[Vol . 6. No. 9. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 27 OGUST, 1897. No. 9.
ANew Zealand.
MARBHADH NAM MUCAN-MARA.
Bha mi toirt dhuibh naigheachdan air na mucan-mara bhi tighinn air tir air na cladaichean so bho àm gu am mar dhearbhadh air iad a bhi pailt. Bha an dùthaich so ainmeil o chionn iomadh bliadhna air son i bhi ’gan iasgach. Bha moran shoithichean a’ taghall na h-acarsaid d’an ainm Russell air son a bhi air an ullachadh leis na h-uile ni air am bitheadh iad feumach. Air cuairtean nan soithichean so bhiodh cuid de na sgioba a’ teicheadh anns na h-eileanan air am biodh iad a taghall. Bhiodhte an sin a’ gabhail Mhaoiries nan àite; bha iad-san tapaidh, làidir, agus furasda ’n ionnsachadh. Bha iad so mhath air glacadh nam mucan-mara agus air deanamh gach seòrs obrach timchioll orra. Leis an eòlais sin chaidh àiteachan-iasgaich a shuidheachadh air rudhachan, bho thuath gu deas an taobh an ear na duthcha. Rognhaicheadh iad àite a bhiodh fasgach air son nam bàtaichean a tharruinn sàbhailte gu tir, agus lamh ri cnoc àrd far am faiceadh iad a’ mhuc a’ séideach. Bhiodh goileadair mor air uidheamachadh air son an t-saill a leaghadh gu olla. Thuit pris na h-olla cho mor ’s nach eil an diugh ach aon sgioba soithich ris an obair; tha iad sinn ann an Russell a dh’ ainmich mi cheana. Tha na mucan-mara ’dol gu deas anns an t-samhradh gus an ruig iad am fuachd. Tha iad an sin a grad-thilleadh air ais dh’ ionnsuidh a bhlàiths, agus a taghall aig an dùthaich so san dol seachad. Tha iad a cumail faisg air tir agus creagan, far am bi uisge domhain; tha seòrsa de bhàirnich a fas air an craicionn, agus ’s math leotha bhi faisg air na creagan gus sin a sgriobhadh dhiubh.
Tha àite àraidh mu leth-cheud mile tuath air an àite so a tha ainmeil air son glacadh mhucan-mara. Tha lùb anns an oirthir, agus creag mu cheud slat bho thir; agus tha uisge gle dhomhainn anns a’ chaol. Thug na h-iasgairean fa near gu robh na mucan-mara ’dol daonnan troimh ’n chaol sin, agus rinn iad innleachd air son an glacadh. B’e ’n dòigh a ghabh iad lion a chur tarsuinn beul a chaoil. Tha an lion sin air a dheanamh air buill iaruinn da òirleach us cairteal a thiuighead. Cha ’n eil snaim air idir mar a bhios air lin eile; tha gach ròp air dhluthachadh ann an ceanglachan a tha air a ghlasadh ann an cuairteig iaruinn mu thri òirlich an croislin; tha so air a h-uile oisinn de’n lion; leis na ceanglaichean so fhuasgladh tha a mhuc-mhara saor. Tha an lion deich aitheamhan a dhoimhnead; agus mu fhichead aitheamh a dh’ fhad, agus ’nuair a theid àireamh mhor mhirean mar so a chur ri chéile, bidh an t-iomlan còrr us ceud aitheamh gu léir. Theid an liōn a chur tarsuinn beul a chaolais, agus buideil mhora air an àite àrcan. Cha teid a cheangal ro thearuinte; cha bhi a bhristeadh cho mor ’nuair thig teann air. Thig a mhuc ’s i ’n duil an lion a sgriobadh air falbh leatha, agus ’s ann an sin a bhios an ùpraid; cha bhi e idir socrach leatha an lion a bhi m’a ceann agus m’a dh’ fhaoidte a ruighinn seachad air a h-earball. Tha na bàtaichean deiseil, le’n cuid ghathan us innealan-marbhaidh eile agus an ùine ghoirid tha a’ mhuc air a cothachadh. Air a bhliadhna so tha bàta beag smùide aca air son riuth astar fada. Tha na closaichean air an tarruinn gu acarsaid a tha faisg air sin d’ an ainm Whangamumu, far am bheil laimhrig, taighean agus goileadairean mora air son an t-saill a leaghadh. Tha muilleam ann cuideachd anns am bheil na cnamhan air am bleith ’s air an deanamh freagarrach gu bhi air an cur a mhathachadh fearainn. Tha an fheoil, am mionach, agus gach òtrach us eile air an cur gu feum mar an ceudna; cha ’n ’eil ni gun fheum fhéin. Cha b’ àbhaist do’n sgrioba ghlacadh ach ceithir no coig gach bliadhna, ach leis an innleachd ùr so, ghlac iad o chionn da bhliadhna mu fhichead muc-mhara. Cha ’n eil iad cho pailt aig an àm so leis an aimsir a bhi cho blàth; cha do ghluais iad o’n fhuachd fhathast.
IAIN ROTHACH.
Rudha Mharsden, N. Z., 7, 7, ’97.
Eachdraidh Innse Gall.
Tha fios agaibh gun d’ thug fear Mr. Màrtainn sgriob air feadh nan eileanan o chionn dà cheud bliadhna. Sgriobh e leabhar air na nithean a chunnaic agus a chual e. Fhuair mi grein o chionn ghoirid air a chuid mhòr do na sgriobh e mu thimchioll Leòdhas, agus fhuair mi mòr thoileachas ann a bhi ’ga leughadh. Is ann ’am Beurla a sgriobh Mr. Màrtainn, ach smuainich mi gun tugadh e taitneas do chuid do mo luchd-duthcha a bhi a leughadh nan cainnt fein, am beagan so do sheann eachdraidh an eilean. Tha Mr. Màrtainn a sgriobhudh mar a leanas. “Is e na pòran a tha iad a reic an so, eòrna, corca, agus seagal(rye) ,agus tha aca mar an ceudna lion agus còcrach. Tha muìnntir an eilean a braicheadh iomadh seorsa deoch, mar a ta an t-uisge beatha cumanta, agus a ris feur ris an abrar iad treas-tarruing’ (treas-tarrig). Tha e so laidir agus teth agus their muinntir an aite ris ‘uisge beatha Baul.’ Tha da’ làn spàinne gu leoir dhe an fhear so, agus ma dh’ olas neach barrachd air a sin cuiridh a stad air anail, agus cuiridh e a bheatha ann an cunnart. Tha an dà sheorsa deoch so air an deanamh de chorca.
“Mun cuairt air seachd mile a deas air Steòrnabhadh tha acarsaid mhaith ris an canar na ’H-eileannan Beithe’ (Birken Isles)an taobh a stigh do na Bhàgh ris an canar Loch Chalum-Chille. Tri mile a deas air a so tha Loch Erisfhord. Tha muinntir an aite a cleachdadh moran eathraichean cuideachd, a ruith an deigh na mucan-mara, ga leantuinn a stigh do na bàigh, gus an lot iad aon dhiubh gu bàs, agus an sin ruithidh i gu tir. Tha a chuid mhor do na mucan-mara air an itheadh leis na daoine cumanta. Tha moran do Chroimheal goirid(coral)a fas air cladach an eileain so. Tha e mu’n cuairt air sia òirlich air fad agus cho tiugh ri ite geoidh. Tha moran dheth a fàs air cladach Loch Shifhord. Tha seann chleachdadh aig muinntir Bharbhais a bhi a cuir duine air a cheud la de na Chèitean seachad trath ’sa mhaduinn air Amhuinn Bharbhais a chum agus nach d’ theid boireannach seachad orra an toiseach, oir tha iad ag radh nan tachradh sin gun cumadh e na bradain fo dhol suas air an amhuinn fad na bliadhna.”
Tha cuid de thobraichean an so aig a bheil buaidh iongantach, mar a ta an tobar aig Loch Càrbobhadh nach gealaich anart ged a chaidh fheuchain gu tric le muinntir an aite. Cha bhruich an t-uisge ann an tobar Eaglais Còstens biadh sam bith ged a robh e a goil fad la. Tha tobar Anndra an Siadair air a cleachdadh an uair a bhios duine tinn airson a dhearbhadh ma dh’ fhàsas an duine slan no nach fas. Cuiridh iad neach le saitheach fiodha a dh’ iarraidh beagan dheth an uisge, leigidh an duine sin an soitheach gu socrach aìr uachdar an uisge agus ma thionndaidheas an soitheach deiseal thig an duine air adhart ach ma’s ann tuathal bàsaichidh e. Tha caochladh dhaighnichean, cuid gu nadurrach, agus cuid air an togail le lamhan anns an eilean so, mar a ta Dun-Othail, Dun-Coradil agus Dun-Eisten. Tha dun beagan mhìltean a tuath air Bragair air a dheanamh do chlachan mora. Tha e cruinn agus a fas caol na mhullach agus tha e trì stòir air arda. Tha am balla dùbailt agus tha moran staidhreachan agus dhorsan ann agus mar sin is urrain neach a dhol timchioll an taobh a stigh dheth na ballachan. Tha moran charn chlach air a chruinneachadh air onuic agus cuid dhiubh fada fo aite sam bith ann a bheil clachan mar a ta Cairnwarp faisg air Beinn Mhùrnag.”
