[49]

[Vol . 6. No. 7. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH, CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 13 OGUST, 1897. No. 7.


As na h-Eileanan Coille, E. P. I.

A CHARAID UASIL AGUS CHOIR, —Tha trustairachd de nair orm airson cho fada sa tha mi gun sgriobhadh thugad, ach ged nach toil leam a bhi gabhail leisgealan nam biodh agadsan t-aobhar a thug orm an dàil a bhi cho fada, ghabhadh tu mo leisgeul air an turus so. Bha mi dol a sgriobhadh ann am mios na giblinn a chaidh seachad agus thachair Gàidheal coir rium, agus gheall e gun taoighleadh e agam air an t-seachdain a bha tighinn agus gun dugadh e dhomh ainm agus a dhollar gus cuir a dhiarraidh a MHAC-TALLA. Chan fhaca mise mo charaid tuilleadh gu latha an Taghaidh, no mar a their na goill latha na h-Election .Bhruidhinn mi ris ma dheibhinn, agus thug e an gealladh ceudna dhomh, ach tha mi faicinn nach eil em brath tighinn. Chaneil mi aig an àm a dol a radh e, an dòchas gun dig e fathast, ach mur a dig, tha mi smaointeachadh gun gabh mi a chomhairle a thug Calum Ruadh ort féin, ’na litir ma dheibhinn an fheadhinn nach do phàigh MHAC-TALLA, gun cuir miainm agus a shloinneadh ann an litrichean mora dubh ann an ath uair a sgriobhas mi; oir tha fios agam gu bheil cuid de na Gàidheil gle fhulannach ann an gnothaichean dhen t-seòrsa ud gus a beanair don smior.

Cha bhi mi ag radh tuilleadh an dràsta mam bi mo litir tuilleadh us fada, a chionn tha mi a cur air adhart seann òran a dh’ -ionnsaich mi bhom mathair gus a chursa MHAC-TALLA. Chan fhaca mi riabh ann an leabhar e ach tha mi an dùil gur e Ailein Dall a rinn e. Bu ghle thoil leam fhicinn air a chlo-bhualadh, agus bu ghle thoil leam thu fhéin fhaicinn air chuairt air an t-samhradh so rithist; mo bheannachd leat féins le MAC-TALLA an la a chis nach fhaic.

SEUMAS A. MAC ILLE-MHAOIL.
8, 8, ’97.


Litir a Ceap Nor.

A CHARAID, —Faigh anns an litir so dolar, air son bliadhna eile den MHAC-TALLA.

Bu choir dhomh bhi air a chur air adhart beagan roimhe so, ach mur bhiodh litir Chaluim Ruaidhge be co eanns an àireamh mu dheireadh, chaneil fios nach cuirinn tuilleadh dail anns a chùis.

Anns a gheamhradh sa chaidh, ghreas Iain Ruadh a dholar air falbh as an àite so air eagal gun cailleadh e a fhradharc le bhim fiachan don MHAC-TALLA, ach chaneil miduil nach bfhearr leam fhein gu mor tomhas de mfhradharc a chall na mainm a chur sios ri aireamh na muinntirnach do phaighmar tha Calum Ruadh a chomhairleachadh dhuit a dheanamh. Chaneil teagamh agam nach eil Calum gle cheart, ’s mar sins glice do gach neach a dholar a chur air adhart na thrath.

Tha fior chabhaig orm a sgriobhadh na litir so, ’s feumaidh sibh mo leisgeul a ghabhail air son i bhi cearbach; ’nuair bhios tuilleadh uinagam sgriobhidh mi rìs.

Is mi &c ,
M. D.


Bas gun Tiomnadh.

Bha sid ann uair duine beairteach, agus chochail e gun tiomnadh a dheanamh. Bha a bhantrach air son a chuid saoibhreis a bhi aice fhéin, agusse rinn i a bhàs a chumail an cleith, agus fhuair i griasaiche bochd a bhasa choimhearsnachd gu dhol do leabaidh an duine mhairbh fhadsa bhiodhtedeanamh tiomnaidh. Rinn an griasaiche sin, agus an deigh a chòmhdach air dhòighs nach aithnichte e, thugadh fear-lagha a steach agus thoisicheadh. Rinn an griasaiche a ghuth cho fanns cho critheannachsa burrainn da, ’s thòisich e air tiomnadh sid us so don bhantraich, gus an robh an oighreachd cha mhor uilaice. “Agus gu de nithear ris a chòir,” ars am fear-lagha. “An còrrarsam fear a bhanns an leabaidh, “tha mi fàgailsa tiomnadh don ghriasaiche bhochd a thafuireach taobh thall na sràide; bha e riamhna dhuine còirsna dheagh choimhearsnach, aguss beag an ni dhomh beagan dem chuid fhàgail aige.” Bha a bhantrach feargach gu leòr ris aghriasaiche air son e dhfhàgail dileab cho mor aige fhéin, ach cha robh math guth a thoirt air, oirs in t-sloightearachd a bhanns achuis air fad, agus mar sin fhuair an griasaiche a chuid den oighreachd cho math rithe fhéin.


An t-Each.

Theid aig each cumanta air mile choiseachd ann am fichead mionaid; theid aige air mile throt ann an sia mionaidean; agus ni e an t-astar ceudna air a chruinn-leum ann an ceithir mionaidean. Tha e cho trom ri seachdnar dhaoine, agus cho làidir ri coignear. Tàirnidh e naodh ceud punnd gun chuidhlean air àite còmhnard. Ni e uiread obrach ann an ochd uaireansa thogadh coig ceud tunna deich troighean bhon làr. Tha e aig a lan mheudachdnuair a tha e coig bliadhna dhaois; si àireamh a bhliadhnaichean sia deug, ach is tric leis a bhi beò gus am bi e thairis air coig bliadhna fichead. Is urrainn da bhi beò coig latha air biadh tioram gun uisge seachd latha deug gun bhiadh gun uisge, agus ceithir latha fichead air uisge gun bhiadh.

Tha M. Faure, Ceann-suidhe na Frainge, ag ullachadh gu dhol air chuairt do cheanna bhaile Ruisia. Ach chan fhaic e an Sar air a thurus idir, oir than Urra Mhor sin mun àm cheudna, a fàgail St. Petersburg, ’sa dol taobh eile. Cho mors gu bheil an cairdeas eadar an da dhùthaich, tha e coltach nach eileas a meas iomchuidh an luchd-riaghlaidh a leigeil cuideachd. ’S iongantach an càirdeas a theatona; an Fhraing a tha air a riaghladh gu buileadh leis an t-sluagh, far nach cuireadh an sluagh suas le coltas righ no ban-righ thairis orra fad cheithir uairean fichead, na dlùth-charaid do Ruisia, dùthaich anns am bheil gach cumhachd-riaghlaidh, aimsireil agus spioradail, ann an laimh an t-Sàir, agus far nach dàna le duine beò a radh gur h-olc. ’S iomadh ni neònach a thann, agus is so aon dhiubh.

Chaochail duine saoibhir ann am Paris o chionn ghoirid le cràdh cridhen deigh dha a chluinntinn gun do chaill e a chuid uile ach ceud mile franc, mu sheachd mile deug dolair den arigead againne. Bha fear de chàirdean a bha anabarrach bochd aguss ann air a thuit dileab an fhir a dhfhalbh. Air dha-san sin a chluinntinn, chaidh ena leithid de bhoil leis an toileachadhs gun do chaochail e fhéin.

Si ghlas as sine tha ri fhaotainn an diugh glas a bha ait aon de dhorsan Ninebheh. Tha an iuchair na deagh ultach ra giùlan, mu thri troighean gu leth a dhfhad, agus mu cheithir oirlich a thiuighead. Fhuaras mar an ceudna glas a bham feumsan Eiphit o chionn ceithir mile bliadhna air ais. Tha aghlas agus an iuchair air an deanamh air fiodh.

Bha am piobaire an déigh cuairt a thoirt air a phiobs an t-Eireannach ga éisdeachd. ’Nuair a sguir e, thuirt e, ’s eg amharc mun cuairt le pròis; “Eh, dhuine, tham port ud doirbh a chluich.” “Am bheil gu dearbh,” arsa Pat, “ma , bfhearr leam fhin gu robh e cho doirbhs nach gabhadh e cluich idir.”



[50]

[Vol . 6. No. 7. p. 2]

SEALG BHEINN-EIDIR.

Fionn le feachd na Feinne,
Air cùl Bheinn-Eidir asealg.

