[Vol . 7. No. 12. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OCTOBER 14, 1898. No. 12.
CLANN NAN GAIDHEAL.
LE NIALL MAC LEOID.
AIR FONN:— “Tha tigh’nn fodham eiridh.”
Tha tigh’nn fodham, fodham, fodham,
Tha tigh’nn fodham, fodham, fodham,
Clann nan Gaidheal tha tigh’nn fodham,
’S foghainteach an euchdan.
Siol nan sonn ’s nan curaidhean,
Bha ’n tìr an fhraoich a tuinneachadh,
A dhion a cliù gu h-urramach
’S nach fhuiligeadh an eucoir.
Tha tigh’nn fodham, &c .
An cliu, ’s an ùir sin mealamaid,
’S an t-saors’ is daor a cheannaich iad,
’S a chaoidh a’ strì gun fhannachadh
A leantuinn air an ceum-san.
Tha tigh’nn fodham, &c .
Is ged ’tha ’n àl air tannachadh,
Is muir is tìr ’gan dealachadh,
Tha càirdeas blàth ’gan teannachadh
Le carthantas nach treig iad.
Tha tigh’nn fodham, &c .
Cha dìobair iad am fearalachd,
No rioghalachd an seanairean,
’S an gaol do thìr an athraichean,
Ged’ sgaradh iad bho chéile.
Tha tigh’nn fodham, &c .
Tìr chorrach, stùcach, ghleannanach,
Mu ’n tric na féidh ’s an langanaich,
’S an ceò a sniomh mu ’bearraidhean
’Na mheallan geal ’s a’ chéitein.
Tha tigh’nn fodham, &c .
O, gu ma buan is maireannach,
’Bhios cliù nam fiùran chaithreamach,
Is fhad bhios grian is gealach ann
Bidh aithris air an euchdan.
Tha tigh’nn fodham, &c .
LITIR A ALBA.
Bodachan a’ ghàraidh
Cho friogadach ’s cho frogadach;
Bodachan a’ ghàraidh
Cho frogadach ’s a bha e riamh.
MO BHALACH GASDA, —Tha am MAC-TALLA agus an dòigh anns am bheil cuid dhe na Gàidheil ’ga shàruchadh, a’ cur ’na chuimhue naigheachd bheag a chuala mi o chionn iomadh bliadhna, mu thimchioll duine còir, cneasda, a bha ’na ghobha ann an àite eiginn ’s a Ghàidhealtachd. Bha bean is teaghlach aig a’ ghobha, mar is minic a bh’ aig iomadh fear dhe sheorsa; agus cha chuir duine tùrail sam bith coire air air son gu ’n robh e pòsda. Agus mar a dh’ fhaodar a thuigsinn, dh’ itheadh an gobha ’s a theaghlach trom, lag, biadh a cheart cho math ri sluagh eile na dùthchadh, an uair a bhiodh an t-slàinte aca; agus gu fortanach bha iad uile cho slàn ris a’ bhreac, agus a’ fàs mar na h-iseanan geòidh. Cha robh fear eile ’san dùthaich bu dichiollaiche ’s a b’ onaraiche na ’n gobha; ach bha cùisean a fairleachadh air, do bhrigh nach fhaigheadh e pàigheadh air son a shaoithreach. Neo-ar-thaing nach fhaigheadh e obair gu leòr—gheibheadh e barrachd ’s a b’ urrainn e dheanamh. A h-uile fear a rachadh do ’n cheardaich a ghlasadh ’nan iarunn, a charadh amull is ghreallag, no a dheanamh chromag, an àm an treabhaidh, bheireadh iad mìle taing do ’n ghobha air son a shaoithreach; ach cha tugadh iad sgillinn airgid dha. Rud nach b’ ioghnadh, dh’ fhàs an gobha seachd sgìth dhe na taingeannan, pailt agus math ’s mar a bha iad. Cha chuireadh iad an salann air a’ bhrochan dha. Ach mar bu mhò a ghabhadh e dhe na taingeannan, is ann bu mhò a gheibheadh e dhiubh. Mu dheireadh thall, an uair a bha ’n gobha buileach glan air a shàruchadh leis na taingeannan, bhuail e anns a’ cheann aige gu ’m bu chòir dha oidhirp a dheanamh air stad a chur orra. Latha dhe na laithean thug e an coileach do ’n cheardaich, agus cheangail e air teaghair bhig e thall anns a’ chùil anns an robh am balg-séididh. A h-uile fear a thigeadh do ’n cheardaich, agus nach tugadh tuarasdal a b’ fhearr do ’n ghobha na taing, theireadh an gobha, “Thoir sin do ’n choileach ud thall.” Ann am beagan laithean fhuair an coileach bàs. Aon uair ’s gu ’n d’ fhuair an coileach bàs, theireadh an gobha ris a h-uile fear a thigeadh a dh’ iarraidh air obair a dheanamh dha, agus aig nach biodh pàigheadh ’na laimh no creideas math air a chùl, “Cha ghabh mi taing uatsa no o neach eile; mharbh na taingeannan an coileach orm; agus an rud a mharbh an coileach, faodar a bhith cinnteach nach cum e beò mi fhein, ’s a’ bhean, ’s a’ chlann.”
Sin agadsa mar a thainig na taingeannan gu bhith fo ’n ainm, “An rud a mharbh coileach a’ ghobha.”
Tha mise cinnteach gu ’n tugadh iadsan nach do phaigh taingeannan gu leòr dhut. Nan gabhadh do sheirbhisich fhein taing uat an àite tuarasdail, dh’ fhaodadh tusa taing a ghabhail o do luchd-gabhail. Gabhaidh Dia taing uainn ma bheir sinn dha i le ar n-uile chridhe; ach cha phàigh na taingeannan na fiachan a th’ aig daoine oirnn idir; nam pàigheadh, cha ruigeadh duine sam bith a leas a bhith ann am fiachan
A nis, a charaide, gabh usa mo chomhairle-sa, agus na toir paipear a dh’ fhear sam bith ach fear a phàigheas e. Na biodh cuid no gnothuch agad ris an rud a mharbh coileach a ghobha—na taingeannan. Cha ’n eil mise ag radh gu ’m faigh thu taingeannan fhein air son a’ phaipear.
Chi sinn an dràsta ’s a rithist cunntas mu “Iadsan a phàigh.” Tha làn àm agad cunntas a thoirt do d’ luchd-leughaidh mu thimchioll “Iadsan nach do phàigh.” Tòisich aig an fheaghainn a’s fhaide a th’ ann am fiachan. Cha ’n ’eil mise ’faicinn aobhar sam bith air a bhith ’cumail an ainmeannan an cleith. Cha ’n ’eil cleith air an olc ach gun a dheanamh.
An uine gun bhith fada cluinnidh tu uam.
Is mi do charaide, an là a chi ’s nach fhaic,
BODACHAN A’ GHARAIDH.
Taobh an Locha,
Là fheill Micheil, 1898.
FAILTE DO ’N “MHAC-TALLA.”
Ceud mìle furain agus failt’
Air a’ MHAC-TALLA, ceann an àigh!
’S ann leam is ait gu ’m bheil e ’fàs
O bhliadhn’ gu bliadhn’
An gliocas, tuigse, tùr is ceill;
An eòlas air gach nì fo ’n ghréin;
Am meas, an cliù ’s am mòran spéis,
An ear ’s an iar.
Le aogasg fallain ’s coltas treun;
Le laoidhean, òrain ’s iomadh sgeul,
An cànain mhilis, bhlasd’ nan treun
A bh’ ann o chian;
Gu riaghailteach, o àm gu àm
Do m’ ionnsuidh thig e ’na chruaidh dheann
An so, an dùthaich àrd nam beann
An nall o ’n iar.
Gur caomh leam guth a bheòil gach uair;
Mar cheòl ro bhinn tha e do m’ chluais;
’S ged bhithinn acrach, sgìth is fuar,
’N uair ’chluinn mi ’ghuth,
Thig aoidh is aiteas air mo ghnùis;
Bidh m’ inntinn làn le uaill ’s le mùirn;
’S mo chridhe leumaidh suas le sunnd,
Mar iasg ’s an t-sruth.
Cha ’n ’eil fear eile ’n diugh fo ’n ghréin
A’s mò do ’n tug mi ’thlachd ’s a’ spéis;
’S a bhuadhan cò ni chur an geill
Le peann ’s le guth?
An t-àrmunn maiseach, uasal grinn,
A choisinn cliù le luaths a phinn
Am measg an t-sluaigh air feadh gach tìr
’S an cluinnteadh ’ghuth.
Gu dìleas, duineil mar bu dual
Do shliochd nan treun a choisinn buaidh,
Air taobh na Gàilig sheas e suas;
’S a chaoidh nan cian
Bidh iomradh air mar dhuine treun
Air feadh gach cearn dhe ’n chruinne-ché,
Am measg nan saoi ’s nan sàr gu léir,
’S nan àrmunn fial.
Mo mhìle beannachd aig an dream
A tha ’toirt aoidheachd dha gach àm,
’S a phàigh an dollair, ’s nach robh mall,
An àm an fheum’:
Dhearbh iad gu ’m bheil fuil nan sàr,
A choisinn cliu is buaidh ’s na blàir,
A’ ruith ’nan cuislean gu bras, blath
’S gach àit’ fo ’n ghrein.
Bidh buaidh is piseach air an cinn;
Bidh cliù orra o linn gu linn,
Aig àrd luchd foghlum ’s aig na suinn
’Tha cumail suas
Na cànain aosd’ a bh’ aig na bàird,
A sheinn mu threubhantas nan sàr,
Bu gharg a sheasadh anns na blàir,
’S a bheireadh buaidh.
Ach sibhse ’mhuinntir nach do phàigh,
Cha ’n fhaigh sibh meas no cliù gu bràth
O neach sam bith, ’s gu là bhur bàis,
’S ann ’gheibh sibh beum;
A chionn nach tug sibh mar bu chòir,
A dhligheadh fhein do ’n àrmunn òg,
A tha gu faoilidh, foinnidh, fòil
’Toirt dhuibh gach sgeul.
Ged ’thachradh sibh rium air an t-sràid,
Cha chuirinn furain oirbh no failt’,
’S cha mhòr gu ’n aidichinn gu bràth
Gur Gàidheil sibh;
Oir threig sibh gnàths nan daoine còir’,
Bhiodh fialaidh, aoidheil aig a’ bhord,
’S a phàigheadh fiachan ann an òr
Le gean ’s le sìth.
BODACHAN A’ GHARAIDH.
LITIR A NEW ZEALAND.
Tha mi nise fada gun sgriobhadh ugaibh. Chuala sibh o charaid gu ’n do bhuaileadh le tinneas mi, agus gu ’n do bhrist a’ bhean caol a dùirn. Bha sin mar sin, ach bha e air innse beagan na bu mhiosa na bha e; tha e nàdurra do sgeul a dhol am meud mar a’s fhaide ruitheas i o bheul gu beul. Bha sin dona gu leòr, ach thainig cruadal na bu mhotha oirnn ann am bàs ar mic a b’ òige. Thachair sin air a cheathramh latha de ’n iuchar. Bha e ’na ghille calma, tapaidh, ach b’i toil a Chruithear a thoirt air falbh. Cha ’n eil dol air ais o’n bhàs ge b’e uair no àm a thig e.
