[105]

[Vol . 7. No. 14. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OCTOBER 28, 1898. NO. 14.


OISEIN AGUS AGHRIAN.

Thar leam gu bheil ceithir miosan on sgriobh Domhnull Mac Leoid litir á Detroit a dhionnsuidh MHIC-TALLA, anns an diarr e Gàidhligfhaotainn air an earann de Charthonn, anns am bheil Oisein a moladh na gréine. Tha Domhnull gu soilleir aciallachadh Beurla Mhic-a’ -Phearsain a thrus dàin Oisein, a dheadartheangaich iad, agus a chuir iad ann an sgeadachadh Beurla. Gun teagamh tha meas mor aig Domhnull air na briathran milis anns an do chuir Mac-a’ -Phearsain ann am Beurla, smuaintean oirdheirc Oisein, bàrd Sheallama, bàrd na Feinne, bàrd nan caomh dhànus nam beusan ciuin. Tha Domhnull gu dileas ag iarraidh eolas fhaotainn air briathran blasda, boidheach Oisein fein. Sgriobh Domhnull briathran laghach mu Chona, ’s tha Conatabhairt buidheachas moir da air-son gach focal caoimhneil a sgriobh e. Ach is e beachd Dhomhnuill gu bheil mise tuilles cruaidhus trom air na Stàidean. Chaneil idir. Chaneil agamsa ach meas seasmhach air gach Gàidheal a thatuineachadh anns na Stàidean, ’us a tha cosmhuil ri Domhnull, ateachd air an aghaidh gu tapaidh, surdail, duineil, ’us a thacosnadh maoinus ainm len dealas, len gliocas, ’us len durachd fein. Is ann do luchd-riaghlaidh nan Stàidean a tha mifaotainn coire, do bhrigh gur en run agus an abhaist daonnan, slighe cealgach, cam, ’us doighean claon, fiar a roghnachadh agus a leantuinn anns gach cuisus aimhreit a bhitheas eadar iad fein agus Breatunn. Bhan luchd-riaghlaidh a than diugh ann an Ottabha, daonnan aglaodhach a mach air-son cairdeas dluth anns gach malairt iarraidh agus fhaotainn eadar Canadaus nan Stàidean. Tha comunn lionmhor, foghluimte, bho cheann miosa no dha cruinn am baile Chuebeic, air-son an da dhùthaich a nasgadh le bannaibh laidir, uasal, tabhachdach. Is mor meagal gu sgaoil an comunn eireachdail so gun moran maith a dheanamh. A reir gach coslais cha tabhair na Stàidean ni air bith seachad as urrainn iad a ghleidheadh doibh fein, agus mur bi luchd-riaghlaidh Chanada dileas dan dùthaich fein, faodaidh iad a dhol air turus duilich gus an airde tuath no gus an airde deas, oir cha bhi iad ann an ughdarras car seachduin an deigh don phàrlamaid cruinneachadh ann an Ottabha. Tha tuilles a choir am measg daoine mora nan Stàidean den fheallsairachd so: “An nis leatsa, is leamsa; ’s a nis leamsa, is leam fein e.” Is gle chinnteachtha mi nacheil Domhnull ag iarruidh nogabhail ach a chodach fein; agus gur erun suidhichtechuid fein a thabhairt gu toileach, onorach do gach neach eile, am feadh a tha eg iarraidh gach nis airgiod a bhuineas gu ceart, firinneach, neo-eisimealach da fein agus da fein a mhain.

Tha MAC-TALLAs mi fein air na h-oghachan, agus air an aobhar so, ma dhfhaoidte gu tabhair mi ann an uine ghoirid, eachdraidh bheag air an doigh anns an do chruinnich agus anns an do chlodh-bhuail Mac-a’ -Phearsain dàin Oisein. Tha e soilleir nach dfhuair Domhnull Gàidhlig Oisein mun ghréin ann an Gàidhlig dàin Oisein, a bha air a chlodh-bhualadh ann an 1805. Chailleadh moran de na Ghàidhlig a bha aig Mac-a’ -Phearsain an uair a dheadar-theangaich e smuaintean oirdheirc Oisein, bàrd iomraiteach na Feinne, ’s a dhuidheamaich e iad ann an trusgan maiseach, grinn Sasunnach. Ann an 1816, chuir da bhrathair, Eoghann agus Iain Mac Chaluim, a mach cruinneachadh gasda, laidir, lasgarra de dhuain Oisein, Orrainn, Uilin, agus bàird eile. Tha Oisein don ghrein ann am eiridh agus ann am luidhe, ram faotainn ann an doigh thaitneach, bhlasda anns an leabhar so. Tha mi le deoin togarrach acur an da laoidh bhrioghmhoir, luraich, àluinn sodhionnsuidh MHIC-TALLA, anns an litir so, achum gu faigh an Gaidheal blath-chridheach Domhnull, an t-eolas air am bheil e an toir, agus gu faic luchd-leughaidh MHIC-TALLA mar an ceudna, cia co boidheach, druighteach, snasmhor, ’s a bha smuainteanus faireachduinnean abhàird, ged nach robh aige ach a bhreithneachadh fein am feadh a bha efaighneachd mu thoiseachus mu dheireadh na greine, na gealaichus nan reul. Cha do sgriobh Mac Aulaidh riamh (agus is ro-mhaith a baithne da Beurla mhilis, ghlan, laidir, fhuaimneach a sgriobhadh) briathran as aille dreach, ’us maise, ’s treubhantas, na na briathran a sgriobh Tormoid Mac Leoid mu na ghrein: “Thaghrian don t-saoghal nadurra mar a ta spiorad na beatha do mac an duine. Is e a teas a tatoirt fais do luibhibh na macharach; agus an uair a sgaoileas i caomhalachd na gloir-mhaidne mun cuairt di, bithidh gach creutair sunndach le a lathaireachd, suilbhir agus aighearach le a tiodhlacaibh. Le a teas eiridh miltean do chuileagan sgiathach gu beatha. Clisgidh na h-eoin on cadal, agus doirtidh iad a mach an ceileirean ceolmhor ann an co-sheirm chiuil, ’nuair a mhothaicheas iad a blaths. Le meilich bheir na treuda buidheachas airson teachd na maidne ciuine, agus innsidh am buar len ard-gheumnaich an taingealachd. Aithrisidh na gleanntan an ceol ceudna, agus freagraidh na cnuic don fhonn. Bheir teas na greine air gach luibh a tha air aghaidh na talmhainn fas gu h urar agus gorm. Comhdaichidh e na craobhan le duilleach; amhachair le arbhar agus meas; na sleibhtean le buar agus treudaibh; agus cridhe an duine le gairdeachas agus taingealachd.” Na abradh duine air bith gu brath, a thuigeas cainnt aluinn Mhic Leoid mu na ghrein: nacheil aig aGhàidhlig buaidhean urramach, ghleusda, morail, uasail; agus nacheil comas follaiseach aice air an t-àites airdes as measailefhaotainn am measg canainean an t-saoghail gu h-iomlan.—

OISEIN DON GHREIN ANN AM EIRIDH.

O, thusa fein a shiubhlas shuas,
Cruinn mar lan-sgiath chruaidh nan triath!
Cia as tha do dhearsa gun ghruaim,
Do sholas tha buan, a ghrian?

Thig thu ann ad aille threun,
Is folchidh reultan uainn an triall;
Aghealachg a dubhadh san speur,
Ga cleith fein fo stuaidh san iar!

Tha thusa nad astar a mhain!
Co tha dan a bhi na dchoir?
Tuitidh darag on chruaich ard,
Tuitidh carn fo aois is scorr!

Traighidh agus lionaidhn cuan,
Folchear shuas an reult san speur;
Tha thusa daon a chaoidh fo bhuaidh,
An aoibhneas bhuan do sholuis fein!

Nuair dhubhas man domhan stoirm,
Le torrunn borb is dealan luath;
Seallaidh tunad aille on toirm,
Fiamh ghairort am bruaillean nan speur!

Ach dhomhsa tha do sholus faoin,
S nach fhaic mi a chaoidh do ghnuis,
Asgaoileadh cul is ord-bhuidhciabh
Air aghaidh nan nial san ear.

Afogradh na h-oidhcho gach àit,
Ach suil abhàird chan fhaic do sholus;
Nonuair a chritheas anns an iar,
Aig do dhorsaibh ciar, air lear.
Ach amhuil so, aosda, lag, liath,
Bidh tusa fhathastnad aonar;
Do shiubhals na speuraibh mall,
S tu dall mar misair an fhaonach.
Doilleir mar ghealach nan trath
Bidh dannras tu siubhal nan speur;
Caismeach na maidne cha chluinn thu
Mar na suinn bhios gun luaidh air eiridh.
An sealgair seallaidh fon raon,
Ach chan fhaic e daogas air teach;
Bruchdaidhdheoir, is e pilleadh fo smallan
A mhadaidh mo ghraidh, threig aghrian sinn.
S maith dhfheudtgu bheil thu mar mi fein,
S anam gu treun, ’s gun fheum air ann;
Ar bliadhnan atearnadh on speur,
A siubhal le cheile gun ceann.
Biodh aoibhneas ort fein, a ghrian,
S tu neartmhor atriall atoige;
Is bronach, mi-thaitneach an aois,
Mar ghealach fhaoin san speur,
Aruith fo neul air an raon,
S an liath-cheo ri taobh nan carn;
An osag o thnath air an reidhlinn
M fear-siubhail fo bheuds e mall!
Bidh aoibhneas air soluis na h-oidhche,
N tra bhios mac na soillsair triall.

OISEIN DON GHREINAN AM LUIDHE.

An dfhàg thu gorm astar nan spéur,
A mhic gun bheud, is òr-bhuidciabh?
Tha dorsa na h-oidhche dhuit réidh,
Agus pailliun do chlos san Iar.
Thig na tonna mun cuairt gu mall,
A choimhead fir as gloine gruaidh;
Atogail fo eagal an ceann:
Ri tfhaicinn co àillidh adshuain,
Theich iadsan gun tuar o dthaobh.
Gabhsa codal ann ad uaimh,
A ghrian, as pill o dchlos le h-aoibhneas.
Mar [ ? ] gréine sagheamhradh,
S e ruithna dheann le raon Lèna,
Is amhuil sin làithe nam Fiann,
Mar ghrian eadar-fhrasach atréigsinn.
Dhaom neòil chiar-dhubh nan spéur,
As bhuin iadn deò aoibhinn on t-sealgair
Tha lom-gheugan na coill acaoidh;
S maoth lusrach an t-sléibh aseargadh;
Ach pillidh fathast aghrian,
Ri doire sgiamhach nan geur ùr,
Is ni gach crann sachéitein gàire
G amharcn àird ri mac nan spéur.

