[57]

[Vol . 6. No. 8. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH, CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 20 OGUST, 1897. No. 8.


Dunnachadh Ban Mac-an-t- Saoir.

LE NIALL MACLEOID.

Tha e air aithris gu tric ann am measg nan Gàidheal gur e Dunnachadh Bàn Mac-an-t- Saoir bàrd is fheàrr a thog Gàidhealtachd Alba bho laithean Oisein; agus gur eMoladh Beinn Dòraincuibhrionn de bhàrdachd is fearr a chuir Dunnachadh Bàn ri chéile. Chaneil mi ag ràdh nach fhaod daoine a bhi air am mealladh a thaobh an ni sin. Tha iad na mo bheachd-sa gu h-àraidh air am mealladh a thaobh an dara ni; is e sin gur eMoladh Beinn Dòraincuibhrionn de bhàrdachd is fheàrr a chuir Dunnachadh Bàn ri chéile. Neach air bith a leughasMoladh Beinn Dòraingu faicilleach o thoiseach gu deireadh, faodaidh an neach sin eòlas fhaotainn air na buadhan a bhiodh feumail agus freagarach do dheagh shealgair, air cu[ ? ]idh aghunna a bha cleachte ann an [ ? ] abhàird, agus ainmeannan lusan gun aireamh; gheibh e na nithe sin air an cur sios ann an cainnt bhinn, fhileanta, agus bhlasda, a dhfhaodas a bhin an lòn taitneach don chluais, ach nach dean mòran àrdachaidh no beathachaidh air buadhan na h-inntinn. Tham bàrd atoirt dhuinn trì seallaidhean àraidh air Beinn Dòrain. Anns achiad àite tha ega h-ainmeachadh namonadh fada réidh,” achs ann a thabheinn coltach ris mar gum biodh i ag atharrachadh nan cruth fa chomhair sùil inntinn abhàird mar a bha edol air agaidh leis amholadh aice. Agus an àite i bhin amonadh fada, réidh,” ’s ann a tha i tionndadh gu bhi cho corach, carach, bideanach, ri sruth Choire Bhreacainn, ’n uair a tha is fas:

Gu stobanach, stacanach,
Slocanach, laganach,
Cnocanach, cnapanach,
Caiteanach, romach;
Pasganach, badanach,
Bachlagach; boidheach.”

Anns an treas sealladh a tham bàrd atoirt dhuinn air Beinn Dorain, tha eg a h-ainmeachadhn amonadh fada, faoin.” Tha sin a leigeadh fhaicinn duinn nach be idir cumadh agus maise na beinnebu mhomha bha anns an amharc aig abhàrd ann a bhi seinn a cliù, ach a bhi ataghadh briathran fìnealta ruithteach a rachadh gu snasmhor ann an eagan a chéile, agus a bha freagarrach air fonn aphuirt air an do sheinn e ammoladh,” co dhiubh a bhachainnt sin seasmhach ri lagh nàduir no nach robh. Tha aon rann beag anns nacheil ach ceither sreathan goirid, ann amMian aBhàird aosda,” air cliù agus maise beinne, anns am bheil barrachd brigh agus bàrdachd natha ann amMoladh Beinn Dòrainbho cheann gu ceann:

Chì mi Beinn-àrd is àillidh fiamh,
Ceann-feadhna air mhìle beann;
Bha aisling nan damhn a ciabh,
S i leabaidh nan nial a ceann.”

Tha e air a mheasn a mhaise air bàrdachd agus air sgriobhadh no còmhradh sam bith, mar is momha théid de chiali agus de ghliocas a chur ann an tearc de bhriathran. Ach cha dthug Dunnachadh Bàn mòran aire don teagasg sin. Agus cha be mhain Dunnachadh Bàn, ach bhà agus thà achuid mhor de na bàird Ghàidhealach againn ciontach dhe sin. Cho fads a gheibheadh iad briathran a ghabhadh tàthadh agus fuaimneachadh ri chéile leanadh iad air sniomh an orain a mach cho fads a [ ? ]dh e deanamh; co dhiubh a bha beachdan ùrag am foillseachadh fhéin ann no nach robh. Ma bha mhin gann bha iad afuine a bhonnaich a mach cho tanasa ghabhadh e sgaoileadh.

Cha ghabh e àicheadh nach e fior bhàrd a bhan Dunnachadh Bàn, ach bard aig an robh buadhan cainnte pailt air thoiseach air a chumhachd inntinn. Ach ma rinn Dunnachadh Bàn bàrdachd lag rinn e bàrdachd làidir. Ann am moladhChoire-cheathaichtha againn dealbhan air an tarrainn cho oirdhearc agus cho maiseach, ann an cainnt cho finealta, snasmhor, ’s a tha rifhaotainn anns achanain Ghàiligcainnt a tha nochdadh dhuinn an toilinntinn a bha aig abhàrd ann a bhin dlùth cho-chomunn ri maise obair nàduir.

Samhaduinn chiùin-ghil an am dhomh dùsgadh.
Aig bun nan stùc be an sùgradh leam.”

Anns an rann so tha againn inntinn agus spiorad abhàird abristeadh a mach. Anns a mhaduinn chéiteinn uair than driùchd adealradh air gach feòirnein, aghrian ag éiridh suasna glòir, le sgiathan sèimh asgaoileadh a brat òr-bhuidhe air gach srath agus sliabh, is e miann abhaird a bhig éirigh gu moch agus a direadh suas gu bun nan stùc a ghabhail compairt le eunlaith nan speur ann a bhiseinn agus adeanamh gàirdeachas ann am maise agus gloir a chruinne-ché.

Tha e duilich a chreidsin gun cuireadh ughdarCoire-cheathaichbàrdachd ri chéile (ma dhfhaodair bardachd a radh ris) cho leanabail, lag, agus leibideach, riAlastair nan stop.” Rinn Dunnachadh Bàn a tri no ceithir a dhorain ghaoil, ach a mach bhoMhairi Bhain oig,” chaneil iad ach fuar, tioram agus lag. Ann a h-aon de na orain-ghaoil sin than rann a leanas:

S do chùl daithte làn-mhaiseach,
Mun cuairt do dbhràighan òrdugh,
Air sniomh mar theudan clàrsaiche,
N a fhaineachan glan nòsar;
Gu lidh-dhonn, pleatach sàr-chleachdach,
Gu dosach, fàsmhor, domhail,
Gu lùbach, dualach, bachlach, guairsgeach,
Snasmhor, cuachach, òr-bhuidhe.”

Than t-òran atoiseachadh leis na facail so— “A mhairi bhàn, gur barrail thu.” Tha e duilich a dheanamh a mach ciod en seorsa dath a bha air an fhalt aig amhaighdinn so, ma bha ebàn,” “lidh-dhonn,” agusor-bhuidhe.” Ann an oranMhairi Bhan ògtham bàrd abualadh teudan na clàrsaich aige le dùrachd nis blaithe, leis am bheil faireachadh aghaoil agus spiorad na fior bhàrdachd acomhnadh a cheile, agus a sgeudachadh Mairi le trusgan maiseach finealta nach caill i cho fads a bhios Gailig ghlan Albannach air a labhairt no air a seinn air feadh an t-saoghail.

Ann anOran an t-Samhraidhthan rann a leanas:

“ ’S fior ionmhuinn mu thràth noine,
Na laoigh òga choir na buaile sin,
Gu tarra-gheal, ball-bhreac, botainneach,
Sgiathach, druim-fhionn, sròn-fhionn, guaillinnach;
Is iad gu lith-dhonn, ciar-dhubh, càraideach,
Buidh’, gris-fhionn, crà-dhearg, suaichionta,
Seang, sliosra, direach sàr-chumpach,
Cas, bachlach, bàrr an suainiche.”

Faodaidh e bhith gur e nacheil mise tuigsinn ciod is ciall do fhior bhàrdachd, ach feumaidh mi aideachadhnacheil mi faicinn bàrdachd air bith anns an rann sin, no ann an iomadh rann eile den t-seorsa cheudna. Tha cainnt gu leor ann, air a càrnadh air muin a cheile, facail fhada, thioram, làidir, gun bhinneas gun ghrinneas. Agus ann am measg a cho-thionail bhriathran sin, bu cho math a bhig iarraidh snàthaid ann an cruaich fheoir agus a bhig amharc air son na beachd air an robh am bàrd ag iarraidh soluis a chur.

Tha bàrdachd agus tuigse anns an òran chiatach sin, “Cead deireannach nam beann.” Chaneil am bàrd adeanamh strìth air bith gu bhi taghadh facail mhora, chruaidhe,

(Air a leantuinn air taobh 60.)