Tha mi fhéin beagan na ’s fhearr; a’ togail beagan neirt gach latha. Cha ’n eil tinneas sam bith orm ach am pairileis anns an làimh ’s anns a’ chois chli; tha mi slàn, fallain anns gach dòigh eile. Tha an lamh dheas agam cho suidhichte ’sa bha i riamh; cha ’n eil crith innte idir; chuirinn galan treacle sios amhach pige gun boinne dhòrtadh, air latha fuar geamhraidh, agus tha fios gle mhath aig an fheadhainn a tha creic rud milis, cho doirbh ’sa tha sin a dheanamh. Tha e toirt toileachadh mor dhomh a bhi sgriobhadh uagaibh. Tha mi mar gu ’m bithinn a faicinn nan càirdean timchioll orm mu ’n d’ fhàg mi St. Ann’s, ’nuair a bhios mi ’g innse do ’n MHAC-TALLA sgeul iongantach air na Maories agus nithean eile tha ’san dùthaich so.
Bha an litir so air bhloigh sgriobhaidh mu Nollaig s’a chaidh, agus leis a h-uile trioblaid a thainig orm uaithe sin, cha do chuir mi crioch oirre. Tha
[Vol . 7. No. 12. p. 2]
mi nise dol a sgriobhadh beagan mu choille na dùthcha so, agus mu chaochladh nithean eile. Tòisichidh mi aig a’ choille.
A’ CHOILLE.
Tha fhios agaibh gu bheil a choille anns an dùthaich so gorm a h-uile latha deug ’sa bliadhna; tha an duilleach a tuiteam air son sin, agus tha a bliadhna fada gus iad sin a dheanamh. Cha ’n eil cnocan no tòrran aig bun nan craobh mar a tha ann an America, —ullachadh nàdurra air son na freumhan a chumail on reothadh. —Cha ’n eil an dùthaich so ’ga iarraidh. Tha an talamh réidh, agus lan fhreumhach, beag agus mor, a’ sineadh air uachdar. Cha ’n eil e cho fior fhurasda coiseachd air na freumhan so ’sa tha e am measg nan cnoc, ged a ni iad sin gu tric do chasan a chur os do cheann.
Cha ’n abair sinn “fiodh cruaidh” no “fiodh bog” anns an dùthaich so, mar a theirear an America; ged tha craobhan coltach ris na craobhan cruaidhe ann, seòrsa nach dean feum sam bith ach air son connaidh, is fiodh bog iad. Agus am fiodh a ghabhas cur gu feum, mar a tha ’n giuthas, tha e air a chùnntas mar fhiodh cruaidh.
Tha àireamh chraobhan ann air am bheil an spréidh gle mheasail, gu h-àraidh a chraobh Karaka. Tha an duilleag aice so coltach ri laurel. Tha craobhan eile a dh’ itheas iad ma bhios iad acrach; tha duilleach nan craobh sin gle dheiseil air son a bhi biathadh dhamh obrach.
Tha a’ choille lan de lusan, fionanan agus preasan. Tha aon fhionan ris an abrar Supple Jack, a fàs mar chuilc, agus tha e direadh gu bàrr nan craobh. Tha e caol, mu mheud leth-òirlich. Tha e neo-chumanta pailt, agus tha e ’na éiginn mhor coiseachd troimhe. Tha seòrs’ eile a’ fàs anns na preasan, ris an abair iad an Constable; tha e caol, meanbh, agus làn de bhioran beaga, agus ma thachras dhut suathadh ann cha ’n eil e furasda faighinn cuibhteas e. Tha seòrs’ eile a’ fàs na thomannan ris an canar an Cutting Grass; tha oirean geura air, agus mur bi neach faicilleach, theid a ghearradh gu dona. Bidh duine aineolach buailteach air breith air le laimh, ach duine ni sin aon uair, cha dean e rithist e. Tha fionan eile tha fàs an crochadh ri craobhan; tha e caol, meanbh, agus tioram, cruaidh; gle mhath air son leapa. ’Se bhios luchd na coille a cur am feum. Le plaide chur air uachdar nì e leabaidh a bhios gle shocair.
Tha àireamh de dh’ fhionanan eile a tha garbh, agus a leantuinn ris na craobhan mar na buill ri croinn soithich. Tha aon dhiubh, an Rata, a tha leantuinn ri craoibh gus an ruig e a bàrr, a faighinn taic o na meanglain, agus a dol troimh ’n chnotal ’s troimh ’n chòinntich gu bàrr na craoibhe; ’s beag an susbuinn a tha dhith air. ’N uair a ruigeas e a cheann-uidhe, tha e ’fàs làidir agus a deanamh greim air a chraoibh a thog suas e, agus ri ùine tha e ’fàs cho mor ’s cho làidir ’s gu ’m marbh e a chraobh a rinn altrum ’na òige. Fàsaidh an Rata ’na chraoibh mhóir. Tha fiodh gle mhath innte, ach tha e doirbh dad a dheanamh dheth leis cho lùbach, cam ’sa tha e ’fàs.
Tha craobh coltach ris an Rata, an Pohutukawa, a fas am measg nan creagan ri taobh na mara. Tha duilleach agus blàth na craoibhe so coltach ri duilleach agus blàth an Rata. Sgriobh mi mu ’n chraoìbh so ann an cuid de na litrichean a sgriobh mi roimhe so. Tha aon ni ’ga taobh a tha gle iongantach, ’se sin an doigh air am faigh i beathachadh ’nuair a tha i fàs air talamh a bhios cruaidh, clachach. Chunnaic mi te a fàs air mullach creige, mu fhichead troigh a dh’ àirde. Bha an talamh cruaidh, tioram air an taobh a b’ àirde de ’n chreig air an robh i ’fàs. Ach shin i a freumhan gus an d’ ràinig iad an talamh aig bun na creige—talamh a bha math agus as an d’ fhuair iad susbuinn gu leòr. Bha na freumhan air mullach na creige a dol am meud ’s an neart mar a bha iad a gabhail greim air an talamh gu h-iseal, agus mu dheireadh thog iad a chraobh buileach glan os cionn an àite air ’n do dh’ fhàs i an toiseach.
Sgriobh mi beagan roimhe mu ’n Ti Tree, no mar a theirear rithe gu ceart, Manuka. Tha i fàs ann an talamh creadha, a tigh’nn a mach mar fhochann, agus a fàs gu bras; an ceann fhichead bliadhna bidh i mor gu leor air son connadh a dheanamh dhith. ’Nuair tha na craobhan so beag, tha iad a fàs cho dlùth ’sa sheasas iad; agus air dhaibh tigh’nn gu beagan meudachd, coltach ris gach ni eile, tha an te a’s làidire a’ faotainn làmh-an-uachdar air an té a’s laige. Tha a chraobh so gu math direach, mu throigh troimpe, agus tha am fiodh cruaidh agus furasda sgealbadh. Bidh na tuathanaich a cur an fhiodha so gu feum ann an deanamh challaidean. Mairìdh callaid de Mhanuka ùine mhor.
Tha am Pariri gu tric ri fhaotainn còmhla ris a Mhanuka; bithear a’ deanamh phost dhi, agus maidean air son bunaitean thaighean. Cha ’n eil feum seileir oirnn gu tric anns an dùthaich so. Tha am fiodh so neo-chumanta buan anns an talamh. Tha i ’na craoibh bhriagha, mu thri troighean troimpe, le geugan farsuinn, dubharach. Tha i lan de bhiastan, (cnuimheagan) a tha mu leth-òirleach a ghairbhead, agus cha ’n eil fhios ’am de cho fad. Bidh na Maories ag ithe nan cnuimheagan so; ni iad an gearradh ’nam mirean beaga, ’san ceangal air sreing ’nan lùban beaga coltach ri griogagan. Theid an sin an ceangal cuideachd ’s an crochadh ri maide beag ’san dathadh air an teine, ’s an sin tha iad air an deasachadh air son an ithe. Chunna mi daoine geala ’g an gabhail, ach cha robh an t-acras gu leor orm fhéin air son blasad orra. Tha fiodh na craoibhe so air a mhilleadh leis na tuill a tha na cnuimheagan a deanamh innte, air chor ’s nach eil e freagarrach air son obair ghrinn sam bith; ach bithear mar a thubhairt mi, a’ deanamh phuist agus maidean thaighean dheth, agus mar an ceudna tarsunnanan air son an rathaid-iaruinn. Tha e ’na fhiodh cruaidh, dubh, agus theid e fodha anns an uisge mar chloich.
Tha na h-uile fiodh a tha ’n so trom. Cha shnàmh a h-aon dhiubh ach an Kauri. Sgoiltidh a chraobh Manuka ’na ceathrannan; ach a h-uile seòrs eile, bithear ’gan sgoilteadh o’n cùl ’nan clàir air son tubhadh thaighean, gun sgian no locair a chur orra.
Tha Mika, no pailm New Zealand, a fàs anns a choille, fad agus farsuinn. Tha na geugan mu ochd troighean a dh’ fhad, agus tha iad gle mhath air son fasgadh o’n uisge. Tha iad cuideachd deiseil do luchd tomhais fearainn agus dhaibhsan a tha ’g obair anns a choille. Bha a cheud fheadhainn a thainig do ’n dùthaich a tubhadh nan taighean le geugan na craoibhe so.
Tha mu shia seòrsa giuthais againn. Tha cuid dhiubh a tha gle choltach ris an spruis; aithnichear e leis na cnothan biorach a tha fàs air air son gleidheadh an fhrais. Tha craobh ris an canar Totara car coltach ri hemlock, agus tha am fiodh air a chur gus an fheum cheudna. Tha ì air a cur gu feum gu h-àraidh ann am puist laimhrigean; cha ’n eil biastan na mara cho trom air ’sa tha iad air seòrsachan eile, agus mar sin tha e glé bhuan. Thatar ’ga chur gu feum ann an iomadh obair eile. Sgoiltidh e glé mhath, agus tha e gu math aotrom ’nuair tha e sean.
Tha ’n Rimu agus an Kahikatea nan craobhan mora, fada. Cha ’n eil moran feuma annta, ach gu ’m bithear ’g an sabhadh air son bhòrd. ’Se ’n Kahikatea, a bhithear a cur anns na soithichean ime; cuiridh gach seòrsa fiodh eile blas air an im. Cha’n eil feum sam bith anns am Matai, Meara agus Tanaki. Tha fiodh a Mhatai agus a Rimu gle thric air a chur gu feum ann an airneis agus obair an taobh a stigh taighe.
An Kauri: ged tha cinn bhiorach air na craobhan so mar a th’ air a ghiubhas, tha an duilleach coltach ri duilleach chraobhan eile. Thatar ag obair air na craobhan so; ’s dòcha an ceann fichead bliadhna gur h-e glé bheag dhiubh a bhios air am fàgail. Tha am fiodh gle làidir, agus ma ’s math mo bheachd, tha e coltach ris a bheithe bhuidhe. Tha e dona gu crupadh anns gach dòigh. Chunna mi maidean (air an sàbhadh) a chrup còrr us òirleach nan cinn.
