[Vol . 6. No. 6. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH, CHAN AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 6 OGUST, 1897. No. 6.
Litir a Lunnainn.
FHIR-DEASACHAIDH: —Leis a litir so gheibh sibh ordugh airson £3 .5. 9 gu pàigheadh airson MAC-TALLA fad bliadhna eile. Bithidh sibh cho math ’s gu’n lean sibh air a stiuradh a dh’ionnsaidh na muinntir a tha mi ag ainmeachadh aig deireadh na litreach.
Tha mi an dochas gu’n gabh sibh mo leisgeul airson a’ bhi cho fad a’m thosd; ni mi mo dhichioll air beagan ni’s mò a sgriobhadh chugaibh air a bhliadhna so na a sgriobh mi fad na bliadhna chaidh seachad.
Cha’n fhaod sinn a bhi ’gearan air mar a tha cùis na Gàidhlig a dol air a h-aghaidh an so, ged is e tuilleadh adhartas a bu mhath leinn fhaicinn. Rinn an class Gaidhlig an Oil-thaigh an Righ an deadh obair fad a gheamhraidh agus chaidh duaisean a thoirt daibhsan a choisinn iad air Dior-daoin sa chaidh comhla ris an luchd-ionnsachaidh eile ’tha anns an Oil-thaigh. Tha an luchd-riaghlaidh gle thoilichte gu’m beil a Ghàidhlig a nis air a teagasg anns an Oil-thaigh: gu dearbh is ann a tha pròis orra as an t-seann chainnt.
Tha mòd a chomuinn Ghaidhealaich gu bhi air a chumail am bliadhna an Inbhirnis, agus tha dochas againn gu’m bi e na choinneamh mhòr as an tig mòran feum. Cha’n e mhain sin ach tha sinn an dùil gu’n toir iadsan a tha air a cheann dearbhadh air gu’m beil iad da-rireadh anns na tha iad a deanamh an ainm a bhi cumail suas na Gàidhlig.
Tha an “Naigheachd Ghaidhealach” a nis a clo-bhualadh moran Gàidhlig gach seachduin agus thional am fear-deasachaidh mu fichead punnd Sassunach gu bhi air a thoirt mar dhuaisean do na maighstearan-sgoile airson a bhi teagaisg na Gàidhlig.
Bhur caraid dileas,
CABER-FEIDH.
A Framboise.
Bha teas anabarrach mor againn bho chionn cho’ -la-deug; cha d’ fhairich sinn, tha mi’n dùil, riamh a leithid; cha’n ’eil mi cinnteach gu de cho àrd sa bha e, ach tha mi cinnteach nach robh e sàbhailte do mhac bodaich a dhol a mhac gun dubhar math air a sgall. Ach ’n deigh a h-uile rud, is math a tha sinn dheth seach àiteachean eile far a bheil moran a’ tuiteam as a seasamh, is gu leòr a’ basachadh le meud an teas; agus ma bhios foighidinn againn, ’s goirid an ùine gus a tig aimsir fhallain, fhionnar, mu’n cuairt.
Cha’n ’eil am bàrr a’ coimhead idir cho math ’sa chunnaic sinn iomadh uair mu’n àm so. Bha toiseach an t-samhraidh gle fhuar, fliuich, airson fàis, ach dh’fhaodadh gun tigeadh leasachadh fhathast ro àm buana.
Bha ’n t-iasgach gu math fad air ais am bliadhna. Cha d’ rinneadh a bheag a dh’ -iasgach sgadain no traisg. Tha daoine an deigh a mheur ud de’n iasgach a leigeil dhiubh air na cladaichean so cha mor gu buileach, agus air tionndadh ri glachdadh nan giomach; ach bha ’n t-side cho stiormeil air an t-samhradh so, ’s nach do ghlachdadh faisg na h-uiread dhiu sa b’àbhaist, agus a bharrachd air sin bha seachd latha air an gearradh dheth ’n ùine a fhuair sinn cead air an iasgach an uiridh. Ach “ma tha thu lag bi umhail.”
Cha d’ thainig na h-uidhir dhachaidh as na Stàitean thugain air an t-samhradh so ’sa b’àbhaist, agus mar sin cha’n ’eil sinn cho gallda, ’s cha’n ’eil a Ghàidhlig idir a’ fhaotuinn a leithid a bhleith. Ach a mheud ’sa thainig, tha iad a’ coimhead gle mhath agus a bhuil orra gu robh iad an deagh chosnadh bho’n dh’fhalbh iad. Am measg na thainig faodaidh sinn ainmeachadh gu bheil bean D. J. Lamond, a tha fuireach bho cheann fhada a’m Boston, ach a fhuair a togail ’sa h-àrach ’san aite so, agus cha’n eil teagamh sam bith nach ’eil a càirdean uile toileach a faicinn.
Tha mi gle thoilichte fhaicinn gu bheil Comunn Ghàidhlig Halifacs beò fhathast. Tha mi ’n dòchas gu soirbhich gu math leotha, agus tha mi saoilsinn gu bheil buill de’n Chomunn a dh’fhaodadh naigheachdan a chur a dh’ionnsuidh a MHAC-TALLA. Càit a bheil Mr. MacIlliosa, Mr. Sutharlan, agus mo sheana chairid Mr. Ailein MacIlleathain, aig a bheil leabhar air cha mhor na rinneadh us nach d’ rinneadh de dh òrain Ghàidhlig na thigh; tha mi ’n dochas gun cuir iad sin sgrobag an dràsda ’sa rithist ad ionnsuidh.
CEANN LIATH.
27, 7, ’97.
Da Sgeul Beag Ait.
Bha dà thuathanach roimhe so ann an teàrn àraidh do’n dùthaich laimh ri cheile. Ach ged a bha iad mar sud a coimhearsnachd, cha robh iad idir a còrdadh. Bhiodh spréidh an dara fir a cur tric dragh air an fhear eile, agus an spreidh aigesan cho tric a cur dragh air a choimhearsnach. Cha robh ach buaireadh agus connsachadh eadar an dithis so na h-uile latha ’sa bhliadhna. Chaidh fear diubh air latha àraidh gu fear-lagha a bha faisg air, agus rinn e gearan laidir an aghaidh a choimhearsnaich; dh’iarr e air an fhear-lagha a choimhearsnach a thoirt gu’n dàil gu ceartas airson a chall a bha chuid spreidh a deanamh airsan. An nuair a chuir e a ghnothaich an ceill, thubhairt an fear-lagha ris gu’n robh e duilich nach b’ urrainn e a ghearan a ghabhail do brigh gu’n robh a choimhearsnach aige a cheana agus gu’n do ghabh e a ghearan-san. Ach thubhairt e ris gu’n sgriobhadh e litir da gu fear lagha eile. Bha an tuathanach làn thoilichte le so, agus sgriobh an fear-lagha beagan fhocail dha; dhùin e an litir agus thug e dha i, thug e moran taing do’n fhear-lagha, agus dh’fhalbh e a mach. Ach an nuair a fhuair e mach smuainich e air fein gu’m bu toil leis fios a bhi aige ciod a bha anns an litir, ’se a bha ann shuidh e ri taobh an rathaid agus dh’fhosgail e an litir, chunnaic e ciod a bha ann, so agaibh na h-uile focal a bha anns an litir. “Da ghiadh reamhar; spion thusa fear dhiubh, agus spionaidh mise ’m fear eile.” An nuair a chunnaic e so bhuail e air aghart gu choimhearsnach agus sheall e an litir dha, agus rinn iad suas eatorra fein nach rachadh iad gu lagh am feasd, agus bha iad na’n coimhearsnaich mhatha riamh tuilleadh. Chunnaic iad nach robh dhith air an luchd-lagha ach an cuid airgid fhaotainn.
Bha gobhainn roimhe so ’san dùthaich a chaidh dh’iarruidh baisteadh air a mhinister, agus an déigh dha a ghnothaich a chur an ceil, thoisich am ministir air cur cheist air mu thimchiol bòidean a bhaistidh, ach bha an gobhainn fada air ais, cha b’ urainn e am ministir a fhreagairt ann an aon cheist. Ach mo dheireadh se thubhairt an gobhainn ris a mhinistir. “Beag taing dhuibh air a shon, ’se sin a cheaird a dh’iunnsaich sibh, ach a cheaird a dh’iunnsaich mise tha mi fein math aice, theid sinn sios do’n cheardaich ach co againn is fear a chuireas cruidhean air each.”
Fhuair an gobhainn baisteadh an deigh so, cha deach ceist tuilleadh a chur ris.
Feumaidh sinn innse do ar luchd-leughaidh gu bheil sinn fo chosgus mhor ann an cur a mach a phaipeir, agus nach eil dòigh againn air pàigheadh a dheanamh mur dean iadsan sinne phàigheadh. Tha sinn an dòchas nach leig iad uireasbhuidh oirnn.
[Vol . 6. No. 6. p. 2]
NA H-AOIREAN.
(Air a leantuinn.)