[58]

[Vol . 6. No. 8. p. 2]

SGEULACHDAN ARABIANACH.

VI. EACHDRAIDH NAN TRI CHALADAIREAN AGUS NAN COIG MNATHAN-UAISLE.

CAIB X.

An uair a bha mi mar sogam dhiteadh fhein, thainig an taillear far an robh, mi agus thuirt e rium, “Thug seann duine nacheil mi ag aithneachadh an tuadh agad an so. Tha e ag radh gun dfhuair e anns achoille i, agus gun dubhairt do chompanaich ris gur ann leatsatha i, agus gun dinnis iad dha gun robh thufuireach an so. Thig am mach a bhruidhinn ris; oir cha toir e seachad i do dhuine sam bith ach dhut fhein.

An uair a chuala mi so, chaidh mi air chrith leis an eagal. An uair a bhan taillear afaighneachd gu debha cearr orm, dhfhosgladh dorus an t seomair, agus nochd an seann duine a steach far an robh sinn. Co bhann ach am fathach ann an riochd seann duine, agus an tuadh aigena laimh.

Is mis am fathach,” ars esan, “mac do nighinn Eiblis, Prionnsa nam fathach. Nach i so an tuadh agadsa?”

Mun dfhuair mi uine gu freagairt a thoirt dha, rug e air mheadhain orm, agus sguab e leis mi am mach as an t-seomar. Ann am priobadh na sul thug e leis mi cho ard do na speurans nach robh fhios agam con taobh a bha egam thabhairt. Thainig e nuas thun na talmhainn a rithist, agusnuair a bhuail e a chas air an talamh dhfhosgail e, agus thug e sios mi don luchairt far an robh abhana-phrionnsa. Ach, obh, obh! ciod an sealladh a bhan sin! Dhfhag e mo chridhe goirt. Bha ina sineadh ruisgte air an urlar lan fala, ni bu choltaiche ri marbh na ri beo, agus a gruaidhean fliuch le deoir.

A chreutair mhollaichte,” ars am fathach rithe, agus esineadh a laimhe an taobh a bha mise, “nach e so am fear ris an robh thuleannanachd?”

Sheall i an rathad a bha mi, agus fhreagair i gu muladach, “Chan aithne dhomh idir e; chan fhaca mi riamh e gus an drasta.”

Ciod a tha thug radh?” ars am fathach. “Is e bu choireach ri thu bhith anns an t-suidheachadh anns am bheil thu; agus tha thu cho ladarnas gum bheil thug radh nach aithne dhut e.”

Mur aithne dhomh e,” arsa bhana-phrionnsa, “am baill leat mi dheanamh nam breug a chum a dhiteadh?”

Oh, seadh,” ars am fathachs e tarruinn achlaidheimh as an truaill, agusg a thairgse don bhana-phrionnsa, “mur faca thu riamh roimhe e, beir air achlaidheamh, agus gearr dheth an ceann.”

Ochan! cia mar a tha en comas dhomhsa a leithid sin a dholc a dheanamh air do chomhairle-sa? Tha mi air fas cho fanns nach urrainn mi mo lamh a thogail; agus ged a burrainn, cha leigeadh mo chridhe leam beatha duine neo-chiontaich nach fhaca mi riamh roimhe a thoirt air falbh,” arsa bhana-phrionnsa.

Tha do chuid diultaidh adearbhadh dhomhsa gu soilleir gum bheil thu ciontach,” ars am fathach. An sin thionndaidh e riumsa, agus thuirt e, “Am faca tusa am boirionnach so riamh roimhe?”

Bithinnse cho mi-thaingeil agus cho meallta ri creutair a bha beo mur fheuchainn ri bhith cho dileas dhises a bha ise dhomhsa, gu h-araidh on a bann air mo shaillibh a choisinn i corruich an fhathaich. Air an aobhar sin, thuirt mi ris, “Cia mar a bhiodh aithne agamsa oirres nach fhaca mi riamh i gus an drasta.”

Ma tha sin mar sin,” ars esan, “beir air achlaidheamh, agas gearr dhith an ceann. Air achumhnant so leigidh mi leat a bhithfalbh; oir an sin bidh e air a dhearbhadh dhomh nach fhaca tu riamh i gus an drasta.”

Le muile? chridhe,” fhreagair mis mi breith air achlaidheamh. Ach na smaoinich gur ann gus abhana-phrionnsa mhaiseach a chur gu bas air chomhairle an fhathaich a rinn mi so. Rinn mi e a chum gun nochdainn cho maths a burrainn domh gun robh mi acheart cho deas gus am bas fhulang air a son-ses a bha ise air mo shon. Thuig i gle math ciod a bha miciallachadh; oir dhaithnich mi air an t-suil a thug i orm gun do thuig i mi. An uair a chunnaic mi so thug mi ceum air ais, agus agus thilg mi an claidheamh air an urlar, agus thuirt mi ris an fhathach, “Bidh mise gu brathnam chulaidh-ghrain don chinne-daon gu leir ma bhios mi cho eucorachs gu mort mi bean-uasal air nach robh eolas agam, agus tha gle dhluth air abhas. Faodaidh tu an rud a thogras tu a dheanamh rium, on a tha comas agad air; ach cha dean mi air chor sam bith an eucoir a tha thug iarraidh orm a dheanamh.”

Tha mifaicinn,” ars am fathach, “gum bheil sibh le cheile suidhichte air brath a ghabhail orm, agus air masladh a thoirt dhomh. Ach leigidh mifhaicinn dhuibh, leis an droch dhiol a ni mi oirbh, gum bheil barrachd cumhachd agam na tha sibh an duil.”

An uair a thuirt e so, rug e air achlaidheamh, agus ghearr e dhith an lamh. Ged nach robh innte ach an deo air eiginn leig i ris dhomh gun robh ifagail slan agam gu brath. An uair a chunnaic mise gun dfhuair i bas thuit mi ann an neul. An uair a dhuisg mi as an neul, dhiarr mi air an fhathach mo ghrad chur gu bas. Thuirt mi ris, “Buall mi anns amhionaid. Tha mi deas gus am basfhaighinn. Is e mo ghrad chur gu bas am fabhar as mo is urrainn dut a dheanamh rium.”

Ach an aite deanamh mar a bha mi ag iarraidh air, thuirt e, “Gabh beachd air an droch dhiol a ni na fathaich air am mnathan, an uair a bhios amhrus aca gum bheil iad neo-dhileas dhaibh. Leig i leat cead tighinn a steach an so; agus nam bithinnse cinnteach gun robh dad cearr eadraibh, chuirinn gu bas thu anns an t-seasamh bonn. Ach foghnaidh leam do chruth atharrachadh gu cu, no moncaidh no leomhann, no gu eun. Roghnaich an cruth as fhearr leat dhiubh so.”

Thug na briathran so ni-eiginn de mhisnich dhomh gun rachadh agam air faighinn sabhailte as a lamhan. Thuirt mi ris, “O fhathaich, na bi cho cruaidh sin orm, agus o nach eil thu gus mo bheatha a ghearradh as, buin rium gu caoimhneil, fialaidh. Ma bheir tu mathanas dhomh, cumaidh mi do chaoimhneas nam aire fads is beo mi. Dean rium mar a rinn aon de na daoine a bfhearr a bhair an t-saoghal an uair a thug e gu saor lan-mhathanas don choimhearsnach fharmadach aig an robh fuath mor dha.”

Dhfheoraich am fathach dhiom ciod a thainig eadar an dithis choimhearsnach so, agus thuirt e rium gun deanadh e foighidinn gus an innsinn dha mun deidhinn. Tha min dochas, a bhaintighearna, nach gabh thu gu h-olc e ged a dhinnsinn dhut an naigheachd so.

Ann am baile mor araidh bha dithis dhaoinefuireach ann an taighean a bha gu math dluth dha cheile. Bha fuath anabarrach mor aig an dara fear don fhear eile. Beiginn don fhear a bhairfhuathachadh falbh as an taighs an robh e agus taigh a ghabhail ann am baile eile; oir bha esmaointean gur e cho dluths a bha e fheins a choimhearsnach air a cheile bu choireach gun robh fuath aig a choimhearsnach dha. Ged a nochd e iomadh caoimhneas dha, gidheadh, cha do lughdaich sinfhuath dha. Air an aobhar sin reic e an taigh, agus gach ni a bhaige, agus chaidh e do cheanna-bhaile na rioghachd. Cheannaich e greim fearainn faisge air abhaile so, far an do thog e taigh. Annsa gharadh so thachair gun robh seann tobar anns nach robh deur uisge.