Bheir mi mo bheachdan fein anns an ath litir air an da laoidh aluinn so. Bu choir do gach Gàidheal an da laoidh chrabhach, ghreadhnach soionnsachadh, agus mar so comas a bhi aca air smuaintean oirdheirc Oisein a bhi daonnan maille riu. Tha mitabhairt mo dheadh-bheannachd do Dhomhnull Mac Leoid, ann an Detroit; agus tha dochas laidir agam gu faigh e iomadh Gaidheal eile anns na Stàidean a bhitheas co measail air MAC-TALLAs a tha e fein, ’us a bhitheas co dileas le guthus airgiods a tha Domhnull e fein.

CONA.


A FRAMBOISE.

FHIR-DEASACHAIDH CHOIR, —Is fhada bhon nach fhaca mi facal ann ad phaipeir gasda as a chearn so den dùthaich, agus tha min dùil nach bi thu crosda rium féin airson mo phàirt dhen dearmad mhor sin. Cha bann le suarachas sam bith a rinn mi e, ach a mhain a chionn nach robh mi faicinn MHIC-TALLA uair air bith ann am feum cuideachaidh, a burrainn mise



[106]

[Vol . 7. No. 14. p. 2]

ann an rathad sgriobhaidh a dheanamh leis. Cha robh MAC-TALLA riamh cho eireachdailsa tha e nis: lan de naigheachdan brioghmhor. Faodaidh gu bi muinntir a talach air, air a bhonn nacheil cuid de na Sgeulachdan Arabianach a tha teachd leis, gle fhirinneach. Chaneil teagamh sam bith nacheil còir againn an t-olc a chronachadh annain féin agus ann am muinntir eile, agus is i so a cheist: gu de a theireadh tu rium fein nan abrainn nach bfhiach MAC-TALLA a chionn gun robh na sgeulachdan ud ann; agus ma dhfhaoidte aig a cheart àm gun suidhinn sios gu bog, balbh, a leughadhnovelgun seadh, de sheòrsa eiginn, gus am fàsadh mo shùilean mall, agus nach burrainn mi leithsgeul sam bith a chur air chois, ach gun abrainn gun robh mismaoineachadh nach robh coire sam bith an leughadh a chionn gur h-annsa Bheurlabha iad sgriobhte. Saoilidh mi gur h-ann a theireadh tu, gun robh mi rud-eigin coslach ris an fheadhaina shiolaidheas a mheanbh-chuilleag, ’sa shluigeas” (chan abair min càmhal) ach co-dhiu their micnapach math gamhna.”

Dhfhàs bàrr na talmhainn gle mhathsan t-samhradh; ach mun dfhuair e abuchadh, thàinig side thais agus fhliuch. Bha moran den fheur air a mhilleadh mun dfhuair sinn a chur fo dhion; agus thainig gaiseadhsa bhàrr choirce leis a mheirg; ach tha min dùil gam bi buntàta gu leoir againn.

Chaochail seann duine còir an so, air an naodhamh latha den mhios soAonghas Mac Fhionghain. Bha ena eildeirsan eaglais againn a chionn àireamh mhor bhliadhnaichean. Bha ena dhuine còir, caoimhneil; is chuir naigheachd a bhàis gruaim air na h-uile dam baithne. Bha e mu thimcholl ceithir fichead bliadhnasa deich a dhaois.

Cha dean mi dearmad air innse dhuit gun do phòs aon de fhleasgaich òg a cho-thional againn air an t-seachdain sa chaidh. Bem fleasgach tapaidh sin, Coinneach H. Mac Fhearghais; agus bi Màiri A., nighean do Thormad Domhnullach, a mhuinntir Loch Lomond, a bhean òg; agus chaneil teagamh againn nach do rinn e deagh roghainn. Tha sinn a guidhe saoghal fada, “ ’S a h-uile latha sona dhaibh, ’s gun aon latha dona dhaibh.”

Ma bhios mi beòs air chothrom, cha bhi mi cho fada gun sgriobhadh a rithist. Do sheann charaid,

CEANN LIATH.


LITIR A CEAP NOR.

A CHARAID, —Gheall mi sgriobhadh dour n-ionnsuidh a rìsn uair a bhiodh ùinagam, aguss eiginn a nis teannadh ris a ghealladh a choimh-lionadh, ged nach math is aithne dhomh ciod a sgriobhas mi. Coma co dhiù, a ni a thig amionnsuidh bheir mi dhuibh.

Tha cuid am beachd gu bheil sinne cho fadair chùl an t-saoghails nach urrainn dad do naidheachdan fiachal a bhi againn rin aithris. Gleidheadh iadsan am beachd sin cho fads a thogras iad, ach bidh air beachd fein againne.

Bu chòir dhomhbhi air innseadh dhuibh roimhe so mun chomh-chruineachadh a bhagainn an so air an dàrna de dhOgust sa chaidhan san deachaidh Mr. Peutan a shuidheachadh mar mhinistearn ar measg. A thuilleadh air na dithismissionaries—Mr. Buchannain agus Mr. Granndbha naoinear mhinistearan a làthair. So dhuibh na h-ainmean aca, agus is airidh gach aon dhiubh air àitesa MHAC-TALLA: Mr. Cuimein, Pictou; Mr. Thorpe; Mr. Mac Raing, Sidni; Mr. Foirbeis, Glace Bay; Mr. Foirbeis, Sidni; Mr. Jack, Sidni Tuath; Mr. Domhnullach, Srath-lathuirne; Mr. Mac Leoid, Baile nan Gall; agus Mr. Friseal, Cladach a Tuath. Thainig soitheach-smùide le àireamh dhiubh sud a dhionnsuidh a chladaich againn, agus dhfheith i riu an sin gus an robh iad ullamh gu pilleadh air an ais. Tha mim barail gun robh iad uile riaraichte len turus don àite; agus faodaidh sibh a bhi cinnteach gun robh an cuairt ghoiridna thoileachadh agusna riarachadh dhuinne. Tha sinn duilich gu bheil Mr. Friseal air a bhina laidhe le euslaint o chionn da mhios, achse ar dòchas nach buannaich e fada gun dol am feobhas.

Dhinnis mi cheana cho truaghsa thionndaidh an crithneach a mach, agus chaneil an coirce idir cho maths a shaoil sinn. Tha moran agearan air gainnebhuutàta; ach tha beagan theaghlaicheannar measg aig am bheil gu leòr dhoibh fein, ach nach urrainn moran a sheachnadh.

Chaill mo choimhearsnach, Ruairidh Mór Moireastan, a thigh (agus gu ìre bhig na bhana bhroinn) le teine, o chionn seachdain. Cha robh ball den teaghlach am fradharc an taighen uair thoisich an teine, agusn uair a chunnacas e bha en deigh a leithid a ghreim fhaotainns nach gabhadh e bacadh. ’S e so an gaisgeach a bha iomraiteachna mar ghearradair fiodha. ’S beag nach cuireadh en tuagh anns an fhiodh chruaidh a dhionnsuidh na coise, leis gach stràchd. Ged tha e nise beagan bhliadhnaichean thairis air an tri fichead, tha e air feadh na coille cho sunndach ri duine òg, a tional fiodha air son taigh ùr a thogail.

S dòcha, ma bhios mi beo, gun innis mi dhuibh anns an ath litir, ni-eiginn mu thimchioll an bhòtaidh anns an àite so. Dhfhaodadh sinn a bhi air deanamh moran na bfhearr na rinn sinn, ged nach eh-uile h-àite rinn cho math. Bhòt da fhicheadsa coig an aghaidh na deoch-làidir, agus dithis leatha.

M. D.
Ceap Nòr, Oct. 14, ’98.


Tha caraid amaideach moran nis triobhlaidiche na namhaid aig am bheil gliocas.


AM BARD MAC ODRUM AGUS NA TAILLEIREAN.

Bho chionn tacan ùine bha cuideigin anns a MHAC-TALLAcur fios an robh duine ann a baithne dad mu dheighinn a Bhàird Mhic Odrum. Bha mise feitheamh an dùil gun tigeadh cuid-eigin a mach a bfhearr na mi féin.

Bha Mac Odrum a fuireach an Uidhist a Chinn a Tuath, an àite ris an abradh iad Taobh Loch Euphort. Bhan t-àite anabarrach fadbho dhaoine. Cha bhiodh na tailleirean deònach a dhol a dhobair ann; cha bhiodh spòrs gu leòr ann, na dannsa, na dad don t-seòrsa sin. Bhiodh a bhean a deanamh piosan clò; ’s chaidh e dhiarraidh tailleir uair no dhas cha tigeadh iad. Rinn e an sin òran dhaibh, agusnuair a chualiad an t-òran thug iad bòid nach fuaighleadh iad greim dha ged a bhiodh e falbh rùisgte.

Bhiodh Morair Chlann Dhomhnuill a tighinn tacan don dùthaich a h-uile samhradh, ’s bhiodh coisir do dhaoine uaisle eile maille ris. Bhiodh greadhnachas mor ann an lathathigeadh e; bhiodh moran don tuath a cruinneachadh far am bitheadh e, ’ga mholadh fhéin, ’sa moladh atharsa sheanar. Bha Mac Odrums toil aige bhi nam measg; bha nàirair a dhol ann cho luideach, ach chaidh e anns dhfhuirich e ann an iomall na cuideachd. Thug am Morair an aire dha. Dhfharraid e dhan duinebha ri thaobh con duine bochd a bha sid. Arsan duin’ -uasal, “Sid Mac Odrom am bàrd!” “Agus gu de chuir cho luideach e?” arsam Morair. “Tha,” arsesan, “nach fhaigh e taillear a ni car dha.” “ ’S cinnteach nacheil egam pàigheadh, mata,” arsam Morair. “Tha,” arsan duin’ -uasal; “ach rinn e òran doibh, ’s cha tig duine aca uige.” “Abair ris tighinn far am bheil mi,” arsam Morair. Thainig Mac Odrum a nuas, ’s dhfhoighneachd am Morair dheth gu de chuir cho rùisgte sud e. Dhinnis esan nach fhaigheadh e taillear. Thubhairt am Morair ris an duin’ -uasal, “Thoir thusa dha deise aodaicdh air mo chosg-sa, ’s bheir mise dhan t-àitesa bheil e fuireach saor gun mhàl.”

S e so pàirt dhen òran a rinn e dha na tailleirean:—

Bho thachair dhomh bhim ònaran
Mo chòmhnuidh anns na baghannan,
Tha maodaichean air chòrnaibh ann
S cha chum iad deò dhan àileadh bhuam;
Gun dthainig a samhradh orm
Le gealltannas nan tàilleirean,
S gun aon fhear beòsan dùthaich dhiubh
Aig bheil ri chunntas fàrdain orm.

Labhair mi ri Mac Bhiocair
Se ghealladh tric a shàruich mi;
Gheall em bliadhna, gheall en uiridh,
Dhfhuirich es cha dthainig e;
Cha dean mi tuilleadh briodail riut
Gu bheil mi sgith dhe tàbhartan,
Achs truagh nach drinn iad griasaich dhiot,
Dham biodh na briagan nàdurach.

