[97]

[Vol . 7. No. 13. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OCTOBER 21, 1898. No. 13.


LITIR A PROVIDENCE.

Failte dhut a charaide
MHIC-TALLA nan ard bhuadhaibh,
Tha donar air an talamh
Ann an cantanas mo dhualchais;
S iomadh iads gach àit’ ’tha
Guidhe slàintes saoghal buan dhuit,
Chan aithne dhomh nas feàrr na thu
Air airde bun a chluaiseadh.

Nach moralach an sealladh e
Bhig amharc air an uasal
A tearnadh bhoi an bheallach
Leis an aimid air a ghuallain;
Amàl leis a chleas achlais
Acur cagar thun na cluaise,
S na meòirean anns a chromireachd
Apronnadh a phuirt uaimhrich.

Chan iarrainn a bhi nàbachd fir
Nach tigeadh blàths na ghhruaidhean,
Ag éisdeachd ris an làn ghaisgeach
Nach tugadh nàmhaid buaidh air
Na éideadh cuimir Gàidhealach
Bhoshàilean thun a chluarain;
S a mheoiribh atoirt conaltraidh
Troi thollaibh a chrainn bhuadhaich.

Tha mi faicinn an diùmhlaoich mar gum bidh e dol a steach ann ameall ceòna thir dhùthchasaich, is e tearnadh a bheallaich. Cumaibh soilleir e; is maith is fiach e a chùram a ghabhail. ’S mor a mhaise a tha e a cuir air a MHAC-TALLA chòir, a tha tighinn thugainn gach seachain, leis gach conaltradh as taitniche, anns a chainnt as aosdas as blasda a ta air thalamh.—

Cainnt mhireagach gu sùgradh i;
Cainnt dhrùiteach air son cràbhaidh i;
Cainnt fhosgara ri truaghan i;
Cainnt bhuatharra ri nàmhaid i;
Cainnt fharsuing, bhlasda, phùngara
Ni lùbadh far an àill leatha;
Chan fhaod an Gall a h-amhlagadh
S an geall a thu na Gàidheil di.

Tha mi faicinn MAC-TALLA a gearain nach eil cuid deluchd-leughaidh acreidsinn Sgeulachdan nan Arabach. Mar a bheil, co nach eil coma! ThaGhàilig air a mort leis an dream sin nach eil an timchioll-ghearradh ach an clàr an eudain; is e bhi tabhairt géill dan leithidibh sin a dhfhàg a Ghàilig cho gann na litreachas. Nan tugadh iadsan a tha a cur an aghaidh Sgeulachdan Arabia aire cheart don leabhar naomha, cha bhiodh iad cho timchioll-ghearrte an clàr an eudainsa tha iad; ach theagamh nach creid iad an leabhar maith féin le barrachd creideamh. Ciod am fios a tha acasan ciod a bha dol air aghaidh an Arabia? Saoileam féin an creid iad gun deanadh druidhean na h-Eiphit nathrichean den slataibh; na gun labhradh asal Balaam; na gun togadh bean-shithe Samuel as an talamh? Na tabhair cluas dan cuid fuar-chràbhaidh, a shàr ghaisgeich! Thoir dhuinn garbh is meanbh mar a gheibh thu e. Leughadh iad sud an 8mh caibideil de Ghnath-fhocail Sholamh, is chi iad nach ann an cùil a tha gliocas ag eigheach, no tuigse acur a mach a guth, ach ann an àitibh follaiseach. Bha na bailtibh air an cuartachadh le balla an laithibh Sholamh, is bha gach gliocas, lagh is sgeul air an cur an céill is air an innsesa gheata; chan eil againn an àite sin a nise ach am paipear-naigheachd, ’s mur a bin luchd-deasachaidh fearail, theid an saoghal air chaothach. Tha na Gaidheil bho thoiseach an t-saoghail air an cumail fodha le cion paipeir naigheachd; agus a nisenuair a fhuair iad aonan ann da rireadh a dol a lagachadh lamhan aon a thug an oidheirp dhuineil a tha cuid dhiubh. “Na bi ro dhiadhaidh,” ’ars an searmonaiche.

S e cion litreachais, agus gu sonruichte cion a phaipeir-naigheachd, a dhfhàg co tearc an àireamh, ’s cho eutromsan sporran na Gàidheil. Mur be MAC-TALLA cia mar a baithne dhomh Iain Rothach, air Rudha Mharsdein; ’s Alasdair an Ridge, an àiteigin; ’s Iain Mac Gilleasbuig, ’s iomadh aon eile nach fhacas nach faic mi sa chollain. Ach chan eil anns a chollain ach ni a theid seachad, ach mairidh an inntinn gu sior; is mar sin than saoghal a faigheil eolais air a cheile a tha maireann leis a phaipeir naigheachd.

AONGHAS MAC AOIDH.
Providence , R. I.


FACAL A COLUMBIA BHREATUNNACH.

FHIR-DEASACHAIDH IONMUHINN:—

Bu mhath leam facal no dha a chur gu MAC-TALLA as an àite so; agus gedtha mo litir fad air deireadh air mar bu mhath leam i bhi, tha min dùil gun gabh na càirdean a leughas i a leithsgeul, a creidsinn gum bu mhath leam i bhi taitneach ged nach comasach mi air a sgriobhadh mar sin. ThaGhàidhlig gannsan àite so; chan fhaca mi MAC-TALLA bho chionn fada; agus tha e doirbh dhomh an litir so a chur an òrdugh mar bu mhiann leam, ach bheir mi oidheirp air mar is fhearr is urra mi.

Tha mi an so air mo chuartachadh leis na Beanntaibh Creagach(Rocky Mountains)agus gu firinneach chan fhar-ainm orra. Tha iad cho àrd agus corrach agus gun saoileadh neach gun tuiteadh iad a nuas air a mhuin. Is fhada bheireach neach a ruigheachd gumullach. Than sneachda ri fhaicinn orra a h-uile lathasa bhliadhna. Than t-side gle bhlàth an so aig an àm so, ach tha i ghnath fallain.

Tha dòighean neònach aig sluagh na dùthcha so. Tha moran dhiubh a còmhnuidh ann an taighean air an togail air ràthan móra air an uisge. Tha na ràthan so air an deanamh le mo dhusan na còrr de chraobhan móra seudair air an cur ri chéile gu làidir, ’san tigh air a thogail air a sin, agus nuair a bhios gaoth làidir ann, gheibh iad an tulgadh gu math. Tha na cuileagan mosach sin, na mosquitos, ro lionmhor ann, agus tha iad ro dhraghail dhaibh feins do dhuine. Tha baile beag an suds an so aig bruaich nan lochan, agus na creagan a bagradh tuiteam a nuas orra gach mionaid. Tha moran thighean-òsda anns gach baile, agus tha e soilleir mur biodh muinntir gan tathaich nach biodh iad ann. Is ainneamh am fear nach faod a radh, mar a thuirt a fear roimhe:—

“ ’Sem botul dubh a leon mi
Sa dheutromaich mo phocaid,
N uair rachainn dhan tigh-òsda
Cha shòrainn na crùin.”

Tha tuarasdal nis àirde an so na tha esan taobh an ear; ach tham bòrds am biadhs gach ni eile cho daor, agus a cur na h-uile ni ri chéile cha bhi neach moran nis fhaide air adhart na bhiodh e le fuireach an taobh an ear fhéin. Is iomadh rud a dhfheumas gille bochd cur suas leis an so, nach còrdadh ris idir aig an tigh; ach mar a thuirt am fear roimhe: “Cha dean gearan feum dhuinn, bhon thug sinn spéis dhan fhalbhan.” Tha mu dheich duine ficheadsa champasa bheil mi, aguss ann air an uisge tha e air acair. Gheibh sinn iasg ùr uair sam bi is miann leinn, gun dragh sam bith ach dubhan a thilgeadh dhan uisgenar suidhesan dorus. An uair a bhios biadh no ni sam bith a dhéis anns a champa, thig bàta smùide a dhionnsuidh an dorus leis. Chi sinn gu tric Innseanaich is sguathaichean len cuid chanùaichean, a dol seachad oirnn, agus gu dearbh chaneil an coltas ro chneasda, air an dath dearg, le falt fada anns nach deachaidh, tha min dùil, cir riamh. Tham bata-smùide a dol mun cuairt daonnan le bathar, ’s le daoine, ’s le litrichean. Achnuair nach bi aice ach litrichean a mhain, thig iad dlùth do thir, agus is chunnaic mi iad aceangal nan litrichean ri pios de mhaide na de dhiaruinn, agusgan tilgeadh gu tir; uair a ruigeadh iad agus uair nach ruigeadh, ’s mar sin tha gu leoir de litrichean a dol a dhith. Tha moran Albannaich a fuireach an so. Tha moran de Shinich ann mar a ceudna.

An uair a bha mi air an rathad don dùthaich so, bha moran de Ghàidheil á Glaschu agus mun cuairt a tighinn an iarnam chuideachd. ’N am measg bha mnaithean is clann agus maighdeannan òga, dreachmhor; cha biad bu chòir fhàgail air deireadh. ’S en gruaidh a bha dearg, a dhuine. Nam bann air mo thurus dhachaidh a bha mi, bha mi a smaointean gun cuirinn impidh air dhiubh dol maille rium.

Tha min dùil gu bheil mo litir tuilleadh is fada, gun doigh. Ma chuireas sibh inur paipear gasda bi mi fadanur comain; ’s faodaidh e bhi gun cluinn sibh uam uair eile.—

Beannachd bhuamsa gu mmhàthair,
S gu àrd na gruaige duinne;
S ma [ ? ] facal ud ro dhàna,
Beannachd uam gu mchàirdean uile.”

Buaidh is piseach air MAC-TALLA; ’s gu ma fada beò a Ghàidhlig.

Is mi do charaid, an a chis nach fhaic,

AN GILLE DUBH.
Ogust 25, 1898.


SGEULACHDAN ARABIANACH.

An t-Amadan Crotach.

CAIB. III.

Cha robh mi idir cearrnam bharail, oir chaidh corr is bliadhna seachad mun thainig am marsantog a rithist far an robh mi. Mur robh an t-eideadh a bhair na bu riomhaiche na babhaist dha, cha robh e dad air dheireadh. Ach thug mi an aire gun robh ni eiginn acur dragh air an inntinn aige. Dhfhaighneachd mi dheth an cuireadh e de dhurram orm gun rachadh e don taigh maille rium.

Theid mi don taigh an drasta comhladh riut,” arsesan, “ach feumaidh tu ghealltainn dhomh nach cuir thu thu-fhein gu cosgais sam bith a bharrachd air mo shon-sa.”

Ni mi direach mar a tha thug iarraidh orm,” arsa mise, “ach ni thusa de dhfhabhar riumsa gun tig thu air lar, agus gun teid thu steach don taigh comhladh rium.”

Rinn e mar a dhiarr mi air. Am feadhs a bhachuirmga deasachadh, bha mi fheins e fhein acomhradh mu thimchioll caochladh nithean. An



[98]

[Vol . 7. No. 13. p. 2]

uair a chuireadh am biadh air abhord, shuidh sinn aige.

