun fhios dha fhein their e facail gheura corr uair, agus facail air gle bheag tùir uairean eile. Bha en cuideachd bho cheann ghoirid a bha bruidhinn air an rathad iarrainn a thatar dol a thogail eadar an Gut isBroad Cove,Bha cuid ag rathainn nach rachadh a dheanamh idir, agus cuid eile gun rachadh. “Leigeabh seachad e,” arsa mi fhein; “chim fear is fhaide saoghal co dhiu theid na nach theid.” Co fhreagair ach Eoghan. “Tha iad ag rathain,” ars esan, “am fear is fhaide saoghal gur h-es mutha bial.” “Ud Eoghain bhochd,” arsa mise, “tha eagal orm nach eil thu uile ann.” “Tha,” ars Eoghan, “na bhann riabh dhiom mar eil an corr.” Fhuair e uair uan aig othaisg; thainig e stigh agus dhinnis e do Ronull gun dfhuair se e. “An ann fireann a tha e,” arsa Ronull. Fhreagair Eoghan, “Coltach nach eil e fireann fhathasd co dhius e cho bideach.” Choinnich e orm uair agus cotur glas air. “An e aodachfactorytha sin Eoghain,” thuirt mi. “Cha ne,” ars Eoghan; aodach cloimheadh a thann.” Theagamh gun dthuirt mi gu leor ma Eoghan air an turus so.

Nuair a bha mi sa cheanna bhaile chunnaic mi duiniongadach ann. Bhan dara taobh dhe aodann cho dubh ri cul an t-similair; agus an taobh eile, dubh cuideachd. O! se bha grannda. Ach ma bha esan grannda, siomadh aghaidh bhoideach a chunnaic mi; nighneagan donna boidheach a bhaile, ’sa chuil te dhiu cho sgiobalta, grinn, a ceum cho uallach, ’s in dùil gun robh a chuile sùil a stiùireadh ga h-iunnsaidh fhéin. Ach bha misecuimhneachadh air an te dhfhàg mi na mo dheigh. Bha na facail a thuirt Uilleam Ros air an òran a tighinn an còmhnuidh fa chomhair minntinn,

Ged a chithinn mile te,
Si Mòrag fhéin is bòidhche.”

Sis bòidhche, co dhiu, nan te bhios Ailean a molladh, geda tha i lughach gu leòr. Slan leibh an dràsda. Cha sgriobh mi tuilleadh gus an ath turus; agus mar a bi naigheachdan agam cha sgriobh minuair sin fhéin. ’S mi ur caraid mor, briagha, ban,

AN GILLE GLAS.


Bha coinneamh mhòr ann an Eirinn air achoigeamh latha fichead dhen Mhàigh, coinneamh a tha gu bhi ann gach samhradh an deigh so, agus a tha co-ionnan ris aMhòd a tha aig na Gàidheil na h-uile foghar. Is es ainm don choinneimh EirionnaichAn t-Oireachtas,” agus bha i air a cumail a cheud uair an uiridh. Bha Oireachtas na bliadhna so gu math air toiseach air coinneamh na bliadhnan uiridh ann an iomadh dòigh. Bha àireamh bheag de bhul a Chomuinn Ghàidhealaich a làthair, agus rinneadh fàiltes furan riutha. Bheir sinn an òraid a liubhair iad seachad anns an ath àireamh. Tha sinn a guidhe siorbheachadh leis an Oireachtas, agus leis gach dòigh eile a tha muinntir na h-Eirinn agabhail gu seann chainnt na dùthcha a chumail beò.


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.

Cloth Chowes, Cloth Chlondaic, Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach.

TRIUBHSAIREAN BHO $3 .00 SUAS.

Niall Mac Coinnich,
Sidni, C. B.


C . H. HARRINGTON & CO.
Flur, Min, Ti agus Siucar dhen t-seorsas fhearr.
Soithichean Glaine agus Creadha, math agus saor.
Brogan, Botainnean, Rubbersagus Caiseart de gach seorsa
GAN CREIC SAOR.


BATHAR CRUAIDH.

Tha mi a nisecumail Bathar Cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh, Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gun taghal thu orm. Tha mi, mar a babhaist, acreic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha micreic gach ni gle shaor.

AONGHAS MAC LEOID,
Sidni, C. B.


H. D. Mac Ille-Mhaoil,
Stewartdale , C. B.
Cloth,Drogaid, agus PlaideachanEureka.”
Mu dheich air fhichead seor sa aodaichga chreic.
Cloimh air a gabhail an coinneamh Aodaich.
MA tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige neo sgriobh uige.



[413]

[Vol . 6. No. 52. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Sgaoil an Ard-Phàrlamaid air an treas latha deug dhen mhios, an deigh dhi bhi cruinn fad cheithir miosan gu leth.