Labhair mi ri Lachlunn
Air a chladach, ged bha t-Sàbaid ann;
S e thuirt e rium nach ceaird
A bha ri smaointean anns na làithibh so;
Nach faic thu féin bean òg agam
Nach leig ga deòin air fàlchur mi,
Ma dhfhalbhas mi choisich mi,
S cha bhi mi nochd an Càirinnis.”

Ach saoil sibh féin, ’s nach neònach leibh
An spòrs a dhfhàss na tàilleirean,
Faire, faire! co bhios ann,
Ma dhfhoghnas dannsas gaireachdain;
Ma bheireas dragh na trilleach orra,
Drip a mhnaois na paisdean orra,
Chitear feadh na tireadh iad
Nan aoidheachdaichs nan anracaich.

Am faca sibh mac-samhaill
Do na mnathan aig na tailleirean,
N àm éiridh anns a mhaduinn
Gun dad acchuireas blàths orra;
S a h-uile dad de riantanas
Ga iarraidh air na nàbuidhean,
S an bheir ulltach mòine dhi,
Bheir Dia na glòrach pàigheadh dhi.

CALUM MAC FHEARGHAIS.
Port Morien, C. B.


SGEULACHDAN ARABIANACH.

An t-Amadan Crotach.

CAIB. IV.

An uair a chunnaic mi gun deachaidh i mach as abhuthaidh ann an corruich, chuir e dragh air minntinn. Chaidh mimach as a deigh, agus thuirt mi, “A bhaintighearne, an dean sibh de dhfhabhar rium na thilleas a steach don bhuthaidh? Is docha gun teid agam air bhur toileachadhnar dithis.”

Thill i steach don bhuthaidh comhladh rium, agus thuirt i gum bann air mo shon fhein a thill i, agus nach bann air a shon-san.

Thuirt mi ris amharsanta gum bann dhomhsa bhuineadh an t-suim a a bha eg iarraidh air son aphios aodaich. “Thoir thusa don mhnaoi-uasail e ma ta,” arsa mise. “Bheir mi dhut ceud peighinn de phrothait as, agus cuiridh tu sios ann an sgriobhadh gum bheil mig a ghealltainn so dhut, air dhoighs gun cum thu uam e an uair a bhios sinn adeanamh suas na cunntais.”

Rinn e mar a dhiarr mi air, agus chuir mi mainm ris aphaipear a sgriobh e, agus thug e an t-aodach don mhnaoi-uasail.

A bhaintighearna,” arsa mise, “bheir thu leat an t-aodach. Agus ma dheidhinn an airgid, faodaidh tuchur ugam am maireach, no latha sam bith eile; air neo ma thogras tu, faodaidh tu ghabhail uam mar ghean-math.”

Tha mig iarraidh mathanais ort,” arsise, “chaneil miga iarraidh mar ghean-math idir. Tha thu cho fior chaoimhneil riums nach bu choir dhomh daghaidh fhaicinn gu brath tuilleadh mur nochd mi mo thaingealachd dhut. Gum paigheadh Dia thu le tuilleadh a chur ri do storas; agus guidheam dhut a bhith iomadh bliadhna beo an deigh mo bhais. Gun robh geata neimh fosgailte dhut aig uair do bhais, agus gun labhradh gach aon de shluagh abhaile air do chliu.”

Thug na briathran so misneach dhomh, agus thuirt mi, “Chan iarr mi de dhuais air son na nochd mi de



[107]

[Vol . 7. No. 14. p. 3]

chaoimhneas dhut ach gun toir thu dhomh sealladh ceart dhe daghaidh. Ma ni thu so, bidh mi paighte gu leor.”

Cha bu luaithe thuirt mi so na thionndaidh i rium, agus thug i an srol gu buileach bhar a h-aghaidh. Agus be sin an aghaidh bu mhaisiche air an do sheall duine riamh. Cha robh fhios agam ciod a theirinn an uair a chunnaic mi i. Chan iarrainn mo shuil a thogail dith gu brath. Ach air eagal gum faiceadh neach sam bith eile a h-aghaidh, chuir i an srol oirre mar a bha i roimhe, thog i leatha am pios aodaich, agus dhfhalbh i. Dhfhag i mise ann an staid inntinn anns nach robh mi riamh roimhe. Bha mi car uine ann an iomachairt mhoir. Mun dfhalbh mi as a bhuthaidh, dhfheoraich mi dhen mharsanta co bu leis i. Agus thuirt e rium gum bu le aon de dhard-uaislean abhaile i, agus gun dfhag a h-athair moran airgid aice an uair a dheug e.

An uair a thill mi don taigh-osdas a shuidh mi aig mo bhiadh, cha burrainn mi greim itheadh; agus cha mho na sin a burrainn mi mo shuil a dhunadh fhad na h-oidhche, ged a chaidh mi don leabaidh. Ar leam gum bi sid an oidhche a bfhaide a dhfhairich mi riamh. Ann an soilleireachadh an latha dheirich mi, agus chuir mi umam an deise cho maths a bhagam. Dhfhalbh mi cho luaths a fhuair mi deiseil feuch am faicinn sealladh dhi gus an tuilleadh eolais a chur oirre. Ghabh mi direach do bhuth amharsanta, agus cha robh mi fadinnte an uair a thainig abhean-uasal a steach, agus bean-choimhideachd maille rithe. Bha i ann an eideadh moran na bu riomhaiche nan t-eideadh a bhoirre an latha roimhe sid. An uair a thainig i steach, cha do leig i oirre gum faci am marsanta, agus labhair i rium mar so:— “Tha thu faicinn gum bheil toil agam seasamh ri mghealladh. Thainig mi a dhaon ghnothach gus an t-airgiod air son an deachaidh tu an urras orm an de a phaigheadh. Bha e gle mhath dhut a dhol an urras orm, agus gun eolas sam bith agad orm. Cha dichuimhnich mi do chaoimhneas gu brath.”

A bhaintighearna,” arsa mise, “cha ruigeadh tu leas a bhith cho cabhagach; cha robh eagal sam bith orm mun airgiod, agus tha mi duilich gun do chuir thu thu-fhein gu dragh sam bith ma dheidhinn.”

Cha bhiodh e ceart dhomh,” arsise, “gun tighinn leis an deigh cho caoimhneils a bha thu rium.”

An uair a thuirt i so thug i dhomh an t-airgiod, agus shuidh i ri mthaobh.

An uair a fhuair mi an cothrom so air an tuilleadh eolais a chur oirre, rinn mi feum math dheth, agus dhinnis mi dhi gun do thuit mi ann an gaol oirre. Ach dheirich i le cabhaig agus dhfhalbh i, mar gum biodh i diumbach dhiom a chionn mi dhinnseadh dhi gun do thuit mi ann an gaol oirre. Bha mig armharc oirre gus an deachaidh i as mo shealladh. An uair a chaill mi sealladh oirre ghabh mi mo chead dhen mharsanta, agus dhfhalbh mimach as amhargadhs gun fhios agam caite an robh midol.

Bha micoiseachd air mo shocair agus mismaointean air mar a thachair. Agus dhfhairich mi neachg am ribeadh o mchulaobh. Agus an uair a thionndadh mi dhfhaicinn cobhann, ciod a biongantaiche leam na fhaicinn gur i abhean-choimhideachd a bha maille ris amhnaoi-uasail a bhag am ribeadh. “Chuir mo bhana-mhaighstir, tha miciallachadh, abhean-uasal og a bhabruidhinn riut ann am buth amharsanta, mise far am bheil thu a dhinnseadh dhut gum bheil toil aice bruidhinn riut. Ma leanas tu mise bheir mi thu a dhionnsuidh an aite anns am bheil i.”

Lean mi i, agus thug i mi gu taigh bancair. Shuidh mi ritaobh, agus labhair i rium mar so:— “Na biodh ioghnadh ort, ’fhir mo ghraidh, ged a dhfhalbh mi cho ealamh as do chuideachd. Cha robh mimeas gun robh e iomchuidh dhomh, ann an eisdeachd amharsanta, freagairt fabharrach a thoirt dhut a thaobh na h-aidmheil a rinn thu mu thimchioll aghraidh a thagad dhomh. Ach a dhinnseadh na firinn, thug na thuirt thu rium mor thoileachadh dhomh. Tha mig am mheas fhein anabarrach sona gun do thuit do leithid de dhuine gasda ann an gaol orm. Chaneil fhios agam ciod an drughadh a rinn a cheud shealladh a chunnaic tu dhiom ort; ach faodaidh tu mo chreidsinn an uair a their mi, nach luaithechunnaic mi thu na thuit mi ann an gaol ort. Cha deachaidh tu bhar minntinn on de. Agus leis an toil a bhagam dfhaicinn thainig mi gu math trath an diugh don bhuthaidh.”

A bhaintighearna,” arsa mise, agus mi air mo lionadh le gradhs le gairdeachas, “cha burrainn dhomhsa sgeul a chluinntinn bu mho a bheireadh de thoileachadh dhomh nan sgeul a tha thug innseadh dhomh. Cha burrainn gaol a bhith aig fear air te sam bith as mo nan gaol a thagam ort on a cheud uair a fhuair mi sealladh dhiot. Thug amhaise a chunnaic mi annad air mo chridhe geilleadh anns amhionaid.”

Na biomaid acur seachad na h-uine ann an comhradh gun moran feuma,” arsise, “tha mi creidsinn gum bheil gach facal a tha thug radh fior, agus dearbhaidh mi dhuitsa gun dail gum bheil uiread de ghaol agam orts a thagad fhein ormsa. An cuir thudhurram orm gun tig thu don taigh agam? no, an fhearr leit mise a dhol don taigh agad fhein?”

A bhaintighearna,” arsa mise, “chaneil annamsa ach coigreach, agus tha mifuireach ann an taigh-osda, aite anns nacheil e freagarrach do mhnaoi-uasail mar a tha thusadhol. Tha e moran nas coltaiche dhomhsa dhol don taigh agadsa, ma dhinnseas tu dhomh far am bheil e.”

Tha mifuireach air an t-sraid Leathainn,” arsise. “Thig air Di-haoine, mu mheadhain latha, agus feoraich air son an taighe a bhaig Abon Schama nach maireann, a bhana ard-cheannard air an arm; agus gheibh thu mise anns an taigh.” An uair a thuirt i so, dhealaich sinn; agus bha migabhail fadachd gu leor gus an tigeadh Di-haoine.

