[81]

[Vol . 7. No. 11. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OCTOBER 7, 1898. No. 11.


EACHDRAIDH NAN CAIMBEULACH.

Braidalbainn.

Tha sinn an comain an fhir-dheasachaidh air son an ceartachadh a thug e air an earrainn mu dheireadh den eachdraidh so. Ma tha neach air bith de dluchd-leughaidh a tha meas gur fiach an eachdraidhsaleughadh an dara uair, cuireadh e am focalGallaobhan àit an fhocailCataobhanns gach àit anns an coinnich am facal sin e, agus an sin bidh an earrann ud den eachdraidh air a ceartachadh.

Nuair fhuaradh a mach nach buineadh an tiodal Iarla Ghallaobh gu laghail do Iain Glas, fhuair e on chrùn a bhi na Iarla Braidalbinntiodal a bha aige fein agus aig a mhac

IAIN, an dara Iarla. Thainig esan a dhionnsuidh na h-oighreachd anns a bhliadhna 1716. Bha e pòsda da uair. Cha dfhàg a cheud bhean sliochd na deigh, ach bha triùir chloinne aigon dara bean: Iain, an t-oighre, agus dithis nighean. Bhan dara Iarla na dhuine còir, sìochail; agus, uime sin, chan eil eachdraidh a toirt duinn moran iomraidh air. Chaochail e anns a bhliadhna 1752, agus thainig a mhac

IAIN, an treas Iarla, thun na h-oighreachd na àite. Fhuair e on chrùn a bhi an caochladh de dhreuchdan arda anns an rioghachd na latha fein. ’Nuair bha e na dhuine òg, agus mun do chaochailathair, thugadh blàr fuilteach Chuil-fhodair, farn do chaill cho lionmhor fear de chloinn nan Gàidheal a bheatha. Tha eachdraidh nan amanan deuchainnach ud sgriobhte. Faigheadh gach Gàidheal eolas air eachdraidh a dhùthcha. Chaochail an treas Iarla anns a bhliadhna 1782. Bha e pòsda da uair, ach cha dfhag e sliochd na dheigh. Thainig dluth fhear-daimh dha

IAIN, mac do Chailean Caimbeul, Charwin, a stigh air an oighreachd. Bha Cailean so de shliochd Chailean Mo-castle, dara mac Raibeart, treas Baron Ghlinn-Urchaidh. Bha Cailean Charwin, na chòirneal ann an arm Righ Deòrsa, anns a bhliadhna 1746. Bha e am blàr na h-Eaglaise Brice, agus bha Donnachadh Bàn nan Oran anns an reiseamaid aige. Chaidh Donnachadh don chath mar fhear-ionaid do dhfhear de Chloinn-an-Leisdeir, a mhuinntir Ghlinn-Urchaidh. Thug Mac-a- Leisdair a chlaidheamh fein da. Ghabh luchd nan cotaichean dearga an ruaig. Theich Donnachadh; agus leis a chabhaig thilg en claidheamh uaithe. ’S ann an uair sin a sheinn e:—

Latha dhuinn air machair Alba
Na bha dharmailt aig a chuigse,
Thachair iad oirnne na reubail
S bu neo-eibhinn leinn a chuideachd;
Nuair a chuir iad an ratreut oirnn
S iadnar deigh a los ar murtadh
S mur deanamaid feum ler casan
Cha tug sinne strad ler musgan.”

S e mac a choirneil so, ma ta, a boighre àir treas Iarla Braidalbainn. Thainig e thu na h-oighreachd mar an ceathramh Iarla. Rugadh e anns a bhliadhna 1762. Fhuair e oighreachd Braidalbainn anns a bhliadhna 1782; agus anns a bhliadhna 1806, fhuair e bhon chrùn an tiodal Marcus, agus bhan tiodal so aige féin agus aig a mhacna dheigh. Bha ena chòirneal anns an arm mar bhaathair roimhe. Bha aon mhac aige. Chaochail e fein anns a bhliadhna 1834, agus thainig a mhac

IAINna àite. Besan an dara Marcus agus an coigeamh Iarla. Bha ena bhall pàrlamaid, agus ann an iomadh ard dhreuchd anns an rioghachd. Chaochail e gun sliochd fhagail na dheigh, anns a bhliadhna 1862. Bha e nisna ni teagmhach co dha bhuineadh an oighreachd. Bha barrachd air aon neach a tagradh còir oirre, achs e

SIR IAIN ALASDAIR GAVIN CAIMBEUL, a fhuair coir air seann oighreachd fharsuinn agus bheairteach Bhraidalbainn. Thainig esan mar an ceudna a mach air sliochd Raibeart, treas Baron Ghlinn-Urchaidh. Rugadh e anns a bhliadhna 1824 Fhuair e Braidalbainn anns a bhliadhna 1862. Tha dithis mhac aige: Gavin agus Ivan, agus aon nighean, Eva.

Thug sinn a nise seachad iomradh ghoirid air Caimbeulaich Earraghael agus air Caimbeulaich Braidalbainn. Tha sinn an duil stad an dràsda le sin, air eagal gun sgithich sinn do luchd-leughaidh. Tha teaghlachd no dha eile de Chaimbeulaich air am feudadh sinn cunntas a thabhairt: teaghlach Chreignish, teaghlach Chaudair, &c . Feudaidh e bhith ma bhios gach cuis mar ar miann, gun till sinn ris an eachdraidh acasan aig àm eile.


Bha amadan latha agabhail ceum athghearr troimh fhearann Iarla, faisg air a chaistealn uair a thachair an duine mòr ris. “Till thu,” arsesan, “chan e sin an rathad.” “Bheil fhios agad,” arsan t-amadan, “càit a bheil mi dol.” “Chaneil agam,” ars an t-Iarla. “ ’S cia mar tha fios agad, ma ta, nach e so mo rathad?”


BEATHA AGUS EUCHDAN AN RIDIRE UILLEAM WALLACE.

Earrann IV.

(A CUAIRTEAR NAN GLEANN.)

Dhfhag sinn Wallace ann an eilean Lochlibhain, agus thubhairt sinn gum fàgadhmaid e an sin ag iasgach bhreac car mios. Gabhaibh ar leisgeul, a Chuairteir uiseil; ’se bha sinn aciallachadh, nach cluinneadh sibh uainn tuilleadh car mios. Wallace ag iasgach bhreac, agus Albainn na tom-coin do na Sasunnaich! Cha be an tlàm a bhair a chuigeilcha be an t-iasg airson an do bhiadh edhubhan! An ceann latha no dha, thug e baile Pheairt air a ris. Chaidh innse dha air a rathad gun robh brathair-a- mhàthair am priosan, le òrdugh Chaiptein Thòmais WeirSasunnach gun iochd, gun trocair, aig an robh cuig-fichead saighdear fodha. ’Nuair rainig Wallace achoimhearsnachd, chuir e gille roimhe, feuch am faigheadh e àth no aodainn air an abhuinn Tatha far am faigheadh iad thairis. Mar bha fortan an dan, thachair an gille air iasgair a thairg a gheòla do Wallace agus da dhaoine an nasgaidh. Cha bemhàin, ach dhaisig e thar an abhuinn iad, agus thug se iad lomus direach gu tigh Weir. Thug Wallace an t-urram do Weir gun do chuir en ceann dheth lechlaidheamh féin, agus leig e leghillean an ceithir-ficheads an naoi-deug a spadadh. Thug e nis an uamh air far an robh brathair-a- mhàthar ann an iaruinn, agus leig e mar sgaoil e. Air an lar- na-mhàireach, chruinnich iad achreach; agusnuairthuit an oidche, mu dhorchadh nan tràth, thug iad Dunbreatun orra.

Bha banntrach sabhaile so air an robh eolas aig Wallace; agus mu chamhanaich an latha bha e aig a dorus. Dhfhalaich i e féin agus a ghillean a thiotadh ann an sabhal glaiste, agus thug i dha naoinar mhac foghainteach a bhaice a sheasamh còir Albainn. Thug Wallace oirre dol agus comharradhchur le cailc (cha bann le fuil) air dorus gach tighe anns an robh mac Sasunnaich. Bibhanntrach nach obadh. Rinn i mar dhiarr. Chaidh an t-aingeal-bàis a nis a mach; agus, air feadh na h-oidhche, cha robh tigh a bhair a chailceadh nach do chuir e ri theine; agus mun robh fios aig achuid eile den bhaile ciod a thachair, bha e féin agus a sheòid ann an uamhannan Dhun-breatun. An ath oidhche thug Wallace Ròsneoich air. Mharbh e mu cheithir-fichead Sasunnachbha dol dhachaidh o bhanais. Thug e nis an caisteal air. Mharbh e na bhan sin. Chaith e seachduinn ann, agus chuir e sop teine ris.

Cha robh gearastan an Albainn a nis nach do striochd do Righ Iomhar, ach caisteal Shrìla. Sheas an caisteal somach còrrus mhios; ach ma dheireadhcha robh mìr bìdh aca, cha robh diar dibhe aca, cha robh fòid connaidh aca, cha robh spong teine aca,” —béiginn striochdadh! ’Nuairchunnaic Iomhar gu robh Albainn a nis fo chis, agus gun do mhionnaich gach tighearnas gach moirear a bhi dìleas ach Wallace, chuir e roimhe nach biodh so mar chloichna bhròig, no mar chàileinna fhiacail. ’Serinn e nis, thairg e trì chiad marg do dhairgiod-cinn as. ’Nuair nach drinn so feum chuir e nios á Sasunn ridire Albannach, Iain De Mowbray, agus fear Haliburton, Albannach eile, a bha aon uair acogadh fo bhrataich Wallaice, ach a ghlacadhnuair ghéill caisteal Shrila. Ciod an doigh a ghabh iad air Wallace fhaotuinn a mach, chan eil e soirbh a radh le cinnt. Tha e air a radh gun do bhrìb iad Iain Cutach, a ghille; ach aon ni tha cinnteach, ’se sin: gun deach a bhrath agus a ghlacadh mun àm so le Sir Iain Menteith, brathair-màthair Shir Iain Stiùbhart, a thuit ann am blàr na h-Eaglaise-brice. Thainig iad airsan oidhche, aig Rob-Royston, cuig mile mu ear-thuath air Glaschu, ’s ena leabaidh; agus a thiotadh liubhair iad e do dhIomhair. Cha luaitherainig iad Lunuinn leis, na thug iad e gu talla mor Westminster. Chuir iad crùn do shlataig-nam-buadh air a cheann, mar spìd; agus dhfheuch iad e mar reubalachmar neach a loisg am bailtean, ’s an caisteil, ’s a mharbh na miltean dan cinneach. Thubhairt Wallace riu, sùil man aodann, gun do loisgs gun do mharbh, ’s gun deanadh e fathast e an aobhar a dhùthcha, nam biodh an cothrom aige; ach nach burrainn iad a dhearbhadh gum bu reubalach e, a chionn nach do mhionn-e riamh a bhi dileas do righ Shasuinn, ’s nach mionnaicheadh.