Chaochail Sir Adolphe Chapleau ann am Montreal, toiseach na seachdain sa chaidh. Bu duine a bha gle ainmeil beagan bhliadhnaichean air ais, ann an cùisean riaghlaidh Chanada. Bha e fad cheithir bliadhnana Riaghladair air Cuibeic.

Tha amhèinn ghuail ann amBroad Coveag obrachadh gu bras; tha mu shia fichead duine ag obair innte, agus iad afaighinn an tuarasdail gu riaghailteach na h-uile oidhche Di-satharna. Tha taighean air an cur suas do na mèinneadairean, agus tha choltas air an àite gun dean e fàs, agus gum bi e na àite anns am bi moran obrach adol air adhart an ùine gun bi fada.

Tha Mr. E. T. MacKeen an deigh a dhreuchd anns an Ard Sgoilsa bhaile so a leigeadh uaithe. Tha ena fhear-teagaisg anns an sgoil sin o chionn àireamh mhor bhliadhnaichean, agus bidh iadsan a fhuair earrann dem foghlum uaithe gle dhuilich a chluinntinn gu bheil ecur roimhe sgur a theagasg. Tha sinn aguidhe soirbheachadh a bhi leis ge be den gnothuch ris an teid e.

Chaidh fear Màrtuinn Hogan a bhàthadh ann an dama muillne, mu ochd mile mach á Baile-Shearlot, E. P. I., ’sa mhaduinn Di-satharna sa chaidh. Bha e fhéin agus daoineile ag iasgach bhreac; chaidh esan a mach am meadhon na dama air ràth; thuit e dheth, agus o nach burrainn dha snàmh, chaill e a bheatha. Fhuaireadh a chorp ann an ochd troidhean de dhuisge. Bha e còig bliadhndeug air fhichead a dhaois.

Tha na naigheachdan a tha tighinn a thaobh a chogaidh gle dhoirbh an innse; tha iad ro lionmhor, agus am bitheantas do-chreidsinn. Ach tha e coltach gu bheil an t-arm Geancach an deigh faotainn air tir ann an Cuba agus gu bheil iad afaotainn buaidh air an arm Spainnteach. Tha na daoine a bhair bòrd an t-soithich bhig a chuir na Geancaich fodha ann an acarsaid Santiago air an cumail nam priosanaich aig na Spàinntich, agus tha cùram air moran man timchioll; tha cuid den bharail gun deach am marbhadh, ach chan eil sin coltach, neo tha na Spàinntich nas miosa nan cliù. Tha an cogadh acosg da mhuillean dolairsan latha do na Stàitean, agus chan eil i fhathast deiseil gu dhol a chogadh mar bu chòir dhith.

Chaochail Mr. E. T. Moseley, Q. C., anns abhaile so, a sheachdain gus an diugh. Cha robh e tinn ach gann seachdain, agus cha robh duil nach rachadh e am feobhas gu uine ghoirid romhbhàs. Bha ena dhuine a dhionndraineas am baile gu mor; bha ena fhear-lagha tapaidh, agus a bharrachd air a bhi frithealadh air cùisean a bhuineadh don lagh, bha ecur air adhart gnothuichean eile o àm gu àm, agus bha dreuchdan urramach air am buileachadh air uair no dha. Bha e àireamh bhliadhnaichean ann am pàrlamaid Nobha Scotia, agus bha e fad cheithir bliadhnanaSpeaker ,nona cheann-suidhe air aPharlamaid sin. Anns abhliadhna 1890, bha ena Ard-Bhàillidh air abhaile so. Bha e o chionn àireamh mhiosan air ais acur mu dheibhinn cuideachd làidir fhaotainn gu mèinn ghuail air an robh còir aige, fhosgladh agus obrachadh, agus chan eil teagamh, nan robh e air a chùmhnadh nach biodh sin aig air a dheanamh an ùine gun bhi fada. Bha e air a thiodhlacadh aig tri uairean feasgar na Sàbaid, agus lean aireamh mhor sluaigh an giùlan dhionnsaidh an àit-adhlacaidh. Dhfhag e bantrach, triùir ghillean, agus aon nighean, a tha pòsda ris an Urr. Uilleam Calder, ministear Mhira. Cha bu duine sean e idir; cha robh e ach 53 bliadhna dhaois.

Bha fear Fearchar Mac Neill air a mharbhadh le tuiteam guail ann am meinn an Dominion, a sheachdain gus an de, Bhuineadh e doSt . Peters, agus bha e aona bliadhndeug air fhichead a dhaois.

Bidh na sgoilean air an dùnadh an ùine ghoirid, agus bidh cothrom aig an luchd-teagaisgs aig na sgoilearan air sgiths na bliadhna a leigeil dhiubh. Is obair gle chuingeil an sgoil, agus an deigh a bhi saoithreachadh gu dian fad na bliadhna chaidh seachad, thana maighstirean agus na sgoilearan gle fheumach air a bhi saor fad mios ann an teas an t-samhraidh.