Thug mi an aire gun do chuir e acheud ghreimna bheul le a laimh chli. Chuir e so ioghnadh mor orm. Thuirt mi rium fhein, “Riamh on a chunnaic mi an duine og so, bha ega ghluasad fhein gle mhodhailnam lathair. Am bheil e comasach gur ann gu tamailt a chur orm a tha e cur a bhidh thun a bheoil lelaimh chli? Ciod a tha cearr air a laimh dheis an uair nacheil ega cur a dhionnsuidh a bheoil?”

An deigh dhuinn ar biadh a ghabhail shuidh sinn taobh ri taobh air langsaid, agus thug mi dha rudan milis. Rug e orra lelaimh chli. An sin thuirt mi ris, “Tha mig iarraidh mathanais a chionn a bhi cho dana ort, ach tha toil agamfheorach dhiot car son a tha thucur abhidh thun do bheoil le do laimh chli?”

An aite mo fhreagairt is ann a tharruinn e osna throm. Thug e a lamh dheas am mach as an fhalachs an robh i aige, agus sheall e dhomh i. Ghabh mi ioghnadh mor an uair a chunnaic mi gun robh ceann a laimhega dhith.

Gun teagamh sam bith bha annas ort,” arsesan, “an uair a chunnaic tu misegabhail mo bhidh leis an laimh chli; ach faodaidh tu a nis a thuigsinn nach robh comas agam air.”

Am faod mifheorach dhiot,” arsa mise, “ciod an sgiorrag leis an do chaill thu do lamh dheas?”

An uair a chuale so thoisich e ri sileadh nan deur. An uair a bha e greis asileadh nan deur thiormaich eshuilean, agus dhinnis e dhomh an sgeul a leanas;—

Faodaidh mi innseadh dhut gur ann de muinntir Bhagdad a tha mi, agus gur e mathair duine cho measail agus cho beairteachs a bhann an Bagdad gu leir. Mun gann a rainig mi aois fearachais thachair dhomh eolas a chur air luchd-turuis, agus dhinnis iad moran dhomh mu na nithean iongantach a bh rim faicinn anns an Eiphit, gu h-araidh ann an Cairo, ceanna-bhaile na h-Eiphit. Thug na dhinnis iad dhomh orm gun robh iarrtus mor agam gu dhol a shiubhal an t-saoghail. Bha mathair beo anns an am, agus cha leigeadh e cead dhomh falbh taobh sam bith. Mu dheireadh dheug e, agus o nach robh maighstir orm ach mi fhein, chuir mi romham gun rachainn air thurus gu ruige an Eiphit. Cheannaich mi moran bathair dhe gach seorsa bu luachmhoire na cheile ann am Bagdad, agus ann am Mosul agus ghabh mi mo thurus gu ruigen Eiphit.

An uair a rainig mi Cairo, chaidh mi don taigh-osda a bainmeile a bhanns a bhaile, agus an uair a fhuair mi buth mhor deiseil anns an cuirinn am bathar, chaidh mi do msheomar gus mo sgios a chur seachad. Dhordaich mi do na seirbhisich biadh is deochs gach ni eile air am biodh feum agam fhaotainn gun dail. An deigh dhomh mo bhiadh a gabhail dhfhalbh mi air feadh abhaile gus an caisteal, na h-eaglaisean, agus gach aitreamh bhriagheile a bhanns abhailefhaicinn.

An la-iar na-mhaireach chuir mi uman te dhe na deiseachan bu riomhaiche a bhagam, agus dhordaich mi do na seirbhisich rud dhen bhathar bu luachmhoirebhagam a thoirt do dhaitemhargaidh far an robh mi fhin adol. Cha bu luaithe a rainig mi na thainig aireamh mhor de mharsantans de luchd-gnothaich, agus chaidh iadg an sealltainn don t-sluagh a bha anns amhargadh. Ach cha do thairg a h-aon dhe na marsantan dhomh am faisge uiread air son abhathairs a phaigh mi fhein air. Chuir so dragh air minntinn. Agus an uair a chunnaic an luchd-gnothaich gun robh mi mi-thoilicht, thuirt iad rium. “Ma ghabhas tu ar comhairle-ne, innsidh sinn dhut doigh air an teid agad air abhathar a reic gun challdachd sam bith fhulang.”

An uair a thuirt iad so rium, dhfheoraich mi dhiubh ciod an doigh a chomhairlicheadh iad dhomh a ghabhail.

Roinn am bathar eadar caochladh marsantan,” arsiadsan, “agus reicidh iad dhut e. Paighidh iad dhut da uairs an t-seachdain air son na reiceas iad. Air an doigh so ni thu buannachd mar an ceudna. Agus cha bhi agad fhein ach a bhithcur seachad na h-uine air feadh abhaile mar a chi thu iomchuidh.”

Ghabh mi an comhairle, agus thug mi dhionnsuidh na buthadh iad. Thug mi am bathar gu leir don mhargadh, agus roinn mi e eadar na marsantan a bearbsaiche a bhanns abhaile. Thug iad dhomh bann-urrais air son abhathair; agus gheall mi dhaibh nach iarrainn sgillinn phaighidh orra gu ceann mhios.

Ged a fhuair mi am bathar bhar mo lamhan, cha bann air toileachas-inntinn a bhmaire idir. Chuir mi eolas air caochladh dhaoine oga mar a bha mi fhein, agus bha sin acur seachad na h-uine gu toilichte ann an cuideachd a cheile.

An ceann mhios thoisich mi ri taghal air na marsanta da uairs an t-seachdain. Bha fear-gnothaich comhladh rinn a chum gum faiceadh e gum biodh na cunntasan air an deanamh suas gu h-ordail, ceart; agus gum faiceadh iad nach tugteadh dhomh airgiod-meallta. Mar so bha mifaotainn suim mhath airgid a h-uile latha paighidh. Air laithean eile bha micur seachad greis dhen uine ann an taighean nam marsantan, agus agabhail beachd air gach ni a bhithinn afaicinn anns abhail agus aig amhargadh.

Air latha araidh an uair a bha minam shuidhe anns abhuthaidh aig fear dhe na marsantan, thainig bean-uasal a steach don bhuthaidh, agus shuidh i air cathair dluth dhomh. Dhaithnicheadh neach sam bith air a coltass air a gluasad gur e fior bhean-uasal a bhinnte. Bha i anabarrach maiseach anns gach doigh. Ghabh mi tlachd mor dhi, agus bha mimiannachadh gu laidir gum faighinn cothrom air eolas a chur oirre

Chan eil fhios agam an dthug i an aire gun robh fior thoil agam a bhithbeachdachadh oirre gu geur, agus cha mho tha fhios agam an robh e cordadh rithe mi bhithg a dheanamh so. Ach ge be air bith a baobhar dha, thug i an srol bhar a h-aghaidh car tiotaidh, agus ma thug, be sin an aghaidh bu mhaisiche a chunnaic mo shuil riamh!

Bha da shuil ghormna h-aodann cho briaghas a burrainn a bhith. Bha fuaim a gutha cho binn leam ris acheol as binne a chuala mo chluas riamh. Bha ibruidhinn ris amharsanta ann an doigh cho uasals cho caoimhneils gun tairneadh i aire duine sam bithg a h-ionnsuidh. Eadar a h-uile rud a bhann thuit mi ann an trom ghaol oirre.

An deigh dhi greis a thoirt air comhradh ris amharsanta mu thimchioll caochladh nithean, thuirt i ris gun dthainig i a cheannach pios dhen aodach a bfhearr a bhaige anns abhuthaidh. Sheall am marsanta dhi na seorsachan aodaich bu luachmhoire a bhaige, agus an uair a roghnaich i fear dhiubh, agus a dhfheoraich i mun phris, thuirt am marsanta rithe gum be phris aona ceud deug peighinn.

Tha mi deonach sin a thoirt dhut,” arsise, “ach cha do thachair dhomh uiread sin a dhairgiod a thoirt leam on taigh. Tha min dochas gun toir thu dhomh an t-aodach an diugh fhein, agus cuiridh mi na bheil a dhith orm dhen airgiod gad ionnsuidh am maireach.”

Bheirinn dhut creideas gus am maireach le muile chridhe nam bu leam fhein an t-aodach,” arsam marsanta, “ach is ann leis an duine og a thana shuidhe an sin a tha e, agus is ann an diugh fhein a tha sinn gu bhithdeanamh cunntas, agus a reir achordaidh a bheadrainn, feumaidh mise na reiceas mi a phaigheadh an diugh.”

Nach ciatach mar a tha thudeanamh orm! Tha fhios agad gum bheil miceannach gu leor uat. Is iomadh uair a thug thu dhomh bathar air dail, agus tha fhios agad gun robh mi cur an airgid ugad air an ath latha,” arsise.

Tha sin fior gu leor, ach an diugh fhein tha feum mor agam air an airgiod,” arsam marsanta.

Thilg i an t-aodach ga ionnsuidh agus thuirt i, “sin agad do chuid fhein, agus cum agad e. Tha mi coma dhiot fheins dhe gach fear eile dhe do sheorsa. Tha sibh uile coltach richeile; chan eil meas agaibh air neach sam bith.”

An uair a thuirt i so, dheirich i le corruich, agus thug i an dorus oirre.

(Ri leantuinn.)


Thatar a cur cruaidh ri luchd-reic stuth làidir aig an àm so. Bha sianar air am feuchainn anns abhaile a sheachdain gus an , agus a triùir Di-luain sa chaidh; chaidh an diteadh, agus chuireadh càin leth-cheud dolair an urra orra.


BEAN-SHITH NA H-EIRINN.