[Vol . 6. No. 9. p. 2]
CLEACHDANNAIBH NAN GAIDHEAL ANNS NA H-AMANNAIBH A DH’ FHALBH.
Is mòr an tàing a tha dligheach do ’n Tì a ta ’riaghladh os ar ceann gu ’m bheil sìth agus suaimhneas ’n ar tir agus gu ’m bheil sinn fein agus ar cuid air ar dionadh o gach reubainn agus spùilleadh a bha air an cleachdadh anns gach cearnadh dhe ’n Ghaidhealtachd ri linn ar roimh-aithriche. Is lionmhor cath fuilteach agus creach dhéistinneach, air am feudadh cunntas a bhi air a thoirt, a thachair anns an dùthaich far an d’ rugadh sinn eadar na fineachan. Cha robh a’ Ghaidhealtachd anns na h-amannaibh sin, mar a tha i an diugh, air a dionadh le laghannaibh cruaidh agus cothromach, agus bha a’ bhuil air a’ ghnothuch, oir bha gach ni anns na làithibh buaireasach sin an crochadh ri faobhar a’ chlaidheimh, agus b’ iad na fineachan bu chliùitiche iadsan bu diorrasaiche chum gach creach agus sgrios a chur air an aghaidh.
Tha ’n fhirinn gu ’n robh cùisean mar sin, air a deanamh soilleir leis an iomradh a ta againn ann an eachdraidh air gach aimhreite agus tagluinn a bhn eadar na cinn-fheadhna o shean; ach is iomadh gniomh cruadalach a rinneadh air am bheil eachdraidh na rioghachd gu tur ’n a tosd, agus air am bheil iomradh againn a mhàinn trid béul-aithris. Nach lionmhor gniomh euchdach agus allail a rinneadh ann an garbh-chriochaibh na h-Alba, ri linn an tréun-laoich ghaisgeil sin Rob Ruadh Mac Griogair! Bha Rob Ruadh ’n a chuiridh làidir agus teòma, ach an déigh sin rinneadh iomadh euceart agus fòirneart air, agus feudar a radh m’a thimchioll:—
Chaidh e stigh do na blàraibh,
Le mòr-shunnd agus làn toil;
’N àit bhi meath-chridheach, sgàthach,
’S ann bha mhisneach ’sir fhàs da;
’S ged bu tric e ’s an àr-fhaich’
Thug a thuigse ’s a thàbhachd,
Da a mach a’ bhuaidh-làrach,
’S cha bu mhios a làmh air an tòir.
Ach aimhreiteach ’s mar bha staid na dùthcha ann an làithibh Roib Ruaidh, bha i moran ni bu mhiosa linntean roimhe sin, an uair a bha beatha agus bàs gu h-iomlan ann an làmhaibh nan ceann-feadhna. Ach dh’ aindeoin gach fuil a dhòirteadh, cha robh e an comas lagh na rioghachd an toirt fo smachd. Co-dhàingnichidh an sgeul a leanas sin agus ioma sgeul eile a dh’ fheudadh a bhi air an aithris cosmhuil rithe.
Goirid o cheithir cheud bliadhna roimhe so rugadh oighre air Gart, aig bun Ghlinn-Liobhainn do ’n d’ thugadh cioch le t’e de Chloinn Dhiarmaid. Bha dithis mhac aice, aon diubh comh-dhalta do oighre Ghairt, agus am fear eile na bu shine na sin. Dh’ fhàs an t-oighre suas ’na òganach sgiamhach agus gaisgeil, agus cha robh a chomh-dhalta a bheag sam bith air deireadh air, a thaobh misnich agus tàbhachd. Aig an àm sin bha an earrann bu mho de Ghleann-Liobhainn le cloinn Iabhair, cinneach dalma agus cruadalach, a chaill còir air an oighreachd goirid an déigh do ’n sgéul a leanas tachairt. Dh’ éirich aimhreite eadar am mac a b’ òige bh’ aig banaltrum oighre Ghart, agus aon de chloinn Iabhair; agus air do ’n òganach moran tàmailt fhaotainn thubhairt e ri Mac Iabhair, “Mar is beò mise, a Mhic Iabhair, bheir oighre Ghart ort gu ’n diol thu air son so fathast.” Dhealaich na fir agus cha do chaill an t-òganach agus a bhràthair uine sam bith gus an d’ thug iad Caisteal Ghart orra, a chur an ceill do ’n uachdaran mar a thachair. Chual Clann Iabhair gu ’n do ghabh na h-òganaich an t-slighe gu Gart agus air ball, chuir iad an ruaig orra. Thàinig iad air an da bhràthair gun fhios gun aire dhoibh, ach air doibhsan an cunnart fein fhaicinn ghrad léum iad a stigh do linne dhomhainn ann an Liobhiann ’s an dòchas nach leanadh Clann Iabhair leis an eagal iad. Ach ged nach deachoidh Clann Iabhair a stigh do ’n amhainn, gidheadh, thilg fear diubh saighead air na h-òga bha ’s an linne, —leònadh comh-dhalta Ghart gu searbh, —thuit e sios do ghrunnd na linne, agus bhàthadh e. B’ e Dòmhnull Mac Dhiarmaid a b’ ainm da, agus goirear, “Linne Dhòmhnuill” ris an àite gu ruig an là an diugh! Fhuair an t-òganach eile comas teichidh, agus ràinig e Gart. Dh’ innis e do ’n tighearna òg mar a thachair, agus air da a bhi làn corruich air son mar a bhuin Clann Iabhair ri chomh-dhalta, chuir e roimhe bir ball aichmheil a thoirt a mach, agus a bhàs a dhioladh. Chruinnich e gu h-ealamh a chuid daoine, agus ràinig e Gleann Liobhainn air an ceann. Air do Mhac Iabhair cùisean a thuigsinn, chruinnich esan, mar an ceudna, a luchd-leanmhuinn fein, agus chòmhlaich e Gear-Ghart aig meadhon a ghlinne. Air do na seoid coinneachadh, chuir iod fàilt air a chéile, agus labhair iad dh’ fheuchainn an rachadh cùisean a shocrachadh gu ’n bhuille a bhualadh. Bha breacan air guaillibh Ghart air an robh taobh dearg, agus taobh dorch, agus thuirt e r’a chuid daoine, iad a bhi deas gu bualadh air na naimhdibh gun mhoille, gun bhàigh, na ’n cuireadh esan taobh dearg a’ bhreacain a mach! Is gann a thug e an àithne so seachad, an uair a rinn Mac Iabhair fead, agus ghrad leum moran dhaoine fo ’n làn armachd á bad coille a bha goirid o laimh, agus sheas iad maille ri ’n ceann-cinnidh, agus ris na fearaibh a bha còmhladh ris, a labhairt ri Gart. “Co iad sin,” ghlaodh Fear-Ghart, “agus ciod an gnothuch an so?” “Is iad sin,” ars’ Mac Iabhair, “treud de na h-earbaibh agamsa, a ta léumnaich air feadh nan tonn agus nan creag.” “Direach ceart,” ars an t-òigear eile, “ma ’s ann mar sin tha ’chuis, tha ’n t-àm agamsa a bhi ’gairm mo mhiol-chon.” Ghrad-thionndaidh e an taobh dearg de ’n bhreacain a mach, agus am priobadh na sùla, bha na fir am badaibh a cheile. Car ùine bha ’n tuasaid teth agus garg, agus bha closa chean nam marbh ’n an luidhe gu tiugh air an raon. Ma dheireadh, theich a’ chuid a bha lathair de chloinn Iabhair, —thug iad na beanntann orra, agus a mach o’n là sin chaill iad am fearann. Tha e air innseadh nach bu mhor a chaill Gart anns an tuasaid sin, ach gu ’n do thuit corr agus seachd fichead de na Liobhannaich thruagha, agus gu’n d’ fhàgadh an closaichean gu ’n deo re na h-oidhche air na raointibh far an do thuit iad.
Tha iomadh cuimhneachan air an là fhuilteach sin fathast anns a’ Ghleann an do thachair e. Mu ’n do thòisich an cath, thilg fir thighearna Ghart an cuarain bhàrr an cosaibh, a chum gu ’n ruitheadh iad na bu luaithe air an tòir, agus theirear “Leac nan cuaran” fathast ris an àite ’s an d’ rinn iad sin. Tha mar an ceudna “Rùisgeach,” “Lagan a’ chatha,” agus “Camus nan càrn,” mar ainmean fathast air na h-àitibh sin far an do rùisg iad an claidhean, —an do chuir iad an cath, —agus an d’ adhlaic iad na daoine a thuit. Tha ’n amhainn fein ’n a cuimhneachan air an la fhuilteach sin, oir roimh an àm sin, b’e “Duibh” a b’ ainm do’n amhainn, agus “Gleann Duibh” a b’ ainm do ’n ghleann. Ach an uair a phill Fear-Ghart agus a chuideachd o’n ruaig, “lîobh” no ghlan iad an claidhean fuilteach anns an amhainn, gus an robh an t-uisge dearg; agus an sin, ghlaodh an ceann-cinnidh a mach, ag ràdh, “Cha ghoirear ‘Duibh’ mar ainm air an uisge so tuilleadh, oir, o là liobhaidh nan arm, bithidh ‘Lîobhann’ mar ainm air ‘Duibh. ’”
Féudar a nis cunntas a thoirt air la fuileachdach eile a thachair goirid o’n àite cheudna, beagan bhliadhnaichean roimh àm na téugmhail eadar Fear-Ghart agus Mac Iabhair.