Mo chreach! cha robh fear ann a sheasadh do chòir! —cha robh do sheise ri dchùl, a Wallaice! Chaidh a dhiteadh. Thugadh dheth an crùn. Cheangladh e le slabhraichean iaruinn ri earball eich, agus shlaodadh mar so troimh sràidean abhaile e, gus an d



[82]

[Vol . 7. No. 11. p. 2]

rainigear Smithfield, far an robh achroich dhubhs an dul mallaichtafeitheamh air. Chaidh a nis a leth-chrochadh— ’se sin, leagadh a nios e leth-mharbh. Thugadh a mhionnach as a chom, as loisgeadh mu choinneamh a shùil e. Thug iad an sin an ceann dheth, agus roinn iad a chorp na cheithir cheithreannan. Chan fhoghnadh so; ach chuir iad a cheann air stob àrd fiodh air drochaid Lunuinn, agus a shlinnein deas air drochaid Newcastle. Chuir iad a shlinnein toisgeil gu Berwick, a chas dheass a shliasaid gu Peairt, agus a cheithreamh clì gu Aberain.

Thuit a nis an dubh-oidhche air Albainn! Chuir a h-iarmailt oirra callaid bhròin. Chaidh tonnus traigh gu caoidh. Chaidh a chubhags an smùdan gu bun nan dos. Shearg fiarus fochann. Shil gach craobh a h-ubhlan, as chaidh mnathanus maighdeanan gu gàbhadhs gu bas-bhualadh. Ach dhfhas agus dhat cridhe gach fir. Chite morchuis agus morachd asteidheachadhnan gnùischite ardan alasadhnan gruaidh, agus lasair meanmna anns gach suil! Cha robh oidhche gun a latha na deigh, ’s cha robh geamhradh gun earrach. Chuir thusa, Iomhair, Albainn gu fulangchuir thu tàmailt oirre nach dfhuair i riamh, ’s nach dfhulaing i; ach mun tig sea miosan on diugh, thig dioghaltas. Cluinn flapraich a sgiathan! Beiridh e ort; agus Albainn ghràdhach, a than diugh bronach, bithidh i aighearachAlbainn ghradhach, a than diugh fo dhaorsa, bithidh i saor! Gedtha Wallace marbh, tha Bruce beoged tha Carlisle an Sasunn, tha Bannockburn an Albainn! agus latha fuileach Bhannockburn gheibh gairdean ròmach Albainn buaidh!

Thug mi nis, a Chuairteir uiseil, margheall mi, beatha Wallaice gu crìch. Taing dhuibhse airsonur siobhaltachd; agus creidimh mi gur math leam fada beò sibh.

MACTALLA.
Eilean Cholla, 1842.


SGEULACHDAN ARABIANACH.

An t-Amadan Crotach.

CAIB. I.

O chionn fad an t-saoghail bha taillear ann an Casgar aig an robh bean anabarrach boidheach. Mar a bha nadarra gu leor, bha gaol mor aige oirre. Bha e na shuidhe muigh aig an dorus air latha araidhs an t-side briagha, blath, agus e gu trang afuaghal. Co thigeadh an rathad ach amadan beag, crotach, a bhiodh mar bu tric ann an cuirt an righ, agus a bhiodh adeanamh spors is fearas-chuideachd don righ, agus do dhuaislean na cuirte. Thoisich e ri gabhail orans ri cluich air inneal-ciuil don taillear. Chord an gnothach cho math ris an taillears gun do smaoinich e gum bu choir dha iarraidh air an amadan a dhol a steach don taigh comhladh ris gus spors a dheanamh don mhnaoi. “Ni am fear beag so debhearsain gu leor dhuinn fad an fheasgair,” arsesan ris a mhnaoi, “agus mureil dad agadna aghaidh, iarraidh mi air tighinn a steach a chur seachad an fheasgair comhladh ruinn.”

Bha bhean toileach gu leor so a dheanamh. Ghabh an t-amadan crotach an cuireadh a fhuair e gu toileach.

Dhuin an taillear abhuth, agus chaidh e feins an t-amadan crotach dhachaidh.

Gun dail sam bith rinn bean an taillear biadh deiseil, agus ma bha gach ni eile air abhord bha iasg air. Ach bhan t amadan crotach cho gineach ag itheadh an eisgs gun do stad cnaimh morna amhaich, agus ged a rinn an taillears a bhean gach ninan comas gus an cnaimh a thoirt as amhaich, dhubh-dhfhairtlich orrathoirt as. Ann an uine ghoirid bha e marbh aca gun sgrid air an urlar.

An uair a chunnaic iad gun robh e marbh, bhuail an t-eagal iad gu h-anabarrach; oir bha fhios aca, nam faigheadh luchd-riaghlaidh abhaile fios air mar a thachair, gun rachadh an cur an sas le cheile, agus gur docha gun cailleadh iad am beatha air a shaillibh. Coma co dhiubh, cha robh aca ach feuchainn ris abheirt a bfhearr a dheanamh dhen bheirt bu mhiosa.

An uair a smaoinich iad car uine air achuis, bhuail e anns acheann aig an taillear nach robh doigh a bfhearr air am faigheadh iad an duine marbh bhar an lamh na feuchainn ri chur ann an luib an doctair Iudhaich a bha faisge orra. Cho luaths a thuit an oidhche dhfhalbh iad leis achorp gu taigh an doctair. Bhan taillear fo na guaillean aige agus a bhean fo na casan. An uair a rainig iad an dorus agus a bhuail iad aige, ghrad thainig searbhantan doctair ga fhosgladh, agus o nach robh solus aice, dhfheoraich i co bhaig an dorus agus ciod a bha dhith orra.

Mas e do thoil e till suas,” arsan taillear, “agus abair ri do mhaighstir gun dthug sinn an so duine ro thinn, agus gum bheil toil agam e thighinn ga fhaicinn. So dhut bonn airgid a a bheir thu don doctair, a chum gun aithnich e nacheil mi air son an car a thoirt as.”

An uair a chaidh an t-searbhanta suas an staidhre leis an naigheachd mhath so thun an doctair, thug an taillears a bhean suas an corp gu h-ealamh gu barr na staidhreach, agus an uair a dhfhag iad an sin e, dhfhalbh iad dhachaidh cho luaths a burrainn daibh.

Anns acheart am rainig an t-searbhanta far an robh an doctair, agus dhinnis i dha gun robh firionnach is boirionnach shios aig an dorus agus duine ro thinn aca, agus gun robh iad ag iarraidh air a dhol sios gusfhaicinn. “So agaibh,” arsise, “bonn airgid a chuir iad a nuas gar n-ionnsuidh,” ’s isineadh dha an airgid. Rinn an doctair gairdeachas mor ris an airgiod; agus on a fhuair e paigheadh roimh laimh bha esmaointean gur e daoine beairteach a chur fios air agus thug sin air grad fhalbh far an robh iad gun fhuireach ri solus a thoirt leisna laimh. An uair a bha e dluth air barr na staidhreach, thuirt e ris an t-searbhanta, “Greas an so leis an t-solus.” Ach an aite stad far an robh e gus an tigeadh i leis an t-solus, ghabh e le cabhaig gu ceann na staidhreach. Bhuail a chasan anns achorp, agus sid sios an corp car mu char gus an do stad e aig bonn na staidhreach. Cha mhor nach do thuit e fhein comhladh ris.

A nuas solus an so cho luaths a rinn thu riamh,” arsesan ris an t-searbhanta. Mu dheireadh thainig an t-searbhanta leis an t-solus, agus chaidh e sios an staidhre comhladh rithe. Ach an uair a chunnaic e gun robh an duine a bhuailna chasan air barr na staidhreach marbh aig a bonn, bhuail an t-eagal e gu h-anabarrach. Thoisich ri urnuigh ri Maois, ri Aaron, ri Ioshua, ri Easdras, agus ris na faidhean uile, “Nach bu mhi ceann achruaidh-fhortaing am bhreith,” arsesan. “Car son a thainig mi idir a nuas gun solus! Mharbh mi an duine bochd a thugadh gam ionnsuidh gus a leigheas. Chaneil teagamh nach mi bu mhathair-aobhair dha bhas. Agus mur faigh mi as na tubaistean anns an do thuit mi, bidh mi fodha dheth gu brath. Gun deanadh na naoimh trocair orm! Bidh na maoir an so gun dail, agus bheir iad leotha mi mar mhortair?

Ged a bha e fo iomacheist agus ann an cunnart mor aig an am, thug e fa near an dorus a dhunadh air eagal gum faiceadh a h-aon de luchd-falbh na sraide mar a thachair, agus gun saoileadh iad gur e fhein a chuir an duine gu bas.

Thug en corp don t-seomar anns an robh a bhean, agus an uair a chunnaic i mar a bha, theab i dhol a cochull a cridhe leis an eagal.

Ochan!” arsise, “tha sinn fodha dheth gu brath mur teid againn air a chorp fhaighinn am mach as an taigh ro mhadainn. Ma chumas sinn a staigh e gu mhadainn, cinnteach gu leor caillidh sinn ar beatha air a shaillibh. Cha do thachair a leithid so de mhi-fhortan do dhuine riamh. Carson a mharbh thu an duine?”

Chan e sin idir acheisd an drasta,” arsan t-Iudhach, “ach cia mar a gheibh sinn an corp bhar ar lamh.”

Chuir an doctair Iudhach agus a bhean greis dhen oidhche seachad asmaointean cia mar a gheibheadh iad an corp a chur as an t-sealladh. Ach bi a bhean a bfhearr ceann, agus thuirt i mu dheireadh, “Tha smaointean air bualadhnam cheann; thugamaid an corp suas gu mullach an taighe, agus leigeamaid sios e anns an t-simealair aig ar coimhearsnach.

Be an coimhearsnach so am marsanta a bhiodh areic ime agus olla, agus nithean eile dhen t-seorsa ris an righ. Agus bhiodh luchain is radain ag itheadh moran de na nithean a bhanns abhuthaidh aige.

Dhaontaich an doctair gun deanadh iad mar a bhabhean ag iarraidh. Thug iad an corp suas gu mullach an taighe, agus chuir iad rop ma achlaisean, agus leig iad sios anns an t-simealair e cho socrachs gun robh ena sheasamh ann mar gun biodh e beo. Dhragh iad leotha an rop, agus chaidh iad dhachaidh.