Ged a chaidh an t-àm seachad anns nacheil neach ri fhaotuinnsan dùthaich sotha toirt creideas air bith do na seann sgeulachdan sin tha teachd a nuas dar n-ionnsuidh o na làithean adhfhalbh mu thimchioll nan daoine beagas na sìthichean, tha cuid de na sgeulan sin atoirt soilleireachadh dhuinn mu chleachdan na lìnntean sin, a thagam fàgail nan àiridh a bhi air an cumail air chuimhne. Tha muinntir na h-Eirinn air iomad dòigh mar a bha muinntir na Gàidhealtachd o chionn ceud bliadhna. Tha ri fhaotuinn, gu h-àraidh air taobh an h-àirden iar do dhEirinn, daoinetha toirt uiread do chreideas do na nithe sins a tha iad atoirt do dhaon tha iad a leughadhsan eachdraidh is firinniche agus is measaile a chuirearnan lamhan. Tha mìle sgeul air an aithris ann an Eirinn mu na sìthicheans na daoine beaga, airson an t-aon a tha ri chluinntinn saGhàidhealtachd. Chaneil seann chaisteal ann an Eirinn aig nacheil (mas fìor) a bhean-shìth féinga thathaich. Ach na daoinethainig as ùr do dhEirinn á Sasunn as àiteachan eile, cha chuir na daoine beaga an onair orrasan tighinn a thathaich. ’S iad na seann teaghlaichean Eirionnach a mhàin aig abheil bean-shìthgan leantuinn. Chan eil math labhairt ri muinntir na h-Eirinn do thaobh so. Chan eil e comasach a thoirt orrachreidsinn gur amaideachd fhaoin gun bhunachar gun fhìrinn a thanns gach sgeul den t-seòrsa so. Tha co math dhuit feuchainn ri toirt air a h-aon dhiubh a chreidsinn nacheil aghrian asnàmhs na spéuran, ’s a thoirt orrachreidsinn nacheil bean-shìth atathaich nan seann làraichean bristesan robh na tighearnan Eirionnach, cinn-teaghlaich na dùthcha, gabhail an còmhnuidh. Thachair dhàsan a thaga sgriobhadh so a bhi aon uair aig taobh Loch Neagh, far an robh teaghlach rìoghail ONéil acòmhnuidh, ann an Caisteal Shane; as chual e iomad sgeul neònach mun ghruaigich, no abhean-shìth a tha tathaich an àite so. A réir achunntaistha na seann daoinesan àite sotoirt oirre, chaneil dochair, na cruaidh chas, na bàs, a thig an rathad a h-aon den teaghlach aosmhor sin nach cluinnear sgriach na ban-shìth air barra-bhallachaisteal. Tha iomad seòrsa do dhùruisgean, do thaibhsean, do ghruagaichean, ’s do dhurrainnean eile dhen t-seòrsa sin, air abheil sgeulachdan ri fhaotuinn ann an Eirinn; achsi abhean-shìth gu mòr is measailenam beachd, agus dobheil iad atoirt am barrachd urraim. A réir achunntas tha iad a toirt aìr abhean-shìth, tha i cosmhail ri òigh no maighdean òg earachdail; agus air uairibh eile air dhreach seann mhnatha aosmhor, phreasanach, ghràndaa folt fada na dhualaibh sìos mugualaibh. ’Sen dreuchd a than earbsa rithe, rabhadh a thoirt don teaghlach leis abheil i fuireach mu bhàs no mu dhriod-fhortan



[99]

[Vol . 7. No. 13. p. 3]

air biththa ri tachairt. Than rabhadh so air a thoirt seachadsan oidhcheseòrsa do thuireadh brònach, cianail muladachceòl mar fhonn tùrsaich na gaoithemeasg chraobh, a chluinnear o asdar fada. ’Se fonn na bean-shìth a thair a ghabhail le mnathan na h-Eirinnnuairtha iad le caoidh tùrsaichs le bas-bhualadh brònach aleantuinn cuirp caraid don chill.

Bhan sud, roimhe so, ann an Eirinn, ’s na lìnntibh a chaidh seachad, òigh àillidh do sheann teaghlach measail ONéil. Cha robhsan tìr uile a h-aon bu luraiche na i, ’s bu bheusmhor giùlan, na air an robh barrachd meas. Bha flleasgach earachdailga suiridh, ’s ag iarraidh a pòsadh; ach bha e bochd, ’s cha robh a theaghlach co measail ri teaghlach Norah. Ach coma dhiùbh, chaill i a cridhe leisthug i gaol da, as gheall i a phòsadh. Fhadsa bha ise ra thaobh, shaoil e nach robh a burrainn tachairt a bheireadh air a -chuimhneachadh; agus ise, cha robhna beachd neach air aghaidh an t-saoghail mhòir a ghabhadh i a roghainn air Uisdean òg. Bàbhaist doibh a chéilechoinneachadh ann an Lagan nan Craobh air mheadhon-oidhche, agus gu tric mun éireadh uiseag na maidne, a dhùrachadh am bòidean agus an geallaidhneanthigeadh an saoghal mar a thogradh e, nach tigeadh caochladh air an gràdh de chéile. Bha Norah ochd-bliadhna-deug a dhaois, agus Uisdean donn ceithir-bliadhna-fichead. Latha de na làithean, mar a bha iad am briotal gaolach ra chéile, thubhairt Uisdean, “Cha phòs mi thu an aghaidh toil tathar, agus tha fios agam nacheil a chead againn. Theid mi thairis do na rioghachdantha fada thall, coisnidh mi stòras, pillidh mi, agus an sin bheir tathair dhomh thu air làimh. Pillidh mi le cliùs le onoir, ’s bithidh stòras agam; agus an sin chuireas eatorruinn? Ni mi so, a Norah, a chuisle mo chridhe! Tha mi agabhail an Titha eòlach air gach ni mar fhianuis, on àm so, gur tu mo chéile phòsdaair ar ceangal agus air ar pòsadh ann am fianuis nèimh. Tha Esan a chruthaich aghealach ghlòirmhoir ud, agus na reultan àillidh gormtha shuas os ar cionn, na fhiannis. Lùb do ghlùn, a Norah, agus bòid an ni ceudna.” Rinn i so. Air an glùnaibh, taobh ri taobh, bhòid as mhionnaich iad nach deanadh air bith ach am bàs an dealachadh. Bha aig Norah fàine luachmhor, a thainig a nuasna teaghlach o lìnntibh céin, aig an robh buaidh àraidh, agus chuir i am fàinne so air meur Uisdean. “Geall,” arsise, “ma thig air bith adrathad a bhacas tu o philleadh, a chumail; no ma chlaonas do chridhe air dhòigh air bith uam, geall gum pill thu am fàinne prìseil so air ais.” Gheall e so, agus dhealaich iad. Bha cridhe Norah an impis sgàineadh. “O!” arsise, ann am bròns an tuairgneadh a h-anaim, “nam biodh uiread gràidh aigesan dhòmhsas a thagamsa airsan, cha burrainn dha dealachadh rium mar a rinn e. Chan fhàgadh e mi. Bha fios aige gun siùbhlainn leis air feadh an domhainn gu léir.” Bha fios aig Uisdean air so gu math; achsann an gràdh a bhac e igun fhios aige gu ro mhath càite an robh edol, no ciod an cunnart a bha richoinneachadh. Cha dùraichdeadh e a toirt air falbh o a pàrantan aosmhor. Bha fios aige gum bristeadh so cridhe an t-seann duine. Dhfhalbh e, ’s chaidh bliadhna seachad gun litir gu iomradh mu thimchioll Uisdean, a bha nis anns na h-Innsean a bfhaide as. Gu tric thainig e nisna cuimhne, nam biodh uiread gràidh aigoirres a bhaice-se airsan, cha deanadh e falbhs a fàgail na dheigh mar a rinn e. Bha iga dhi-chuimhneachadh. Bha h-athairs a màthair do ghnàth air a h-aodann, alabhairt na h-aghaidh, agus adeanamh na burrainn doibh chum a tarruing gu fear eile a bàirdas bu bheartaicha phòsadh a bhaga h-iarraidh. Ma dheireadh dhaontaich i, agus ghéill i; ’s cha biongantach e; oir cha dthàinig focal uaidh o na dhfhalbh e; agus bha na h uile aobhar aica chreidsinn na bha gach aon ag ràdh rithe, gun do dhì-chuimhnich Uisdean i. Bha mòran atighinn mu thimchioll an àite, atogail sgeóile den t-seòrsa so mu dhéidhinn.

Mun àm so, bha sheann bhean aig an robh bothain dlùth don àite, a thachairsan fheasgar air a chéile; agus thòisich iad air seanachas mu thimchioll Nòrah agus am fear a bha i dol a phòsadh. “Tha Norah ONéil,” arsan dara dhiubh, “dol a phòsadh.” “ ’Se sintha iad ag ràdh,” arsan eile. “Chan eil iomradh air Uisdeantha fad asesan a bàbhaist a coinneachadh ann an Lagan nan Craobh, fon chreig léithe. Ach nam biodh comas cainnt aig craobhan, as uillt, as cnuic, bhiodh sgeul brònach aca ri innseadh mu cheilg an duine, agus mu amaideachd as laigsa h-aon do mhaighdeanan na h-Eirinn. Ach chì sinn ciamar a thig achùis gu crìch. Chunnaic mise, agus chuala miach ciod am math a bhiga aithris?” “ ’Ne,” arsan t-seann bhean eile, “gun cualthu guth brònach na bean-shìth?”

Matà, innsidh mise dhuit mar a thachair. Tha nise sèa bliadhna o na dhealaich Norah ONéil agus a leannan. Bha mise tighinn dachaidh troimhn ghleann, agus thainig mi orra gun fhios ann an Lag nan Craobh, fon chreig léithe, far an robh iad a suidhe dlùth do chéile. Bha isecaoineadh mar mhaighdein; ach ged nach robh esan acaoidh na ri tuireadh marbha ise, bu chianail ri éisdeachd a bhruidhinn bhrònach. Chunnaic mi iad acur meur ri meur, agus isecur fàinnair a làimh-sa; agus marrinn i so, co cinnteachs a bha mìle mìle reul àillidh gormsan iarmailt shuas, thainig sgreuch bhrònach thùrsaich na bean-shìth dam ionnsuidh air oiteig na h-oidhche! Beòlach air mi. “Mo thruaighe,” arsa mise, “cha tig an gealladh a rinn sibh gu buill cheart!”

An cualthu an guth cianail sin?” deir an eile. “Tha mise fadasan àite so, ’s cha chuala mi riamh sgreuch abhròin, no sanus na bean-shìth, ged is tric a chuala mi gu robh a leithid ann.”

Faodaidh sin a bhi,” arsabhean eile, “ach an oidhche air an do chòrd Norah an t-aon so nis a phòsadh, agus a bhrisd i a gealladh do dhUisdean, bha ise, ’s a màthair, ’s a h-athair, ’s an duinòg, agus an sagart, le chéilesan t-seòmar mhòr. Bha mise dlùth don àite. Chuala mi, cho pongails a tha mi air an àm ag éisdeachd do ghuth-sa, sgreuch bhrònach na bean-shìth; ’s ged bi so uair mo bhàis, bheirinn mo bhòid as mfhocal mun chùis. Acheud uair a chuala mi i saghleann, mhothuich mi i adìreadh na beinne mar bhadan geal do cheò nam beann, ’s a folt fadasnàmh saghaoith. Chunnaic mi so le solus na gealaiche, agus chuala mi an guth bu bhrònaiches bu mhuladaicha ràinig mo chluassan t-saoghal so. An treas uair than dàn. Mo thruaighe, Norah òg!”

As cuin a bhios na bainnse?” arsan t-seann bhean eile.

Thà, seachduinn on Di-màirt so tighinn,” arsise. Tha uidheamachadh mòrga dheanamhanabarr do dhuaislean na dùthcha ri bhi ann; agus tha uile sheann chleachdaidhean na h-Eirinn ri bhi air an cumail suas. Tha clàrsairean as pìobairean ri bhi ann, ’s an tuath uile an deigh cuireadh fhaotuinn.”