Tha moran tuilleadh ri innse mu ’n Kauri; ’s dòcha aig àm eile gu ’n tog mi ris, ma chumas mo shlainte rium.
IAIN ROTHACH.
Rudha Mharsden, N. Z.
18mh là de ’n Liunasdal, 1898.
DUGHALL AGUS CONA.
Am fleasgach àluinn, Dughall! Co e, agus c’ aite am bheil e ’gabhail comhnuidh? Is e fein an laoch gaisgeil, fiosrach! An robh e air bord an aon long cogaidh le Sampson ann an Cuba? Cha ghabhainn iongantas air bith ged a bha e ann an Cuebec aig fleagh nan sonn maille ris an Ridir Laurier, agus daoine uasal, morail eile cosmhuil ri Dughall fein. Ma bha Dughall ann am broilleach nan daoine mora aig cuirm Cuebeic, ma dh’ fhaoidte gu robh seanachas de ’n t-seorsa so eadar an Ridir foghainteach agus e fein: “Am bheil thu ann a Dhughaill? An e so Dughall, am balach coir, maith? Nach mi fein a tha toilichte d’ fhaicinn aig a’ chuirm, far am bheil mi fein ann an uidheam ghreadhnach, mar cheann luchd-riaghlaidh Chanada. Creid mise ’Dhughaill, gu bheil meas mor agam ort; agus tha mi ’toirt ughdarras duit, a nis agus ann do bhois, air gach giomach, ’us gabhar, ’us muc mhara ’tha ann am Bagh Shidni no anns a’ choimhearsnachd ud. Dean thusa, fhir mo chridhe, Dhughaill, buachailleachd mhaith ri taobh na fairge, ’s togadh mise thu bho àm gu h-àm, gu h-inbhe ’s airde, gus fadheoidh an toir mi duit aite ann an Seanadh Ottabha.” “A Ridir’ eireachdail,” arsa Dughall, “cha robh ceann-riaghlaidh co maiseach ruibh ann an Canada, on bha m’ athair ’n a bhalach. B’e sin an latha grianach, agus latha ’n aigh, a dhealraich air Canada, an latha anns do shuidh sibhse, ’Ridir, air chliabh fharsuing an stiuir na dùthcha.” Far am faicear cruth meamnach Dhughaill, agus far an cluinnear a’ ghuth glan, fuaimneach, thugadh gach duine ’s bean fainear nach labhair iad facal an aghaidh Laurier, am fear-riaghlaidh mor-chuiseach, oir tha e fada air thoiseach air Uilleam Pitt, agus air Bismarc, ’us Palmerston, ’us Disraeli, ’s Gladstone. Ach tha eagal orm nach leugh Dughall Gaidhlig, agus nach tuig e Gaidhlig ’n uair a chluinneas e i. Dughall bochd! thug e brigh chearr as mo litrichean, oir is ann mo dheibhinn buill phàrlamaid gu coitchionn, a sgriobh mi. Thubhairt mi gur gnath leo ’bhi ’g am moladh fein gu fuasach, ged is e daoine dichiollach Chanada ’tha a’ toirt na dùthcha air a h-aghaidh ann am beartas. An cuala Dughall bochd riamh gu buin Laurier do ’n chuideachd a rinn aramach ann an 1837, an aghaidh crùn Bhreatuinn ann an Canada iochdrach agus uachdrach? An d’ innis neach air bith riamh do Dhughall—oir a reir coslais tha e fathast ’s a’ sgoil—gu do chuir Laurier agus a chompanaich, Blaic ’us Mac Coinnich, gach ceap-tuislidh a bha ’n an comas ann an slighe an Ridir Iain Mac Dhomhnuill, am feadh a bha e le eud ’us gliocas àluinn, a’ cur an rathaid iaruinn ann an uidheam eadar an cuain a tha faisge air Sidni ’s an cuain a tha air taobh thall mor-roinn America. Is abhaist le Laurier
[Vol . 7. No. 12. p. 3]
a bhi ’moladh an rathaid so, ged nach bitheadh an rathad gu brath ann nam faigheadh Laurier agus a chuideachd an toil fein. An do leugh Dughall bochd riamh gu tubhairt Laurier, am feadh a bha aramach ann an iar-thuath Chanada, gu cuireadh e fein an gunna thar a ghuailne, nam bitheadh e dluth orrasan a rinn an t-aramach, agus gu deanamh e comhnadh ’us gaisge leo. Tha mi ’saoilsinn gur e sgoilear òg gun mhoran tapaidh a tha an Dughall bochd. Oir mur ’eil m’ amharus ceart, c’arson a thug e seadh cearr as na briathran a sgriobh mi mu dheibhinn Iarla Abaireadhain. Mhol mi gu tur e fein agus a Bhan-Iarla. Cha chuala mi riamh gu d’ rinn Tearlach Tuppair oidheirp air an Ridir Iain Mac Dhomhnuill a chur as aite. Is e Gaidheal beag, bochd a tha ’n Dughall, oir bhitheadh e toilichte gu bheil Tuppair ’na shean aois, laidir, fallain. An cuala Dughall iomradh air an doigh air an do chuir an Seanadh ann an Ottabha crioch air an rathad iaruinn a bha ’dol a dh’ fhosgladh suas Chlondaic? An d’ fhuair e fios air bith mu rathad iaruinn Dhruimein? A bheil e ’faicinn paipeir naigheachd air bith? Ma tha, chi e gu bheil cuig no sè muillion dollar air an cur cheana le Laurier agus a luchd-riaghlaidh ri cosdas Chanada. B’ abhaist da fein ’s da chompanaich a bhi ’glaodhach a mach gu robh cosdas na dùthcha uamhasach, agus gu tugadh iadsan a nuas e gu mor, nam faigheadh iad stiuir Chanada ’n an lamhan. B’ fhearr gu cuireadh MAC-TALLA fios air Dughall, a chum eolas a thabhairt do ’n duine bhochd air nithean mu ’n dùthaich air am bheil e gu soilleir ain-eolach. Mo bheannachd le Dughall, an t-òganach gleusda. Tha mi ann an dochas gu ruig e Seanadh Ottabha, agus gu bi daoine an ear ’s an iar ag radh: “An aithne thu Dughall àluinn, seanair lurach Ottabha?”
CONA.
SGEULACHDAN ARABIANACH.
An t-Amadan Crotach.
CAIB. II.
An uair a chual’ am breitheamh an aidmheil a rinn an duine thimchioll mar a chuir e an t-amadan crotach gu bas, thuirt e, “Leigibh as an Criosduidh sin, agus crochaibh an duine eile ’na aite, o’n a tha e fhein ag aideachadh gu saor, soilleir gur e a rinn am mort.”
Rinneadh mar a dh’ aithn e, agus leigeadh am marsanta Criosduidh mar sgaoil. An uair a chuireadh tobha na croiche m’ a amhaich an fhir eile, chualas an doctair Iudhach a’ tighinn ’na dheannaibh, agus e glaodhaich ris a’ chrochadair dail a dheanamh. An uair a rainig e bonn na croiche, thuirt e ris a’ bhreitheamh, “Mo thighearna, cha’n ’eil an duine so a tha sibh a’ dol a chrochadh ciontach idir. Tha chionta gu leir ’na laidhe aig mo dhorus-sa. An raoir, thainig firionnach is boirionnach, air nach ’eil eolas sam bith agam, thun an doruis, agus duine tinn aca eatorra. Chaidh an t-searbhanta anns an dorcha a dh’ fhosgladh an doruis dhaibh, agus shin iad bonn airgid dhi gus a thoirt dhomhsa, agus thuirt iad rithe, gu’m bu mhath leotha mise dhol sios gus an duine tinn ’fhaicinn. An uair a thill i suas leis an teachdaireachd so g’ am ionnsuidh, thug iad an duine tinn gu barr na staidhreach, agus dh’fhalbh iad. Chaidh mise sios gun fheitheamh gus an tugadh an t-searbhanta solus dhomh, agus anns an dorcha thuit dhomh mo chas a bhualadh anns an duine thinn, agus chaidh e car ma char leis an staidhre, agus an uair a fhuair mi solus ’s a chunnaic mi e, bha e marbh. Thog mi fhein ’s mo bhean leinn e, agus leig sinn sios le rop e do’n t-seomar aig ar dluth-choimhearsnach, fear-solair an righ, a tha sibh a nis a’ dol a chur gu bas ’s e neo-chiontach. An uair a chunnaic am fear-solair anns an t-seomar e, shaoil leis gur e meirleach a bh’ ann; agus an deigh dha gabhail air gu math le bata, shaoil leis gur e fhein a mharbh e. Ach cha b’e. Faodaidh sibh an aidmheil a tha mi deanamh a lan-chreidsinn. Is mise a rinn am mort; agus ged nach b’ ann le mo thoil a rinn mi e, tha mi suidhichte gu’m fuiling mi am bas air a shon, oir cha bu mhath leam gu’m biodh bas dithis air agradh orm. Thainig mi gus beatha fir-solair an righ a shabhaladh o’n a tha mi lan-chinnteach gu’m bheil e neo-chiontach. Tha mi guidhe ort, air an aobhar sin, gu’n leig thu as e, agus gu’n cuir thu mise gu bas ’na aite o’n is mi tha ciontach.”
O’n a fhuair am breitheamh lan-chinnt gu’n robh fear-solair an righ neo-chiontach, agus gur e an doctair Iudhach a bha ciontach, dh’ ordaich e am fear-solair a leigeadh mar sgaoil, agus an doctair a chrochadh ’na aite.
An uair a chuireadh tobha na croiche m’a amhaich an doctair, co thigeadh ’na chruaidh-leum a steach am measg na cuideachd ach an taillear, agus e’ glaodhaich aird a chlaiginn ris a’ chrochadair e chur stad air a laimh gus am bruidhneadh e ris, agus gus an deanadh e aidmheil fhollaiseach an lathair a’ bhreithimh. “Mo thighearna,” ars’ esan, “cha mhor nach do chuir thu triuir dhaoine neo-chiontach gu bas. Ach ma dh’ eisdeas tu riumsa le foighidin, innsidh mi dhut co’ mhort an t-amadan crotach. Ma dh’fheumar duine a chur gu bas air a shon, is mise an duine. Feasgar an de, an uair a bha mi ’g obair anns a’ bhuthaidh, agus mi gle chridheil, sunndach, thainig an t-amadan crotach gu dorus na buthadh, agus e air leith-iomall na daoraich. Shuidh e aig an dorus mu ’m choinneamh, agus thoisich e ri cluich air inneal-ciuil, agus ri gabhail oran. Dh’ iarr mi air a dhol thun an taighe, agus dh’ aontaich e falbh comhladh rium. Shuidh sinn aig ar suipear, agus thug mi dha iasg. Ach an uair a bha e ’g itheadh an eisg, stad cnaimh ’na amhaich; agus ged a rinn mi fhein ’s a’ bhean na b’ urrainn sinn gus fuasgladh a thoirt dha, dh’ eug e ann an uine ghoirid. Chuir a bhas dragh mor oirnn; agus air eagal gu’n rachadh ar cur an sas air a shon, thug sinn leinn e gu taigh an doctair, agus bhuail sinn aig an dorus. An uair a thainig an t-searbhanta dh’ fhosgladh an doruis, thuirt mi rithe i ghrad thilleadh suas far an robh am maighstir, agus iarraidh air e thighinn a nuas gun dail a dh’ fhaicinn an duine thinn, agus gus misneach a thoirt dha, thug mi bonn airgid dhi gus i g’a thoirt do’n doctair. An uair a thill i suas thog mi fhein ’s a’ bhean an t-amadan crotach gu barr na staidhreach, agus dh’ fhag sinn an sin e, agus thug sinn ar casan as dhachaidh. An uair a thainig an doctair gu barr na staidhreach bhuail a chas anns a chorp, agus thuit e car ma char leis an staidhre. Agus mar sin shaoil leis gur e fhein a mharbh e. A nis, o’n a tha ’chuis mar so, leigibh as an doctair, agus cuiribh mise gu bas ’na aite.”