’S e an t-aobhar, ann an tomhas mor co-dhiu, airson a’ bheil roinn cho mor de na h-aoirean Gaidhealach air bheag luach, gu’n do rinn na baird iad do fhear no do bhean eigin a chuir mi-thlachd orra. Cuir thusa dorran air a’ bhard, coma c’arson agus coma co thu, agus aoiridh am bard thu. Nam b’e duine ath-ghoirid no treun air an cuireadh tu mi-thlachd bheireadh e do dheagh throd dhuit no bheireadh e ruith mhoirt ort; nam bu bhard e, dheanadh e aoir dhuit. Cha’n ’eil mar so ann am moran d’ar n-aoirean Gaidhealach ach trod ann an rann. Dh’ -fheudadh e bhi gu’m bu duine thu a thoilleadh, airson do naduir no do chleachduin, dimeas no tair; ach cha b’e so an t-aobhar airson an do rinneadh dimeas no tair ort, ach a chionn gu’n do chuir thu mi-thlachd air a’ bhard. Rachadh do chaineadh an neo-ar-thaing cho foghainteach ged bhiodh do bheusan agus do ghiulan ’n an urram do’n sgireachd d’am buineadh thu. Nam foghnadh leis a’ bhard a bhi caineadh nam feart no nan cleachduinean a bha toillteanach air mi-chliu, no nam feuchadh e ri dealbh fior a thoirt seachad air an duil thruagh a dhuisg a chorruich, bhiodh an aoir airidh air ni-eigin de mheas. Ach cha’n fhoghnadh so. O mhullach do chinn gu bonn do choise bha thu air do chomhdach le salachar a theanga. Cha robh meang, no failinn, no uireasbhuidh ann an corp no ann an inntinn a b’aithne do’n bhard, agus a bha air a mheas taireil ’n a latha agus ’n a dhuthaich, nach robh air an luaidh riut. Co-dhiu bha dad firinn ann no nach robh, cha deanamh e muthadh. Leugh “Aoir an Tailleir” a rinn Donnachadh Ban. Feudaidh e bhi gu’m bu duine an tailleir nach robh na b’fhearr na bu choir dh’a bhi. Ma dh’fhaodte nach faigh taillearan mar luchd-ceird uiread urraim o’n t-sluagh agus a thoilleadh ceird a tha cho sean agus cho feumail. Ach cha b’ann a chionn gu’m bu taillear MacNeacain, no gu’m bu droch thaillear e, no gu’m bu droch dhuine e, a rinn Donnachadh an aoir. Bha’n taillear, mar is minic a bha taillearan, ’n a bhard e fein, agus gun a theanga fo ghlais:
“Tha do theangadh mar reusar,
Le tainead ’s le geiread,
Thug thu deannal dhomh fein d’i;
O’s ann agad tha ’n eucoir
C’uim nach paighinn thu ’n eiric do sgeoil.”
Co-dhiu b’ann aig MacNeacain a bha “an eucoir” no nach b’ann, cha deanadh e moran muthaidh, rachadh an aoir a dheanadh a dh’aon chor. Ach a chionn gur ann a phaigheadh ann an eiric sgeoil a chaidh a deanamh, leig am bard seachad an cothrom, agus chaill sinne an toilinntinn a gheibheamaid ann a bhi faicinn mar a dheanadh Donnachadh Ban culaidh-mhagaidh de na taillearan. An aite so tha againn moran de dhroch cainnt air bheag blas, agus na’s lugha firinn. Cha’n fhaighear moran buannachd no toilinntinn ann a bhi leughadh coslas no cliu an taillear mar a sgriobh Donnachadh iad:
“ ’S e do choltas r’a innseadh,
Fear sop-cheannach, grìmeach,
Gun bhoineid, gun phiorbhuic,
Gun bhad-mullaich, gun chirein,
Lom uile air a spionadh,
Car gu t-uilinn a sios ort,
Strac na dunach de’n sgriobaich mu d’cheòs.”
Tha aon-thar-fhichead de earrannan de’n t-seorsa so anns an aoir, agus saoilidh mi gu’n abair a mhor chuid de na leughas i gu bheil co-dhiu fichead earrann tuillidh ’s a choir innte.
Cha’n urrainnear tuillidh cliu a thoirt do na h-aoirean eile a rinn Donnachadh Ban. Dh’aoir e Uisdean Piobaire a thachair air ann an Ceanntaile, a reir a sgeoil fein, airson an aobhair so:
“Bha aon bhalach ann air banais,
A thug dhomh tàmailt,
O’n bha esan mar sin domh-sa,
Bi mise mar so dha-san.”
Tha’n sin corr agus ceithir fichead sreath de dhroch cainnt ag innseadh teisteanais Uisdean bhochd. Cha deachaidh “Anna Nigh’n Uilleam an Cromba” as na b’fhearr:
“Bhruidhinn mise siobhalt, suairce,
Mar dhuin-uasal anns an àm sin;
Thoisich ise mar chu crosda,
Bhiodh anns na dorsan a’ dranndail.”
A chum stad a chur air dranndail Anna, b’eigin do Dhonnachadh fas ’n a chù agus dol a thabhunn. ’S e aoirWilkesno “Iain Fhaochaig,” mar a dh’eadar-theangaich Donnachadh Ban an t-ainm, is fearr. Cha b’urrainn cainnt “masladh” no “mi-chliu” Wilkesa mheudachadh; agus toill e corruich a’ bhaird a chionn gu’n d’innis e “breugan air righ Deorsa,” gu’m bu “bheag air Morair Loudain,” gu’n do labhair e gorach “air cul Iarlà Bhoid, an t-armunn,” agus gu’n do “bhruidhinn e gu leir mu Albainn.”
Ann am bardachd Mhic-Mhaighstir Alastair gheibhear gu tric fearg agus corruich a’ bhaird a’ losgadh agus a’ léireadh naimhdean nan Stiubhartach agus, ann am beachd a’ bhaird, naimhdean a dhuthcha. Ach cha’n abrar aoirean ris na h-orain a rinn an Domhnullach ann an aobhar a’ Phrionnsa, ged is maith is airidh moran dhiu air an ainm. Cha ’n ’eil ach dithis de orain Mhic-Maighstir-Alastair ris an abrar aoirean gu cumanta. ’S iad sin “Di-moladh Moraig” agus “Marbhrann na h-Aigeannaich.” Cha ’n fhaighear an dà aoir so ach anns a cheud chlo-bhualadh de shaothair a’ bhaird ainmeil so. Tha an leabhar a nis ro thearc, agus is maith gu bheil a’ chuis mar sin. Cha leugh neach sam bith aig a’ bheil inntinn fhallain an dà aoir so gun sgreamh, gun ghairisinn. Cha’n aithne dhomh rann a sgriobh bard ainmeil ann an Gaidhlig no ann an canain eile a tha an steigh, an smuain agus an cainnt cho truaillidh, cho salach, agus cho breun. Mar is lugha a theirear mu’n deidhinn is fearr.
De na baird is ainmeile ’s iad Iain Lom agus Rob Donn, tha mi meas, a b’fhearr a dh’uisnich a’ ghne bhardachd so airson teagaisg. Cha’n fhaighear am measg na bheil a nis ri fhaotainn de shaothair Iain Luim uiread agus aon aoir; ach is gann is urrainn dhuit aon d’a orain a leughadh gu’n fhaicinn gu soilleir gu’m bu làn aoireadair am bard so. Duine aig an robh geur mhothachadh air eucoir, air foirneart, agus air olc; duine aig an robh aignidhean laidir, inntinn lasarach, agus teangadh sgaiteach; duine a bha neo-eisemeileach, misneachail, ged tha e air aithris nach robh ann ach gealtaire anns a chath; duine a rinn deagh obair ’n a latha fein, agus a tha, a reir mo bheachd, airidh air urram nach d’fhuair e fathast am measg a luchd-duthcha. Bha agus tha cumhachd Roib Dhuinn, gu sonruichte ’n a shiorrachd fein, na’s treise na cumhachd Iain Luim, no ma dh’fhaodte aon d’ar baird Ghaidhealach. Tha mi de’n bheachd gur airidh Rob Donn air gach urram a fhuair e. Is gann a chreideas mi gu’n robh aon d’ar baird Ghaidhealach aig an robh beachd cho cothromach agus a bha aig Rob Donn air cumhachd na bardachd agus nu sonruichte air cumhachd na h-aoir mar mhodh-teagaisg. Co-dhiu cha’n aithne dhomh aon diu a dh’uisnich na buaidhean a bha aige air dhoigh cho ionmholta; agus tha mi meas, ann an iomradh air aoirean na Gaidhealtachd, gu bheil Rob Donn airidh air aite air leth dh’a fein. Feuchaidh mi ri sin a thoirt dh’a gu goirid; agus, mar sin, gabhaidh mi seachad air aig an am so.