Thainig na bainnse. Bhan dùthaich uile cruinn, agus, maille ri càch, an dithis aig an robh an seanachas mu thimchioll na bean-shìth. Bham pòsadh adol air aghaidhghlac fear-na-bainnse làmhan a chéile. Thainig coigreach air muin eich gu luath dhionnsuidh an doruis. Ghrad leum e air an làr. Chaidh e stigh gu luath far an robh cuideachd na bainnse cruinn. Bhachàraid pòsda. Dhiarr an coigreach deoch o bhean-na-bainnse. Ghlac i soitheach airgid. Lìon i so den fhìon dhearg. Dhòl i a dheoch-slàinte, agus thairg i an cupa dhà. “Chan e fìon mo dheoch,” arsesan. “ach an t-uisge glan.” Dhòirt i am fìon as, agus lìon i an cupa do dhuisgan tobair. Dhòl e deoch den uisge, agus mhothuich bean-na-bainnse gun do leig e le ni-eigin tuiteam sachupa mar a thairg e air ais e; ach mun do mhothuich i ciod a bhann, dhfhalbh an coigreach. Mar a chaidh e as an t-sealladh, chualan t-seann bhean sgreuch na bean-shìth. Dhamhaire bean-na-bainnse stigh sachupan, agus ciod a fhuair i ann ach acheart fhàinnefàinne nan iomadh buaidha chuir i air meur Uisdeannuair a dhealaich i ris, ’s a bhòid iad a bhi dìleas do chéile. Cha do labhair bean-na-bainnse focal. Thuig i nis e an coigreach a dhiarr deoch oirregum be Uisdean dan dthug i gràdh a cridhe a bhann. Ach cha do leig i a bheag oirre. Chaidh cuirm na bainnse air aghaidh, agus thòisich an dannsa. An ceann uair an uaireadair, thainig duine stigh ann an cabhaig mhòir, ag iarraidh an t-sagairt. “Thainig,” arsesan, “coigreach o chionn ghoirid a dhionnsuidh mo thighe, ag iarraidh fasgadh na h-oidhche. Bha e fo thrioblaid mhòir, afasgadh a dhà làimh, ’sasileadh nan deur gu frasach. Thuit e air an ùalar. Tha mòran eagail orm gu bheil e marbh, agus thainig mi gu luath a dhiarraidh an t-sagairt.” Thuig bean-na-bainnse mar bhachùis. Be Uisdean, fear a gaoil, a bhann. Ghrad ruith i mach, gun suim don phòsadh na don chuideachd. Lean i an duine, ’s an sagart maille rithe. Mar bha idol a mach air dorus achaisteal, thainig oiteag làidir ghaoitha stigh, ged a bhan oidhche ciùin feathail. Bha eagal as oillt air gach aon a bha làthair. Chriothnaich iad uile, oir chualar sgreuch na bean-shìth air bàrr bhallachaistealan guth bu bhrònaiche agus bu mhuladaicha chuala neach riamh. Chualar an ath ghlaodh brònach tiamhaidh. Bhan t-seann bhean aig an dorus. Thòisich i air bas-bhualadhs air caoidh. “Mo thruaighe, mo thruaighe!” arsise; “Norah àillidh ONéil!”

Ràinig bean-na-bainnse dorus abhothansan robh an coigreach. Bha e gun deò, ’s be Uisdean a bhann! Thilg Norah i féin air a ghlun ra thaobh, as ghuil i gu goirt. Ghlaodh i air Uisdean; ach cha dthainig focal as na bilean geala, a bha nis dùinte sabhàs. Phòg i e; ach bhashùilean dùinte. Thuig i gun robh e marbh. An làthair na cuideachd, a bha nis air teachd na deighan làthair a h-athair as fear-na-bainnsestrac i dhìth rìomhachd na bainnseleig i lefalt tuiteam muguaillibhthog i tuireadh as brònghlac i na làmh fhuar, agus sheinn i tuireadh a bhàis, ann an cainnt a thug deòir o gach sùil a bha sachuideachd. Mar a sheinn i an rann mu dheireadh den tuireadh chianail thuit i na corp marbh taobh Uisdean! —bha a cridhe air sgàineadh. Chàradh iadsan aon uaigh, as chuireadh an aon leac thairis orra. An ceaan fichead latha an deigh sin, chualar abhean-shìth a rithisd air bàrr bhallachaisteal aosmhoir. Be bàs athair Norah ONéil a thachair, an triath mu dheireadh den ainm.

Than dàn a rinn Norah fhathast air aithris ann an seann chainnt na h-Eirinn; ’s god a chuireadhmaid a sìos e, is gann a burrainnear a thuigsinn ann an Gàidhealtachd na h-Alba. Ach a thaobh gu bheil e coslach ri iomad aon den t-seòrsachuala sinnnar dùthaich féin, cuiridh sinn sìos suim agus brigh nam focal. ’Sachainnt Eirionnach, tha e anbharra brònach muladach:—

Mo ghràdh, mo ghràdh, as mannsachd féin!

(Air a leantuinn air taobh 102.)



[100]

[Vol . 7. No. 13. p. 4]

MAC-TALLA:

Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uairsan t-Seachdain.

Is toigh leinn aGhailig,
A bardachds a ceol;
Is tric thug i nios sinn
Nuair bhithmaid fo leon:
S i dhionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
BARD NA LEADAIGE.

Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thusa bhlar;
Cho fadsa shiubhlas uillt le sruth.
Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Chan aontaich iad an cainnt non cruth
Gun teid do chur gu bas.”
NIALL MAC LEOID.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

1. Na sgriobh ach air aon taobh den phaipeir.

2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadhs is urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, OCTOBER 21, 1898.

THA sinn an dùil gum bu cho math don chònsachadh a tha eadarConaagusDùghalla bhi air fhàgail mar a tha e. Chan eil sinn asmaoineachadh gun atharraich fear seach fear dhiubh a bharail ged a leanadh iad air a ceéile gu Bealltuinn, agus cha dean a bhi luaidh orra anns a MHAC-TALLA Laurier agus Tupper nas fhearr no nas miosa na tha iad. Chan eil cron sam bith ann a bhi toirt iomraidh air cùisean-riaghladh na dùthcha, ach chan eil e ceart a reir ar barail-ne a bhi laidhe tuilleadh us trom air aon taobh, agus agabhail leisgeul an taoibh eile gu buileach, ni air am bheil luchd nan politics daonnan buailteach, ach ni am bitheantas nach taitinn ro mhath ris an leughadair.

THA othail eagalach ann an China. Bha iomradh air feadh an t-saoghail o cheann beagan laithean, gu tainig crioch eagalach air beatha Iompaire China. Is ann an staid bhronach, bhochd, a tha China aig an àm so. Tha na Chinesich daonnan muladachnuair a thig caileag don t-saoghal. Mu theid paisdethana caileag a mharbhadh, tha iad uile toilichte. Thanis ann am Pecin trusdar mnatha, a thoisich a cuairt anns an t-saoghal ann an inbhe bhochd, thrailleil. Bha, agus tha, inntinn cuilbheartach aice. Fhuair i air a h-aghaidh gus an robh i fa-dheoidhna bean don t-sean Iompaire. Is i muime an Iompaire bhochd, gun tapadh, gun duinealas, a thanis air an righ-chaithir. Chunnaic i gle mhoch gur e duine faoin, bochd, gun tuaiream, no toinisg, no fearalas, a bha ann. Thug i dha lan a chridhe de gach olus itheadh a bha taitneach leis, gus fa-dheoidh an dfhuair an t-seana Bhan-Iompaire charach, neo-gheamnuidh, lamh an uachdair thairis air. Tha rioghachd lionmhor farsuing China an diugh ann an staid mhuladach, bhronach bhochd. Nan tigeadh duine comasach, uasal, direach a ghabhail curaim air China, bhitheadh ena bheannachadh do gach duines bean anns gach cearna den rioghachd, a tha sean na abhaistean, agus aig am bheil eugnachdus innleachd gu leoir.


AN T-OLLAMH UILLEAM CINGSFORD.