Tha an t-iasgach gle mhath air cladaichean Newfoundland on thainig an samhradh, agus ma leanas e cho math, bidh an sluagh anns an eilean sin nas fhearr dheth na bha iad o chionn àireamh bhliadhnaichean. Tha an t-side gu math nas blàithe na bàbhaist mun àm so bliadhnaichean roimhe. Tha Newfoundland atogail a chinn gu math anns na bliadhnaichean so.

Thag sinn iomradh o chionn còrr us mios air ais air luchd soithich de luchd-imrich (Galatianaich) a bhi air an cumail ann an acarsaid Halifacs air eagal gu robh abhreac nam measg. Chaidh an leigeil ma sgaoil air an t-seachdain sa chaidh, agus tha iad air a dhol air adhart don Iar-Thuath, far am bheil iad adol a thogail fearainn. Bha coig ceud us ceithir fichead ann dhiubh air fad.

Thòisich an carbad-iaruinn air ruith a reir tim-chlàr an t-samhraidh Di-luain sa chaidh. Tha efalbh aig ochd uaireansa mhaduinn, agus atilleadh aig fichead mionaid gu naodh feasgar. Tha na h-amannan sin moran nas fhearr na mar a bha eruith anns agheamhradh; bheir e cothrom do dhaoine gabhail mu thamh nas tràithe air an oidhche, agus dhfhaoidte gun toir e air cuid éiridh nas traithe na bàbhaist dhaibh.

Bha Cùirt de na Forsairean Canadach(Canadian Foresters)air a suidheachadh anns abhaile air acheud latha dhen mhios so. Is comunn urrais-beatha so, anns am faigh duinòg airgead-urrais a chur air a bheatha gu math saormile dolair air son mu dheich dolairsa bhliadhna. Chaidh còrr us fichead de dhaoinògabhaile so a stigh ris. Bha Cùirtean den chomunn cheudna air an suidheachadh uaithe sin ann anGlace Bayagus an Sidni Tuath.

Chan eil an obair-iaruinn ris an robh dùil againn ann an Sidhi, adol a thighinn idir. Bha a chuideachd a bhadol ga cur air adhart ag iarraidh cuideachadh air an Ard-riaghladh, agus chan fhacan t-Ard-riaghladh iomchuidh sin a thoirt dhaibh; air an aobhar sin chan eil an obair ri dhol air adhart idir, aig an àm so co-dhiu. Bha iad ag iarraidh tri dolair on Riaghlanh air son gach tunna iaruinn a chuireadh iad a mach. Tha so adol a thoirt tilleadh mor do Shidni, oir bha moran den t-sluagh adeanamh bun as an obair-iaruinn, ris an robh lan dhùil aig na h-uile o chionn àireamh mhiosan air ais.


BAIS.

AigBlue ’s Mills,air acheud latha dhen mhios, Domhnull Mac Cuthais, tri fichead bliadhnasa seachd deug a dhaois. Bidh e air ionndrain gu mor leis na coimhearsnaich uile, oir bu duine air an robh deagh mheas. Dhfhàg e mac agus dithis nighean.

Ann anNew Glasgow,air an deicheamh latha dhen mhios, Ruairidh Domhnullach, ris an cante am bitheantasRuairidh Piobaire,” anns a75mh bliadhna de aois. Rugadh e ann an siorrachd Inbhir-nis, an Alba, agus thainig e air imrich don dùthaich so leth-cheud bliadhnasa ceithir air ais, agus shuidhich e anns aCheapaich, an Antigonish. Mu thri bliadhndeug air ais, chaidh e fhéinsa theaghlach a dhfhuireach do bhaileNew Glasgow,far an dfhan e gu àm a bhàis. Bha ena dheagh sgoilear Gàilig, agus bha e gle mheasail air litreachas na h-Alba. Bha ena bhall dileas den Eaglais Chaitliceach re a bheatha. Dhfhàg e bantrach agus còignear nighean gu bhi caoidh a bhàis. R. I. P.


[Dealbh]
THE WANZER LAMP.

Cumaidh i solus riut.
Goilidh in coire dhut.
Bruichidh im biadh dhut.
Tairnnidh in ti dhut.

Cha chosg i uiread olla ri lampeile, agus ni i solus moran nas fhearr. Gheibh thu ri ceannach i aig
CAIPT. RUAIRIDH MAC NEILL,
Sidni, C. B.


[Dealbh]
Tha sinn a nisenar luchd-gnothuich aig a
CHANADACARRIAGE Co. ,
air son Eilean Cheap Breatunn. Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead lecheannach uainne.

F . FALCONER & SON,
DIOLLADAIREAN,
Sidni, C. B.


Amherst Boot & Shoe Mfg, Co.,
AMHERST, N. S.

AChuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt as ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.

Amherst Boot & Shoe Mfg. Co.