Chuala mise roimhe so gun deachaidh Fionn le feachd na Feinne la a shealg gu cùl Bheinn-Eidir. Thaghail iad air an uidhe a chur seachad na h-oidhche an tigh Abhchain bhig na bruinne. Bha cathair ann do gach triath ach Conan, ’s beudar dhàsan suidhe gu leathan air leacan an urlair. Thòisich càch air fanaid air, agus air tilgeil smugaid na geilte air. Theann Conan ri carachadh a thoirt air fhein, ach ma threann, a mhic chridhe, cha burrainn da glideachadhbha shuidhes a chasan air leanachd ris an urlar.

An uair a chunnaic càch an orra-shuidhe bhi air achulaidh-thruais a bhair na leacan, theab iad an clìth a chall leis aghàireachdaich.

Bu mhipioc-an-coimheach, ’” arsa Conanach nam biodh sibh air an aon dìol riumsa cha burrainn duibh moran a a dhianamh air ur son fhein, ’s cha bhiodh sibh cho ro mhath air magadh.”

An uair a chuala iad so, theann iad uile ri gluasad, ach cleas Chonain, bha an suidhe air leanachd ris na cathraichean, agus na cathraichean air leanachd ris an urlar. Chuir so aghlas-ghuib orra, ’s dhàireamh Fionn an Fheinn. Dhionntraich e dithisDiarmad as Laothair, ’s shéid e corn-nam-fiùth.

Am bial an anmoich, le tubaist air choirigin, mhearachdaich Diarmad as Laothair an Fheinn, ’s bha iad ag cumail air an aghart, gun dìon, gun fhasgadh gus an dthainig iad air sìthein faoin an iomall na frithe. Is ann ann an so a bha iad an uair a chuala iad an corn. Thuig iad gun robh iomral no éiginns achùis; as togar orra, gun bhiadh gun deoch, ’s dianar caol dìreach air an àite as an cual iad an corn, tigh Abhchain bhig na bruinne. Rainig iad; ach ged a bhiodh iad fhathast adol timchioll an tighe, chan fhaigheadh iad dorus, no uinneag, no toll air. Mu dheireadh thug Diarmad leum air mullach an tighe, ’s cuirear dìdeag a stigh air an fhàrlus, agus faicear na suinnn an suidhe gu soistinneach. Bheannaich e dhaibh, as bheannaich iad dhà; agus dhfharraid e dhiubh an ann an sid a sheid Fionn an cor. Thuirt Fionns e freagairt gur h-ann, agus nam bu duine esan a bhair math, nach bann romhn àm a thàinig e; ach nam bu duine e a bhair cron, gun robh gu leoir diante an sid mar a bha; agus an sin dhinnis e mar a dhéirich dhaibh. “Innis dhomh-sa ma ta ciod is math leat mi a dhianamh, ’s chan fhàg mi iall gun tarrainn gu fuasgladh oirbh,” arsa Diarmad.

Rach a dh-fhaire àth na h-amhna ud shios, an nochd,” arsa Fionn, “agus innsidh mi dhut am màireach, ciod a bhios agad ri dhianamh.”

Thuirt Conan, “Mur toir thu leat biadh a mionnsaidh-sa, cha bhi buaidh ach ortsa no ormsa cho luathsa gheabh mi fuasgladh.”

Dhfhalbh Diarmad as Laothair a dh-fhaire na h-amhna. Cha bfhada bha iad an sin an uair a dhfhairich iad fuaim mhòr, fioram, agus farum tàirneinich, clachan beaga adol an ìochdar, ’s clachan mòra atighinn an uachdar! Co bhan so ach an triùir a bu shine de mhic righ Lochlunn le feachd armailte.

Co an ludaire mhor a than so, afaire an àth mun tràth so dhoidhche,” arsa na farbhlaich.

Is coma sin,” arsa Diarmad, “ach co an triùir mhac righ sibhse le feachd armailte adol a chur an àth mun àm so dhoidhche, ’s gum bu chòir dhuibh gabhail mu thàmh an déis dol fotha na gréine.”

Is sinne,” ars iadsan, “triuir de mhic righ Lochlunn adol air chuireadh gu cuirms gu cuid oidhche gu Fionn Mac Cumhails gu mhuinntir.”

Cha teid sibh an sin an nochd ach thair mamhaich-sa,” arsa Diarmad; ’s dhfharraid e de Laothair cia dhiubh a chasgradh e triuir mhac an righ, no am feachd.

Casgraidh mise triùir mhac an righ,” arsa Laothair.

Thòisich an cath; agus mar a bu tiuighe iad, is ann a bu taine iad; agus mar bu taine iad is ann a bu trom-bhuailtiche iad; ’s mar bu trom-bhuailtiche iad, is ann a bu trom-mharbhtaiche iad; agus an àm éirigh na gréine cha robh ceann Lochlunnaich air coluinn no coluinn gun sgoltadhs gun àitheadh. An sin thog Diarmad as Laothair orra gu falbh. Mar a bha iad atilleadh air an ais, gun mhir bidh gun diar dibhe, asmaoineachadh ciod a bheireadh fuasgladh don Fheinn, tachrar maighdean Eilein-an-éisg orra, ’s cliabh de dharans de dhiasg aire. Bheannaich i dhaibhs bheannaich iad di, ’s tuitear in trom ghaol air Diarmads thugar dhaibh gun obadh an cliabhs na bhanns bu bheag leatha e, gu fuasgladh air maithean na Feinne. Rainig iad tigh Abhchain; ach cha deachaidh iad a stigh, air eagal gun tuiteadh iad cleas chàich, fo dhraoidheachd righ Lochlunn. Is e a rinn iad dol air mullach an tighe, agus an t-arans an t-iasg a thilgeil a stigh air an fhàrlus dhaibhfear an deigh fir. Cha robh teanga Chonain riabh fochrios agus choisinn a mhì-fhoighidinn das droch-uair so, deireadh riarachaidh. Bha Diarmadg a chur seachad air Conan, agus Conans aghlaodhaich, “Nam bann mar sin a dhianadh tu air na h-igheanan cha bhiodh na mnathan cho trom an déigh ort.”

Chuir Fionn an oidhche sin a rithist iad a dhfhaire na h-amhna, ’s thuirt e riu làn na cuaiche thoirt leo de dhfhuil mic an righ. Rainig iad an t-àth. Cha robh iad ach goirid an sin an uair a chuala iad fuaim mhor, fioram agus farum mar a chuala iad an oidhche roimhe. Ciod a bhan so ach an triuir a bòige de mhic righ Lochlunn le feachd armailte.

Thuirt mic an righ, “Co an da ludaire mhor mhi-dhealbhach a than so?”

Tha sinne,” arsa Diarmad; “ach co sibhse, no caite tha sibh adol le feachd armailte adol a chur an àth, ’s gum bu choir dhuibh gabhail mu thàmh an deigh dol fotha na gréine?”

Is sinne,” ars iadsan, “an triuir is òige de mhic righ Lochlunn, adol air chuireadh ga fleadh gu Fionn Mac-Cumhails gu mhuinntir.”

Bidh fios co is treasa mun cuir sibh an t-àth an nochd,” arsa Diarmad; ’s gun tuilleadh éisdeachd, thuirt e ri Laothair, “cia dhiubh a dhfhoghnas tu do mhic an righ no dom feachd?” Thuirt Laothair gum foghnadh e do mhic an righ, ’s chaidh na suinn an dàil a chéile, ’s mar bu tiuighe na Lochlunnaich is ann a bu taine iad, ’s mar bu taine iad is ann a bu trom-bhuailtiche iad, ’s mar bu trom-bhuailtiche iad, ’s ann a bu trom-mharbhtaiche iad, ’s mu éirigh na gréine cha robh gin beo de na Lochlunnaich ach fear a bhair leth-laimh, ’s fear a bhair leth-chois. Thog iad làn na cuaiche de dhfhuil mic an righs thill iad gu tigh Abhchain bhig na bruinne.

An uair a ràinig iads a dhinnis iad an sgial, thuirt Fionn ri Diarmad e chur na fala ri buinn a dha chois fhein an toiseach, agus an sin e thighinn a stighs eg a cur riuthasan, ’s gum faigheadh iad fuasgladh. Is ann mar sid a rinn e. Bha Conan cho leamhs a bàbhaist le cion na foighidinns gum be an deireagan; ach, cha bu luaithe a bhean an fhuil dha chasan na thug e leum as, agus le neart na cabhaige lean a shuidhe ris na leacan. Bha e an sins an ochanaich air feadh an tighe gus an do shuath Fionn an fhuil ris, ’s an do leighis e.