Gheibhear na h-aoirean Gaidhealach is fearr, mar a thachair do na h-orain Ghaoil is fearr, air an deanamh le baird nach do rainig an t-aite a b’airde am measg am braithrean. Gheibhear aoir a nis agus a nis, fior fhreagarrach agus fior ghleusta, mar a gheibhear gu tric oran gaoil, air a deanamh le aon air nach cualas tuillidh iomradh. Am measg nam bard, seachad air an fheadhainn a dh’ainmich mi cheana, a rinn aoirean, tha mi saoilsinn gur iad Iain MacCodrum agus Ailean Dall is airidh air a’ chliu is airde. Cha’n ’eil mi ro cinnteach nach feudar a radh gu’n toir an dithis so barr air gach bard Gaidhealach a tha againn, ach Rob Donn ’n a onrachd, ann an culaidh-mhagaidh a dheanadh do ni no do neach air an tugadh iad lamh. Tha aon de aoirean Iain MhicCodruim, cho fad agus is aithne dhomh, air chall, co-dhiu cha’n fhiosrach mi gu’n deachaidh i riamh ann an clò. ’S e sin an aoir a rinn e do Thaillearan an Eilean-fhada. Tha e air aithris gu’n do thachair am bard air Domhnullach Shleibhte air là araidh agus e air fhior dhroch chomhdach. Cha robh ach gann stiall aodaich air. Dh’fheoraich Sir Seumas ciod a bu chiall do’n bhard a bhi cho luideagach; agus dh’innis am bard dh’a gu’n do rinn e aoir do na Taillearan a ghread iad cho goirt agus nach deanadh aon aca snathainn aodaich dh’a. Bhiodh e iongantach mur ’eil cuideigin anns an Eilein-fhada a ghleidh an aoir so air chuimhne; agus ma’s e
[Vol . 6. No. 6. p. 3]
agus gu bheil, tha mi meas gu mor an call mur cuirear i gun dail ann an clo.
Cha’n ’eil orain shùgach no abhachdach ach tearc anns a’ Ghaidhlig, ach gheibhear air uairean a’ mheur so de’n aoir. ’S ann de’n t-seorsa so a tha na ghleidh MacCoinnich ann an “Sàr Obair nam Bard Gaidhealaich” air chuimhne de Orain Ghilleasbuig-na-Ciotaig. Tha “Marbhrann” agus “Aiseirigh,” Iain Ruaidh fior mhaith; agus cha’n ’eil an dà oran eile a rinn am bard ceudna “Oran cnaideil do’n Olla Leodach” agus “Banais Chiostal-Odhair” a bheag air deireadh. Ma tha cunntas a’ bhaird fior, bha ar n-aithrichean aig banais a neo-ar-thaing cho riasgail ruinn fein:
“Bhuail iad air a cheile chnagadh,
Leig iad air a cheile shádadh,
Shin iad air aithris na braide,
’S air cagnadh nan òrdag.
“Fear ri caoineadh, fear ri aighir,
Fear ’na sheasamh, fear ’n a laidhe,
Fear a’ pogadh bean an tighe,
’S fear a’ gabhail oran.
“Cha robh ann ach beagan dibhe,
Leig iad i dh’ionnsaidh an cridhe,
Bha fear ’us fear aca rithist,
Gun bhruidhinn gun chomhradh.”
Cha’n ’eil aoir de’n t-seorsa a fhuair uiread cliu anns a’ Ghaidhealtachd ri “Moladh Chabar-feigh;” agus creididh mi nach d’fhuair i barrachd cliu na thoill i. B’e rùn a’ bhaird na h-uile spid agus tamailt a b’urrainn d’a a thoirt do na Rothaich. Cha bhiodh e farasda barr a thoirt air an rann a leanas:
“Tha’m brochan a toirt sàr dhuibh,
’S tha’n càl a’ toirt at oirbh,
Ach ’s beag is misde an t-àrmunn,
’Ur sàth thoirt an nasgaidh dhuibh.
Ge mor a thug sibh chàise,
Thar àiridhean Asainne,
Cha’n fhacas cuirm a’m Fòlais,
Ge mòr bha de chearcan ann.
Caisteal biorach, nead na h-iolair,
Coin ’us gillean gortach ann,
Cha’n fhaicear bioran ann ri teine
Mur bi dileag bhrochain ann.
Cha’n fhaicear mairt-fheoil ann am poit ann,
Mur bi cearc g’a plotaigeadh,
’S g’an tional air an deirce,
’Nuair threigeas gach cosgais iad.”
Cha’n ’eil teagamh nach ’eil moran aoirean de’n ghne abhachdaich so nach do chuireadh ann an clò. Chuala mi uair agus uair oran Tiristeach d’am b’ainm “Calum Beag MacCimein” ’g a sheinn, ach cha’n fhaca mi ann an clò e. Thug Calum turus-cuain do Glaschu leis an “Du-lunndaich;” agus tha mi meas gun robh gibht na fochaid gu saoibhir aig a’ bhard a dh’innis mar a dh’eirich dh’a.
Gheibhear air uairean na h-aoirean a’ gleidheadh cuimhne air atharrachaidhean a thainig air doighean agus cleachduinean an t-sluaigh; ged nach faighear cho tric agus a dh’earbamaid. Saoilidh mi gu bheil sinn na’s deise anns a’ Ghaidhealtachd gu bhi caoidh na cleachduin a dh’fhalbh na tha sinn gu bhi deanamh dimeas no tair no culaidh-mhagaidh de’n fhasan no de’n chleachduin a thainig. Air Galldachd agus gu sonruichte ana an Sasunn, is e an t-atharrach a tha fior. Cha chluinnear ach ainmig caoidh air an ni a chaidh á fasan; ach biodh am fasan ùr maith no dona, nithear fanoid air anns a cheud dol-a- mach. Gheibhear ’n ar litreachas, agus bha aobhar air, moran caoidh agus monbhur mu’n reiteach a rinneadh air an fhearann airson aite a dheanamh do chaoraich agus do fheidh. Ach a mach bho “Oran nan Ciobairean Gallda” a rinn Ailean Dall, is gann a gheibhear dimeas no tair air a dheanamh air na cleachduinean ùra no orrasan a thug gu buil iad.
Bha aon chaochladh a dhuisg corruich nam bard air dhoigh ro shonruichte. Goirid an deigh bliadhna Thearlaich, thainig Achd Parlamaid a mach a’ toirmeasg an fheile-bhig; agus ag orduchadh gu’m feumadh gach fear briogais a chur air. Bhiodh e duilich do choigreach a thuigsinn gu’m bu chruaidhchas sam bith do dhuine gu’m b’eigin d’a a luirgnean a chomhdach; agus ma dh’ fhaodte, an uair is ann air Sasunnach is trice a chi sinn am feile an dìugh, gu’m biodh cuid againn nach abradh moran ged rachadh an t-Achd ceudna urachadh. Ach tha e farasta gu leoir a thuigsinn gur ann le fearg agus le searbhadas anma a dh’eisdeadh Gaidheal an là ud ris an ordugh am feile beag a chuir dhiu agus a’ bhriogais a chuir orra. Cha’n eisdeadh na Gaidheal a dh’ -eirigh le Tearlach ach le don-fhoighidinn ri ordugh sam bith a thigeadh á Sasunn. Bha na Gaidheil a sheas air taobh Righ Deorsa a’ smuaineachadh gu’m bu droch phaigheadh airson an dilseachd Achd a bha ’n a thamailt agus ’n a mhasladh d’an Duthaich agus d’an Sluagh. Cha robh bard a sheinn ré ’n a h-uine a bha an t-Achd mi-fhortanach so ’n a lagh, co-dhiu bha e toirt umhlachd thoileach do’n Righ a bha ’riaghladh anns an àm no nach robh, nach do sheinn a’ caineadh na “briogais lachduinn” leis gach facal a bu sheirbhe agus a bu spìdeile a b’aithne dh’a, agus a’ moladh an “fheile bhig ’s a bhreacain” airson gach feum gus an cuirteadh aodach agus feum no dhà a bharrachd.
Bha sinn riamh, tha fathast, agus tha dochas agam gu’m bi, ainmeil, airson ar caoimhneis, le ar cuid agus le ar cainnt, ri coigrich. Ach bha aon choigreach ’n ar measg nach b’urrainn dhuinn a mholadh—an Sasunnach ainmeil Samuel Johnson. Labhair e spìdeil mu na h-Albannaich thar cheann; agus gu sonruichte cha robh e creidsinn ann an Oisean. B’e so an aon pheacadh nach faigheadh maitheanas. Rinneadh a bheatha cho fad agus a bha e ’n ar measg; ach cha bu luaithe a dh’fhag e ar criochan na chaidh an t-soraidh ’n a dheigh. Ma b’fhior Uilleam Ros, fhuair “Mac-na-Bracha” buaidh air an Fhoclair threun:
“An t-Olla-Mac-Iain le Bheurla,
Le Laidinn ’us Ghreugais-chainnt,
Gu’n d’fhag stuth uaibhreach nan Gaidheal
Teang’ a chànanaich ud mall.”
