[Vol . 7. No. 10. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, SEPTEMBER 30, 1898. No. 10.
MAR A THAINIG AN ROTH MU ’N CUAIRT.
Is iomadh atharrachadh a thainig air cùisean ann an Gaidhealtachd na h-Alba o chionn leith cheud bliadhna. Ge b’e ghabhadh os làimh cunntas a thoirt seachad mu ’n deidhinn, bhiodh obair aige a chumadh gu math trang e fad iomadh latha. Cha ’n ’eil aon chuid ùine no comas agamsa air a’ bheag a dh’ iomradh a thoirt air a’ chaochladh iongantach a thainig air iomadh ni ’s air iomadh neach. Ach bheir mi gearr iomradh air aon ni sònraichte a thachair ann an Uidhist mu Thuath air a’ bhliadhna so. Tha mi ’creidsinn gu ’n taitinn mo sgeul ri iomadh neach ann an America, agus ann an iomadh àite eile air feadh an t-saoghail.
Ged nach ’eil e chum math sam bith dhuinn a bhith ’labhairt mu gach eucoir is ainneart a dh’ fhuiling na daoine bochda a bha o chionn a tri no ceithir a dh’ fhicheadan bliadhna air am fògradh á glinn ’s á strathan boidheach, fallain na Gaidhealtachd, gidheadh cha ’n ’eil e an comas dhuinn iomadh uair fuireach ’nar tosd. Bheir sealladh dhe na seann tobhtaichean a tha fhathast ri ’m faicinn ann an iomadh cearn dhe ’n Ghaidhealtachd oirnn a bhith gu tric a’ smaointean air an àm a dh ’fhalbh, agus air an cuala sinn iomradh nach robh aon chuid taitneach no cliùiteach.
O chionn leith cheud bliadhna dh’ fhògradh mòran sluaigh á Uidhist mu Thuath. Chuireadh cuid dhiubh gu ruige America. Agus is cinnteach gu ’n d’ fhuiling mòran dhiubh sin éisean, is trioblaidean, is annradh air nach ’eil fhios aig a’ bheag dhe na tha ’n diugh beò. Ach chuireadh an tuath a dh’ fhògradh á Sollas gu gualann Langais—àite fuar, lom, monadail a bha àireamh mhath mhìltean o na taighean a b’ fhaisge dhaibh. Cha robh leud na troidhe de dh’ fheur gorm ri fhaotainn anns an àite thruagh so. Bha e air aghaidh na h-àird a tuath, agus anns a’ gheamhradh is gann gu ’m faicteadh a’ ghrian ann. Chuireadh cruitean am mach dhaibh, agus thogadh taighean phloc dhaibh. Ach cha robh e ’n comas dhaibh a bhith beò uine fhada sam bith ’na leithid a dh’ àite truagh. Cha ’n eil mi ’creidsinn gu ’m biodh e comasach do dhuine sam bith suidheachadh nan daoine truagha thuigsinn na ’s lugha na chitheadh e le dhà shùil e. Nam biodh an t-àite faisge air a’ mhuir, cha bu leith ghearain e. Ach bha ’n t-àite ri taobh loch uisge, agus cha robh a’ fas ann ach fraoch a ruigeadh dlùth air a’ ghlùin, agus còineach is roineach. Ged a chuala mi o chionn dà fhichead bliadhna mar a dh’ éirich do na daoine truagha, chaidh a chuid bu mhò dhe na chuala mi gu buileach as mo chuimhne. Ach tha cuimhne agam gu ’n cuala mi nach b’ urrainn do na daoine truagha fuireach a’ bheag a dh’ ùine anns an àite ’s an deachaidh an cur. Cha robh rathad aca air. Is gann gu ’m faigheadh creutair sam bith ann na chumadh beò e, saor o bheagan chearcan fraoich. Dh’ fhalbh na daoine truagha as, agus thog cuid dhiubh taighean beaga aig taobh Loch Euphort, far am faigheadh iad feamainn leis an deanadh iad buntata, agus far an rachadh aca air beagan iasgaich a dheanamh. Chaidh cuid dhiubh do chaochladh àiteachan eile air feadh na dùthchadh. Chaidh cuid dhiubh gu ruige America, agus ged is muladach ri ’innseadh e, fhuair cuid dhiubh am bàs leis a’ bhristeadh-chridhe. Cha ’n ’eil teagamh agam nach ’eil aon is aon air feadh mor-roinn Chanada aig am bheil fios air gach eucoir, is ainneart, is uidil, is allaban a dh’ fhuiling na daoine truagha anns gach àite do ’n deachaidh iad, mòran na ’s fhearr na th’ agamsa. Ach is ann aig Dia fhein a tha làn fhios air na dh’ fhuiling iad.
Ach ann an cùrsa an fhreasdail thainig an roth mu ’n cuairt air a shocair fhein. An déigh do ’n tuath a bhith air am fuadach á Sollas agus á Greinetot, shuidhicheadh an dà bhaile air dithis thuathanach. ’Nan deigh so thainig feadhainn eile; agus tha ’chùis coltach nach robh gnothaichean a’ soirbheachadh gu math le fear seach fear dhe na tuathanaich aig an robh Sollas is Greinetot o chionn leith cheud bliadhna, oir thuit an dà bhaile mhath so o chionn bliadhna no dha air làmhan an uachdarain, agus mar dhuine cneasda, glic, tuigseach, chuir e roimhe gu ’n suidhicheadh e Sollas is Greinetot air tuath bhig. Thug e fa near dà thuathanach dheug ar fhichead a thaghadh a measg na tuathadh a bh’ aige ann am Paibil, an Cnoc-an-lin, an Taigh-a- ghearaidh, agus ann am bailtean eile air nach ’eil cuimhne agam an dràsta. Tha iad a’ faighìnn Shollais agus Ghreinetot air a’ cheart mhàl a bha na tuathanaich mhòra a’ paigheadh air an son o chionn leith cheud bliadhna. Tha e air innseadh dhomh le urra chinntich gu ’m bheil na daoine glé thoilichte leis a’ chunnradh fearainn a tha iad a’ faighinn. Tha h-uile fear dhe ’n da thuathanach dheug ar fhichead ri deich puinnd Shasunnach de mhàl a phaigheadh a h-uile bliadhna.
Ni so feum a dh’ iomadh aon eile mar an ceudna; oir gheibh daoine a tha gun phloc fearainn cuid dhe ’n fhearann a bha aig na tuathanaich a tha nis air an suidheachadh ann an Sollas agus an Greinetot.
Tha aobhar a bhith creidsinn gu ’n tachair a leithid so ann an iomadh cearn dhe ’n Ghaidhealtachd mu ’m bi an saoghal mòran na ’s sinne na tha e. Tha cùisean a’ dol gu mòr an aghaidh iomadh fear dhe na tuathanaich mhòra. Tha prìsean na spréidhe a’ cumail gle iosal, agus tha biadh is tuarasdal na luchd-muinntir a’ sìor dhol na ’s cosgaile o bhliadhna gu bliadhna.
Tha mi ’creidsinn gu ’m bi iomadh a h-aon dhe na Gaidheil toilichte chluinntinn gu ’m bheil a h-uile coltas gu ’m bi mòran dhe na glinn, dhe na srathan ’s dhe na h-aonaichean boidheach a bha aon uair fo thuath, ach a tha a nis o chionn iomadh bliadhna ’nam fàsaichean, fhathast air an àiteachadh mar a bha iad anns na làithean a dh’ fhalbh. Faodaidh daoine sanntach agus droch luchd-riaghlaidh a bhith ’feuchainn ri ’n gnothaichean fhein a chur air aghart, ach cuiridh am fear aig am bheil riaghladh nan uile nithean cùisean ceart ’na àm math fhein.
Faodaidh daoine a bhith ’smaoineachadh gu ’n teid gach cùis leotha a reir mar is miannach leotha, co dhiubh a bhios an dòighean gu math no gu h-olc, ach nan tugadh iad fa near beagan dhe na nithean a tha sgrìobhte ann an iomadh eachdraidh, thuigeadh iad gu math nach ann mar a chi daoine iomchuidh a tha ’n saoghal gu bhith air a riaghladh idir.
Ged a theid neart thar cheart iomadh uair, gheibh an ceart lamh an uachdar air a’ cheann mu dheireadh. “Am fear a bhios an diugh an uachdar, car ma char a nuas am maireach.”
IAIN.
Sgriobh t-ainm fein le cairdeas, gradh, agus trocair air cridheachaibh na muinntir sin a thachaireas ort bliadhn’ an deigh bliadhna ’n ad’ thurasaibh ann am fasach an t-saoghail, agus cha diochuimhnichear thu gu brath.
Cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA.
BEATHA AGUS EUCHDAN AN RIDIRE UILLEAM WALLACE.
Earrann III.
(A CUAIRTEAR NAN GLEANN.)
Dh’fhag sinn sgiath-dhion na h-Alba agus a laoich, a glaodhach “fùi! fùi!” ri Iomhar, ’s e toirt a bhruthaich air, a teicheadh roimh Wallace, gun bhuille a bhualadh; ged bha ceathrar mun aon aige. Rainig grian Wallace a nis àird a mheadhon latha, agus sdù’ dhi teannadh ri tearnadh; dhuisg a chliu eud agus farmad ann an cliabh cuid de mhaithibh an rìoghachd; agus gus a ribeadh, thog iad gu’n robh e ’streap ris a chrùn.
’Nuair chunnaic Iomhar so rinn e fheum fein dheth: —Thainig e do dh’ Albainn, aon uair eile, le trì-mìle each agus mu cheithir-fichead mile fear-coise! Cha robh aig Wallace, air an laimh eile, eadar eich ’s gu leir, ach mu dheich-mìle-fichead! Ged bha so mar so ’sann air Wallace nach robh cùram, —chuir e ’dhaoine an òrdugh aig an Eaglais-bhric, a feitheamh gus an tigeadh an t-arm Sasunnach gu di-bheatha thoirt dhaibh. Ach, mo chreach! bha Achan sa champ, —bha cealgaireachd sa champ; an spiorad sin a tha ’g ìmeachd do-fhaicsinneach ach do Dhia amhàin. B’eigin do Shìr Iain Stewart, agus do Shir Iain Cumming a chuile fear a bhi air a laimh fein, ’sgun a bhi fo Wallace, no na eisimeil. Sann mar sin a bha, nuair thainig an t-arm Sasunnach a’ fradharc, an àite dhol an guaillibh a cheile, sann a bha ’n triuir an immis dol am broillich a cheile. ’Nuair chunnaic Cumming nach d’ fhuair e’n laimh dheas a dhol sìos do’n bhlàr, thionndaidh e chùl, chuir e ’chiaidheamh na thruaill, sheinn e fhìdeag airgid, agus dh’fhàg e fein agus a dhaoine ’n larach gun bhuille ’bhualadh.
Chath Sìr Iain Stewart agus a dhaoine mar leòmhanan, agus thuit iad mar cheatharnaich, len druim ri talamh, ach am bonnaibh ris an nàmhaid. ’Nuair chunnaic Wallace mar bha’n latha ’dol chaidh e thar na h-aibhne Carron, agus thug e dùlain do Iomhar a leanailt. Coma, le deanadas gamhlais chaill e’n latha, agus deich mile laoch leis!