Ghabh am breitheamh agus a’ mhor-chuideachd a bh’ anns’ an eisdeachd ioghnadh anabarrach mu na nithean a chual iad mu thimchioll bas an amadain chrotaich.
“Leigeibh as an doctair Iudhach, agus crochaibh an taillear, o’n a tha e ’g aideachadh gur e fhein a tha ciontach. Is gnothach neo-chumanta a tha ’n so, agus b’ fhiach e a sgriobhadh ann an litrichean oir,” ars’ am breitheamh.
Am feadh ’s a bha ’n crochadair a’ deanamh deas gus an taillear a chrochadh, bha toil aig an righ spors ’fhaotainn o’n amadan chrotach mar bu ghnath leis, agus dh’ fheoraich e c’aite an robh e. Dh’ innis fear dhe na h-oifigich dha gu’n do ghabh e an daorach am feasgar roimhe sid, gu’m facas a falbh feadh a’ bhaile e, agus gu’n d’ fhuaras marbh anns a’ mhadainn e. “Thugadh duine an lathair a’ bhreithimh air an robh iad a’ fagail gur e a mhort e,” ars’ esan, “agus an uair a bha iad a’ dol ’g a chrochadh, thainig fear eile an lathair a thuirt gur e fhein a mharbh e. Thainig an dara fear ’s an treas fear, agus thuirt iad a’ cheart ni; agus tha ’n ceathramh fear a dh’ aidich gur e fhein a mharbh e a nis gu bhith air a chrochadh.”
An uair a chual’ an righ mar a bha, ghrad chuir e teachdaire far an robh am breitheamh, agus thuirt e ris, “Thoir ’n am lathair-sa na daoine sin gu leir a tha ’g radh gur iad a mharbh an t-amadan, agus thoir corp an amadain ’n am lathair mar an ceudna, a chum gu’m faic mi e aon uair eile.”
Ghrad dh’ fhalbh an t-oifigeach agus rainig e aite ’bhreitheanais direach an uair a bha iad a’ dol a chrochadh an taillear. Ghlaodh e ris a’ chrochadair e dheanamh stad gus am bruidhneadh e ris. Dh’ aithnich an crochadair an t-oifigeach, agus an uair a chuala e ordugh an righ, leig e as an taillear. Chaidh am breitheamh direach gu ruige luchairt an righ, agus thug e leis an taillear, an doctair Iudhach, am marsanta Criosduidh, am fear-solair, agus thug e air a’ cheathrar aca corp am amadain chrotaich a ghiulan leotha.
An uair a thainig iad an lathair an righ, thilg am breitheamh e fhein sios aig a chasan, agus dh’ innis e dha gach ni a b’ fhiosrach e mu thimchioll mar a chaidh an t-amadan crotach a chur gu bas. Chuir an naigheachd a leithid a dh’ ioghnadh air an righ ’s gu’n d’ thug e fa near a sgriobhadh sios gu curamach.
An sin labhair e ris na bha ’n lathair, agus thuirt e, “An cuala sibh riamh ni cho iongantach ri mar a thachair air shaillibh an amadain chrotaich?”
An sin leig am marsanta Criosduidh e fhein ’na shineadh air beulaobh an righ, agus an uair a bhean e do’n talamh le clar ’aodainn, thuirt e, “A righ chumhachdaich, chuala mise naigheachd a tha moran na’s iongantaiche na’n naigheachd air am bheil sibh a’ bruidhinn, agus ma cheadaicheas sibh dhomh, innsidh mi dhuibh i. Cuiridh i ioghnadh mor air gach neach.”
“Tha mi ’toirt cead dhut a h-innseadh,” ars’ an righ.
Thoisich am marsanta ri innseadh na naigheachd mar a leanas:
“Le’r cead, a righ, mu’n toisich mi ri innseadh na naigheachd, bu mhiann leam innseadh dhuibh an toiseach nach b’ anns an rioghachd agaibh a rugadh mi idir. Is coigreach mi a rugadh ann an Cairo, ceanna bhaile na h-Eiphit. A thaobh cinnich, is Cobhtach mi, agus tha mi dhe ’n chreidimh Chriosduidh. Bha m’ athar ’na fhear-gnothaich, agus rinn e cuid mhath airgid. Aig am a bhais dh’ fhag e a chuid dhe’n t-saoghal agamsa. Lean mise air an obair a bh’ aig m’ athair. Agus air latha araidh an uair a bha mi aig an taigh-osda feitheamh ri marsantan-grain ris an robh gnothach agam, thainig duine og, maiseach, ann an eideadh riomhach, far an robh mi, agus e marcachd air aiseil. Chuir e failte orm, agus chuir mi failte air. An sin thug e lamh air pocan beag anns an robh gran aige, agus dh’ fheoraich e dhiom ciod a gheibheadh e air a’ bhuiseal dheth.
Thuirt mi ris gu’m b’ fhiach an seorsa grain a bh’ aige ceud peighinn am buiseal.
“B’fhearr leam,” ars’ esan, “gu’m faigheadh tu marsanta a ghabhadh an gran uam aig a’ phris sin, agus a thigeadh am maireach a ghabhail libhrigidh as aig an taigh-osda anns am bheil mi fuireach.”
An uair a thuirt e so, dh’ fhag e am pocan grain agam, agus dh’fhalbh e.
Nochd mi an gran do chaochladh mharsantan, agus thuirt iad rium gu’n gabhadh iad uam uiread ’s a bheirinn dhaibh dheth air son ceud is deich peighinnean de bhuannachd agam as a’ h-uile buiseal.
Thug so toileachadh mor dhomh, agus ghrad dh’fhalbh mi far an robh
(Air a leantuinn air taobh 94.)
[Vol . 7. No. 12. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth,
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .50
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, OCTOBER 14, 1898.
THA troimhe-chéile nach beag anns an Fhraing a thaobh Dhreyfuis; tha an Riaghladh teagmhach a thaobh ciod is còir a dheanamh. Tha an sluagh nan roinnean air a thaobh ’s ’na aghaidh, agus gu tric a sabaid ri chéile air sràidean Pharis. Tha e gle dhoirbh a radh ciod a dh’ fhaodas tachairt.
O CHIONN da sheachdain air ais, chaochail Louise, Ban-righ Denmark. Bha i ’na boirionnach air an robh meas mor air feadh na Roinn Eòrpa, agus a bha làn thoillteannach air. Bha i ann an iomadh dòigh coltach ri Ban-Impire Austria, a bha air a mort o chionn dha no tri sheachdainean. Is nighean dhi Ban-phrionnsa Wales, a dh’ fhaodas a bhi fhathast ’na Banrigh’n os ar cinn fhéin, agus a tha a cheart cho measail air son a gliocais ’s air son a h-irioslachd ’sa bha a màthair.
CHA ’N urrainn dhuinn fhathast innse gu ceart cia meud bhòt a bha air a thoirt seachad air son no an aghaidh bacadh a chur air an stuth làidir. Tha a sgeul fhéin aig gach paipear a chi sinn, agus tha ’n àireamh a bha bharrachd air son bacaidh air a chur sios leotha o sheachd mile gu seachd mile fichead. Tha e mar sin soilleir nach eil an cùntas ceart aig neach sam bith fhathast, gu bheil na paipearan ann an tomhas mor a labhairt air thuaimse, agus gu bheil moran dhiubh a cur na h-àireamh mar a dhùraichdeadh iad fhéin i bhith. Ach tha e cinnteach gu ’n deachaidh na h-uile Roinn ann an Canada gu làidir air son bacaidh ach Cuebec, agus gu ’n deachaidh Cuebec gu làidir ’na aghaidh.
THA sgeul air tighinn as a’ Ghaidhealtachd a tha nochdadh gu bheil anns an dùthaich sin fhathast daoine nach caomhainn am beatha fhéin ann a feuchainn ri muinntir eile shabhaladh. Bha, aon latha o chionn ghoirid, sgioba dhaoine ag obair air an rathad-iaruinn aig àite ris an canar Altnadreac, faisg air baile Inbhirnis, ’nuair a chual’ iad na carbaid a tighinn. Bha bocsa mor lan uidheaman tarsuinn air an rathad, agus dh’ fheuch ochdnar dhaoine ri thoirt dheth. ’N uair a bha na carbaid gu bhi aca, theich iad uile ach aon fhear, Iain Mac Gille-mhoire, duine mor, làidir, a lean air gleachd ris a bhocsa gus an d’ fhuair e chur bhar an rathad; ach mu ’n d’ fhuair e-fhéin a dhol a thaobh, rug na carbaid air, agus bha e air a ghearradh as a chéile. Bha taobh an rathaid gle chas, agus na ’n robh na carbaid air bualadh anns a bhocsa, bhiodh na ficheadan air am marbhadh.
CUEBEC.