Anns a’ chruinneachadh oran a chuirGilliesa mach ann am Peairt anns a’ bhliadhna 1786, leabhar is gann air am faighear greim a nis, tha aoir shearbh do’n duine ainmeil so. Fhuair mi o chionn ghoirid bho charaid aoir nach deachaidh riamh ann an clò do’n “Olla Mac-Iain Le Seumas Mac-an-t- Saoir, fear Ghlinn-nomha.” Anns an aoir so tha an duine urramach, oir bu duine e cho urramach agus a gheibhteadh am measg dheich mìle a dh’aindeoin a’ bheachd fheallsa mu’n bhardachd Ghaidhealaich, air a chaineadh gu dubh agus gu maslach:
“Gur th chlach a dhiult gach clachair,
Gur tu gart-ghlanadh a’ ghàraidh,
’S tu soplach ’us moll na fasgnaig,
An àm siol reachdmhor a chàthadh.
Measg an eisg ’s tu’n dallag mhurlaich,
No ’bhiast mhùgach sin mac-lamhaich,
’S tu’n t-isein ’a meadhon na breine,
Am broc ’s a shron ’n a cheir tri raidhean.”
Ghleidh Mac-Coinnich air chuimhne dà aoir air am feumar ìomradh a dheanamh am measg nan aoirean Gaidhealach. ’S e sin “Seanachas Sloinnidh na Pioba bho Thus” le Niall Mòr MacMhuirich, agus Di-moladh Piob Dhomhnuill Bhain” le Iain MacCodrum. Shaoileamaid gu’m biodh a’ Phiob air na steighean mu dheireadh a thaghadh na baird Ghaidhealach airson aoir. Bhiodh e dlù air bhi cho farasda leinn a chreidsinn gu’n deanadh bard Gaidhealach aoir do’n Fheile no do Oisean no do’n Ghaidhlig fein agus gu’n deanadh e aoir do’n Phiob. Tha priomh bhard Shasuinn uair agus uair a’ deanamh tair air an inneal-chiuil so; ach cha’n earbamaid na b’fhearr á Sasunnach air meud a thuigse. ThaBurns ,ged a bha e baigheil ris na Gaidheil, ann anTam O’ Shanter,a’ cur Shatain ’n a shuidhe ann an uinneig EaglaisAlloway , “a’ seideadh suas na pioba leis gach cumhachd agus innleachd ’n a chomas.” Ach Gaidheal ag aoireadh na pioba! Nam bu phiobaire bhiodh air aoireadh bu ni-eigin do chomhfhurtachd e; ged nach mor dhaoine a ghluaiseas cho mor-chuiseach, no a sheallas cho taireil air an t-saoghal mu ’n cuairt d’a, ri piobaire, an uair a tha ’phluic an impis sgaineadh.
(Ri leantuinn.)
COMHRADH
EADAR MURACHADH BAN AGUS COINNEACH CIOBAIR.
MUR. —Failte na maidne dhuit, a Choinnich; is moch a dh’ fhag thu an Goirtean Fraoich an diugh. Tha duil agam gu ’n robh thu a’ strith ris a’ ghrein, agus a reir mo bheachd-sa is tusa a’s luaith’ a dh’ eirich, oir tha astar fada eadar so a’s do dhachaidh-sa agus a thuilleadh air sin tha ’n la fliuch, na raointean bog, agus an t-slighe gun teagamh gach ni ach taitneach. Dean suidhe a steach ris an teine, cuir dhiot do chas-bheart, agus dean na ’s urrainn thu chum thu fein a thiormachadh.
(Air a leantuinn air taobh 46.)
[Vol . 6. No. 6. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, . . . $1 .00
Sia miosan, . . . .50
Tri miosan, . . . .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh d’ an duileig, agus, nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher ’Mac-Talla,’
Sydney, Cape Breton
SIDNI, 6 OGUST, 1897.
Tha moran sluaigh ag ullachadh gu dhol guKlondykea shireadh an òir; tha cuid air an t-slighe cheana, àireamh mhiltean dhiubh, ach tha iadsan a’s eòlaiche air an àite ag radh gur co math do neach fuireach aig an tigh gu toiseach an earraich, a chionn nach biodh e dad na b’ fhaisge air a cheann-uidhe toiseach an t-samhraidh le falbh an dràsda na bhitheadh e le falbh toiseach a mhios Mhàrt s’a tighinn. Agus tha aon duine, a rinn e-fhéin saoibhreas mor anns na mèinnean òir roimhe so, a comhairleachadh do gach neach a tha smaoineachadh air falbh fuireach far am bheil e mur eil e ’na dhuine làidir, fallain, calma, agus mile dolair a dh’ airgead aige; ach ’se ’s dòcha leinn gu falbh na ceudan nach eil aon chuid làidir no calma, agus aig nach eil an treas cuid de mhile dolair. Bu chòir do neach sam bith a tha ’cur roimhe dhol ann a bhi na làn uideam mu ’m falbhadh e, agus gun a bhi idir dhe ’n bharail gu bheil an t-òr cho pailt ’s nach eil ri dheanamh air ach a thrusadh bhar an lair. Gun teagamh sam bith tha e pailt; ’se barail mhoran gu bheil e na ’s pailte ann na fhuaireadh ann an àite riamh roimhe; ach ma tha, tha aig daoine ri saoithreachadh gu cruaidh air a shon mu ’m faigh iad e. Tha an dùthaich anabarrach fuar agus mi-fhallain, ma chreidear gach sgeul a tha tigh’nn aisde, agus is cinnteach nach fhada gus am bi i air a dòmhlachadh le sluagh as gach cearna dhe ’n t-saoghal. Tha moran dhaoine an deigh am fortan a dheanamh ann cheana, ach tha e ri chreidsinn gu bheil a cheart uiread no barrachd nach d’ rinn fortan no rud coltach ris air nach cualas iomradh fhathast. Tha aon litir ag radh gu bheil gu leòr de dhaoine anns an àite nach eil ri obair sam bith; co-dhiu is ann a dheòin no dh’ aindeoin a tha iad ’nan tamh cha ’n eil an sgriobhaiche ag radh. ’N uair a fhuaireadh òr ann an Astralia agus an California an toiseach bhrùchd moran sluaigh a stigh annta; rinn moran dhiubh saoibhreas nach bu bheag, ach bha àireamh mhor eile, agus an àite saoibhreas a dheanamh, ’s ann a chaill iad eadhon ’na bh’ aca. Cha ’n eil teagamh nach bi an sgeul ceudna ri innse mu ’n àite ùr so, ged a bhios dòchas againn nach bi ann an tomhas cho mor. A reir na thatar ag aithris, cha ruig neach sam bith a leas eagal a bhi air roimh dhol guKlondyke ,ma tha e, mar a thuirteadh roimhe, làidir, fallain, agus ma tha deagh mhothachadh aig air na tha roimhe, agus e làn uidheamaichte air a shon.
Mar a tha fhios aig luchd-leughaidh MHIC-TALLA cheana, rinn Riaghladh Chanada, ’san earrach s’a chaidh, reachd ùr leis am bheil bathar a tha tigh’nn á Breatunn air a leigeadh a stigh do ’n dùthaich so air cis na ’s lugha na tha air a leagail air bathar á dùthchannan eile. Bha a Ghearmailt agus Belgium o’n uair sin ag agairt còir air an cuid bathair fhéin fhaotainn a stigh air an aon chis a thaobh seann chòrdadh a bh’ eadar iad fhéin us Breatunn gu faigheadh an cuid bathair do cholonies Bhreatunn air an aon chis ri bathar Bhreatunn fhéin. Ach tha sin air a chur as an rathad; tha Riaghladh Bhreatunn an deigh rabhadh a thoirt dhaibh nach seas an còrdadh a bh’ eatorra ach aon bhliadhn’ eile.
Fhuair an t-Urr. Mr. Forbes sgeula-bàis a bhràthar, a chaochail ann a Winnipeg ’sa mhaduinn Di-ciaduin. Bha e na mhinisteir, a saoithreachadh ann an ceann a tuath stàit Dakota, agus bha e ann am Manitoba air chuairt. Bha ochdnar anns an teaghlach, agus b’ esan a’ cheud neach a thugadh air falbh leis a bhàs. Bha e tri fichead bliadhna ’sa seachd a dh’ aois.
An Bard Agus an Ceard.
Bha Alasdair MacMhaighstir Alasdair, am Bàrd Murchanach, uair ag iasgach aig bial Loch Suaineart; agus, a’ measg an sgioba ’bha leis bha seana ghiullan a bhuineadh do cheaird a bh’ air chuairt anns an dùthaich aig an àm. Dh’ éirich do’n bhalach gu’n do chaill e a dhubhan; ach cha do chuir sin moran mu ’n cuairt e. Ann an tiota rinn e fear eile de phrìne á aodach. Chòrd a gheur-chuis cho math ris a’ bhàrd agus gu’n d’ rinn e an rann a leanas. Ged nach robh an ceard ach òg bha e pòsda, ach dh’ fhag a bhean—Caithrìona—e greis roimhe sud a chionn nach robh e comasach air a beathachadh.
Bi’dh mise’m bhàrd agud-sa,
’S bi’dh tusa ’d’ cheard agum-sa.