’Nuair bha Wallace na sheasamh air bruaich na h-aibhne, agus Bruce, Iarla Charric air an taobh eile, ghlaodh Bruce ris, “ ’S iongantach leam fein, a Shìr Uilleam, gu’m biodh tu streap ri crùn Albainn, mar tha iad ag ràtin a
[Vol . 7. No. 10. p. 2]
tha thu. Nach gòrach dhuit a smaoineachadh,” —Chuir Wallace grabadh air,— “Cha tainig a leithid do smaoin riamh a’m cheann—cha’n ’eil còir agam air, ’s cha’n ’eil iarraidh agam air, —cha’n ’eil a dhith orm ach mo dhùthaich a shaoradh bho bhi na tràill, rud nach dean thusa d’am bu chòir a dheanamh, —agus fhad sa bhios an cridhe a ploscartaich san uchd so cha’n fhois do Wallace agus Albainn ga saltairt fo chasaibh nan Sasunnach.”
An deigh blàr-na-h- Eaglaise-brice cha robh a bhi beò aig mac Albannaich air am faigheadh righ Iomhar greim; chuir e roimhe dol air aghaidh ni b’ fhaide mu thuath, ach chuir an tuath na bailtean ’s gach ni ri theinne, air chor ’s gu’m bu bhuidhe leis Sasunn a thoirt air gus làn a mhàlaid de bhiadh fhaotainn.
Mhionnaich air an tarruing so a chuid bu mho de mhaithibh Albainn a bhi dìleas do Iomhar, ach sheas Wallace a mach; cha gheilleadh esan ’se beò. Bha Iomhar a nis mar ghearan bia’ta sa shrian mu chluasaibh, a’ cur a chàirdean a nìos a Sasunn, sa toirt dhaibh staidean an sud san so nach buinneadh dhaibh. ’Nuair chunnaic Albainn so ghlac i aon uair eile misneach—chruinnich i ’clann gus an còir a sheasamh, agus onair na rìoghachd; ach, mo chreach! tha’n t-arm ri bhi gun cheann—chuir deanadas a luchd-dùcha latha blair-na-h- Eaglaise-brice, agus na thuirt Bruce ris air an àm sin àrdan air Wallace, agus chuir e ’chlaidheamh na thruaill.
’Nuair thug Wallace suas a phost chaidh roghain a dheanamh de Shìr Iain Cumming, an traoiteir, mar fhear-ionaid righ:— “clach an ionad càbaig,” —meug na ionad uachdair!
Na dheigh so bha iomadh cath teth ann, —Sasunn an uachdar an diugh—Albainn an uachdar a’ màireach. Ma dheireadh thainig Iomhar, le chabhlach air muir, ’s le armailt’ air tìr, agus, an deigh fichead bliadhna de strìocan, ’s de chnàmhan, ’s de dhortadh fala, fhuair e chuid a b’fhearr de dh’Albainn gu buileach.
Tha e air innse nuair chuala Rìgh na Frainge mar ghnathaichcadh Wallace gu’n do chuir e fios air, agus gu’n deach’ e fein agus leth-cheud da sheann laoich thairis. Tha e air a’ ràdh, cuideachd, nuair bha iad leathach san linidh, gu’m fac’ an Reubastan, á mullach a chrainn, sia-luingeas-deug, le’m brataichean dearg a snàmh air a ghaothaidh, a’ deanamh orra. Thainig e ’nìos mar an dabhan-eallaich ’s e glaodhach, “tha sin caillte— ’s duine marbh a chuile mac-mathar againn!” “Ciod e so, ciod e so?” arsa Wallace. “Tha,” ars’ esan, “sud agaibh cabhlach a mhortair agus a chreachadair ainmeil Redriver; robair-cuair nach caomhain anam sean no òg, firionn na boirionn!” “Air t-aithis, taithis,” arsa Wallace, “ciamar dhain’eas sinn e?” “Cha’n ’eil sin duilich,” ars’ an sgiobair, “tha e na dhuine àrd agus deante’, tha deise dhearg air os ceann eideadh cruadhach, agus ’se ’chiad fhear a thig air bòrd.” “Falbh thus’ agus do sgioba sios do’n chaisteal-deiridh,” arsa Wallac, —Chuir e ’leth-cheud ceartharnach nan éideadh, ach a dha na trì bha freasdal do’n ailm ’s na scòid—thug e orra luidhe sios air ùrlar na luinge; thug e òrdan do fhear na stiùrach am pic a leigeadh a’ nuas cho luth ’s a dhiarradh Redriver, agus a h-oiseadh a rìs cho luath sa dhiarradh esan e. Thainig a nis an creachadair mar àite labhairt—ghlaodh e riu am pic a leigeadh a nuas, arneo gu’m bu daoine marbh iad. Bha’m pic a’ nuas a chlisge’, ’san taring a seinn troimh na h-ullagan; —mar thubhairt, ’s ann a bha; b’e fear àrd cuimir na deise deirge an ciad fhear ’thainig air bòrd; cha luaithe bha chas-deiridh a stigh air a bial-mor na rug Wallace air scornan air sa chuir e ’ghlùn air a mhaothan ’s a bhiodag sa laimh dheis. “ ’S duine marbh thu ann an dà mhionaid,” ars’ esan, “mar toir thu òrdan do d’ dhaoine gun losgadh, agus mar tig thu fein agus do chabhlach leamsa gu acarsaid.” ’S bàthach duine ris an anam; b’eigin so a dheanamh, agus bu shiubhlach a’ nis Wallace, a réubadh nan tonn, air cheann a chabhlaich, gus an d’rainig e’n Fhraing!
Co dhiu, an ceann latha na dha fhuair e ’mach nach b’e Redriver a bh’ aige, ach fear Tomas Longueville, a mharbh aon de bhùirdeisich pàlais Rìgh na Frainge; agus bho nach robh fiubhair aige ri maitheanas, thug e’n cuan mór air, agus bha e cho fortanach mar chreachadair, sgu’n robh a chabhlach nan culaidh-eagail do gach rioghachd. Nuair fhuair an robair a mach gu’m b’e Wallace a bh’aige sann a bha toilinntinn air gu’n deach a ghlacadh le duine cho ainmeil; gheall Wallace, air an laimh eile, nan togadh e d’a dhroch stilleanan gu faigheadh e mathanas dha.
Nuair rainig an cabhlach cùrsa na Frainge, sa chunnaic an sluagh a bhratach dhearg, chìte iad mar thom sheangan a ruith le’n cloinn ’s le’n fheudail a’ toirt mhonaidh orra. ’Nuair chunnaic Wallace so chuir e ’long fein air thoisich, —h-oise e bratach rìoghachd Alba a’m barr a crainn, —ni nuair chunnaic na Frangaich, an àite teicheadh, sann thog iad iullach ghàirdicheis a reub an t-adhar!
Thug Wallace earail air sgiobadh Longueville a bhi siobhalt nuair rachadh iad air tir, agus thug e air Longueville e fein deise aon de na h-Albannaich a chur air, agus dol leis-san gu pàlais an rìgh. ’Nuair rainig Wallace agus a cheatharnaich rìgh Philip, sann a’ sin a bha mheodhail, ’sa phròis, ’san t-aighear; an ceann beagain dh’fharaid an rìgh na thachair Redriver orra—an robh iad taingeil gu’n deach’ iad as uaithe? “Cha d’ éirich beud dhuinn,” arsa Wallace, “ach tha ann cho dona ris-san, Longueville; an ain’eadh sibh e nam faiceadh sibh e? —amhaircibh am bheil a h-aon an so a choltaicheas sìbh ris?”
Dh’amhairc an rìgh orra, fear an deigh fir, bho bhonn an coise gu mullach an cinn:— “cha’n ’eil dùil a’m gu bheil e’n so,” ars’ esan, “mur h-e’ m fear àrd sin e r’ar guallainn.” Chaidh Wallace air a ghlùinean, agus ghuidh e air an rìgh cobhair a chur gu Albainn; oir gu’ robh i air a mìobhachadh le Sasunn, rìoghachd aig nach robh suim d’a facal. M’an d’ éirich e ghuidh e air an rìgh aon fhàbhar sonruichte. Gheall an rìgh, air fhacal, gu’n tugadh e dha ni air bith a b’àill leis iarradh saor o’n rìoghachd agus o’n bhanri’nn. B’e iarrtas Wallaice gu’n tugadh e mathanas do Longueville, agus d’a dhaoine, agus gu’n gabhadh e air ais e. Bha’n t-iarrtas cruaidh, ach thubhairt an righ am facal, agus, cha’n ’e ’mhàin gu’n tug e maitheanas do Longueville fuileach, ach rinn e Ridire dheth, agus dh’aisig e dha a’ staid! Cha do chaill Wallace air so bho laimh Longueville, —thug e moran òir dh’a.
Tha moran air innse mu na thachair aig cuairt na Frainge san am so; a’ measg ghnothaichean eile tha e air a sheanachas gu robh dithis cheatharnach an cùirt a bha mor aig a cheile, agus aig an robh gabhlas fiadhaich do na h-Albanaich. Masa fior an sgial, thug an dithis so aon latha ruith air càineadh, ’s air smàdadh nan Albanach ann an eisdeachd Wallaice. Thuirt esan riu, gu sìobhalt, gu’m bu dona ’ni dhaibh a bhi smàdadh dùcha ’bha’n càirdeas san cleamhnas riu. Chuir so an cuthach gu leir orra, agus an sàs a ghabh iad ann. Thug Wallace peilleart do dh’fhear dhiubh a chuir a ladhran os a cheann; thainig a chompanach agus fhuair e’n tomhas cianda; dheirich an dithis gu bhi’n scòrnan Wallaice, ach ann an coig mionaidean thuit an dithis gun chomas éiridh, —chaidh a bhiodag tuilleadh ’us dlù’ do’n chridhe. Nuair dh’innseadh do’n righ e cha do leig e air gu’n cual e e; ach chuir cuid de chàirdean nan ceatharnach an cinn ri chéile gu Wallace a sgrios: —chaidh iad chuige agus thuirt iad ris, an ainm an righ, gu’n do chuir an righ mar fhiachamh air fiach co bu laidrich, e fein nan leòmhann, leomhann bhorb acrach a bha am fang.
Chuir so corruich mhor air Wallace, ach cha bu ni leis ni air bith a dhiultainn a chuir an righ ma chuimric. Chaidh na slaoitirean an toiseach a dh’ionnsuidh an rìgh agus thuirt iad ris’ gu robh deigh mhor aig Wallace batal a thoirt do’n leomhainn. An duil gu’ robh iad ag innse na firinn thug an rìgh làn chead dh’a. Shuainn Wallace a’ bhreacan mu ’laimh thoisgeil, agus le ’chlaidheamh mor nach fagadh fuigheal beum na dheas-laimh chaidh e’n coinneamh na leòmhainn. ’Nuair thug a’ bheist cruinn-leam gu bhi aige, chuir Wallace a dhorn ’s a bhreacan, ’sa ghàirdean sios gu ugainn na amhaich, agus a thiotadh bha’n claidheamh-mor tarsuing a dronnaig; bha bheist marbh! Chaidh e nis a dh’ionnsuidh an rìgh, ’s thuirt e ris gu robh an t-àm falbh—gur beag a bha duil aige gu’n deach a chuireadh do’n Fhraing a chath ri brùidean na machrach! Ma dheireadh fhuaradh a mach am diùbhrais, agus bha leithid de chorraich air an rìgh ’s gu’n do chroch e’n dithis bhùirdeisich bu mhathair-ionnsramaid.