Thainig achrioch air an duine dhichiollach, ghasda so, bho cheann beagan uine. Tha e airidh air moladh mor bho gach duine a thatuineachadh ann an Canada, bho aon chuan stuadhmhor gu cuan samhach eile. Is ann an Sasunn a rugadh e. Thug nadur buaidhean moras uasal da. Rinn e moran cuideachaidh lethuigse iongantach, don rathad mhor fhada, an Tronc Aluinn, ann an Canada. Leis an inntinn ghasdabhuilich Dia air, ’us leis gach curam a thug e airson a bhuaidhean a neartachadh, bha e ullamh airson gniomh duineil a dheanamh ann an slighe dhichiollach air bith. Am feadh a bhan rathad iaruinn air an drinn mi iomradh adol air aghaidh, thug Maighstir Cingsford comhnadh mor seachad ann an roghnachadh nan aitean anns anns am bchoir don rathad dol. Tha mi fein cinnteach gu drinn e cairdeas mor don rathad iaruinn, agus gu bheil meas sonruichte aca-san a thog an rathad, ’s a tha an diugh a lathair, air innleachd, ’us gliocas, ’us dealas Chingsford, a tha an diugh tosdach ann an suain abhais. Is e da rireadh, aon de na daoinerinn moran maith do Chanada, ’s a tha airidh air onoir urramach fhaotainn bho gach duine ceartus treibh-dhireach ann an Canada. Is eiginn gu drinn an duine treubhach so, iomadh obair ghoirt, agus gu drinn e euchdan iomraiteach mun drainig e agus tri fichead bliadhna. Is ann aig an aois so, an trath a tha daoine gu cumantatarruing air falbh bho churamus bho shaothair an t-saoghail, a thoisich Maighstir Cingsford air eachdraidh Chanadasgriobhadh agus a dheasachadh. Tha, e da rireadh, airidh air measus miagh suilbhir, ait; do bhrigh gu drinn e saothair chruaidh, ghoirt re iomadh bliadhna; ’s gu do thoisich e air eachdraidh Chanadasgriobhadh, an uair a bha e sean ann an seadh sonruichte, agus an trath a tha daoinecur dhiubh an airm, agus a falbh as gach stris comhrag. Cha robh eolas again fein riamh air. Tha eolas agam air an eachdraidh a sgriobh e; agus is e mo bheachd dhiongmhalta nach deachaidh eachdraidh riamh a sgriobhadh air Canadatha co dileas, co firinneach, co pongail, co taitneach ri eachdraidh Chingsford. Is coir do gach Gallus Gaidheal, do gach Sasunnachus Duitseach ann an Canada, ’bhi proiseil gu buin iad don dùthaich so, ’s gu drinn na daoine bhon tainig iad gniomh ard no iosal ann an aobhar Chanada. Tha an eachdraidh a dheasaich Cingsford, le comas, ’us gliocas, ’us tapadh iongantach, ag innseadh duinn cia mar thoisich na Frangaich air tighinn gu Canada, ’s cia mar bha iomadh stris dragh aca leis na h-Innseanaich, bhosus shuas anns an dùthaich. Chaneil e comasach urramus speis gu leoir a bhuileachadh air Cingsford airson gach dichiollus dealas a nochd echum gu faigheadh e as gach leabhar-lann shiosus shuas anns an dùthaich, agus anns an Fhraings an Sasunn, na beachdan as fhearr, ’an eachdraidh as firinniche, ’s an cunntas as diriche mu gach nithachair ann an Canada, mu gach buaidhthug na Frangaich agus na Sasunnaich seachad, ’us mu gach dragh a bha aig na Breatunnaich mun dfhuair iad fa-dheoidh, coir air Canada. Tha eachdraidh Chingsford alionadh deich leabhraichean no deich earannan. Tha gach leabhar alionadh cuig no ceud taobh-duilleig, agus tha obair achlodhadair snasmhor, pongailus eireachdail. Thug Cingsford da bhliadhna dheug ann an trusadh, bho gach leabhar-lann, sgeula, no eolas, no iomradh, no cunntas air gach neachus ni anns am bheil feum no iarrtus, ann an cur eachdraidh Chanada ri cheile. Bha cridhe Chingsford lan onoir, ’us firinn, ’us ionracais. Than eachdraidh a sgriobh eruigheachd bho 1602 gu 1841. Tha eg radh ann an toiseacheachdraidh, gur e iarrtus seasmhach, an fhirinn a thrusadh agusfhaotainn bho gach neachus nibha riamh mor no beag, math no olc ann an Canada. Cosmhuil ris gach eachdraiche dileas, neo-sgathach a bha riamh air an t-saoghal, tha Cingsford agealltainn smior na firinn innseadh, gun eagal no sgath, mu gach Frangach agus Breatunnach a rinn maith mor no olcus amaideachd fhaoin ann an cuisean Chanada. Tha eg radhagus gun teagamh tha ceartas air a thaobhgu mol gach duine aig am bheil speis don fhirinn e fein, do bhrigh gur e run-suidhichte, gach nitha fiorus ceart a chur an ceill mu gach duine mor, ’us beag, ’us meadhonach, ’us diblidh air an robh fios no rinn maith no uprait air bith ann an gnothuichean Chanada. Choimhlion Cingsford, ’n a eachdraidh fharsuing, chiatach, gach gealladh ard, duineil, ceart a rinn e. Thar leam gu bheil an deicheamh leabhar de eachdraidh Chingsford fathast ann an lamhan an chlodhadair. Sgriobh an t-eachdraiche gasda, eachdraidh ann am Beurla ghrinn, chruaidh, bhlasda. Chosd e da bhliadhna dheug de bheatha ann an sgriobhadh eachdraidh Chanada, ’s thainig crioch air a chuairt thalmhaidh an uair a chriochnuich e an obair ghasda, ghreadhnach, ghaisgeil a ghabh e as laimh as leth Chanada gu leir. Bha cridhen eachdraiche Chingsford acur thairis le gradhus muirn do Chanada. Anns na briathran deireannach a sgriobh e, tha eg radh, “Tha minis afagail mo bheannachd leosan a bhanan companaich dhileas leam re an da bhliadhna deug a chur mi seachad ann an sgriobhadh eachdraidh America mu thuath. Is e mo dhochas fior agus dileas gu teid Canada air a h-aghaidh le ionracasus onoir, ann an soirbheachadh, ann an ceartas, agus ann an gliocas fo thearmunnus fo shuaicheantas Bhreatuinn. Is e miarrtus agus mo dhochas laidir, seasmhach, gu bi gach duines bean ann an Canada dileas agus fior dhileas do Bhreatunn, agus nach bi gu brath tuiteam air falbh, ann an smuain, ann am facal, no ann an gniomh am measg na daoine ogathatogail an cinn shuass a bhos, an ears an iar, ’us tuaths a deas, ann an Canada.” Tha MAC-TALLAs mi fein toilichte gu drinn na Gaidheil gniomharan co meamnach ann am fosgladh suas Chanada. Tha sinn atogail ar guth am fabhar Chingsford. Tha sinn toilichte gu tug luchd-riaghlaidh Chanada duais don duine thogarrach, ghasda, airson a ghniomharan euchdail, dhurachdach, àluinn. Tha sinn toilichte gu deachaidh urram iomchuidh a charamh air ann an Ottabha, aig an adhlacadh; oir chan aithne duinn duine beag no mor an diugh, a rinn uiread maith do Chanada leeanchainn laidir, ledhichioll seasmhach, agus leghliocas urramach, ghlormhor.

CONA.



[101]

[Vol . 7. No. 13. p. 5]

NAIDHEACHDAN

Tha achùirt mhorna suidhe anns a bhaile air an t-seachdain so, ’s am Breitheamh Henry air achathair. Tha àireamh mhor chàsan ri bhi air am feuchainn.

Tha side fhliuch an deigh milleadh mor a dheanamh air a chruithneachd ann am Manitoba. Tha cuid a meas gum bi an ceathramh cuid dheth air a chall gu buileach, ach tha dòchas nach eil a chùis buileach cho dona sin. Ma tha, bidh am flùr gu math nas daoine air a shàilleabh.

Tha da fhichead mèinneadair, len teaghlaichean, gu falbh á Cheap Breatunn air a cheud latha dhen gheamhradh, ’sa dhol gu ruigeCrow ’s Nest Passfar am bheil iad gu obair fhaotainn ann am méinn ghuail, Chaidh àireamh am mach don àita cheudna an uiridh, agus a reir sgeoil, tha iad a faighinn air adhart gu math.

Tha coithional St. Andrews an deigh clach-chuimhne bhriagha chur suas aig uaigh an Urr. Alasdair Mac Fhearchair, nach maireann. Bha Mr. Mac Fhearchair asaoithreachadh mar mhinistear ann an Sidni fad naodh bliadhndeug, agus bha e anabarrach measail aig muinntir achoithional aige fhéin, agus aig na h-uile chuir eòlas air.

Chaidh binn bàis a thoirt a mach air fear Davidson ann an Antigonish air an t-seachdain sa chaidh. Rinn e mort ann an Tracadie o chionn beagan us bliadhna air ais. Tha e gu bhi air a chrochadh air an treas latha deug de Desember. Thatar a dol a chur tagraidh air beulaobh an Ard-riaghladair air son a bheatha leigeadh leis, agus tha moran dhen bharail gum bu chòir sin a dheanamh.

Thainig àireamh mhor de mhucan-dubha(blackfish)a stigh don acarsach Di-satharna sa chaidh, agus chaidh an cròthadh suas an amhuinn far an deachaidh moran dhiubh a mharbhadh. Chaidh tuilleadh dhuibh a mharbhadh Di-dònaich, (ged nach còir a bhiga innse) agus chaidh na bha air fhàgail dhiubh an deigh sin a chur gu bàs Di-luain. Bha cuid dhiubh gu math mor. Gheibhear pris math air an olla thig asda, agus ni iadsan a fhuair fear no dha dhiubh a mharbhadh sporan beag airgead. Chan eil sinn an dùil gun dfhuair eadhon aon de na o mucan as an acarsaid beò.

Tha paipeir Bhaddeck, an Telephone, ag radh gu bheil an duines seana than Ceap Breatunn a fuireach air an Amhuinn MheadhonaichAonghas Caimbeul, a tha ceud bliadhnasa tri a dh aois. Thug MAC-TALLA iomradh o chionn beagan sheachdainean air ais air Sim Friseal, a tha fuireach faisg air Bay St. Lawrence an siorrachd Inbhirnis, agus a tha ceud bliadhnasa h-aon deug. Agus cha bu mhath leinn a radh gur h-en dhuines seana tha air an eilean, oir tha na daoine seana afàs gle lionmhor anns na bliadhnaichean so. An ath sgeul a chluinneas sinn faodaidh i a bhi mu chuideigin a thanar measg a tha còrr us sia fichead.

Cha mhor gu bheil seachdain adol seachad gun soitheach no dha a bhi air a glacadh air son a bhi bristeadh lagh na cusbuinn. Tha iad a tighnn á St. St. Pierre luchdaichte le stuth làidir agus tha roinn mhor dhiubh a faighinn an luchd a chur air tir gun cis no dlighe sam bith eile phàigheadh. Buinidh eileanan St. Pierre don Fhraing, agus tha iadnan dragh mor do Chanada, do Newfoundland, agus do na Stàitean anns an dòigh so. Bu mhath an ni do na dùthchannan sin nam faigheadh Breatunn seòl air toirt air na Frangaich St. Pierre a thoirt seachad, oir tha e ro-choltach nach eil dòigh air stad a chur air a mhalairt mhi-laghail so fhadsa bhios na h-eileanan fo bhratach na Frainge.

Tha soitheach-cogaidh Breatunnach am Pallas anns an acarsaid o chionn seachdain. Thainig i stigh Dior-daoin air an t-seachdain sa chaidh, agus tha i falbh an diugh gu ruige Halifacs.

Tha muinntir Jamaica a bruidhinn air tighnn a stigh ri Canada. Chan eil iad toilichte len crannchur mar a tha iad, oir tha an saoghal a cur gle chruaidh riutha anns na bliadhnaichean so, agus tha iad dhen barail gun biodh iad na bfhearr dheth nan cuireadh iad iad fhéin air cùram Chanada.

Chaidh Banc Mholson, ann a Winnipeg, a robaigeadh o chionn ghoirid. Bha tri fichead us da mhile dolair ( $72 ,000) air a thoirt air falbh as a bhanca, ach tha mu chòig mile fichead dhe sin nach dean feum sam bith do na meairlich. Chan eil fhios co a tha ciontach agus cha drinneadh lorgachadh sam bith is fhiach fhathast.

Chaidh bristeadh a stigh don stòr aig J. H. Christie, aig a Bhras dOr Bheag, oidhche Dior-daoin air an t-seachdain sa chaidh, agus bha fiach chòig dolair fhichead de bhathar air a ghoid. Oidhche Di-haoine, chaidh bristeadh a stigh don stòr aig W. Lane, ann an Sidni Tuath, agus bha da dholair dheug de dhairgead air a ghoid aisde. Tha na meairlich afàs pailt.

Chaidh da shoitheach smuglaidh a ghlacadh ann an Sidni Tuath Di-luain sa chaidh. Bhuineadh te dhiubh do St. Pierre, agus bha mu fhiach sia ceud mile dolair de stuth làidirs de thombaca aice air bòrd, agus ceannaiche mhuinntir Lingan a gabhail cùram dheth. Bha aig an t-soitheach eile mu fhiach da mhile dolair dhe na seòrsachan ceudna. Cha robh as air aon dhiubh a ghlacadh mur biodh gum bfheudar dhaibh tighnn gu port air son fasgaidh.

Tha Riaghladh ùr aca nis ann an Eilean a Phrionnsa; tha naodhnar luchd-dreuchd anns an Riaghladh, agus is Gàidheil, no mic Ghàidheil, seachdnar dhiubh. Chan eil fhios againn cia meud dhiubh aig am bheil Gàilig. Bha na Gàidheal o shean ainmeil mar luchd-cogaidh, ach tha Gàidheil an lathan diughg an deanamh féin ainmeil mar luchd-riaghlaidh. Chan eil roinn ann an Canada anns nach eil iad adeanamh an cuid fhein dhen riaghladh, agus a cosnadh moran de na dreuchdan as inbheiches as urramaiche tha rim faotainn.