Thàinig tighearn Airdghobhar air sgriob do Raineach, agus phòs e nighean do thighearna Shruthain, ceann-cinnidh Chloinn-Dhonnachaidh. An uair a thug fear Airdghobhar a bhean fein leis dh’ ionnsuidh a’ chaisteil fein, chuir Fear Shruthain coignear ghillean sgairteil maille ri ’nighinn, a bha ’n an càirdibh dileas dh’ i fein, agus anns am feudadh i a h-earbsa a chur am measg choigreach. Thug uachdaran Aird-ghobhar seilbh fearainn do ’n choignear òganach sin dlùth d’ a h-àite comhnuidh fein, agus rinn e gach ni ’n a chomas chum gu ’n soirbhicheadh leo. Bha iad measail aig muinntir Airdghobhar air sgàth na baintighearna, air an robh mor-mheas aca, agus cha ’n eil teagamh, nach gabhadh iad fein, agus an sliochd ’n an déigh comhnaidh air fearann Airdghobhar, mur b’e mar a thachair. Bha gach aon de ’n choignear a chaidh á Raineach, tréun agus gaisgeil, ach thug am fear bu lugha dhiubh barrachd air càch uile do thaobh gaisg’ agus tapachd, ach gu sònraichte do thaobh a theomachd eucaich le bogha agus le saighid. B’e Alasdair Beag Mac Dhonnachaidh a’ b’ ainm do ’n òganach ealanta so, agus cha b’ fhad gus an do dhùisg a lùth-chleasan eud agus gamhlas ann an cridheachaibh luchd-leanmhuinn Airdghobhar ’n a aghaidh. Là de na
[Vol . 6. No. 9. p. 3]
làithibh dh’ éirich connsachadh eadar Alasdair Beag agus òganach sgiamhach eile de mhuinntir Airdghobhar. Chaidh na fir am fionnsgan a chéile, ach cha b’ fhada gus an do leag Alasdair Beag an t-òganach gun deò air an làr! Cha deanadh fuireach feum tuilleadh; b’ éigin do Mhac Dhonnachaidh am fireach a thoirt air. Thug e na buinn as air ball, agus cha do ghabh e tàmh no fois gus an d’ ràinig e a cheann-feadhna euchdach agus cruadalach fein, “Iain Dubh Gear,” no mar a theireadh iad ris, “Iain Dubh nan lann,” a bha ’gabhail comhnaidh ann an Gleann Duibh, ris an abrar a nis Gleann-Liobhainn. Dh’ innis e do ’n tréun-laoch Iain Dubh, mar a dh’ éirich dha ann an Airdghobhar, agus thubhairt Iain ris, “Cha ’n eagal duit, a Mhic Dhonnachaidh; gabh fasgadh fo m’ sgéith-sa, agus ma thig mac màthar á Airdghobhar a chur dragh’ ort, cha teid e dhachaidh a dh’ innseadh a sgeoil.
Fàgaidh sinn a nis Iain Dubh agus Alasdair Beag ann an Gleann-Liobhainn, a’ tighinn air an gniomharaibh gaisgeil fein fa seach, agus theid sinn le ’r sgeul, car tamuill bhig do Shrathghlais, ann an siorramachd Inbherneis. Air là àraidh bha ’n Siosalach, uachdaran Shrathghlais, agus buidheann thaghta maille ris, a mach a’ sealgaireachd air feadh nam beann. Air doibh a bhith air an sàruchadh le siubhal nan beann, chaidh iad a steach aig cromadh an anmoich do bhothan bantraiche truaighe, a bha ri taobh an rathaid, agus gun a cead iarraidh mharbh agus dh’ ith iad an t-aon laogh a bha air a seilbh. Co a thachair a bhi stigh ’s an àm ach duine bochd á Gleann Liobhainn, a bha siubhal o àite gu àite ag iarraidh na déirce. Cha robh na cùisean a’ còrdadh ris an duine bhochd, air chor sam bith, agus thòisich e ri bhi ’cur dheth agus a’ gearan. Thionndaidh an Siosalach, agus thubhairt e, “Ciod a tha ’cur ort, a bhodaich leibidich, dhranndanaich?” “Cha ’n eil a bheag,” deir an duine bochd, “ach tha fios agam air aon ni, ’s cha bhinn leat a chluinntinn, —tha fios agam far nach biodh a chridhe aig an t-Siosalach e fein a ghiulan mar a rinn e ’s a’ bhothan so.” Las an ceann-cinnidh uaibhreach le corruich, agus thubhairt e, “Innis domh, a bhodaich, c’àit nach biodh a chridhe agamsa mo thoil fein a dheanamh?” “Tha,” deir am bodach, “ann an dùthaich Iain Duibh nan lann.” Mhionnaich an Siosalach gu ’m biodh dearbhadh aigesan air sin mu ’n rachadh moran làithean seachad. Thuig an duine bochd nach biodh cùisean réidh, agus cha do chaill e ùine sam bith gus an d’ ràinig e Iain Dubh nan lann, agus gus an d’ innis e dha focal air an fhocal mar a thachair. Fhuair Iain Dubh coire mhor do ’n duine bhochd air son a luathais-theanga, ach thug e maitheanas da, agus thòisich e air gach ni a dheanamh deas air son teachd an t-Siosalaich. Cha b’ fhad a chuir an Siosalach dàil ’s a’ ghnothach, oir cha deachaidh seachdain thairis, an uair a bha fir Shrathghlais, agus an uachdaran air an ceann air fraighibh Ghlinn-Liobhainn. Bha freiceadan aig muinntir a’ Ghlinne a mach a ghabhail beachd air gach beinn agus beallach, agus chunnaic iad na Tuathaich naimhdeil a’ tarruing am fagus. An uair a roghnaich an Siosalach àite-taimh freagarrach air a shon fein, agus air son a cheatharnach, chuir e teachdaireachd dh’ ionnsuidh Iain Duibh, ag innseadh dha cuirm a bhi deas aige air son beagan cuideachd a bha teachd a dh’ amharc air o’n àirde-tuath; “agus mur bi,” —ars an Siosalach, ach cha dubhairt e tuilleadh. Fhuair Iain Dubh an teachdaireachd, agus thuig e gu ro mhaith a seadh. Ghrad chuir e fios air ais gu ’m biodh gach ni deas a bha freagarrach air an son, agus iad a thighinn air an aghaidh gu h-ealamh, “ach,” ars Iain Dubh, “ma thig,” —agus stad e an sin. Thuig na laoich air gach taobh gu ’n robh na cùisean gu bhi garbh, agus air gach taobh rinneadh gach uidheamachadh air a son. Chaidh na Siosalaich gu faiceallach air an aghaidh, agus bha Iain Dubh mar gu ’m b’ ann air eutromas-céille le mire-chatha, chum deannas cruaidh, teth, a thoirt doibh. Bha seachdnar mhac aige, òganaich co ealant’ agus clis ’s a ghiulain riamh iubhar, agus saighead, agus dòrlach! Chaidh ceathrar diubh air laimh dheis an athar, agus an triuir eile air a laimh chli, maille ris an robh mar an ceudna, Alasdair Beag Mac Dhonnachaidh, a bha comharraichte ’n a linn fein air son cuimse a ghabhail le saighid. Thairinn an Siosalach air ceann a chuid dhaoine, chum na h-aibhne, an uair a bha na Liobhannaich thall fa ’n comhair air an taobh eile. Bha ceann-feadhna Shrathghlais air éideadh o ’bharr gu ’bhonn le lùirich-lannaich, clogaid, agus ceann-bheart, air chor ’s nach ruigeadh saighead air a leonadh. Bha ’n là soilleir, grianach, teth, agus chunncas gathanna na gréine miltean air astar, a’ dearrsadh mar ghrad-bhoisgeadh an dealanaich air armachd nan laoch! Thog an Siosalach a chlogaid suas os ceann a shùl, agus air a’ mhionaid sin thilg Alasdair Beag saighead a bhuail an clàr an aodainn air ceannard Shrathghlais! Ghrad spàrr an duine leònta a làmh, air an lot, ach ghlaodh Mac Dhonnachaidh, “A Shiosalaich, gheibh thu an t-saighead air do chùlaobh,” —ach bha ’n Siosalach gun chomas freagairt, oir thuit e marbh ’s an làraich. Tha ’n t-àite far an d’ thug e suas an deò fathast air a chomharrachadh a mach le cloich mhoir, ris an abrar gus an la ’n diugh,— “Clach an t-Siosalaich.” An uair a chaill na naimhdean an ceannard, threig am misneach iad, agus thionndaidh iad an cùl air na Liobhannaich. Chuir Iain Dubh Gearr an ruaig orra, agus cha d’ fhàgadh mac màthar diubh beò, ach am piobaire a mhàin. Thugadh cead dhàsan dol dhachaidh a dh’ innseadh sgeul a’ bhròin d’a chàirdibh agus d’a chinneadh. Beagan an deigh sin thug Iain Dubh nan lann a nighean ’n a mnaoi do Alasdair Beag Mac Dhonnachaidh, agus tha e air aithris gu ’m bheil an sliochd-san fathast lionmhor anns na criochaibh sin.