Coma; chunnaic Wallace gu’m b’ fhearr tighinn dhachaidh na fuireach far an robh na h-uiread de chealgaireachd, agus a chiad ghaoth dh’ fhàg e beannachd aca; rainig e’n cladach—thog e ’shiuil bhreaca bhaidealach dhionach—shìn e calpana fada teanna righne, ri fiodhanan àrda fada nan calg bì dhearg, —cheartaich iad gach ball de ’n acain ealamh dòigheil, ’s sheas gach fear gu freasdal tapaidh ’bhuill bu chòir dha, agus gun eagal a nis roimh Longueville, a bha leo, ’s nach deal’eadh ri Wallace se beò, thilg iad acair an ceann beagan laithean aig Montrose. ’Nuair fhuair Wallace a chas air tìr mor b’i chiad cheist a chuir e, An robh Sasunn fathast a cur dragh air Albainn? Dh’innis iad dha gu’n robh, agus nach bu thraillealachd riamh gus a nis i! —gu’n robh gach baile, ’s gach gearastan lom làn dhiu, agus an srian mu’n cluasan!
Dh’fhalbh Wallace ri re-dorcha agus dh’fhalaich se e fein dlu do bhaile Pheirt. Cha b’fhada bha e’n so nuair thainig seisear Shasunnach a mach, le sia cairtean, a thoirt fiar-sai do ’n bhaile. Smaonaich Wallach gu’m bu ghast an cothrom, —a thiota cho robh ceann air colainn dhiu! Chuir Wallace seisear d’a dhaoine fein an aodach nan cairtearan, ’s chuir e fo’n fhiar-shai na stodhadh ann d’a ghillean, agus a stigh do’n bhaile ghabh iad. A’ dol a stigh air a gheata chuir Wallace, le ’laimh fein, an ceann phar a phortair mu’n robh fhìos aige c’àit an robh e, —sgob e’n iuchair mhor as a laimh agus leig e ’stigh a ghillean. Thoisich an t-slachdraich—thoisich am bioradh! —cha d’ fhagadh Sasunnach beo sa bhaile! Theich mu chiad dhiu do ’n Eaglais a’ ghabhail greim air adhaircean na h-altair—seann chleachdadh; ach cha robh feum na’n cealgaireachd; bha claidheamh Wallace air bhoil le ìotadh, agus b’eigin an tìoladh so chasg le’m fuil. Bha Wallace a nis an sealbh air baile Pheairt, agus air anbarr creiche. Chaidh e nis air aghaidh gu Fife, agus cha robh gearastan an sin nach do strìochd dha; as a sin gu Lochleabhain, far an robh Banri’nn Mairi na dheigh so a’n daingneach, —air feadh na h-oi’che shnàmh e’n loch ’s a chlaidheamh ceangailte mu amhaich, —ghearr e taod a bhàta, —dhiomair e i, leis fein, dearg-ruisgte, gu tìr-mor, —dh’aisig e ’dhaoine do’n eilean, —thug iad anns na Sasunnaich druan na druinnich, agus, ma’n d’eirich a ghrian cha robh mac-màthar beò.
Fàgaidh mi’n laoch agus a ghaisgich ag iasgach bhreac, car mìos, air an lochan àluinn so, agus gheibh sibh a chuid eile d’a eachdrai’, (agus mo losgadh, ’s mo léireadh ’s muladach i!) cho luath ’sa dh’ fhaodas
’Ur caraid gun cheilg,
MAC-TALLA.
Eilean Chola, 1842.
[Vol . 7. No. 10. p. 3]
SGEULACHDAN ARABIANACH.
Na Tri Ubhlan.
CAIB. XII.
Thug e mathair Bhedredin agus a nighean fhein a steach do sheomar, agus thuirt e, “Moladh do Dhia, mo nighean, gu’m bheil a nis cothrom agad air d’ fhear posda choinneachadh. Is cinnteach gu’m bheil cuimhne agad air an ordugh anns an robh do sheomar an oidhche ’phos thu. Bi falbh agus cuir gach ni anns a’ cheart ordugh anns an robh iad an oidhche ud. Ach mur ’eil lan chuimhe agad air mar a bha gach ni, innsidh mise dhut e, oir tha e agam ann an sgriobhadh. Cuiridh mi fhein gach cuis eile ann an ordugh ceart gu leor.”
Chaidh i gu toileach a chur an t-seomair air doigh mar a dh’iarr a h-athair oirre. Bha esan aig a’ cheart am a’ cur an talla anns a’ cheart ordugh anns an robh e an oidhche a phos Bedredin. Chuir e luchd-muinntir ’nan aite fhein mar a bha iad an oidhche ud. A dh’ aon fhacal, chuir e a h-uile ni direach mar a bha iad oidhche na bainnse, air chor ’s gu’n saoileadh Bedredin, gur e oidhche na bainnse fhein a bh’ ann.
An uaìr a chuir e gach ni ’n a aite fhein, chaidh e do’n t-seomar-chadail anns an robh a nighean, agus chuir e an t-aodach a bh’ air Bedredin oidhche na bainnse, agus am poca anns an robh ’n t-or anns a’ cheart aite anns an do chairich lamh Bhedredin fhein iad an uair a bha e ’dol a laidhe. An sin thuirt e ri ’nighinn, “Cuir diot agus rach do’n leabaidh. Cho luath ’s a thig Bedredin a steach do ’n t-seomar, toisich ri gearain air a chionn e bhith cho fada gun tilleadh a steach, agus abair ris, gu’n robh ioghnadh ort nach d’ fhuair thu e ’na laidhe ri d’ thaobh an uair a dhuisg thu. Abair ris e ghrad thilleadh do’n leabaidh. Agus innsidh tu dhuinn am maireach ciod an comhradh a bhios eadraibh a’ nochd.” An uair a thuirt e so dh’ fhalbh e ’mach as an t-seomar.
Dh’ ordaich Schemsedin anns a’ mhionaid do na seirbhisich falbh am mach as an talla, ach dithis no triuir. Thug e aithne dhaibh so Bedredin a thoirt as a’ bhocsa, agus a h-uile ball aodaich a bha uime thoir dheth ach a leine ’s a dhrathais, agus ’fhagail anns an t-suidheachadh sin anns an talla, agus an dorus a dhunadh.
O’n a bha Bedredin air dhroch cadal iomadh oidhche roimhe sid, chaidil e cho trom an oidhche ud ’s gu’n d’ thug na seirbhisich dheth an t-aodach gun fhios dha, agus gu’n d’ fhag iad anns an talla e mu ’n do dhuisg e. An uair a dhuisg e ’s a sheall e mu’n cuairt dha, ciod a b’ iongantaiche leis na e fhein fhaotainn anns a’ cheart thalla anns an robh e an oidhche ’phos e. Thug na bha e ’faicinn mu’n cuairt dha gu a chuimhne as ur na nithean a thachair an oidhche ud, gu sonraichte am fear crotach a bha gus nighean an ard-chomhairlich a phosadh. Chunnaic e dorus leith-fhosgailte m’ a choinneamh agus an uair a sheall e steach air, ciod a b’ iongantaiche leis na ’n t-aodach a bha uime an oidhche a phos e ’fhaicinn air cathair direach mar a chuir e dheth e an oidhche a phos e.
“Gu’n sealladh Dia orm,” ars’ esan, “am bheil mi ’nam chadal no ’nam dhusgadh?”
Bha ’bhean ’g a fhaicinn ’s ’g a chluinntinn, agus spors gu leor aice air. Chuir i a ceann am mach eadar cuirtearan na leapadh, agus thuirt i ann am briathran ciuin, caoimhneil, “Mo thighearna, ciod a tha thu deanamh ’nad sheasamh an sin aig an dorus? Greas air ais do ’n leabaidh. Is fhad o’n a chaidh thu ’mach. An uair a dhuisg mi bha ioghnadh gu leor orm nach robh thu comhladh rium anns an leabaidh.”
An uair a chuala Bedredin na briathran so, agus a chunnaic e a’ bhean mhaiseach a phos e iomadh bliadhna roimhe sid, thainig atharrachadh air a ghnuis. Chaidh e steach do’n t-seomar ach an uair a smaoinich e air gach ni a thachair dha fad dheich bliadhna agus o nach b’ urrainn e ’thuigsinn cionnus a thachradh iad uile dha ann an aon oidhche, chaidh e dh’ ionnsuidh an aite anns an robh a chuid aodaich agus am poca anns an robh am mile bonn oir, agus an uair a dh’ fheuch e gu curamach iad, thuirt e, “Ni math a dh’ amharc ormsa! cha’n ’eil mi ’tuigsinn air an t-saoghal ciod is ciall do na nithean so!”
Thuirt a bhean ’s i deanamh spors gu leor air ’na h-inntinn fhein, “Greas a laidhe; ciod a tha thu deanamh ’n ad sheasamh an sin?”
Ghabh e ceum thun na leapadh, agus thuirt e rithe, “Innis dhomh tha mi ’guidhe ort, am bheil fad o ’n a chaidh mi ’mach?”
“Tha do channt a’ cur ioghnaidh orm. Cha d’ rinn thu ach a dhol am mach o chionn tiotadh,” ars’ ise, “Feumaidh gu’m bheil d’ inntinn gle mhor troimh a cheile.”
“Gun teagamh sam bith cha ’n ’eil m’ inntinn aig fois. Tha cuimhn’ agam gu’n do laidh mi comhladh riut, ach tha cuimhn’ agam mar an ceudna gu’n robh mi o ’n uair sin a’ fuireach fad dheich bliadhna ann an Damascus. A nis, ma bha mi anns an leabaidh comhladh riut air an oidhche so, cha’n urrainn gu’n robh mi fad innte. Cha ’n ’eil na nithean so a’ co-chordadh ri ’cheile. Innis an fhirinn dhomh. Am bheil mi posda riut? An robh, no nach robh, mi air falbh uat fad dheich bliadhna?”
“Tha thu posda rium gun teagamh,” ars’ ise. “Is e do cheann a bhith cur troimh a cheile a tha ’toirt ort a bhith ’smaointean gu’n robh thu ann an Damascus.”