An uair a fhuair an Fheinn iad fhein uidheamachadh, dhfhalbh iad air cheann an turuis, a shealg gu cul Bheinn-Eidir. Ràinig iad gun mhoille gun sgìos, agus chuir iad an fhaghaid gu dian, toirteil, ’s rinn iad làmhach air an robh ainm. An uair a chualaichs a chruinnich iad an t-sealgs a shuidh iad a sheanchus, faicear iad luidreagan luaineach, mi-dhealbhach aleum gach, feithes atomhas gach glaice, adianamh orra caol dìreach. Thàinig es bheannaich e dhaibh am briathran fiosnachail, fosnachail fior-eòlach. Bheannaich iadsan dàsans na briathran ciadna. An sin dhfharraid Fionn de fàth a thuruis. Thuirt an Luidreagan gun robh e dol air tòir maighistir. Dhfhaighnich e dhe an robh ceaird aige no ciod an tuarasdal a bhiodh eg iarraidh. Thuirt an Luidreagan gum bu chòcaire e, ’s gun gabhadh e muinntireas bliadhnas nach biodh e ag iarraidh de thuarasdal ach aon achanaich; agus chuir Fionn muinntireas bliadhna air. “Chan fhaod i bhi trom, ma ta,” arsa Conan. “Fosadh ort, fhir chrìn acnonais,” arsan Luidreagan, “mhothuich mi lorg do theanga cian mum faca mi thu;” agus gun fheitheamh ris a chòrr a ràdh no eisdeachd togar eallach den t-sithinn air amhuin, ’s tàrrar dhachaidh



[51]

[Vol . 6. No. 7. p. 3]

cho luaths gum beudar don Fheinn Caoilte chur as a dheaghaidh a chumail seallaidh air. An uair a bhiodh Caoilte air an darna fàireamh bhiodh an Luidreagan air an fhàireamh eile; agus mar sin gus an dràineas an tigh. Cha drug Caoilte riabh air; ach bhan t-ana-cothrom aige: bha aige ri feitheamh gus an tigeadh an Fheinns an t-sealladh, agus a rithist tàrrsuinn an deaghaidh an Luidreagain. Ach a dhaindeoin an cabhaige, ’s cha bu bheag i, bha an t-sithionn air a gréidheadh rompa aig achòcaire ùr.

Bha iad fheins an Luidreagan atighinn air a chéile gu gasdacha dfhuair iad còcaire riabh cho math ris. Ach coma, cha do ghabh e ach muinntireas bliadhna, ’s cha robh abhliadhna fada dol seachad. An uair a ruith an ùine, thuirt Fionn ris an Luidreagan ainm a chur air a thuarasdal. “Ma ta,” ars esan, “fhuair mi cho suairce fiachail thu fhads a thug mi fo dfhàrdoichs gur beairt is suaraiche dhomh daoighealachd a dhìol le cuid oidhche thoirt dut.” Bha fios aig an Luidreagan gu math gun cumadh Fionn a ghealladh, agus thuirt e ris gun robh e ag cur mar chroiseans mar gheasan air dol gun ghille, gun chù, gun duine ach e fheinn a ònrachd, ’s oidhche chur seachad aige.

Càite am beil do thigh,” arsa Fionn.

Tha an iomall an domhain,” arsan Luidreagan, “ ’s -sag a iarraidh gus an amais thu air,” agus ghabh e a chead diubh.

Cha mhi nach daithnich gum faodadh an achanaich a bhi trom,” arsa bial na h-iomchoire, Conan.

Cha robh comas air. Bha Fionn a nise deas air son falbh. Thuirt an t-amadan ris: “Co a bheir biadh dhomhsa gus an till thu?” “Bheir am fear aig am fàg mi ordugh na Feinne,” arsa Fionn. “O, nach fhaod mi dol comhla riut,” arsan t-amadan. “Is duine thu,” arsa Fionn, “Nach leig thu Bran ann, ma ta,” arsan t-amadan. “Is e,” arsa Fionn. “Nach toir thu, cia dhiubh, leat slabhraidh Bhrain, mas dìon an , ’s dìon a shlabhraidh,” arsan t-amadan. Thog Fionn air, ’s thug e leis an t-slabhraidh.

Shiubhail e cian fhada, ’s fada nan cian, as làn fhada air forfhais an tighe, gus mu dheireadh an dràinig e tigh righ Lochlunn. Cha drinneadh furan no faoilte ris; is ann a ghrad-iarr an righ air fichead de na bhair a laimh dheis éiridhs a cheangal. Dhéirich iad, ’s cha dfhàgadh cathair gun bhristeadh no tarrang gun fheachdadh, ’s achuid nach do phronn Fionn de na fir, chuir e ceangal nan tri chaol orra. “Eireadh fhichead de na thair mo làimh chlì,” arsan righ, “ ’s ceangladh iad am farbhalach.” Dhéirich iad, ach cha bfhada gus an robh iad air dìol chàich. “Eireadh ceithir fichead agus ceangladh iad e,” arsan righ a rithist. Dhéirich iad sid, ’s cha dfhàgadh cathair gun bhristeadh, no tarrang gun fheachdadhs rinneadh Fionn a cheangal. Thilg iad an sin fon chomhla e. Gach uair a dhfhosgladh i chan fhàgadh i rib chraicinn air eadar mullach a chinn agus buinn a chas; ’s an uair a dhùineach i chuireadh i rithist air ais air e. Gu tuilleadh pianaidh a thoirt da, bhathas atilgeil chnàmh air, agus an sin bhiodh na coin asabaid air a mhuinsg a thoirt as a chéilen a shreòicean. Is ann mar sin a chuir Fionn seachad an oidhche, ’s bu daor a cheannach air muinntireas an Luidreagain.

Bha mac den t-Seanghall-eòlach air fear den chuideachd, ’sn uair a chaidh e dhachaidhs amhadainn, thuirt e riathair gun robh an t-aon duine bu bhriagha chunnaic e riabh air an aon dìol bu mhiosa chunnaic no chual e riabh, an raoir an tigh an righs thuirt e ris nach bfhiach leis fhein a leithid a dhianamh air duine sa bith; air Fionn Mac Cumhail fhein mo dhearg nàmhaid, cha dianainn ebannsa leam a chur thun achoin-ghlais aig Airc mac Donaich mhic Lirloisgidh esan e le aon toth dha anail, mar uidhe sheachd mìle dha. Dhaontaich an righ so a dhianamh, agus thug iad Fiona leò brùite, créuchdach mar a bha e, an coinneamh achoin-ghlais. An uair a dhfhairich Fionn an atighinn thog e slabhraidh Bhrainn a làimh. An uair a chunnaic an Fionns ann a thainig e shodal ris, agus cha leanadh e duine no bean ach e. Co be an cu glas ach bràthair do Bhran. Ghoid na Lochlunnaich e air an Fheinns en a chuilein. An sin chaidh Fionn a dhfhuireach do thigh Airc mhic Donaich mhic Lir, ’s thug e as bliadhna ann, ’s an cu-glas ag glanadh a chréuchds aleigheas a lot, gus mu dheireadh thall an drinn e luim air corn-nam-fiùth a shéideadh.

Bu dubhach, cianail an Fheinn fad na h-ùine sin afeitheamh ri sgial bho Fhionn; ’s bu shubhach aobhach iad ri cluintinn sgal achuirnged a bu mhanadh na h-éiginn e, bu rabhadh gu fuasgladh, as thog iad orras an Treachaill-mhara null thair tuinn do Lochlunn.

Bha buaidh na h-aoighe riabh air Fionn an sòlass an dòlas, ri coigrichs ri dàimh, agus, ’n a eirpleach mar a bha e, thàlaidh e cridhe Aircs a mhuinntreach, ’s bha iad uile fìor chaoimhneil ris. dhan robh bean-an-tighes achoillidh ableoghan nan gobhar, faicear i na h-aon daoine beireachdaile chunnaic i riabh ag caitheamh chleas air an tràigh. Mun gann a cheangail i an t-imdeal air aghogan, thugar i asn a ruithsn a leum dhachaidh; ’s thuirt i ri Aircs ri Fionn gun robh na h-aon daoine bu bhriagha chunnaic i riabh ag caitheamh chleas air an tràigh, ’s gum bfhiach dhaibh dol a dh-aon ghnothach gam faicinn. Dhfhaighnich Fionn ciod a bu choltas daibh. Dhinnis abhean chòir an dealbhs an dreach mar a bfhearr a baithne dhi; “ach,” arsise, “tha aon lasgaire mùirneach, donn ann, ’s mar is math mo chuimhne, ’s e Diarmad a chuala mi iad ag ràdh risan t-aon duines àluinne air an do leag maighdean a sùil, no, ge mòr am facal e, a sheas riabh air tràigh Lochlunn.