S amhadainn Di-haoine dheirich mi gu math trath, chuir mi uman an deise a bfhearr a bhagam, agus chuir mi leith cheud bonn oirnam sporan. Thuarasdalaich mi fear aig an robh aiseal gu falbh leam, agus an uair a rainig mi an t-Sraid Leathainn, thuirt mi ris an duine e bha comhladh rium forofhais a dheanamh air son an taighe dhionnsuidh an robh midol. Rinn e so, agus thug e dhionnsuidh an taighe mi. Phaigh mi gu math e, agus thuirt mi ris a bhith cinnteach gun tigeadh e gam iarraidh traths amhadainn gus mo thoirt don taigh-osda.

Bhuail mi aig an dorus, agus ghrad thainig dithis shearbhantan beaga, boidheach, ann an eideadh riomhach a dhfhosgladh an doruis dhomh. “Thigibh a steach mas e bhur toil e,” arsiadsan, “bha ar banamhaighstir aghabhail fadachd gu leor nach robh sibh atighinn. Bha ibruidhinn oirbh gun fhois o chionn da latha.”

Chaidh mi steach troimhn dorus do chuirt a bha gle fharsuinn. Ann am meadhain na cuirte so bha pailliuin mor, agus bha seachd ceumannan staidhreach adireadh thun an dorus aige. Bha e air a chuartachadh le callaid iaruinn, agus bha lios mor-thimchioll air. Bha iomadh seorsa chraobh anns an lios, cuid dhiubh air an robh measan, agus cuid air nach robh. Bha moran eun aceileireadh anns an lios, agus bu taitneach a bhithg eisdeachd riutha agus ri fuaim nan tobraichean a bha tilgeadh an uisge os an cionn. Chord an sealladh so rium anabarrach math, gu h-araidh on a bha fhios agam gun robh an te leis am bu leis gach ni dhiubh ann an trom ghaol orm. Thug na searbhantan a steach mi do sheomar a bha anabarrach mor, briagha. Chaidh te dhiubh, a dhinnseadh dha banamhaighstir gun robh mi air tighinn, agus dhfhan an te eile comhladh rium.

Cha robh mi fad anns an t-seomar an uair a thainig abhean-uasal a steach agus i ann an trusgan a bha anabarrach maiseach le moran sheudan agus dhaoimean. Ach ged a bhan trusgan anns an robh i maiseach, bu mhaisiche na sin a h-aghaidh chiuin, bhlath, fhlathail fhein. Bha pearsa ro eireachdail aice. Is gann a ruigeas mi leas innseadh gun robh aoibhneas mor orm an uair a chunnaic mi i.

An uair a chuir sinn failte air a cheile, shuidh sinn taobh ri taobh air langsaid, agus bha comhradh taitneach eadrainn mu thimchioll iomadh ni. An uair a bha sinn greis acomhradh gabh sinn biadh; agusna dheigh sin bha sinn acomhradh gus an dthainig an oidhche. Air an oidhche bha biadh is deoch is ceol againn, agus chuir sinn seachad an oidhche leis gach solas is toileachadh air an robh miann againn.

Anns amhadainn an uair a dheirich mi chuir mi an sporran anns an robh an leith cheud bonn oir gun fhios fon chluasaig. An uair a bha migabhail mo chead dhi dhfheoraich i dhiom cuin a chitheadh i rithist mi, thuirt mi rithe gun tillinn am beul na h-oidhche. Thug so toileachadh mor dhi, agus lean i thun an doruis mi. Agus an uair a bha midealachadh rithe thuirt i rium mi bhith cinnteach gun seasainn ri mghealladh.

(Ri leantuinn.)


MAIRI NIGHEAN EOGHAINN BHAIN.

Be sin latha na bochduinn do iomadh a h-aon, anns an do dhealaich Mac Chailean ri oighreachd a shìnnsirean, ’san àitesan dfhuair mise mo thogail.

Shaoil le muinntir an Doire-mhòir nach dthigeadh imrich orra am fads bu bheo iad. Am feadh a phàigheadh iad am màl, agus cha robh sin doirbh ra dheanamh, cha robh iomaguin orra; agus aonda cha diarr iad. ’S ann an sin a bha choimhearsnachd chàirdeil, ge nacheil an diugh ach an aon smùid o thigh a bhuachaille ghallda, far an robh roimhe so -theaghlach-dheug a chòmhnuidh.

An a fhuair sinne bàirlinn gu falbh, shaoil sinn nach robh ann ach maoitheadh chum barrachd màil fhaotainn; agus thairg sinn sin gu toileach; ach cead fuireach cha dfhuair sinn. Reiceadh am meanbh-chrodh, agus mu dheireadh beiginn dealachadh ris an aon mhart. Cuin a dhì-chuimhnicheas mise ciùcharan bochd nam pàistean ag ionndrainn a bhainne nach robh ni bfhaide ri thoirt dhoibh? cuin a dhì-chuimhnicheas mis an sealladh ma dheireadh a fhuair mi do mbhadan bòidheach ghabhar, amiogadaich air bile nan creag, mar gum biodh iad ga mfhuran gu dol gam bleodhann? ach cuach cha do leigeadh dhomh a chur fòdhpa. Thainig latha na h-imrich, bha na maoir na chois; agus oiche ni bfhaide cha robh ri fhaotuinn de fhasgadh tighe. Beiginn falbh. Rainig e mo chridhe a ghaoira thug an teine as, air lic an teinteinnuair a bha iad ga bhàthadh. On a dhfhartlaich oirnn bhotan fhaotainn san dùthaich cha robh againn ach a Ghalldachd a thoirt foar ceann. Bhan t-seana-bhean, mo mhàthair-chéile san àm sin beò, na cripleach, lag aosda; thog Iain i ann an cliabh air a dhruim, lean mis e, le Aonghas beag na naoidhean air mo chìch, agus thusa nach maireann, Alastair ghaolaich, adloireanach lag, acoiseachd le dphiuthair ri mthaobh. Ghiulain ar coimhearsnaich leo am beagan airneis a bh

(Air a leantuinn air taobh 110.)



[108]

[Vol . 7. No. 14. p. 4]

MAC-TALLA:

Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uairsan t-Seachdain.

Is toigh leinn aGhailig,
A bardachds a ceol;
Is tric thug i nios sinn
Nuair bhithmaid fo leon:
S i dhionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
BARD NA LEADAIGE.

Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thusa bhlar;
Cho fadsa shiubhlas uillt le sruth.
Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Chan aontaich iad an cainnt non cruth
Gun teid do chur gu bas.”
NIALL MAC LEOID.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

1. Na sgriobh ach air aon taobh den phaipeir.

2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadhs is urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, OCTOBER 28, 1898.

Di-satharna sa chaidh, chaoch Uilleam Purves, aon de na daoine bu mheasail bhann ann Sidni Tuath. Bha e fad thri bliadhndeug na àrd-bhàillidh air a bhaile; cha drinn e ach an dreuchd sin a leigeil uaithe air an earrach sa chaidh. Bha e air aois mhath a ruigheachd, agus bha e tinn o chionn treis a dhùine. Bha e air a thiodhlacadh Di-màirt. Bha àireamh mhor sluaigh air an tòrradh.

Chan eil teagamh sam bith nach robh Innseanaich, Mhinnesota a faighinn aobhair gu leòr air a bhi mi-thoilichte len crannchur, agus gur beag an t-ioghnadh ged a rinn iad ceannairc. Mar a thuirt sinn roimhe, cha do choisinn Riaghladh nan Stàitean ach droch cliùnan déiligeadh ris na h-Innseanaich. Ann an Canada, ’nuair a chuirear fearann air leith do na h-Innseanaich, tha e air fhàgail aca; chan urrainn duine geal no dubh a thoirt uapa a dheòin no dhaindeoin. Ach anns na Stàitean, ged rachadh fearann a chur air leith dhaibh, dhfhaoite mun rachadh bliadhna seachad gum biodh a dharna leth no an treas cuid air a thoirt uapa leis na daoine geala. Cha chuir na h-Innseanaich suas le obair dhen t-seòrsa sin ach fhads is fheudar dhaibh, agus is iomadh ceannairc fhuilteach a rinn iad an tailleabh na h-eucoir sin roimhe so. Bu chòir do riaghladh nan Stàitean ceartas a thoirt do na h-Innseanaich bhochda. Bha latha anns bhuineadh an dùthaich gu h-iomlan dhaibh, ’s bha iadnan treubhan mora lionmhor. Agus an diugh, ’nuair a tha an àireamh a sior fhàs nas lughas gach coltas orra gun teid as dhaibh gu buileach, bu chòir feuchainn ri ceartas agus caoimhneas a nochdadh dhaibh. Chan eil iad cho math no cho tapaidh gu feum a dheanamh dhen talamh ris na daoine geala, ach ged nach eil, bu chòir an cuid fhéin dheth fhàgail aca, agus a bhi déiligeadh riutha cho caoimhneils cho ceartsa ghabhadh deanamh. Nam biodhte deanamh sin, cha bhiodh iad idir cho draghailsa tha iad.

Cluinnear daoine gu tric a gearan gu bheil innealan a cur as do obair, gu bheil iad a cumail obrach o dhaoine le bhi deanamh na h-obrach bu chòir a bhi air a dheanamh le daoine, agus gum bu chòir bacail a chur orra. Chan eil teagamh nach eil tomhas firinn aig daoine leabhras mar sin, agus gu bheil, air uairibh luchd-obrach a call air sàileabh innealan, ach chan eil teagamh sam bith, ma dhamhaircear air a chuis ann an seadh ceart, nach ann a tha innealan a deanamh feum don fhear a thag obairs don fhear nach eil. Le innealan, gabhaidh nithean deanamh moran nas saoire na ghabhas iad deanamh le lamhan dhaoine. Cuiridh sin barrachd féill air na nithean sin, oir bidh daoinegan ceannach nach burrainn an ceannach roimhe; agus bidh sinna mheadhon air obair a thoirt do bharrachd dhaoine aig a cheann mu dheireadhs bha faotainnn obrach an toiseach. Cha chòir a bhig amharc air innealan mar naimhdean don fhear-obrach idir; ’s ann a tha iadnan dlùth chàirdean dha.

Tha cùisean gle chorrach eadar Breatunns an Fraing aig an àm so. Tha iad a còmhstri mu àite ann an Africa ris an canar Fashoda; tha an da dhùthaich ag agairt còir air, agus mur tarruinn aon seach aon dhiubh air aiss en claidheamh a chuireas an gnothuch ceart. Bhuinneadh an t-àite air tùs don Eiphit, agusnuair a ghabh Breatunn os laimh an Eiphit a riaghladh, ghabh i os laimh Fashoda a riaghladh mar aon de Roinnean na h-Eiphit. Ach o chionn àireamh bhliadhnaichean, bha Fashoda air fhàgail fo làimh nan Dervishes, agus chan eil ach ùine ghoirid on thug Breatunn uape. Bha buidheann bheag de shaighdearan Frangach ann am Fashoda air toiseach air an arm Bhreatunnach, agus a chionn gu robh, ged nach robh iad comasach air iad fhéin a dhions ged a tha iad a nise air am biathadh gach latha le ceannard an airm Breatunnaich, (oir chan eil biadh no droch aca fhéin) tha an Fhraing ag agairt còir air an dùthaich. Tha Breatunn a cur an aghaidh sin a muighsa mach, agus tha daoine a feitheamh gach latha feuch de tha dol a thachairt. Mur toir an Fhraing géill, tha eagal gun toisich an cogadh ris an robh dùil aig daoine o chionn fhada. Agus ma thoisicheas bidh e na chogadh eagalach. Tha an Fhraing a cur a cuid airm an uidheam cho cabhagachsa ghabhas deanamh, ach tha na daoine fad-cheannach ag radh nach teid i a ghleachd ri Breatunn mur seas Ruisia air a cùl, nach biodh na comas cumail ri Breatunn leatha fhéin ach ùine gle ghoirid. Ach a dhaindeoin sin chan eil fhios ciod a dh fhaodas i dheanamh.