An uair a chuala Bedredin so, rinn e glag mhor gaire, agus thuirt e, “Nach neonach an ni a bhuail anns an inntinn agam! Theid mi ’n urras gu ’n toir am bruadar so ceol spors dhut. Smaoinich fhein air. Ar leam gu ’n robh mi aig geata Dhamascuis ’s gun umam ach mo leine ’s mo dhrathais, direach mar a tha mi ’n drasta; gu’n deachaidh mi steach do’n bhaile agus an sluagh ’gam leantuinn ’s iad a’ glaodhaich ’s a’ fanaid orm, gu ’n do theich mi do bhuth cocaire a ghabh rium mar a mhac fhein, a dh’ ionnsaich a’ cheird dhomh, agus a dh’fhag agam aig am a bhais gach ni a bhuineadh dha; gu’n robh a bhuth agam dhomh fhein ’na dheigh sin. A dh’aon fhacal air leam gu’n deachaidh mi troimh mhoran de dhriodfhortan mu nach ’eil uine agam labhairt an drasta. Agus is math gu’n do dhuisg mi, oir bha iad a’ dol g’ am chrochadh.
“O Thighearna, c’ar son?” ars’ a bhean ’s i ’leigeadh oirre gu’n robh ioghnadh oirre. “Cha ’n fhaod e bhith gu’n deanadh iad a leithid sin de dhroch dhiol ort. Feumaidh gu’n do chuir thu cionta ro mhor an gniomh.”
“Cha do chuir gu dearbh,” arsa Bedredin. “Cha robh do chionta ri chur as mo leith ach ni cho suarach ’s cho lugha coltas ’s a chualas riamh; ’s e sin, gu’n robh mi ’reic phitheannan-uachdair anns nach robh mi ’cur srad pipir.”
“Ma ’s ann mar sin a bha,” ars’ a bhean ’s i deanamh gaire cridheil, “bha iad air thuar eucoir mhor a dheanamh ort.”
“Ah! cha b’e sid uile e,” ars’ esan. “Air son a’ phithean mhollaicht’ ud, bhrist is phorom iad gach ni a bh’ anns a’ bhuthaidh agam, cheangail iad mi, agus thilg iad ann am bocsa mi. Tha mi ’saoilsinn gu ’m bheil mi ann fhathast. A bharrachd air so, fhuaradh saor, agus rinneadh croich gus mo chrochadh oirre. Ach taing do Dhia, cha robh anns na nithean so gu leir ach bruadar.”
Cha robh Bedredin socair ’na inntinn fad na h-oidhche. Bha e o am gu am a’ dusgadh, agus a’ cur na ceisd ris fhein, co dhiubh is e bruadar a chunnaic e, no nach e. Agus gus e fhein a dheanamh cinnteach as a’ chuis, bheireadh e na cuairtearan o cheile, agus shealladh e air feadh an t-seomair.
“Cha’n urrainn gu’m bheil mi air mo mhealladh,” theireadh e, “is e so a’ cheart sheomar anns an do laidh mi comhladh ris a’ mhnaoi uasail a phos mi.”
Ann an soilleireachadh an latha thainig brathair ’athar, an t-ard-chomhairleach, a steach do’n t-seomar a chur failte ’na maidne orra. Bha ioghnadh mor air Bedredin an uair a chunnaic e e; oir ghrad dh’ aithnich e gu’m fac’ e e roimhe, agus gur e a thug binn a bhais am mach.
“A! is tusa a thug gu h-eucorach binn mo bhais am mach,” arsa Bedredin, “agus tha na bagraidhean a bha thu ’deanamh orm a’ cur gairisinn ann am fheoil.”
Thoisich an t-ard-chomhairleach ri gaireachdaich. Agus a chum fois a thoirt a dh’ inntinn Bedredin, dh’innis e dha o thoiseach gu deireadh gach ni a thachair—mar a thug am fathach gu ruige Damascus e, mar a fhuair e fhein am mach m’a dheidhinn anns an leabhar a sgriobh Niuredin, mar a chaidh e air a thoir gu ruige Balsora, agus gach ni eile a rinneadh a chum sgeul fhaotainn air. An uair a chuir e crioch air gach ni a bh’ aige ri innseadh dha, phog e e, agus thuirt e, “Tha mi ’g iarraidh moran mathanais ort air son gach trioblaid cuirp is inntinn a thug mi dhuit o ’n latha fhuair mi fios far an robh thu. Bha toil agam do thoirt an so mu’n innsinn dhut mu ’n staid sholasaich anns an robh thu gu bhith air do chur. Bidh tu nis na’s toilichte le do staid an deigh na dh’ fhuiling thu de thrioblaid. Tha thu nis ann an cuideachd na muinntir aig am bheil mor-ghradh dhut. Fhad ’s a’ bhios tu ’cur umad theid mise a dh’ innseadh do d’ mhathair gu’m bheil thu air dusgadh. Tha i air bhainidh gus d’ fhaicinn. Bheir mi steach do mhac mar an ceudna. Chunnaic thu e ann an Damascus, agus bha thu gle chaoimhneil ris ged nach robh fhios agad co e.”
Cha ghabh e innseadh an t-aoibhneas a bh’ air Bedredin an uair a chunnaic e ’mhathair agus a mhac. Rinn a mhathair agus a mhac fodhail mhor ris, agus rinn esan fodhail mhor riuthasan.
Chaidh Schemsedin far an robh an righ, agus dh’innis e a h-uile car mar a dh’ eirich dha air a thurus, agus mar a fhuair e greim air mac a bhrathar. Chord an naigheachd ris an righ anabarrach math, agus thug e fa near a h-uile facal dhi a sgriobhadh sios gu curamach, agus a tasgaidh am measg sgriobhaidhean luachmhor na riogheachd.
An uair a thill Schemsedin a luchairt an righ, shuidh e fhein, a theaghlach, agus a chairdean aig fleadh mhoir a mhair seachd oidhche.
An uair a chuir Giafar crioch air innseadh an naigheachd so do righ Haroun Alraschid, dh’ aontaich an righ gu’n tugadh e mathanas do Rihan. Agus a chum toileachadh a thoirt do an duine og a chuir a bhean gu bas le coire Rihain, thug an righ dha ri posadh aon de na mnathan-coimhideachd a bh’ anns an luchairt aige fhein, agus thug e dha mar an ceudna de dh’ or ’s de dh’ airgid na chum e suas fhad ’s bu bheo e.
(A’ chrioch.)
Seann Mhionnan nam Breitheamh Manainneach.
Tha mis’ a’ mionnachadh air an leabhar so, agus gach ni naomh a ta ann, agus air na h-oibre iongantach a rinn Dia gu miorbhuileach anns na neamhan shuas agus air an talamh a bhos, ann an sè laithibh agus oidhchean, gu ’n coimhlion mi gun eiseamail do spéis no do chàirdeas, do ghradh no do bhuannachd, do dhaimh no do chleamhnas, do dh’ fharmad no do mhi-rùn laghan an Eilein so gu ceart, eadar ar n-ard-uachdaran, an Righ agus iochdairean anns an Eilean so, agus eadar dream agus dream, cho cothromach ’s a tha cnaimh-droma an sgadain a laidhe an teis-mheadhoin an éisg.
[Vol . 7. No. 10. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth,
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, SEPTEMBER 30, 1898.
AIMHREIT AN T-SAOGHAIL.
Rinn mi luadh cheana air Citchener, an ceannard àluinn, agus air a’ bhuaidh iongantach a fhuair e air a Chalifa iargalta, bhruideil, a chum an Soudan ann an eagal agus ann an uamhas re iomadh bliadhna. Is iomadh boirionnach ’us paisde maoth a chuir e gu bàs muladach le faobhar cruaidh a’ chlaidheimh. Cha robh air uachdar an domhain ann an aite air bith, ionadan anns an robh gniomharan co fuileachdach agus co maslach air an deanamh, ’s a bha air an deanamh, gun iochd ach le naimhdeas ’us le goimh eagalach anns an t-Soudan. Cha ’n ’eil duine tuigseach, ceanalta idir ann nach ’eil ri gairdeachas an diugh, do bhrigh gu bheil cumachd an-iochdmhor a’ Chalifa air a bhristeadh, agus gu do theich an trusdar mosach leis gach luathas a bha ’na chomas, bho fhaiche na comhstri anns an deachaidh àireamh mhor d’a shaighdearan a mharbhadh, ged bha iad dana, misneachail, neo-sgathach. Chuir Citchener daoine tapaidh air toir a’ Chalifa; agus, ma dh’ fhaoidte, gu bheil esan a rinn gach olc ’us marbhadh air feadh an t-Soudan, a nis ann an lamhan nam Breatunnach, agus nach bi comas gu brath tuille aige air olc a dheanamh, no air mnathan ’us clann neo-chiontach a ghearradh sios le sleaghan a shaighdearan. Tha fios againn gu bheil Frangaich ceithir cheud mile mu dheas do Chartom, agus gur e ’n deoin sealbh a ghabhail air cuibhrionn de ’n dùthaich ud airson na Frainge. Tha Citchener gun teagamh, anns a’ bhaile ud a nis, agus cuiridh e fein agus a shaighdearan gaisgeil, crioch ann an uine ghearr, air cuilbheartan ’s air ughdarras nan Frangach anns gach baile ’s aite ’tha air bruachan na Nile, oir buinidh do Bhreatunn agus do ’n Eiphit an amhuinn iomraiteach agus bheartach so, bho ’beul gus na lochan air taobh deas na h-Eiphit, agus ann am meadhon Africa, as am bheil an Nile ’g imeachd ’na sruthan caol air tus.