THA ’m baile mor, ainmeil so, lan de fharum ’us de fhleadhas aig an àm so. Tha cuirm nan sonn ’us nan corn gle chumanta ann an daighneach laidir Chanada an diugh. Tha soithichean àluinn cogaidh anns an acarsaid; tha uachdarain ’us daoine mora Chanada anns a’ bhaile; ’us tha cuideachd uasal, fhoghluimte cruinn arson cuisean cudthromach a reiteachadh eadar Canada agus na Stàidean. Tha luchd-dreuchd comasach a tabhairt an aire ’s fhearr a tha ’n an comas, do cheistean a tha ’togail connsachaidh eadar sinn fein agus na Stàidean. Is iomadh coinneamh de ’n t-seorsa so a bha riamh eadar an da dhùthaich. B’ àbhaist do na Stàidean agus d’ an luchd-comhairle anns na bliadhnachan a dh’ fhalbh, a’ chuid a’ b’ fhearr fhaotainn. Tha luchd-comhairle nan Stàidean daonnan carach, cuilbheartach; agus, mo thruaighe! thug iad buaidh mhuladach gle thric air na daoine simplidh, onorach a roghnuich Breatunn arson ceistean fearainn ’us chriochan a’ chur ceart. Nam bitheadh gliocas ’us tapadh iomchuidh aig cairdean Chanada, bhitheamaid an diugh ann an sealbh air Minnesota agus air na Stàidean mu thuath, agus cha bhitheadh an rathad a tha ’cur dealachaidh eadar Maine agus Canada co cam, lubagach ’s a tha e. Tha e soilleir gu leoir gu do shoirbhich leothasan a bha ’seasamh ann an ainm ’s ann an aite nan Stàidean, anns an dian oidheirp a rinn iad arson Canada ’chumail bho shlighe dhireach a bhi aice troimh a tir fein a dh’ ionnsuidh an Atlantic—an cuan farsuing, eitidh ’tha ’luasgadh a thonnan garbh eadar i fein agus Breatunn ’us an Roinn-Eòrpa. Ann an 1871, bha cruinneachadh ann an Uashington, de luchd-dreuchd ainmeil bho Bhreatunn fein agus bho na Stàidean. Bha ’n ridir tapaidh, geur-inntinneach Iain Mac Dhomhnuill aig a choinneamh so as leth Chanada, ’us le ughdarras bho ’n Bhan-righ. Mar tha eachdraidh a bheatha, a sgriobh Maighstir Pope, a’ dearbhadh, bha Mac Dhomhnuill air a sharuchadh gu goirt, do bhrigh gu robh na daoine ’chur Gladstone ’nall, co mall, neo-dhuineil, agus co toileach air gach ni ’s coir a bhuineadh do Bhreatuinn ’us do Chanada ’thabhairt seachad do na Stàidean gun luach, gun bhuidheachas, gun duais iomchuidh air bith. B’ fhearr an Ridir Mac Dhomhnuill leis fein na na ceithir daoine uasal ’chuir Breatunn a nall, oir cha d’ thug iad moran gaisge neo misnich leo. Mur d’ fhuair Breatunn agus Canada an ceartas a bu choir doibh ’fhaotainn, cha ’n ’eil coire r’a chur air Mac Dhomhnuill. Cha d’ innis e ach smior na firinn an uair thubhairt e ri caraid dileas ann an Lunnainn: “Abair thusa ri Iarla Ghranvaill ma bhitheas aimhreit air bith aig Breatunn leis na Stàidean ’na dheigh so, mise agus mise leam fein a chur do Uashington, arson crioch a chur air an aimhreit, agus sith ’us seasgaireachd aisig air an ais.” Is e ’m Morair Herschell, dnine cliuiteach a tha ’sealbhachadh aite measail am measg luchd-lagha Bhreatuinn, a tha ’na cheann-suidhe air a’ choinneamh urramach ann an Cuebec. Tha tri de luchd-riaghlaidh Chanada ann an Ottabha anns a’ choinneamh so. Tha an àireamh cheudna de dhaoine ainmeil nan Stàidean anns a’ choinneamh. Cha ’n àbhaist do dhaoine de ’n t-seorsa so iad fein a sharachadh aig àm air bith, le bhi ’deanamh saoithreach chruaidh a dh’ oidhche ’s a latha. Tha iomradh gu bheil na daoine ionnsuichte ’s urramach a bhuineas do ’n choinneamh so, ’dol a dh’ fhagail Cuebec, agus a’ dol a chur crich air an obair ann an Uashington. Tha iad ag radh gu bheil aoidheachd Cuebeic co anabarrach faoilidh ’s nach ’eil cothrom ceart aca air na ceistean a chnuasachadh a tha ’tighinn f’ an comhair. Rinn luchd-riaghlaidh nan Stàidean cabhag mhor bho chionn beagan uine, ann an airgiod nan ròn a phàigheadh do Chanada ’s a h-iasgairean. Tha iomradh a nis gu bheil na Stàidean a’ dol a cheannach na soithichean a bhuineas do iasgairean nan ròn ann an Columbia. Tha iad a’ creidsinn gu faigh na Stàidean air an doigh so, sealbh gu buileach doibh fein, air Caoil Bhehring; agus nach bi cead no comas aig Breatunn no aig rioghachd air bith eile, ròn a mharbhadh no soitheach a sheoladh anns na caoil ud. Is e fairge leathunn a tha anns na caoil; agus, air an aobhar so, cha bhi e gu brath comasach a reir lagh nan rioghachdan, Caoil Bhehring a dhruideadh an aghaidh rioghachd air bith, aig am bi iarrtus a soithichean a sheoladh annta. Ma dh’ fhaoidte gu teid aig na daoine ’tha aig an coinneamh ard so, air cordadh a dheanamh mu ’n chrioch a tha eadar Alasca agus Canada ann an airde na h-Iar-thuath. Gheibhear mar so, comas air a’ chuan shamhach a ruigheachd, ann an slighe dhireach bho Chlondaic. Tha e gle iongantach gu d’ fhuair Ruisia, o cheann deich ’us tri fichead bliadhna, greim ’us coir air crioman fearainn ri taobh a’ chuain agus air beul-thaobh Chanada. Tha, a reir coslais, an da dhùthaich toileach air leiginn do na reachdan a tha aig na rathaidean iaruinn, fantuinn mar tha iad, eadar Canada ’s na Stàidean. Bithidh iomradh gun teagamh air laghannan an iasgach, agus bithidh na Stàidean mar a bha iad riamh: deonach gu faigheadh iad tuille saorsa ann an ionadan iasgaich Chanada. Seasaidh Canada gu dùineil, dalma as leth a coirean fein. Rinn cumhnant 1854, maith mor do Chanada. Is e mo bheachd fein, nach dean a’ choinneamh so atharrachadh mor air bith air a chordadh ’s air na laghannan a tha cheana eadar sinn fein agus na Stàidean. Tha balla ard, tiugh a’ cuairteachadh nan Stàidean air gach taobh, agus a tha ’cumail a mach gach malairt ’us gach innleachd a thig bho rioghachdan eile. Cha toir na Stàidean a nuas am balla ard a thog iad, agus faodaidh Canada a bhi ri feadalach arson cothrom aigh air bith ’fhaotainn trid am faod i a crodh ’s a caoraich, a h-eich ’s a h-arbhar a thabhairt a stigh do na Stàidean gun chis throm. Ach ni an coinneamh so maith mor, ma thogas e cairdeas a’s modha, agus ma chuireas e crioch gu brath air gach farmaid ’us cainnt amaideach, agus bagradh paisdeil a b’ abhaist a bhi anns na Stàidean a thaobh Bhreatunn agus Canada.
CONA.
[Vol . 7. No. 12. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Chaidh dithis gillean òga, aois choig bliadhn’ deug, a chur an greim ann a Halifacs air an t-seachdain s’a chaidh air son bathar a ghoid a bùth ceannaìche.
Chaidh tigh ’na theine ann anSt . Charles, N. B. ,air an t-seachdain s’a chaidh, agus bha Martin Daigle, aois cheithir fichead bliadhna ’sa coig, agus ogha dha air an losgadh gu bàs. Cha robh anns an ogha ach pàisde.
Shil a cheud fhras shneachda an fhoghar so, oidhche na Sàbaid s’a chaidh. Shil frasan dheth a rithist Di-luain, agus bha an t-side fad latha no dha fuar, greannach gu leòr. Tha an geamhradh a tighinn gun teagamh sam bith.
Chaidh tigh Dhùghaill Mhic Phàrlain, am Bràigh Mhargaree, a losgadh gu h-iomlan maille ris gach ni a bha ann, air an t-seachdain s’a chaidh. Cha robh dolair de dh’airgead-urais air, agus tha e ’na chall mor do’n duine mu’n am so dhe’n bhliadhna.
Thainig fios á China air an t-seachdain so ag radh nach robh an t-Impire air a mhort idir, ach a mhàin air a chur bha na cathrach. Tha a mhàthair a nise a riaghladh; a reir coltais ’si ’n duine ’s fhearr dhe’n dithis, ach cha chòrd i ri luchd-riaghlaidh Bhreatunn cho math ri ’mac; tha taobh na’s motha aice ri Ruisia.
Chaidh soitheach a ghlacadh ann an Souris, E. P. I., toiseach na seachdain s’a chaidh, air amhrus gu robh i a’ cumail an cuid o luchd na cusbuinn. Fhuaireadh da cheud galan de dh’ uigse-beatha anns a choille faisg air an àite ’san d’thainig i gu tir. Thatar a deanamh a mach gu’m bu stuth làidir a luchd gu h-iomlan.
Chaidh da fhear-deasaichaidh ann anSt . John’s Newfoundland,a chur do’n phriosan o chionn ghoirid, ’s tha iad ri bhi ann fad dheich latha fichead, air son iad a bhi di-moladh mam breitheamhan anns na paipearan. Cha d’ rinneadh a leithid sin de bhinn a thoirt a mach air duine ann an Newfoundland o chionn corr us fichead bliadhna.
Chaidh ciste bheag air a ceangal gu teann le iaruinn fhaotainn ann an cearna de Stàit Maine, o chionn ghoirid, le Eadailteach a bha ’g obair air an rathad iaruinn. Thatar ag radh gu robh mu fhiach ceithir mile dolair de dh’ òr anns a chiste, ach cha ’n eil fios ceart air sin fhathast, oir dh’ fhalbh an t-Eadailteach leatha cho luath ’sa fhuair e i, agus cha do thill e fhathast.
Cha robh Riaghladh nan Stàitean ach gle fhad air ais ann an cumail bidh ri ’n cuid shaighdearan ann an Cuba ’s am Porto Rico. Cha ’n eil teagamh nach d’ fhuair barrachd dhiubh bàs leis an acras ’s le droch aire na fhuair bàs aig làmhan nan Spainnteach. De na saighdearan a tha ann am Porto Rico an dràsda, tha an deicheamh cuid dhiubh ’nan laidhe tinn anns na taighean-eiridinn, agus thatar ag radh gu bheil iad an earbsa ris anRed Cross Societyair son an cuid bidh.
Cha d’ rinneadh de dh’ airgead air anexhibitionann a Halifacs air an turus so na phàigh an cosdus—chaidh e mu dheich mile dolair anns na fiachan, agus bidh aig muinntir na roinne air fad ri sin a dheanamh suas. Cha’n eil e idir ceart gu’m biodhexhibitionNobha Scotia air a chumail o bhliadhna gu bliadhna ann a’ Halifacs. Tha bailtean eile a tha pàigheadh an cuid fhéin de’n chosdus a cheart cho math ri Halifacs do ’m bu chòir cothrom a thoirt uair no uair-eigin; ach a reir coltais cha’n eil iad a dol ’ga fhaighinn. ’S ann a tha e fàs coltach gu bheil an luchd-riaghlaidh dhe’n bharail gu’n deachaidh an dùthaich gu h-iomlan a chruthachadh air son beòlaind a chumail ri muinntir Halifacs.
Tha cuid de na h-Innseanaich ann am Minnesota air bristeadh a mach an ceannairc an aghaidh nan Stàitean, agus bha blàr air a chur eadar iad fhein ’s na saighdearan Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaidh. Chaidh àireamh a mharbhadh air gach taobh. Thatar a’ cur coire na ceannaire air Innseanach d’ an ainm Bog ah Mah Ceshing, ach ’s e ’s dòcha gu faodar beagan dhi a chur air cuid de na daoine geala cuideachd. Cha’n eil muinntir nan Stàitean ro ainmeil air son a bhi deiligeadh gu bàigheil, ceart ri nàisinnich America, agus faodaidh e bhith gu bheil barrachd aobhair aig treubhan Minnesota a bhi ’g ar-a- mach na tha air innse dhuinne. Tha dochas nach mair an aimhreit ach ùine ghoirid, ach nach bi an còrr fala air a dòrtadh.