Bha na h-amanna sin searbh agus garbh, ach chaidh iad seachad. Uime sin, biodh an luchd-leughaidh uile, agus muinntir na tire gu leir, taingeil do ’n Uile-chumhachdach, nach eil eòlas aca air na h-amannaibh sin, ach a mhàin ann an iomradh, agus ann an eachdraidh. —SGIATHANACH, ’sa Ghaidheal.
Calldachadh na Mnatha Ceannlaidir.
Bha tuathanach, uair a bha sud, ann an Craignis ann am baile d’ an ainm Barrabaothan, agus cha robh aige ach aon nighean. Bha an nighean so na ’searbhanta air leth math, ach bha i air a milleadh le a màthair, agus air di a bhi mallaichte, ceannlaidir, na ’nàdur, bha cead aice gach nì a dheanamh a thogradh i. Bha a rìs, fear-an-tighe fo smàig aice fhein ’s aig a màthair ionnus nach fhaodadh e ni air bith a dheanamh ach mar a dh’ òrdaicheadh iad dha. Dh’ fhéumadh e tòiseachadh air obair anns a’ mhadainn an uair a dh’ iarraidh iad air, agus cha’n fhaodadh e sgur gus am faigheadh e an cead.
Ann an Ascnis, baile fa ’n comhair, bha gille òg ag cumail na h-oibre air a h aghaidh mar a b’ fhearr a b’ urrainn da, agus gun aige do chùl-taice ach a mhàthair. An àm Earraich ’us Fogharaidh bhiodh iad ga ’n sàrachadh gu goirt leis nach robh aca ach iad fhein. Bha fhios aig an tuathanach òg gur h-e lìonmhorachd nan làmh a ni aotrom an obair, agus smaoinich e nach b’urrainn da ni a bu fhreagarraiche ’dheanamh na bean fhaotainn. An deaghaidh so a bhi greis a’ ruith na ’mhailthean thuirt e, là ’bha sin ri ’mhàthair, agus iad aig am biadh, gu’n robh e am beachd pòsadh. “Ma tà, a mhic,” ars ise, “tha sinn gun teagamh air ar cur h-uige glé mhór ’s gun againn ach sinn fhein, agus ma gheobh thu té fhreagarrach, tha mise làn toileach; cha mheas thu e cearr dhomh ’fheòraich co a tha na d’bheachd.” “Ma tà, thà dìreach nighean fear Bharrabaothain.” “Ni Math ga ’r dion! A mhic gu dé thà thu ’ciallachadh? Nach ’eil ’fhios agad gu’m bheil i air droch ainm fhaotainn am fad ’s am fagus?” “Thà gu math, ’s ge do thà, cha’n ’eil aon ’s an àite a theid air thoiseach oirre ann an searbhantachd.” “Tha i sgairteil gu leòir,” ars ise, “ach an uair a thig i faodaidh mis’ an tigh fhàgail.” “Cha’n fhaod idir,” os esan, “ ’s cha smaoinich sibh air; na bithibh fo iomaguim sa bith, bheir sinn deuchainn di co dhiùbh.”
Chuir an gille, an sin, a ghnothuichean an òrdugh, agus an ùine ghoirid rinn e deas gu falbh g’a h-iarraidh. An uair a bha e fàgail an tighe thuirt e ri a mhàthair i chur gach ni ann an òrdugh cho math agus a dh’ fhaodadh i, agus gun i ghabhail suim dheth-san ged a gheobhadh e coire dhi an uair a thilleadh e. Thuirt ise gu’n deanadh i sin, agus dh’ fhalbh e.
An uair a ràinig e bha fear Bharrabhaothain a mach ’s an dail a’ treabhadh. An
(Air a leantuinn air taobh 70.)
[Vol . 6. No. 9. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, . . . $1 .00
Sia miosan, . . . .50
Tri miosan, . . . .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobhad ach air aon taobh d’ an duileig, agus, nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher ‘Mac-Talla,’
Sydney, Cape Breton
SIDNI, 27 OGUST, 1897.
Tha duine anns na Stàitean an dràsda ag agairt còir air mor-roinn Nobha Scotia. Tha e toileach a dhearbhadh gu ’m buineadh an dùthaich d’a shinnsirean le còir o righ na Frainge, agus tha e ’deanamh a mach gu bheil gach còir a thug righrean na Frainge d’ an iochdarain seasmhach gus an latha ’n diugh, a thaobh nan còrdaidhean a bh’ air an deanamh eadar an Fhraing us Breatann nuair a fhuair Breatunn còir air Nobha Scotia. Ach ’se ’s dòcha nach fhaigh e greim air Nobha Scotia idir; tha e tuilleadh us fada gun a chòir a chur an céill.
Chaidh dithis nighean oga a bhàthadh ann an acarsaid Halifax Di-màirt s’a chaidh. Bha iad fhein us piuthar dhaibh a mach a snàmh, agus chaidh iad-san a mach far an robh an t-uisge ro-dhomhain. Bha am màthair air tir ’gan amharc, agus ’nuair a chunnaic i ’n cunnart anns an robh iad, chaidh i a mach, ach cha d’rinn i ach a beatha fhéin a chur an cunnart, gun chuideachadh sam bith a dheanamh leotha-san. Bu nigheanan iad do Ioseph Brown, a tha ’na cheannaiche anns a bhaile.
Chaidh gille òg, aois sheachd bliadhn’ deug, Iain Ailein Mac Aoidh, a bhàthadh ann an dama muillne faisg air Dundas, E. P. I., feasgar Di-luain. Bha e-fhéin us triùir ghillean eile a’ snàmh, agus dh’ fheuch esan ri snàmh o thaobh gu taobh dhe ’n dama; ach chaidh a chasan an sàs ann am fiar-fiadhaich, agus chaidh e fodha. Cha b’ urrainn do chàch cuideachadh sam bith a thoirt da; bha bàta air an dama, ach bha na ràimh fo ghlais anns a mhuillinn.
Tha ministeir anns an tigh-obrach anKingston , Ontario,air son mort a mhnatha. An la roimhe dh’ aidich fear a th’ anns a phriosan anIndianapolisgu’ m b’ esan agus fear no dha eile a rinn am mort. Bha iad air son an tigh a robaigeadh. Tha mo an de ’n luchd-lagha dhe ’n bharail gu bheil e ’g innse na firinn.
O chionn ghoirid bha gille beag a’ cluich air fàradh, air madainn na Sàbaide. Shuidh e air fear dhe na rongais, ’s bha e ’g oibreachadh a chasan mar gum biodh e’ cuir mu’n cuairt cuidhle. “De tha thu cluich mar sin?” arsa mhathair. “Tha mi cluich gur e ’m fàradh-sa mo bhaisicle,” ars’ esan. “Nach eil fhios agad nach eil e ceart a bhi suibhal gu diomhainn le baisicle là na Sàbaid?” “O mhamaidh, ach tha mise cluich gur h-Iudhach mi.”
Tha e air aithris gu robh dà Eirionnach aon uair a’ glanadh a mach tobar domhainn. ’Nuair a bha ’n obair ullamh, thòisich am fear a bha gu h-àrd air tarruinn air an ròp a bha togail an fhir eile. Bha ’n ròp a ruith thairis air ulag a bha gu h-ard os-cionn teis meadhoinn an tobair. An deigh dha a charaid a thogail leitheach slighe, dh’eigh e, “A Phat, cum greim ort fhéin gus an cuir mise smugaid air mo làmhan.”
Mamaidh a’ ceasnachadh a ghille-bhig mu thimchioll gleadhraich air choireigin:— “Mo ghille maith, shaoil leam gu’n dubhairt thu rinn gur h-e ’n gille beag ’san tigh ud thall a rium a fuaim uile gu leir.” “Thuirt, a mhamaidh. Thuibhairt mi sin. ’Se rium e cuideachd. Bha mise a gabhail dha le maide!”
Ann an aon eaglais am baile-mor Lunnainn, bha ochd càraidean deuga air am pòsadh air a’ cheud Shàbaid dhe ’n mhios so. Tha an latha sin gle mheasail aig càraidean òga air son pòsadh, ach ’s fhada ’n ùine o nach deachaidh àireamh cho mor a phòsadh air an aon stòl.
Fhuair sinn airgead ann an litir air an t-seachdain so, agus gun sgriob sgriobhaidh innte a dh’innseadh co chuir ugainn e. Chaidh an litir a chur an làmhan a phosta ann an baileVancouver , B. C.Am bi esan a chuir ugainn e cho math ’s gu’n innis e dhuinn co e.
Tha an crithneachd air fàs gu math daor air an fhoghar so; tha e nise creic air dolair am buiseal. Ma chumas a’ phris cho àrd sin, ni tuathanaich Mhanitoba ’s an Iar-Thuath am fortan, oir tha ’m bàrr crithneachd anabarrach trom am bliadhna.
Cha do ghabh na Stàitean a stigh EileananHawaiifhathast, ged a bha ’san ainm gu robh sin ri bhi air a dheanamh an ùine ghoirid. ’Se ’s coltaiche nise nach eil an t-aonadh gu bhi air a dheanamh idir.