Beagan uine na dheigh sin, thainig am marsanta dhachaidh bhar bainnse, agus linntir aige. Ghabh e ioghnadh mor an uair a chunnaic e, le solus an lainntir, duine anns an t-simealair. Shaoil leis gur e meirleach a bhann agus ghrad fhuair e cuaille math bata, agus ghabh e direach far an robh an corp, agus thuirt e, “A dhearg mheirlich, bha mise an duil gus a so gur e na luchain agus na radain a bhag itheadh an imes na geire orm, ach is tusa tha tighinn a nuas troimhn t-simealair gan goid! Ach tha mismaointean nach tig thu air chabhaig a rithist air son acheart ghnothaich don taigh so.”

An uair a thuirt e so, thoisich e ri bualadh achuirp gu laidir leis abhata. An uair a thuit an corpna sgleog air an urlar, ghabh am marsanta dha leis abhata gu maths gu ro mhath. Mu dheireadh an uair a thug e an aire nach robh an corp agluasad, stad e dhebhualadh. Sin an uair a thuig e gun robh an duine marbh. Ghrad bhuail an t-eagal e.

Nach bu mhi ceann achruaidh-fhortain,” arsesan. “Ciod a rinn mi! Mharbh mi an duine! Ochan! chaidh mi tuilleadh is fad air aghart le mo dhioghaltais. A Dhe mhaitheasaich, mur dean thu trocair orm, caillidh mi mo bheatha! Mo dheich mile mollachd air an ims air a gheir a thug orma leithid so de chionta mhoir a dheanamh!”

Sheas e far an robh es e cho geal ris an anart, agus gun chomas aige ach gannanail a tharruinn. Ar leis gun robh ecluinntinn fuaim casan nam maor atighinn gus a ghlacadh, a chum a chur gu bas. Cha robh fhios aige fon t-saoghal ciod a dheanadh e.

Cha dthug e an aire gus a so gur en t-amadan crotach a bha ebualadh; ach an uair a chunnaic e co bhaige, thug e mhile mollachd air fhein. “Ah, ’chrotarnaich na mollachd,” arsesan, “a mhic achoin! bfhearr gun robh thun deigh gach nis abhuthaidh a ghoid, agus thu fhein a thoirt as mun dthainig mi! Nan drinn thu so, cha bhithinn-sa cho mor fo thrioblaids a tha mi air do shon fhein, agus air son do chroit ghranda! Oh! gun tugadh reultan neimh solus dhomh anns an uair so.”

An uair a thuirt e so, thog e leis an corp air a ghualainn, agus dhfhag ena sheasamh aig oisinn na sraide e, agus thill e dhachaidh gun uiread is sealltainnna dheigh.

Beagan uine mun do shoilleirich an



[83]

[Vol . 7. No. 11. p. 3]

latha, bha marsanta mor, beairteach, om biodh an righ aceannach moran bathair, an deigh tilleadh dhachaidh o chuirm mhoir aig an robh e. Agus bha edol am mach a rithist gus e fhein fharagadh. Ged a bha e air leith iomall na daoraich, bha de thur ann na bha tuigsinn gun robh moran dhen oidhche air a dhol seachad, agus gum biodh sluagh abhaile air an cois an uine ghoirid gus a dhol gu urnuigh na maidne aig soilleireachadh an latha. Air an aobhar sin bha ecoiseachd gle chabhagach air aghart a chum gun ruigeadh e an taigh-faragaidh mun eireadh daoine; oir bha fhios aige, nam faicteadh e, gun rachadh a chur ann am priosan air son a bhith air an daoraich. An uair a rainig e oisinn na sraide stad e tiotadh air son gnothaich araidh dluth air an aite anns an dfhag am marsanta eile an t-amadan crotachna sheasamh ris abhalla. Cha dthug e an aire dha idir, agus gun fhios dha fhein bhuail e ann, agus thuit e. Agus thuit an t-amadan crotachna ghlag air a mhuin. Shaoil leis amharsanta gur e meirleach a bhann, agus bhuail e dorn air ann an toll na cluaise. Chan fhoghnadh so leis, ach ghlaodh e aird a chlaiginn, “Meirlich! meirlich.”

Bha freiceadain abhaile faisge air laimh, agus an uair a chualiad an glaodh, ghrad thainig iad. An uair a chunnaic iad am marsantabualadh an an fhir chrotaich, thuirt iad, “Ciod e an gnothaich a thagad a bhithbualadh an duine air an doigh sin?”

Bha edol a thoirt uam an sporrain, agus leum e air mo mhuin gus breith air amhaich orm,” arsam marsanta.

Ma rinn esan sin,” arsiadsan, “rinn thusa dioghaltas gu leor air mar tha. Leigna sheasamh e.”

An uair a thoisich iad ri togail an fhir chrotaich, thug iad an aire gun robh e marbh. “Oh! nach bu dana dhut, ’s gur Criosduidh thu, a dhol a mharbhadh duine a thana Mhahomedanach!”

Gun tuilleadh a radh rug iad air amharsant agus thug iad leotha e don phriosan, far an do ghleidheadh e gus an do chuireadh achuirtna suidhe.

Anns an am bhamarsantafas sobarra, agus cha burrainn e thuigsinn cia mar a chuireadh aon bhuille dhe dhorn an duine gu bas.

An uair a shuidh achuirts a cheasnaicheadh na freiceadains a shealladh air an duine mharbh, chuireadh acheisd air amharsanta, an e a mharbh e. Ach cha burrainn da e fhein a shaoradh, agus mar sin, cha robh aige ach gabhail ris achionta.

On a ben t-amadan crotach aon dhe na bhuineadh do chuirt an righ, cha robh am breitheamh deonach binn bais a thoirt am mach an aghaidh amharsanta gus an rachadh achuis a chur air beulaobh an righ. Gun dail sam bith chaidh e far an robh an righ, agus dhinnis e dha mar a bha. Thuirt an righ ris, “Cha toir mise mathanas do Chriosduidh sam bith a mhortas Mahomedanach. Bi falbh, agus grad chuir am mortair gu bas.”

An uair a chualam breitheamh so, dhordaich e croich a bhith air a cur suas, agus chuir e daoine air falbh air feadh sraidean abhaile a ghlaodhaich ris an t-sluagh gun robh Criosduidh gu bhith air a chrochadh air son gun do mhort e Mahomedanach.

Mu dheireadh thugadh am marsantamach as aphrìosan, agus chuireadhna sheasamh aig bonn na croiche e. An uair a bhan crochadair acur tobha na croiche ma amhaich, thainig am marsanta eilena dheannaibh a steach troimhn mhor-chuideachd, agus ghabh e direach thun na croiche. Ghlaodh e ris achrochaduir, ag radh, “Na cuir an Criosduidh sin gu bas idir. Tha e neo-chiontach. Is mise a mhort an duine.”

Anns an t seasamh bonn cheasnaicheadh e, agus dhinnis e gach ni mar a fhuair en t-amadan crotach anns an t-simealair, mar a ghabh e dha leis abhata gus an do mharbh e e, agus mar a dhfhag ena sheasamh fuar, marbh, aig oisinn na sraide e. “Bha thu,” arsesan, “adol a chur an neo-chiontaich gu bas an aitechiontaich; oir cia mar a burrainn e bhith ciontach de bhas an duine an uair a bhan duine marbh fada mum face e. Tha gu leor dhomhsa bhith ciontach de bhas Mahomedanaich gun a bhith ciontach de bhas Criosduidhs e neo-chiontach.”

(Ri leantuinn.)


BEACHD MI-REUSANTA.

FHIR DEASACHAIDH: —Bho na leubh mi litirsa MHAC-TALLA á Ceap Nor, chuimhnich mi air ruid a bha mo nabaidh ag rathainn latha o cheann ghoirids e stigh agam. Bha mi fein na mo shuidhe gun a bhi radh focal, ’s gun a bhi gabhail oirm gu robh miga chluinntinn.

S ann a thòisich e air a radh, “O nach iongantach a bheachd a thaig na daoin’ ’thag radh gu bheil an saoghal a dol ma chuairt. “Well nach eil iad iongantach,” arsa Mairi is i freagairt. “Na biodh an saoghal a dol ma chuairt,” arsesan, “bhidh sinne thall aig taobh a tuath an eilean dhona so.” Brist mo ghàire orm fhein, agusse fhein a rinn a ghareachdain cuideachd leis a bhuille a thug e don bheachd mhi reusanta. Na biodh sinne thall aig taobh a tuath an eilein chitheadh muinntir Cheap Nor sinn! Mas fhiach leat so a chursa MHAC-TALLA cuir ann e.

CARRAIG.


MAR FHUAIR CLANN DOMHNUILL OIGHREACNDAN EIRINN.

Is iomad atharrachadh a thàinig air an t-saoghal on a thachair an sgeula beag a leanas.

O chian, bha Eirinn air a roinn na h-iomad rìoghachd bheag; agus àrd-cheannas, agus uachdranachd aig gach righ air earrainn féin. Anns na lìnntibh sin thachair do Mhac Fionn, rìgh Anntrum a bhi dol le Cao’ -mhala, àilleagan an fhuilt réidh, agus ban-òighre a rioghachd gu cuirm mhòr a bha Triath ainmeil taobh eile na h-Eirinn atoirt seachad, do uaislibh agus do mhaithibh na tire. Cha robh maillc ri Mac Fionn ach buidheann bheag de ghillean, gun fhiughair air bith aige ri caimdeal air a shlighe. Mar bha eg ìmeachd air a thurus roimhonadh farsuing uaigneach, choinnich e ach duine cumhachdach, borb, dan do dhiult e roimhe sin a nighean a thoirt ann am pòsadh. Be ODochairti rìgh Innis-Eoghainn a bhann, agus cuideachd laidir leis. Thuig Mac Fionn na bha na bheachd, agus tharruing e suas a chuid daoine ann an cuairt acur a nighean, chum a dion, anns a mheadhon. Chaidh Mac Fionn a lot gu trom, agus thuit a chuid bu phailte da dhaoinibh. Thog ODochairti rìbhinn an fhuilt reidh, air a bheulaobh air muin stéud-eich lùthoir, agus ghiulain e air falbh i a dhaindeoin a glaodhaich, a smuainteachadh gun dfhuair e fa dheireadh na bha cho fada na bheachd.