[414]

[Vol . 6. No. 52. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 411.)

eadh gaire a dheanamh. Air latha araidh fhuair an taillear fios cabhaig gu do dol a dhobair do thigh an tuathanaich ann am Bealach-na-mona. Bha iomradh am fads am farsuingeachd feadh na dùthcha gun robh buidseachas air an tigh, agus a mach on taillear fhein agus h-aon no dha eile, cha robh abheag dam baithne an t-aite nach robh atoirt lan gheill don bhiubhas. Ma bha buidsichean an aite sam bith eadar Maol-chinntire agus Barra, bha iad ann am Bealach-na-mona. Theireadh duine gun robh e air a dheanamh air an son, —aite uaigealta, fàsail, air a chuairteachadh le boglaicheans le criathraichean ris an deanadh cridhe nan doideagans nan glaistigean teòisinn. Ach chan e mhain gun robh Bealach-na-mona coltach ri aite a thàladh an leithidean so, agus a bha anns gach doigh freagarrach air son an ubagans an iopannan a chur an gniomh, —bha gu leoir de dhaoines achoimhearsnachd a bheireadh am boideans am mionnan gum faciad fein agus gun dfhairich iad cuid dan droch chleasachd an àm a bhigabhail an rathaid chuil, anmoch a dhoidhche, eadar Tigh-an- triubhais* agus an Caolas. Co nach cuala mar a lobhairs a liodairs a mhi-ghnathaich iad an Drobhair Mor, uair a bha etilleadh dhachaidh anmoch á Tigh-an-triubhais, an deigh a bhi fad an latha air Faidhir aChlachain? Cha dfhuair e os a chionn gus an lathan diugh, agus tha e ag radh nach gabhadh e an saoghal agus dol air ais leis fein a rithist air an rathad cheudna, eadhon ann an geal an la sholuis!

Bha lan fhios aig gille an tailleir mar a thachair don Drobhair Mhor agus do iomadh aon eile, ’s cha chluinneadh e an t-iomradh a bu lugha air dol a choir an tighe. Thuirt e gum faodadh an taillear dol ann ma bha e gun suim, gun churam da bheatha; ach air a shon-san ged a bhiodh a h-uile snathain aodaich ann am Bealach-na-mona air a chaitheadhn a luideagan, agus a h-uile duine gun snichdean a chuireadh iad man cuirp, nach rachadh esan a dhobair ann, nach laidheadh, agus idir, idir, nach caidleadh e oidhches an tigh. Dhfheuch an taillear an da chuid le durachd agus le fochaid air a chur bharr a bheachd, agus theabs gum fairtlicheadh air; ach mu dheireadh, chuir e iompaidh air Cailein gu dol leis, agus moch air maduinn an ath latha thog iad orra, —an taillear gu togarrach, sunndach, ach Cailein bochd, lan geilt agus amharuis.

Air feasgar achiad latha, rinn Donnachadh-taillear guth air mac an tuathanaich; dhinnis e dha an t-eagal a bha air Cailein roimh na buidsichean, agus thuirt e ris edhol fon leabaidh anns an robh esan agus Cailein ri cadal, agus an uair a bhìodh iad direachdol a thuiteamn an cadal, echur a dhroma fo urlar na leapach agus a togail a suas uair no dha a chur eagail air Cailein.


* An tigh-osda.


Cha diarr mac an tuathanaich na bfhearr, agus goirid man do ghabh an taillear agus Cailein mu thamh, chaidh e air a mhàgan fon leabaidh agus rinn e deas air son aghnothuich. An deigh dol a laidhe, —an taillear air an taobh-beoil agus Cailein air an taobh-cuil, —cha robhshaod air Cailein gun caidleadh e idir ach asior-bhruidhinn air buidsichean, agus an taillear, ma bfhior e fein, amagadh air air son a bhi cho faoin. “Caidil,” arsan taillear, mu dheireadh, “tha mi seachd sgith dhiot fein agus de dbhuidsichean, —cha chreid mi gum bheil an leithid idir ann gus am faic nom fairich mi iad.” Thionndaidh an taillear a chulaobh ri Cailein, a thug osna throm as, agus shocruich iad iad fein air son cadail. Is gann a neadaich iad an cinn anns na cluasagan, an uair a mhothaich Cailein an leabaidh ag eiridh suas fodha mar gum biodh crith-thalmhainn ann. “Ni-math gar teasraiginn, sin iad!” arsesan, ’s etoirt leum-buic a nunn air meadhon an urlair,— “nach dthuirt mi ribh gun robh buidsichean ann.” Cha burrainn don fhear a bha fon leabaidh cumail air fhein; rinn e glag gaire, agus ma rinn, rinn an taillear. Bha Cailein bochd fo leithid de bhalla-chriths nach burrainn da toiseachadh leotha no tlachd a ghabhail anns an spurt ged a chunnaic e ciod a baobhar dhi. Ged nach do chaidil e moran an oidhche sin, dhaidich e gun do chuir cleas an tailleiroillteils mar a bha e, —gu buileach as a cheann, on latha sin, gach creideamh ann am buidseachas, gisreagan agus a h-uile gne shaobh-chrabhaidh.