Duine gun each, gun eithear, is fad’ a shac air deireadh.
Cho fad ’s a bhios fiodh ’s a choill, bidh car anns a Charranach.
Cha’n urrainn an sionnach fhéin a bhi ruith daonnan daonnan.
D’ fhag Lachunn a chroit. Cha ’d fhag is i a chroit a d’ fhag Lachunn.
MacCoinnich & Co.
Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh
ANN AN LOUISBURG,
agus tha sinn aig an àm cheudna a’ cumail air adhart air an t-seann laraich,
ANN AN SIDNI.
Aodaichean Matha dhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.
Theid sinn an urras air an obair.
Mac Coinnich & Co.
F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC
An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn.
Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J Morley.
Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air.
Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.
Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. A seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.
THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin.
Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aigExhabition Chanadada uair.
Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.
Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille-mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. MacFhionghain, Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitche’s Creek.Tha mu dheichair fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.
[Vol . 6. No. 9. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Leugh ainmean na feadhnach a phàigh. Am bheil d’ ainm fhéin ann? Am bu choir e bhi ann? Cuin a bhitheas e ann?
Chaidh còrr us ceud sabhal a chur as a chéile ’sa mhilleadh ann an Ontario o chionn da sheachdain air ais. Bha stoirm mhor ann, le tàirneanaich us dealanaich.
Chuireadh ochd fichead us tri mile deug (173,000) tunna guail a mach as na mèinnean a tha fo làimh cuideachd a ghuail, air a mhios a dh’ fhalbh. Bha sin na b’ fhearr na rinneadh mios sam bith roimhe.
Chaidh dithis dhaoine bhàthadh ann an acarsaid Halifax oidhche Di-luain air an t-seachdain s’a chaidh. Thuit fear dhiubh a mach á bàta, agus ged a bha àireamh ’ga fhaicinn chaidh a bhàthadh. Bu sheòladair bhar soitheach Suaineach am fear eile.
Thatar a’ deanamh moran càise ann an Eilean a’ Phrionnsa. Tha aon duine, T . J. Dillon,a laimhsich fiach da cheud gu leth mile dolair dheth o thoiseach an t-samhraidh. Bu chòir do thuathanaich Cheap Breatunn a bhi deanamh barrachd caise na tha iad.
Gheibhear anns an àireamh so ainmean na feadhnach a phàigh o chionn da sheachdain. Tha “Iadsan a phàigh” a’ fàs beagan na ’s lionmhoire, ach tha gu leór nach d’ rinn an dleasanas fhathast. Tha sinn an dòchas nach dean iad an tuilleadh dearmaid air MAC-TALLA.
Tha coi-thional Ghrand River a’ cur gairm aon-ghuthach dh’ ionnsuidh an Urr. Iain Fhriseil, ministeir a’ Chladaich a Tuath. Tha Mr. Friseal an deigh gairmean fhaotainn á àireamh choithionalan o chionn dha no tri bhliadhnaichean air ais, ach cha ’n fhac’ e fhathast an t-slighe reidh roimhe gus an t-àite anns am bheil e fhàgail.
Fhuaireadh corp duine air cladachSight Point,faisg air Mabou la na Sàbaid s’a chaidh. Bha na casan ’s na lamhan air falbh dheth, agus an fheoil air cnàmhadh. Cha ’n eil fhios có e, no c’àite ’m buineadh e. Bha pàirt de chuid aodaich uime, ach cha robh ni anns na pòcaidean. Chaidh a thiodhlacadh ann an cladh nan Caitliceach am Mabou.
Chaochail boirionnach d’ am b’ ainm Lùsaidh Nic Fhionghain ann an Acarsaid Chloinn Fhionghain air an t-seachdain s’a chaidh. ’Se dh’ aobharaich a bàs leònadh a fhuair i anns an aodunn le forc fheòir. Bha i-fhéin agus te eile ag obair air mir fheòir, nuair a chaidh an fhorc a bh’ aig an te eil ’n sàs ’na h-aodann-se, ’ga leònadh cho dona ’s nach robh i beò ach beagan lathaichean.
A sheachdain gu la na Sàbaid s’a chaidh, fhuaireadh Micheil Mac Leoid, fear-cumail an tigh-sholuis airPoint Prim,E. P. I., marbh na leabaidh. Bha e cumail an t-soluis o chionn cheithir bliadhna fichead. Bha e coimhead an t-soluis fad na h-oidhche, chuir e as na lampaichean ’sa mhaduinn, agus chaidh e dhachaidh a chaochladh. Bha e tri fichead bliadhna ’sa deich a dh aois. Cha robh duine anns an tigh ach e-fhéin. Cha ’n eil fhios co-dhiu bha gus nach robh e tinn.
Tha Sacramaid na Suipeir ri bhi air a frithealadh aig naForks ,la na Sàbaid. Thatar ag obair air eaglaisSt . Andrew’s, agus cha bhi i ro fhreagarrach air son na seirbheis a bhi innte; mheasadh iomchuidh mar sin an t-seirbheis a bhi gu h-iomlan aig naForks .Thòisich an t-seirbheis Dior-daoin. Tha an t-Urr. Alasdair Ros á Hogamah a’ searmonachadh còmhla ris an Urr. Mr. Forbes .La na Sàbaid, agus lathaichean eile ma bhios sluagh mor cruinn, bidh a’ Ghàilig air a searmonachadh a muigh.
Tha Somhairle C. Caimbeul, amBaddeck ,air a chur gu Eilean Phòil a cumail an tigh-sholuis. Bha e ’san obair sin roimhe fad còrr us fichead bliadhna.
Bha triuir mhnathan aig cùirt ann am baile Halifax air an t-seachdain s’a chaidh air son a bhi air an daoraich. Cha mhath an innse sin air ceanna-bhaile na mor-roinn.
Tha am fiar gle mhath an Eilean a’ Phrionnsa air an fhoghar so. Tha am bàrr gràin gle mhath air talamh àrd, ach an àiteachan iseal, tha e fad air ais. Tha am buntàta gu bhi gle math. Tha measan de gach seòrsa gu bhi gann.
Ged nach robh sinn ’gam faireachadh an so, bha tàirneanaich us dealanaich ann gle thric am bliadhna, agus rinneadh call nach bu bheag leotha. Bha taighean agus saibhlean air an losgadh, agus ann an caochladh àiteachan chailleadh beatha dhaoine leotha.
Tha eaglais ùr Chaitliceach ri bhi air a fosgladh air an Eilean Mhor la na Sàbaid, a cheud eaglais Chaitliceach a dh’ fhosgladh air an eilean. Tha an t-Urr. Seumas Quinan, sagart Shidni, ri bhi air ceann na seirbheis, air a chuideachadh le àireamh de shagairt eile.
Bha soitheach-cogaidh leis na Stàitean, amMarblehead ,anns an acarsaid da latha toiseach na seachdain so. Thainig i stigh feasgar Di-luain, agus dh’ fhalbh i Dior-daoin. Bha soitheach Frangach a stigh cuideachd, agus chosg iad roinn mhath de dh’ fhùdar a’ fàilteachadh a chéile.
Chaidh tigh tuathanaich d’ am b’ ainm Deòrsa Hudson, ann am Manitoba, a losgadh gu lar oidhche Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh, agus bha a bhean agus ceathrar chloinne air an losgadh gu bàs. Bha an tuathanach fhéin air falbh aig an àm, agus cha d’ fhuaireadh a much mar a thachair gus ’n do thill e.
A dh’ aindeoin gach comhairle thatar a toirt orra, tha àireamh mhor dhaoine air an t-slighe gu Klondyke. B’ fhearr dhaibh fuireach far am bheil iad gu earrach, ach cha dean iad sin, agus ’se ’s dòcha gu’m bi an t-aithreachas orra. Tha an geamhradh a nise tòiseachadh anns an dùthaich sin, agus cha ’n e duine cumanta a tha comasach air faighinn innte re na h-aimsir sin.
Iadsan a Phaigh.
Domhnull Mac Cuthais, Seana Bhridgeport.
Aonghas Mac Cuthais, Seana Bhridgeport.
Calum Mac Ille-mhaoil, Drochaid Albert.
Seumas Mac Gilleain, Rathad a’ Chléirich.
Bean Mhurchaidh ’Ic Leoid, Inle, Baddeck.
Iain A. Gillios, S . W. Margaree.
Coinneach A. Mac Fhearghais, L’Ardoise.
An t-Urr. D. Domhnullach, Strathlorne .
Uilleam Domhnullach, Drochaid Mharion.
Ruairidh M. Mac Coinnich, Sidni.
Padruig Mac Ille-mhoire, Sidni.
Ailein D. Mac Eachuinn, Sidni.
A. R. Mac Neacail, Acarsaid Bharrachois.
Raonaid Nic Gilleain, Rathad nam Frangach, 50c
Donnachadh Rothach, Cornwall , Ont. $2 .00
Cairistina Nic Aidh, Ripley , Ont.
D. Mac Fhearghais, Penetanguishene , Ont.
Alasdair Mac Ealair, Penetanguishene , Ont.
Iain Mac Fhearghais, Port Arthur, Ont.
An t-Urr. Iain Gillios, Dundas ,E. P. I. $3 .00
F . A. Gemmel, Selkirk, Man.