An uair a chuir e an taighs an garadh ann an ordugh cho maths a ghabhadh deanamh, runaich e gun caitheadh e na bha roimhe debheatha cho saor o dhraghs o thrioblaidean an t-saoghails a ghabhadh deanamh. Air an aobhar sin chuir e uime eideadh manaich, agus chuir e caochladh sheomraichean an ordugh a chum gum biodh e fhein is manaich eile afuireach annta. Ann an uine ghoirid thainig e gu bhith fo mhor-mheas aig isleans aig uaislean abhaile gu leir air son cho maiseachs cho neo-lochdachs a bha ecaitheamh a bheatha. Thainig daoine air astar fada a dhaon ghnothach a chum gun cuireadh e suas urnuigh as an leith; agus dhaidich iad gun robh ena mheadhain air moran math a dheanamh dhaibh.

Chualas anns abhaile as an dfhalbh e gun robh an duine so fo dheadh chliu aig na h-uile agus bhrosnaich so an duine aig an robh fuath dha air a leithid de dhoighs



[59]

[Vol . 6. No. 8. p. 3]

gun do chuir e roimhe gun rachadh e a dhaon ghnothach don cheanna-bhaile gus a sheana choimhearsnach a chur gu bas. A chum a dhroch run a chur an gniomh chuir e uime eideadh manaich, agus chaidh e dhionnsuidh an taighe anns an robh cuimhne aige air an fhuaths air aghamhlas a bhaige dhas an am a dhfhalbh.

Thuirt an duine gamhlasach, farmadach, so ris, gun dthainig e far an robh e air cheann-gnothaich a bha gle chudthromach, agus fhads a bhiod e ag innseadh aobhar a thuruis dha, nach fhaodadh duine a bhith anns an eisdeachd ach iad fhein. “Agus a chum nach cluinn neach sam bith aon fhacal de na bhios eadrainn,” ars esan, “theid sinn don gharadh. Bheir thu ordugh do na manaich gabhail mu thamh on a tha e air tighinn anamochs an fheasgar.” Rinn an duine coir, cneasda, mar a chomhairlich an droch dhuine eile dha.

An uair a chunnaic an duine farmadach nach robh neach sam bithg am faicinn, thoisich e ri innseadh ceann a thuruis don duine mhath. Bha iad acoiseachd taobh ri taobh air an socair fhein, agus gun smaointean aig an duine mhath gun robh olc sam bith fa near don duine fharmadach. Ach uair de na h-uaireans iad adol seachad air an tobar, thilg an duine farmadach sios an duine math an comhair a chinn don tobar, agus thug echasan as gun fhios aig duine beo air an olc a rinn e. Cha do leig e an ceum as a chois gus an drainig e a thaigh fhein. Bha e gle riaraichte le a thurus; oir bha e lan-chinnteachna inntinn fhein, gun do chuir e a sheana choimhearsnach coir gu bas. Achna dheigh sin fhuair emach gun robh e gu mor air a mhealladh.

CAIB XI.

Bha sithichean agus fathaich afuireach anns an t-seann tobar, agus mur be so bhan duine math air a bheathachall mun drainig e grunnd an tobair. An uair a thilg an droch dhuine eile sios e, rug iad airnan lamhan, agus leig iad as gu socrach anns an tobar e. Ged nach fhaca e neach sam bith, dhaithnich e gun robh cumhachd air choireiginn ann a chum e gun a cheanns a chnamhan a bhristeadh leis an leagadh a fhuair e.

Cha robh e fad anns an tobar an uair a chuala e guth ag radh, “An aithne dhuibh an duine so don tug sinn cuideachadh?”

Fhreagair guth eile, “Chan aithne.”

An sin fhreagair acheud ghuth, “Innsidh mise dhuibh co e. Is e so duine cho carantas a thair an t-saoghal. Dhfhalbh e as abhailes an robh e, agus thainig e don bhaile so an dochas gun tugadh e air aon de choimhearsnaich gun a bhith cho gamhlasach ris. An uair a chuala choimhearsnach cho cliuiteachs cho measails a bha e anns abhaile so, thainig e a dhaon ghnothach a chum cur as da. Agus bha chuis air a dhol leis mur be gun dthug sinne cuideachadh dha an uair a thilgeadhs an tobar e. Tha cliu an duine so cho mors gun cuala an righ ma dheidhinn. Than righ gus tighinn ga amharc am maireach a chum gun dean e urnuigh as leith a nighinn.”

Thuirt guth eile, “Ciod am feum a thaig nighean an righ air urnuighean manaich?”

Fhreagair acheud ghuth, “Am bheil fhios gum bheil i air a mealladh leis an fhathach, Moimoun mac Dhimidim, a thuit ann an gaol oirre? Tha fhios agamsa gle mhath cia mar a theid aig an duine mhath so air a leigheas. Tha an ni furasda gu leor, agus innsidh mi dhut e. Tha cat dubh aiges an taigh. Air earball achait so tha bad beag geal. Ma bheir e seachd roineagan as abhad gheal so, agus gun loisg e iad os cionn ceann nighean an righ, bidh i air a leigheas, agus cha tig Maimoun, mac Dhimidim, gu brath tuilleadh far am bheil i.”

Chuala an duine math a h-uile facal den chomhradh so a bheadar na sithichean agus na fathaich. Ach cha dubhairt iad facal ri cheile tuilleadh fad na h-oidhche.

Anns a mhadainn an uair a thoisich an latha ri soilleireachadh, thug e an aire gun robh pairt de bhalla an tobair air tuiteam, agus le mor dhichioll chaidh aige air streap am mach as.

Bha na manaich fad na h-oidhcheg a iarraidh gus an robh iad seachd sgith; agus an uair a chunaic iad e, rinn iad gairdeachas mor ris. Thug e dhaibh gearr chunntas air an eucoir a rinn an duine air, an deis dha a leithid de choimhneas a nochdadh dha an latha roimhe sin.

Cha robh e fadana sheomar fhein an uair a thainig an cat dubh far an robh e, agus thoisich e ri e fhein a shliobadh ris mar a babhaist dha. Rug e air agus thug e seachd roineagan as abhad gheal a bhair an earball aige, agus chuir e ann an aite air leith iad gus am biodh feum aigorra.

Gu math moch an lar- na-mhaireach chaidh an righ gu taigh amhanaich, agus ghabhadh ris leis an urram a bha dligheach dha mar righ. Thug an righ mar an ceudna urram don mhanach, agus thuirt e ris, “A dhuine mhath, is docha gum bheil fhios agad car son a thainig mi far am bheil thu.”

Tha mo thighearna,” arsam manachs efreagairt gu ciuin: “mureil mi air mo mhealladh, thainig sibh a dhiarraidh leighis air son aghalair a thair bhur nighinn.”

Sin acheart aobhar a chuir an so mi,” arsan righ. “Bheir thu tuilleadh saoghail dhomsa ma theid agad air mo nighean a leigheas.”

Mo thighearna,” fhreagair am manach, “mas e bhur toil leigeadh leatha tighinn an so far am bheil mise, tha dochas agam, le cuideachadh is fabhar Dhe, gun dtheid agam air a leigheas.”

An uair a chualan righ so bha aoibhneas anabarrach air, agus gun dail sam bith chuir e air thoir na h-ighinn. Thainig i fheins a mnathan-coimhideach. Cha bu luaithe a loisg am manach na seachd roineagan a thug e a earball achait, os cionn a cinn, na thug am fathach, Maimoun, mac Dhimidim, glaodh mor as, agus dhfhalbh e. Ghrad thug nighean an righ an srol bhar a h-aghaidh, agus dheirich ina seasamh, agus ghlaodh i, “Cait am bheil mi? Co thug an so mi?”

An uair a chualan righ na briathran so, bha aoibhneas anabarrach mor air, agus rug e air a nighinnna ghairdeanan, agus phog e i. Phog e mar an ceudna lamh amhanaich. Thuirt e ris an luchd-comhairle a bha maille ris, “Ciod an duais air am bheil an duine so airidh a leighis mo nighean?”

Fhreagair iad a beul a cheile, “Tha e airidh gun tugadh tu dha do nighean riposadh.”

Sin acheart ni a bha mi fhein asmaointean,” arsan righ, “agus gun tuilleadh dalach theid am posadh a dheanamh.”