MAC-MHARCUIS.


LITIR AMICHIGAN.

FHIR-DEASACHAIDH: —Seo agaibh dolair air son paigheadh MHIC-TALLA, aguss math is fhiach e asuim beag sin. Tha miga leughadh faisg air bliadhna, aguss iomadh rud a dhionnsuich mi ás, fad na h-ùine sin, mu bhàrdachd, eachdraidhus àbhaistean ar sinsearan. Ged nach biodh dad ann ach litricheanChònaa mhàins math a bfhiach e an dolair. ’S ciatach an sgoilear GàidhligCòna.” Theid e ceithir thimchiol airAfrica, ’s cha choinnich dad ris air nach cur e Gàidhlig. Tha a Ghàidhlig adortadh on apheann aige mar dhoirteas sruthan na Gàidhealtachd a bhàn slios nam beanntan. Ach cha bhith tlachd agam annnuair a bhios ecàineadh na Stàitean, rud a tha e adeanamh car tric. Thatar acur air na h-Eirionnaich gum bheil iad gle mhiosail air a bhuntàta, ach chaneil micreidsinn gum beil iad nas miosaile air na tha na Gàidheil, oir tha h-uile fear a sgriobhas gu MAC-TALLA toirt cùnntas air a bhuntàta. Air eagal gu saoil sibh nach Gàidheal mise, their mi facal na dhà umpa. Chaneil againn ann a so ach am buntàta a gheibh sinn anns na bùthanus tha iad, marbha buntata nan Torranan Dubha— “beag, bog, carrach, neo-lionmhorus làn de thuill dhubha nam biast.” Ach, gu tric, gheibh sinn an trosg ùr (mairt-fheoil na fairge) ’s na bùthan; ’s taitneach am biadh e fhéins am buntàta air bialaobh Gàidheal a tha seachad ciad mìle on chuan. Bhithinn-sas feadhainn eile, fada nur comain, nan deanamh sibh an earainn sin deCharthonnanns am bheil Oisean amoladh na gréine, eadar-theangach gu GàidhligsaMHAC-TALLA. Bhitheadh e gle bhriagha ann amprose ,facal air an fhacal o Bheurla Mhic Mhuirich. Dhfhairtlich orm na facail bhriagha sin fhaicinnan àite sam bithsaGhàidhlig. Rinn mi fhin seòrsa de eadar-theangachadh orra, ach bfhearr leam fhaicinn deante le fear air choireigin de na h-àrd sgoilearan a thasgriobhadhsaMHAC-TALLA. Bha ministeiran Alba a bhitheadh aleughadh na searmoin den phaipeir gach Sàbaid; bha e mar fhasan aige bhig ràdhsachodhùnadh nach canadh en còrr air eagal gu sgithicheadh e iad. Bha so acur corruich air sean bhean a bhaga éisdeachd; dheirich i aon latha us chrath i a dòrn ris, ag ràdh; “Chan urrthu; chan urrthu; theirig ann paipeàr agad.” ”S ann mar sin a dheirich daur caraid,

DONULL MAC LEOID.
Detroit , Mich. ,10 Iun, 1898.


EALASAID NIC UISDEIN.

LE CALUM MAC PHARLAIN.

Bha Ealasaid Nic Uisdein gu tùrsach mu bhàs a céile, Pàruig, leis an do chuir i seachad deich bliadhna fichead da beatha. Bha in a boireannach gearanach nach robh furasdathoileachadh. Bha i buailteach de thurainnean beaga an dràsds a rithist, agus aig na h-amanna so bhitheadh icur iomchoir air Pàruig. Be so a gearan gu tric,— “Tha mise bochd, bochd! Chan fhadabhios mi ann, a Phàruig, agus cha bhi mi air fuarachadh fon fhòid gus am bi aotrom ghòrach air a cur am àite.” “Na bitheadh eagal ort, ’Ealasaid a ghaoil,” fhreagaradh esan, ’agus na bicur iomagain ort fhóin a thaobh sin. Gabh thusam fhacal air, chan fhaics cha chluinn thu sin. Mas e toil an Fhreasdail thu dhfhalbh aig an àm so,— ’s cha shaoil mi gu bheil sin an dàn duit an dràsd, oir chaneil mismuainteachadh gu bheil thu cho fìor dhonas a tha thuleigeil ortis mòr achomhfhurtachd dhuit nacheil thufàgail pàisdean mun ghriosaichn ad dhéigh; agus air mo shon-sa, buidheachas do Ni-mathn uair chuireas mi orm mo bhoineid tha mi fheins mo theaghlach fo dhìon.”