Tha an geamhradh air tòiseachadh cheana ann an cuid de na Stàitean an Iar. Timchioll air Chicago, shil moran sneachda; bha e ann an àiteachan cho domhainn ri ochd òirlich, agus rinneadh milleadh mor air bàrr leis an stoirm, agus mhilleadh moran shoithichean air Loch Michigan. Tha citheachan sneachda air na sràideans air na ròidean cho domhainns gu bheil stad air a chuir air gach seòrsa carbaid. Cha robh an dùthaich riamh ann an suidheachadh cho dona cho trathsa bhliadhna.


GEUR FHREAGAIRT.

Bha eildeir àraidh anns an àirde-niar, a bha ainmeil air beurradaireachd is deas-chainnt. Chaidh triuir oileanach òg bheadaidh á Glascho a choimhead air, feuch am faigheadh iad beagan spòrs as. ’Nuair a rainig iad faisg, chuir a cheud fhear fàilt air, “Seadh, Athair Abrahaim, cia mar tha thun diugh?” “Tha thu cearr,” ars an dara fear, “ ’s e thaso Athair Isaac.” “H-ud!” ars an treas fear, “tha sibh le chéilemearachd, is e thaso sean athair Iacob.” Sheall afoirfeach gu geur air an triuir ghillean, ’s ars esan. “Tha sibh uile cearr; cha mhi Abraham, no Isaac, no Iacob; achs mi Saul, mac Chis, asireadh asail athar, agus feuch, fhuair mi tri dhiubh!”


IAIN AGUS SINE.

Bha Iain sloighteil agus Sìne bhuaireasach a bhean, air àraidh asiubhail ri taobh aibhne, agus thòisich iad ri trod mar a bàbhuist. ’An ceann gach tiota theireadh Sìne ri Iain, an slaodaire leibideach. Bha Iain air a bhrosnachadh chum na h-uiread fheirg, leis na focail thàireil so air an labhairt co trics gun do thilg e Sìne thar a bhruaich, ann am meadhon an t-srutha. Rinn Sìne bhochd a dìcheall gu tìr a thoirt a mach mar dheanadh gach neach eilena h-àite. Ach cha bu luaithe a ghreimicheadh i air slataig sheilich a bha fàs ri taobh na h-aibhne, na ghlaodhadh i mach le àirde claiginnFeuch riut a Shlaodaire leibidich!” “Mata,” arsIain, is egearradh na slataig le sgithinn, “o leig mi gach ni eile leat leigidh mi sin leat cuideachd.” Leis na h-uile rud a bhann bhàthadh Sìne. Air an amàireach thòisich a càirdean ri feuchainn airson a chuirp sios on àite anns an do thuit i; ach thòisich Iain ri feuchainn suas on áite sin. “Is cinneach gu bheil thu air boile,” arsa neach éiginn ris, “ma tha dùil agad gum faigh thun corp an rathad sin.” “Mata,” ars Iain, “an uair a bha mo bhean beo bha i dol co fad an aghaidh tuigse nàduirs nach biodh bonn iongantais orm air dhi a bhi marbh, ged a rachadh i cho fada an aghaidh an t-srutha.”

'
Chan urrainn dhut paipear Gailig fhaighinn an aite sam bith ach Mac-Talla, ’s bu choir dhut a bhi gle mheasail air.


Am Feillire.

OCTOBER, 1898.

1 Di-satharna Blar na Leargainn, 1263.
2 DI-DONAICH 17mh Donaich na Trianaid.
3 Di-luain Blar Allt Chuailleachain, 1594
4 Di-mairt
5 Di-ciaduin Blar Dhunchaillinn, 1315.
6 Dior-daoin
7 Di-haoine
8 Di-satharna Losgadh Chicago, 1871.
9 DI-DONAICH 18mh Donaich na Trianaid.
10 Di-luain
11 Di-mairt Faotainn a mach America, 1492.
12 Di-ciaduin
13 Dior-daoin
14 Di-haoine Breith Uilleam Penn, 1644.
15 Di-satharna Breith Ailein Ramsay, 1686.
16 DI-DONAICH 19mh Donaich na Trianaid.
17 Di-luain Tuiteam Sebastopol, 1854.
18 Di-mairt
19 Di-ciaduin Bas Chandlis 1873.
20 Dior-daoin
21 Di-haoine Bas Raibeirt Ghordain, 1853.
22 Di-satharna
23 DI-DONAICH 20mh Donaich na Trianaid.
24 Di-luain Bas Dhaniel Webster, 1852.
25 Di-mairt
26 Di-ciaduin
27 Dior-daoin Breith Sheumais Mhic Mhuirich, 1736.
28 Di-haoine
29 Di-satharna Blàr Charrochaidh, 1562.
30 DI-DONAICH 21mh Donaich na Trianaid.
31 Di-luain Oidhche Shamhna.

MUTHADH AN T-SOLUIS.

An Ceathramh mu Dheireadh, L. 7, U. 1, M. 51 M
An Solus Ur, L. 15, U. 8, M. 23 M
ACheud Cheathramh, L. 22, U. 4, M. 55 M
An Solus Lan, L. 29, U. 8, M. 4 M


DHIARRAMAID AIR
NA GAIDHEIL
s air muinntir eile a tha air sonTypewritera cheannach, iad a dhfheuchainn na
Blickensderfer No. 5,
mun ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35 .
Tha seorsachan eile againn cuideachd.
CREELMAN BROS.,
TYPEWRITER CO.
15 Adelaide St. East,
TORONTO, ONT.


GHEIBH THU
AN TI
As fhearrsa Mhargadh.

NA BROGAN
As Fhaide Mhaireas.

AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.

Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c

TORMAD DOMHNULLACH.



[109]

[Vol . 7. No. 14. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Ann am baileSt . John, N. B. ,an oidhche roimhe, bha a chuid mhor de na solaiselectricair an cur as, agus chaidh na carbaid-sraide a stad, le dha no tri easgannan a fhuair do aon de phioban-uisge a bhaile.

Toiseach na seachdain sa chaidh, thuit fear Brown bhar carbad guail a bha tighnn a stigh gu Sidni Tuath, as a mhèinn; chaidh te dha chasan fo na cuidhlicheans bha i air a gearradh dheth. An ceann beagan ùine chaochail e.

Chaidh tri cheud punnd de ghum spruis a chur air falbh do na Stàitean, à Parrsboro, N. S., air an t-seachdain sa chadh. Tha da mhile pùnnd dhen ni cheudna ri bhi air a chur air falbh an ceann mios no dha eile. Cumaidh sin cagnadh ri iomadh cùlag us clàrag fad a gheamhraidh.

Tha iomadh sgeul air a h-aithris mu Impire China: uair a bhios e beòs da uair nach bi. Ach co-dhiubh a tha e beò no marbh tha e coltach gun dfhuair e an droch riasladh o mhuime, agus gun deach aice air a chur bhar na cathrach. Thasan ainm gu bheil i sins Li Hung Chang air pòsadh.

Chaochail fear Deòrsa King ann a Halifacs, o chionn ghoirid, a fàgail mar dhileab aig bràthair us piuthar dha, còta anns an dfhuaireadh an deigh a bhàis: notaichean, leabhar-banca agus paipearan eile, a bfhiach uile gu leir seachd ceud deugs tri fichead us sia dolair. Bha so uile air fhalach fo linigeadh a chòta.

Thatar a fàgail air mnaoi anns an Iar-thuath, gun do mhort i a fear-pòsda agus a ceathrar chloinne féin. Rinneadh an gniomh le tuaigh. Is ban Ghalicianach i. Thainig a cheud bhuidheann den t-sluagh sin do Chanada am bliadhna fhéin, agus ma tha bheag den t-seòrsa mhnathan udnam measg, bfhearr nach dthainig iad. Bu choir don riaghladh a bhi gle fhaiceallach a thaobh luchd-imrich.

Chuala sinn uile mu Lyman Dartt, an gillòg a bha air a dhiteadh gu bàs an uiridh, air son ceannaiche-paca Armenianach a mharbhadh faisg air Truro, agus a fhuair mathanas an deigh sin. Tha e am bliadhna anns an arm Gheancach, agus bha e anns na blàir a chuireadh timchioll air Santiago. Bhiodh ena dheagh shaighdear nam biodh a h-uile h-urchair a loisgeadh e cho marbhteach ris an te a chaidhsan Armenianach.

Bha sabaid shalach eadar daoine gealas daoine dubha ann an cearna de stàit Mississippi, toiseach na seachdain. Bhatar a feuchainn ri duine dubh a ghlacadh air son cionta air choireigin, agus loisg e-fhéin us feadhainn eile bha còmhla ris air na maoir. Ghabh na daoine geala pàirt nam maor, agus mar sin thòisich am blàr. Bha aon duine geal air a mharbhadh, ’s deichnar dhaoine dubha; chaidh àireamh a leòn air gach taobh.

Chuireadh iadsan a bhios acur ugainn òrdugh-airgeid de sheòrsa sam bith, comain oirnn nan toireadh iad fa-near ainm an fhir-deasachaidh a sgriobhadh ceart. Tha sinn air uairean air ar cur gu dragh le daoine bhi feuchainn ris an ainm a chur gu h-iomlan anns an òrdugh, ’s iadga dheanamh air thuaimse. Cuireadh iad annJ. G. MacKinnon,” agus na biodh iad acur John, no James, no Joseph, no Joshua, no Jeremiah, no ainm sam bith eile, an àite na litir J. Tha an t-ainm ri fhaicinn anns gach àireamh dhen phaipeir, agus cha ruig neach sam bith a leas mearachd a dheanamh. Faodaidh daoine, le beagan faicill, moran dragha chaomhnadh do mhuinntir eile.

Cha bhin ùine fada nis gus an tòisichear air obair na mèinn ùire ann am Port Morien. Tha e coltach gu bheil timeannan matha gu bhi ann, agus tha cuid de na teaghlaichean a tilleadh gun seann dachaidhean.