’S e sud an ceard acuinneach,
Ud, ud, cha leig sinn dachaidh e!
Bu chrìon, dubh ’an uraidh thu,
Caitrìona cha chumadh tu;
’S ged bheireadh iasg dubhan bh’uait
Fear ’dheanadh cha b’ urrainn duit:
Ach ’m bliadhna gur murrach thu,
’S gu’n dean thu na h-urrad dhiùbh,
’S bi’dh sniad air a’ bhun aca,
’S bi’dh d’ fhiacail ’g an cum’ agud—
Bi’dh mise ’m bhàrd agud-sa,
’S bi’dh tusa ’d’ cheard agum-sa.
MacCoinnich & Co.
Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh
ANN AN LOUISBURG,
agus tha sinn aig an àm cheudna a’ cumail air adhart air an t-seann laraich,
ANN AN SIDNI.
Aodaichean Matha dhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.
Theid sinn an urras air an obair.
Mac Coinnich & Co.
F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC
An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn.
Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J Morley.
Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air.
Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.
Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. A seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.
THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin.
Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.
Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.
Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille-mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. MacFhionghain, Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitche’s Creek.Tha mu dheichair fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.
[Vol . 6. No. 6. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Chaidh da shoitheach seòlaidh a chuir an greim ann a’ Halifacs o chionn ghoirid air son a bhi bristeadh air lagh na cusbuinn. Chaidh ceithir cheud dolair de chàin a chur air gach té dhiubh.
Bha na h-ùbhlan anabarrach pailt ann an gleann Annapolis an uiridh, ach tha coltas gu ’m bi iad gle ghann air a’ bhliadhna so. Tha iad ag radh nach bi iad ach m’an treas cuid cho pailt sa bha iad an uiridh.
Bha an t-side gle fhuar o chionn seachdain, agus shil moran uisge; tha daoine, mar is àbhaist, a’ gearan, ach feumaidh iad sin, cho math riuthasan nach bi a gearan idir, cur suas leis gach seòrsa side thig, co-dhiu a tha gus nach eil e ’gan riarachadh.
Chaidh a h-aon deug de shoithichean-smùide a luchdachadh aig anInternational Pierair an t-seachdain s’a chaidh, a bharrachd air àireamh de shoithichean-seòlaidh. Cha robh barrachd guail air a chur bhar na laimhrig sin rimh ’sa bha air a mhios a dh’ fhalbh.
Cha do shoirbhich le luchd-iasgach nan giomach ach gu h-olc air an t-samhradh so, gu h-àraidh air taobh an ear an eilein, Tha fear aig an robh factoridh ann an Gabarus, Da’idh G. Smith ,ag ràdh gu ’n do chaill iasgairean a’ chladaich sin ceithir miletrapleis cho fior stoirmeil ’sa bha ’n t-side.
Tha moran dhaoine cur rompa dhol gu ruige“Klondyke”an t-àit iongantach sin anns am bheil an t-òr cho pailt. Eadhon ann an Ceap Breatunn tha àireamh mhath a’ deanamh deiseil gu falbh. Cha ’n eil teagamh nach dòirt moran sluaigh a stigh do ’n àite, agus cha b’ iongantach an ni ged a bhiodh tuilleadh ’sa chòir ann an ùine gle ghoirid.
Bha dubhar air a’ ghréin a sheachdain gus an dé, eadar deich uairean us meadhon-latha, agus bha e soirbh gu leòr fhaicinn; ach cha b’ urrainnear amharc air leis an t-sùil luim. ’S e ’n dòigh a b’ fhearr air fhaicinn amharc air troimh ghlaine a bhiodh air a dorchadh le ceò. Cha robh an dubhar a’ còmhdach na gréine gu buileach, agus mar sin, cha chuirte uidhreachd sam bith air an t-solus.
Chaidh pàisde nighinn, aois da bhliadhna, le Mr. Merritt, anns a’ Mheinn a Tuath, a bhàthadh Di-Satharna s’a chaidh ri taobh an taighe. Bha toll air a dheanamh anns an talamh anns an robh tuba làn uisge air a chur air son deoch a chumail ris na tunnagan; thuit ise ’a comhair a cinn anns an tuba sin, agus ged nach robh i ann ach ùine gle ghoirid, mu ’n d’ thugadh fa-near dhi, bha i air a bàthadh.
Chaidh stad a chur air soitheach ann an Toronto air an t-seachdain so, agus cha ’n fhaigh i cead duine chur air tir, anns a bhaile sin gus an dearbhar nach eil a’ bhreac air bòrd. ’S ann á Montreal a dh’ fhalbh an soitheach, agus tha fathunn an deigh Toronto a ruigheachd air thoiseach oirre gu robh duin’ air bòrd a bha fàs tinn leis a bhric. Bha suas ri deich duine fichead a’ gabhail an ’turuis air an t-soitheach.
Tha iad ag radh gu bheil, ann an cearna de Newfoundland, daoine cho fad air ais ’nan crannchur ’s gu bheil iad air an t-samhradh so an impis bàsachadh le gorta. Ann an aon àite, Bay Roberts, tha triùir de chloinn òga air bàsachadh cheana le cion a bhidh. Bha iad tinn le meur de ’n fhiabhrus dhearg, agus an deigh dhaibh a dhol am feobhas, cha robh biadh aca, agus chaochail iad an deigh fulang gu cràiteach. Is cianail an sgeul so, agus tha sinn an dòchas, ma tha i fior, gu ’n gabh riaghladh na dùthcha sin os laimh cobhair a dheanamh air an t-sluagh bhochd a tha nrn eiginn.
Tha boirionnach a mhuinntir Halifax, Seònaid T. Mhitchell, an deigh mèinn de dh’ airgead beò fhaotainn faisg air Dartmouth; tha an stuth na ’s glaine ’sa mhèinn sin na fhuaireadh riamh ann an Canada.
Tha fear Alastair Moore ann an Sidni Tuath a tha ’dol ’sa cheithir fichead bliadhna ’sa h-ochd a dh’ aois, an deigh cnapach sabhail a thogail, air nach do chuir duine buille ùird ach e-fhéin. Nach b’e fhein an duine tapaidh.
Fhuaireadh iasg neònach air a chladach an Acarsaid a’ Chléirich air an t-seachdain s’a chaidh. Tha e mu dheich òirlich a dh’ fhad, cho caol ri cas pioba, gob fada biorach, agus lannan gle gharbh air. Tha e air fairthleachadh air na h-iasgairean ainm fhaotainn dha.
Thuit fear Domhnull Mac Aidh, a bha ’g obair air bòrd an t-soithich-smùide “Elliot,” sios an toll nuair a bha i aig laimhrig a’ ghuail an Sidni Tuath, a sheachdain gus a bhòn-de, agus chaidh a dha làimh a bhristeadh, a bharrachd air a dhruim ’sa thaobh a ghoirteachadh gu dona.
Tha am bàt-aiseig, amPeerlessa deanamh da thurus eadar Sidni us Sidni Tuath gach oidhche Di-haoine, agus cha ’n eil am faradh a’ cosg ach coig sentichean deuga. O’n ghabh a’ chuideachd ùr am bàta so os laimh tha iad an deigh a chur ann an uidheam na ’s fhearr na bha e o chionn bhliadhnaichean.
Chaidh fear Iain Scott a bhàthadh ann an Seana Bhridgeport, Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e fhéin us dithis eile mach ann am bàta, agus chaidh e thairis orra. Fhuair an dithis eile snamh gu tir, ach chaidh esan a bhathadh. Thatar a’ deanamh a mach gu ’n do bhuail greim e, air dhòigh ’s nach b’ urrainn d’a cumail air uachdar.
Bha eaglais ùr Chaitliceach air a fosgladh air Eilean nan Innseanach, faisg air Merigomish, N. S, a sheachdain gus an Di-dònaich s’a chaidh. Buinidh an eaglais do na h-Innseanaich; bha eaglais aca ’san àite sin roimhe, ach chaidh a leagadh le stoirm o chionn cheithir bliadhn’ air ais, agus tha ’n togalach ùr so air a chur suas na h-àite. Bha an eaglais air a coisrigeadh leis an Easbuig Chamaran.
Seachdain gus an Di-luain s’a chaidh, chaidh boirionnach a losgadh gu bás ann am Maitland, N. S., bean Sheumais Chaimbeil. Bha i deasachadh bidh anmoch feasgar, agus air dhi cromadh os ceann an teine, ghabh a h-aparan. Cha robh a stigh ach i-fhéin ’sa fear a tha ’na sheann duine lapach, agus mu ’n d’ fhuair e ’ga cuideachadh, bha na lasraichean ’ga cuartachadh. Chaidh i ’na boil, agus ruith i o rùm gu rùm, agus ’nuair a fhuaireadh an teine chur as, bha i air a losgadh cho dona ’s gu ’n do chaochail i maduinn Di-màirt. Bha i ceithir fichead bliadhna ’sa h-ochd a dh’ aois. Bha i-fhéin ’sa céile cuideachd tri fichead bliadhna ’sa tri, agus bha iad ’nan caraid a bha gle mheasail aig na h-uile chuir eòlas orra.