Be toil an Fhreasdail gum be Pàruig a chaochail an toiseach. ’N uair a bha Ealasaid ag caoidh a challdach cruaidh a thàinig oirre, a thàinig a stigh a thoirt comhfhurtachd dhi ach bana-charaid dam bainm Seònaid Nic Fhearchair a bhan a banntrach mar a bha i fhéin. Bha Seònaidn a nàdur car coltach ri Ealasaid fhéin, agus cho eòlach air a dòigheans a than ladar air aphoit, mar their iad.



[415]

[Vol . 6. No. 52. p. 7]

Ma ta, ’Ealasaid, chaneil ioghnadh orm thubhin impis dol as do riaghailt le duilichinn. bha coltach ris san nach maireann aon chuidn a phearsa non a ghiùlan, —daonnan cho cridheil agus cho aoidheilgun a ghàire bhàrr a bhilean no am feala-dhà as a bheul.” “O cuisd, cuisd, a Sheònaid, na abair tuilleadh ma dhéidhinn. Tha mo chridhe gu sgàineadh ann am chom. Tha cuimhnagam a cheud uair a thachair sinn air a chéile. ’S ann aig an Fhéill-Chonnain a bha e. Bha esan ag ceannach snàiths bha miseg a reic. Bha min am chaileag ro-phongail, sgiobalta aig an àm udchan ann a chionn mi féing a radhagus bha fiodhall ag cluich agus dòrlach nigheanans ghillean adannsadh air an lón dìreach cùl mo bhùth-sa. Arsesan riumMo chaileag laghach, an gabh thu cuairt air an dannsadh?’ Thuirt mi gun robh mi coma-co-dhiu nam bitheadh fear mam choinnimh coltach ris féin. Tha cuimhnagam fhathast air a phort a bhaig an fhidhleir. So agad e:—

S coma leis na h-ìghneagan
Cìobairean taobh-Loch-odha;
Bithdh iad leis na h-ìngnean
A sgrìobadh nan caorach odhar.

O, misen diugh, misen diugh! gun dthàinig e gu so mu dheireadh! Bhon àm sin bha Pàruigs mi féin ri suiridhe. Tha en am chuimhne mar gun do thachair en , an oidhche a dhiarr e mo làmh. Thuirt mi ris, mar gum bithinng a chur dheth, gum bu mhath leam fios a bhi agam mu dheidhinn o neach a beòlaiche air na mise. ‘Nis, nis,’ arsesan, ’s e deanamh gàireis cuimhne leat a shnodha gàire— ‘tiugainn far a bheil mo mhathair; chaneil aon ann dan aithne mi nas fhaide na ise.’ Air falbh ghabh sinn an ath latha, sinn fhéinn ar dithismisair aphillean aig a chul. Bha a mhàthair bhochd cho toilichte gun do thagh e caileagmar a thuirt icho eireachdail as gun dthug i an deagh theisteanas air, cho maths a fhuair duine riamh; agus tha cuimhnagam gun do cho-dhùin i le ràdh,— ‘Mac a bha cho math ga mhàthair nach burrainn da bhi dona ga mhnaoi.’ Bi sin an oidhche shonabha againne! Rinn a mhàthair cuirm agus thug i cuireadh do dhà no trì de na coimhearsnaich, agus dhfheumadh am fear nach maireann òran a sheinn dhuinn, ’s bu mhath a baithne dha sin a dheanamhn uair a thogradh e fhéin. Tha cuimhnagam fhathast air acheart òran a thug e dhuinn. Be so e:—

A nighean donn an t-sùgraidh,
S mo chaileag laghach shùnndach;
A nighean donn an t-sùgraidh,
Gun siùbhlainn-sa tharm aineol leat.

Ochòin, ochòin! a Sheònaid, chaneil fhios g an caileag mi an ath-uair!”

Chan urrainn dhut paipear Gàilig fhaighinn an àite sam bith ach MAC-TALLA, ’s bu chòir dhut a bhi gle mheasail air.

Bidh ainmean muinntir a phaigh anns an ath aireamh. Feuch, a charaid, am bi t-ainm-sanam measg.


J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsas fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B


AN T-AITE
Anns an Ceannaich thu
Suic agus Iaruinn Cruinn, Creamers, Soithichean Bainne, Airneis-taighe, Stobhaichean, Flur, Min, etc., etc.
An Stor aig
ISAAC GREENWELL,
SIDNI, C. B.


THAN T-EARRACH
air tighinns an Samhradh gle fhaisg air laimh. Ma tha thu air son Deise no pairt de dheise fhaotainn, taghail aig
Niall Mac Fhearghais,
an Taillear,
agus gheibh thu do dheagh riarachadh. Tha na h-Aodaichean a thaige math, ’s bidh iad an an deanamh a cheart cho math.
CordaidhObair Riut.


Gabh Deagh Chomhairle
agus ceannaich gach bathar a bhios a dhith ort bho
MATHESON , TOWNSEND & Co.