A. R. Domhnullach, Albany , N. Y.
Miss C. L. Smith, Laconia, N. H.
Iain A. Caimbeul, Charlestown , Mass.
Ceit F. Nic Leoid, Peveril , Que.
Tormaid Moireastan, Peveril , Que.
Iain R. Domhnullach, Whitwick , Que.
D. B. Mac Amhlaidh, Milan , Que.
Niall Mac Leoid, Dun-Eideann, Alba.
LEABHRAICHEAN GAILIG.
Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
’Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10
Gaelic Class Book .30
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte. Sgriobh gu
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, C. B.
CARADH
Uaireadairean
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.
BADDECK, - - C. B.
Airson a stor a dheanamh na ’s deiseile ’s na ’s feumaile dhaibhsan a tha ’deanamh gnothuch ris, tha
Albert I. Hart
a’ nise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha a’ chuid sin de ’n ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am Boston ’sanNew York.Gheibh iadsan a thig g’a h-ionnsuidh an
DEAGH RIARACHADH.
BADDECK , - - C. B.
IUBILI!
THIG AGUS FAIC!
Ceannachd ur us Prisean ura.
A h-uile ni cho saor ’s nach fhaod mi innse.
Niall Domhnullach.
Ceann an Iar a Bhaile.
BADDECK , - - C. B.
A Ghàilig ’sa Bheurla air an aon phris.
[Vol . 6. No. 9. p. 6]
(Air a leantuiun o thaobh 67.)
deaghaidh dhaibh fàilte a chur air a chéile agus beagan conaltraidh a bhi aca, dh’ innis an t-òganach ciod a chuir an rathad e. “Ma tà, ’ille,” thuirt an seann-duine, “tha thu cur ioghnaidh orm—tha thu ’cur iongantais mhóir orm, tha mi cinnteach nach ’eil a nàdur an aineol ort ach searbhanta a’s fhearr cha do chuir dà làimh á gualainn. Ma tha thu fhein am beachd gu ’n dean thu leatha tha mise làn toileach a thoirt dhut.” “Fuasglaibh na h-eich, ma ta,” thuirt an t-òganach, “agus theid sinn thun an tighe.” Cha robh a shaod air an tuathanach na h-eich a leigeadh ma sgaoil agus an deigh tuilleadh ìmpidh, ’s ann a fhreagair e, “ ’Ille, cha’n ’eil a chridhe agam am fuasgladh mu’n àm so a latha; ma theid mi dhachaidh an ceart uair bheir iad an craicionn diom.” “Fhalbh, fhalbh, gabhaidh mi fhein ur leisgeul car aon oidhche,” thuirt an suirdheach; agus thug iad na h-eich as a’ chrann, agus choisich iad le chéile thun an tighe. “Nis,” thuirt an seann-duine ’s iad a’ dlùthachadh ris an tigh, “ma their mise gu’m faigh thu i, faodaidh tu bhi cinnteach nach fhaigh thu i, ach ma their mi nach fhaigh, bi cinnteach gu’m faigh.” “Bitheadh e mar sin fhein, ma ta,” ars an suirdheach, agus chaidh iad a stigh le chéile.
Chaidh fàilte ’s furan a chur air an tuathanach òg, agus biadh a chur a làthair, ach shuidh fear an tighe aig an dorus. “So, so,” thuirt bean an tighe, “suidh a nìos, gu dé ni thu ’fuireach aig an dorus.” Shuidh e suas agus an uair a bha iad uile cruinn, dh’ innis an t-òganach aobhar a thuruis; gu’n robh e toileach dol fo cheangal pòsaidh leis an nighinn, na’m b’ e ’s gu’m biodh iad aon-sgeulach gu léir mu’n chùis. “Ma tà, ’ille,” thuirt a h-athair, “tha mor mheas agam ort, agus tha ’fhios agam gur h-araidh thu oirre, ach tha sinne nis air tarruing ann an aois, agus cha’n urrainn duinn feum a dheanamh as a h-aonais; tha mi duilich nach urrainn duinn a seachnadh.” “Cò thuirt nach b’ urrainn duinn a seachnadh?” ars a màthair, “tha mise ag radh gur h-urrainn duinn a seachnadh, agus seachnaidh sinn ì; cha till an gille dhachaidh as a h-aonais ma tha i fhein toileach.” “Thà,” ars an nighean, “ ’s cha’n eagal nach seaahainn sibh mi.” Mar is mò a dhiùltadh a h-athair, is ann is mò a rachadh a màthair an rathad eile: an dà bhoirionnach gu dearbh a’ seasamh an aghaidh fhir-an-tighe “mar chlacha dubha an aghaidh sruth,” gus mu dheireadh an do strìochd esan cuideachd. Cha b’fhada gus an deachaidh am pòsadh; agus an deaghaidh beagan làithean a chur seachad ann am Barrabaothan, dh’ fhalbh iad dhachaidh. Cha robh iad fad aig an tigh an uair a thuirt an duin’ -òg gu’n rachadh iad a dh’fhaicinn ciamar a bha gnothuichean ag amharc mu’n aitreabh. Thug e an toiseach am bàthaiche air—a’ bhean-òg agus a mhàthair na chuideachd. “An dean sin feum, a mhic?” ars a mhàthair, ach thòisich esan air faotainn coire do gach nì—bha so cearr ’s cha robh sud ceart; thug e breab do ghogan a thachair air agus thilg e gu taobh eile an tighe e. “Ma tà,” ars a bhean-òg, “ar leam fhein gur h-ann a tha do mhàthair ri ’moladh air son do ghnothuichean a bhi ann an òrdugh cho math.” “Ni e feum an dràst,” ars esan, “ach dh’fhaodadh e ’bhi na b’fhearr.” An deaghaidh so chaidh iad do ’n stàbull, agus ma bha am bàthaiche dona, bha na seachd donais air an stàbull. “An dean sin feum, a mhic?” ars a mhàthair. “Cha dean, a bhean,” ars esan agus tòisichear air coire fhaotainn do ’n nì so ’s do ’n nì ud eile. “Ma tà,” thuirt a’ bhean-òg ’us i ’toirt fiar-shùil’ air a fear, “ar leam fhein gu ’m bheil gach ni ann an òrdugh ro-mhath.” “Ni e feum an dràst, ach dh’fhaodadh e ’bhi na b’fhearr,” ars esan.
Là no dhà an deigh so chaidh a’ chàraid a mach a bhrodadh, agus mar a dh’ oibricheadh esan, neotharthaing mur gleidheadh ise suas a taobh fhein de’n imire. Air dhaibh a bhi ’dol ris gu math dian thuirt esan mu dheireadh, “Gabhaidh sinn anail a nis.” “Cha’n ’eil mi sgìth idir fhathast,” ars ise. “Cò dhiùbh a tha no nach ’eil, gabhaidh sinn anail,” ars esan. “Ud cha’n eagal duinn car tacain eile,” ars ise. “Tha mise ag radh riut suidhe,” ars esan, agus le so shuidh i. An uair a bha iad ùine bheag na ’n suidhe, “Eiridh sinn a nis,” ars esan, agus an greim bha iad le chéile rithist, agus chaidh an latha sin thairis mar sin.
An uair a fhuair iad obair an Earraich seachad thuirt esan rithe gu’n rachadh iad a dh-fhaicinn a muinntir a nis. Dh’fhalbh iad; agus an uair a ràinig iad chaidh fàilte chridheil a chur orra le chéile. Chuir esan an latha thairis thall ’s a bhos le ’athair-céile, ’s bha ise a stigh le ’màthair. An uair a thàinig am feasgar thill na fir dh’ ionnsuidh an tighe, agus thuirt esan gu’n robh an t-àm dhaibh a bhi ’dol dachaidh. “Cha’n fhalbh i leat an diugh,” thuirt a mhàthair-chéile, “Nach fhalbh? Nach ’eil thu falbh leamsa dhachaidh,” ars esan ’s e’ tionndadh ris a mhnaoi-òig. Cha d’ thuirt ise diog. “Cha’n fhalbh i leat an diugh no ’màireach,” ars a mhàthair-chéile a ris, “an déigh an droch-càraimh a thug thu dhi, cha till i leat tuille. Gu dearbh bha thu caoimhneil rithe a’ dol an aghaidh gach ni ’theireadh i, agus ag cur a h-uile nì ’bha ceart, cearr. Faodaidh tu a bhi ’falbh ach cha’n fhalbh ise leat.” “Am bheil thu ’fhalbh leamsa dhachaidh?” thuirt esan a rìs. Cha do fhreagair smid. “Mur coisich thu leamsa dhachaidh ruithidh tu leat fhein ann,” ars esan ’s e dol a mach thun an doruis far an robh curag mhath sgolb, as an do thagh e aon cho dìreach réith ’s a chunnaic e. An so thill e stigh ’s ghabh e air a mhnaoi fhein leatha gu sgaiteach, dian, gus an d’ thug i an dorus oirre. Thionndaidh e an so agus thug e an t-ath lunndraigeach d’ a mhàthair-chéile, agus an sin dh’fhalbh e dhachaidh.