Chaidh call mor beatha dheanamh aig ceann a deas Shasuinn deireadh na seachdain sa chaidh. Bha soitheach mor dam bainm Mohegan, a bha air a turus eadar Lunnainn agus New York, air a long-bhristeadh, agus bha mu cheud gu leith duine air am bàthadh. Bha da cheud air bòrd, agus cha robh air an sàbhaladh ach mu leth-cheud. Chan eil fios cinnteach ciod a dhaobharaich an sgiorradh, ach thatar a dheanamh a mach gun deachaidh ni-eigin cearr mun inneal stiùiridh, agus gun deachaidh an soitheach bhar a cùrsa, gusn do bhuail i air na creagan.


IADSAN APHAIGH.

Uilleam Mac Aoidh, Inbhirnis, Alba.
H. A. Mac Gille-mhaoil, South Finch, Ont.
Domhnull D. Mac Leoid, Hampden , Que.
An t-Onarach Uilleam Ros, Halifax , N. S.
An t-Oilear A. G. Domhnullach, Truro , N. S.
An t-Urr. Iain I. Siosal, Pictou , N. S.
I. C. Mac Gille-mhaoil, Cardigan ,E. P. I.
Domhnull Peutan, Cardigan ,E. P. I.
D Mac Gill-fhaollain, St . Georges, E. P. I.
M. D. Mac Cormaic, Launching ,E. P. I.
Iain Mac Gill-fhaollain, Primrose ,E. P. I.
Caiptean Ruairidh Mac Neill, Sidni.
Aonghas M. Mac Neill, Cul Iona.
M. R. Johnstone, am Pon Mor.
Calum Mac Gille-ghuirm, Valley Mills.
Mor A. Mic Gilleain, Loch Ainslie.
Niall A. Mac Gill-fhaollain, B . C. Chapel.
Seumas I. Mac Gilleain, Woodbine .


Am Bathar as Fhearr.
Na Prisean as Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI, C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt as ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


THE
DAILY RECORD.
PAIPEAR LAITHEIL
CHEAP BREATUNN.

Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B.

A PHRIS:
Bliadhna, $3 .00
Sia miosan, 1.50
Tri miosan, .75
A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH.

Gheibhear anns anRecordna naigheachdan as uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhen t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinneans mu na soithichean, etc., etc.
S COIR DHUT A GHABHAIL.

SGRIOBH GU
JOS . MacDONALD,
Editor and Publisher,
Sydney, C. B.


Am bheil romhad tigh no sabhal ur a thogail? Ma tha, paighidh e dhut do chuid thairnnean, glaine, paipear, paint, aol, plaster, luaidhe, glasan, ludagan, rop agus uidheaman saoirsneachd a cheannach bho

C . P. MOORE.

Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, ma bhios speal, sgrioban, forc no cas forca a dhith ort, theirig gan iarraidh gu

C . P. MOORE.

Nuair bhios a chlann ag iarraidh sgliat no leabhar ur, paipear sgriobhaidh, pinn, no inc, ceannaich iad bho

C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.

Sin an t-aite anns am faigh thu gach ni dhiubh so gle shaor.


AN T-AITE
ANNS AN CEANNAICH THU
Suic agus
Iaruinn Cruinn,
Creamers,
Soithichean Bainne,
Airneis-taighe,
Stobhaichean,
Flur, Min etc., etc.
AN STOR AIG
Isaac Greenwell,
SIDNI, C. B.



[102]

[Vol . 7. No. 13. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 99.)

S iomad lathachaith sinn an caidreamh gaoil,
Fo sgàile nan craobhsan Lagan fhasgadach chiùin,
Taobh an uillt a shiùbhlas le torman binn,
S do cheann buidhe bachlach amuchd.
mhilis do phòg, fhir mo ghràidh!
Cha bu phòg gun ghràdh, cha bu ghealladh cealgach.
Ach, mo thrugaihes mo chreach! bha mise faoin;
Cha do chreid Norah Uisdean an àigh.

Mo ghràdh, mo ghràdh, as mannsachd féin!
Nam bu léir dhomh an sin nis léir dhomh a nis,
Shiùbhlainn leat an saoghail uile, lebheanntaibh àrd,
Agus snàmhainn leat an cuan mòr.
Ged a chàineadh mo chàirdean mi, bu shuarach leam,
Ach làn chinntebhi aig Norah nach do thréig thu i.

Chaomhain! a chaomhain mo chrì as mo chléibh!
Sgàin mo chridhenuair a thuig mi mar a bha.
Phòsadh mi ri fear eilefhuair e gu deimhinn mo làmh;
Ach tha fios aig na cumhachdan uile
Gum bu leatsa mo chrì, Uisdean a bàillidh gnùis!
Bfheàrr leam thu na òr an t-saoghal mhòir
Bfheàrr leam thu na spréidh na h-Eirinn gu léir;
Agus tha fios aig na cumhachdan uile
Nach leig mi mo thaobh a chaoidh,
Ach ri taobh Uisdean, ann an suain abhàis!

Cuairtear nan Gleann, 1842.


UR-SGEUL FIRINNEACH.

Tha eachdraidh againn air duinaraid ann an rioghachdan na h-airden ear, a béiginn a dhachaidh fhagail, an lorg geur-leanmhuinn a rinneadh air, agus imeachd na aonar gu h-allabanach roimh fhasaichean fiadhaich, agus dhùthchannan air nach robh e eolach. Cha robh aige do stor no ghoireas saoghalta, ach lochrann beag a babhaist da alasadhs an oidhche, chum an lagh a leughadh; coileach an àit uaireadair, chum a dhùsgadhs a mhaduinn agus asail air an do mharcaich e o àite gu àite. Air oidhchàraidh thainig an t-anmoch air gun fhios aige càit an dthugadh e a cheann, non leagadh ethaobh. Bha e air a chlaoidh le sgios agus an impis toirt thairis, ’nuair a thainig e gu àite far an robh baile beag agus cuid do thighean comhnuidh as an robh smuid. Smuaintich e far an robh daoine gum faigheadh e aoidheachd agus fasgadh tighe gu maduinn, ach mhealladh e; dhiarr e cairtealan, ach dhiultadh e, ionnas gum beiginn da dol do choillidh bha dlù do làimh, agus fo fhasgadh craige leig se e féin sios gu tàmh. “ ’S bochd, da rireadh,” a deir esan, “nach urradh dhomh aoidheachd aon oidhche fhaighinn, no fasgadh fo dhruim tighe; ach tha Dia gun teagamh ceart, ’s esan a thug so man cuairt; chan ann gun fhios da a tha an ni a tachairt; agus gu nach léur dhomhsair an àm carson a tha mi mar so, tha mi beachdta gur ann chum mo mhath tha so atachairt.” Las e an lochrann chum, a reir a chleachdaidh, gun leughadh e beagan don lagh man coidleadh e; achs gann a thoisich e, ’nuair a thainig iom-ghaoth a chuir as a sholus. “Nach truagh,” a deir e, “nacheil e air a cheadachadh dhomh an sòlas so féin a shealbhachadh, an leabhar naomh a leughadh man tuitinn am chadal; ach,” a deir esan, “tha Dia cothromach, agus cha bhi migearan.” Thilg se e féin na shineadh air an talamh gu tàmh a ghabhail; ach cha luaithe dhùin e shuil na thainig madadh-alluidh as a choille a mharbh an coileach. “Ciod a nis a thainig orm,” a deir e, “an do mhilleadh mo chompanach dileas, furachair. nis a dhuisgeas mis a mhaduinn a leughadh an lagha; ach chan fheudar a bhi gearan; chaneil ni air bith atachairt mar thuiteamas do mhac an duine.” ’S gann a bham focal as a bheul, ’nuair a thainig leomhann garg, fiadhaich as a choill a chuir as don asail a bha na luidhe ra thaobh. “Ciod so a nis,” a deir e, “a thachair? Dhfhalbh mo lochrann, mo choileach, agus masail bhochd, dhfhalbh iad uile, ach cha bhi migearan; ge be ni a thig amcharamh, ’se Dia tha ga cheadachadh, agus feumaidh e bhith chum math.” Chaidh an oidhche thairis gun chadal. Anns a mhadulnn thug em baile beag air a dhfheuchainn am faigheadh e doigh gu dol air aghaidh air a thurus; ach fhuair e le iongantas agus uamhas nach robh duine beo ann. Thainig buidheann chreachadairean orras an oidhcha chuir as do gach aon diubh, agus a thug leo gach ni a bhuineadh dhaibh.

Nuair a chunnaic e so, thuirt e: “Thusa Dhe Abrahaim, Isaaic agus Iacoib, a nis tha misatuigsinn gu bheil clann nan daoine gearr-fhradharcach, agus dall; gu tric a smuainteachadh gur bochduinn agus culaidh bhròin nithe tha air an curn ar rathad chum ar math; ach thusa tha thu ceart, caoimhneil agus trocaireach. Mar biodh na daoine an-iochdmhor sin air misa chur on bhaile, agus aoidheachd a dhiultadh dhomh, bha min diugh mar a ta iadsan. Mar biodh a ghaoth air mo lochrann a chur as, chitheadh na creachadairean far an robh mi, agus mhortadh iad mi; aguss ann an caoimhneas a mhilleadh an coilleach agus an asail, man deanadh iad len eughach brath a thoirt far an robh mi. Moladh don fhreasdal a ghabh cùram dhiom.” T. G.


BAN-RIGH DHANMARC.

Thainig achrioch air Ban-righ Dhanmarc. Is e boirionnach flathail, eireachdail, beusach a bha innte. Bha i fein agus am Prionnsaphos i, gle bhochd ann an tus an laithean. Theagaisg i donigheanan boidheach a bhi guamach deanadach, dichiollach. Is i Ban-phrionnsa Uallaidh (Wales) an nighinn as sinebha aig Righ agus Ban-righ Dhanmarc. Tha gradh an cridhe aig na Breatunnaich air Ban-phrionnsa Uallaidh, oir tha i boidheach, beusach, tapaidh agus oirdheirc. Cha bhir Ban-righ àluinn, gheamnuidh daonnan beo. An uair a bhitheas Ban-phrionnsa Uallaidhna Ban-righ air Breatunn, bithidh i geamnuidh, uasal, eireachdail, agus leanadh i gu dileas, durachdach ceumannan onorach a mathar-cheile. Is e Csar Ruisia ogha na Ban-righ air an drinn mi luadh. Is i mathar Righ nan Greugach. Agus mar so, tha Righ agus Ban-righ Dhanmarc rioghail, ardus eireachdail am measg righrean na Roinn-Eòrpa. Tha mi gle chinnteach gu do theagaisg a Bhan-righ a tha marbh do gach macus nighean a bhuineadh dhi, iad a bhi gu mochus gu h-anmoch, adeanamh aoraidh do Dhia, ’s iad a bhi le durachd dileas ag iarraidh maith a dheanamh do gach duine bochdus anmhuinn air am faigheadh iad eolas anns na tirean bochd no beartach a bhuineas doibh, agus anns am bheil iad rioghail agus measail.