Tha stoc mor aca de Bhathar Tioram, Amhlan, Ti, Siucar, Siabunn, agus gach ni eile air an cuir tigh feum.

Tha Adan, Bonaidean, Fluraichean, Itean, agus gach ni mar sin aca do na caileagans do na mnathan.

Tha gach ni a thaca dhen t-seorsas fearr, agusga chreic cho saorsa ghabhas deanamh.

Cha chosg e sion dhut am bathar fhaicinn; bidh na cleirich gle thoileach a shealltuinn.


Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIGOs cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C B.


D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C.B.


BADDECK , - - C. B.
Airson a stor a dheanamh nas deiseiles nas feumaile dhaibhsan a thadeanamh gnothuch ris, tha
Albert I. Hart
anise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha achuid sin den ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am BostonsanNew York.Gheibh iadsan a thig ga h-ionnsuidh an
DEAGH RIARACHADH.
BADDECK , - - C. B.


THA EARBSA
aig daoine ann am maidsichean Eddy— ’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha coltach ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum.

Than t-ainm so na urrais air mathas.

THE
E. B. EDDY Co., Limited,
Hull, Canada.



[416]

[Vol . 6. No. 52. p. 8]

Mo Ribhinn Bhan.

AIR FONN— “Mas ann ga mmhealladh a ghaoil a bha thu.”

SEISD.
O! seinnam duanag don ghruagaich àluinn;
O! seinnam duanag,
Don chailin uasail,
A tha ga mbhuaireadh gach oidhch’ ’us .

Bha min raoir ann an gleannan bòidheach,
Fadom dhaoine, ’s gach neach a beòl dhomh,
Us bhon a shaoil leam a bhi na mònar,
S ann sheinn mi òran do mribhinn bhàin.

Bha na flùrain gu dlùths gach cluanaig
Am boltrach cùbhraidh mar thùis mun cuairt dhiom;
S gach craobh alùbadh a geugan snuadhmhor,
Nuairghleus min duanag do mribhinn bhàin.

Bha na h-eòin ann am bàrr nan òg-chrann,
A seinn le cheile an luinneag cheòlmhor,
Air leamn uair dhéisd mi ri guth na còisridh,
Gun robh an còmhradh mum ribhinn bhàin.

Ged tha gach raon agus càr gun ghluasad,
S am fraoch marbha e air àird nam fuar-bheann,
Chan fhaigh mimànran mun àiridh uaignich,
Marbhas mar fhuair mi le mribhinn bhàin.

Tha gach lèanags gach coire fàsail,
Gach sruthan uaigneachs gach bruachag shàmhach,
A dusgadh smuaintean nach dual dhomhbhàthadh,
Bhios buan gu bràth le mo ribhinn bhàin.

S tric mo nighnag a seinn gu brònach,
Mun uair a dhfhàg sinn an doire còmhnard,
S a theich mar sgaile na làithean sòlais
A bha sinn còmhla an gleann nam .

Ach ged a tha sinn car greis bho chéile,
Ar cridhe tùrsach a caoidh mar dhéirich.
An gaol nach fàilnich ni fàs nis tréine,
A dhluith mi féin ri mo ribhinn bhàin.

AONGHAS OG, ’saHighland News.


Na Duimhnich.

S fhada bhon a chuala sinn gun robh da thaobh air a mhaoil. Tha cuid-eigin a tabhairt dhuinn anns aMHAC-TALLA, an taobh min de dheachdraidh nan Caimbeulach, ach ma theannas sinn ris bheir sinn dhuibh an taobh molach dhi. Thog na Caimbeulaich iad fein le cealgaireachd us mealltaireachd, agus le bhi cur ceap-tuislidh roimh chinnidhean saor-chridheach eile, mar a bha na Domhnullaich, na Leathainich agus na Griogairich. Thuirt Gilleasbuig na Ceapaich mar so ri fear de na Caimbeulaich:—

“ ’S olc a luidheadh ort òran,
S i do shron bu mhor braghadh:
Tha blath na bricesan t-sròin ort
S lionmhor fròg a tha t-aghaidh;
Tha thuchinneadh nan cealgair,
Na mealltairs nan spleadhair:
Chaidh an ceann dher n-àrd-thraoiteir
Chum an fhoill greis air adhart.”

Thuirt bàrd eile mar so:—

Gu bheil cinneadh an Albainn,
S och, a righ! ’s fhad on dhearbh iad bhi olc;
Gur h-iad sid na Caimbeulaich
Luchd a shineadh na feusag air stoc.
Tha mhaighdean cho feargach
S gun toir i craidh-dhearg air an corp,
S gu bheil iadsan cho cealgach
Ris na balgairean clearg thig á sloc.”

Thuirt Iain Lom mar so riutha:—
Thug sibh uaithne le spleadhan,
Eilean Ile ghlas, laghach,
S Cinntire le mhaman gorma.”