Tha rionnach gu math pailt aig an àm so mu Cheap Nòr usAspy Bay.Tha an t-iasg sin a fuireach mu na cladaichean na’s fhaide na b’àbhaist dha blisdhnaichean roimhe so.
Bha còrr us ceithir fichead soitheach a stigh ann an Sidni Tuath air an t-seachdain s’a chaidh. Bu shoithichean iasgaich Geancach a chuid bu mhotha dhiubh. A bharrachd orra sin bha àireamh de shoithichean guail a stigh.
Tha ceannaichean Halifacs a creic neart bidh us bathair ann an Cuba o’n sguir an cogadh. Ma bha an cogadh ’na chall dhaibh roimhe, tha e ’na chuideachadh dhaibh a nise. ’S math nach olc gach ni a thig an lorg còmhstri dhe’n t-seòrs’ ud.
Bha sabaid eadar saighdearan dubha agus geala ann an Alabama Di-mairt s’a chaidh, anns an deachaidh aon duine a mharbhadh, agus còignear a leòn. Tha na daoine dubha ’s geala anns na Stàitean a deas cheart cho naimhdeil ri chéile ’sa tha iad ris na Spàinntich.
Tha am Marion air sgur a ruith gu Mulgrave; cha’n eil i an deigh so gu bhi dol ach gu Baddeck ’s gu Hogomah. Tha an t-side an deigh so buailteach air a bhi stoirmeil, agus cha’n eil ach àireamh gle bheag a bhiodh air son an turus a gabhail air bàta mu’n àm so dhe’n bhliadhna ’nuair a gheibh iad ann air dòigh eile.
Tha teachdairean o na Stàitean ’s o’n Spàinn aig an àm so cruinn ann am Paris, a’ feuchainn ri sith a dheanamh eadar an da dhùthaich. Cha’n eil moran ri chluinntinn fhathast mu na tha dol air adhart, ach tha’n cothrom aig na Stàitean, agus gu’n teagamh bidh na cumhachan a nithean a reir mar a dh’iarras a cuid theachdairean.
Chaidh Aonghas Mac Leòid, duin’ òg a mhuinntir na Méinne Tuatha, a mharbhadh ann an Nanaimo, B. C., air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e ’g obair ann an mèinn ghuail, agus thuit meall mor a bha e ’gearradh air a mhuin, ’ga mharbhadh air ball. Dh’fhàg e bean agus triuir chloinne ann an Nanaimo. Cha’n ’eil ach mu dheich miosan on chaidh e mach do’n àite sin.
Thainig maor áSt . John’s, Newfoundland,a la roimhe gu Sidni Tuath an toir air fear an robh àmhrus a bhith bristeadh air lagh na cusbuinn. Rinn a greim air an duine, ach an deigh sin chaidh e-fhéin a chur an sàs airson ni-eigin a bha mi-laghail mu’n ghlacadh. Tha am maor a nise anns a phriosan ann an Sidni Tuath, ’s tha am fear a thainig e ghlacadh air a chur air ais gu bhi air a phriosanachadh ann an St. John’s.
Thainig cearc-thomain bheò a stigh do’n bhaile aon fheasgar air an t-seachdain s’a chaidh, agus bha i car greise air spiris air posta mu choinneamh na stòir aig C. P. Moore, fear am facas i le àireamh mhath de mhuinntir a bhaile. Cha’n eil fhios co dh’ innis dhi mu’n lagh ùr rinneadh air an earrach s’a chaidh, ach bha choltas oirre nach robh i fo chùram sam bith gu’n toirt e ionnsuidh air a beatha. Bha Innseanach a chunnaic i ag radh gu robh e ’na dhroch comharradh cearc-thomain fhaicinn anns a bhaile; gu feumadh gu robh droch rud air choireigin a dol a thachairt ann.
IADSAN A’ PHAIGH.
Iain Domhnullach, Framboise .
Iain D. Mathanach, St . Peters’ .
S. D. Domhnullach, Acarsaid Mhargaree.
M. I Mac-Ille-mhaoil, Cul Cobh a Bheabheir.
Gilleasbuig Peutan, Cùl Shiudaig Bheag.
Aonghais Mac Aonghais, Lewis Bay.
Mrs. D. Nic Fhionghain, Port Morien.
Iain Mac Gill-fhihnein, Port Morien.
D. M. Caimbeul, Beinn nan Caimbeulach.
Ailein I. Gillios, S . W. Margaree.
Domhnull D Mac Leoid, Framboise .
Aonghas N. Mac Amhlaidh, New Boston.
Iain Mac Neill, Baoghasdal.
Eos. A. Mac Neill, Glengarry Valley.
Alasdair Mac Gille-ghlais, Coldstream , Ont.
Seònaid Ros, Cul Bhagh Bhaddeck.
BAS.
Aig Gleann Comhann, am Mabou, air a cheithreamh latha de’n mhios so, Dughall Domhnullach, Mac Alasdair mhoir ’ic Aonghuis ’ic Alasdair. B’e fear de na daoine b’fhearr agus bu mheasaile bha ann a Siorramachd Inbhernis; thainig ’athair a sheanair agus a shinn-seanair a bràigh Lochabar anns a bhliadhna 1816. Bha e féin ’s na daoine bho’n d’thàinig e ro ainmeil ann an coltas, ann an onair, agus ann an treuantas. Dh’fhag e bean, màthair, triùir bhraithrean agus àireamh pheathraichean. Gu’m b’ann an sith a bhios anam.
Am Bathar a’s Fhearr.
Na Prisean a’s Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI, C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
THE
DAILY RECORD.
PAIPEAR LAITHEIL
CHEAP BREATUNN.
Air a Chur a Mach a h-Uile Feasgar, ann an Sidni, C. B.
A PHRIS:
Bliadhna, $3 .00
Sia miosan, 1.50
Tri miosan, .75
A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH.
Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc.
’S COIR DHUT A GHABHAIL.
SGRIOBH GU—
JOS . MacDONALD,
Editor and Publisher,
Sydney, C. B.
Am bheil romhad tigh no sabhal ur a thogail? Ma tha, paighidh e dhut do chuid thairnnean, glaine, paipear, paint, aol, plaster, luaidhe, glasan, ludagan, rop agus uidheaman saoirsneachd a cheannach bho
C . P. MOORE.
’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, ma bhios speal, sgrioban, forc no cas forca a dhith ort, theirig g’ an iarraidh gu
C . P. MOORE.
Nuair bhios a chlann ag iarraidh sgliat no leabhar ur, paipear sgriobhaidh, pinn, no inc, ceannaich iad bho
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
Sin an t-aite anns am faigh thu gach ni dhiubh so gle shaor.
AN T-AITE
ANNS AN CEANNAICH THU
Suic agus
Iaruinn Cruinn,
Creamers,
Soithichean Bainne,
Airneis-taighe,
Stobhaichean,
Flur, Min etc., etc.
AN STOR AIG
Isaac Greenwell,
SIDNI, C. B.
[Vol . 7. No. 12. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 91.)
e. An uair a rainig mi, thug e dh’ amharc a’ ghrain mi. Bha ceud gu leith buiseil aige anns an taigh-stoir. Thug mi leam e gun dail, agus reic mi ris na marsantan e air son coig mile peighinn. “Buinidh coig ceud peighinn dhut fhein,” ars’ an duine og, “agus cumaidh tu an t-airgiod a gheibh thu o na marsantan agad gus an iarr mi ort e, oir cha’n ’eil feum sam bith agamsa air an drasda.”
Thug mi taing dha air son a chaoimhneis, agus na h-earbsa ’bha e ’cur annam ged nach fhaca mi riamh roimhe e, agus thuirt mi ris, gu’m biodh an t-airgiod agam deiseil dha uair sam bith a bhiodh feum aige air.
An ceann mhios thainig e dh’ iarraidh an airgid orm. Bha e’ marcachd air aiseal agus dh’ iarr mi air tighinn air lar agus biadh a ghabhail comhladh rium, agus an sinn gu’n tugainn dha an t-airgiod.
“Cha tig mi air lar an drasta idir,” ars esan, “oir tha mi ann an cabhaig. Tha gnothach sonraichte agam ri dheanamh anns a’ bhaile, agus cha ’n urrainn domh dail a dheanamh. Ach tillidh mi an rathad so, agus biodh an t-airgiod agadsa deiseil air mo choinneamh.”
An uair a thuirt e so dh’ fhalbh e, agus ged a bha duil agam ris a h-uile latha, chaidh corr is mios seachad mu ’m faic mi rithist e.
Arsa mise rium fhein, “Tha’n duine og so a’ cur earbsa mhor annam an uair a tha e ’fagail suim cho mor ann am lamhan, agus gun eolas sam bith aige orm, Is iomadh fear air am biodh eagal gu’n teichinn leis an airgiod.”
Mu dheireadh thainig e, agus e marcachd air aiseal mar a bha e roimhe; ach thug mi an aire gu’n robh an t-aodach a bhi air moran na bu riomhaiche na’n t-aodach a bha air a’ cheud latha ’chunnaic mi e.
Dh’ iarr mi air tighinn air lar, agus dh’ fhaighneachd mi dheth an tugadh e leis an t-airgiod.
Thainig fiamh gaire air a ghnuis, agus thuirt e, “Cha’n ’eil cabhag sam bith orm. Tha’n t-airgiod ann an lamhan sabhailte gu leor. Thig mi g’ a iarraidh an uair a theirgeas na bheil agam. Slan leat, is docha gu’n tig mi mu dheireadh na seachdain.” Bhuail e ’chuip gu math air an aiseal, agus dh’ fhalbh e.
“Ma ta,” arsa mise rium fhein, “tha thu ’g radh gu’n tig thu mu dheireadh na seachdain, ach is docha leamsa gu’m bi iomadh latha mu’n tig thu. Cuiridh mise an t airgiod gu feum, agus ni mi buannachd mhath leis.”
(Ri leantuinn.)
Bha ministeir an Glascho, a bha glé dhian an aghaidh an òil, a’ teagasg la bho ’n dara caibideil de Lucas, mu bhreith an t-Slànuighear. ’Nuair a rainig e na focail ud, “do burigh nach robh aite dhaibh ’s an tigh-òsda,” thubhairt e, “Mo chairdean, tha mi ’m barail gu bheil an t-aite cho gann Dha-san anns an tigh cheudna an diugh, ’s a bha e ’n oidhche ’thainig E dha ’n t-saoghal.”
IAIN BEAG MAC-AINDREA.
(A CUAIRTEAN NAN GLEANN.)