Cleas nan Gillean.

Ann an cearn àraidh den eilean so tha duine fuireach dan ainm Dòmhnull, aig am bheil da fhearann. Thaghail Domhnull aon fheasgar briagha an àm an fheòir air a ghobha; bha an gobha anns a cheardaich a cruidheadh eich do fhear dhe na coimhearsnaich, agus bha ceathrar no coignear ghilleannan seasamh timchioll air, mar is gnàth do ghillean a bhi deanamh. Bha Domhnull air son an gobha fhastadh gus a dholga chuideachadh a ghearradh an fheòir air an fhearann iseal. Dhaontaich an gobha dhol còmhla ris air son tri tasdain, agus dhfhalbh Domhnull dhachaidh, acur roimhe dhol a laidhe tràth chums gun deanadh e moch-eiridh air choinneamh a ghobha an la- ’r-na-mhàireach. Ach chuir na gillean an cinn cuideachd, agus thuirt iad ri chéile gu robh an gobha tuilleadh us sanntach, agus nach bu chòir gum faigheadh e tri tasdain Dhòmhnuill idir. ’S ann mar sin a bha. Nan tachradh do neach sam bith a bhi gabhail an rathaid an oidhchud, eadar naodhsa deich a dhuairean, chitheadh e ceathrar cheatharnach ghillean len cuid speallan cho trangsa burrainn daibh a gearradh feòir Dhòmhnuill. Anns a mhaduinn, ghobha air do Dhomhnulls don greim bidh a ghabhail, chaidh iad a mach gun obair, ach an obair cha robh ri deanamh; bha am feur uile air a spealladh! Faodar a bhi cinnteach nach robh an gobha toilichte, ach cha do chuir an gnothuch gruaman sam bith air Domhnull. Mur dean na gillean nas miosa na sud air Oidhche Shamhna, bidh e gle bhuidheach dhiubh.


An Coileach agus an Sionnach.

Bha sionnach roimhe so moch madainn shamhraidh agabhail an rathaid seachad air tigh tuathanaich, ’s rachar a chas an goisinn a chaidh a shuidheachadh air a shon. Bha coileach òtraich air iris greis bhuaithe, agus chunnaic e mar a thachair. Cha leigeadh an t-eagal leis tighinn faisg air gille-nan-car; ach, le an-amhurus, bha e tialadh, ’s ag gòradh ga ionnsuidh uidhe air n-uidhe. Thug an sionnach an aire dha, ’s cuirear failte air cho modhail, càirdeils a baithne dha: “Fàilt ort, fhir mo chridhe! Nach ann domhsa dhéirich e air do sgàth. Bha mig ialadh romhn challaid ud thall, air mo cheum adol dachaidh, an uair a chuala mi do ghogail, agus chuir mi romham taghal agad dhfhiach ciamar a bha dol dut fheins don mhuirichinn, ’s tha thu faicinn mar a dheirich dhomh. Guidheam ort sgian a thoirt domh a ghearradh na sreinge, no, co dhiubh, gun dad a ghabhail ort [ ? ] gearr mi i le mfhiacaill.” [ ? ] an coileach mar a bha chuis, ’s gun ghuth a ghail air, thugarn a dheann a mhaighstir air agus innsear dha mar a bha. Thug esan leis a bhiodag agus chuir e as don t sionnach mun robh dol as aige.

Seachainn an t-olc, agus seachnaidh an t-olc thu.


Teagasg na Gailig.

Thatar a tòiseachadh air teagasg Gàilig ann an Oil-thigh nan Caitliceach, ann am baile-mor Washington, air a mhios so. Bha leth-cheud mile dolair ( $50 ,000) air a chur cruinns air a chur air leith air son an aobhar sin, le comunn Eirionnach dan ainm, The Ancient Order of Hibernians. ’S e cheud fhear-teagaisg a tha gu bhi ann, an t-Olamh Richard Henebry, sagart òg de sgireachd Waterford, an Eirinn. Tha e direach an deigh cùrsa foghluim a chriochnachadh ann an Oil-thighean Freidburg agus Greifswald, anns aGhearmailt, far an dfhuair e an t-òrdughDoctor of Philosopy.Tha ena dhuinòg a tha gle ghealltanach, agusse dòchas gach aoin aig am bheil meas air a Ghàilig gum bi ena mheadhon air na Gaidheil Albannach us Eirionnach a tha ann an America, a thoirt gu bhi gabhail barrachd tlachd anns a chainnt aosda thainig orra on sinnsir, agus gu bhi deanamh barrachd ionnsachaidh oirre. Tha a cheana fear-teagaisg Gàilig ann an Oil-thigh Harvardan t-Olamh Robinsonagus, mar a tha fhios aig ar leughadairean, tha caithrichean Gàilig ann an Oil-thaighean Dhuneidinn, Ghlaschu, Abaraidhean, Oxford, agus ann an Oil-thighean Maynooth agus na Trianaid, am Bail-ath-cliath. Tha a Ghàilig fada, fada o bhi marbh, no an impis a dhol bàs.


Litir muPholitics.”

A CHARAID: —Tha mim barail gum biodh e na bfhearr don MHAC-TALLA politics a sheachnadh. Thug mi fa-near na thuirtConaan aghaidh Laurier agus a chàirdean; na thuirtDùghallan aghaidhChona”; agus a rithist na thuirtConaanns an àireamh mu dheireadh. Gabh mo chomhairle-sa, fhir-deasachaidh, agus cuir glas-ghuib air an dithis. Tha do chuid sgriobhaidh fhéin gle mhath anns an doigh so; chan aithnich neach gu den taobh air am bheil thu, ma tha thu air taobh idir. Bu chòir dhut a bhi cheart cho faiceallach a thaobh na sgriobhas muinntir eile. Mur bi thu sin, ni iad call a chur ort, agus cha be sin dùrachd do charaid,

ROB RUADH.


DUAISEAN.

Tha mi a tairgse tri duaisean airgid— $12 , $8 agus $4 —don triùir sin a chuireas ugad eadar sos an 15mh latha de Februaraidh, 1899, an cruinneachadh as fhearr de raidhean Gailig(Gaelic phrases and idioms)aig nach bi co-chomunn sam bith ris aBheurla; tha mi coma cia as do na raidhean, ach a mhàin nach ann anns aBhiobuill a gheibhear iad; agus ma gheibh mi pailteas, bheir mi seachad duaisean airson nithean eile. Chan fhaigh duine tighinn anns achomh-ruith nach do phàigh am MAC-TALLA gach sgillinn de ainbh-fhiach a tha aige air. Seoladh iadsan a tha deonach feuchainn air son nan duaisean so, an litrichean gu,

CARAID NA GAIDHLIG.
Office ofMac-Talla,”
Sydney, C. B.



[103]

[Vol . 7. No. 13. p. 7]

Oran aGheamhraidh.

LE ALASDAIR MAC MHAIGHSTIR ALASDAIR.

Tharraing grian, righ namplanet” ’s nan reul,
Gusign ChancerDi-ciadaoin, gu beachd,
A riaghlas cothrom mun criochnaich e thriall,
Da mhios deug na bliadhna mu seach;
Ach gur h-en dara Di-sathurnn a dheigh,
Aghrianstad-shamhraidh, aon-deug, an las fhaid’;
S an sin tionndaidh e chursa gu seamh,
Gu seasghrian agheamhraidh gun stad.

S bhon dhimich e nis bhuainn mun cuairt,
Gum bi fuachd oirnn gum pill e air ais;
Bidh gach la dol an giorrad gu feum,
S gach oidhche da reir dol am fad;
Sruthaidh luibhean, as coill, agus feur,
Na fais-bheotha crion-eugaidh iad as;
Teichidhn snodhach gu friamhaich nan crann,
Suighidh glaodhain an sugh-bheatha steach.

Seacaidh geugan glan, cubhraidh nan crann,
Bhas an t-samhradh trom-stracte le meas,
Gun toirleum an toradh gu lar,
Gun sgriosar am barr bharr gach lios.
Guilidh feadain as creachann nam beann
Sruthain chriostail nan gleann le trom sprochd
Caoidh nam fuarain ri meachainn gun cluinn,
Deoch-thunta nam maoiseachs nam boc.

Laidhidh bron air an talamh gu leir,
Gun aognaich na sleibhteans na cnuic;
Grad-dhubhaidh caoin uachdar nam blar,
Fal-ruisgte, ’s iad faillinneach bochd.
Na h-eoin bhuchullach, bhreac-iteach, ghrinn,
Sheinneadh baisgeanta, binn, am barr dhos,
Gun teid aghlas-ghuib air am beul,
Gun bhogha, gun teudiadn an tosd.

Sguiridh buirdeisich sgiathach nan speur,
Den ceileireadh grianach car greis;
Cha sheinn iad am maidnein gu h-ard,
Nom feasgarain chrabhachs aphreas:
Cadal clu-mhor gun dean anns gach cos,
Gabhail fasgaidh am frogan nan creag;
S iad ri ionndrain nan gathannan blath
Bhiodh ri dealradh fo sgaile do theas.

Cuirear daltachan srian-bhuidhnan ros
Bharr min-chioch nan or-dhithein beag,—
Sinean gucagach lilidh nan lon,
Nam flurans geal-neoinein nan eag,
Cha deoghlar le beachainn nam bruach,
Croidhidh fuarachd car cuairt iadnan sgeap;
Cha mho chruinnicheas seillein a mhal,
S thar geal ur-ros chrann garaidh cha streap.

Tearnaidh bradan, as sgadan, ’s gach iasg,
Bho diarguin gu fiath-ghrunnd nan loch;
S gum fan air an aigein dhubh-dhonn,
Ann an doimhneachd nam fonn as nan sloc:
Na bric tharr-ghealach, earr-ghobhlach, shlim,
Leumadh meardha ri usgraichean chop,
N an cairtealan-geamhraidh gun tamh,
Meirbh, samhach, bhon thamh thu fonghlobe.”

Chas as ghreannaich gach tulachs gach tom,
S doite lom chinn gach fireachs gach glac;
Gun dodhraich na sitheinean feoir,
Bu lusanach feoirneineach brat;
Thiormaich maghannans ruadhaich gach fonn;
Bheuc an fhairges ro thonn-ghreannach gart;
S gun dsgreataich an dudlachd gach long,
S theid an cabhlachna long-phort a steach.

Neulaich paircean as miodar gu bas,
Thuit gach fasachs gach aite fo bhruid;
Chiaraich monadh nan iosals nan ard,
Theirig dathannan grasmhor gach luig:
Dhfhalbh am faileadh bha taitneachsam fonn;
Dhfhalbh a mhaise bharr lombair gach buig;
Chaidh an eunlaidh gu caoidhearan truagh,
Uiseag, smeorach, as cuach, agus druid.