Thuig Fionn gu math co biad na suinn a bhair an tràigh, ’s togar air gan ionnsaidh. Is dearbh gun robh mùirn as aighir air an Fheinn, ’s nach bu lugha othail nan con, an uair a ràinig Fionn. An uair a dhaithris e dhaibh gach allaban, as mìomhadh, as drochd-ghiollachd a fhuair e, agus cruadal a sheas e bhon a dhealaich iad, thog iad socag thalmhainn, ’s dhéubh iadaichmheil.”

Cha do leig Fionn leo an aichmheil a thoirt am machcha bfhiach leis; ach an deaghaidh dhaibh taing as buidheachas a thoirt do dh-Airc air sonaoidheachd, thug iad air an righ doln am mèinn agus mathanas iarraidh. An sin thog iad na siùils an Treachaill-mhara, ’s chuir iad an cùl ri tir nan geas; ach cha bann a dheòin Chonainbàill leis-san nach fàgadh iad ceann air coluinn, no crom, no clach, no fardach gun chreachs gun losgadh.

An uair a chaidh iad air tir, chuir iad ri theine tigh Abhchain bhig na bruinne: as chuir iad a rithist an t-sealg air cùl Bheinn-Eidir. Rinn iad fleadh mór, mùirneach, aighireach, ’s thug iad cuireadh don càirdean uile, ’s don daimhich, as mhair e as bliadhna, agus mas fhior na chualas cha tigs cha dthàinig a leithid eile.


COMHRADH

EADAR MURACHADH BAN AGUS COINNEACH CIOBAIR.

(Air a leantuinn.)

M. —Sin thu fein, a Choinnich, feumaidh sinn la air chor-eigin an deigh so do chluinntinn ri rannaireachd, agus agabhail oran, ach leigidh sinn leo sin aig an am so, gus an cluinn sinn tuilleadh mu Eirinn. Ach a nis, co a chual nochunnaic thu anns an rioghachd sin air do thurus, a dhearbh dhuit gum bheil muinntir na tire sin nis geur-bhriathraich, agus nis ealanta ann am freagairtibh na muinutir eile?

C. —Cha robh mise fad anns an duthaich sin mar a ta fios agad; ach an deigh sin, thachair mi air na h-uiread a thug barrachd gaireachdaich orm nas urrainn mi a chur an ceill, agus nan tuiginn iad gu ceart, chan eil fios agam ciamar a dhfhàgadh iad mi. Air dol a stigh dhomh la araidh do bhuth greasaich, bha Eireannach bochd an sin, a bha air a sharuchadh co mors gun robhfhallus feing a dhalladh, atarruing air a chosaibh botan ura a bha tuilleadhs teann dha. Mu dheireadh, alasadh le corruich, thilg e air falbh uaith iad gu ceann eile an tighe, agus ghlaodh e a mach ris aghreasaich, “Ochan! chan fhaigh mise na botan tubaisteach sin orm gu brath, gus an caith mi la no dha iad air mo chosaibh an toiseach!”

M. —Bha sin gasda da rireadh, a Choinnich, agus bu mhaith an airidh Pat bochd air na botan fhaotuinn nan rachadh iad idir

(Air a leantuinn air taobh 54.)



[52]

[Vol . 6. No. 7. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, . . . $1 .00
Sia miosan, . . . .50
Tri miosan, . . . .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig garn ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh dan duileig, agus, nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,’
Sydney, Cape Breton


SIDNI, 18 OGUST, 1897.

A reir coltais tha Iubili na Ban-righnn an deigh feum a dheanamh do Chanada; tha muinntir Bhreatuinn nas fiosraiche mu Chanada agus mu nacolonieseile na bha iad riamh roimhe. Rinn Laurier, Promhair Chanada, a bhi thall, agus a labhairt ann an caochladh àiteachan air feadh na rioghachd, moran fiosrachaidh a thoirt don t-sluagh mu thimchioll na dùthcha so. Bha iad roimhe so dhen bharail gum bu dùthaich Canada nach robh comharraichte air son ni sam bith ach fuachd agus sneachda, ach tha iad air atharrachadh beachd a nise; tha fhios aca gur a dùthaich i a tha anabarrach saoibhir ann an iomadh dòigh, agus gu bheil i air a h-àiteach le sluagh a tha cho dileas do chrùn Bhreatunnn riutha fhéin. Tha sin uile gu math, agus chan urrainn nach dean e cuideachadh le Canada. Aon rud a thatar a smaoineachadh a ni e,bheir e airgead Breatunnach a nall nas pailte na bha e roimhe so, bidh mèinnean ùra air am fosgladh leis, bidh ròidean-iaruinn air an togail, agus bidh iomadh obair eile air a cur air adhart nach gabhadh cur air adhart roimhe so le cion airgeid. Ma thig so uile mun cuairt, bidh cuimhne aig Canada air Iubili na Ban-righnn iomadh lathas bliadhna ri tighinn.

Chaidh Priomh Mhinistear na Spàinne, Senor Canovas del Castillo,a mhort Di-dònaich sa chaidh. Bha e ann am baile beag dam bainnSanta Aguedo,far an robh e dol a chur seachad tri seachdainean air son a shlàinte. Loisg am mortair tri urchraichean air, agus chaidh fear de na peilearanna cheann agus fear eilena uchd. Thuit e aig casan a mhnatha a bha còmhla ris, agus an deigh dha pian mor fhulang fad uair, chaochail e. Biad na briathran mu dheireadh a labhair e, “Gu ma fada beò an Spàinn.” Chaidh am mortair a ghlacadh air ball; thug e seachad mar ainm dha fhéin Rinaldi, ach thatar adeanamh dheth nach e sinainm idir, ach Colli. Bha e a feitheamh air son an gniomh oillteil a dheanamh agus cha do loisg e gus an robh e cinnteach gun rachadh aig air cuimse cheart a dheanamh. Bha an Priomhairsa bhean air tilleadh as an aoifhrinn,agus bha e leughadhsa seanchasnuair a chaidh a thilgeadh. Tha am mortair ag radh gum buin e do bhuidheann dhaoine a tha air son riaghladh na Spàinne a chur bun os ceann, agus gun drium e an gniomh ud mar dhioghaltas air son àireamh de chompanaich a chuireadh gu bàs o chionn ghoirid.

Tha Riaghladh Chanada abruidhinn air tigh stòrais a thogail ann anKlondyke ,tigh anns an ceannaichear an t-òr bho na méinneadairean gu bhi air a chur ma seach gus am faighear dòigh air a thoirt gu àites an deanar feum dheth. Gheibheadh na méinneadairean a luach air a shon ann an airgead Chanada no airgead nan Stàitean. Bhiodh sinna dheisealachd mhor do na méinneadairean, agus ma ni an Riaghladh a leithid a thigh a chur suas, mi iad an rud a bfhearr a ghabhadh deanamh, oir cha bhi aig an fear obrach an uair sin ri tilleadh dhachaidh le phocan òir mun faigh e a chuid airgeid air a shon, ach gheibh e a chreic cho luathsa bheir e as an talamh e. Tha an Riaghladh mar an ceudna acur mu dheibhinn an t-àite a bhi air a chumail fo rian lagha, ni a tha gle iomchuidh, oir le sin a dheanamh, cha bhi anKlondykeidir cho mi-riaghailteachsa bha àiteachan eile don do dhòirt mòran sluaigh ann an ùine ghoirid; bidh beatha agus cuid dhaoine sàbhailte gu leòr ann.

Ged a thaIcelandcho fada tuath tha e moran nas blàithe na dùthchannan eile thasan aon àirde ris. ’Se tha dianamh sin, amhuinn bhlàth a tha ruith troimhn chuan Atlantach ris an canar anGulf Stream;than amhuinn sin a falbh àGulfMhecsico, agus a dol a tuath; tha i bualadh air cladaicheanIcelandam measg dhùthchannan eile, agus air a tàilleabh tha fiar agus bàrr eile a fàs gu math anns an dùthaich. Tha moran den t-sluagh a deanamh an beòthachd air togail spréidh us chaorach. Thatar acur moran de na caoraich do Bhreatunn na h-uile bliadhna. Chan eileas alomradh nan caorach idir, ach toiseach an t-samhraidh tha iad acur na cloimhe. Tha i air a trusadh an sinsga cur gu feum.