Ann am breth us ’n am bàs tha ’n cinne-daoine ann am mor co-ionnan. Tha pian, ’us iargain, ’us trioblaid, ’us deuchainn, ’us call cairdean a leantuinn daoine rioghail co maith ri daoine diblidh, bochd. Is ann le doilgheas mor ’us le mulad tiamhaidh a chuala luchd-leughaidh MHIC-TALLA, bho cheann seachduinn, gu tainig crioch air beatha Ban-Iompaire Austria, ann an doigh mhaslach, chianail, bhronach. Tha, anns an Roinn-Eòrpa gu sonruichte, daoine breuna, garg, bruideil, a tha ’saoilsinn gu bheil iad a’ tabhairt comhnaidh iongantach do rioghachdan an t-saoghail, le bhi ’gearradh sios daoine rioghail ’us ceannardan ’us luchd-riaghlaidh. Is e duine anabarrach glic, caoimhneil agus eagnaidh a tha ann an Iompaire Austria. Tha e ’rioghachadh thairis air iomadh treubh ’us cinneadh a tha, ann an tomhas mor, eadar-dhealaichte fo ’cheile ann am beachdan, agus ann an creideamh us abhaistean. Cha’n ann gun dragh fuasach a tha e ’cumail daoine Hungaraidh, ’us Bhohemia ’us Mhorabhia ri cheile, agus ann an doigh bheag no mhor de chairdeas ris na treubhan eile d’ am buin, ann an seadh firinneach, rioghachd Austria. Tha ’n t-Iompaire fior-mheasail airson nam buaidhean gasda ’tha aige, ’s airson a ghliocais mhurraich anns am bheil e ’ceangal Roinnean iomadach na rioghachd ri ’cheile. Tha eagal trom air ’fhaireachduinn gu teid Austria as a cheile co luath ’s a thig crioch air beatha ’s air rioghachadh an Iompaire. Is e boirionnach eugaidh, geamhnuidh, neo-sgathach a bha anns a’ Bhan-Iompaire. B’ abhaist di tighinn do Shasunn agus do dh’ Eirinn air toir na seilg. Bha iadsan tearc a b’ fhearr air marcachd na ise, agus aig an robh barrachd danadais, ’us treise ’s seoltachd ann an t-sealgaireachd. Is ann an Genebha ’bha i ’nuair a shath Eudailteach bruideil iaruinn geur ’na cridhe, ’thug a bàs di ann am beagan uine. Tha, ann an Austria, agus ann an rioghachdan eile, mulad mor ’us tuireadh geur gu bheil a Bhan-Iompaire marbh, agus gu d’ fhuair i bàs ann an doigh co narach, co iargalta, ’s co borb. Thainig an t-àm anns am bheil e fior-iomchuidh gu rachadh crioch a chur air innleachdan neo-cneasda ’s air cuilbheartan bruideil an dream ud aig nach ’eil eagal roimh Dhia no roimh dhuine. Chaidh oidheirp a dheanamh bho cheann ghoirid, air Csar Ruisia agus air an t-Csairina ’thachdadh le aileadh bàsmhor. Chaidh seanair an t-Csair so ’chur gu bàs muladach le daoine aingidh, eucorach, ged nochd e barrachd daimh ’us caoimhneis do dhaoine Ruisia na rinn Csar air bith eile. Cha chulaidh-fharmaid da rireadh inbhe ’s morachd righrean na talmhainn, am feadh tha ’m beatha ann an cunnart gach la, ’s a tha daoine aingidh, mosach a’ cur an gniomh innleachd bhasmhoir airson Iompairean ’us Ban-Iompairean a thilguin gus an lar. Chuir Iompaire Ruisia a mach o cheann ghoirid, iarrtus solaimte do righrean ’s do rioghachdan an t-saoghail anns am bheil e ’deanamh luaidh air na feachdan lionmhor, cosdail a tha ’n Roinn-Eòrpa gu sonruichte ’cumail suas. Tha e ’tabhairt iomraidh air an uallach chudthromach a tha na dùthchannan a’ giulan, agus a tha ’tabhairt ann an tomhas mor sgrios air gach saothair ’us dichioll a tha luchd-dùthcha ’deanamh. Tha e gu firinneach ag innseaadh gu bheil seirbhis, ’us obair, ’us innleachd nam feachdan mora air an call gu buileach, do bhrigh gu bheil àireamh co mor de dhaoine ’n an saighdearan, agus mar so air am paigheadh ’s air an cumail suas le cisean na dùthcha, oir cha ’n ’eil comas no cothrom aca air an teachd-an-tir a chosnadh, no air buannachd bheag no mhor a thabhairt do bheartas, ’us do chisean, ’us do shonas an dùthcha. Aidichidh gach neach gu bheil tùr ’us toinisg ann am briathran an t-Csair agus anns a’ chuireadh a tha e ’tabhairt do righrean eile ’s do ’n luchd-comhairle teachd le ’cheile a chum gu gabh iad beachd air an doigh a’s fearr airson am feachdan a lughdachadh, agus airson an t-uallach trom a tha ’cur cisean eagalach air gach dùthaich, a thogail air falbh ann an tomhas mor co-dhiu. Tha dochas aig MAC-TALLA ’s agam fein gu guilain cuireadh ’us comhairle an t-Csair toradh brioghmhor, agus gu tig atharrachadh comharraichte ann an uine ghearr air lionmhoireachd feachdan ’us cabhlaichean an t-saoghail. Ach, tha Ruisia carach, seolta, ’s air an aobhar so, tha amharus aig morrn nach ’eil an Csar ann an da rireadh anns a’ chuireadh a thug e seachad. Gleidhidh righrean eile suil gheur bhiorach air, am feadh a bheir iad aire fhaicilleach d’a chomhairle ’s d’a iarrtus.
CONA.
Tha cùisean car troimhe-cheile anns an Fhraing. Tha an Riaghladh agus moran dhe’n t-sluagh air son gu’m biodh Dreyfus air fheuchainn a rithist, ach tha buidheann mhor dhe’n t-sluagh calg-dhireach an aghaidh sin, agus tha eagal air daoine ma theid an Riaghladh air adhart, gu’m bi ceannairc ann. Tha ceannardan an airm, agus an t-arm cha mhor gu buileach an aghaidh ceartas a thoirt do Dhreyfus, agus tha e cunnartach gu’n éireadh iad an aghaidh an Riaghlaidh. Cha’n eil anns na Frangaich ach daoine corrach, mi-stéigheil, agus tha e doirbh a radh ciod a dh’ fhaodas iad a dheanamh. Bha ceannaircean uamhasach anns an Fhraing roimhe so, agus cha’n eil cinnt sam bith nach bi an leithidean ann fhathast.
Air an t-seachdain s’a chaidh, chaochail an t-Onarach Calum Cailean Camaran, Riaghladair nan Roinnean Iar-Thuathach. Rugadh e ann an Peairt, Ontario, anns a bhliadhna 1832. Fhuair e bhi na fhear-lagha ’sa bhliadhna 1860. Bha e na bhall de’n Ard-Pharlamaid àireamh mhor bhliadhnaichean, agus air a bhliadhna so fhéin, fhuair e inbhe na Riaghladaireachd. Bha e ann an droch shlainte, agus bha dùil ri bhas o chionn treis a dh’ ùine. O chionn àireamh mhath bhliadhnaichean bha e toirt seachad duais mhath air son foghlum Gàilig ann an oil-thigh na Ban-righ’nn, ann an Kingston. Bha e ’na fhior charaide do’n Ghàilig, agus bidh ionndrain air am measg Ghàidheal Chanada.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
Stewartdale , C. B.
CLOTH, DROGAID,
AGUS
Plaideachan “EUREKA.”
Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic.
Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige.
[Vol . 7. No. 10. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Cha’n eil an fheill ann a Halifacs a faotainn ach an droch shide; bha an t-uisge a sileadh roinn mhor dhe’n ùine, agus cha d’ fhuair moran dhe na chaidh g’a ionnsaidh moran toileachaidh ann.
Thachair sgiorradh muladach air an rathad-iaruinn faisg air Stellarton, N. S., maduinn Di-ciaduin s’a chaidh. Bhuail da thrain na cheile, agus bha coignear air am marbhadh ’s dithis air an leonadh.
Di-luain s’a tighinn tòisichidh an carbad-iaruinn ri ruith air tim-chlàr a gheamhraidh. Bidh e fàgail a bhaile so aig sia uairean ’sa mhaduinn, agus a ’tilleadh mu leth uair an deigh naodh ’san oidhchd—an dearbh àm aig am biodh e falbh ’sa tighinn geamhraidhean roimhe so.
Chaidh soitheach-smùide d’ am b’ ainm Express a bha ruith eadar Halifacs us Yarmouth, air tir faisg air Clark’s Harbor air an t-seachdain s’a chaidh, agus bha i air a tur bhristeadh. B’fhiach i leith cheud mile dolair. Fhuaireadh an sgioba ’s roinn mhor de’n luchd a shabhaladh.
Tha bàrr anabarrach math crithneachd ann am Manitoba ’s anns an Iar Thuath air an fhoghar so, —ann an iomadh aite a dha fheobhais ’sa bha e an uiridh. Thatar a meas gu’m bi mu ochd muillean deug air fhichead buiseal aig tuathanaich nan roinnean sin ri chreic toiseach a gheamhraidh. Ni sin am flùr gu math saor air a bhliadhna tha tighinn.
Chaidh paisde le Domhnull Mac Fhionghain, an Orangedale, a losgadh cha mhor gu bas aon latha air an t-seachdain s’a chaidh. Bha i air a fagail leatha fhein car racain ’sa mathair air an lobhtaidh; ’nuair a thainig a mathair a nuas bha a cuid aodaich ’na lasair theine, agus ’s ann air eigin a fhuaireadh a chur as. Bha am paisde air a losgadh gu dona, ach tha i fhathast beo, agus tha duil ri i dhol am feabhas.
Ann a Waipu, New Zealand, air an latha mu dheireadh de Iun, chaochail Alasdair Mac Amhlaidh, tri fichead bliadhna ’sa naodh deug a dh’ aois. Fhuair e a bhreith us àrach air an Eilean Mhor, agus o chionn da fhichead bliadhn’ air ais chaidh e air imrich do New Zealand, far ’n do shuidhich e, ’s far an robh e fhéin ’sa theaghlach gle mhath air an dòigh. Tha bràthair dha a fuireach air Man-o’ -war Point, ’san Eilean Mhor agus brathair eile ann an Utica, New York. Dh’fhàg e sianar mhac agus ceathrar nighean. Tha àireamh mhath chàirdean dha air feadh Cheap Breatunn a bhios ro dhuilich sgeul a bhàis fhaotainn.
Fhuair sinn litir air an t-seachdain so o aon de luchd-gabhail MHIC-TALLA, ’se trod ruinn gu gailbheach air son mearachd a dheanamh ’na chùnntas. Tha e, a reir coltais, gun tuigse air cho soirbh ’sa tha e mearachd a dheanamh ann an cunntas a tha ruith àireamh bliadhnaichean, gu h-àraidh nuair a tha àireamh mhor cheudan de chùnntasan dhe’n t-seòrsa cheudna ri ’n cumail. Cha’n eil fear-gnothuich ’san dùthaich nach dean mearachd na chùnntasan, agus cha’n eil sinne ’gabhail oirnn a bhi na’s fhearr air cumail leabhraichean na daoin’ eile. Ma ni sinn mearachd, cha’n ann d’ ar deòin, agus cuiridh sin ceart mearachd sam bith a ni sinn cho luath ’sa bhios ’nar comas. Cha ’n eil sinn ag iarraidh air neach sam bith ach ar cuid fhéin, agus tha sinn a’ creidsinn nach feuch duine ri sin a chumail uainn. Ma gheibh aon sam bith de’r luchd-gabhail mearachd ’sa cùnntas a chuireas sinn uige, innseadh e dhuinn gu soilleir cia mar bu chòir e bhith, ach coma leis a bhi trod no càineadh; cha drùigh e oirnn idir, agus gheibh e air adhart pailt na’s fhearr ma bhios a siobhalta, modhail.
Rinn an t-side theth a bh’ ann o chionn ghoirid call mor beatha aobharachadh anns na Stàitean. Ann am baile New York leis fhéin, bha naodh fichead us da dhuine air am marbhadh leis an teas, agus bha mu shia ceud a bharrachd orra sinn tinn, ach chaidh iad am feobhas.
Bha stoirm mhor ann an cearnan de Ontario ’s de Chuibhic toiseach na seachdain s’a chaidh. Shil uisge trom, agus clacha-meallain ann an àiteachan. Ann am Montraal, cha’n fhacas a leithid o chionn iomadh bliadhna; bha i cho garbh ’s gu robh i a bristeadh nan uinneagan anns na tiaghean.