Tha brìgh an iomraidh so air aithris gu neo-theagmhach le daoinibh measail agus creideasach, tha ’g ràdh gu’n robh Iain Mac-Aindrea, o cheann sèa-fichead bliadhna, ’tàmh an Dail-na-h- Aitnich, an sgìre Gleann-Ceatharnaich, ann an Srathspé; —duineachan beag suarach ’na choltas air gach dòigh—na bu choltaiche ’bhi air ’fhàgail aig a’ bhaile ’n cois nam mart agus nan laogh, na bhi dol leis a’ choisridh do’n bhlàr. Gidheadh, ’na chom bha cridh’ an laoich, air a bhrosnachadh le spiorad na gaisge; agus fear-bogha na b’ealanta ’n àm tarruing gu comh-strì, cha do tharruing saighead ri sreang. Tha gach euchd ghaisgeil a rinn e air an aithris le tuilleadh ioghnadh, ’nuair bheirear fainear cho tur neo-fhaicheil ’sa bha e. Tha e air a ràdh gu’n tilgeadh e dà-shaighead-dheug, agus gu’n sàthadh e an darna aon ann an earbull an aon eile. Thainig e aon là seachad air buidheann a bha ri gìomanachd ann an Srathéirinn. Dh’fheòraich cuid dhiubh ris a’ ghill bheag am feuchadh e ris an t-saighead, agus le beagan moit dh’ aontaich e. Bhuail e ’n toiseach faisg air meadhon na targaid, ach an dara uair chuir e gu dìreach ’na meadhon. Thòisich iad air ioghnadh ’ghabhail, agus air bhi ’ga mholadh; ach thubhairt e riu gu’n deanadh iad ni b’ fhearr na sin an Srathspé. Dh’ fhalbh e, agus shàth e slatag sheilich air tom, astar mhath air falbh. Thilg e, agus sgoilt e i leis a’ cheud saighead.
Bha e na ro fhear aitreabh, agus cha b’ainmig leis ’bhi ris an obair sin ann an Srathéirinn. Aig aon àm a bha e ann ris a’ cheart obair sin aig Fear Choileachaidh, air feadh na h-oidhche thainig a’ chrois-tàraidh chum an tigh. B’e bha ’n so Ròsach Chillrethag, ’an Srathnathruinn, agus e air tòir na creiche ’thogadh uaithe le Fear Achluachrach, ’an Lochabar, agus e air shùrd pòsaidh. Dh’fhalbh Fear Choileachadh gu a chuideachd maille ri buidheann an Ròsaich, agus Iain Beag Mac-Aindrea mar aon de chàch. Bhuail iad air an aghaidh le sùrd agus faicill, gus an d’ràinig iad a’ Chrò-chlach, am bràigh Shrathéirinn. Chunnacas solus ann am bothan nan cìbeir. Ann an so bha Fear Achluachrach agus a bhuidheann, as déigh an suipeire, ’seanachas ri chéile, gun fhiamh gun eagal. Aig an àm so, bha Iain Mac-Aindrea air toiseach na buidhne. Shuidhich se e féin mu choinneamh doruis a’ bhothain. Bha’n oidhche fuasach dorch—nì ’thug fìor chothrom dhaibhsan a bha mach, ach a bha tur an aghaidh chàich, a bha air an leigeadh ris le solus a’ ghealabhain bha ac’ anns a’ bhothan. ’Nuair a dh’fhairich iad an tailmrich ’bha mach, b’ ann le spiorad na gaisge ’thriall gach fear chum an doruis, a thoirt coinneamh do luchd na tòrachd; ach cha d’ ràinig a h-aon diubh an stairsneach gun bhi air an leagadh nan tòrr air muin a chéile! Bha làmh Iain ’ic-Aindrea bitheanta ni’s leòir, agus a shùil an tòir air ceannard na buidhne. Air dhàsan ’bhi aithnichte, ’thaobh ’éididh, ’nuair chunnaic Iain e, chuir e saighead ’na uchd a cheangail e ris a’ phosd a bha air a chùlaobh! ’Nuair chunnaic Fear Choileachidh mar rinn e (theagamh chum fios ’thoirt do’n Ròsach mar thachair), ghlaodh e mach, “Buaidh ’s do thapadh leat, Iain ’ic-Aindrea, ’tha tàmh an Dail-na-h- Aitnich.” ’Nuair chuala Iain am miodal so aig àm cho mì-fhreagarrach (air dha ’thuigsinn, nan rachadh fear sam bith as, gu’n tugadh e ’aimn do Lochabar—nì a dh’ fhàgadh e buailteach do chunnart na dhéigh sin), fhreagair e Fear Choileachaidh ann am briathraibh nach furasda sgrìobhadh! Cha d’fhuair a h-aon as de na bha stigh; ach an gille maol dubh a thug fainear a’ chùis, bhris e mach air cùl a’ bhothan; agus, gu truagh do dh’ Iain Mac-Aindrea, thug am fear so an naigheachd agus ’ainm do Lochabar, mar am fear a fhuair urram saighdearachd. Agus bha ’bhuil; ’s gann gu’n d’ fhuair e là na oidhche sona na dhéigh.
’Nuair ràinig an sgeul so Lochabar, a bha cho chràidhteach do bhean-na-bainnse, cha d’fhois ’s cha do thàmh i gus an d’rainig i Chrò-chlach; agus tha ’cor, ’nuair ràinig i, ni’s usadh ’thuigsinn na ’chur an céill. Tha e air a ràdh gu’n d’fhuair i ’mhial-chu féin ag òl fola Fhir Achluachrach, agus, anns an teinn-chràdh anns an robh i, gu’n d’ thug i ’n cù na spathaltan as a chéile!!
’Nuair a sgaoil an naigheachd, bha càirdean nam fir a thuit air an gluasad le colg bhuarasach. Thrus iad orra, dà fhear dheug, agus ràinig iad tigh Iain ’ic-Aindrea. Bha Iain agus a bhean a stigh le chéile, agus thuig iad có bh’aca air ball. Dh’fhoinich na daoine ri bean-an-tighe ’m b’e so tigh Iain ’ic-Aindrea, agus c’àite an robh e féin. Thubhairt i gu misneachail gum b’e, agus nach robh e féin fad as. Dh’ iarr i orra suidh gus an tigeadh e. Cha do smuainich iad gum b’e bha na shuidh taobh an teallaich; oir ged a fhuair iad ’aimn ’sa shloinne, cha d’ fhuair iad a dhealbh ’sa chuma. Bha ’bhean ’san àm a’ fuineadh, agus thilg i mìr de’n aran air an fhear ’bha na shuidh taobh an teallaich; agus le bagairt coimheach, dh’iarr i air dol a shealltuinn nach robh an fheudail ri dolaidh sam bith; agus nam faiceadh e ’mhaighstir, fios a thoirt da gu’n robh daoin’ -uaisle ’feitheamh air. Dh’fhalbh e le gearain, mar nach biodh e ro thoilichte ’dhol. Chaidh ise gu seòmar far an robh an balg-shaighead air a thasgaidh, agus chuir i sin a mach air uinneig ’ga ionnsuidh; agus ré na h-ùine so uile, cha do sguir i de chumail seanachais ris na coigrich, agus ’gam fritheal leis a’ bhiadhachd a b’ fhearr a bh’ aice. Dhìrich Iain am bruthach ’bha fa chomhar doruis a thighe. Chuir e dà shaighead dheug ann an rian freagarrach air an toran làmh ris, agus ghlaodh e, fear sam bith bha ’g iarraidh Iain Mhic-Aindrea, e ’bhi mach. B’ann an sin a bha ’chabhaig, gach fear a’ bualadh a mach chum ionnsuidh ’thoirt air Iain Mac-Aindrea; ach cha luaithe ’ràinig iad an dorus, na bha saighdean Iain ’gan comhlachadh, agus ’gan leagadh gu làthair. Cha deachaidh ’m fear mu dheireadh dhiubh fada o’n tigh ’nuair a thuit e, air chor ’s nach deachaidh a h-aon diùbh as a dh’innseadh an naigheachd ’san tir as an d’fhalbh iad!
Na dhéigh so, bha Iain Mac-Aindrea fo fhiamh a latha ’sa dh’ oidhche. Cha robh e sàbhailte dha ’bhi oidhche ’na thigh féin, air chor ’s gum bu dùth dha gearain air an oidhche sin a luaidh Fear Choileachaidh air ’ainm e.
Uime sin, bha leabaidh aige ann am bràigh craoibh ann an coille Uisge-thuilnean, ann an ionad ris an abrar Giubhas-na-h- uamha gus an là ’n diugh. Chuala iad mu’n leabaidh so ’n Lochabar, agus bha na h-Abraich gu tric ri fhaicinn air feadh na coille sin, chum a faghail a mach. Bha iad air uairibh a’ tachairt ri Iain féin; ach cha robh iad idir a’ samhlachadh gum b’e bhiodh ann—nì ’thug cothrom dha dhe ’n d’rinn e gu minic feum, air chor ’s nach do leig e aon de na chunnaic e riamh air ais. Am fear mu dheireadh a chunnaic e dhiù, bha e air feadh na coille gun duine leis. Dh’fheòraich am fear so dheth Iain (mar gum b’ann airson neònachais d’a féin) c’àit an robh an leabaidh-fhalaich aig Fear Dail-na-h- Aitnich. Fhreagair Iain gum feuchadh e sin da; agus ’nuair a chunnaic an t-Abrach an leabaidh, sheall e mu’n cuairt car tiota beag, ’s chuir e ’aghaidh air a dhùthaich féin, ach cha b’ fhada ’chaidh e ’nuair ’thug Iain tarruing air a bhogha, ’bha air a chleith fo ’bhreacan, agus leag e’m fear sin mar an ceudna, gun a leigeadh ni b’fhaide air a thurus.
Cha’n eil cunntas air gach liutha fear a mharbh e ré ’bheatha, ach tha iomradh gur mòr a chuir e gun teagamh gu dìth; agus cha d’ thug duine riamh buaidh air féin, ged ’thàinig e gu bhi na sheann duine mu’n do chrìoch e.
SPEACH.
Lag na Crìche, Maigh, 1842.
LITIR AGUS DUAN A’ DETROIT.
FHIR DEASACHAIDH: —Mar a gheall mi ’sa litir mu dheireadh, tha mi a’ cur d’ur n-ionnsaidh ’san tè so, stampaichean air son paigheadh an airgead puist air na paipearan corra chur sibh da m’ ionnsaidh a’ là roimhe. Mu chreideas sibh mi, tha mi fada n’ur comain air son gu’n d’ rinn sibh sin. Tha mi cinnteach gu bheil pròis mhór oirbh air son gun d’fhuar nateetotalersbuaidh ’san taghadh ’an Canada a là roimhe. Tha ’d ag ràdh nach dean e moran feum, bho nach gabh an luchd-riaghlaidh orra stad a chur air deanamh an uisge bheatha. Ach tha ’chùis a’ nochdadh gu bheil a chuid as mudha de’n t-sluagh air son gu’m bi an sluagh uile na’s fhear ’s na’s stuama na tha
[Vol . 7. No. 12. p. 7]
iad an dràsda. Cha’n ’eil mi a’ sgriobhadh na litir so air son a cur ’sa MHAC-TALLA; ach tha mi cur duan innte, agus ma chi sibh iomchuidh a chur ’sa phaipear bidh mise toilichte. Sgriobh mi an duan so air duileag bhàn ann an Dàna Oisein a chur mi gu bean uasal Ghaidhealach. Cha’n urrain mi tiotal no ainm fhaotainn da a thaitinneas rium; faodaidh sibhse ainm eile thoirt air ma thogras sibh. Agus m’a e ’s nach còrd e idir ribh cuiribh anns na lasraichean e. Tha mi deanamh cruinneachadh de na Ràdhean a tha “Caraid na Gaidhlig,” ag iarraidh, ach cha’n ’eil dùil agam ri duais air a shon. Cha’n ’eil leabhar Gàidhlig agam ach Oisein; ’sann a mo mheaghar a tha mi toirt nan ràdhean. Cuiridh mi air adhart na gheibh mi dhiubh. Nach toir sibh-sa comhairl air an duine chòir leabhar a chur a mach de na radhean a gheibh e? Gabhaibh mo leisgeil air son mo dhroch chùbadh.