Tha rioghachdan mora na Roinn-Eòrpa a tarruinn ùine mhor ann an réiteach chùisean eadar aGhréigs an Tuirc. ’S in fhirinn nach eil iad reidh am measg a cheile; ’nam bitheadhs fhada on bha an Sultan air striochdadh dhaibh, ach mar a tha, chan eil e ach adeanamh fanoid orra.

Tha dotair ann an San Francisco ag radh gu bheil e air leigheas fhaotainn don mhisgeireachd. Tha e air stuth a dheanamh air fuil eich, a chuireas miann na dibhe làidir a pòraibh duine gu h-iomlan, agus a dhfhàgas e mar nach do dhòl e boinne riamh.


MacCoinnich & Co.

Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh
ANN AN LOUISBURG,
agus tha sinn aig an àm cheudna acumail air adhart air an t-seann laraich,
ANN AN SIDNI.

Aodaichean Matha dhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.

Theid sinn an urras air an obair.
Mac Coinnich & Co.


F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC

An aon fhear dhe sheòrsa thair Eilean Cheap Breatunn.

Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J Morley.

Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dhas coir dha toghal air.

Tha stoc math de speuclaireans de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.

Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. A seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.

THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHANEUREKAair a cheart phris air am beilearg an creic aig na muillin.

Tha Factoridh Eureka air aon den fheadhain as fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar adeanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.

Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.

Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille-mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. MacFhionghain, Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitches Creek.Tha mu dheichair fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd lathan deigh a chlòimh chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.



[53]

[Vol . 6. No. 7. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Chaidh fear Tòmas Màrtuinn a bhàthadh ann am Boston air a 24mh latha de dhIulaidh. Bhuineadh athair, nach eil beò, do Shidni. Tha a mhàthair agus achuid eile den teaghlach ann am Boston.

Chaidh fear Seumas Mac-a- Phearsain a ghoirteachadh anns a Mhèinn a Tuath a sheachdain gus an Di-màirt sa chaidh, agus chaochail e an ceann latha no dha. Chaidh a thiodlacadh Di-màirt sa chaidh; bha còrr us ceithir cheud duine air an tòrradh aige.

Tha barrachd choigreach air chuairt ann an Ceap Breatunn air an t-samhradh so na bha ann o chionn iomadh bliadhna. Tha na taighean-òsda air an lionadh, agus ann amBaddeckgu h-àraidh, tha aig feadhainn dhiubh ri dhol air feadh nan taighean, oir chan eil rum dhaibh anns na taighean-òsda idir.

Chaidh gillòg, Aonghus Mac Neill, a ghoirteachadh gu dona anns aMhèinn a Tuath, Di-ciaduin air an t-seachdain sa chaidh, le a chas a dhol an sàs eadar da charbad guail. Bha a chas air a prannadh cho donas gum bfheudar a toirt dheth. Is mac e do Niall Mac Neill, air an dthainig bàs gle aithghearr an Sidni Tuath air acheud latha dhen mhios.

Chaidh fear Seumas H. Nixon, a mharbhadh leis a charbad-iaruinn ann am Moncton, N. B., Di-satharna sa chaidh. Bha eg obair mu na carbadan mar bhrakesman. agus bha ena sheasamh air an rathadnuair a thainig carbad air a chùlaobh, a chaidh thairis air, ’ga ghearradhna dha leith, ’sa deanamh prannadh uamhasach air. Bha e beò da fhichead mionaid an deigh an sgiorraidh, agus bha comas bruidhne aige pairt den ùine. Bha e seachd bliadhna fichead a dhaois, agus bha e roinn mhòr a bhliadhnaichean air an rathad.

Chaidh duinòg dam bainmOttis Dickey,a bhàthadh ann anCanning , N. S. ,aon la air an t-seachdain sa chaidh, ’se snàmh anns an amhuinn. Bha e da bhliadhnair fhichead a dhaois. AigBear River,an siorrachdDigby ,bha nighean òg, Ethel Clarke, da bhliadhndeug a dhaois, air a bàthadhsi snàmh mar an ceudna. Ann aNepigon ,anOntario ,bha an t-Urr. Alasdair Grannd, ministear Baisteach a mhuinntirWinnipeg ,air a bhàthadh seachdain romhn Di-ciaduinsa chaidh, le canù anns an robh eg iomaradh a dhol thairis. Tha iomadh neach a call a bheatha anns an uisge man àm so dhen bhliadhna.

Thainig bàs muladach air fearEli Worth,ann anRossland , B. C. ,air an 29mh latha den mhios a dhfhalbh. Bha eg obair ann am mèinn ùir a bha e fhéin us feadhainn eile fosgladh, agus chaidh esan sios a dhobair don toll, anns an robh moran uisge. Bha aige ri obrachadh air seorsa de sgeilp a bhanns a mhèinn os ceann an uisge, agus an deigh dha dhol sios thug e rabhadh do fhear de chompanaich abhucaid a thoirt suas as an rathad air. Rinneadh sin, ach ghabhadh àmharus air ball nach robh gach ni ceart, agus chaidh fear no dithis de na daoine sios. Bha iad shios coig mionaidean an deigh don bhucaid a bhi air a tarruinn suas. Fhuair iadWorthfodha anns an uisge; thugadh suas e cho luathsa ghabhadh deanamh, agus rinneadh gach dichioll air a thoirt uige, ach bha an deò air fhàgail. Thatar adeanamh a mach gur e droch àile a bhanns a mhèinn a thug laigse air, agus mar sin chaill e a bheatha. Bha dithis bhràithrean dha ag obair faisg air laimh, agus bha iad ri thaobh beagan an deigh don sgiorradh tachairt. BhuineadhWorthdo Mhabou, air an eilean so, far an dfhuair e bhreith us àrach. Chaidh adhlacadh leis na h-Oddfellows ,agus chaidh clach a chur aig ceann na h-uaighe, agus caibeal grinn ma timchioll.

Tha còrr us da cheud gu leth tigh ann am baile Halifacs gun duine fuireach annta, mu thri fichead a bharrachd air na bha mar sin an uiridh; agus tha ceud us ceithir air fhichead de bhùithean-ceannachd dùinte am bliadhna an àite ceudsa tri an uiridh.

Tha am bradan cho pailt ann an cearnan de Cholumbia Bhreatunnachs gu faighear fear a thomhaiseas fichead punnd air da shent. Thatarg an tilgeilnam miltean air ais dhan uisge, le cions nach faighear creic dhaibh. Shaolamaid gu sguireadh iad a bhigan glacadh idir.

Chaidh corp duinòg dam bainm Iain D. Hunterfhaotainn faisg airWinnipego chionn ghoirid, agus gunna ri thaobh. Bhatar asmaoineachadh an toiseach gum be tighnn ri bheatha fhéin a rinn e, ach tha amharus làidir a nise gur e mhort a rinneadh, agus gur e companach dha fhéin a rinn e.

Tha moran sluaigh a sior fhalbh guKlondyke .Ged a than geamhradh a dlùthachadh, agus nach fhadan ùine gus am bi na h-aimhnichean air reothadh anns an dùthaich fhuar ud, chan eil sin acur tilleadh sam bith air luchd-siridh an òir. Tha Riaghladh Chanada acur a mach buidheann de mhaoir-sithe gus rian a chumail air an t-sluagh.

Tha àireamh mhor de mhèinneadairean guailnan tàmh anns na Stàitean o chionn còrr us mios, adiùltadh obrachadh gus an réitichear cùisean eadar iad fhéins luchd-seilbh nam mèinnean. Tha gnothuichean air fas gle mhi-rianail ann an aiteachan. Ann an cearnan de Illinois, tha an lagh siobhalta air a chur a thaobh, agus lagh an airm air a churna àite; tha na mèinneadairean air campachadh mar gum biodh feachd airm, agus ann an àite no dha tha còrr us mile dhiubh cruinn. Tha iad acur rompa nach leig iad le car obrach a bhi air a dheanamh anns na mèinnean gus an teid iad fhéin air an ais.