Tha an soitheach Frangach a chaidh a ghlacadh ann an Sidni Tuath air an t-seachdain sa chaidh air son smuglaidh, air a leigeil ma sgaoil, an deigh eàin ceithir cheud dolair a phàigheadh. Chaidh an luchd a thoirt uaipe air chùl sin.

Tha na h-ubhlan gu bhi gle ghann air feadh an t-saoghail air an fhoghar so. Anns na Stàitean cha bhi ann ach mun choigeamh cuidsa bàbhaist a bhi ann bliadhnaichean roimhe. Tha iad gu bhi nas gainne na bàbhaist ann ann an Ontario, agus mar an ceudna anns an Roinn Eòrpa.

Thachair droch sgiorradh ann an Glace Bay, Di-satharna sa chaidh, leisn do chaill fear Hillier a bheatha. Bha egearradh guail ann am mèinn Chaledonia, agus thuit tòrr dheth air a mhuin, ’ga leòn cho donas gun do chaochail e am feasgar sin fhéin. Bha e pòsda, agus dhfhàg e ochdnar de chloinn òg.

Re nan tri bliadhna fichead mu dheireadh, chuireadh air falbh á Halifacs, fiach tri muillein fichead dolair ( £23 ,000,000) de ghiomaich. Len gabhail thar a chéile, bhatar a cur air falbh fiach muillein dolair gach bliadhna. Tha na giomaich nan ni luachmhor don dùthaich so, agus bu chòir feuchainn rin cumail o dhol as gu buileach, mar a thachair ann an dùthchannan eile.

Ann am Boston, aon latha air an t-seachdain sa chaidh, chaidh dithis dhaoine bhag obair air mulltach taighe bhar a chéile, agus thòisich iad air sabaid. Rinn iad greim air a chéile, agus an deigh dhaibh a bhi gleachd car tacain, thuit iad thairis, a bualadh air cabhsair na sraide a bha leth-cheud troigh fòdhpa. Chaidh an toirt le cheile don tigh-eiridinn, farn do chaochail iad an ceann beagan mhionaidean. Thatar ag radh gu robh iad air leth dhaoraich a dol gun obair.

IADSAN APHAIGH.

An t-Urr. Raonull Domhnullach, Glace Bay.
Mairi A. D. Nic Gill-fhaollain, U . S. W. Margaree.
Iain Mac Leoid, Dunbheagain.
Aonghas Mac Asguill, Rudhan Rothaich.
Seumas R. Dùghlach, Grand Mira Tuath.
Uilleam Domhnullach, Drochaid Mharion.
Eos. S. Mac-a- Phi, Pòn Mor.
M. R. Mac Aonghais, Amaguadus Pond, 50c
Coinneach A. Mac Fhearghais, LArdoise Iseal.
Alasdair Mac Rath, Sidni. (25c)
Aonghas Gillios, Sapho , Wash.
Alasdair Mac-an-t- Saoir, North Burns, Mich.
Iain Mac Bhiocair, Rescue , Mich.
Domhnull Mac Leoid, Bad Axe, Mich.
Murchadh Mac Gilleain, High Bank,E. P. I.
Tearlach Mac Coinnich, Elliots P. O. ,E. P. I.
Aonghas Mac Laomuin, Steidhseal, E. P. I.
An t-Olamh A. Domhnullach, Antigonish .
Am Breitheamh Mac Isaic, Antigonish .
Abie Mac Gille-mhaoil, Westville , N. S.


BAS.

Ann anRescue , Michigan,air a 15mh latha dhen mhios so, Uilleam Mac Coinnich, 57 bliadhnas 7 miosan a dhaois. Rugadh e air taobh deas an Eilein Mhoir, anns a bhliadhna 1841. Bu mhac e do Iain Mac Coinnich, a chaochail anns a bhliadhna 1848, afàgail bantrach agus ceathrar chloinne dem besan an t-aon bu shine. ’Nuair a bha e seachd bliadhndeug a dhaois, chaidh e gu ruige Ontario, far an dfhuirich e fad sheachd bliadhna. Phòs e anns a bhliadhna 1860, Sina Nic Gaw, a tha nise air a fàgail na bantraich. Dhfhàg e dithis mhac, Iain. H. agus Màrtuinn. Tha dithis pheathraichean agus bràthair dha beò fhathastMàiri A., a tha pòsda aig fear Lambkin, ann am Michigan; Cairistiona, ann an Ontario; agus Iain, ann an Oregon. Bha Uilleam na dhuine còir air an robh mor mheas aig na coimhearsnaich uile.


Am Bathar as Fhearr.
Na Prisean as Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI, C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt as ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


THE
DAILY RECORD.
PAIPEAR LAITHEIL
CHEAP BREATUNN.

Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B.

A PHRIS:
Bliadhna, $3 .00
Sia miosan, 1.50
Tri miosan, .75
A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH.

Gheibhear anns anRecordna naigheachdan as uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhen t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinneans mu na soithichean, etc., etc.
S COIR DHUT A GHABHAIL.

SGRIOBH GU
JOS . MacDONALD,
Editor and Publisher,
Sydney, C. B.


Am bheil romhad tigh no sabhal ur a thogail? Ma tha, paighidh e dhut do chuid thairnnean, glaine, paipear, paint, aol, plaster, luaidhe, glasan, ludagan, rop agus uidheaman saoirsneachd a cheannach bho

C . P. MOORE.

Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, ma bhios speal, sgrioban, forc no cas forca a dhith ort, theirig gan iarraidh gu

C . P. MOORE.

Nuair bhios a chlann ag iarraidh sgliat no leabhar ur, paipear sgriobhaidh, pinn, no inc, ceannaich iad bho

C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.

Sin an t-aite anns am faigh thu gach ni dhiubh so gle shaor.


AN T-AITE
ANNS AN CEANNAICH THU
Suic agus
Iaruinn Cruinn,
Creamers,
Soithichean Bainne,
Airneis-taighe,
Stobhaichean,
Flur, Min etc., etc.
AN STOR AIG
Isaac Greenwell,
SIDNI, C. B.



[110]

[Vol . 7. No. 14. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 107.)

againn, agus thaisbein iad gach caoimhneas a burrainn caomh chairdeas a nochda. An a dhfhàg sinn an Doire-mòr, shaoil mi gun sgàineadh mo chridhe; bhithinn ceart, air leam, nam faigheadh mo dheòir sileadh, ach faochadh air an dòigh so cha dfhuair mi. Shuidh sinn greis air cnochd nan càrn, agabhail an t-seallaidh ma dheireadh den àite san dfhuair sinn ar n-àrach. Bha na tighean cheana gan rùsgadhbha méilich nan caorach mòr air a bheinnfead a bhuachaill ghallda, agus tabhann a chuid con air an uchdaich. Bha sinn brònach, ach taing Dhà-san a thug duinn an comas; cha chualas guidhe no droch-rùn o a h-aon againn. “Chan eagal duinn,” arsIain, “than saoghal farsuing, agus seasaidh Dia sinn; tha misann an so agiulan mo mhàthar, agus thusa Mhàiri, agus mo phàistean ag imeachd maille rium, air an imrich bhochd so, ceart co sonadh, agus math a dhfhaoidte am chulaidh-fharmaid co mòr ri oighran fhearainn, a chuir air an allaban sinn.”

Ciod a thagad air, ach gun dràinig sinn Glaschu, agus le litir an duine bheannuichte nach maireann, mo mhinisteir gaolach, (is beag a shaoil mi nach faicinn tuille a ghnùis fhlathail,) fhuair sinn a stigh do obair Chotain, far an robh cosnadh maith seasmhach aig Iain, agus aig na pàistean, mar thainig iad air an adhart. Bha sinn socrach, agus tha dòchas agam gun robh sin taingeil. Bhan t-seana-bhean fathasd beo, —a tùr agus a meodhair aic’, mar a bha riamh. Bha do chonaltradh taitneach aice mu eachdruidh na Gaeltachd, ’s gum bfhaochadh do Iain, ’nuair a thigeadh e stigh sgìth on obair, suidhe sios a sheanachas leatha. Fhuair sinn deagh chothrom a thoirt don chloinn; leughadh iad a Bheurlagus a Ghaelic co’ -ionann; agus na chunnaic an t-seana-bhean riamh, ach a bhi gad éisdeachds’, Alastair rùnaich, aleughadh a Bhiobuill, agus leabhraichean maith eile a bhiodh agad, agus is tusa dheanadh sin gu suidhichte, cialluch. Thoilich e Dia an t-seana-bhean a ghairm air falbh; agus thuit i ann an suain a bhàis, atiomna suas a h-anama don t-Slanuighear bheannuichte chaidh gu bàs air a son. Dhionndrain sinne i gu mòr; an àite bhi taingeil an fhads bu deòin le Dia a caomhnadh, ’s ann a bha sin ga caoidh thar tomhais. Smachdaich Dia sinn. Ghabh mo mhac lurach, àluinn am fiabhrus gabhaltach a bha san àm sinsa bhaile mhòr agus beagan na dhéigh sin ghabh athair agus a phiuthar e. ’S ann aige-san a mhain a thug comas domhs a sheasamh, aig a bheil fhios air na dhfhuiling mise san àm. Na canadh daoine gu bràth nacheil iochd anns na Gaill; is mi nach dfhuair gun iochd iad. Ged a chum eagal an fhiabhruis air falbh a chuid bu mhò de mluchd-eolais, thog Dia suas domh càirdean a sheas mi; ghabh bana-choimhearsnach air nach robh ach beag eolais agam, mo chaileag uam, agus chuir mi Aonghas, a sheachain am fiabhrus, do thigh caraid. Thugadh an duine agus Alastair don Tigh-eiridinn, am bràighe bhaile, agus dheònaicheadh dhomh fhein an leantuinn. Bu trom airsneulach mo cheum, as déigh a charbaid a bhagan giulan. Shaoil mi nach burrainn domh a bhi ni bu bhrònaich ged bhithinn gan leantuinn don Chìll; ach, O! ’s fhad o chéile, mar dhfhairich mise, an ni. Chualadh mi cho liugha sgeula man Tigh-eiridinn, ’s gun robh oillt orm roimhe. Achs mi nach ruigeadh a leas; chuireadh iad ann an seomar a dhfhòghnadh do righ, agus leigh agus muime-thinneis a fhrithealadh dhoibh, a bha co cùramach umpas ged a biad a bionmhuinne leo a bhair aghaidh an t-saoghail.