Chaidh fiach leth-cheud mile dolair—air a chuid a’s lugha—de dh’eaglaisean a losgadh ann an New Westminster, leis an teine a sguab am baile sinn o chionn ghoirid. B’fhiach Eaglais Shasunnach a chaidh a losgadh coig mile fichead dolair; eaglais Bhaisteach, deich mile; eaglais Mhethodach, deich mile; agus eaglais Chleireach, cóig mile.
Chaidh blar eile chur anns an t-Soudan seachdain gus an de, aig aite ris an canar Gedaref, far an robh mu thri mile de na Dervishes a feuchainn ri seasamh an aghaidh nam Breatunnach. Chaidh an daighneachd a ghlacadh an deigh do choig ceud dhiubh tuiteam. Chaidh dluth air ceud de’n arm Eipheiteach a mharbhadh. Tha cumhachd a Chalifa a nis air a bhristeadh gu h-iomlan.
’Se ’n àireamh de shaighdearan nan Stàitean a thuit anns a chogadh ris an Spàinn, da cheud ’s tri fichead ’sa ceithir. B’ oifigich tri deug air fhichead dhiubh sin. Chaill an t-arm Geancach moran a bharrachd le tinneas na chailleadh le peilearan nan Spainnteach. Thatar ag radh gu robh da cheud saighdear Spainnteach ann an Cuba ’s am Porto Rico nach deachaidh riamh m ’an fhaisg urchair gunna do na saighdearan Geancach. Ma tha so fior, cha robh aig an arm Spàinnteach ach na droch cheannardan.
Chaidh boirionnach d’ am b’ ainm Floiri Kilday a losgadh gu bàs aig Mèinn Chaledonia Di-satharna s’a chaidh. Chaidh an tigh anns an robh i fuireach na theine, agus nuair chunnacas nach robh dòigh air a shàbhladh, chaidh gach neach a bha stigh a thoirt a mach. Ach an deigh sin leum ise stigh a rithist am meadhon nan lasraichean, agus cha’n fhacas i tuilleadh gus an d’fhuaireadh a corp loisgte anns an làraich an deigh do’n teine dhol as. Cha’n eil fhios ciamar a thòisich an teine, ach cha ’n eil coire ’ga chur air neach sam bith.
IADSAN A’ PHAIGH.
Bean Choinnich Mhic Gill-fhinnein, Melford .
Iain Mac Gill-fhinnein, Amhuinn Dhennis.
Domhnull Mac Gill-fhinnein, Port Hood.
Ceit A. Dhomhnullach, Beinn Ghillanders.
D. I. Mac Philip, L’Archevegue.
Domhnull Caimbeul, Pilot Bay.
I. F. Murphy, Acarsaid Chloinn Fhionghain.
Eoghan Mac Leòid, Gabarus.
Bean Iain Mac Nimhein, Catalone.
Domhnull Mac Neacail, Catalone.
S. D. Mac Leoid, Drochaid na h-Aimhne Tuath.
Padruig Mac Raing, Mabou.
Niall Mac Gilleain, (Eildear) Roseburn .
Iain Mac Gille-mhaoil, Rathad Horne.
Iain Ceamp, Leitche ’s Creek.
Alasdair Mac Fhearghais, Grand River.
Domhnull Mac Fhearghais, Caribou Marsh.
Raonull Gillios, Grand Mira Deas.
Iain A. Domhnullach, Bridge End, Ontario.
Alasdair Peutan, Sandon , B. C.
A. I. Domhnullach, Sandon , B. C.
Iain Caimbeul, Steornabhaigh, Leodhas.
An t-Urr. D. M. MacEamuìnn, Antigonish
Lachuinn Mac-a- Phearsain, Amhuinn a Deas, N. S., 25c.
S. A. Mac Gille-mhaoil, na h-Eileanan Coille, E. P. I.
Am Bathar a’s Fhearr.
Na Prisean a’s Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI, C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
AM FLUR
a’s saoire tha ’n Ceap Breatunn ’ga creic aig ALASDAIR MARTUINN bho Thri Dolair ( $3 .00) gu Ceithir us Tri Chairteil ( $4 .75). Is Flur math e cuideachd.
ALASDAIR MARTUINN.
SIDNI, C. B., Ogust 19, 1898.
GHEIBH THU
AN TI
A’s fhearr ’sa Mhargadh.
NA BROGAN
A’s Fhaide Mhaireas.
AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.
Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c
TORMAD DOMHNULLACH.
Cha ’n urrainn dhut paipear Gailig fhaighinn an aite sam bith ach Mac-Talla, ’s bu choir dhut a bhi gle mheasail air.
BATHAR CRUAIDH.
Tha mi a nise ’cumail Bathair cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor.
Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.
[Vol . 7. No. 10. p. 6]
“DUGHALL” A TROD RI “CONA.”
Leugh mi ann am MAC-TALLA an dara latha deug do dh’ Ogust na sgriobh “Cona” anns an àireamh sin. Cha ’n eil mi a creidsinn gu bheil ach gle bheag do luchd-leughaidh MHIC-TALLA a dh’ aontaicheas le “Cona” anns na bheil e ’g radh m’a riaghladh, no m’a luchd-riaghlaidh Chanada aig an àm so. Tha e ’g radh: “Nam bitheadh tuigse cheart…thigeadh an dùthaich air a h-aghaidh.” Gu de tha cearr air “Cona?” ’Sann a shaoileadh duine gun robh e fein airson a bhi na aon do ’n luchd-riaghlaidh ’s nach deach e leis. Tha e soillear gu leòir nach eil dùthaich eile air a bheil grian nan speur a dealradh, a thainig air a h-aghaidh ann an lionmhorachd sluaigh, ann am beartais, ’s anns gach seorsa oibrichean a tha dol a dheanadh suas dùthaich shealbhach, shona, shiochail, ann ’sa faigh an duine bochd fiach a shaothrach, ’s am beartach tinn-a- stigh mhath air son a chuid airgiod, na rinn Canada bho chionn caraid bhliadhna; ’s tha mi a làn chreidsinn gur ann an tomhas mor troimh ghliocas agus riaghladh Laurier ’s nan daoine a tha comhla ris air an stiùir, a thainig so m’ an cuairt.
“Falbhaibh dachaidh, agus fanaibh aig an tigh gu brath,” arsa “Cona.” Ma tha e ’g radh so ma dhéinn an àrd-Sheanadh, no mar theireadh na Gaidheil bho shean, “An Tigh gu h-Ard,” bu choir a chomhairle a ghabhail, oir tha e ceart agus freagrach gun rachadh na seann daoine coire a chur no fhagail ann an àiteigin far nach dean iad tuille cron. Tha “Cona” coir ag radh: “Na ’m bitheadh aig ar Pàrlamaidean gliocas,. . .” Fhreagradh so ann an tomhas mor air na Pàrlamaidean a chaidh seachad a’s do ar luchd-riaghlaidh san àm a dh’ aom. Ma bheir “Cona” sùil air ais thairis air an ùine fhada a bha iad ann san riaghladh, chi e iomadh closnach ghrannda, sgainneal, mar chlacha-mìle a comharrachadh a mach na slighe air an d’ imich iad, gun a bhi leigeil ris moran gliocas, ionracas na onair. Bha iad so a seideadh an trompaid ’s a gloireachadh a chéile mar chomhairlichean ’us luchd-riaghlaidh. Cha b’e math na dùthcha a bha iad a cleachdadh, ach moran do chuilbheartan an t-sionnaich ann iad fein a ghleidheadh ann an cumhachd ’s an dreuchd; ach do ar luchd-riaghlaidh aig an àm so, cha ’n eil feum aca air a bhi g’ am féin-ghloireachadh, na bhi luaidh no séideadh mu na gnothaichean mora a tha iad a dol a dheanadh, oir tha an cliu, an tuigse, an ionracas, an treubhantas ’s an comas air fhuaimneachadh le paipearan-naigheachd Bhreatunn do gach cearna do ’n domhan ’sa bheil a Bheurla ga labhairt, agus tha iad gu h-aona-ghuthach a tabhairt do Laurier us dhaibhsan a tha san riaghladh leis, cliu, onair agus moladh airson tuille a dheanamh a craobh-sgaoileadh eòlais air an dùthaich so, agus a ceangal ar dùthaich mhàthaireil ’s ar Canada ghradhach féin ann an cùmhnantan freagrach, s’a bhios gu mor mhath Canada, cho math ’san dùthaich thall, san uine ghoirid a tha iad ann an dreuchd, na rinn na daoine a bha rompa ’s an ùine fhada a bha an riaghladh na ’n laimh.
Tha “Cona” ag radh: “Tha cairdean an luchd-riaghlaidh ag aideachadh… ” Tha eagal orm gur ann ri naimhdean an luchd-riaghlaidh a bha “Cona” còir a labhairt ’n uair a fhuair e an smuain so ’na cheann, oir tha an fhirinn calg-dhireach an aghaidh so, us ma theid “Cona” am measg càirdean an luchd-riaghlaidh gheibh e so a mach. Cha ruig e leas eagal mor sam bith a bhi air mu Laurier, oir leig esan fhaicinn do ’n t-saoghal nach e mhàin gu bheil e ann an treubhantas inntinn as cridhe fad air thoiseach air na daoine a sguab e á dreuchd mar mholl air a sguabadh leis a ghaoith aig an taghadh ma dheireadh feadh mor-roinn Chanada gu leir, co math ri gach taghadh a bha anns gach siorramachd bho ’n àm sin gus a so. ’Se so leigeas a meas a tha aig cairdean an luchd-riaghlaidh orra, ’s cha ’n e smuaintean “Chona.”