Tha duine tha sgriobhadh guCasket Antigonish,áGlace Bay,ag radh gu bheil a fuireach anns an àite sin càraid a tha gu math aosda, Micheil Mac Neill, agus a bhean. Tha esan ceud bliadhnasa dha a dhaois, agns ise ceudsa dha dheug. Tha iad le cheile gu slàn, fallain, agus coltas orra gu mair iad àireamh bhliadhnaichean eile. Rugadh iadsan ochdamh linn deug, agusses dòcha gu faic iad an fhicheadaibh linn. Tha Micheil fhéin a h-uile latha acoiseachd mile dhastar don aoifhrinn. As t-earrach sa chaidh, chuir e leis fhéin da bhuiseal buntàta, agus thug en leasachach a chaidh air donphàirce le barra-roth.


Iadsan a Phaigh.

Bantrach Iain Mhic Dhiarmaid, Stirling .
Iain I. Mac Neill, Gleann Bharra.
Iain D. Mathanach, St . Peters. $3 .00
An SiorramBuchanan ,Sidni. $2 .00
Iain M. Mac Fhearghais, Port Morien.
Murchadh Domhnullach, Ceap Nor.
Aonghas Domhnullach, an t-Eilean Mor.
Alasdair Domhnullach, Amhuinn a Bhradain, 50c
Ceit R. Dhomhnullach, Catalone ,40c
Tormaid Mac leoid, MeinnVictoria .
Domhnull Mac Ille-ghlais, Stellarton , N. S.
Eachunn Mac Fhionghain, Stellarton , N. S.
D. Mac Rath, Vancouver , B. C.
IainSkinner , Ottawa, Ont. $4 .00
I. S. Mac Ille-dhuibh, Pomona .
Seumas A. Mac Ille-mhaoil, Eileanan Coille, E. P. I.
Dr. Fearchar Mac Fhearghais, New York. $2 .00
Iain G. Mac Eachuinn, Woburn , Mass.
Iain Rothach, Rudha Mharsden, New Zealand.
AlasdairKempt , Waipu, New Zealand.
Cailean Siosal, Lunnuinn, Sasuinn.
Miss M. M. Bartlett,Lunnuinn, Sasuinn.
Tearlach Mac Aoidh, Lunnuinn, Sasuinn. (3)
Ian Mac Coinnich, Lunnuinn, Sasuinn. (7)
E . Hepburn,Lunnuinn, Sasuinn.


LEABHRAICHEAN GAILIG.

Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. MacIlliosa 1.10
Gaelic Class Book .30

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte.
Sgriobh gu
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney, C. B.


CARADH
Uaireadairean
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.


BADDECK, - - C. B.
Airson a stor a dheanamh nas deiseiles nas feumaile dhaibhsan a thadeanamh gnothuch ris, tha
Albert I. Hart
anise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha achuid sin den ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am BostonsanNew York.Gheibh iadsan a thig ga h-ionnsuidh an
DEAGH RIARACHADH.
BADDECK , - - C. B.


IUBILI!
THIG AGUS FAIC!
Ceannachd ur us Prisean ura.
A h-uile ni cho saors nach fhaod mi innse.
Niall Domhnullach.
Ceann an Iar a Bhaile.
BADDECK , - - C. B.
A Ghàiligsa Bheurla air an aon phris.



[54]

[Vol . 6. No. 7. p. 6]

(Air a leantuiun o thaobh 51.)

ma chosaibh, ach ciod tuilleadh?

C. —Ciod tuilleadh! So agad, ma ta, a Mhurachaidh: Bha balach beag Eireannach aon la air an t-sraid aranaich gu goirt an uair a chunnacas e le ban-tighearna sheirceil abhagabhail na slighe. Labhair i ris, agus thubhairt i, “Ciod a thacur ort, a bhrogachain thruaigh, an uair a tha thu agal mar sin?” “Tha migal a chionn gun do chaill mi sgillinn a thug mo mhathair dhomh an diugh.” “Bi samhach, bi samhach, mo ghiullan bochd, agus so dhuit sgillinn eilen a h-aite,” agus dhfhalbh i. Cha deachaidh i ach beagan shlat air a h-aghaidh an uair a chual i am brogach ag eigheach nis cruaidhe na rinn e riamh. An sin, phill abhan-tighearna gu h-ealamh air ais, agus dhfhoighneachd i dhen bhalachan ciod a bha cur air a ris; agus thubhairt e, “Tha direach so, a bhean-uasail, mur caillinn acheud sgillinn, bhiodh a nis da sgillinn agam.”

M. —Bha am brogach bochd airidh air an sgillinn eile fhaotainn, agus a reir coslais fhuair se i. Ach a nis, a Choinnich, faigheamaid aon sgeul eile, agus an sin bithidh sinn, le beannachd, abogadh nan gad.

C. —Nan ceadaicheadh uine bheirinn na ficheadan dhen leithidibh sin duit, a Mhurachaidh, a chunnaic mo dha shuil fein; ach aig an àm so foghnaidh aon sgeul eile. Bha Eireannach ann an aitaraidh, chan eil cuimhnagam airainm, ach rinn e cordadh air son suim shonraichte airgid chum tobar a chladhachadh ann an ionad a chaidh fheuchainn da; agus bhan toll gu bhi da fhichead troidh ann an doimhne, chum an t-uisge a ruigheachd. An uair a chladhaich e sios dluth air an doimhne sin, thainig e air maduinn mhoich, agus chunnaic e gun do thuit an uir a stigh gus an robh an toll gu bhi lan, agus ochan, is e a bha cianail, dorranach da rireadh. Ach ghrad bhuail innleachdn a cheann ciod a dheanadh e. Sheall e mun cuairt da air gach taobh, agus chan fhac e mac mathar am fad nom fagus. An sin, thilg e dheth achuid as mo dhen eudach aige, agus chroch e suas air craoibh e goirid o bheul an tuill, agus dhfholuich se e fein ann am meadhon pris a bha am fochair an tobair. Cha bfhad gus an dthainig muinntir an rathad, agus chunnaic iad an toll air a lionadh leis an ùir a thuit a stigh, agus bheachdaich iad air an eudach aig Pat bochd air achraoibh. Thogadh glaodh cianail, agus ruith iad thalls a bhos a chruinneachadh sluaigh, oir cha robh teagamh aig neach, nach do thuit an uir a stigh, agus nach do mhuchadh Pat bochd ann an iochdar an tuill. Chuir iad ris gu maith agus gu ro-mhaith. Chruinnich iad cuinneagan, agus taoid, sluasaidean, agus gach inneal air am burrainn iad greim a dheanamh, agus dhoibrich iad gun sgios gun sgur, agus ann an uine nach robh fada, rainig iad grunnd an tuill, ach bha iongantas gun choimeas mor orra nach robh Pat Murphy ri fhaicinn an sin beo no marbh. Air don obair a bhi criochnuichte, ghluais Pat gu ciuin, socaireach a mach as aphreas, agus thug e moran taing don luchd-oibre air son an caoimhneis agus an dichill ann an cuideachadh leis mar a rinn iad.

MMile taing, slaint is furan duit, a Choinnich, is gle thaitneach na nithe sin uile, an uair a bhios iad air an deagh aithris, mar a rinn thusa. Ach tha min dochas gum bheil la maith eile atighinn fathast, agus gun comhlaich sinn a ris ra cheile, chum barrachd naidheachd a bhi againn. Ma tha thucur romhad an Goirtean-Fraoich a thoirt ort an nochd, chan eil uine ri chall oir than t-slighe fada, agus an rathad garbh. An dochas gum faigh thu Seonaid, na paisdean, agus an crodh, gun dith, gun deireas; beannachd leat, acharaid dhilis; agus gum bu maith a ruigeas tu dhachaidh! —ALASDAIR RUADHsa Ghaidheal.


NA H-AOIREAN.

(Air a leantuinn.)

Chaneil teagamh nacheil baigh againn ri ceol na pioba nach tuig coigrich; agus chan ioghnadh e. Tha a sgal ceangailte ris gach gniomhn ar n-eachdraidh is toigh leinn a bhi gleidheadh air chuimhne. Sheinn ar baird a cliù. Is cuimhne leat mar thuirt Mairi-nighn- Alastair-Ruaidh:

Piob nuallanach mhòr,
Bheireadh buaidh air gach ceol,
Nuair ghluaistei le meoir Phadruig.”