An uine ghoiridna dheigh sin fhuair ard-chomhairleach an righ bas, agus rinneadh ard-chomhairleach den mhanach. An ceann beagan bhliadhnachanna dheigh sin dheug an righ fhein, agus o nach robh mac aige chan fhaca ard-mhaithean na rioghachd dad bu fhreagarraiche nan t-ard-chomhairleach a dheanamhna righ, agus thaitinn so gu mor ri sluagh na rioghachd gu leir.

An uair a rinneadh righ den mhanach, bha e latha araidh, ann an cuideachd ard-mhaithean agus ard-uaislean na rioghachd ag imeachd troimhn bhaile, agus bha moran de shluagh abhaile cruinn gus an righ fhaicinn. Thug an righ an aire gun robh an duine farmadach, a nochd mor ghamhlas dha, am measg an t-sluaigh. Thuirt an righ ri aon de na comhairlich, “Bi falbh, agus thoir an duine ud a chi thuna sheasamh an sid far am bheil mise; ach thoirt an aire nach cuir thu eagal air.”

Rinn an comhairleach mar a dhaithn an righ dha, agus thug e an duine farmadachna lathair. Thuirt an righ ris, “A charaid, tha mi anabarrach toilichte dfhaicinn.”

An sin thionndaidh an righ ri fear de na h-oifigich a bha maille ris, agus thuirt e, “Bi falbh, agus thoir ceud bonn oir de mchuid ionmhais-sa don duine so; thoir dha mar an ceudna fichead luchd den bhathar as fhears is luachmhoire a thanns na taghean-storais agamsa, agus faic sabhailte dha thaigh fhein e.”

An uair a thug e an t-ordugh so don oifigeach, dhfhag e beannachd aig an duine fharmadach, agus dhimich e air aghart.

An uair a dhaithris mi an naigheachd so don fhathach a mharbh abhana phrionnsa thuirt mi ris, “O fhathaich! tha thu nis afaicinn, nach e mhain gun dthug an righ mathanas don duine fharmadach a bhag iarraidh a bheathathoirt air falbh, ach gun do nochd e dha mor-chaoimhneas mar an ceudna, agus gun dthug e dha or is bathar luachmhor ann am pailteas. Dean thusa mar a rinn an righ math, trocaireach so, agus cha bhi aithreachas ort. Thoir mathanas dhomh, agus chan iarr mi an corr ort.” Ach a dhaindeoin cho durachdach, dealas-

(Air a leantuinn air taobh 62.)



[60]

[Vol . 6. No. 8. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, . . . $1 .00
Sia miosan, . . . .50
Tri miosan, . . . .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig garn ionnsidh an aire nach sgriobhad ach air aon taobh dan duileig, agus, nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,’
Sydney, Cape Breton


SIDNI, 20 OGUST, 1897.

Dunnachadh Ban Mac-an-t- Saoir.

(Air a leantuinn.)

thioram. Tha na fairichean aige mar a bha iad adùsgadh suasn a chom, asruthadh a mach ann an cainnt cheòlmhor, bhog, bhlàth; cho binn sèimh ri crònan an uillt. Anns an òran so tham bàrd atoirt dhuinn dealbh taitneach dhe fhéin, ach dealbh a tha air a mheasgadh le cianalas agus mulad. Tham bàrdn a sheann aois ag gabhail a chuairt mu dheireadh, agus an sealladh mu dheireadh de Bheinn Dòrain; agus faodaidh sinn a bhi cinnteach mar a bha edireadh ri uchd an t-sleibhe le anail ghoirid, lecheann liath, ’s lechiabhan tana, le ceum mall, ’s le cridhe trom, gun robh iomadh smaoin thùrsach asnàmhn a chom, ag cuimhneachadh air na laithean a dhfhalbh, laithean sòlasach taitneach na h-òige nach till air an ais nis mo:

“ ’N uairsheall mi air gach taobh dhiom,
Chan fhaodainn gunbhi smalanach.”

Tha mi creidsinn gur h-ann le cridhe trom a thearnaich Dunnachadh Bàn gu baile air an fheasgar sin, amothachadh aois agus a lag-chuis fhéin; agus an uair a chunnaic e ceò an anmoich agus neòil dhorcha na h-oidhche asgaoileadh am brat tiamhaidh mu ghuaillean Beinn Dorain nach ro esan gu fhaicinn gu bràth tuilleadh.

Ghabh mi nis mo chead den t-saoghal,
S de na daoine dhfhuirich ann;
Fhuair mi greis gu sunndach aotrom,
S in aois a rinn mfhagail fann.

Tha mo thàlantan air caochladh,
S an t-aog, air tighinns an am,
S e machanaich air sgàth mFhir-shaoraidh,
Bhi gu maths a n t-saoghal thall.”

Rinn Dunnachadh Bàn beagan aoirean anns am bheil brod bàrdachd ged nacheil iad ri am moladh air dhoigh eile. Ach chan eil teagamh nach do thoillNighean dubh Raineachna fhuair i:

A chionn gun do ghoid i,
N rud beag bhan sa chludan,
Bhagams achùil
Nach dinnis mi chach.”

Agus tha e coltach nach robhUisdean Piobaire,” air na daoinebu mhodhaile agusbu bheusaiche. Ach tha sean-fhacal ag ràdh gur asearbh aghlòir nach fhaodar éisdeachd.” Chaneil e na chomharradh laidir air inntinn mhoir a bhigabhail gnothaich ris gach peasan leibideach a thign a rathad. Agus cha mhomha a bha e ag àrdachadh cliù Dhunnachaidh Bhàin, a bhi cumail connspaid riUisdean Piobaire,” “Iain Faochaig,” anTaileir,” agusAnna nighean Uilleam an Crompa.”

Ach cha be paipeir goirid a chaidh a sgriobhadh ann acabhaig mar a chaidh am paipeir so a bheireadh ceartas do Dhunnachadh Bàn agus da chuid bàrdachd.

Bha sinn atoirt cliù dha agus afaotainn coire dha; ach tha sinn acreidsinn nach cuir aon choire a gheibh sinne dha tolg no dealgn a chliù. Tha dochas againn gum bi a chliù mar bhàrd cho seasmhach buan ri beanntan a dhuthcha. Agus tha sinn acreidsinn gum bi iomadh làtha agus linn mun siubhail Gaidheal eile firichean Bheinn Dòrain a ni am feum debheul agus deshuilean, agus a chuireas urad de bheatha agus de mhaise ann an cainnt agus ann am bàrdachd ar dùthchas a chuir Dunnachadh Bàn Mac-an t-Saoir.

Tha na sgoilean dùthcha gu bhi air am fosgladh Di-luain sa tighinn; cha tòisich na sgoilean anns na bailtean gu ceann seachdain no dha eile. Tha sinn an dòchas gun dean gach sgireachd-sgoile an uile dhichioll air luchd-teagaisg fhaotainn, agus nach bi, air a bhliadhna so, tigh-sgoile anns an dùthaich gu sgoil ann. ’S còir an oigridh fhoghlum ge be de chosgas e; tha iad a fàs suas gu bras, agus am beagan bhliadhnaicheans iad a bhios a riaghladh na dùthcha, agus a lionadh nan aiteachan a than diugh air an lionadh len athraichean.

Cuin a dhfhàsas daoine cho glics gun seachainn iad an lagh? Tha sgeul air tighinn mu chàs airn do chuireadh crioch anns na Stàitean o chionn ghoirid an deigh dha mairsinn àireamh bhliadhnaichean. ’Se ochd ceud dolair a bhanns an tagradh an toiseach, ach chosgadh tri fichead us coig mile deug dolair mun robh crioch air a chùis. Aguss e còrdadh eatorra fhéin a rinn an da thaobh. Nach ann orra than t-aithreachas an diugh nach d rinn iad an còrdadh sin mun deach iad gu lagh?

Gheibhear anns an àireamh so paipear gasda mu Dhonnachadh Ban Mac-an-t- Saoir, air a sgriobhadh le Niall Mac Leoid. Chan eil Gàidheal nach eil eòlach air ainm agus cliù Dhonnachaidh Bhàin, agus is math leinn e bhinar comas am paipear so, le aon a tha e-fhéin na bhàrd air am bheil cliù am measg nan Gàidheal uile, a thoirt fan comhair. Chan eil neach don fhearr as aithne labhairt mu shaothair bàird, na bàrd eile.

Chaidh da chaibideil de naSgeulachdan Arabianachair iomrall oirnn. Theagamh gun ruig iad sinn fhathast, agus ma ruigeas, theid an clo-bhualadh aig àm eile.