Bhas na lìnnibh si co’ -chaidreamh, agus dlù-eolus eadur ceann mu thuath na h-Eirion, agus Earraghàidhealna Albuinn; thachair gun robh Albannach òg éireachdail, ann an làn earadh a dhùthcha, le chlaidheamh air a leis agabhail an rathd tren mhonadh chéudna, a dhionnsuidh na ceart chuirm gus an robh righ Anntrum adol. Chualam fleasgach curanda so àrd ghlaodhaich Chao’ -mhala, agus rinn e arson bealach cumhang far an do choinnich e O Dochairti, agus dhàiltun e dha àilleagan an fhuilt réidh a chur fa sgaoil. Theirinn O Dochairti bhàr an eich, agus an caramh a chéile ghabh e fein agus an Gaidheal. An déigh iomad leòn agus creuchd taobh air thaobh, fa dheireadh bhuadhaich an Gaidheal, agus dhfhàg e O Dochairti na shìneadh air an raon. Ann am prioba na sùl bha e féin agus Cao’ -mhala air an stéudeach luath, rinn iad arson tigh a h-athar, “Caisteal Bhaile Ghali,” a tha trì mile on àites a bheil Buile-Lathurna a nis air a thogail; agus far abheil làraichean briste ri fhaicinn gus an an diugh. Cha robh an Gaidheal treun, agus rìbhinn an fhuilt réidh, fad anns a Chaisteal, nuair a thàinig Mac Fionn air a ghiulan le dhaoinibh, a chuala mar a thàchair, a chaidh mach air a thòir, agus a thug dhachaidh e. Is soirbh ra thuigsinn gun drinn Mac Fionn mòr ghairdeachasnuair a fhuair e gun robh a nighean gu saor slàn, air a teasairginn o O Dhochairti. Thug e buidheachas, agus cha bann aon uair don Albannach, ’guidhe air e dhfhantainn maille ris, a dhìon a Chaisteil, gus am bitheadh e fein léighisto a chreuchdaibh, agus comasach air aicheamhuill a thoirt a mach air O Dochairti, a choinnich e le foill co tàmailteach.

shè seachduinean dhfhan an Gaidheal ann am Baile Ghali ann an cuideachda ri Cao’ -mhala, ainnir àillidh an fhuilt réidh. A cheud a chunnaic an Gàidheal i bha a chridhe aicagus do réir na h-uile coslas bha ises an rùn cheudna dha. Cho luaths a bha Mac Fionn slàn, fallain, dhiarr an Gaidheal cead co’ -naltradh a bhi agus risna sheòmar féin. Fhuair e sin. Is mis’, a deir esan, Aonghas Mac Dòmhnuill. Triath Chinntire; is iomad strigh agus cogadh a bha eadar na daoinon dthàinig sinn. Deòraich dhomh a nis làmh do nighinne, agus bithidh càirdeas daingean eadar ar teaghlaichean am feasd. Ghabh righ Anntruim corruich mhòr, agus co luaths a burrainn da labhairt, ghlaodh estigh air a chuid ghillean; glacaibh, a deir esan, an duine dalma so, agus tilgibh sìos e don ionad-dhion is diongmhaite, agus dùinibh a chòmhladh iaruinn air dhoighs nach bi dol as aige.

Cha robh feum don Domhnullach cur nan aghaidh; leam e sios iad don ionad dhorch far an cual e na croinn agus na slabhruidhean iarainn air an glasadh gu teann, daingeann. Thilg se e féin air ceannaig chonnlaich a dhfhàg iad aige, ameoraich ris féin cia mar dhìoladh e an droch bhiatachd so nach do thoill e. Mu mheadhon oidhche chuale na slabhruidhean a bhair an dorus afuasgladh, agus na croinn air an tarruinn. Chuir e roimhe nach cuireadh iad gu bàs e gun aicheamhuil, ghlac e slachdan mòr iaruinn fhuair es an àite, agus sheas e ann an cùil, le dhruim ris a bhalla, afeitheamh na muinntir, a shaoil e a bha tighinn a stigh chum cur as da. Bioghnadh leis fhaicinn nach dthainig ach aon seann duine, agus fann sholusna làimh; is mis’, a deir an seann duine, oid’ -altrum Cao’ -mhala, ainnir àillidh an fhuilt réidh; chuir i mi chum thus a chur fa sgaoil, agus làn chinnta thoirt don Ghàidheal ghast’, nach tréigeadh i am feasd e. “Lean mise,” arsesan, “so dhuit do chlaidheamh; tha bìorluinn luaith, agus sgioba nach meataich cadha feirge, afeitheamh ort chum do ghiulan do ddhùthaich féin. Ràinig an Dòmhnullach an tràigh, agus fhuair e gach ni mar ghealladh dha. Ghabh en linne, agus ann an ùine ghoirid chunnaic e leus air tùr ard Dhùnabhartaidh, agus man do bhris an fhairbha en a aitribh riomhaich féin ann am Machaire mhòr na mòralachd.

N uair a thuig Mac Fionn nach pòsadh a nighean a h-aon de na bha ga h-iarraidh, agus gun robh rùn a cridhe aig an Dòmhnullach òg, thog e tùr laidir, ceithir-chearnach, air sgeir a muigh air a mhuir, fo mhaol àrd a bha dlùth da thigh fein, on robh iad nan urrainn aon bhàta thigeadh na chòir, a chur fodha le clochaibh. Ann an seòmar àrd den tùr so bha ainnir àluinn an fhuilt réidh air a glasadh, fo chùram dhaoine as an robh a h-athair earbsach; oir chuir e roimhe nach faigheadh boirìonnach air bith dol da còir. Ruith foighidinn Aonghais

(Air a leantuinn air taobh 86.)



[84]

[Vol . 7. No. 11. p. 4]

MAC-TALLA:

Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uairsan t-Seachdain.

Is toigh leinn aGhailig,
A bardachds a ceol;
Is tric thug i nios sinn
Nuair bhithmaid fo leon:
S i dhionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
BARD NA LEADAIGE.

Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thusa bhlar;
Cho fadsa shiubhlas uillt le sruth,
Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Chan aontaich iad an cainnt non cruth
Gun teid do chur gu bas.”
NIALL MAC LEOID.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .50

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

1. Na sgriobh ach air aon taobh den phaipeir.

2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadhs is urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, OCTOBER 7, 1898.

CUEBEC.

Tha, anns gach àite, iomradh air a dheanamh a nis air Cuebec, am baile laidir, ard, iomraiteach, seasmhach, a tha air bruach amhuinn mhoir Chanada. Chaidh clach-chuimhne eireachdail a thogail, mu dheireadh, airson onoir a chur air an Fhrangach ghasda Champlain, a rinn euchdan iongantach, agus a nochd buaidhean glormhor, ann an tus oidheirp nam Frangach air greim a ghabhail air mor-roinn America. Tha dealbh-shnaidte, a tha fuasach grinn agus boidheach, de Champlain fein, air mullach na cloiche-chuimhne air an drinn mi luadh. Bha e ceart agus iomchuidh gu rachadh gach onoir a bha comasach a chur air ainmus gniomharan an Fhrangaich neo-fheineil, threibhdhireach a roghnuich Cuebec mar an t-aite anns am bu choir do bhailebhi air a thogails air a steidheachadh. An uair a thainig an t-àm airson an sgail a tharruing air falbh bho dhealbh Champlain, agus a phearsa dhireach, dhuineil a nochdadh don t-saoghal gu leir, bhalathair ann an Cuebec, ard-uachdaran Chanada agus iomadh duine mor eile. Bha longan-cogaidh a bhuineas do Bhreatunn anns an acarsaid, agus chaidh mar so, urram mor a chur air an duine dhileas, ghasda, Champlain. Anns gach dealas gaisgeil a rinn e, cha dfhuair e ach cuideachadh bronach bhon Fhraing fein. Chosd achlach-chuimhnes an dealbh aluinn deich mile fichead dollair, agus thog na Frangaich ann an Cuebecn am measg fein, achuibhrionn as modha den airgiod. Tha e gle thogarrach a bhifaicinn agus acluinntinn gu bheil smuaintean caoimhneil air an altrum, agus gu bheil briathran ceanalta, grasmhor air an labhairt le Frangaich, agus le gach cinneach eile ann an Canada, am moladh Champlain.