AN DA MHALAMHINA.
Tha dà Mhalmhìna ann,
Tà ’an Selma nam buadh;
’S thu fhéin ’tha tàmh an gleann,
Penetangor nan stuadh.
Bha Oisian caomh ’an dùil,
Gu robh Mhalmhìna binn,
Maraon air inneal chiùll,
’S le ’guth ’cur suas na fuinn.
Nam biodh e beò an diugh,
’S an ’theireadh e leam féin;
Gur tusa ’s binne guth,
Na nighean Thoscair threun.
Ma bha Malmhìna ciùin,
Bha thusa seamh ’us stuaim;
A’s fhada leam an ùin’,
A tha thu fada bhuam.
Cha robh an Selma riabh,
Aon oigh ’an coimeas riut;
Cho òr-bhuidh glan ’an ciabh,
’S cho ciatach riut a chruit.
Theid “t-ainm a chur ’san dàn,”
Dàn nach teid a dholaidh;
’N fhad ’sa bhios mise slàn,
Bidh agad-sa fear molaidh.
DONULL MAC LEOID.
Buaidh na Pioba.
Bha piobair uair a’ dol troimh choille mhoir, ùdlaidh, ’s ’n uair a thainig am feasgar, rinn e suidhe gu greim suipeir itheadh. Is gann a rinn e tòiseachadh, ’n uair a chruinnich treud de mhadaidh-allaidh acrach timchioll air. Gus e fhéin a dhion, thilg am piobair bochd mir is mir dhe bhiadh do na béisdean, gus mu dheireadh nach robh criomag aige gun ithe; ’s a dh’ aindeoin sin, ’s ann bu teinne dhlùthaich na madaidh-alluidh air. Bha e ’n impis dùil a thabhairt dhe ’bheatha, ’n uair thainig smuaintean comharraicht’ ’n a cheann. Ghlac e ’phiob, ’s thòisich e air seideadh suas. A cheud sgal a leig an dos mor, de rinn na madaidh-allaidh ach teicheadh ’n an deann, mar gu ’n robh iad air beucaich leomhainn a chluinntinn! ’N uair a chunnaic Domhnull a’ bhuaidh a bh’ aig a’ phiobh, ars esan, “M’ anam-sa, na ’m b’ fhios dhomh gu ’n còrdadh an ceòl cho math ribh, bhithinn air a thoirt dhuibh roimh ’n t-suipeir, ’s cha ’n ann air a deigh!”
Adhaircean Fad’ air a Chrodh ’tha Fada Uainn.
Bha Sasunnach aon uair a’ tabhairt aithris a measg cuideachd uasail ann an Inbhirnis, air na h-ioghnaidhean a chunnaic ’s a rinn e fhéin anns na h-Innsean, bho ’n d’ thainig e beagan roimhe sin. Thug e eachdraidh gu h-àraid air na “tigearan” mor air an do thachair e, ag radh gu ’n do mharbh e fear a bha corr is “da fhichead troidh air fad!” Thubhairt fear de na h-uaislean, nach robh teagamh air bith nach robh beathaichean anabarrach anns na dùthchannan thall, ach gu ’n robh mar an ceudna ann an Alba fhéin, ainmhidhean nach robh dad air dheireadh orra. Mar eisimpleir, dh’ innis e gu ’n do ghlacadh “scait” shuas ann an Gallthaobh, a bha “corr is leth-acair air leud!” Dh’ aithnich an Sasunnach gu ’m b’ ann a’ magadh air a bha ’n t-Albannach; ’s dh’ fhàg e chuideachd le moran feirg. Ann an uine ghoirid, chuir e caraid—mar a bha fasan an ama—a thoirt dùlain do ’n fhear eile, mur a toireadh e leth-sgeul airson na tàmailt a thug e dha. Fhreagair an t-Albannach gu socair, “Ma ta, ma bheir do charaid beagan throidhean de fhad a ‘thigear,’ chi sinn dé ’s urrainn dhuinn a dheanamh mu leud na ‘scait! ’”
Am bheil thu air son a’ Ghailig a chumail beò? Ma tha, cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA, an aon phaipeir Gailig a thatar a cur a mach. Dolar ’sa bhliadhna.
Bean fhada, chaol, dhireach, miann Dhònuill amadain.
AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leighsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH
agus TEANNTACHD.
Cuir a dh’ iarraidh sampuill us teisteannas.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia.
agus
127 State St., Boston Mass.
GHEIBH THU
AN TI
A’s fhearr ’sa Mhargadh.
NA BROGAN
A’s Fhaide Mhaireas.
AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.
Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c
TORMAD DOMHNULLACH.
Am Feillire.
OCTOBER, 1898.
1 Di-satharna Blar na Leargainn, 1263.
2 DI-DONAICH 17mh Donaich na Trianaid.
3 Di-luain Blar Allt Chuailleachain,1594
4 Di-mairt
5 Di-ciaduin Blar Dhunchaillinn, 1315.
6 Dior-daoin
7 Di-haoine
8 Di-satharna Losgadh Chicago, 1871.
9 DI-DONAICH 18mh Donaich na Trianaid.
10 Di-luain
11 Di-mairt Faotainn a mach America, 1492.
12 Di-ciaduin
13 Dior-daoin
14 Di-haoine Breith Uilleam Penn, 1644.
15 Di-satharna Breith Ailein Ramsay, 1686.
16 DI-DONAICH 19mh Donaich na Trianaid.
17 Di-luain Tuiteam Sebastopol, 1854.
18 Di-mairt
19 Di-ciaduin Bas Chandlis 1873.
20 Dior-daoin
21 Di-haoine Bas Raibeirt Ghordain, 1853.
22 Di-satharna
23 DI-DONAICH 20mh Donaich na Trianaid.
24 Di-luain Bas Dhaniel Webster, 1852.
25 Di-mairt
26 Di-ciaduin
27 Dior-daoin Breith Sheumais Mhic Mhuirich, 1736.
28 Di-haoine
29 Di-satharna Blàr Charrochaidh, 1562.
30 DI-DONAICH 21mh Donaich na Trianaid.
31 Di-luain Oidhche Shamhna.
MUTHADH AN T-SOLUIS.
An Ceathramh mu Dheireadh, L. 7, U. 1, M. 51 M
An Solus Ur, L. 15, U. 8, M. 23 M
A’ Cheud Cheathramh, L. 22, U. 4, M. 55 M
An Solus Lan, L. 29, U. 8, M. 4 M
DH’ IARRAMAID AIR
NA GAIDHEIL
’s air muinntir eile a tha air son“Typewriter”a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na
Blickensderfer No. 5,
mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35 .
Tha seorsachan eile againn cuideachd.
CREELMAN BROS.,
TYPEWRITER CO.
15 Adelaide St. East,
TORONTO, ONT.
C. H. HARRINGTON & CO.
Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni.
THA IAD A’ CREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile.
“SALADA TEA, ”
Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris.
Cha ’n urrainn dhut paipear Gailig fhaighinn an aite sam bith ach Mac-Talla, ’s bu choir dhut a bhi gle mheasail air.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c .
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B.
D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C.B.
J . S. BROOKMAN, M. D. ,
LIGHICHE.
OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot.
SIDNI, C. B
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.
Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
Niall Mac Coinnich,
Sidni, C, B.
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Floiri Nic Fhionghain
a’ cumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan a’ cosg.
ADAN,
BONAIDEAN,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN,
GEUGAN.
agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor.
FEUCH GU’N TAGHAIL THU.
[Vol . 7. No. 12. p. 8]
BATHAR CRUAIDH.
Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor.
Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.
J. E. EISAN.
PIANOS AGUS ORGAIN.
AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, C. B.
THA EARBSA
aig daoine ann am maidsichean Eddy— ’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha “coltach” ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum.
Tha ’n t-ainm so na urras air mathas.
THE
E. B. EDDY Co., Ltd.,
HULL, CANADA.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
Stewartdale , C. B.
CLOTH, DROGAID,
AGUS
Plaideachan “EUREKA.”
Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic.
Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige.
SOUTH END WAREHOUSE.
FLUR AGUS MIN,
TI AGUS SIUCAR,
FEOIL AGUS IASG.
FIAR AGUS COIRCE,
BIADH DHAOINE,
AGUS
BHEOTHAICHEAN.
Amhlan dhe gach seorsa, agus iomadh ni eile nach gabh ainmeachadh an so.
Taghail, agus cha mhi-chord na prisean riut.
Caipt R. Mac Neill,
Sidni, C. B.
[Dealbh]
Tha sinn a nise ’nar luchd-gnothuich aig a
CHANADACARRIAGE CO. ,
air son Eilean Cheap Breatunn.
Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead le ’cheannach uainne.
Tha sinn mar a b’ abhaist a’ creic Truncaichean, Màileidean, Acuinneach, Bratan-carbaid, Cuipichean, Carbadan Cloinne, Olla, Dubhaich Bhròg, &c ., &c .
F . Falconer & Son,
Sidni, C. B.
’NUAIR THEID THU ’BHADDECK
TAGHAIL AN STOR
Albert I. Hart.
Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram,
Bathar Cruaidh,
Amhlan,
Aodaichean,
Caiseart, Adan,
Curraichdean,
Agus iomadh ni eile.
An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle.
MAC-TALLA.
“Gu ma fada beo a’ Ghailig.”
“Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.”
Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais.
DO DHLEASANAS.
A bhi gabhail MHIC-TALLA.
A bhi leughadh MHIC-TALLA.
A bhi pàigheadh MHIC-TALLA.
A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a chur ’na rathad.
An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan.
Cha robh a leithid ann roimhe, ’s cha ’n eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast.
Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tigh’n a mach uair ’san t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut.
Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dh’ fhalbh.
A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do t’ inntinn.
Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig a’ sgriobhadh gu daonnan dha; agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og.
Is abhaist do dhaoine ’nuair a bhios iad a’ creic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhi ’cur pris ard ’na cheann; ach cha ’n eil MAC-TALLA ’deanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadh ’sa chumail suas, agus uime sin cha ’n eil e cosg d’a luchd-gabhail ach
DOLAR ’SA BHLIADHNA.
title | Issue 12 |
internal date | 1898.0 |
display date | 1898 |
publication date | 1898 |
level | |
reference template | Mac-Talla VII No. 12. %p |
parent text | Volume 7 |