MacCoinnich & Co.

Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh
ANN AN LOUISBURG,
agus tha sinn aig an àm cheudna acumail air adhart air an t-seann laraich,
ANN AN SIDNI.

Aodaichean Matha dhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.

Theid sinn an urras air an obair.
Mac Coinnich & Co.


F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC

An aon fhear dhe sheòrsa thair Eilean Cheap Breatunn.

Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J Morley.

Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dhas coir dha toghal air.

Tha stoc math de speuclaireans de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.

Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. A seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.

THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHANEUREKAair a cheart phris air am beilearg an creic aig na muillin.

Tha Factoridh Eureka air aon den fheadhain as fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar adeanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.

Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.

Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille-mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. MacFhionghain, Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitches Creek.Tha mu dheichair fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd lathan deigh a chlòimh chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.



[61]

[Vol . 6. No. 8. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Thatar acur moran dhearcan-gorma gu Boston á ceann an iar Nobha Scotia air an fhoghar so. Tha pris mhath orra anns abhaile sin.

Seachdain gus an Di-luain sa chaidh, bha mac do Dhomhnull Mac-an-Tòisich, anEarltown , N. S.air a mharbhadh leis an dealanach, agus bha nighean bheag dha, aois sheachd bliadhna, air a goirteachadh gu dona. Cha robh an gille ach deich bliadhna dhaois.

Chaidh an soitheachMary A. McLeod, ”a dhfhalbh á Sidni deireadh na seachdain sa chaidh, air grunnd faisg airSt . Peter’ smaduinn na Sàbaid. Bha i luchdaichte le iasg, agus air a turus gu ruige Halifacs. Bha an làn mhara a stigh aig an àm, agus bidh e gle dhoirbh a toirt an uachdar, ma ghabhas e deanamh idir.

Chaochail gille beag dam bainmGreenaldanns an tigh-eiridinn an Cuibeic air an t-seachdain sa chaidh. Bha e air bòrd soithich adol a stigh don phorc sin, agus thatar a deanamh a mach gum be droch dhiol a rinn meat an t-soithich air a dhaobharaich a bhàs. Tha am meat agus an caiptean an dràsda aseasamh cùrtach.

Chaidh sabhal na theine ann amBridgetown . N. S. ,o chionn ghoirid, air dòigh neonach. Bha e lan de dhfhiar a bha air a chur a stigh gorm, agus ghabh am fiar sin teas cho mors gun deach e na theine. Chaidh an sabhals gach ni a bhann a losgadh, agus an tigh-comhnuidh cuideachd, ach fhuaireadh na bhàirneis anns an tigh a shàbhaladh.

Bha fear Uisdean D. Murrayag obair air deanamh rathaid am pàircenexhibitionann am Pictou, agus o chionn beagan us seachdain tharruinn e ceithir cheud deug dolair gus na daoine bhag obair fodha phàigheadh. Chan fhacas e riamh uaithe sin, agus tha h-uile coltas gu bheil e air teicheadh leis an airgead, agus gu bheil na daoine bochda bhag obair aige gun sgillinn air son an saoithreach. Tha gnothuichean dhen t-seòrsud atachairt tuilleadh us tric.

Bha àireamh de luchd-deasachaidh phaipearan-naigheachd ann an Sinni toiseach na seachdain. Buinidh iad do thaobh an ear mor-roinn Chuibeic, agus tha iad acur cuairt air na mor-roinnean iseal. Thainig iad gu Sidni air a charbad-iaruinn oidhche Di-màirt, agus dhfhalbh iad air abhàta-smùideMarion ’sa mhaduinn Di-ciaduin. Bha mu leth-cheud dhiubh ann air fad. Bha an t-side gle fhliuch fhadsa bha iad anns abhaile, ach bha iad gle riaraichte len turus a dhaindeoin sin.

Chaidh uamh fhaotainn air làrach seana-bhaile Louisburg air an t-seachdain sa chaidh, le dithis dhaoine a bhacladhach ann. Tha an uamh mu dheich troighean fichead a dhfhad, agus air a deanamh gu làidir air clach us aol. Fhuaireadh cnamhan duine innte, ach a bharrachd air sin, cha robh ni annasach ri fhaicinn. Chan eil teagamh nach robh i air a deanamh ri linn nam Frangach air son àite-folaich, no air son priosan. Tha eachdraidh ag innse gu robh ceithir uamhannan deuga dhen t-seòrsa sin anns a bhaile.

Seachdain gus an Di-luain sa chaidh, dhionndraineadh boirionnach dom bainmMrs . Orr,ann anDumariesa Tuath, an Ontario. Cha robh fhios gu de dhéirich dhi gu toiseach na seachdain so, nuair a fhuair daoine bhaga sireadh tòrr ùrach ann am pàirc arbhair faisg air an tigh aice, agus air dhaibh cladhach, fhuaireadh a corp air a thiodlacadh ann. Bha a ceann agus a guaillnean air an gearradh gu h-uamhasach. Chaidh dithis dhaoinòga a ghlacadh air amhrus, fear a bha na sgalaig aigMrs . Orr,agus fear eile a bhag ionnsachadh na dotaireachd.

Tha achùirt mhorna suidhe anns abhaile air an t-seachdain so, a cur crioch air na càsan nach deach fheuchainn aig suidhen t-samhraidh.

Tha còrr us tri muillein dolair de dhainbhfhiach air baile Halifacs, aguss ann adol nas motha tha i a h-uile latha. Thatar a pàigheadh $134 ,000sa bhlianhna de riabh. Cho beairteachs gu bheil baile Halifacs, chan urrainn nach eil sin na uallach trom air an t-sluagh.

Tha anIndiana, ”aon de na soithichean-cogaidh as motha thaig na Stàitean, ann a Halifacs o chionn faisg air da sheachdainga glanadhsga cur an uidheam. Chan eil long-phort aig na Stàitean fhéin anns an gabhadh an obair deanamh; tha dùil ri tuilleadh de shoithichean-cogaidh na dùthcha sin a thighinn do Halifacs air aghnothuch cheudna, mun tig am foghar gu crich.

Bha stoirm mhor thairneanach ann an Eilean aPhrionnsa toiseach na seachdain sa chaidh. Ann anGeorgetown ,bha boirionnach, bean Chaiptein Uisdean Mhic-a- Phi, air a bualadh leis an dealanachsi ableoghan mairt, agus chaidh a goirteachadh gu dona; chaidh am mart a mharbhadh. Chaidh sabhal le fear Tomas Henry a bhualadh, agus milleadh mor a dheanamh air. Mharbhadh each luachmhor le fear Henry Horne ann anCharlottetown .

Chaidh taighean Néill agus Ghilleasbuig Mhic Amhlaidh, air rathad Chow Bay, faisg air a bhaile, a losgadh aon latha air an t-seachdain sa chaidh. Bha iad ag obair air an fhiar astar beag air falbh nuair a thòisich an teine, agus mun tugadh fanear dha bha e air a leithid de ghreim fhaotainns gun deach na taighean a losgadh gu làr. Chailleadh gach ni a bha nam broinn. Cha robh airgead-urrais air na taighean idir, agus thig an call gle throm orra.

Thatar afeuchainn ri cur cruaidh ri luchd-reic an stuth làidir an dràsda. Tha dithis no triùir dhiubh an deigh an cain a phàigheadh ann an Sidni, agus tha fear no dithis eile a tha air am faotainn ciontach acur dàil anns aghnothuch len cas a thogail gu cùirt as àirde. Ann am mèinn anReserve ,agus an Seana Bhridgeport, tha àireamh an deigh an càin a phàigheadh, agus tha aon fhear nach robh comasach no deònach air sin a dheanamh, acur seachad ùinesa phriosan.

Dhfhalbh mu mhile duine áVictoria , B. C. ,toiseach na seachdain so air an turus guKlondyke .Bha iad a dol pairt dhen t-slighe air soithichean-smùide, agus bha iad air an làn uidheamachadh le biadh us aodach. Bha, mar an ceudna, eich us coin us sleigheachan aca. ’N uair a ruigeas iadSkagway Bay,—cho fada tuathsa bheir na soithichean iadbidh iad air an giùlan air an adhart leis na h-eich, agusnuair a dhfhasas an t-slighes an t-side cho doirbhs nach dean na h-eich an còrr feuma, theid am marbhadh, ’s nithear a chuid eile den t-slighe leis na coin no dhan cois. ’S iomadh cruadal troimhn teid na daoine bochda mun ruig iad an ceann-uidhe.