Tha “Cona” a cuir an céill: “An àite a bhith lughdachadh an ain- fhiach… ” Tha e coltach gu bheil “Cona” deas gu ni sam bith a chreidsinn air Laurier, ’s air a chompanaich. Tha fios gu math gun deach na cisean isleachadh air iomadh gnothach a tha tighinn do ’n dùthaich air a bheil daoine cur feum. Tha sàbhaladh mor ’ga dheanamh ann an iomadh aon do na h-oifigean, le bhi gearradh a nuas an costas air doigh na dha. Cha ’n eil “Cona” a toirt an aire gu bheil an dùthaich ga fosgladh a suas, ’s gu bheil i moran na ’s motha ’san àm so na bha i bho cheann da bhliadhna, ’s gu bheil iomadh uair a dh’ fheumas obraichean a bhi air an deanamh ann an cabhaig, us cha toir e creideas do riaghlair sam bith a bheir a mach fiach putan a theid ann an cota oifigeach iosal no ard, gun tairgse iarraidh an ear, an iar, a tuath ’sa deas, feuch c’aite an saoire an gabh e ceannach. Ach do ’n uallach ain fhiach a chaidh fhagail aca mar dhileab, ’sa tha iad a pàigheadh, cha ’n eil facal aig “Cona” ri radh air so; ach tha e coltach gu bheil e fior, “Nach eil na ’s doille na ’n dall air nach eil a dhith léirsinn.” “Tha an Ridir Tearlach Tupper fathast deas-bhriathrach,” tha “Cona” ’cur an ceill. Bha e mar bhriathraiche fada air thoiseach air mar bha e mar oibraiche, ’s an uair a rachadh e ri obair, bha daonnan moran sloightireachd ceangailte rithe. Gabhadh “Cona” mar shamhladh mar dh’ fheuch e ri Sir Iain Domhnullach a thilgeil bun a’s ceann, agus mar rinn e fein agus Foster còir air Sir Mac Coinnich Bowell, ’nuair a b’ eiginn dha aideachadh gun robh aige mar chompanaich nead de luchd-brathaidh ann an tigh na pàrlamaid; ach nuair a fhuair iad na maidean mullaich, ’sa thug iad aghaidh air an dùthaich, chaidh an sguabadh á bith, us thubhairt sluagh Chanada nach robh feum sam bith aca orra, —iad a ghabhail air an culthaobh, gun robh iad sgith da ’n leithid. Cha do rinn so feum do Thearlach min, na do Fhoster còir, oir ma ’n do tharruinn iad an anail ma dheireadh, dh’ fheuch iad ri dlùth air ceithir chiad oifigeach eile a lòdachadh air seirbheis na dùthcha, ’nuair a bha tuille s’a choir ann mar ’bha. (Tha mi an dòchas nach robh “Cona” am measg a cheithir chiad.) ’S ann an so a thainig Iarla Abaraidhean air bord, ’s a leig e fhaicinn a thapadh ’s a chomas, ’nuair a dhiult e gnothuch sam bith a bhi aige ri leithid de ghnothuch, ’na lamhan a shalachadh air iarrtus daoine a dhiùlt an dùthaich ’s ris an d’ thubhairt iad, “Falbhaibh dachaidh, agus fanaibh aig an tigh gu bràth!” Ged nach eil moran meas aig “Cona” air comas Iarla Abaraidhean, leig e fhaicinn gu ’n robh e ro chomasach airson cuilbheartan Thearlich. Tha mi an dòchas nach bi ro mhoran cùram air “Cona” ma ’n dùthaich no ma ’luchd-riaghlaidh, ’s nach caill e a bheag do chadal ma ’n déinn. Oir co fad ’sa tha ghrian le ’h-aghaidh mhaiseach a dealradh os ar cinn, agus Dia an t-Uile-Chumhachdach ard os ceann nan uile, ’s a tha againn daoine modhail, beusach, treun, inntinneach, geur-shùileach, tuigseach, sgairteil agus onarach, faodaidh “Cona,” MAC-TALLA ’s mi féin dol a luidhe ’s an oidhche le lan chinnt gu ’m bi an dùthaich sàbhailte ’nuair dh’ éireas sinn ’sa mhaduinn.
DUGHALL.
“THE TIDAL WAVE. ”
LE DONULL MAC CALUM.
Air do Ruaraidh Og dol dhachaidh, an deigh dha diultadh fhaotainn o athair-céile ’thaobh an tochair, dh’ aithnich a’ bhean nach robh e air a dhoigh; bha leithid de smalan air. Dh’ fheoraich i dheth de bha cur air, agus dh’ innis e dhith gach ni mar bha. “Tha sin,” ars’ ise, “direach coltach ri clìchdean m’ achar. Ach leig thusa leis! Bithidh mise suas ris. Am bi thu toilichte leis a’ chuid a th’ aig m’ athair ’s a’ chreig sgliad’ ’am Baile-nan-Tom?” “Bhithinn toilichte,” deir Ruaraidh, “leis an treas cuid dhith.” “Ceart gu leoir,” deir Mor, “cha chreid mi nach teid agam air sin fhaotainn dhuit.”
Chaidh Mor air an oidhche sin far an robh a mathair a dh’ fheuchainn an cuidicheadh i leatha ’s a’ chuis. Thuirt a’ mathair rithe, gu dearbh gu ’n deanadh i sin. “Anns an ath phaipeir naigheachd,” deir Mor r’a mathair, “bithidh rud mu thimchioll na creig sgliad’ ann am Baile-nan-Tom ma bhitheas sibhse tapaidh, a bheir air m’ athair dealachadh ri chuid dhith do Ruaraidh air màl glé bheag.” “Ni mise,” deir a chailleach, “mo dhichioll”
“Nach ann aig Ruaraidh Og a bha ’m beachd,” deir Ailean-an t-Srath ri mhnaoi, ’s iad oidhche nan suidhe taobh na teallaich, “tigh’nn a dh’ iarraidh tochar ormsa. Thuirt mise ris gu ’n robh mi cho lom ris a’ chirc o’n chocaire.” “Tha eagal orm,” deir a bhean, “gur i ’n fhirinn a dh’ innis thu dha.” “An ann as do bheachd a tha thu,” deir am bodach, “agus gu ’m bithinn beartach ged nach biodh agam ach na bheil creag sgliad Baile-nan-Tom a cur a stigh rium ’s a’ bhliadhna, gu ’n ghuth air an stoc a th’ agam agus na bheil agam ’s a’ bhanca?” “Leugh sin, Ailein,” ars’ ise, ’s i sineadh paipeir naigheachd dha, “agus chi thu de cho dluth ’sa chaidh thu air an fhirinn innseadh do Ruaraidh Og.”
Ghabh am bodach am paipeir agus leugh e na facail so—“Tidal wave. A monster tidal wave struck our shores on Friday last. Coming up the narrows between Baile-nan-Tom and Stron Gharbh, the towering waters as if angry at the obstruction, rose triumphantly over the land on both sides to a great height. We are sorry to say that after the waters subsided, the rocky barrier between the slate quarry and the sea was found to be broken down! ” “Cha ’n fhiach,” deir Ailean, ’s e tilgeil a phaipeir fad’ a lamh uaithe, “an obair sgliad’ ni ’s am bith an deigh sin.” “Innsidh mi dhuit,” deir a bhean, “de a ni thu. Suidhich do chuid de ’n obair air Ruaraidh. Tha e na dhuin’ og, tapaidh, agus ni e feum dhi fhathast. Cha bhi fios aige gu ’n robh fios mu ’n‘tidal wave’ ’s a phaipeir idir.” “Gu dearbh,” deir am bodach, “bheir mise dha gun dad idir i.”
Air an ath là chuir Ailean-an-t- Srath fios air Ruaraidh Og, agus thug e dha ann an sgriobhadh, air a sheuladh le fianuisean fo ainm, a’ choir uile gu saor, air an obair sgliad ann am Baile-nan-Tom.
Chaidh Ruaraidh dhachaidh gle thoilicht’ air an oidhche. Dh’ innis e d’a bhean cho math ’sa chaidh dha. “Tha t-athar,” deir esan, “moran na ’s caoimhneile na shaoil mi bha e. Cha chual’ e iomradh air an ‘tidal wave. ’”
Air an ath sheachdain leugh Ailean-an-t- Srath na facail so ’sa phaipeir naigheachd—“Tidal wave. The correspondent who sent us the notice of the tidal wave which appeared in our issue of last week, has missed his calling in writing notices of matters of fact. He would make his fortune as a writer of ‘high-flown’ romances. The fact is, there was no ‘tidal wave’ at all.” —Highland News.
DUAISEAN.
Tha mi a tairgse tri duaisean airgid— $12 , $8 agus $4 —do ’n triùir sin a chuireas ugad eadar so ’s an 15mh latha de Februaraidh, 1899, an cruinneachadh a’s fhearr de raidhean Gailig(Gaelic phrases and idioms)aig nach bi co-chomunn sam bith ris a’ Bheurla; tha mi coma cia as do na raidhean, ach a mhàin nach ann anns a’ Bhiobuill a gheibhear iad; agus ma gheibh mi pailteas, bheir mi seachad duaisean airson nithean eile. Cha ’n fhaigh duine tighinn anns a’ chomh-ruith nach do phàigh am MAC-TALLA gach sgillinn de ainbh-fhiach a tha aige air. Seoladh iadsan a tha deonach feuchainn air son nan duaisean so, an litrichean gu,
CARAID NA GAIDHLIG.
Office of “Mac-Talla,”
Sydney, C. B.
Tha deagh nadar aig moran an uair a bhios gach ni ag eirigh leo, ach cuiridh iad cul ri sin an uair a thig aire agus eiginn, agus a shiubhlas iad troimh amhuinn theintich an amhghair.
[Vol . 7. No. 10. p. 7]
Uisge Aftoin.
LE DUGHALL MAC PHAIL, AM MUILE.
(Bho Bheurla Raibeirt Burns.)
Siubhail seimh feadh do ghlacan,
A chaoin Aftoin nan lub,
Agus seinneam dhuit duanag
Gu ’bhi luaidh air do chliu;
Ri do thaobh tha mo Mhairi
An cadal tlath-fhoisneach ciuin;
Siubhail seimh ’s as a bruadar
Na gluais i ’s na duisg.
Thusa ’smudain, d’ am freagair
Ath-fhuaim chreag nan gleann fas,
’S thusa ’londuibh, ’s glan feadag
Anns na preasan fo sgail—
’Adharcan chlis a chinn uaine,
Cum do chruaidh-sgread ’n a tamh,
Na cuiribh buaireas no bruaillean
Air suain-fhois mo ghraidh.
’Aftoin chubhraidh, cia aillidh
Na beanntaibh ard’ tha dhuit dluth,
Le an caochanaibh meara,
Glan, fallain gun ghruid;
Far am bi mi gach la
’N uair tha ’ghrian aig aird’ a buan-churs’,
Bothag bhoidheach mo Mhairi
’S mo threud-alaich fo m’ shuil.
Cia taitneach do bhruachan
’S do chluanagan caoin;
Ann do fhrith-choill cha ’n ainmig
An t-sobhrach gheal-bhui’ ghlan, mhaoth;
’N uair bhios braon-dhruchd an fheasgair
A’ dealtradh nan raon,
Bidh mise ’s Mairi ri sugradh
Fo bharrach cubhraidh nan craobh.
A chaoin Aftoin, cia soilleir
Do shruthaibh criostail, gun ruaim,
’Ruith ’n an luban mu ’n airidh
’M bheil mo Mhairi ’cur suas;
Cia mear iad ri failceadh
Casan sneachd-geal mo luaidh,
’N uair bhios i ’luidrich feadh d’ athaibh
’Tional bhlathan mu d’ bhruaich.
Siubhail seimh feadh do ghlacan,
A chaoin Aftoin nan lub,
’Abhainn chubhraidh gun fhotas,
Cuspair m’ orain ’s mo chiuil;
Ri do thaobh tha mo Mhairi
An cadal tlath-fhoisneach ciuin,
Siubhail seimh, ’s as a bruadar
Na gluais i ’s na duisg.
Mo Run an Cailin.
LE UILLEAM ROS.
E ho ro, mo run an cailin,
E ho ro, mo run an cailin;
Mo run cailin suairc’ a’ mhanrain,
Tha gach la a’ tigh’n fo m’ aire.
Gur h-e mis’ tha briste, bruite,
Cia b’e ri ’n leiginn mo runachd;
Mu ’n ainnir a’s binne sugradh,
’S mi ri giulan a cion-falaich.
Tha mo chridhe mar na cuaintean,
Mar dhuilleach nan crann le luasgan;
No mar fhiadh an aird nam fuar-bheann;
’S mo chadal luaineach le faire.