Agus Donnachadh Ban:

“ ’S i piob nam feadan siubhlach,
A bhuidhneadh cliùs a champ,
Air thoiseach nan laoch ùra
S meoir lughmhor dlùn an deann.” &c

Chuir Tormoid Mac Leoid, ’n a chanain bhlasda fein, ann am beul Fhionnlaidh Phiobaire, a bhaigh ris acheol so. Gu ma fada bhuainn an latha anns a labhair Gaidheal suarach mun phiob, no anns an eisd e ra sgal gun togradh. O chionn iomadh ceud bliadhna tha i fuaighte rar caithe-beatha air doigh ro shonruichte, Cha bhiodh, o shean, cuideachd cruinn gun am piobaire, co-dhiu a be aighear no bròn a ghluais orra. Aig gach àm a bu chudthromaiche agus a bu sholuimte ann an caithe-beatha ar n-aithrichean bha aphiob agus am piobaire a lathair a thogail an sunnd no a dheutromachadh sac abhroin. Aig bangaid, aig banais, agus aig tiodhlacadh cha tigteadh as a h-eugmhais. A mach ás an rioghachd chaneil cearn den t-saoghal air an do chuir Gaidheal a chos, agus co an cearn air nach do chuir e chos, anns nach cualas nuallan ard na pioba. Neartaich i mhisneach agus thog i chridhe ann an iomadh tir chein agus air iomadh laraich chruaidh. Cha chomharra maith air aGhaidheal ma bhitheas e call a thlachd den phiob.

Creididh mi gur gann a bha uiread meas aig na baird air na piobairean agus a bha aig achorr dhen t-sluagh. Ach cha saoil mi gun dearbh an aoir a dhainmich mi gun robh aphiob agus na piobairean suarach ann an suilean nam bard. Bha Niall Mac Mhuirich air ùr thilleadh á Eirinn. Bha en a luidhe leis abhric, agusn a chodal. Thainig dithis de Chloinn-Artair an rathad; shuidh iad air gleusadh am pioban. A nis cha toilinntinn mhor sam bith do neach tinn a bhi air a dhusgadh ann am bothan cumhann, le piobaire agleusadh an cuid phiob. Cha robh Mac Mhuirich toilichte agus, tinn agus mar a bha e, thoisich e air innseadh sloinneadh na pioba ann an rann. Be aodraman muice a cheud mhala; an sin craiceann seana mhuilt.

Cha robh an uair sin anns aphiob,
Ach seannsair agus aon liop,
Agus maide chumadh nam fonn
Dam bainm an sumaire.”

Uaithe sin chinn na tri chroinn

Fear dhiu fada, leobhar, garbh,
Ri durdan reamhar ro shearbh.”

Achs ePiob sgreadanach Iain Mhic Artairaguscrannaghail bhreoiteDhomhnuill Mhic Artair a dhuisg corruich abhaird agus a fhuair a chuid mhor da rann eisgeil. Chuir am bard, mas fior an sgeul, an teicheadh air na piobairean.

Air a cheart doigh cha be run Iain Mhic Codruim a bhi caineadh nam piob no nam piobairean, ach a mhain piob Dhomhnaill Bhain, agus Domhnall Ban fein mar phiobaire:

Chan abair mi tuillidh,
Gu di-moladh phioban,
Ach leigidh mi chluinntinn,
Gun phill mi Mac Phail.”

Tha e coltach gun do rinn fear Iain Mac Phail oran amoladh Dhomhnaill Bhain agus a phioba. Ma dhfhaodte nach robh moran suim aig Mac Codrum do Mhac Phail, agus cha robh a bheag de mheas aige air Domhnull Ban. Co-dhiu cha do chord ris mar a mhol am bard am piobaire:

Dhfhag e Mac Cruimein,
Clann-Duilidhus Tearlach,
Us Domhnullan Bàn,
A tharruing gu prìs.”

Tha am bard atoirt dhuinn eachdraidh na ceart phioba so:

Diudhadh nam fiuidhidh
Bha aig Tubal Cain,
Nuair sheinn e puirt Ghaidhlig
S a dhalaich e phiob;
Bha i tamull fon uisge
Nuair dhruideadh an airce,
Thachair dhi cnamhadh
Fo uisges fo ghaoith.”

Bha i treis aig Balàam a reir coltais; agus chuir e iongantas orm nach dubhairt am bard gur e ràn na crannaghail so a chuala am faidhe breige an uair a shaoil e gur en asail a bha labhairt. Bha a ceol searbh:

Shearg i le tabhunn,
Seachd cathan nam Fianntan;
S i lagaich achiad uair
Neart Dhiarmaidus Ghuill.”



[55]

[Vol . 6. No. 7. p. 7]

Aig meud air baigh ri ceol na pioba cha bu mhaith leam gum rachadhDi-moladh Piob Dhomhnuill Bhainair di-chuimhne. Than aoir cho maith agus gun faic sinn an call a tha againn nacheilAoir nan Taillearan,” a rinn Iain Mac Codrum ri fhaotainn.

Mar thuirt mi cheana, cha tig na h-aoirean Gaidhealach a nios ris achorr dar bardachd ann an cumhachd no ann am maise. ’S ann leis a chlaidheimh no leis abhiodaig a bu trice a fhreagradh an seana Ghaidheal fochaid no mi-mhodh. Agus ged chaidh latha achlaidheimh agus na biodaig seachd cha dthainig latha na teanga fathast. Chan fhaighear ann am moran aitean freagradh nas deise agus nas geire na gheibhear anns aGhaidhealtachd. Cluinnear feargus corruich ann an cainnt sgairteilnar measg gu tric. Ach togaidh an aoir guirean air aodann aGhaidheil an duigh, mar a dheanamh an Glam Dichinn air aodann an Eirionnaich o chionn coir agus mìle bliadhna. Thugadh thairis do na baird a bhi deanadh tair air na ciontaich. Mhi-bhuilich na baird an dleasdanas gu ro-thric; agus cha dfhas e na busa leis aGhaidheil an aoir fhulang. Tha mi smuaineachadh gu bheil cearn no dhà meag gu bheil so duilich air doigh no dhà dar caithe-beatha a bfheairrde a bhi air a rannsuchadh ann an spiorad na h-aoir. Tha moran de leanabas, de fhein-speis, de fhaoineis shuarachnar measg nach maireadh beo seachduin nam biodh an aoir air a h-uisneachadhn ar measg mar bu choir dhi. —D. MK. ’sa Ghaidheal, 1877.


Beannachd Dheireannach an Eilthirich.

LE EOBHAN MAC COLLA.

Bha long nan crann caol
Mach o Mhaol dubh Chinn-tìre
Air bòrd bha iad lìonmhor
Dhfhàg tìr nam beann árd;
Bhaghrian ait gu leòir,
Anns amhòr-chuan asioladh
Ciod uime tha mi-ghean
Air laoch achùil bhàin?
Chan e an cuan dùmhail
Dhfhàg Dùghall fo champar
S e fàgail a dhùthcha,
Fhliuch sùilean an t-seann-duin’,
S ecoimhead, fad uaithe,
Nan cruach bfheàrr leis teann air
Tir bhoidheach nam beann,
Ris nach till e gu bràth.

A dhùthaich mo rùin,
Arsan diùlanach duaichnidh,
Co air nach biodh smuairean
Agluasad o dthaobh?
Droch dheireadh don ghràisg
Thag ad fhàsachadhn uair so!
S en droch-bheairt thug uam-sa
Gleann uaine mo ghaoil.
Mo chreach! o nach buan
Ar sean-uachdarain treunail,
S am fonn bhan an sealbh
Nis aig balgairean breunail;
Tha Gàidheilg am fògradh
Mar cheò bhàrr do shléibhtean,
S ma lean riut cinn-fheadhn’,
S ann air caoirich is féidh!

O Albainn! ’n àm dùsgadh
Thoirt sgiùrsadh do dnàimhdean,
Co eilach an Gàidheal
Na Gàidheils gach cruas!
An cuimhnleat gach cruaidh-chath
S an dfhuair iad buaidh-làrach.
S a nis bhig am fògradh
O dchòrsa, ’n en duais?
G am fògradh air sgàth
Barrachd màil ann am pòca
Nan triath air bheag nàir
Dhfhàgn a fhàsaich tir mòige!
Becur eadar màthair
S a ceud leanabh bòidheach,
Ben rùsg thoirt on chraoibh
Bhi an éiginn dol uait!

Thir steallaireach, alltach,
Ard-choillteach, thiugh-sprèigheach
Thir àiridheach, fhraoch-shliosach,
Ghorm-lochach, àrd;
Thir bhreacanach, cheòlraideach,
Oranach, aoidheach,
Bu tu tir nan sgeul
Dachaidh ghreadhnach nam bàrd!
Ach co an tir chéin
A nin sgeulachd a dhùsgadh?
Co thogas dhuinn òran
Tim bròin no tim sùgraidh?
Co sguabas na teudan
Le caol-mheura siùbhlach,
No chuireas air seinn
Piob mhòr bhinn nan dos àrd?