Dhfhalbh àireamh mhor de ghillean òga do Mhanitobas don Iar Thuath Di-luain sa chaidh, ’s iad an dùil a dhol a dhobair air a bhuain. Bha moran dhaoine a dhith air na tuathanaich, agus air son gum biodh e na busa dhaibh am faotainn, chaidh am faradh eadar so us àite sam bith am Manitoba nos an Iar-Thuath isleachadh gu ceithir dolair dheuga. Dhfhalbh seachdnar á Sidni, agus eadar am bailes na mèinnean dhfhalbh eadar da fhicheadsa coig us leth-cheud. Dhfhag cuid dhiubh deagh àiteachan-cosnaidhnan deigh, agus dhfhalbh cuid aig nach eil moran sgil air tuathanachas. ’S es dòcha gu bheil sùil aig a mhor-chuid dhiubh airKlondyke .Tha sinn an dòchas gun soirbhich gu math leo uile.


LEABHRAICHEAN GAILIG.

Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. MacIlliosa 1.10
Gaelic Class Book .30

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte.
Sgriobh gu
J . G. MACKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney, C. B.


CARADH
Uaireadairean
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.


BADDECK, - - C. B.
Airson a stor a dheanamh nas deiseiles nas feumaile dhaibhsan a thadeanamh gnothuch ris, tha
Albert I. Hart
anise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha achuid sin den ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am BostonsanNew York.Gheibh iadsan a thig ga h-ionnsuidh an
DEAGH RIARACHADH.
BADDECK , - - C. B.


IUBILI!
THIG AGUS FAIC!
Ceannachd ur us Prisean ura.
A h-uile ni cho soars nach fhaod mi innse.
Niall Domhnullach.
Ceann an Iar a Bhaile.
BADDECK , - - C. B.
A Ghàiligsa Bheurla air an aon phris.



[62]

[Vol . 6. No. 8. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 59.)

Achs gun robh mi aguidhe air mathanas a thoirt dhomh, cha tugadh e geill sam bith dhomh.

Cha chuir mi gu bas thu,” arsesan, “ach na biodh duil sam bith agad gum faigh thu slan, fallain, as mo lamhan-sa. Leigidh misefhaicinn dhut gum bheil cumhachd agam iomadh ni a dheanamhe mdhraoidheachd.”

An uair a thuirt e so, rug e ormna chroig agus cha mor nach do dhfhaisg e an cridhe asam. Dhfhalbh e leam am mach as an taigh-fo-thalamh, agus thug e leis mi cho ard do na speurans nach robh mi ach air eiginn afaicinn na talmhainn shios fodham mar neul beag, geal. An sin thainig e nuas leam cho luath ris an dealanach, agus leig e as mi air mullach beinne. Thug e lan a chroige den talamh, agus an uair a labhair e briathran nach do thuig mise, thilg e mu mhullach mo chinn e, agus thuirt e, “Na binad dhuine nis mo, ach binad mhoncaidh. Ann am priobadh na sul chaidh e as an t-sealladh, agus dhfhag e ann an sid mis mi ann an riochd moncaidh. Bha mo chridhe gu bristeadh le brons gun fhios agam air an t-saoghal mhor caite an robh mi, no cian taobh a bheirinn maghaidh a dhionnsuidh rioghachd mathar.

Chaidh mi sios bhar mullach na beinne, agus thainig mi dhionnsuidh duthaich a bha anabarrach farsuinn, comhnard. Bha misiubhal troimhn duthaich so fad mhios. Mu dheireadh thainig mi ann an sealladh na mara, agus rinn mo chridhe gairdeachas ris an t-sealladh. Bha feath mhor air amhuir, agus chunnaic mi long mhor fo a cuid sheolna laidhe gu socrach air aghaidh na mara, agus ann an dochas gun gabhadh an sgiobair air bord minan ruiginn i, thug mi oidhirp air meanglan mor a bhristeadh bhar te dhe na craobhan a bha faisge air bruaich achladaich. A dholc no dheiginn gun dfhuair mi, bhrist mi e, agus an uair a chuir mi am mach air amhuir e, chaidh mi casan-gobhlach air, agus bha mig a iomradh le maide anns gach laimh. Ged a thug mi uine mhor air ruighinn far an robh an long, rainig mi mu dheireadh a cheart air eiginn.

An uair a mhothaich na seoladairean agus an luchd-turuis a bhair bord dhomh, ghabh iad ioghnadh anabarrach mor. Cha bu luaithe a rainig mi cliathach na luinge na ghrad streap mi air bord; ach o nach burrainn domh bruidhinn, bha mi ann an cunnart a bhith air mo ghrad chur gu bas.

Bha na marsantan a bhair bord, agus na seoladairean, alan chreidsinn gun tigeadh mi-fhortan mornan rathad nan leigeadh iad leam a bhith air bord. Thuirt fear dhiubh, “Cuiridh min t-eanchain as le maide.” Thuirt fear eile, “Cuiridh mi saighead troimhn mhionach aige.” Thuirt an treas fear, “Tilgidh mi leis achliathaich e.”

Bha iad air mo chur gu bas ann an ionad nam bonn, mur be gun do ghabh an sgiobair mo phairt. An uair a chunnaic mi an cunnart anns an robh mi, chaidh mi far an robh ena sheasamh, agus thilg mi mi-fhein air an dec aig a chasan. An uair a chunnaic e mi asileadh nan deur gu frasach, ghabh e truas dhiom, agus thuirt e nach fhaodadh duine a bhair bord beud a dheanamh orm. Thoisich e ri deanamh moran dhiom, agus ged nach robh en comas dhomhsa facal a labhairt, nochd mi dha mar a bfhearr a burrainn domh gun robh mi gle thaingeil dha air son achaoimhneis a bha enochdadh dhomh.

(Ri leantuinn.)


Teagasg Fallain.

Comhairle caraid gun iarraidh,
Cha dfhuair i riamh am meas bu chòir dhi.

Tha e anabarrach furasda dhuinn comhairle a thoirt air daoine eile, ach chan eil e idir furasda dhuinn comhairle a ghabhail. Mar as trice, is e ar fìor charaid a bheir comhairle oirnn. Ma shaoileas sinn gu bheil feum againn air comhairle, iarraidh sinn i, agus ma thachras gum bi achomhairle a gheibh sinn a réir ar beachdan fhein gabhadh sinn i. Ach ma bheir caraid comhairle na còrach oirnn gun iarraidh, is docha nach bi mor-mheas againn oirre. Ma bhios e ro thric a toirt comhairle oirnn, is dòcha gun caill sinn ar meas araon air a chomhairle, agus air fhéin.

Tha dòigh chumanta ann air comhairle a thabhairt nach eil idir taitneach don chuid as mo de shluagh an t-saoghail. Their iadNam bithinnsana dàite-sa, dheanainn sid, no dheanainn so. Nam bu mhise thusa chan abrainns cha deanainn a leithid sid no leithid so. An uair a chluinneas daoine briathran den t-seòrsa so, their iad mar as tricenan inntinnean fhéin: A charaid, cha mhise thusa, agus cha tusa mise, agus air an aobhar sin ni mise mo thoil fhéin, agus dean thusa do thoil fhéin.

Tha moran dhaoine ann air nach bu chòir dhuinn comhairle a thabhairt idir. Chan eil feum sam bith comhairle a thoirt air amadan; oir ni e tàir air gliocas agus air foghlum, agus tha a shlighe ceartna bharail fhéin. Cha mhò na sin a tha feum dhuinn comhairle a thoirt air neach sam bith a tha fadana bharail fhéin. Tha sean fhacal ann a thag ràdh, gu bheilComhairle a thoirt air mnaoi bhuirb, mar bhuilte ùird air iarunn fuar.”

Tha briathran Chriosd adaingneachadh na cùise so. Tha e ag radh— “Na toiribh an ni naomh do na madraidh, agus na tilgibh bhur nèamhnuideanam fianuis nam muc, air eagal gun saltair iad orra len casan, agus air pilltinn daibh gu reub iad sibh fhéin as a chéile.” —Mata vii. 6.

Tha àm ann air son gach ni fon ghréin. Tha àm ann gu comhairle a thoirt air daoine, agus ma ghabhas sinn an t-àm ceart, faodaidh sinn math a dheanamh.

Ma gheibh sinn comhairle o charaid biodh meas againn araon air achomhairle, agus mar an ceudna air ar caraid a bheir dhuinn i.

An rud air nach bi meas againn tilgidh sinn uainn e.