A fhraoich bhadanaich, ghaganaich, uir,
Dom bolas dom bfhudar amhil,
Bi bhlath ghrian do thabhachds gach uair,
Gu giullachd do ghruaige le sgil;
S amhadainn-iuchairn uair bhoillsgeadh a gnuis
Air buidheannan driuchdach nan dril.
Bfhior chubhraidhs gum beibhinn an smuid
So dheireadh bharr cuirnain gach bil.

Gun theirig subh-thalmhann nam bruach,
Dhfhalbh an cnuasach len trom-lubadh slat;
Thuit an t-ubhal, an t-siris, ’s am peur,
Chuireadh boghair agheig anns abhad;
Dhfhalbh am bainne bhon eallaich air chul,
Mum bi leanaba ri ciucharan bochd;
S gusn till aghrian gusign Thauruisnam buadh,
S treun a bhuadhaicheas fuachd agus goirt.

Theid aghrian air a thurus mun cuairt
Dothropic Chapricornghruamaich gun stad
Bhon tig fearthuinn chruinn, mheallanaich, luath,
Bheir a mullach nan cruaidhteachan sad;
Thig tein’ -athair, thig torunnn a dheigh,
Thig gaillionn, thig eire nach lag;
S cinnidh uisgen a ghloineachan cruaidh,
Sna ghlas-leugan min, fuar-licneach, rag.

A mhios nuarranta, gharbh-fhrasach, dhorch,
Shneachdach, cholgarris stoirm-shionach bith;
Dhisleach, dhall-churach, chathach, fhliuch, chruaidh,
Bhiorach bhuagharra, ’s tuath-ghaothach cith;
Dheigheach, liath-reotach, ghlib-shleamhain, gharbh,
Chuireas sgiobairean fairgen an ruith;
Fhlichneach, fhunntainneach, ghuineach, gun tlaths:
Cuiridh danail gach caileachd air chrith.

A mhios chnatanach, chasadach, lom,
A bhios trom air an t-sonn-bhrochan dubh;
Churraiceach, chasagach lachdunn as dhonn,
Bhrisneach, stocainneach, chom-chochlach, thiugh;
Bhrogach, mheatagach, pheiteagach, bhan,
Imeach, aranach, chaiseach gun ghruth;
Lem miann bruithaiste, mairt-fheoil as cal,
S ma bhios blath nach dean tairair gneth stuth.

A mhios bhrotagach, thoiteanach, shoigh,
Ghionach, strodhail, fhior-gheocail gu muic;
Liteach, laganach, chabaisteach, chorr,
Phoiteach, romasach, roiceil, gu sult;
S an taobh-amuigh ged a thubh sinn ar com,
Air an t-aileadh gheur, tholltach, gun tlus,
S eudar dram ol mar linigeadh cleibh,
A ghrad-fhadais tein-eibhinns an uchd.

Bidh greann-dubh air cuid mhoir den Roinn-Eorp’,
Bhon a lagaich sgeamh ordha do theas;
Do sholus bu sholas ro mhor,
Ar fradharcs ar lochran geal, deas;
Achn uair thig e guGeminiris,
S a lainnirs gach righeachd gun cuir,
S buidhe soillsein nan coireins nam meall,
S riochdail fiamh nan or-mheall air amhuir.

S theid gach salmadair ball-mhaiseach, ur,
An crannaig chubhraidh chraobh dluth-dhuilleach, cas;
Len seol fhein a sheinnhymns” ’sa thoirt cliu
Chionn a’ “phlanetso chursadh air ais;
Gum bi coisir air leth anns gach geig,
Andasganeibhinn air reidh-shlios nan slat,
Atoirt lag-iobairt len ceileir don Triath,
Air chol chorraibh nan sgiath anns gach glaic.

Cha bhi creutair fo chopan nan speur,
N sin nach tionndaidh ri speirid, ’s rin dreach;
S gun toirPhoebusle buadhan a bhlais,
Anam-fais daibh as caileachdan ceart;
S ni iad aiseirigh choitchionn an uaigh,
Farn do mheataich am fuachd iad a steach;
S their iad guileagdoro-hidala-hann,
Dhfhalbh an geamhradhs than samhradh air teachd!


NADUR EILE.

Tha bean-uasal a Montreal asgriobhadh:— “Tha K. D. C. an deigh mfhear-posda a thoirt o bhina mhnathan gu bhi na dhuine caoimhneil, gradhach.” Chan e mhain gu bheil esan a thair fhagail crosda, greannach, le droch stamaig, ’na sharuchadh dha fhein, ach tha e na throm-uallach air feadhain eile. ’S ann gle ainneamh a gheibhear sonas comhla ri neach air am bheil an tinneas so, agus bha lan aobhar aig a mhnaoi-uasail so air a bhi taingeil do K. D. C. air son a fear-posda a thoirt o bhi cho crosda ri mathan gu bhina dhuine caoimhneil, gradhach. K. D. C. air son na stamaig, agusK . D. C. Pillsair son a chuim.

Cuirear sampuill ugad a nasguidh.

K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia.
agus
127 State St., Boston Mass.


GHEIBH THU
AN TI
As fhearrsa Mhargadh.

NA BROGAN
As Fhaide Mhaireas.

AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.

Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c

TORMAD DOMHNULLACH.


Am Feillire.

OCTOBER, 1898.

1 Di-satharna Blar na Leargainn, 1263.
2 DI-DONAICH 17mh Donaich na Trianaid.
3 Di-luain Blar Allt Chuailleachain, 1594
4 Di-mairt
5 Di-ciaduin Blar Dhunchaillinn, 1315.
6 Dior-daoin
7 Di-haoine
8 Di-satharna Losgadh Chicago, 1871.
9 DI-DONAICH 18mh Donaich na Trianaid.
10 Di-luain
11 Di-mairt Faotainn a mach America, 1492.
12 Di-ciaduin
13 Dior-daoin
14 Di-haoine Breith Uilleam Penn, 1644.
15 Di-satharna Breith Ailein Ramsay, 1686.
16 DI-DONAICH 19mh Donaich na Trianaid.
17 Di-luain Tuiteam Sebastopol, 1854.
18 Di-mairt
19 Di-ciaduin Bas Chandlis 1873.
20 Dior-daoin
21 Di-haoine Bas Raibeirt Ghordain, 1853.
22 Di-satharna
23 DI-DONAICH 20mh Donaich na Trianaid.
24 Di-luain Bas Dhaniel Webster, 1852.
25 Di-mairt
26 Di-ciaduin
27 Dior-daoin Breith Sheumais Mhic Mhuirich, 1736.
28 Di-haoine
29 Di-satharna Blàr Charrochaidh, 1562.
30 DI-DONAICH 21mh Donaich na Trianaid.
31 Di-luain Oidhche Shamhna.

MUTHADH AN T-SOLUIS.

An Ceathramh mu Dheireadh, L. 7, U. 1, M. 51 M
An Solus Ur, L. 15, U. 8, M. 23 M
ACheud Cheathramh, L. 22, U. 4, M. 55 M
An Solus Lan, L. 29, U. 8, M. 4 M


DHIARRAMAID AIR
NA GAIDHEIL
s air muinntir eile a tha air sonTypewritera cheannach, iad a dhfheuchainn na
Blickensderfer No. 5,
mun ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35 .
Tha seorsachan eile againn cuideachd.
CREELMAN BROS.,
TYPEWRITER CO.
15 Adelaide St. East,
TORONTO, ONT.


C. H. HARRINGTON & CO.
Na Marsantan as Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni.

THA IAD ACREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
nas saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eilesa bhaile.

SALADA TEA, ”
Na Puinnds na Leth-Phuinnd; an ti as fhearr a than Ceap Breatunn air a phris.


Chan urrainn dhut paipear Gailig fhaighinn an aite sam bith ach Mac-Talla, ’s bu choir dhut a bhi gle mheasail air.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c .
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B.


D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C.B.


J . S. BROOKMAN, M. D. ,
LIGHICHE.
OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot.
SIDNI, C. B


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.

Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

Niall Mac Coinnich,
Sidni, C, B.


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Floiri Nic Fhionghain
acumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan acosg.

ADAN,
BONAIDEAN,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN,
GEUGAN.

agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor.

FEUCH GUN TAGHAIL THU.



[104]

[Vol . 7. No. 13. p. 8]

BATHAR CRUAIDH.

Tha mi a nisecumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gun taghal thu orm. Tha mi, mar a babhaist, acreic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha micreic gach ni gle shaor.

Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.


J. E. EISAN.
PIANOS AGUS ORGAIN.
AN SEORSAS FHEARR A THATAR A CREIC.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, C. B.


THA EARBSA
aig daoine ann am maidsichean Eddy— ’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a thacoltachri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum.

Than t-ainm so na urras air mathas.

THE
E. B. EDDY Co., Ltd.,
HULL, CANADA.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
Stewartdale , C. B.

CLOTH, DROGAID,
AGUS
PlaideachanEUREKA.”

Mu dheich air fhichead seorsa aodaichga chreic.
Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige.


SOUTH END WAREHOUSE.

FLUR AGUS MIN,
TI AGUS SIUCAR,
FEOIL AGUS IASG.
FIAR AGUS COIRCE,
BIADH DHAOINE,
AGUS
BHEOTHAICHEAN.

Amhlan dhe gach seorsa, agus iomadh ni eile nach gabh ainmeachadh an so.
Taghail, agus cha mhi-chord na prisean riut.
Caipt R. Mac Neill,
Sidni, C. B.


[Dealbh]
Tha sinn a nisenar luchd-gnothuich aig a
CHANADACARRIAGE CO. ,
air son Eilean Cheap Breatunn.

Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead lecheannach uainne.

Tha sinn mar a babhaist acreic Truncaichean, Màileidean, Acuinneach, Bratan-carbaid, Cuipichean, Carbadan Cloinne, Olla, Dubhaich Bhròg, &c ., &c .

F . Falconer & Son,
Sidni, C. B.


NUAIR THEID THUBHADDECK
TAGHAIL AN STOR
Albert I. Hart.
Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.

Bathar Tioram,
Bathar Cruaidh,
Amhlan,
Aodaichean,
Caiseart, Adan,
Curraichdean,
Agus iomadh ni eile.

An seorsas fhearrs aphris as isle.


MAC-TALLA.

Gu ma fada beo aGhailig.”

Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.”

Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais.

DO DHLEASANAS.
A bhi gabhail MHIC-TALLA.
A bhi leughadh MHIC-TALLA.
A bhi pàigheadh MHIC-TALLA.
A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a churna rathad.

An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan.

Cha robh a leithid ann roimhe, ’s chan eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast.

Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tighn a mach uairsan t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut.

Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dhfhalbh.

A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do tinntinn.

Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig asgriobhadh gu daonnan dha; agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og.

Is abhaist do dhaoinenuair a bhios iad acreic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhicur pris ardna cheann; ach chan eil MAC-TALLAdeanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadhsa chumail suas, agus uime sin chan eil e cosg da luchd-gabhail ach

DOLARSA BHLIADHNA.

titleIssue 13
internal date1898.0
display date1898
publication date1898
level
reference template

Mac-Talla VII No. 13. %p

parent textVolume 7
<< please select a word
<< please select a page