Thainig caochladh anabarrach air faireachduinnean nan Stàidean, on thoisich an cogadh a bha aca leis na Spàinntich ann an Cuba agus ann an aitean eile. Babhaist doibh a bhilabhairt gu tamailteach, mi-chairdeil mu dheibhinn Bhreatuinn. Tha na Stàidean acur thairis aig an àm so, le gradhus speis do Bhreatunn, agus le iarrtus fuaimneach air ceanglaichean treise, gradhach a nasgadh eadar iad fein agus am mathair urramach. Bha cridheachan nan Stàidean air an cradh gu goirt, do bhrigh gu robhmar bha iadsan acreidsinnocrasus geur-leanmhuinn uamhasach air am fulang leis na Cubanaich. Cha burrainn iad tuille mailledheanamh; agus gedbha an samhradh teith, chuir iad sios iomadh saighdearus long-cogaidh gu Cuba, airson saorsas comhnadh foilidh a thabhairt do na daoine truagha, na Cubanaich. Cha robh biadhus eudach gu leoir aig na Stàidean airson an saighdearan fein, an uair a ruig iad Cuba. Cha dfhuair mar so, na Cubanaich bhochd, biadh no eudach bho na Stàidean. Rinn na Stàidean greim co daingeannsa burrainn iad air Cuba, air Porto Rico, agus air na h-Eileanan Philippianaich. Tha aobhar laidir aig rioghachdan an t-saoghail gu leir, a bhig radh gu bheil gnathachadh nan Stàidean narach, agus feineil, agus mi-onorach; oir gu rinn iad, ach an cuid fein a thabhairt bho na Spàinntich leis an laimh laidir, agus gun iomradh air ceartas agus ionracas. Thainig na ceatharnaich ghasda a chaidh sios bho na Stàidean mu thuath gus achogadh ann an Cuba, air an ais gun dachaidheanus gun teaghlaichean fein. Mo thruaighe! tha moran diu co euslainteach agus co ciuirrte, ’s gu bheil eagal mor nach bi iad gu brath slan no laidir. Tha na ceardan lionmhor fathast ann an Albainn. Bithidh iad gun tamh adol thar a cheileus agleachd le fearg oillteil. Ma theid neach air bithn am measg airson sith a dheanamh, is abhaist doibh tionndadh le durachd anabarrach air an duine no air na daoine aig an robh amhiann sith a thabhairt air ais am measg nan ceardan. Is ann air amhodh cheudnatha na Cubanaich agus na Spàinntich ann an Cuba aig an àm sogan gnathachadh fein. Tha iad acur ann an di-chuimhne, nan connspoideanus gach stri amaideach agus fhuaimneach a bha aca anns na laithean a dhfhalbh; agus tha iad ag radh nach leig iad gu brath do na Stàidean uachdaranachd fhaotainn no a ghabhail ann an Cuba. Ma theid riaghladh ùr, comasach, seasmhach gu brath a chur suas ann an Cuba, is e Cubanaich a bhitheas air a cheann. Cha bhi suaicheantas nan Stàidean acrathadh gu brath ann an aileadh Chuba; oir ni na Cubanaich agus na Spàinntich a tha fathast anns an eilean ud, gach dichiollus gaisge airson Cubaghleidheadh doibh fein, agus bho chumhachdus riaghladh nan Stàidean. Tha upraid chruaidh air feadh nan Stàidean a nis, agus cha chulaidh-fharmaid staid an luchd-riaghlaidh agus nan daoine amaideach gun tuigsethoisich an cogadh, agus a lion an dùthaich lem beachdan bochd agus len oraidean mosach, breugach mu dheibhinn Chuba. Tha miltean de dhaoine cneasda, foghluimte anns na Stàidean, air am bheil naires doilgheas anabarrach gu drinn iad riamh cogadh ann an Cuba; ’us gu do nochd iad tomhas co beagus suarach de chairdeas no de chaoimhneas do na Cubanaich bhochda. Tha na daoine so air an cradh gu goirt; oir chaill iomadh duine òg, eireachdail a threoirs a shlainte, do bhrigh gu deachaidh iad sios (on rinn luchd-riaghlaidh nan Stàidean gairm eagalach orra) do Chuba, far an dfhuair iad galar, ’us fiabhrus, ’us droch aire a thug uatha an nearts an slainte. Ni na Stàidean deifir gu mall mun toisich iad a rithist air cogadh co neo-uasal agus neo-theoma ris achogadh gun maith gun tabhachd a rinn iad an aghaidh nan Spàinnteach ann an Cuba. Tha sinn atuigsinn gu robh da cheud mile saighdear Spàinnteach ann an Cubanuair thoisich na Stàidean air cogadh anns an eilean ud. Is e mo bheachd nach robh ann an dùthaich no ann an eilean air bith bho thoiseach an t-saoghail, ceannardan airm co paisdeil, bochd, agus feachd co truagh, gealtach ris na Spàinntich air an drinn mi iomradh. Nam bitheadh Citchener, an laoch murreach, tapaidh, meargantaan Eirionnach lurach, comasachle deich mile de na saighdearan Eiphiteach a theagiasg eus a thog e suas ann an eolas air stri nan lann, car mios ann an Cuba, chuireadh e crioch air aramach nan Cubanach; bheireadh e saorsa, ’s toinisg, ’us tapaidh don eilean gu leir. Theireadh e ris na Spàinntich: “Rachaibh as an rathad; is e daoine leisg, lunndach, gun mhaith, gun stath, a tha annaibh.” Theireadh e ris na Cubanaich: “Thugabh thairis ur doigh feinus na deanaibh moille air bith der aramach; fasaibh an doigh sitheil, agus bithidh iad seimh agus deanaibh seirbhis chiuin, dhichiollach anns an eilean bheartach. Mur gabh sibh mo chomhairle, tha saighdearan Eiphiteach leam, agus ri mo thaobh, leis an tug mi iomadh buaidh anns an Eiphit: aig Atbara, ’s Omdurman, agus aitean eile; agus bheir mise oirbh le mo shaighdearan dubhus dearg, ann an gle bheagan uine, gu stad sibh de bhur comhluadar bruideil, agus gu fas sibh ciuin; oir le faobhar achlaidheimh teagaisgidh mise naigheachdus leasan ùr duibha shluaigh gun eanchainn, gun duinealas, a rinn dithreabh truagh daonnan den eilean lurach, thorach, bhoidheach so.”

CONA.


Chan fhadan ùine nise gus am bithear a taghadh luchd-comhairle anns na siorrachdan, agus tha an t-àm aig an luchd-taghaidh a bhi cur rompa ciod a tha iad a dol a dheanamh. Tha e soilleir gu leòr nach eil cùisean mar bu chòir dhaibh a bhi ann an comhairlean cuid de na siorrachdan, agus mar is luaithe theid atharrachadh a dheanamh, gur ann as fhearr. Nan sguireadh daoine thoirt bhòtaichean do fheadhain a bhios ag iarraidh a stigh a chionn gur grits no tories iad, bhiodh na siorrachdan air an riaghladh moran na bfhearr agus na bonaraiche na tha iad. Tha sinn an dòchas air an turus so gun toir an sluagh an cuid botaichean do na daoines fhearr a ghabhas faotainn, gun iomradh a thoirt airpolitics .Nach fhearr dhut gu mor do bhòt a thoirt do dhuine firinneach, onarach, ged a bhiodh e air an taobh eile, na a toirt do dhuine as nach eil earbsa sam bith agad a tha air an aon taobh riut fhéin. Chan eil ann ach an amaideachd as fhaoine bhi stri ripoliticsann an riaghladh siorrachd. Tha an t-àm aig daoine beagan gliocais fhoghlum, agus muinntir a chur don chomhairle dan aithne gnothuch a dheanamh agus a tha lan earbsach. Tha beagan dhiubh sin anns na comhairlean an dràsda, achs mor a bfheairrd iad tuilleadh a dhol comhla riutha.


Thoir comhairlair do nabuidh cur a dhiarraidh MHIC-TALLA. Bu chòir do gach Gaidheal a ghabhail.



[85]

[Vol . 7. No. 11. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Bidh Latha Taingealachd air a chumail am bliadhna air Dior-daoin, an ceathramh latha fichead dhen ath mhios.

Tha am fiar cho pailt ann an siorrachd Chumberland air an fhoghar sos gu bheil na tuathanaichga chreic air ceithir dolair an tunna. Chan eil an sin ach pris bhochd, achs math e bhi pailt.

Chaidh triùir dhaoine a ghoirteachadh le tuiteam guail anns a Mèinn a Tuath a sheachdain gus an . Cha robh an ghoirteachadh ro dhona, agus bidh iad cho mathsa bàbhaìst dhaibh a bhi an ceann beagan lathaichean.

Bha an t-side gu math blàth agus briagha air an t-seachdain so. Chan eil teagamh nach esamhradh beag nan Innseanacha thann. Is math an t-side bhlàth fhad sa gheibhear i. Bidh an geamhradh fuar agus fada gu leòr.

Thainig fear Eòseph Mac Mhuirich a mhuinntir Ghrand Mira dhachaidh as a Chlondaic air an t-seachdain sa chaidh. Bha e air falbh ann an dùthaich an òir o chionn àireamh bliadhnaichean, agus thatar ag radh gur fhiach e nise ceud mile dolair.

Thainig bàs muladach air nighinn òig a a mhuinntirSchooner Pond,a bha ann am Boston o chionn beagan us seachdain air ais. An àm dhi dhol a chadal, shéid i as an gas, agus mun dthugadh fa-near le muinntir an taighe ciod a rinn i, bha i air a mùchadh gu bàs. Bu nighean i do Sheumas Borden, agus cha robh i ach mu fhichead bliadhna dhaois. Thugadh a corp dhachaidh oidhche Di-satharna sa chaidh.

Tha tinneas mor am measg nan saighdearan Geancach ann am Porto Rico. Tha mu dheich mile dhiubh anns an eilean sin, ach tha còrrsan ceathramh cuid dhiubh anns an tigh-eiridinn, agus tha moran dhiubh san a tha air a dhol am feobhas gun chomas feum sam bith a dheanamh. Tha eagal orra gu feumar an t-arm a thoirt air falbh gu buileach. Tha muinntir nan Staitean afaotainn a mach nach en sùgradh an cogadh. Air leinn gu bheil iad gu math sgith dheth roimhe so, ’s nam ben an diugh nach rachadh iad a chogadh ris an Spainn no ri rioghachd eilena leithid de chabhaig.

Thainig fios air an t-seachdain sa chaidh gun deachaidh Impire Shina a mhort. O chionn ghoirid rinn an t-Impire laghannan ùra, leis an robh moran a bharrachd saorsa air a thoirt da iochdarain, agus leis an robh iomadh ni eile air àithne a bhiodh a chum math na dùthcha. Am measg nithean eile bha Li Hung Chang air a chur á dreuchd. Ach an deigh sin ghlac màthair an Impire an riaghladh dhi fhein, ’s bha Li Hung Chang air a chur air ais, agus than sgeul a nise air tighinn gu bheil crioch air a chur air beathan Impire. Chan eil teagamh nach eil lathaichean trioblaideach a feitheamh air Shina.

Cha deachaidh an àireamh bu mhotha de luchd-bhòtaidh Chanada a mach a bhotadh idir air an t-seachdain sa chaidh, ach bha chuid bu mhotha dhiubh-san a chaidh a mach air son bacadh a chur air an stuth làidir. Bha mu sheachd mile fichead a bharrachd air an taobh sin. Bha a chuid a bfhearr aig an luchd-bacaidh anns gach mor-roinn ach an Cuibeic a mhain; ann an sin bha àireamh mhor an aghaidh bacadh a chur air. Chan eilnar comas aig an àm so, an aireamh a bha air gach taobh anns gach mor-roinn a thoirt seachad, ach theid againn air a dheanamh air an ath sheachdain. Ann an Nobha Scotia, bha iad-san a bha air son bacadh a chur air mu choig mile fichead na bu lionmhoire na na iad-san a bha an aghaidh sin.

Chaidh fear Tòmas Mac Lachluinn a mharbhadh ann an Truro air an t-seachdain sa chaidh, ’seg obair timchionn air muileann bualaidh. Chaidh en sàs ann an de na cuidlichean.

Bha stoirm uamhasach ann an Iapan air an t-siathamh latha dhen mhios a dhfhalbh. Bhristeadh moran soithichean, agus bha taighean air an sguabadh air falbh leis an tuil. Bha da cheud gu leth duine air a bhàthadh.

Nuair a bhan fhéill ann a Halifacs, bha a mheairle dol air adhart mar nach bàbhaist. Chaill nighean òg a mhuinntir Antigonish sporan anns an robh $35 .00, agus ghoideadh leth cheud dolair air duine mhuinntir Louisbourg.

Di-satharna sa chaidh, bha fear Alasdair Mac Fhionghain ag obair ann an toll soithich aig laimhrig ghuail an International, agus chaidh lan car de ghual min a thaomadh air a mhuin. Fhuair e as gun dad éiridh dha ach a lamh a ghoirteachadh.

Tha seanadh na h-Eaglais Chléireach anns na Roinnean Iseal cruinn ann a Halifacs air an t-seachdain so. Bha an t-Urr. I. F. Forbes, ministeir St. Andrews, Sidni, air an thaghadh gu h-aon-ghuthach gu bhina cheann-suidhe air an t-Seanadh.