Is dìleas duine dha fhéin.

Tha na briathran so ateagasg dhuinn gu robh daoine anns an àm a dhfhalbh nach robh cho dìleas ann an obair dhaoine eiles a bhiodh iadn an obair fhéin. Tha so mar so a dhionnsuidh an lathan diugh. Ann an gnothaichean na beatha so tha daoine, mar as trice, dìleas dhaibh fhéin. Ach a thaobh an caitheamh-beathas an giùlan, tha moran dhaoine ann a tha anabarrach neo-dhìleas dhaibh fhéin. Le bhith fo riaghlanh ana-miannan na sùl, agus uabhar beatha, tha iad adeanamh barrachd ulle orra fhéin nas urrainn neach sam bith eile a dheanamh orra. An seirbhiseach a bhios acur seachad na h-ùine an uair bu chòir dha bhithg obair, tha e neo-dhìleas da mhaighstir, agus air an dòigh cheudna, am fear a ni -bhuil den ùine a thug Dia dha gu bhithga thogail féin suas anns achreideamh ro naomh, tha e neo-dhìleas araon dha fhéin agus don Dia a chruthaich e. Is e am fear a chaitheas an ùine ann a bhithdeanamh gach ni a gheibh a lamh ridheanamh le a dhichioll, agus air am bheil eagal an Tighearna, an aon duine mum faodar a ràdh gu bheil e dileas dha fhéin.


Am fear a gheibh a thoil fhéin aig gach àm, theid a sgrios aig acheann mu dheireadh.

Tha h-uile neach gu nàdurra ag iarraidh a bhithdeanamh a thoil fhéin. Cha luaithe a thig an leanabh gu dad de mhothachadhs de thuigse na thòisicheas e ri bhithg iarruidh a thoil fhéin. Is e bhithcumail na cloinne e bhith deanamh an toil fhéin an earrann as mo den dleasdanas a thaig pàrantan ri choimhlionadh. An leanabh a gheibh a thoil fhéin, cha bhi ann ach mughan bochd air nach bith rath no tlachd gu bràth. Is minic a bhan t-aon mhac air a mhilleadh, a chionn gun dthug a pharantan tuilleadhs a chòir de thoil fhéin dha. Thuit acheud Adhamh on staid naoimh agus shona anns an do chruthaicheadh e do bhrìgh gum bfhearr leis a thoil fhéin a dheanamh na toil an a chruthaich e. Thuirt an dara Adhamh— “Chan eil mise ag iarrridh mo thoil fein, ach toil an Ti a chuir uaithe mi. Is e mo bhiadh agus mo dheoch toil an Ti a chuir uaithe mi a dheanamh, agusobair a chriochnachadh.” Tha lagh Dhé agus dhaoine an aghaidh dhuinn a bhithg iarraidh ar toil fhéin. Than da aithne eile asparradh da dhleasdanas chudthromach oirnn, eadhon an t-Sàbaid a choimhead naomh, agus urram a thoirt do ar pàrantan. Am fear a thag iarraidh a thoil fhéin a dheanamh, cha tric leis aon chuid an t-Sàbaid a choimhead naomh, no urram a thoirt da phàrantan.

Tha àireamh mhor mhiltean de sheirbhisich aig aBhan-righ, agus is e bhithcum-



[63]

[Vol . 6. No. 8. p. 7]

ail dhaoine o bhithg iarraidh an toil fhein aig gach àm, an dleasdanas as cudthromaiche a tha aca ridheanamh. Is ann le bhithcumail dhaoinenan àite fhein, agus gun a bhith leigeadh leotha tuilleadhs a chòir dhen toil fhéin a tha sluagh an t-saoghail asealbhachadh saorsa aimsireil. Am fear a tha air a riaghladh le toil Dhé, agus a thatoirt umhlachd do lagh na rioghachd, tha saorsa aimsireil agus spioradail aige.


Faoghaid an Fheidh.

Bu chiùin, àillidh amhaduinn air an cualas tathunn nan gadhar ann an àird Choire Lùnndai. Dhùisg am fiadh air a leabaidh luachrach, thog echeann fiadhaich, chualen fhuaim atighinn air àile glan nam beann. Dhfhàg eleaba luachrach san lagan uaigneach aig bun nan stùc, ’s thug e air troimhn aisridh chumhaing, chas, gu bearradh nan creag. Lechuinnein fiadhta san t-soirbheas, agus a chròc chabarach àrd ra faicinn eadar iads fàire, mhothaich an t-sealg don fhiadh. Sheas e car tamuill, —ceò glas, tana na maidne asnàmh seachad air, —sheas an laoch, ag amharc, mar gum bann, le tàir air an fhaoghaid mhall-shiùbhlach a bha teachd air a thòir; ach co luaths a thog iad ri uchd na sgàirneich airaisridh chorraich féin, thàr e as. Siùbhlar gu h-eutroin, uallach, troin mhòintichs mu ghuaillibh bheann ag iarraidh dubhair, agus dìomhaireachd na coille ann an gleann abharraich. Ann an làn-earbsa áchàil agus a luathas féin, pillear gu grad air an t-silighe cheudna, aruith calg-dhireach an coinneamh na seilg. Anns gach car as lùb as iathadh, than fhaoghaidga lorgachadh agus gu dian air a thòir. Thionndaidh e romhpa agus thugar as le luathas nan eang, gu dian, siùbhlach. Leagar achroca mòra air a dhruim, agus sinear as le luathas na gaoithe, làn-earbsachna lùs féin, agus suarach mun fhaoghaid fhaoin a bhaga ruagadh. Tha na gadhair mall, ach neo-mhearachdach air luirg. Troimh mhòinteich as bhruthaichibh torimh choilles troimh dhoire, troimhn fhrìdh uile gu seasmhach neo-sgìtheil, faic iad air a luirg. Tha enan sealladh, chualen tathunn, agus thug e as le luathas ùr. Faic ena dheann-ruith sìos troin choire, a mach troimh bhealach nam , nùnn troimh shlochd nan sionnach, suas ri uchd amhill àird, agus faidheòidh, gabhar fasgadh agus tàirngearanail ann an doire na Beinne-mòire. Ach ciod so an fhuaim thaga ruigheachd? Feuch an fhaoghaid a nis gu teann adlùthachadh! Air a luirg tha gach gadhar aruith; agus tha mac-talla o gach craig afreagairt dan tahum. Ghabh am fiadh mòr-eagal, agus teichear an tòir na greigh. Am measg chàich, air leis gum biodh e teàruinte, ach iadsan suarach mun chor anns am faic iad e, seachnaidh e agus fògraidh as aghreigh e gu tur. Air a thréigsinn le gach aon, agus fuaim nan gadharna chluais, tha e fo uamhas, tha eclisgeadh, tha etogail air a rithist, agus le uile luathas agus lùs eang, tha eteicheadhs gun fhios càite. Thachail, a chridhe, a spiorad uile anns an t-siubhal. Mo thruaighe! ’s diomhain a shaothair. Tha tathunn na h-oillt adlùthachadh, tha iad san t-sealladh, dhfhalbh a mhisneach, thachàil air fannachadh, thainig a luathas gu moille. Faic e san lagan ud thall asaothreachadh troin allt le ceum anmhunn, le gluasad na crùbaiche. Tha uaislean na seilg, tha luchd na faoghaid amothuchadh dha so, éisd an iolach àrd! tha beothachadh ùr ann an tathunn nan gadhar, tha iad aige! ciod so e? Chaneil fàth dòchais. Fo chuthach theich an t-eagal, thionndaidh an laoch cabrach, ’an taic stuic seana chraoibhe dharaich, seasar, ’s cuirear an fhaoghaid uile gu dùlan. Faic acheud ghadhar glas a ràinig e, air bàrr a chròic, éisd donnalaich nan con! —tham fraoch dearg lem fuil, ’s tha ladhair an fhéidh asaltairtnan gaorr, thadhòchas a rithisc air dùsgadh, thug e aona chruinn leum àrd thairis orra agus a mach uapa fhuair e; ach, mo thruaighe! bi so an oidheirp mu dheireadh, tha iad fhathastna dhéigh, chaneil tèaruinteachd dha air tìr; leigear e féin a mach air an t-sruth agus gabhar gu snàmh. Bha eilean bòidheach coillteach a mach o thìr, agus deanar ga ionnsuidh; ràinig en tràigh, air a chlaoidh gu goirt, gun chàil gun mhìsneach afeitheamh na faoghaid, faic e afannachadh le sgìos, agus ag ospagaich le geilt. Than t-sealg dlùth; thogadh caithream na buaidh than deur nach robh riamh roimhe air an t-sùil a nis atuiteim; tha egabhail aon sealladh eile air achoilles air an doire air an robh e eòlachs a thaoghail e ann an làithibh a shonais. Slàn leò gu bràth! —A chaoidh cha siubhail e iad; tha luchd a chasgairt a nis ra taobh: strìgh chaneilna chomas; tham buille dol ga bhualadh; ach è uasal an àigh tha le aon fhocal a smachdachadh na faoghaid? è tha tighinn a nìosna dhianruith, thafaicinn an fhéidh thagabhail truais? è tha gairm, Leigibh as e! Faic gach gadhar air a cheangal suas; tha luchd na seilg balbh, ’nan tosd; tha cead nam beann aig an fhiadh; tha seorsa agus sìth, fasgadh agus tèaruinteachd a nisna shiubhalsna ghluasad! Ach è an t-uasal àrd? Thà an Righ dam buin abheinnrigh na dùthcha, ’s e thubhairt, Caomhnaibh am fiadh; thugaibh saorsa dha!