Chaidh soitheach-seòlaidh a mhuinntirNewfoundlandd’ am b’ ainm, “Florence, ”a bhristeadh ’sa chur do ’n ghrunnd leis an“Scandanavian, ”aon de na soithichean mora smùide a tha ruith eadar Breatunn agus Canada. Bha am“Florence”air a turus gu St. John’s lo luchd guail á Sidni Tuath, agus cha robh i fada bho ’ceann-uidhe ’nuair a bhuaiieadh i. Bha ceò trom ann aig an àm, agus chaidh i a bristeadh cho dona ’s gu ’n deach i fodha air ball. Bha bean an sgiobair, agus ceathrar de na seoladairean air am bàthadh; cha robh ùine aca air iad fhéin a shàbhaladh. Thachair so beagan an deigh meadhon-latha a sheachdain gus an Di-satharna s’a chaidh. Bha an sgiobair agus na bh’ air an sàbhaladh de na seòladairean air an toirt gu Boston leis an“Scandanavian. ”
LEABHRAICHEAN GAILIG.
Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
’Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10
Gaelic Class Book .30
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte.
Sgriobh gu
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, C. B.
CARADH
Uaireadairean
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.
BADDECK, - - C. B.
Airson a stor a dheanamh na ’s deiseile ’s na ’s feumaile dhaibhsan a tha ’deanamh gnothuch ris, tha
Albert I. Hart
a’ nise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha a’ chuid sin de ’n ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am Boston ’sanNew York.Gheibh iadsan a thig g’a h-ionnsuidh an
DEAGH RIARACHADH.
BADDECK , - - C. B.
IUBILI!
THIG AGUS FAIC!
Ceannachd ur us Prisean ura.
A h-uile ni cho soar ’s nach fhaod mi innse.
Niall Domhnullach.
Ceann an Iar a Bhaile.
BADDECK , - - C. B.
A Ghàilig ’sa Bheurla air an aon phris.
CUIR A DH’ IARRAIDH A
MHAC-TALLA
$1 .00 SA BHLIADHNA.
[Vol . 6. No. 6. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 43.)
COIN. —Moran taing dhuit, a Mhurachaidh, ach tha mi co tioram ri arcan. Cha d’ thainig mi o’n bhaile an diugh; cha d’ eirich mi gus an robh e sia uairean, cha do ghabh mi mo lon-maidne gus an robh e seachd, agus cha do choisich mi an diugh ach a thigh Alasdair Mhic Ruairidh, ogha brathar mo sheanar, far an d’ rainig mi an raoir, agus far an cuala mi moch an diugh gu ’n do chuir thusa an oidhche seachad an so maille ri do charaid coir fein, Uilleam Mor. Uime sin, ghreas mi orm chum gu ’m faicinn thu, agus fhir mo chridhe, thugadh a nis an solas sin dhomh.
M. —Cha ’n fhaca ’s cha chual’ mi riamh ni sam bith ni ’s fortanaich’ na sin, oir cha chluinn Uilleam Mor guth air mise so fhagail an diugh, agus ma leigeas do ghnothuch leatsa e, a Choinnich, fanaidh tu maille riumsa gu feasgar agus bithidh la againn dheth, agus mo lamh-sa dhuit gu ’n altaich Uilleam Mor agus Cairistiona a bhean eireachdail do bheatha an so, ged a dh’ fhanadh tu fad seachdain.
C. —Cha ’n eil mi ’cur sin ’s an teagamh idir, a Mhurachaidh, fanaidh mi gu feasgar co dhiubh, agus cha ghoirid an uine sin. Ach ciamar tha iad uile agad, a Mhurachaidh, eadar bheag agus mhor, agus ciamar tha ’n crodh?
M. —Tha sinn uìle gun deireas, agus tha dochas agam gu’m bheil Seonaid agus an oigridh gu leir air an cosaibh.
C. —Cha ’n eil fath a bhi ’gearan. Bha Seonaid o cheann da la gle chrosda, frionnasach leis a’ chneidh-fhiacal, ach is eucail sin nach tarruing moran truais o’n chridhe.
M. —Is eucail i gidheadh, a tharruingeas na cnamhan as an fheoil, agus cha ’n fhurast do mhac an duine, mar is deagh-fhios dhomhsa, cur suas le sin. Tha a chneidh-fhiacal gabhaidh guineach gun teagamh, ach o nach eil i, mar a theirear marbhtach, cha ghabh iadsan nach do mhothuich riamh i suim di, agus uime sin, cha nochd iad ach co-fhulangas ro bheag; ach dean suidhe, agus stoldaich thu fein, agus innis domh beagan mu d’ thuras Eireannach, agus mu gach cearnadh chum an deachaidh Sir Seumas agus thu fein air feadh na seann rioghachd sin?
C. —Dh’ innis mi roimhe dhuit, a Mhurachaidh, gu ’n do chuir an toit-long air tir sinn ann am Belfast agus b’e sin Belfast na bochduinn dhomhsa.
M. —Ciod a dh’ eirich duit a Choinnich, ann am Belfast, baile mor le sraidibh fada, farsuing, agus lionmhorachd sluaigh?
C. —Agam-sa tha fios air sin, a Mhurachaidh agus fios air mo chosdas. Chaidh sinn dh’ ionnuidh tigh-osda mor le dealbh feidh os ceann an doruis, agus gun teagamh rinn mo chridhe solas ris a’ cheann chrochdach an duil gu’m fac e Gaidhealtachd na h-Alba roimhe so. Ach co dhiubh, an deigh dhuinn gach goireas a dheanadh maith dhuinn ’fhaotuinn, chuir mo mhaighstir a mach mi an deigh dhorch-oidhche a dh’ iarraidh gne thombaca air an robh ainm neonach a thug e dhomh sgriobhta air cuibhrig geal litreach. An sin dh’ fhalbh mi, agus bha na sraidean gle thaitneach agus leth-shoilleir leis na lochranaibh a bha air an suidheachadh aig astar araidh o cheile. Sheas mi aig aite a bha ann an cuil ri taobh na sraide, agus chunnaic mi Eireannach an sin ’n a sheasamh aig dorus tighe big a thogadh le fiodh; agus bha e ag eigheach gu cruaidh agus le ’uile neart, ris an t-sluagh gu dol a steach, agus gu ’m faiceadh iad ni miorbhuileach, eadhon each le ’cheann far am bu choir ’earball a bhi. Bha cuireadh aig na h-uile gu dol a stigh air son da sgillinn. Stigh a ghabh mise maille ris na ficheadaibh eile, agus mar amadan mor sheas mi an sin, agus chunnaic mi an t-each miorbhuileach sin mu ’n do ghlaodh an t-Eireannach le ’uile sgairt, chum n’ am b’ urrainn dasan, gu ’m faiceadh na h-uile e.
M. —Seadh, chunnaic thu an t-each, agus an robh e mar a thubhairt an duine luideagach, bith-bhriathrach a bha co cruaidh a’ cnr bhuaidhean iongantach an ainmhidh an ceill?
C. —Ochan! is e ’bha. Chunnaic mi each beag, ballach gorm ’n a sheasamh le ’cheann a mach agus le thulchainn aig ceann shuas na prasaich far am bu choir d’a cheann a bhi. Thuig mi gu h-ealamh an cleas a rinneadh orm, ach cha dubhairt mi diog; mar nach dubhairt neach eile de na bha a stigh. An uair a chaidh sinn a mach air duinn a bhi, ma b’ fhior, lan iongantais, bhruchd na ficheadan eile a stigh, gu bhi air am mealladh mar a bha sinne. Ach cha ’n e sin a mhain a chuir dorran orm, oir bu bheag agam e, ach dh’ eirich altrap ro thubaisteach dhomh. Cha luaith’ a dh’ fhag mi am bothan ’s an robh an t-each, agus a rainig mi an t-sraid na dh’ iondrainn mi mo sporran anns an robh tri puinnd Shasunnach ann an or, agus beagan a dh’ airgiod briste. Thugadh as mo phoca an sporran le fear-reubainn gun fhios gun aire dhomh, anns an domhladas sluaigh a bha ’g amharc air an each thubaisteach a bha an sin, agus cha ’n fhaigh mi e a chaoidh.
M. —Cha mhaith a dh’ eirich dhuit idir, a Choinnich choir, is daor a phaigh thu air son an t-seallaidh a fhuair thu dhe ’n each bhallach; ach ciod a dh’ eirich dhuit—ciod a rinn thu?