Tha àireamh mhath Iudhach a nise ann an Ceap Breatunn, agus ann an Glace Bay tha sinagog aca, far an àbhaist dhaibh a Chàisg, agus na féilltean eile a chumail anns an t-seann dòigh a ghnàthaich an sinnsirean. Seachdain romhn Di-màirt sa chaidh bha pòsadh Iùdhach anns an ionad sin; bha Bernard Green agus Fanny Cohen air an ceangal lesnaim daingeann nach treig,” leis an Ribbi A. H. Shiff, anns an dòigh a chleachd na daoine on dthainig iad an Iudea còrr ud da mhile bliadhna air ais.

Tha troimhe-chéile mhér ann am baile Pama, an Illinois. Tha am baile air a chuartachadh le mèinnean guail, aguss ann air na mèinnean sin a tha an sluagh a deanamh am beòlaind. Bha àireamh mhór de dhaoine dubha air an toirt don bhaile gus an cur a dhobair anns na mèinnean, agus cho luathsa thainig iad thòisich an aimhreit eadar iad fheins na daoine geala, na daoine geala cur rompa nach leigeadh iad leotha fuireachs an àite idir. Bha iad cho doirbh an cumail aig riaghailts gun do chuireadh fios air an arm.


IADSAN APHAIGH.

Iain Rothach, Rudha Mharsden, N . Zealand.
Iain Ceamp, Waipu , N. Zealand.
Iain Mac Gilleain, Auckland , N. Zealand.
Alasdair D. MacLeoid, Baile Shearlot, E. P. I.
Iain Mac-a- Phi, Heatherton , E. P. I.
Anna Nic Neill, Barraidh, Alba.
Seumas Mac Neill, Barraidh, Alba.
Aonghas Mathanach, Gut a Tuath, St. Anns.
Iain Moireastan, Intervale Framboise.
Ruairidh Mac Coinnich, Forks Shidni.
Iain Gunn Mac Guaire, Loch Ban.
Aonghas Strachan, St . Esperit.
D. A. Mac Fhearghais, St . Esperit.
Gilleasbuig Mac-a- Bhiocair, Catalone .
Domhnull Moireastan, Meinn Lorway.
Tearlach Ceanadach, Amhuinn Dhennis.
A. N. Mac Faidein, Malagawatch .
A. I. Mac Gill-fhaollain, B . C. Chapel.
Domhnull Mac Gilleain, Rudhan Rothaich.
Iain D. Domhnullach, Woodbine .
Seumas Mac Aonghais, Grand Mira. 25c.
Mairi Stevenson, Shipka , Ont,25c.
Iain Domhnullach, Framboise .


BAS.

Aig Barachois Baoghasdal, air Di-mairt an 27mh latha de September, Raonull Domhnullach, mac do Alasdair Domhnullach (Fear-comhairle) sia bliadhna dhaois.


Am Bathar as Fhearr.
Na Prisean as Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI, C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt as ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


AM FLUR
as saoire than Ceap Breatunnga creic aig ALASDAIR MARTUINN bho Thri Dolair ( $3 .00) gu Ceithir us Tri Chairteil ( $4 .75). Is Flur math e cuideachd.
ALASDAIR MARTUINN.
SIDNI, C. B., Ogust 19, 1898.


GHEIBH THU
AN TI
As fhearrsa Mhargadh.

NA BROGAN
As Fhaide Mhaireas.

AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.

Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c

TORMAD DOMHNULLACH.


Chan urrainn dhut paipear Gailig fhaighinn an aite sam bith ach Mac-Talla, ’s bu choir dhut a bhi gle mheasail air.


BATHAR CRUAIDH.

Th mi a nisecumail Bathair cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gun taghal thu orm. Tha mi, mar a babhaist, acreic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha micreic gach ni gle shaor.

Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.



[86]

[Vol . 7. No. 11. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 83.)

òig gu tur, agus chuir e roimhe gum faigheadh e a mach an t-àites an robh Cao’ -mhala rùnach an fuilt réidh air a glasadh suas. Dhfhàg e Ceann-tìre mu àrd-fheasgair, agus ann an dubhar na h-oidhche chaidh e air tìr na aonar air a charraig air an robh an tùr anns an robh ise air a glasadh. Thàinig e fo uinneig a seòmair, bhan oidhche gu ciùin samhach, cha robh ri chluinntinn ach onfha trom a chuain, agus torman nan tonna beag air an tràigh; do réir coslais, bhan luchd-faire nan suain, agus thog Aonghas òg duanag bhòidheach a bàbhaist da a ghabhail do Chao’ -mhala; man deach e fad air aghaidh, dhfhosgail ainnir àluinn an fhuilt réidh am uinneag, agus thog i le binneas a beoil, an luinneag maile ris. Chuir iad an comhairle ri cheìle, agus dhaontaich i falbh leis; ach ben càs dhàsan an uinneag a ruigheachd; fa dheireadh fhuair e suas, agus le neart a ghairdein bhrist e gach sàs a bha gu cumail agus ann an tiota bha i aige ann on Iuraich riomhach Chinn-tìre, chualas nuallan a phioba ann an aitreabh Mhic Fionn, mar ghiulain e air falbh Ban-oighre theaghlaich; phòsadh iad air an am màireach. Ann an ùine ghoirid thàinig a h-Atharn a déigh, rinn iad suas an reite agus leis a phòsadh so fhuair Cloinn Dòmhnuill seilbh air tìr Anntruim, a ghleidh iad gus an an diugh. T. G.


LITIR A EILEAN A PHRIONNSA.

A MHIC-TALLA RUNAICH,— ’S fadas cian o nach dfhuair thu litir uam. Tha mig iarraidh mathanas ort air son mo dhearmaid. Ach na saoil idir gur e cion suim a thorm. Tha min dochas nach eil thu den bheachd gum buin mi don dream ud anns nach urrainn caraid earbsa chur. ’S luachmhor a ni seasmhachd air cùl-thaobhs air beulthaobh neach. ’S coma leam dhiu sud a tha leam-leat agus is beag orm an dream neo-sheasmhach. Cha be coire nan Gàidheal riamh a bhi neo-sheasmhach don cairdean, ’s tha min dochas nach eil an spiorad sin a dol basnar measg.

Tha mi faicinn le mor thlachd gu bheil MAC-TALLA air dol a meud. Tha e nise dol na sheachd bliadhna, agus is mor an t-adhartas a thainig air anns an uine sin air gach doigh. Tha e nis motha; tha e nis dreachmhoire; tha e nis fear air a chlo-bhualadh. Tha cairdean foghainteach air a chul a toirt cuideachadh dha seach mar bha anns a cheud dol a mach. A fear cuideachaidh a bfhearr a bha aig MAC-TALLA an uair sinan Urr. D. B. Blairchan eil e ann nis mo; ( ’s chan eils cha bhi caraid nis dilse aige no nis comasaiche aige); ach fhuair cairdean eile eolas air an deigh sin, agus, mar bu choir dhaibh, thairg iad gach cuideachadh dha a burrainn iad a thoirt seachad lem peanns lesporran.

Tha cùisean a dol air aghaidh an Eilean a Phrionnsa ni eiginn mar is àbhaist: cuid ri gearains ri talach, ’s cuid taingeil don Fhreasdal air son gach math a tha e deonachadh dhuinn. Tha gaiseadh mor anns a chruinneachd am bliadhna air an eilean so. Dhfhas e gu math agus bha e gealltanach gu leor gu faisg air àm an fhoghair. Ach bha aimsir air leth fliuch, ceothach againn an àm an abachaidh. Mheirg an cruithneachd agus cha do lion e. Tha so na chall mor do na tuathanaich. Cha robh urad riamh de chruithneachd air a chur air an eileansa bhann am bliadhna, agus cha mhor fluir a thig as. Ach than cruithneachd pailt agus saor an Ontario, a Manitoba, agus anns an aird an Iar-Thuath. Mar sin cha bhi gainnesan dùthaich. Tha flur mathga chreic an diugh aig na marsantan air son $4 .50 am barailt. Chan eil sin daor. ’S cuimhne leum fhaicinn $12 .00 am barailt, agus nithe eile a reir sin am pris. Chan eil coir aig daoine an diugh a bhi gearain.

Bha sacramaid Suipeir an Tighearna air a frithealadh am paraisde Strathalba, air a 25mh la den mhios so. Bha dithis ministearan eile maille ri ministear a cho-thional aig an àm udan t-Urr. Iain D. Mac Farlain, á sgire St. Marys, N. S; agus an t-Urr. Ruairi Fionnasdan, á Margaree, C. B. Bha aimsir air leth briagha ann fad na h-uine, ach a mhain gun do shil frasan trom uisge air Di-haoine. Bha co-thional mor cruinn. Bha an sluagh cho stolda, maiseach nan giulains nan gluasads a burrainn do neach iarraidh. Fhuair sinn searmoin math soisgeulach bho na braithrean a bha labhairt; agus tha sinn an dochas gum bi an saothair agiulain toraidh a bhios ri fhaicinn luath no mall.

Ach feumaidh mi stad aig an àm so. Ma bhios gach cuis mar is math, cluinnidh du uam tren gheamhradh.

Is mi mar is àbhaist do charaid, an chis nach fhaic,

C. C.
Strathalba, E. P. I., Sept. 27, ’98.


THUG IAD BOID.

LE DONULL MAC CALUM

Goirid an deigh do Phara nan Feadag Lorain a ghlacadh, leis an fheamainn-chìrean aige, chuir e fios air Calum Brocair agus a deir e ris— “Chan fhiach thu do sheana bhrògan. Mas e siod an doigh anns am bheil thu dol a ghlacadh Lorains aGhille Bàn, gabhaidh sinn greis mun faigh sinn na croitean aca. Mhaoidh Captain Goblets an ath thurus a dheanainn amadan dheth mar siod gum faighinn mo chead. Mar sin feumaidh tu bhi gle fhaicilleach.” “Thachearta cho math leam,” deir Calum, “nach deachaidh leam an turus ud, oir tha mi nis dol a ghlacadh an dithis aca comhladh. Choinnich an triuir againn ann an tigh Lorain agus bhoidich sinn air a Bhiobul nach brathadh duinagainn gu brath a cheile. Nacheil cothrom math a nis agam orra? Cha bhi droch amhrus aig aon don dithis tuille orm. Ach bithidh an rosads a chuis ma gheibh iad a mach gun robh misan so a nochd.”