Bha fear Bharrabhaothain na ’shuidh aig an dorus mara b’ àbhaist. “Suidh a nìos, suidh a nìos,” thuirt a bhean, an uair a dh’ fhalbh an cliamhuinne. ’S e Ni Math a dh’ òrduich nach e sud seòrsa fir a th’ agam, suidh a nìos, cha robh riamh agam ort am meas a bu chùir.”
Chaidh an duin’ -òg dhachaidh, agus fhuair e a bhean air thoiseach air trang ag obair, agus an deaghaidh sin rinn an dà bhoirionnach sin—a’ mhàthair agus a h-ighean, mnathan nach robh na b’fhearr ri fhaotainn anns an sgireachd gu léir.
MAC-OIDHCHE.
Naidheachd.
Bha ann anNormandy , ’s an Fhraing, cosnaiche bha air ur phosadh, duine calma sgairteil, agus bha e fein ’s a bhean, mar bu choir dhoibh a bhi, anabharrach caidreach. Thachair dhasan a bhi ’g obair ri latha uisge ’s gaillinn o mhoch gu anmoch, agus thainig e dhachaidh air a chlaidreadh gu goirt le h-obair a’s droch-shid. Bha ’bhean ’n a suidhe aig an teine. “An d’ thainig thu ’ghaoil?” ars ise, “nach e sin an latha! tha e air a bhi cho fliuch ’s nach b’ urrainn mise dol a dh’iarraidh uisge, agus leis a sin cha d’ fhuair mi do dhinneir a dheasachadh;. ach o’n tha thusa nis co fliuch ’s is urrainn duit a bhi, bhithinn a’d’ chomain n’an rachadh tu ’dh’iarraidh cuinneag uisge.” Thog e ’n da chuinneig, agus thug e’n tobar air; bha ’n tobar greis air astar, ach cha b’fhada gus an do thill e; chuir e aon do na cuinneagan air an ùrlar, agus thilg e na bha ’s a’ chuinneig eile air mullach cinn a mhnatha, agus a’ chuinneag eile air an doigh cheudna. “Sin, a ghraidh,” ars esan, “tha thusa nis co fliuch ’s is urrainn duit a bhi, agus tha mi ’n dochas nach misd’ thu dol a dh’iarraidh an uisge.”
Tha deagh fhios againn nach ’eil a’ h-aon do na mnathan Gaidhealach a dheanadh a’ leithid; ach mar thuirt am Frangach, tha sinn “an dochas” nach misd’ iad an sgeul beag so a chluinntinn. Bha ’m Frangach bochd ’n a dhuine spurtail, tuigseach; cha b’ ionann agus ioma trusdar a bheireadh gleadhar an taobh an leth-chinn di—Cuairtear nan Gleann.
Sean-Fhacail.
Cho bochd ris an ròcas.
Chaidh a chuis ’n a tàois.
Cho dubh ris an oichdhe.
Cul an leighis ris an leigh.
Cho luath ris na gatha-dubha.
Cho grad ri feodhrag chéitein.
Facal a beul, is eun air sgiath.
Cho tioram ris an t-sreathainn.
Cho stallacach ri damh ’s a cheo.
Cha sheas cairdeas air leth-chois.
Cho bodhar ris a chloich mhuilinn.
Cha toir beannachadh nach fhaigh air ais.
Cha reic e a dhal-bhuntata air a tarsuinn.
Coin a Bharrachalltuin is clann Iochdrachann.
[Vol . 6. No. 9. p. 7]
Aiseirigh Chriosd.
B’i sin staid àrd luchd-riaghlaidh nan Iudhach, agus dheisciobul Chriosd, agus is ann mar sin a bha gach ni ann an Ierusalem am feadh ’s a bha Ceannard an slàinte ’na luidhe ann an sàmhchair na h-uaighe. ’S an àm sin cha b’ iad na saighdearan Romhanach amhàin a bha ’nam freiceadan air an uaigh; bha feachd nèimh fo ghluasad; dh’eideadh armailte nam fhlaitheas a dhìon a chuirp naomha. Bha gach uidheamachadh a nis air a dheanamh san dà shaoghal, agus gach ni deas air son an àm san robh gàirdein an Tighearna ri bhi air ’fhoillseachadh. Dà uair chaidh a’ ghrian fodha air an t-saoghal, agus bha gach ni fathast sàmhach aig an uaigh. Bhuadhaich am bàs air Mac Dhé. Gu ciùin, tosdach chaidh an ùine seachad. Bha na saighdearan gu furachair a’ faireadh; dheàlraich gathan na gealaiche mu mheadhon oidhche air an clogaidibh-cinn agus air an airm-chatha. Rinn naimhdean Chriosd uaill; bha gach ni mar a b’àill leo; thuit cridheachan a chairdean fo dhìobhail misnich agus fo bhròn; bha spiorada na glòire a’ feitheamh gu h-iomaguineach, a’ toirt fainear do na bha tachairt, agus a smuainteachadh le mòr-iongantas air doimhneachd dòighibh an Tighearna. Faidheòidh, dh’eirich reult na maidne san àird-an-ear, a’ toirt sanuis do’n t-saoghal gu’n robh ’n solus a’ dlùthachadh; bha fàire an treas là a’ bristeadh, ’nuair gu h-obann a chriothnaich an talamh, eadhon gu mheadhon; agus bha cumhachda nan nèamh air an gluasad; thàinig aingeal Dé a nuas; chlisg na saighdearan air an ais roimhe le uamhas; agus thuit iad sìos gu làr; “Bha ’ghnùis mar an dealanach, agus ’éideadh geal mar an sneachda;” charaich e air falbh an leachd o bheul na h-uaighe, agus shuidh e oirre. Ach cò esan a tha mar so a’ teachd a nìos o’n uaigh, le ’thrusgan daithte o leabaidh a’bhàis? Esan a ta glòrmhor ’na choslas, ag imeachd ann am mòrachd a neirt? ’Se do cheannard féin, O Shioin, a ta ann! A Chriosduidh, ’se do Thriath féin a th’ ann! “Shaltair e an t-amar-fiona ’na aonar; tha ’chulaidh daithte le fuil;” ach a nis, mar cheud-ghin á leaba na h-uaighe, tha e cur fàilte air maduinn ’aiseirigh féin. Tha e ’g éirigh ’na ghaisgeach buadhar o’n uaigh; tha e tilleadh air ais le beannachdaibh o shaoghal nan spiorad; tha e ’toirt saorsa do chloinn nan daoine. Cha d’ thug éirigh na gréine riamh là co glōrmhor a steach—b’ e so là ait-shaorsaidh an domhain mhòir. Sheinn reulta na maidne le chéile; ’s rinn uile mhic Dhé iolach ghàirdeachais. Dh’amhairc Athair na tròcair a nuas o ’chathair-rìoghail; le mòr-thlachd chunnaic e a shaoghal féin air a thèarnadh; chunnaic e gu’n robh ’obair uile math. An sin rinn am fàsach gàirdeachas; bha aiteas air a’ chruthachadh gu léir ’na làthair, ’nuair a theirinn beannachdan an Ti a’s àirde mar dhrùchd nèimh, a dh’ ath-bheothachadh nam fineachan. —Leabhar nau Cnoc.
A’ Faire gu Caomh air mo Cheann.
EADAR-THEANGAICHT O’N BHEURLA LE GILLEASBUIG MACFAIDEIN.
’N uair bhios cagarsaich dhiomhair a’ snàmh air gach taobh,
Agus guthan nach fhaod bhi ’n an tosd,
O’n tìr so ’g am ghairm air sligh’ uile chlann-daoin’,
Thair a’ chuain th’ aig gach aon ri dhol trasd;
Le ùr-fhradharc ’n uair chì mi tigh-comhnuidh nan naomh,
Taobh thall gach saoth’r ’us trioblaid a th’ ann,
Aig geata sgiamhach na cùirt’ am bi ann a h-aon
’Bhios a’ faire gu caomh air mo cheann?
Tha sluagh beag ann ’s an còmhnuidh an sùil air mo chéum,
’S a tha ’m feum air fear-dìon agus iùil,
Tha maoth-thruaghain air faontraigh ag amharc am dhéigh,
’S nach bu deacair an deur chur o’n sùil;
Ach a chlann faodaidh Iosa a ghairm leis gu caoin,
’N uair is àird’ bhios an doilghios no ’m fonn;
Aig geata sgiamhach na cùirt’, dhiubh sin am bi aon
’Bhios a’ faire gu caomh air mo cheann?
Tha aonaraich aosd’ ann tha feitheamh nan tràth,
Air na làraichean dh’ fhag an luchd-dàimh,
’S dh’ fhaodadh blàth-fhacal aig àm, no idir gniomh gràidh
Gean agus àgh a rithist thoirt daibh;
Ach an gart tha làn abuich tha’m buanaich ri thaobh,
’S tha là claidean an t-saothraich aig ceann,
Aig geata sgiamhach na cùirt’, dhiubh sin am bi h-aon
’Bhios a’ faire gu caomh air mo cheann?
Tha caomh chàirdean ann dh’ fhaodteadh le m’ ghradh thoirt gu smuain,
Tha fior-thruaghain ann ’g imeachd na sràid’,
Tha ann coigrich gun ni agus aimbeartach thruagh,
Agus deoraidh fo smuairein a ghnàth;
’Measg nam miltean ni còmhnuidh an Teampull nan naomh,
’S ioma h-aon nach do shaoileadh bhios ann;
Aig geata sgiamhach na cùirt’, dhiubh sin am bi h-aon
’Bhios a’ faire gu caomh air mo cheann?