Cuig-latha-deug an déigh dhoibh dol a stigh, air maduinn a Chomunaich, chaidh a ghuin sin annam chridhe nach dthainig agus nach dthig as. Chaill an saoghal, on àm sin, dhomhsa mòran da thlachdchaochail thusAlastair, a mhic mo ghràidh, nach dubhairt riamh ri dathair no ri dmhàthair gum bolc. Ach carson a bhithinn agearan, ’s ann aige fein a ghairm da ionnsuidh e a bham barrachd còir air? chaneil againn ach a bhi strìochdta. Dhfhalbh Alastair, ach taing don Athair chaomh cha dfhalbh an t-iomlan; thainig Iain uaithe, agus ochd seachduinean an déigh dha dol a stigh, phill sinn a rithist dachaidh. Ach, O! ’s ann air an dachaidh sin abhan t-atharrachadh. Alastair cha robh ann.— ’S esan a bàbhuist leughadh duinn anamoch, an àm gabhail mu thàmh. Mhothaich mi fhìn an neul bochd a bhair gruaidh an duine, ’nuair a thuirt e, “A bhean càite bheil am Biobull? Thoir ga mionnsuidh fein an nochd e.” “Thig an so, Aonghais,” arsa mise, “agus gabh am Biobull.” “O! nach fìor,” arsIainthig a nall a laochain, buidheachas do Dia gu bheil thu ann.

Cha robh comas aig an duine gu cosnadh a ghabhail; bha e lag, fann gun mhisneach. Cha robh againn ach na bha Aonghas atoirt a stigh o gu , air chors gum beiginn domh bhi reic uidh air uidh cuid den airneis a bfhearr a dhfheudamaid a sheachnadh, ann an dòchas gun dthigeadh làithean a bfhearr. Ma dheireadh bham màl ri dhioladh, ’s gun dad ma choinneamh. Thog Iain air a mach le uaireadair Alastair, agus ainm mfheudail air a ghearradh air a chùl. Thìll e stigh an déigh am màl a phàigheadh, agus leig e e fein na shìneadh air an leabuidh gun fhocal as a cheann ach mar thug Dia man cuirt air a cheart fheasgar sin, a thainig a stigh ach a ministeir, agus be sin céilidhn àigh dhuinne. Rinn e mòran seanachais; chuir e suas ùrnuigh a dhrùigh air a cridheachan. Thog ar misneach gu mòr, bha chainnt mar dhrùchd an anamoich air luidhibh maoth a bha seargadh.

Bha slaint Iain ateachd air a h-aghaidh, agus fhuair e gne de chosnadh eatrom fad na bliadhna; ach oiche de na h-oichean sin, toiseach a gheamhruidh, o cheann chuig bliadhna, thainig Aonghas a stigh, agus mulad mòr na ghnùis, mar gum bitheadh e gul. Ciod a thort a ghràidh? arsa mise, Chan eil mòran, a deir e. Theagamh gum fosgail àiteil, ged a than obair anns a bheil mi an déigh stad. Than luchd-oibre air éiridhan aghaidh am maighstir, ag iarraidh àrdachadh turasdail, agus amaoitheadh an obair a losgadh mar géill iad doibh. Tha iad an déigh sgrìobhadh a tharruing a mach, agus tha iad abagradh olc a dheanamh air gach neach nach cuir a làmh ris. Bha Iain na shìneadh san leabuidh, agus co luaths a chual e so, thog e cheann, agus thuirt e tha dòchas agam, Aonghais, nach do chuir thusa do làmh ris an droch phaipeir sin. An e mis, athair, arsam balach bochd, da rìreadh cha do chuir, agus cha chuir? Cha chuir a laochain,” arsathair, “bi dìleas, onarach, mar bha na daoinon dthainig thu. Seas thusa ri drigh agus ri laghannaibh na rioghachd, agus na biodh companas agad riu-san a thag iarruidh gu mi-riaghailt. Tha againn na dhfhòghnas an nochd, agus na chuireas seachad an tS-àbaid, isnnair a thig di-luain fosglaidh Dia dorus eile. Thig Dia ri airc, ’s chan aircnuair thig. Gabhamaid gu tàmha nall na leabhraichean Aonghais, agus thugamaid buidheachas do Dhia. Gabhamaid an nochd 146 Salmtogamaid am fonn le chéile. Is minic a sheinn mi e sa chuideachda mhoir, maille ri cuid diubhsan nach eil a nis rim faotainn air aghaidh an t-saoghail is cha chuala mi riabh e nach dthug e faochadh do mchridhe.

Chaidh sinn don eagluis air an màireach, agus chuala sinn teagasg a chuidich leinn an saoghal bochd so aleigeadh air -chuimhn. Is beannuicht’, a deir Iain, ’nuair a phill sinn dachaidh, latha na sàbaid; ’se Dia fein a chuir air leth e.

Toiseach na seachduin thainig dithis dhaoine on obair Chotain, air an robh sinn eolach, ag iarruidh air Iain agus air mo mhac seasamh a mach leo, nach robh feum dhoibh fuireach air leth, agus alabhairt mòran mu fhoirneart, agus sannt nam marsantan mòr, agus anabarrach eile mun righ, agus man rioghachd nach burrainn domhs a thuigsinn. Fàgaibh mi, arsIain, chaneil stàdh dhuibh bhi labhairt nis faide. Cha seas mis a mach, is cha mhò a ni mi lochd air na daoinibh còir a thug dhomh cosnadh o thainig mi don àite; agus a fhuair mi gu fìrinneach seasmhach anns gach càs. Fàgaibh michaneil fuil na ceànnaìrc ann am chuislibh. Dhinnis iad dha gun robh enan comas cuideachadh a dheanamh ris, gun robh airgiod aca a thainig a Sasunn, arson cobhair nam feumach a sheasadh leo; agus mar chomharadh air so, thairig air bonn crùin fhàgail aige. Chan fhàg, ars Iain, chan fhagar sgillinn dar n-airgiod san fhàrdoich so; tha mallachadh na chois; cha sheas mise libh, ni a ni mo mhac. Chan eil agam ach e, chunnaic mi a bhràthair, mo dheagh mhac dileas air a ghiulan don Chìll, gun chomas a bhi fo cheann, as bu chruaidh an deuchainn e; ach bfhearr leam esan a tha làthair fhaicinn air a chàramh ra thaobh, na e bhim broilleach na muinntir a thag iarraidh fuil agus aimhréita thoirt air an dùthaich. Togaibh libh ur n-airgiod. Chaneil peighinn an nochd amfhàrdoichchaneil sgillinn ruadh agam air aghaidh an t-saoghail; ach an a dh éirinn libhse gun robh mi gun fhasgadh na h-oidhche. Falbhaibh, arsesan, ach guidheam oirbh, togaibh dar n-amaideachd; cha shoirbhich libh. Rinn iad glag gàire, nuair a dhfhalbh iad, adeanamh fanoid air a chainnt.

Bha an déigh adol seachad, agus cha robh cosnadh ri fhaotuinn, bha gach ni a ghabhadh reic air falbh ach an leabuidh agus trealaich bheag eile nach bfhiach a chur a mach. Chaill Iain a shunnd gu buileach. Cha rachadh emach air an dorus, ach aturamanaich taobh a ghealbhain gun smid as a cheann. Bha againn Biobuill ùr a bhuineadh do Alastair; mhothaich mi an duinegan toirt a mach an dràs agus a rìs, as an aite san robh iad glaiste; agus an déigh dha sùil a thoirt orra, chithinn esile nan deuraclisgeadh air ais le osnadh throm, agus gan càramh rìs anns a cheart àite san robh iad. Cha reic sibh iad, sin athair, arsAonghas, agus mise beo. Da rìreadh a mhic cha bu maith leam dealachadh riu, nam burrainn domh.

Air an fheasgar sin fein chaidh Aonghas amach, agus o nach do thill e san àm am bu ghnà leinn gabhuil mu thàmh, bha sin fo iomagain mhòr uime. ’Nuair a thainig e bha seorsa de lasadhna ghruaidh, agus togail éiginn na ghnùis a chuir ìoghnadh agus eagal oirnn. Athair, arsesan, thoir maitheanas domh, agus a mhàthair mo ghràidh, na dean thusa mo dhìteadh. Cha reic sibh Biobuill Alastair, ni an leabair abheil sibh aluidhe. Sin agaibh na chuidicheas libh. Thug e mach deich buinn òir, agus chàirich e air a bhòrd iad. Chlisg athair le oillts mar biodh taice ra chùl bha e gu glan thairis air an ùrlar. Ciod e so a rinn thu, a mhic, ’se bualadh a làimhe air uchd, ciod e so a rinn thu? An do leig Dia gu builich thar a làimh thu? Ciod tha mig ràdh a dhéirich dhuit. “Cha déirich,” arsAonghas, “ach gun do ghabh mi san arm. Tha mi nochd amshaighdear aig Righ dearg Deorsa; agus tha dòchas agam nach dthoir mi nàire air mo dhaoinibh no air mo dhùthaich.” Thog Iain a shùil, agus thìll an fhuil a bhan déigh a ghruaidh fhàgail. “Aonghais, thig dlù dhomh; dhfheudadh e a laochain a bhi ni bu mheasa; ’se dh



[111]

[Vol . 7. No. 14. p. 7]

fheudadh; O! ’s math nacheil; ach carson nach dinnis thu dhuinn na bha adbheachd?” “Cha bhitheanta le òigridh,” a deir e, “an comhairle chur rin athair no rim màthair man gabh iad an t-or; agus is maith don Righ gur ann mar so a tha. Ghabh mi aig Fear an Earrachd, agus gheall e tighinn am màireach, agus mo leithsgeul a ghabhail.” Air an màireach thàinig Ailean mòr mar a gheall e, agusnuair a thuig e sinn, rinn e còmhnadh mòr ruinn. Ciod a tha ri ràdh, ach nach do chaill e sealladh air Aonghas fhads a bha e fodha. Thog e ceum air cheum e san arm; tha e nis air a rathad dachaidh, le saor dhuais o Righs o dhùthaich a chumas socair e fhads as beo e. Tha e nis réidh den t-Saighdearachd tuille, agus tha dùil againn ris dachaidh fo cheann mhìos. Tha Iain na shlainte, fhuair e àite aitheasach o na daoinibh cneasda nach do dhìobair e. Tha mo nighean pòsda ri gille glic, grunndail a mhuinntir na Gaeltachd, agus a nis buidheachas don Ti ghràsmhor a fhreasdail dhuinn. Tha guth an aoibhneis ri chluinntinnnar measg. Thainig cruadaln ar caramh, ach bheannuich Dia e chum ar maith. Sheas e leinn anns gach cruaidh-chàs a thainig oirnn. ’S minig a thig Iain, ann an comhnaltradh an anamoich, thairis air gach ni a thainignar caramh, alorgachadh mar is fhearr a dhfheudas e ceumaibh freasdail an Tighearna chum leas ar n-anama. ’S i chainnt, is maith dhomh gun robh mi fo thriobluid; agus de na h uile aobhar sòlais a thagainn, chan en t-aon is lugha, gu bheil Aonghas, do réir gach cunntais, cuimhneach air a Dhia, agus gràdhach mu Shlanuighear. Cha do dhealaich e riabh ri Biobull a bhràthar, Is minic a bha e air a shiubhal air latha bhlàir; agus na cheann-adhart da an àm na h oiche ann an tìr chéin. Tha eg innse dhuinn gun robh a cheart leabhar so air a bheannachadh, chum math do mhòran da cho’ -shaighdiribh gam bàbhaist da a leughadh. Agus a nis nach ann againn a than t-aobhar gu bhi taingeil! O na cailleadh daoine gu bràth an dòchas ann an Dia! na dthugadh cruaidh-chàs no bochduinn orra a lagh a bhristeadh, no dearmad a dheanamh air òrduighibh. Mar is àirde buaileas an doinionn, gu ma h-ann mar sin as dlùithe a theicheas iad fo sgaile na creige mòire anns an tir airsneulaich. Thuirt thus’, a Thighearn, agus is fìrinneach do briathra gu leir,

A chionn gur ionmhuinn leis-san mi,
Sàr-fhuasgladh bheir mi dhà;
Air mainm a chionn gur eolach e,
Ardaicheam e gach .