Thuirt Iain Ruadh Stiùbhart mar so riutha:—

Gum bfhearr leam ena dùthaich,
Ged bfhiach i pailteas cuinnidh,
Gu faicinn Tearlach Stiùbhart
Lechrùnsa Whitehall.
Nan tigeadh e dar n-ionnsuidh,
Le fichead mile diù-laoch,
Gun càradhmid le dùrachd
An crùn air a cheann.

Sinnuair bhiomaid sùnndach,
Cha chaidleadhmidsan smùirich,
Cha bhiodh mo cheann fo lùirìch,
Bhiodh sùgh ann am chainnt.
Bhiodh mo chlaidheamh an cùl dùirn agam,
Toileach dol ga rùsgadh,
Os teann nach fhaicinn sgiùrsadh
Air crew nam beul cam.

Sid an fhinntha ainmeil
An dràsd air feadh na h-Albainn,
Cha chluinnear ann de sheanchas
Ach airgid us diuchd.
Atoirt nam mionnan cealgach,
An ionad daoine dhamnadh;
Achs gann gu faod mi sheanachas
Aig leanmhuinn a chrùin.

S e sid a chum bhur n-earbuill,
Ribh féins ri fir na Gearmailt,
An droch-spiorad chuir sealbh oirbh
S e dhearbh sibh bho thùs;
A chòir a bhi cho anfhann
S nach tagrar i gun argumaid,
Amionnachadh gu talmhaidh,
S e dhearbh dhuibh gach cùis.

Ga mor leibh bhur cuid mùiseig,
Sibh féins bhur trusdar diùchda,
Bha uair a bha sibh sùmhail
An cùirt Innse-Gall.
Cha be meud bhur diulanis
A dhfhag bhur aigneadh sùnndach,
Ach cealgaireachd us lùban
S gach cùis a dhol cam.

Gur mearachdach an diùbhras
Mun char thainig as ùr oirnn,
Ma chroch sibh Seumas Stiùbhart
Cha chliù dhuibh a h-ann.
Ach dhfhaoidte gun tig ùine
Nuair phaidheas sibh e dùbailt,
S ged fhaicinn sid le m shùilean.
S ann leam nach bu chall.”

ALASDAIR AN RIDSE.


Bha fearTomas DeWolfair a mharbhadh le each ann amPugwash , N. S. ,Di-satharna sa chaidh. Bha efeuchainn ris an each a ghlacadh anns aphastur, ’nuair a bhreab e esan taobhs cha robh e beò ach gu maduinn an ath latha. Bha e 66 bliadhna dhaois.


THA DROCH ANAIL
mi-thaitneach.

Tha géireachd, losgadh-bràghaid, gaotharachd, agus meuran eile de Chion-cnamhaidh a deanamh iomadh neach mi-shona.

Bheir K. D. C. agusK . D. C. Pillsan anail gu bhi mar is còir dha bhi, agus lsighsidh iad cion-cnamhaidh, ’s gach seòrsa tinneas-stamaig.

AIR AN DEAGH MHOLADH.

Sampuill a Nasguidh.
K . D. C. Company, Limited, New Glasgow, N. S., and 127 State St. Boston, Mass.


DHIARRAMAID AIR NA GAIDHEIL
s air muinntir eile a tha air sonTypewritera cheannach, iad a dhfheuchainn na
Blickensderfer No. 5,
mun ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35 .00.

Tha seorsachan eil againn cuideachd.

CREELMAN BROS, Typewriter Co.,
15 Adelaide St., East,
Toronto, - - ONT.


BATHAR EARRAICH.

Deiseachan Fhirionnach air $3 .50, $4 .75 agus o sin suas.

Deiseachan Ghillean air $1 .75, $2 .60, $3 .00, $375 agus $4 .60.

Bathar eile a reir sin. Chan eil stor anns abhaile anns am faigh thu BATHAR MATH cho saor.

Tormad Domhnullach,
SIDNI, C. B.


CAIT AM FAIGH MI?
Saibh, Glasan, Luaidhe, Sgeinein, Lainntearan, Sguabaichean, Paipear-tearra, Paipear-tubhaidh.
Olla, Fudar, Glaine, Siosaran, Tairnean, Bucaidean, Tuaghannan.
GHEIBH AIG
C . P. MOORE,
Sidni, C. B.


AIRNEIS TAIGHE,
SOITHICHEAN CREADHA,
BOTUINNEAN agus BROGAN.
Tha stoc mor dhiubh so air ur-fhosgladh againn, agus tha sinn
— ’g an creic
SAOR! SAOR!
SIDNI , C. B. JOST BROS. 13 MAIGH, ’98.

titleIssue 52
internal date1898.0
display date1898
publication date1898
level
reference template

Mac-Talla VI No. 52. %p

parent textVolume 6
<< please select a word
<< please select a page