C. —Sheas mi tacan beag far an robh mi a’ rannsachadh gach aite mu ’n cuairt domh, ach ochan! bha ’n call gun teagamh deanta. Bha duin’ -uasal, co dhiubh ann an coslais, ’n a sheasamh ri m’ thaobh, chunnaic e gu’n robh ni-eigin am mearachd, agus dh’ fhoighneachd e ciod a dh’ eirich dhomh? Dh’ innis mi dha, agus thubhairt e rium stad an sin mionaid no dha. Rinn mi sin agus ghlaodh esan fear-eigin air ainm, agus ghrad thainig duine foghainteach, ard, le bioraid bhioraich air a cheann, crios mor, dealrach m’a chom, agus bata beag, buidhe ’n a laimh; agus chuir e lan a’ pheice de cheistibh orm. Dh’ fharraid e co as a thainig mi, c’ ainm bha orm, ciod a bha mi ’deanamh, cait an robh mi fuireach, ciod an dath, a’ chumadh, agus an deanamh a bh’air mo sporran, ciod an t-airgiod a bha ann, cuin a dh’ ionndrainn mi e, agus ceistean gun cheann gun chrich mar sin, ach, dh’ fhalbh esan, agus dh’ fhalbh mise gu bronach dhachaidh chum Tigh-osda an Fheidh.
M. —Cia mar a dh’ eirich dhuit a ris?
C. —Dh’ innis mi gu saor gach ni mar a thachair do Shir Seumas, agus rinn e lasgan gaire. Thubhairt e, “A nis, a Choinnich, teagaisgidh fear an eich bhig, bhallaich, ghuirm, gliocas duit, agus feumaidh tu sin mu ’n siubhail thu Innis-fail o cheann gu ceann. Ach c’ ait am bheil mo thombaca air son an do chuir mi mach thu? An do chaill thu esan mar an ceudna? Fhreagair mi Sir Seumas, agus thubhairt mi gu’n robh an tombaca far an robh e riamh air mo shonsa, do bhrigh nach robh sgillin ruadh agam a cheannaicheadh e. Cha dubhairt an duin’ -uasal a bheag, ach a mhain so, gu ’n teagaisgeadh cleachdannan an t-saoghail agus nan Eireannach gliocas dhomh.
M. —Cha d’ fhuair thu do theagasg a nasgaidh, a Choinnich, agus cha ’n eil fhios agam c’ ait am faigheadh. Comadh co-dhiu, cha ’n eil teagamh nach d’ thug do mhaighstir sporran ur le ’lan airgid dhuit an ait an fhir a chaill thu.
C. —Is esan a rinn sin air ball. Mach a ghabh mi a ris, agus cha do chum each, no asail, no Eireannach mise gun tilleadh gun dail leis an tombaca, agus bha gach cuis ceart.
M. —Ach ciod a dh’ eirich dhuit a ris, a charaid choir, agus c’ ait an deachaidh tu air an ath la?
C. —Dh’ fhalbh Sir Seumas agus mi fein air an ath mhaduinn, agus thug sinn Baile-Cliath oirnn air an t-slighe-iaruinn; agus O! b’e ’m baile maiseach e, le aitreabhan aluinn sraidean lurach, tighean greadhnach, agus gach ni eile a reir sin. Gu dearbh chord Eirinn air fad rium anabarrach maith. Is briagh an duthaich i, agus is aluinn na glinn, na beannta, na machraichean, na h-aibhnichean, agus na lochan sail agus uisge a chithear ann.
M. —Cha ’n eil teagamh idir nach i sin an fhirinn, a Choinnich, ach am fac thu moran dhe ’n duthaich re na h-uine a bha thu innte?
C. —Chunnaic mi ach beag gach siorramachd ’s an rioghachd. Bha sinn a’ siubhal gach la o dheas gu tuath, o’n ear gus an iar agus a’ taghal bhailtean, agus mhachraichean, thighean nan tuathanach, agus chaistealan nan uaislean, agus mhaithean na tire. Seadh, c’ ait anns nach robh sinn, oir bha luchd-eolais aig Sir Seumas anns gach ait agus ionad. Chunnaic sinn moran spreidh de gach seorsa, crodh-dubh, caoraich, agus eich; agus cheannaich mo mhaighstir na chuireadh stoc air an oigh-
[Vol . 6. No. 6. p. 7]
reachd aige air fad; agus cha ’n fhios domhsa c’ ait an cuir e an darna leth dheth, ach ’s e sin a ghnothuch-san?
M. —Ach am bheil sgil aige-san air feudal? Am faithnich e deagh bheathach cruidh, no eich, no caorach?
C. —Is ainneamh fear aig am bheil suil ni ’s fearr air each agus air damh, ach cha’n eil e co tur eolach air fior chaora mhaith. Ach dh’ earb e na bha a dhith air ri uaislibh thall agus a bhos gu bhi air an cur ’n a dheigh air muir aig an am fhreagarrach, agus le sin cha robh iad chum dragh sam bith dhomhsa, ach a mhain gu ’m fac’ mi iad; agus ma chunnaic b’ fhearr leam gu mor feudal nam beann Albannach; ach gach duine d’a thoil fein.
M. —Bu mhor a b’ fheairrd thu do thuras Eireannach, a Choinnich, oir thug e eolas duit air daoinibh, agus air an cleachdannaibh—eolas nach faigheadh tu re linn ’s a’ Ghoirtean-Fhraoich.
C. —Cha ’n eil teagamh idir air sin, agus cha robh mo shaothair caillte a thaobh gu ’m fac’ agus gu ’n cuala mi iomadh ni ris nach b’ urrainn thu gun ghaire a dheanamh. Tha iad ’n an sluagh air leth air son beumadaireachd, cas-fhreagairtean, agus geur-chainnte.
M. —Is fhad o’n chual’ sinn mu thapachd agus mu theomachd nan Eireannach, ach is i mo bharail gu ’m bheil na buaidhean aca air an doigh so air am meudachadh thar tomhais, agus nach eil iad ach mar shluagh eile. Gun teagamh fhuair iad an t-ainm, agus tha deagh fhios agad-sa air firinn an t-sean-fhocail, “Am fear aig am bheil an t-ainm gu bhi ’g eirigh gu moch, gu’m feud e cadal a dheanamh gu h-oidhche.”
C. —Tha sin uile gle cheart, agus gu sonraichte a thaobh an t-sean-fhocail, ach an deigh sin uile, fhuair mise iomadh dearbhadh, re mo cheilidh ghoirid ann an Eirinn, gu ’m bheil muinntir na rioghachd sin air an deacadh gu nadurra chum a bhi geur-bhriathrach, bearradach, agus thar tomhais beumach. Agus is iomadh gaire mor a thug iad air Sir Seumas a dheanamh, ’n am doibh a bhi labhairt ris anns a’ Bheurla, cainnt nach tuiginn-sa ach air mhodh neo-iomlan.
M. —Tha mi ’g ad chreidsion, a Choinnich, ach chum a’ chuis sin fhagail gu uair eile an deigh so, theid sin dh’ ionnsuidh ni eile, agus ’s e so e, an cual thu idir na h-Eireannaich a’ labhairt na Gaidhlig?
C. —A’ labhairt na Galdhlig! Ochan! bha iongantas orm air la araidh, air domh a dhol a mach a dh’ amharc mu ’n cuairt domh, an uair a bha Sir Seumas a’ deanamh ghnothuichean maille ri duin’ -uasal o’n do cheannaich e feudal; thug mi an rathad-mor orm fad leth-mhile, eadar da riagh de chraobhaibh aillidh, dosrach, uaine, ard, agus thainig mi air seisear dhaoine calma, tapaidh, air an robh fallus a’ leasachadh an rathaid. Air domh dluthachadh riutha, thog iad an cinn, agus thubhairt iad rium ’s a’ Bheurla, “Is briagh, blath an la so.” Bha iongantas orm, gun teagamh, ach fhreagair mi gu siobhalta na fir, agus ghrad thoisich iad air an obair fein. Ach, feuch m’ iongantas an uair a chual mi iad a’ labhairt na Gaidhlig r’a cheile. Dh’ eisd mi, agus chunnaic iad gu ’n robh ioghnadh orm, agus an sin bu mhoide an seanachas aca r’a cheile a’ gaireachdaich, agus ag radh, “Is coigreach so, agus tha iongantas air ann a bhi ’cluinntinn canain nach eil e ’tuigsinn.” Bha gun teagamh iongantas orm an uair a chual mi a’ Ghaidhlig far nach robh duil agam rithe, ach bha mi ’tuigsinn a’ chuid bu mho dhe ’m briathraibh ged a bha iad ’g an labhairt ni ’s braise, agus ’g an gearradh ni ’s caise na chual mi a’ Ghaidhlig ’n ar duthaich fein. Ach co-dhiu, ann an uine ghoirid, thubhairt mi, “Tha mi ’faicinn, fheara, gu’m bheil Gaidhlig agaibh.” Thog iad an cinn, thilg iad am piocaidean air an lar, sheall iad orm mar gu ’m biodh adhaircean air mo cheann, leum iad air an aghaidh agus rug iad air mo dha laimh, agus thug iad crathadh cairdeil, cridheil dhoibh, ag eigheach, “Albannaich, Albannaich tha sinn toilichte d’ fhaicinn!” Dh’ fhan mi maille riu re uair na dinneir aca. Thug iad cuireadh dhomh a dhol maille riu gu tigh-osda a bha goirid o laimh chum deoch a ghabhail maille riu, ach dhiult mi an caoimhneas aca le taing, agus dhealaich sinn ’n ar deagh chairdibh.