O mòige! ’s tu mheall mi;
S beag, aon uir, a shaol mi
Ri dachaidh mo ghaol
Bhis an dòigh socur cùl
Gleann gorm nan ban bòidheach
Fhuair còir air bhi beul-bhinn
Mar uiseag nan speuran
Tràth céitein nam flùr.
O manam! ’d em feum dhuit
Bhi meòdhrachadh suaimhneis
Feall-shonas a dhfhàg thu
Gu bràth is bu luath sin!
Cha phill e an t-òg-mhios
Air ròsan bhibruadar;
O, imrich na truaigh,
Bfheàrr an uaigh leam na thu!

A rionnag ud shuas,
S tuilles luath rinn thu dùsgadh!
Than oidhche adùnadh uam
Dùthaich mo ghaoil;
Thagheallach gu càirdeil
A snàmh thar a stùcan
Ach monadh no stùc
Nis do mshùilean cha léir!
A lòchrana aoibhinn!
S ann ribhse tha mfharmad
Ged ruaigeas an sibh
A làthr tìr nan garbh-chrioch,
Gum pill sibh gu gàireach
Chur fàiltoirrgach anamoch;
Mo thruaigh! cha bu shearbh
Ach bhifalbh uaipa chaoidh!

A Bhan-righ nan cuan,
Beannachd buan leat! ach cuimhnich
An ath uair a dhaomas
Luchd-streupan ad dhàil,
Bidh dionndrainn, gun stàth,
Air na h-àrmuinn a sgaomadh
Do naimhdean mar sgaomas
Gaoth éitidh an càth!
Uair eile, ’s gu bràth,
Beannachd bhlàth leat, mo dhùthaich!
Ged robh gu ’ -luain
Falach-cuain ort bho mshùil-sa,
Gu deireadh mo chuairt,
Gearr no buan, bidh mig ùrnuigh,
O! Ard-righ nan dùl,
Beannaich dùthaich mo ghràidh!


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.


Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIGOs cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-Tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.


Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.


D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C. B.


Indurated Fibreware

Tha an seòrsa so nas daoire na na bucaideans na tubaichean cumanta, achs math is fhiach iad sin; tha iad nas buaine, agus mar sinsiad as saoire.

THE
E. B. EDDY Co
LIMITED
HULL, CANADA.



[56]

[Vol . 6. No. 7. p. 8]

Laoidh.

Ri dthaobhsa, Iosa, seasam fhéin;
Ad sheirbhis fanaidh mi a ghnàth;
Air falbh cha toir mi uireads céum;
Gach bidh gréim agam de dlàimh.

Beatha mo bheathas tu gu léir,
Smior manma agus muile chàil;
Mar shnodhachdireach suas on fhreumh,
Tre mhèur na craoibh gu ruig a bárr.

Fan thusa dlùth dhomhn teas am ,
Bi dlùthn uair chromas sios aghrian,
Air feasgarn uair a shìneas sgàil,
S an oidhche dhubh mun t-saoghl ag iadh’.

O càirich air mo cheann do làmh,
Trath tha mi airtneulachs gun chlì;
Is beothaich mi, ri mchridhag ràdh,
Do mdhachaidh àird bheir misthun sith.”

Bi dlùth, ’s ad chaomh-uchd tog mi suas,
N uair bhios micrith roimh fhuachd abhàis
Fuachd mar an oidhche reòdhta, chruaidh,
Aig eadar-sgarachdainn nan tràth.

N uair dhùineas duibhre thiugh mun cuairt,
Bi fhéin ad sholus air mo chéum,
Chum orm gum baoisg amhadainn shuas,
Mardhachaidh dhàsanbhan tìr chéin.


Am Maraiches a Leannan.

LE MAIRI NIC-EALAIR.

FONN: —Nighean Bhan Dhail-an-eas.

O, ’s mairg than diugh feadh garbhlaich,
S ri falbhan a measg fraoich;
Us gaithean gréingu h-òrbhuidh
Adòrtadh air gach taobh.
Gum bfheàrr a bhi air barr nan tonn
Air long nan cranna caol;
S afaicinn nan seòl ùra
Ri sùgradh anns aghaoith.

O, ’fhleasgaich òig, gur gòrach leam
Do chòmhradh anns an uair,
An fhraoch-bheinn ghorm gasamhlachadh
Ri gleanntan glas achuain;
S gur tric is aobhar caoinidh leam
A h-aon dhan dthug mi luaidh,
Bhi as mo shealladh fad air falbh
Air bharraibh garbh nan stuadh.

A rimhinn òg dhan dthug mi gaol,
Bebhi ri dthaobh mo mhiann,
Bhon chiad riabh thug mi dhut speis,
Bu tu mo réuls mo ghrian,
Ach taobh ri taobh, a luaidh ri dghaol,
Tha maigneg aomadh riabh.
Gu marcachd nan tonn dùghorm
A dhaindeoin dùdlachd shian.

O, leam bu mhiann a bhis an luing,
S an stiùir a bhi na mlàimh,
An uair bhios muir gu nualanach,
Naglinns na stuadhan àrd,
Abrùchdadh barra-gheal fo a sròin,
S le crònan seach a sàil;
Ig éirigh eutrom air gach tonn,
Us fonn oitre ri gàir’.

Ig éirigh eutrom air an t-snàmh,
Mar eala bhàins achaol;
Gach sgòd aice a mach gucheann,
S gach seòl atarrainn gaoith’;
Ifalbh le cuinnein fiadhta
Thair tuinn a bfhiadhaich gaoir,
Mar stéud-each cruidheach, uaibhreach,
A thug muchluasan taod.

Us ged a bhrùchdadh gaothan oirnn
Le neart nam Faoilleach fuar,
Us toirm na bagairtbàsmhoire
Bhim bàirnich ard nan stuadh,
Le marachd mhathus cùram,
Gheabh an iùbhrach ghasd abhuaidh;
S thig fearalachdus mòralachd
Ri linn na comhstrith cruaidh’.

S an uair a thigeadh sìochaint,
S a bhiodh grian adeàrsadh caoin,
Gum baotrombhi le ceòlus sunnd
Cur siùil ri slatan caoil;
S an uair a bhiomaid diomhanach,
Mo dhriamlach thair a taobh,
Us mi gu h-ait aseinn le fonn,
Mo nighean donn mo ghaoil.”

O, ’òigeir ùir, nach éisd thu rium,
Geds mòr do spéis don chuan,
Cha mhair an òige daonnan,
Sn uairthig an aois le gruáim,
Gur bochd an obair seann-duine
Bhi mach feadh ghreann nan stuadh
Fo chathadh geal nam bòc-thonna
Tren oidhche reòdhta fhuar.

O, ’s mairg ri dorchadasus stoirm,
Bhios air achladach leis
Na gàirdeananbha làidir
Air failneachadh gun treis’,
Tigh-solais air an fhuaradh,
Us gaoth as cruaidhe fead
Gan sparradh chain an fhuathais
S an long mun cuairt cha leig.”

O, ’ainnir dhonn, na sil do dheòir,
Mu bhròn nach tig a chaoidh.
Than ariaghladh air achuan,
Thariaghladh cluaintean fraoich;
Us ged, a luaidh, a thriallas mi
Gu oirean cian an t-saoghail,
Le thoil-san thig mi sàbhailte
Gu broilleach blath mo ghaoil.

Us ged is goirt an dealachadh,
Bidhn coinneachadh da réir,
S ar cridheachanan dealas ùr
Adlùthachadh ri chéil’,
An gaol gun mheirg, gun fhàilneachadh
Ach mar a bha gun bhéud;
Gach turus-cuain gaùrachadh,
A mhùirneag achùil réidh.

An do phàigh thu MAC-TALLA.


AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leigsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD.
Cuir a dhiarraidh sampuill, teisteannais us urrais.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia. —agus— 127 State St, Boston, Mass.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar duthcha thanar beachd.


C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


NIALL Mac FHEARGHAIS,
Taillear.
SIDNI - - - - C. B


$1 .00 air 80c.
Tha tuilleadhsa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dhairgead. Thig mum bin t-am seachad agus
FAIGH BARGAN.
McDonald Hanrahan & Co.
Sidni, Iulaidh 16, ’97.


J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsas fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B.

titleIssue 7
internal date1897.0
display date1897
publication date1897
level
reference template

Mac-Talla VI No. 7. %p

parent textVolume 6
<< please select a word
<< please select a page