A leughadair! éisd agus thoir fainear; tha gliocas ra tharruing o Fhaoghaid am Fhéidh.

An cual thu riamh iomradh air non dfhiosraich thu féin faoghaid an anama le lagh Dhémar than t-anam air a chur air theicheadh o gach tèaruinteachd bhreugach mheallta, le iarrtais an lagha air a thòir, o àite gu àite, aig faidheòidh am bheil an t-anam air a shaoradh o fhéin-earbsa, agus air a tharruing gu a dhòchas uile chur ann an Criosd agus annsan amhàin airson tèaruinteachd. —Leabhar nan Cnoc.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.


Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIGOs cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-Tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B


Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.


D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C. B.


Indurated Fibreware

Tha an seòrsa so nas daoire na na bucaideans na tubaichean cumanta, achs math is fhiach iad sin; tha iad nas buaine, agus mar sinsiad as saoire.

THE
E. B. EDDY Co
LIMITED
HULL, CANADA.



[64]

[Vol . 6. No. 8. p. 8]

Oran don Phiob Thombaca.

SEISD.

S i mo ghaol a phiob thombaca,
Ged tha misaoithreachgad lasadh,
Mur fàgadh tu maodunn cairtidh,
Ghab mi tlachd dhiot thar gach ni.

S toigh leam thusa mhaduinn reòta,
Chuireadh tu blas feadh mo phòran;
Snuair a thachradh duine còir rium,
Dhfheoraichinn deth“ ’n gabh thu phiob?”
S i mo ghaol a phiob thombaca, &c .

Ged robh càch a sior chair sios ort,
S mise nach creideadh an sgiala
Ged a robh muladga mo liathadh.
Thogadh tu gach fiabhras diom.

Chan eil cailleach, ’s chan eil bodach
Ged robh fiodh as fraoch gu trod orr
Nach tionndadh gu sith bhon chogadh
Nuair gheibheadh iad toil dhen phiob.

S bhon a shin mi riut an eòlas,
S tu mo thoilinntinns mo shòlas,
S chan ionndrainnean sùgh an eòrna
Nuair theid do cheo air feadh mo-chinn.

An àm dol a chadalsan oiche,
Chan iarrainn caidreabh ri maighdinn;
Nan cumadh tu toit us graoim rium,
Chan fhoighneachdainn gu de phris.

Shaoil mi, ’nuair a bha mi gòrach,
Nach dianadh do chaidreabh dhomh;
Ach thug e tarruinn air mo phoca
Na chaidh na do sgròban sios.

Achnuair chuir mi suas do chùnntas,
Sann a chithinn gniomh do smùide,
S chosd mi tuilleadh mor as pùnnd riut,
S cha robh dhùine ann ach mios.

Com na fiallachd, nach iarr airceas,
Lamh a riachaid an tombaca,
M fear nach fiachna bhial a bhlas dheth,
Saoilidh e gur creach gach ni.

S i mo ghaol a phiob thombaca,
Ged tha mi saoithreachgad lasadh;
Mur fàgadh tu maodunn cairtidh
Ghabh mi tlachd dhiot thar gach ni.


Duanag le Saighdear Muileach.

LUINNEAG.

O ho , a nighn donn,
A nighn donn bhoidheach,
O ho , a nighn donn.

Gur-a mistha fo airtneal,
S mi fo bhrataich righ Deòrsa.

Is mi giùlan a ghunna
Ann an cuideachd a choirneil

Thainig litir nach béibhinn
A Duneideann nar còmhail.

Fhuair sinn òrdugh bhith mearsadh
Gu sràid aird nan ceum còmhnard,

Gu sràid aird nan ceum, socrach,
Leis nach dochainnear brògan.

Bha fife fhuaimeach is druma
Ga ar cumail an òrdugh;

Dol air bòrd ann an Lìte;
S rinn sinn cinnteach as seoladh.

Bha luchd-chotaichean ruadha
Gan cur suas an deagh òrdagh;

Luchd nan còtaichean gearra
Gan cur thairis don Olaind.

Gur h-ann feasgar Di-sathairn
Thug sinnn cath. a bha dòineach,

S iomadh te bha gun cheile
N am éirigh Di dòmhnaich.

Agus nighean fir fearainn
Bha na laighe na h-ònar;

N déidh a céilethoirt uaipe,
Is nach fuasgaileadh òr e;

E na shìneadhsan luachair,
S fhuil mughuaillibh a dòrtadh.

Bidh a ceann air a cluasaig
S i ri bruadaran neonach.

S iomadh òganach riomtrach
Bha na shineadh gun deo ann

Fo throm phudhar nan cannan,
A call fala le dòruinn.

Thoir mo shoiridh thar mhonadh
Nunn gu Muile nam mor-bheann,

Far an goireadh a chubhag
Anns gach bruthach roimh bhealltainn.

S thoir mo shoiridh gu mmhathair,
Bhons i dharaich as mòigmi,

Soiridh eile gu mphiùthair,
Tha gam chumhadh gu brònach.

Is an t-soiridh sgu mleannan,—
Theid mi dhachaidh mas beo mi,

Cha do dhfhàg mi thu idir;
Tha do litir am phoca.

GLEANN-A- BHAIRD.


Laoidh.

Mo làithean tha ad laimh;
Mo Dhia, ’s e sin mo dheòin;
Mo bheatha, manam, ’s luchd mo ghràidh,
Earbam ri dmhaitheas mòr.

Mo làithean tha ad làimh,
Ge be a dhiarras ;
Mas dorchno soillse, bròn no àgh,
An is fheàrr ad shùil.

Mo làithean tha ad làimh:
Cuimgeilt is teagamh bochd?
Làmh mAthar ghràidh chan fhág gu brath
A leanabh caomh fo sprochd.

Mo làithean tha ad làimh,
Mo Shlànghear céusda gràidh!
Do làmhan leòntle mpheacadh mòr,
S iad nis maon iùls mo stà.

Mo làithean tha ad làimh,
Riut earbaidh mi a ghnàth;
S aig do làimh dheis, an déigh mo bhàis,
Bidh mi leat shuas gu bràth.


BEAG ACH MOR

Is beag an ni botul deK . D. C.a thaobh meudachd, achnuair a ghabhas tu na bhios ann air son tinneas-stamaig, chi thu cho morsa tha e.

IS E LEIGHSEAS GACH SEORSA DE THINNEASAN-STAMAIG.

Tha daoine mora agus matha Americag a mholadh, oir chuir iad deuchainn air. Nam biodh botull dolair deK . D. C.air a dheanamhna stuth tana lionadh e càrt: mar sin tha e math agus tha moran ann dheth. Cuir a dhiarraidh sampuill.

ThaK . D. C. Pillsanabarrach math air tinneasan cuim.

K . D. C. COMPANY, Limited,
New Glasgow,Nobha Scotia. —agus— 127 State St Boston, Mass.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar duthcha thanar beachd


C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


NIALL Mac FHEARGHAIS,
Taillear.
SIDNI - - - - C. B


$1 .00 air 80c.
Tha tuilleadhsa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dhairgead. Thig mum bin t-am seachad agus
FAIGH BARGAN.
McDonald Hanrahan & Co.
Sidni, Iulaidh 16, ’97.


J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsas fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B.

titleIssue 8
internal date1897.0
display date1897
publication date1897
level
reference template

Mac-Talla VI No. 8. %p

parent textVolume 6
<< please select a word
<< please select a page