M. —Bha sin uile ro thaitneach, a Choinnich, agus tha mi gle chinnteach gu ’n robh iongantas ort a’ Ghaidhlig a chluinntinn ann an Eirinn. Ach thuigeadh iadsan thusa a labhairt ni b’ fhearr na thuigeadh tusa iadsan. Tha aitean ann an Eirinn far nach tuigeadh tu ach fior neoni dhe ’n chanain aca, agus aitean eile far an cumadh tu comhradh ris an t-sluagh direach mar a tha thu ag innseadh.
C. —Ach tha chùis mar sin ’n ar duthaich fein. Cha dean mise a’ bheag de Ghaidhlig Chataobh, no de ’n Ghaidhlig a ta ’g a labhairt ann an Gleann-sithe, no ann am Braigh-Mhàrr goirid o Bhaile-Mhorair, caisteal na Ban-righ coir againn fein. Cha tuig mi ach neoni de bhardachd Rob Dhuinn, agus ochan, ochan, cha b’e Donnachadh Bàn againn fein, oir is ann aige-san a bha a’ Ghaidhlig bhlasda, ghrinn.
“ ’S e Coire Cheathaich nan aighean siubhlach,
An coire rùnach is ùrar fonn,
Gu lurach, miad-fheurach, min-gheal, sughar,
Gach lus a’s ur-bhlath is cùbhraidh leam.”
(Ri leantuinn.)
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar duthcha tha ’nar beachd
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.
Dr. G. T. Mac Gilleain
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG—Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-Tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.
Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C. B.
Indurated Fibreware
Tha an seorsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fhiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire.
THE
E. B. EDDY Co
LIMITED
HULL, CANADA.
[Vol . 6. No. 6. p. 8]
Mo Thir.
LE L. M.
Is duthaich shaibhear, shuairc i,
Tir ard nan cnoc ’s nan cruach i,
’S i aite-taimh nan buadh i,
Mo dhuthaich ualail fein.
Tha feara lughor, laidir,
Tha mhathan banail, cairdeil,
’S bu shona dol do ’n bhàs mi,
Air sgath mo dhuthaich fein.
Cha ’n fhearann gruamach, fuar i,
Ach ’s duthaich bhlath is bhuadhach,
’S i tir mo ghaol ’s mo luaidh i,
Mo dhuthaich dhualach fein.
Na ’n robh maise buadhar,
Nam faigheadh ceart a duaisean,
Cha toireadh neach do ’m fuath i,
A nuas do m’ dhuthaich fein.
O, ’s duthaich bheairteach aill i,
’S i ’n tir tha maiseach aluinn,
Tir mhor nan sonn ’s nan armunn,
Mo dhuthaich ghradhach fein.
Cumha Iain Ghairbh Mhic Ghille-Chaluim Rarsaidh.
LE ’PHIUTHAIR.
’S mi na m’ shuidh’ air an fhaodhlainn,
Gun fhaoilte, gun fhuran;
Cha tog mi fonn aotrom,
O Dhi-haoine mo dhunach.
SEISD—
Hi-il ò ho bha hò,
Hi-il ò ho bha ò
Hi-il ò ho bha ò
Hi-il ò ro hò bha éile.
Cha tog mi fonn aotrom,
O Dhihaoine mo dhunach;
O’n a chailleadh am bàta,
Air ’n a bhàthadh an cuiridh.
O’n a chailleadh am bàta,
Air ’n a bhàthadh an cuiridh;
Gille-Calum a b’òige,
’S Iain mòr—mo sgial duilich!
Gille-Calum a b’òige,
’S Iain mòr—mo sgial duilich!
’S i do ghuala bha làidir,
Ged a shàraich a’ mhuir thu.
’S i do ghuala ’bha làidir,
Ged a shàraich a’ mhuir thu;
Cha’n ’eil h-aon ann an Albainn,
Nach toir ainm air do spionnadh.
Cha’n ’eil h-aon ann an Albainn,
Nach toir ainm air do spionnadh;
’S ann an clachan na tràghad,
’Tha mo ghràdh-sa bho’n uiridh.
’S ann an clachan na tràghad,
’Tha mo ghradh-sa bho’n uiridh;
Gun sìod’ air do chluasaig,
Fo lic uaine na tuinne.
Gun sìod’ air do chluasaig,
Fo lic uaine na tuinne;
’S tu gun bhoinn air do léinidh,
Cha ’n eil feum air a cumadh.
’S tu gun bhoinn air do léinidh,
Cha ’n eil féum air a cumadh:
Cha ’n iarr thu gu ’fuaghal,
Bean-uasal no cruinneag.
Cha ’n iarr thu gu fuaghal,
Bean-uasal no cruinneag:
Tha do chlaidheamh na’ dhùnadh,
Fo dhrùchdadh nan uinneag.
Tha do chlaidheamh na’ dhùnadh,
Fo dhrùchdadh nan uinneag;
Co ’s urrainn ga ’fhuasgladh,
’S nach gluais thu e tuille.
Co ’s urrainn ga ’fhuasgladh,
’S nach gluais thu e tuille:
Do chuid chon air an iallaibh,
’S cha triall iad do ’n mhonadh.
Do chuid chon air an iallaibh,
’S cha triall iad do ’n mhonadh;
Do fhrìth nam beann àrda,
No gu àrd-bhéinn a’ chuilinn.
Do fhrìth nam beann àrda,
No gu àrd-bhéinn a’ chuilinn;
’S mi na m’ shuidh’ air an fhaodhlainn,
Gun fhaoilte, gun fhuran.
An Gille Dubh Ciar-Dhubh.
Cha dirich mi brughach,
’S cha shiubhail mi mòinteach,
Dh’ fhalbh mo ghuth cinn,
’S cha sheinn mi òran.
Cha chaidil mi uair,
O luan gu dòmhnach,
’S an gille dubh ciar-dhubh
Tighinn fo m’ ùidh.
’S truagh nach robh mise,
’S an gille dubh ciar-dhubh;
An aodainn na beinne
Fo shileadh nan siantan;
An lagan beag fàsaich,
Nan aitigin diamhair,
’S cha ghabh mi fear liath
’S e tighinn fo m’ ùidh.
Dh’ òlainn deoch-slaint’,
A ghille dhuibh chiar-dhuibh
Do dh’ uisge nan lòn,
Cho deònach ’s ge b’ fhion e,
Ged tha mi gun òr,
Tha ni ’s leor tigh’nn d’am iarraidh,
’S cha ghabh mi fear liath
’S e tighinn fo m’ ùidh.
Mo ghille dubh bòidheach,
Ge gòrach le càch thu;
Dheanainn do phòsadh,
Gun deoin da mo chairdean;
Shiubhlainn leat fada,
Feadh lagan a’s fhasach,
’S cha ghabh mi fear liath,
’S tu tighinn fo m’ ùidh.
Mo ghille dhubh laghaich
’S neo-raghainn leam t’ fhàgail,
Na ’m faicinn an cuideachd thu,
Thaghainn ro chach thu;
Ged’ fhaicinn coig mil’,
Air chinnt gur tu b’ fhearr leam,
Cha ghabhainn fear liath
’S tu tighinn fo m’ ùidh.
’S luaineach mo chadal,
Bho mhaduinn Di-ciaduin,
’S bruaileanach m’ aigneadh,
Mur furtaich thu chiall mi.
’S mi raoir air dhroch leabaidh,
Cha ’n fhada gu liath mi,
’S an gille dubh ciar-dhubh,
Tighinn fo m’ ùidh.
Grace Darling
Leth-cheud bliadhna ’sa h-ochd air ais, air an 7mh deSeptember, shàbhailGrace Darlingagus a h-athair, le ’n tréine, naodhnar dhaoine o bhi air am bàthadh. Tha ’n obair sin, sàbhaladh-beatha, a dol air adhart fhathast, agus thaK . D. C.a’ deanamh a chuid fhein. Is e bhi slàn an dòigh a’s fhearr air son a bhi fior shona.
Tha stamagan neo-fhallain a’ deanamh dhachaidhean agus dhaoine mi-shona, ge b’e àite ’n faighear iad. Gheibhear cuideachadh, faochadh, agus leigheas do stamagan neo-fhallain ann anK . D. C.Feuch e. Tha e air a shàr-mholadh.
ThaK . D. C. Pillsanabarrach math air son tinneasan cuim.
C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
NIALL Mac FHEARGHAIS,
Taillear.
SIDNI - - - - C. B
$1 .00 air 80c.
Tha tuilleadh ’sa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dh’ airgead. Thig mu ’m bi ’n t-am seachad agus
FAIGH BARGAN.
McDonald Hanrahan & Co.
Sidni, Iulaidh 16, ’97.
J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsa ’s fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B.
title | Issue 6 |
internal date | 1897.0 |
display date | 1897 |
publication date | 1897 |
level | |
reference template | Mac-Talla VI No. 6. %p |
parent text | Volume 6 |