An deigh so chaidh an triuir turus no dha don mhonas cha do thill iad le làmhaibh falamh. An ceann beagan uine thaghail Calum Brocair a ris, air Para nan Feadag, ’s an oidhch’, a dhinnseadh da gun robh gach ni aigan ordugh air son na fir a ghlacadh. “Nuair,” deir esan, “a bha misaig a bhrocaireachd, fhuair mi mach uamh air nacheil fios aig aonsam bith ach mi fein, ’s a Choire-liath, aig Leab’ -an-Fhamhair. Aig uair a latha, Di-luain so tighinn, bithidh sinn a gabhaillunchaig Leab’ -an-Fhamhair. Leth uair an deigh uair tiolpaidh mise don uamh gun fhios do na feara. Deich mionaidean an deigh sin thig thusa le Captain Gobletss a chuid ghillean. Ceangladh tu na fir agus bheir thu leat don phriosan iad. ’N uair a bhitheas ancoast cleartheid mise dhachaidh air mo shocair.” Ni mise,” deir Para, “mar tha thug iarraidh. Cha chuala mi riamh seol is fearr.”

Air Di-luain fhuair Calum gach ni a dheanadh mar a shuidhich e. An deigh dhaibh fiadh, tri cearcan fraoich agus feadag a mharbhadh, thug e Lorain agus an Gille Bàn a ghabhaillunchair Leab’ -an-Fhamhair, aig an uair a thubhairt e, agus thiolp e fein don uamh. Ach cha luaithe dhfhairich na fir nach robh Calum air sgeul, na deir iad ri cheile— “Tha sinn air ar brath! Nach en slaoidear Calum! Teichidh-mid gu luath!”

Theich na fir cho diansa bheireadh an casan iad, air slighe cho uaigneachsa burrainn dhaibh fhaotainn. Mun gann a sheas Captain Gobletss a chuid ghillean air Leab’ -an-Fhamhairsa chunnaic iad am fiadh, na cearca fraoichs an fheadan, chual iad an éigh ghointe sin ag éiridh o mheadhon a chnuic. Le brath an fhéigh sin, cha robh iad fada gus an dfhuair iad greim air Calum Brocair.

Gu bha stighs an uamh ach broc, agus chan fhac e na biomchuidh na greim a thoirt á cois a shean nàmhaid, agus leis an eagal a fhuair Calum, mun do chuimhnich e air a chunnart, leig en éigh a bhrath e.

Chaidh Calum gun dàil a cheangalsa thoirt air falbh don phrìosan. As an aite falaich a fhuair iad cha bfhada gus am faca Lorain agus an Gille na Sasunnaichs na gillean a dol seachad le Calum ceangailt aca.

Thill na fir an sin air son an fhéidhs an euntaibh, a dhfhàg na Sasunnaichs achabhaig, agus chaidh iad dhachaidh air an socair.


EOGHAIN CIUIN.

LE CALUM MAC PHARLAIN.

Thachair do Eóghan Mac Cuaraig a bhin ceangal pòsaidh ri boireannach buaireasach borb dam bainm Gaorsal Chleireach. Dhearbh e leghiùlan fo a smachd a bhi cho ciùin foighidneachn a nàdur ri aon duine riamh a chuir seachad a làithean air an t-saoghal so bho àm Ioib.

Aon de na làithean thàinig e dhachaidh thun a thràth-maidne, an dùil, mar a bàbhaist, gum faigheadh e a chuach-brochains a mheadar bainne afeitheamh air. Ach cha do thachair do chùisean a bhi mar sin; cha robh am brochan ach gann air ghoil. Thug Eóghan dhé a bhoineid leathann ghorm agus shuidh e gu sàmhach a sìos a chur an clcachdadh aon uair eile an t-subhailc air son an robh e ainmeilan fhoighidinn. An déigh suidhe tacan math, am feadh a bha am brochang a chur mun cuairtsg a bhruich, thug e ionnsaidh air éiridh agus thubhairt e,— “Saoilidh mi gu bheil e bruichn a leòir a nis agus gum faodar a thoirt dheth.” “Dean suidhe sin,” arsise, “ fàth do chabhaig? Chaneil coirceg a fhroiseadh aig an àm so bhliadhna.”

Thug Eóghan fainear air gnùis na mnatha gun robhmhiann oirrefhearg a thogail gu bhi anns an aon shuidheachadh ris na bhas aphoitair ghoilagus ghéill e gu sìochail.

An ceann tacain eile thubhairt e gun robh eagal air nach bitheadh am brochan ullamh air a shon an diugh an àm, agus gluais e gu falbh. “Suidh far a bheil thu,” arsise, “cha bhi mig a thaomadh air son thusa thoileachadh, no aon eile, ged a ghoileadh e gus am bitheadh e cho righinns gu n deanadh e sioman duit; dean suidhe sin, a cheothalain acraichtha thu ann! Bheir misort, le dghearan, a bhumalair gun math gun rath”; agus mun dthug en aire, rinn maide-na-poite fuaim aìr a pheirceall, a fàgail neul abhrochain air a leth-cheann. “Ud, abhean, bfhèarr leam maide-na-poite iomairt mi fhéin nabhig ad fhaicinn air do shàrachadh leis. A Rìgh gléidh mi, a Ghaorsail, cha chreidinn fhéin mur faicinn e gun togadh maidne-na-poite uiread bhrochain! Cha bu chòir dhuinn a leigeil a dholaidharsEóghans e toirt sgrìob air abhrochan bhàrr a leth-aheannsg a bhlasad, “cha chreid mi nach dean en gnothach a thaobh a bhruiche, ach nacheil grainne beag tuilles a choir de shalann ann?”


DUAISEAN.

Tha mi a tairgse tri duaisean airgid— $12 , $8 agus $4 —don triùir sin a chuireas ugad eadar sos an 15mh latha de Februaraidh, 1899, an cruinneachadh as fhearr de raidhean Gailig(Gaelic phrases and idioms)aig nach bi co-chomunn sam bith ris aBheurla; tha mi coma cia as do na raidhean, ach a mhàin nach ann anns aBhiobuill a gheibhear iad; agus ma gheibh mi pailteas, bheir mi seachad duaisean airson nithean eile. Chan fhaigh duine tighinn anns achomh-ruith nach do phàigh am MAC-TALLA gach sgillinn de ainbh-fhiach a tha aige air. Seoladh iadsan a tha deonach feuchainn air son nan duaisean so, an litrichean gu,

CARAID NA GAIDHLIG.
Office ofMac-Talla,”
Sydney, C. B.


AITE COBHAIR.

Labhair an t-Urr T. C. Mellor, Rural Dean, Christs Church Rectory, Guysboro, N. S. ,mu K. D. C. o chionn ghoirid, anns na briathran a leanas: “Tha mi gle thoilichte bhi comasach air teisteannas a thoirt mu luach K. D. C. airson cion-cnamhaidh. Bha mi fulang le droch stamaig, ach leighis K. D. C. mi. ’Nuair a dhfhairicheas mi e tuilleadh rium, gabhaidh mi K. D. C. agus leighsidh e mi gun dail. Molaidh mi K. D. C. ge be aiten teid mi.”

An urrainnear dearbhadh as fhearr na so iarraidh. Tha sinn ag radh gur e K. D. C. an leigheas as fhearr a thann air cion-cnamhaidh. ThaK . D. C. Pillsanabarrach math air tinneasan-cuim, agus ma ghabhar iad comhla ri K. D. C. leighsidh iad teanntachd.



[87]

[Vol . 7. No. 11. p. 7]

Gearain air America.

S muladach a tha mi
M Murray Harbors mi gun Bheurl’,
Cha bionanns mar a babhaist domh
Oir chleachd mi Ghailig fhein;
S ann bhithinn fheins mo nabuidhean
A manran greis le cheil’,
S chan fhaic min so ach gar-laoich
S cha tuig min canain fein.

Gur diombach dhe mo chairdean mi
Na thainig romham fein,
Nach dinnis cor an aite dhomh
S mar sharaich e iad fein,
A dol troimh choill an fhasaich so
Gun chail ach rathadblaise”;
O! ’s muladach an t-aite so
A tamh aig fear leis fein.

S e thann a sin cuis smaointean
Mar a smaoinicheas sibh fein,
Cion caiseart agus aodaich
Air gach aon a bhios na fheum,
S gun dad aig fear ri fhaotainn
Ach le shaothair as a gheig;
O! ’s cianail fad na faoileach
Leith a shaoghail ann gu re.

Cha chuir mi fios gu brath
A dhiarraidh chairdean no luchd-daimh
A thinn gu ruig an t-aite so
Gan talladh ach mi fein;

Cha tigeadh sibh a thamhachd ann
Ma tha sibh aig ar ceil.

S nam baithne dhomh a sgriobhadh
Chors gun innsinn dhuibh mo sgeul,
Gum foghnadh leam an fhirinn
Gus a dhiteadh, ’s nach bu bhreug;
Geddheanadh fear a a dhichioll ann
San t-side a bhiga reir,
Cuis eagail fuachd an fhaoillich ann
Oir reothaidh daoines spreidh.

S mor gum bfhearrbhin Alba
Ged as fearainn gharbh iad fein,
A h-uile taobh gam falbhainn
Ri cois na fairge reidh;
Shiubhlainn greis dhen anmoch ann
S dhfhalbhainns mi leam fein,
Gun eagal orm gu marbhte mi
Le garbh bhiasd dhubh nan geug.

S ged thigeadh latha duathar oirnn
Le ceo, ’s gaoth tuath, ’s gun ghrein,
Cha bann an coilleshuampaichean
A ghluaiseamaid ar ceum;
Ach biollair agus fuaranan
As luachair ghorm an t-sleibh;
O! bait leam a bhinuair sin ann
A buachailleachd na spreidh.

Be sin an t-aite boidheach,
Gheibhte neoinean ann dhan spreidh,
Bhiodh druchd air bharr an fheoir ann
A toirt fas don phorsa cheit.
Bhiodh cuthagan is smeoraichean
A comhradh air bhar gheug,
S chan fhaic mi ri mo bheo an so
Na seorsachan sin fein.

Dhfhalbh sinn as an aite sin
Gun drainig sinn so fein,
An duil gum faighte fabhar ann
S nach biodh am mal cho treun;
S thaPeters” ’ga ar sarachadh
S mur dthig am bas air fein,
O! ’s fheudar dhuinn gum fag sinn so
SCunnarda tha na bheist.

O! “Peters,” ’s truagh nach caochladh e
S gun dreadh a smaoin don eug,
Is mur a seall an t-aon-fhear air
Bidh obair daor dha fein,
A spursigeadh nan daoine bochd
Sa cur nam maor nan deigh;
Och! gheibh e fathast dioladh
Far nach faod e chur an geill.