Shiubhail mi fearann nan Gael,
’S earrainn do Bhreatunn air farsan;
’S cha ’n fhacas na bheireadh barr
Air finne bhan nan tla-shul meallach.
Bu bhinne na smeorach a’ cheitein
Leam do ghloir, ’s tu coradh reidh rium;
’S mo chliabh air lasadh le h-eibhneas,
Tabhairt eisdeachd dha d’ bheul tairis.
Bu tu mo chruit, mo cheol ’s mo thaileasg,
’S mo leug phriseil, riomhach, adhmhor;
Bu leigheas eugail o na bhas domh,
Nam feudainn a ghna bhi mar-riut.
Gur muladach mi ’s mi smaointeach
Air cuspair mo chion, gun chaochladh;
Oigh mhin, mhaiseach, nam bas maoth
’S a slios caoin-tla mar an canach.
Tha do dhealbh gun chearb, gun fhiaradh,
Min-gheal, fir-ghlan, direach, lionta:
’S do nadur cho seimh ’s bu mhiannach,
Gu pailt, fialaidh, ciallach, banail.
Air fhad m’ fhuireach an Dun-eidin,
’Cumail comunn ri luchd Beurla;
Bheir mi ’n t-sorruidh so gun treigsinn,
Dh’ ionnsuidh m’ eibhneis anns na gleannaibh.
Ged a tharladh dhomh bhi ’n taobh-sa,
Gur beag mo thlachd dhe na du-ghaill;
’S bithidh mi nis a’ cur mo chuil riu,
’S a’ deanamh m’ iuil air na beannaibh.
Gur h-eutrom mo ghleus, a’s mi m’ iompaidh,
’S neo-lodail mo cheum o’n fhonn so;
Gu tir ard nan sar-fhear sunndach,
’S mi treigsinn Galldachd ’nam dheannaibh.
Diridh mi gu Tulach Armuin,
Air leth-taobh Strath min na lairce;
’S tearnaidh mi gu Innseag Bla-choill’,
’S gheibh mi finne bhan gun smalan.
Oran.
LUINNEAG.
Air faillirin, illirin, uillirin, O,
Air faillirin, illirin, uillirin, O,
Air faillirin, illirin, uillirin, O,
Gur boidheach an comunn
Tha chomhnuidh ’n Srathmor.
Gur gile mo leannan
Na ’n eal’ air an t-snamh,
No cobhar na tuinne
’Si tilleadh bho ’n traidh,
No ’m blath-bhainne buaile
’Sa chuach leis fo bharr,
No sneachd nan gleann dosrach
’Ga fhroiseadh mu ’n lar.
Tha cas-fhalt mo ruin-sa
Gu siubhlach a’ sniomh
Mar na neoil bhuidh’ a lubas
Air stuchdaibh nnn sliabh;
Tha ’gruaidh mar an ros,
’N uair is boidhche bhios ’fhiamh
Fo ur dhealt a’ cheitein
Mu ’n eirich a’ ghrian.
Mar Bhenus a’ boillsgeadh
Thar choilltibh nan ard,
Tha miog-shuil ’gam bhuaireadh
Le suaicheantas graidh;
Tha braighe nan seud
Ann an eideadh gach aidh,
Mar ghealach nan speur
’S i cur reultan fo phramh.
Bidh ’n uiseag ’san smeorach
Feadh lointean nan driuchd
’Toirt failte le ’n orain
Do ’n og mhaduinn chiuin;
Ach tha ’n uiseag neo-sheolta,
’San smeorach gun sunnt,
’N uair a thoisicheas m’ fheudail
Air gleusadh a ciuil.
’N uair thig samhradh nan neonain
A’ comhdach nan bruach,
’S theid gach eoinein ’sa chrochd-choille
Cheol leis a’ chuaich;
Bidh mise gu h-eibhinn
A leumraich ’s a ruaig,
Fo dhluth mheuraibh sgaileach
A’ manran ri m’ luaidh.
AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leighsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH
agus TEANNTACHD.
Cuir a dh’ iarraidh sampuill us teisteannas.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia.
agus
127 State St., Boston Mass.
Am Feillire.
SEPTEMBER, 1898.
1 Dior-daoin Blar Sedan, 1870.
2 Di-haoine Teine mor Lunnainn, 1660.
3 Di-satharna Bas Chromwell, 1658.
4 DI-DONAICH 13mh Donach na Trianaid.
5 Di-luain Breith Raibeirt Mhic Fhearghais, 1750
6 Di-mairt
7 Di-ciaduin
8 Dior-daoin Glacadh Sebastopol, 1855.
9 Di-haoine Bas Chaluim Chille, 597.
10 Di-satharna (9) Blar Flodden, 1513.
11 DI-DONAICH 14mh Donach na Trianaid.
12 Di-luain Glacadh Chuibeic, 1759.
13 Di-mairt Bas Uilleam Pitt, 1806.
14 Di-ciaduin
15 Dior-daoin
16 Di-haoine Bas Sheumais VII, 1701.
17 Di-satharna Seisdeadh Dhuneideann, 1745
18 DI-DONAICH 15mh Donach na Trianaid.
19 Di-luain Clo-bhualadh a cheud leabhair, 1471.
20 Di-mairt
21 Diciaduin Bas Sir Walter Scott, 1832.
22 Dior-daoin Blar Sliamh-a- Chlamhain, 1745.
23 Di-haoine
24 Di-satharna
25 DI-DONAICH 16mh Donach na Trianaid.
26 Di-luain Crùnadh Uilleam Rufuis, 1087.
27 Di-mairt
28 Di-ciaduin Bas Dheorsa Buchanan, 1582
29 Dior-daoin Breith Morair Nelson, 1758
30 Di-haoine Breith Uileim Chuimein 1715
MUTHADH AN T-SOLUIS.
An Ceathramh mu Dheireadh, L. 7, U. 6, M. 37 F.
An Solus Ur, L. 15, U. 7, M. 56 F.
A’ Cheud Cheathramh, L. 22, U. 10, M. 25 F.
An Solus Lan, L. 29, U. 6, M. 54 F.
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Floiri Nic Fhionghain
a’ cumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan a’ cosg.
ADAN,
BONAIDEAN,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN,
GEUGAN.
agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor.
FEUCH GU ’N TAGHAIL THU.
DH’ IARRAMAID AIR
NA GAIDHEIL
’s air muinntir eile a tha air son“Typewriter”a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na
Blickensderfer No. 5,
mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35 .
Tha seorsachan eile againn cuideachd.
CREELMAN BROS.,
TYPEWRITER CO.
15 Adelaide St. East,
TORONTO, ONT.
C. H. HARRINGTON & CO.
NA MARSANTAN A’S FHAIDE THA DEANAMH GNOTHUICH ANN AN SIDNI.
THA IAD A’ CREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile.
“SALADA TEA, ”
Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris.
J . S. BROOKMAN, M. D. ,
LIGHICHE.
OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot.
SIDNI, C. B
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c .
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B.
D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C.B.
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.
Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
Niall Mac Coinnich,
Sidni, C, B.
Am bheil romhad tigh no sabhal ur a thogail? Ma tha, paighidh e dhut do chuid thairnnean, glaine, paipear, paint, aol, plaster, luaidhe, glasan, ludagan, rop agus uidheaman saoirsneachd a cheannach bho
C . P. MOORE.
’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, ma bhios speal, sgrioban, forc no cas forca a dhith ort, theirig g’ an iarraidh gu
C . P. MOORE.
Nuair bhios a chlann ag iarraidh sgliat no leabhar ur, paipear sgriobhaidh, pinn, no inc, ceannaich iad bho
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
Sin an t-aite anns am faigh thu gach ni dhiubh so gle shaor.
AN T-AITE
ANNS AN CEANNAICH THU
Suic agus
Iaruinn Cruinn,
Creamers,
Soithichean Bainne,
Airneis-taighe,
Stobhaichean,
Flur, Min etc., etc.
AN STOR AIG
Isaac Greenwell,
SIDNI, C. B.
[Vol . 7. No. 10. p. 8]
THE
DAILY RECORD.
PAIPEAR LAITHEIL
CHEAP BREATUNN.
Air a Chur a Mach a h-Uile Feasgar, ann an Sidni, C. B.
A PHRIS:
Bliadhna, $4 .00
Sia miosan, 2.00
Tri miosan, 1.00
A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH.
Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc.
’S COIR DHUT A GHABHAIL.
SGRIOBH GU—
JOS . MacDONALD,
Editor and Publisher,
Sydney, C. B.
J. E. EISAN.
PIANOS AGUS ORGAIN.
AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, C. B.
THA EARBSA
aig daoine ann am maidsichean Eddy— ’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha “coltach” ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum.
Tha ’n t-ainm so na urras air mathas.
THE
E. B. EDDY Co., Ltd.,
HULL, CANADA.
SOUTH END WAREHOUSE.
FLUR AGUS MIN,
TI AGUS SIUCAR,
FEOIL AGUS IASG.
FIAR AGUS COIRCE,
BIADH DHAOINE,
AGUS
BHEOTHAICHEAN.
Amhlan dhe gach seorsa, agus iomadh ni eile nach gabh ainmeachadh an so.
Taghail, agus cha mhi-chord na prisean riut.
Caipt R. Mac Neill,
Sidni, C. B.
[Dealbh]
Tha sinn a nise ’nar luchd-gnothuich aig a
CHANADACARRIAGE CO. ,
air son Eilean Cheap Breatunn.
Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead le ’cheannach uainne.
Tha sinn mar a b’ abhaist a’ creic Truncaichean, Màileidean, Acuinneach, Bratan-carbaid, Cuipichean, Carbadan Cloinne, Olla, Dubhaich Bhròg, &c ., &c .
F . Falconer & Son,
Sidni, C. B.
’NUAIR THEID THU ’BHADDECK
TAGHAIL AN STOR
Albert I. Hart.
Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram,
Bathar Cruaidh,
Amhlan,
Aodaichean,
Caiseart, Adan,
Curraichdean,
Agus iomadh ni eile.
An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle.
MAC-TALLA.
“Gu ma fada beo a’ Ghailig.”
“Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.”
Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais.
DO DHLEASANAS.
A bhi gabhail MHIC-TALLA.
A bhi leughadh MHIC-TALLA.
A bhi pàigheadh MHIC-TALLA.
A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a chur ’na rathad.
An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan.
Cha robh a leithid ann roimhe, ’s cha ’n eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast.
Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tigh’n a mach uair ’san t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut.
Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dh’ fhalbh.
A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do t’ inntinn.
Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig a’ sgriobhadh gu daonnan dha, agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og.
Is abhaist do dhaoine ’nuair a bhios iad a’ creic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhi ’cur pris ard ’na cheann; ach cha ’n eil MAC-TALLA ’deanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadh ’sa chumail suas, agus uime sin cha ’n eil e cosg d’a luchd-gabhail ach
DOLAR ’SA BHLIADHNA.
title | Issue 10 |
internal date | 1898.0 |
display date | 1898 |
publication date | 1898 |
level | |
reference template | Mac-Talla VII No. 10. %p |
parent text | Volume 7 |