Faodaidh Criosda ’n a mhòr-ghràs mi do nèamh a thoirt suas
Oir ’s e truaghain a shaoradh a mhiann,
Ged nach gabh mi de ’n bhochd no de ’n dìlleachdan truas,
’S nach bi smuain orr’ am ùrnuigh ri Dia;
Ach air nèamh nach toir m’ fhéinealachd bròn air mo smaoin,
Mur h-e bròn ni nach fhaod a bhi ann,
Aig geata sgiamhach na cùirt’, dhiubh sin mur bi aon
’Bhios a’ faire gu caomh air mo cheann?
Coltach ri càis’ Uibhist—laidir ruighinn, cruaidh.
Dean caora dhiot fhein, is ithidh na madaidh thu.
Co ’sam bith a ’s coiriche, is mis’ an creunnaiche.
Cha robh Inid riamh gun fhàs no a Chaisg gun Earradhubh.
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG—Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-Tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.
Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C. B.
Indurated Fibreware
Tha an seòrsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fhiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire.
THE
E. B. EDDY Co
LIMITED
HULL, CANADA.
[Vol . 6. No. 9. p. 8]
Oran Gaoil.
Is tric mi gach la a cuimhneach’ do ghraidh,
Car tamuile mar bhà do spéis dhomh,
Gabh misneach ’s an uair ’s ann ort ’bhios mo luaidh,
A chaoidh gus an gluais an t-eug mì.
Caol mhala gun ghruaim, cha’n fhaigheadh tu’m fhuath,
Do mhulad ’s do thruaighe ’léir mi,
Do phearsa dheas ùr cha chuirinn air chùl,
Ged thairgeadh mac diuc’ e féin dhomh.
Cas ’dhireadh nan stùc’ ghunna le d’ nach diult,
’S le d’ mhial-chonaibh lùthmhor, eutrom;
Bhiodh ùdlaich’ nan croc na laidhe fo leon,
’S bhiodh pudhar air eoin an t-sléibhe.
Bhiodh coileach o’n bheinn air sgéith ann ad laimh
Mu ’m biodh air fear eil’ a léine,
’S tu thaghainn dhomh fhìn, a shealgair na frith,
’S cha ’n fhaicinn thu ’chaoidh na t’ eiginn.
Cùl buidh’ ort mar òr, blas meal’ air do phòig,
Cha’n iarrainn bhith beo as t’eugmhais;
’S tu ceist nan ban ùr, nach caidleadh ’san smùr
’Sa mhaduinn ghil, chiuin, ’n am éirigh.
Is gorm do dha shùil, is taitneach do ghnùis,
’S gur tlachdmhor air thus fir threun’ thu,
Le d’ bhreacan deas ùr, ’s e paisgte mu d’ chùl;
Cha ’n fhaca mo shuil riamh t’ eugas.
’S tu m’ eudail de ’n t-sluagh, ’s ann ort tha mo luaidh,
Cha ’n fhaigheadh tu fuath gu brath bhuam;
Cha laigheadh orm aois nam faighinn mo ghaol
Gach latha ri m’ thaobh mar b’ àill leam,
’S tu m’ ulaidh ’s mo mhiann, m’ aighear ’s mo chiall;
Beul meachair o ’m fiathail gàire,
Cha ’n eil e fo ’n ghréin na thaghainn dhomh féin,
Nam b’e ’s gu ’n do thréig thu ghràidh mi.
Tha cuid ag ràdh gu ’n do rinneadh na rannan so do dh’ Uilleam Ros, le fear no te air choireigin an ainm Mhòir Rois, a leannan. Tha cuid eile ag radh gu ’n do rinneadh iad le nighinn fear Thir-na-Drìse do mhac fear Dhail-an-easa. Ge b’e co dha ’n do rinneadh iad cha ’n eil iad ro fhreagarrach do dh’ Uilleam Ros, no idir am beul Mòir Rois.
GLEANN-A- BHAIRD.
Gu ma Slan do ’n Oigfhear.
LE NIALL MAC LEOID.
AIR FONN,— “Bha mi ’n de ’m Beinn-Dorain.”
Gu ma slàn do ’n òigfhear
A sheòl an raoir bho ’n chala so;
Gu ’n robh gach dùil ’g a threòrach’
’S ’ga chòmhnadh mar ’bu mhath leam e;
Cha chreidinn riamh bho chàch e
Gu ’m faca mi ’s a’ bhàt’ e,
Gu ’m fàgadh e gu bràth mi,
’S nach robh ach bàs a sgaradh sinn.
’N uair ’dh’ fhàg e air an tràigh mi
Bha m’ inntinn làn ’s cha ’n annasach;
An aon fhear ’thug mi gràdh dha,
’S a thug a làmh ’s a ghealladh dhomh,
Air seòladh do na h-Innsean,
’S gun fhios gu bràth an till e;
’S bidh mise ’n so fodh mhì-ghean,
Ag cuimhneachadh a charthannais.
Marbh-phaisg air an t-saoghal,
Gur caochlaideach an sealladh e!
Cho làn a dh’ fhoill ’s a dh’ fhaoineis
A bheir a thaobh a dh’ aindeoin sinn;
Ma leagas sinn ar n-inntinn
Air cuspair gaoil no dìleas,
Faodaidh sinn ’bhi cinnteach
Nach bi iad leinn ro mhaireannach.
Sin mar ’dh’ éirich dhòmh-sa,
’S cha leigheis deoir mo ghalair dhomh,
’S mi ’n diugh ag caoidh an òigfhir
’Bu bhòidhche ’bh’ anns an fhearann so;
Na ’m faighinn fhéin mo dhùrachd,
Ged bhiodh mo chairdean diùmbach,
Gu ’m b’e mo mhiann ’bhi dlùth dha,
Ge b’ ann fodh smùid nam marannan.
Gu ma h-olc do ’n bhàillidh
A rinn mo ghràdh a sgaradh uam,
’S a dh’ fhuadaich thar an t-sàil e
Gu ànrath agus allaban!
’N uair chi mi thall an fhàrdach
’S an deachaidh Ruaraidh àrach,
’S i ’n diugh gun cheòl, gun mhànran,
Do ’m b’ àbhaist a bhi caithreamach.
’N uair ’chruinnicheas an còmhlan
Di-dòmhnuich ’s ann ’bhios smalan orm,
’S a chi mi chathair bhrònach
A bhios an còmhnuidh falamh dhomh,
Cha ’n fhaic mi ’measg mo chàirdean
A ghnuis ’bu chiùine deàrrsadh,
’S an t-sùil a bha cho blàth dhomh,
’S cha toireadh càch an aire dhuinn.
’N uair ’theid mi ’mach do ’n fhàsach
A dh’ fhaicinn blàth nan gleannanan,
’S a chì mi far am b’ àbhaist
Dhomh mànran le mo leannan ann,
Cha ’n fhaic mi ròs no neòinean,
’S cha chluinn mi cuach no smeòrach
Nach cuir na m’ chuimhn’ an còmhradh
’Bhiodh againn òg ’us amaideach.
Ach gheall e dhomh ’bhi dìleas,
’S nach dìobradh e r’a mhaireann mi,
’S ma thèid a chliù r’a shìnnsir
Cha chuir e lìn a mheallas mi.
Ach ma ’s e ’s nach till e,
Bidh mise truagh a chaoidh dheth,
’S bidh ’ìomhaigh beò na m’ inntinn
Gu ’n sìnear anns an anart mi.
Laoidh.
’S beannaicht’ an ceangal gràidh nach leig
Dhuinn dealachadh o chéil;
Ach ged is éiginn sgaradh ’n tràths’,
Mealaidh sinn càirdeas Dhé.
Cha dealaich sinn gu bràth ’n ar crìdh’,
Oir ’s aon sinn ann an Crìosd;
Le teas-ghràdh dèanamaid a thoil,
Gu là a theachd a rìs.
O b’ fheàrr gun stiùradh e ar céum
Na shlighe fhéin ’s gach cas,
Gun mhiann air ni sam bith fo ’n ghréin,
Ach Crìosd is mèud a ghràis
O gluaiseamaid na ’s dluith’ do Dhia,
Is gheabh sinn sòlas uaith—
Gach gràs tha feumail duinn a bhos;
’S an t-iomlan gheabh sinn shuas.
AN DA LEIGHEAS
AGUSK . D. C. PILLS
Leigsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD.
Cuir a dh’ iarraidh sampuill, teisteannais us urrais.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia. —agus—127 State St Boston, Mass.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar duthcha tha ’nar beachd
C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
NIALL Mac FHEARGHAIS,
Taillear.
SIDNI - - - - C. B
$1 .00 air 80c.
Tha tuilleadh ’sa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dh’ airgead. Thig mu ’m bi ’n t-am seachad agus
FAIGH BARGAN.
McDonald Hanrahan & Co.
Sidni, Iulaidh 16, ’97.
J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsa ’s fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B.
title | Issue 9 |
internal date | 1897.0 |
display date | 1897 |
publication date | 1897 |
level | |
reference template | Mac-Talla VI No. 9. %p |
parent text | Volume 6 |