Fhuair min t-oran so bho bheul-aithris, mac don fhear a rinn e, maille ri iomadh oran maith eile a rinn e air dha tighinn don duthaich so bho chionn tri fichead bliadhna air ais a Eilean Raasaidh. ’Se duine coir, firinneach a bha ann; agus maille ri nithean eile nach robh a tighinn ri chaileachd, tha e coltach nach robh luchd na Beurla a faotainn aite cho blath na chridhesa gheibheadh luchd na Gailig. BeCunnarda buachdaran air an fhearann, agus bePetersa bfhear-ionaid dha; agus tha e coltach gu robh iad le cheile an-iochdmhor. Agus ma bhios sibh co maith agus an t-oran so a chuirsa MHAC-TALLA, ’s gun cordadh e ribh feins ri cuid do luchd-leughaidh MHIC-TALLA, ma dhfhaoidte gum faodainn tuilleadh dhiu fhaotainn. Cha deach gin dhechuid orain a sgriobhadh, agus saoilidh mi gum bolc an airidh sin. ’Se duine coir a bha fo dheagh chliu a bhann. Se am bard Mac Illeathain a bhair a bhruaich a chainte ris. Chan eil mi a dol a sgriobhadh dad a naigheachd aig an am, ach an naigheachd a chluinneas duine aig a h-uile neachgu bheil daoine cho dripeil. Agus air son an gaiseadh a tha sa bharr, chi sibh gu leor dheth anns na paipairean Beurla. Gheibh sibh dolairsan litir so air son MHIC-TALLA. ’S mi ur caraid dileas a h-uile latha,

SEUMAS A. MAC ILLE-MHAOIL.
Na h-Eileanan Coille, E. P. I., 17-9- ’98.


Oran Gaoil.

LE AONGHAS CAIMBEUL.

LUINNEAG.
O-ho nighean, hiri nighean,
O-ho nighean, chinn duinn aluinn;
Mo ghaol cailin donn na buaile,
S ann a tha mo luaidh san airidh.

Thoir mo shoraidh is mo bheannachd
Dhfhios na h-ainnir fhuair mo ghradh-sa;
S innis gu bheil mi fo smuairean
On a chaidh mi suas don bhraighe.

S tric gach la ag amharc suas mi
Ris na bruaichaibh mun deach marach;
Far am babhaist duinn bhi sugradh,
Ged a chuir thu cul an drasd rium.

Och, mo chailin, gabhsa truas dhiom,
Pill gu luath rium is na fag mi;
S air a mheuds gan can an sluagh ruinn,
Bidh sinncluaineis mar a babhaist.

Deud mar chaile ad bheulan dathte,
Mar an eala gheal do bhraghad:
Leam bu mhillse pog on ribhinn
Na na fiogais fo mo chairein.

S snasmhor, buadhach, glan an cuailein,
Dhfhas mar ghruag ort suas mu dbhraighe;
Sa h-uile ciabh a sniomh mun cuairt
Gu bachlach, duallach, cuachach, fainneach.

Beul na firinn labhras siobhalt’,
Da shuil mhiogachs iad ro narach;
Creas mar fhaoilinn, gruaidh mar chaorunn,
Mala chaol fon aodann mhalda.

Ged nach pill thu gu la-luain rium,
Ged nach truagh leat bhith gam aicheadh;
Gus an cairear anns an uaigh mi,
Cha toir mis’, a luaidh, ach gradh dhuit.


Am Feillire.

OCTOBER, 1898.

1 Di-satharna Blar na Leargainn, 1263.
2 DI-DONAICH 17mh Donaich na Trianaid.
3 Di-luain Blar Allt Chuailleachain, 1594
4 Di-mairt
5 Di-ciaduin Blar Dhunchaillinn, 1315.
6 Dior-daoin
7 Di-haoine
8 Di-satharna Losgadh Chicago, 1871.
9 DI-DONAICH 18mh Donaich na Trianaid.
10 Di-luain
11 Di-mairt Faotainn a mach America, 1492.
12 Di-ciaduin
13 Dior-daoin
14 Di-haoine Breith Uilleam Penn, 1644.
15 Di-satharna Breith Ailein Ramsay, 1686.
16 DI-DONAICH 19mh Donaich na Trianaid.
17 Di-luain Tuiteam Sebastopol, 1854.
18 Di-mairt
19 Di-ciaduin Bas Chandlis, 1873.
20 Dior-daoin
21 Di-haoine Bas Raibeirt Ghordaoin, 1853.
22 Di-satharna
23 DI-DONAICH 20mh Donaich na Trianaid.
24 Di-luain Bas Dhaniel Webster, 1852.
25 Di-mairt
26 Di-ciaduin
27 Dior-daoin Breith Sheumais Mhic Mhuirich, 1736.
28 Di-haoine
29 Di-satharna Blàr Charrochaidh, 1562.
30 DI-DONAICH 21mh Donaich na Trianaid.
31 Di-luain Oidhche Shamhna.

MUTHADH AN T-SOLUIS.

An Ceathramh mu Dheireadh, L. 7, U. 1, M. 51 M
An Solus Ur, L. 15, U. 8, M. 23 M
ACheud Cheathramh, L. 22, U. 4, M. 55 M
An Solus Lan, L. 29, U. 8, M. 4 M


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
Stewartdale , C. B.

CLOTH, DROGAID,
AGUS
PlaideachanEUREKA.”

Mu dheich air fhichead seorsa aodaichga chreic.
Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige.


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Floiri Nic Fhionghain
acumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan acosg.

ADAN,
BONAIDEAN,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN,
GEUGAN.

agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor.

FEUCH GUN TAGHAIL THU.


DHIARRAMAID AIR
NA GAIDHEIL
s air muinntir eile a tha air sonTypewritera cheannach, iad a dhfheuchainn na
Blickensderfer No. 5,
mun ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35 .
Tha seorsachan eile againn cuideachd.
CREELMAN BROS.,
TYPEWRITER CO.
15 Adelaide St. East,
TORONTO, ONT.


C. H. HARRINGTON & CO.
NA MARSANTAN AS FHAIDE THA DEANAMH GNOTHUICH ANN AN SIDNI.

THA IAD ACREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
nas saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eilesa bhaile.

SALADA TEA, ”
Na Puinnds na Leth-Phuinnd; an ti as fhearr a than Ceap Breatunn air a phris.


J . S. BROOKMAN, M. D. ,
LIGHICHE.
OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot.
SIDNI, C. B


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c .
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B.


D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C.B.


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.

Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

Niall Mac Coinnich,
Sidni, C, B.


Am bheil romhad tigh no sabhal ur a thogail? Ma tha, paighidh e dhut do chuid thairnnean, glaine, paipear, paint, aol, plaster, luaidhe, glasan, ludagan, rop agus uidheaman saoirsneachd a cheannach bho

C . P. MOORE.

Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, ma bhios speal, sgrioban, forc no cas forca a dhith ort, theirig gan iarraidh gu

C . P. MOORE.

Nuair bhios a chlann ag iarraidh sgliat no leabhar ur, paipear sgriobhaidh, pinn, no inc, ceannaich iad bho

C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.

Sin an t-aite anns am faigh thu gach ni dhiubh so gle shaor.


AN T-AITE
ANNS AN CEANNAICH THU
Suic agus
Iaruinn Cruinn,
Creamers,
Soithichean Bainne,
Airneis-taighe,
Stobhaichean,
Flur, Min etc., etc.
AN STOR AIG
Isaac Greenwell,
SIDNI, C. B.



[88]

[Vol . 7. No. 11. p. 8]

THE
DAILY RECORD.
PAIPEAR LAITHEIL
CHEAP BREATUNN.

Air a Chur a Mach a h-Uile Feasgar, ann an Sidni, C. B.

A PHRIS:
Bliadhna, $4 .00
Sia miosan, 2.00
Tri miosan, 1.00
A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH.

Gheibhear anns anRecordna naigheachdan as uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhen t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinneans mu na soithichean, etc., etc.
S COIR DHUT A GHABHAIL.

SGRIOBH GU
JOS . MacDONALD,
Editor and Publisher,
Sydney, C. B.


J. E. EISAN.
PIANOS AGUS ORGAIN.
AN SEORSAS FHEARR A THATAR A CREIC.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, C. B.


THA EARBSA
aig daoine ann am maidsichean Eddy— ’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a thacoltachri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum.

Than t-ainm so na urras air mathas.

THE
E. B. EDDY Co., Ltd.,
HULL, CANADA.


SOUTH END WAREHOUSE.

FLUR AGUS MIN,
TI AGUS SIUCAR,
FEOIL AGUS IASG.
FIAR AGUS COIRCE,
BIADH DHAOINE,
AGUS
BHEOTHAICHEAN.

Amhlan dhe gach seorsa, agus iomadh ni eile nach gabh ainmeachadh an so.
Taghail, agus cha mhi-chord na prisean riut.
Caipt R. Mac Neill,
Sidni, C. B.


[Dealbh]
Tha sinn a nisenar luchd-gnothuich aig a
CHANADACARRIAGE CO. ,
air son Eilean Cheap Breatunn.

Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead lecheannach uainne.

Tha sinn mar a babhaist acreic Truncaichean, Màileidean, Acuinneach, Bratan-carbaid, Cuipichean, Carbadan Cloinne, Olla, Dubhaich Bhròg, &c ., &c .

F . Falconer & Son,
Sidni, C. B.


NUAIR THEID THUBHADDECK
TAGHAIL AN STOR
Albert I. Hart.
Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.

Bathar Tioram,
Bathar Cruaidh,
Amhlan,
Aodaichean,
Caiseart, Adan,
Curraichdean,
Agus iomadh ni eile.

An seorsas fhearrs aphris as isle.


MAC-TALLA.

Gu ma fada beo aGhailig.”

Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.”

Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais.

DO DHLEASANAS.
A bhi gabhail MHIC-TALLA.
A bhi leughadh MHIC-TALLA.
A bhi pàigheadh MHIC-TALLA.
A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a churna rathad.

An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan.

Cha robh a leithid ann roimhe, ’s chan eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast.

Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tighn a mach uairsan t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut.

Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dhfhalbh.

A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do tinntinn.

Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig asgriobhadh gu daonnan dha, agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og.

Is abhaist do dhaoinenuair a bhios iad acreic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhicur pris ardna cheann; ach chan eil MAC-TALLAdeanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadhsa chumail suas, agus uime sin chan eil e cosg da luchd-gabhail ach

DOLARSA BHLIADHNA.

titleIssue 11
internal date1898.0
display date1898
publication date1898
level
reference template

Mac-Talla VII No. 11. %p

parent textVolume 7
<< please select a word
<< please select a page