Gairidh e orm, is freagram e;
Na thrioblaid bitheam leis;
Onoir is urram bheir mi dhà,
Is fuasglam air gu deas.”

Is sinne da rìreadh a dhfhiosraich gur fìrinneach esan a gheall; agus uime sin a deir mi ann an cainnt na sailm cheudna,

Their mi a nis mu thimchioll Dhé,
Mo thearmunn e, ’s mo neart;
Mo dhaingneach: cuiream dòchas ann:
Mo Dhia, ’s e Dia nam feart.”

An Teachdaire Gaidhealach.


SGEUL BHON BHEURLA.

Tha fios gu math gur ainmig le gin don luchd-àiteachaidh am bàs fhaotainn ann an Ochiltree. ’Nuair a dhfhàsas aon den t-sluagh sgith de bheatha, feumaidh iad an cairteil a ghabhail ann an cearna eile den dùthaich. Achs ainmig le bheag don t-sluagh fàs sgith dam beatha, agus air an aobhar sin fanaidh iad air an fhearann is anns an tighsan do rugadh iad, gun teid an aois thairis air a bhi air a gleidheadh air chuimhne.

Bha an Còirneal Mac Dhùghaill an deis dha tilleadh as na h-Innsean, latha a gabhail an rathaid. Thainig e air seann duine a bha na shuidhe air cloich mhoir ri taobh an rathaid, ’s e beucails a caoineadh gu goirt. Air don chòirneal tighinn a nios far an robh e, dhéirich an seann duines thiormaich e a shùilean; thug e dheth a bhoineids thubhairt e, “ ’S e do bheatha dhachaidh gu tir do dhùthchais aon uair eile, a chòirneal.” “Gu robh math agad,” arsan còirneal; ’s an deigh stad car tacain thubhairt an còirneal, “Is gann a dhaithnichinn thu, nach tusa Aonghas Mac Cullach?” Tha thu ceart a chòirneil; ’s mi fein a thann,” arsa Aonghas. “Feumaidh gu bheil thu aois mhor a nis, Aonghais?” arsan còirneal.” “Chan eil mi ro shean,” ars Aonghas; “chan eil mi ach direach air tionndaidh ciad bliadhna.” “Ciad bliadhna!” ars an còirneal, ’s e smuaineachadh; “aois mhor! Feumaidh gu bheil na h-uile latha dheth. Ach tha e cur ioghnadh orm duine de daois-sa, ciad bliadhna, a bhi na dshuidhen so ri taobh an rathaid, a rànaichsa caoineadh mar gum bitheadh pàisde ann; gu ne air thalamh an rànaich a bhort?” “ ’S e mathair a ghabh orm,” ars Aonghas, ’s e caoineadh a rithist; “ ’s chuir e mach mi, ’s rinn e sin.” “Tathair,” thubhairt an còirneal, le ioghnadh, “am bheil tathair beò fhathast?” “Beò,” ars Aonghas; “tha gle bheò; ’s ann agamsa tha fios air, gum chall.” “Caite bheil e?” ars an còirneal; “nach anabarrach an aois a dhfheumas e bhith; bu mhath leam fhaicinn?” “O, tha e shuassan t-sabhal a sin shuas,” ars Aonghas, “ ’s chan eil e ann an nàdar ro mhath nas mo aig an àm.” Chaidh iad le chéile asuas thun an t-sabhail, agus fhuair iad an t-athair trang a bualadh eòrna le sùiste mor, ’s e dol air aghaidh a caint ris féinsa trod gu h-anabarrach. Air faicinn a Chòirneil agus Aonghais a tighinn a stigh stad e, ’s thug e dheth a bhonaids chur e fàilte air a chòirneal. Air don chòirneal an seann duine fheòrich agus failte a chur air, chuir e a cheist ris: “Carson a ghabh thu air Aonghas an diugh?” “An garrach òg,” fhreagair an t-athair, “chan eil a bhith beò na cur suas leis; tha e daonnan ann an cron; béigin domh gabhail airsa mhaduinn air son a bhi clodadh chlach air a sheanair!” —Eadar. le Alasdair Mac Ealair.


THE OLD WOMAN.

LE DONULL MAC CALUM.

Bha aig Lady Lora puithar dam bainm Lady Bess. Bha stòras mòr aig Lady Bess a dfhàg a h-athair aice. Bha na baintighearna so a mach air a chéile cho mòrs nach robh iad a taghal air a chéilidir. Tuigidh tun t aobhar nuair a dhinnis mi dhuit gur h-iold womana bhann an Lady Bess. Tha fhios agad mar tha bhan Lady Lora.

Ged is ioma tairgse mhath a fhuair na baintighearnan so, dhfhan iad riamh gun phòsadh. Bha anold womana feitheamh ri fear aig am bitheadh uiread stòraiss bhaice féin, a chuireadh a mach sgillinn air an sgillinn rithe. Bhannew womana feitheadh ri fear a bhitheadh ann an inbh cho àrd rithe fein, no ri Achd Pàrlamaid a bheireadh titil na mnaoi don fhear. Bha duine bochd uair a burrainn M.P. , a chuir ri ainm ga h-iarraidh, achs ann thuirt i ris—“My dear Sir, get a law passed by which after marriage we can print on our visiting cardsLady and Lord Lora of Fernfield,’ and I shall marry you. ”

Mur biodh na baintighearnan so a tiomnadh an cuid do neach eilese Mr. Jack a dhoidhricheadh orra. Ach chuirThe Hon. Lora Bessroimpe, le bhi cumail a stigh orra le chéile, gun tiomnadh iad le chéil’, an cuid dhise. Thug i fad ùine mhòr a dheanadh so agus shoirbhich leatha cho maths gun do thiomainn iad an cuid le chéile dhith. Dhéirich doThe Hon. Lora Bessmar dhéirich do mhòran, ann a bhi glacadh tuiles a chòir chaill i na h-uile.

Bha duil aig Lady Lora gur h-inew womana bhann Lora Bess, agus bha dùil aig Lady Bess gur h-iold womana bhinnte. ’S ann air a shon sin a dhfhag iad an cuid, le chéil’, aice. Bhrath an paipeir naigheachd an Venus orra. Nuair a leugh na baintighearnan an sgeul so ann thug iad, gun dàil, a h-ainm ás an tiomnadh—“Society Gossip: The Hon. Lora Bess, the wealthy heiress of Fernfield, promises to become a woman of many parts. On Monday night, at Court Royal Primrose League entertainment, arrayed in a flowing robe of green silk, embroidered with golden cord, accompanied by her aunt, the beautiful Lady Lora, she gave a lecture onMatriarchy among the Savages.’ On Friday night at Peabody Buildings Dorcas Society Kitchen Soup party, dressed in a russet frock of Lewis tweed, accompanied by her aunt, the good Lady Bess, she gave a lecture onHow to darn our husbands Stockings.’ ”


AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leighsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH
agus TEANNTACHD.
Cuir a dhiarraidh sampuill us teisteannas.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia.
agus
127 State St., Boston Mass.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c .
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B.


D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C.B.


J . S. BROOKMAN, M. D. ,
LIGHICHE.
OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot.
SIDNI, C. B


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.

Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

Niall Mac Coinnich,
Sidni, C, B.


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Floiri Nic Fhionghain
acumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan acosg.

ADAN,
BONAIDEAN,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN,
GEUGAN.

agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor.

FEUCH GUN TAGHAIL THU.



[112]

[Vol . 7. No. 14. p. 8]

BATHAR CRUAIDH.

Tha mi a nisecumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gun taghal thu orm. Tha mi, mar a babhaist, acreic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha micreic gach ni gle shaor.

Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.


J. E. EISAN.
PIANOS AGUS ORGAIN.
AN SEORSAS FHEARR A THATAR A CREIC.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, C. B.


THA EARBSA
aig daoine ann am maidsichean Eddy— ’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a thacoltachri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum.

Than t-ainm so na urras air mathas.

THE
E. B. EDDY Co., Ltd.,
HULL, CANADA.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
Stewartdale , C. B.

CLOTH, DROGAID,
AGUS
PlaideachanEUREKA.”

Mu dheich air fhichead seorsa aodaichga chreic.
Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige.


SOUTH END WAREHOUSE.

FLUR AGUS MIN,
TI AGUS SIUCAR,
FEOIL AGUS IASG.
FIAR AGUS COIRCE,
BIADH DHAOINE,
AGUS
BHEOTHAICHEAN.

Amhlan dhe gach seorsa, agus iomadh ni eile nach gabh ainmeachadh an so.
Taghail, agus cha mhi-chord na prisean riut.
Caipt R. Mac Neill,
Sidni, C. B.


[Dealbh]
Tha sinn a nisenar luchd-gnothuich aig a
CHANADACARRIAGE CO. ,
air son Eilean Cheap Breatunn.

Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead lecheannach uainne.

Tha sinn mar a babhaist acreic Truncaichean, Màileidean, Acuinneach, Bratan-carbaid, Cuipichean, Carbadan Cloinne, Olla, Dubhaich Bhròg, &c ., &c .

F . Falconer & Son,
Sidni, C. B.


NUAIR THEID THUBHADDECK
TAGHAIL AN STOR
Albert I. Hart.
Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.

Bathar Tioram,
Bathar Cruaidh,
Amhlan,
Aodaichean,
Caiseart, Adan,
Curraichdean,
Agus iomadh ni eile.

An seorsas fhearrs aphris as isle.


MAC-TALLA.

Gu ma fada beo aGhailig.”

Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.”

Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais.

DO DHLEASANAS.
A bhi gabhail MHIC-TALLA.
A bhi leughadh MHIC-TALLA.
A bhi pàigheadh MHIC-TALLA.
A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a churna rathad.

An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan.

Cha robh a leithid ann roimhe, ’s chan eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast.

Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tighn a mach uairsan t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut.

Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dhfhalbh.

A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do tinntinn.

Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig asgriobhadh gu daonnan dha; agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og.

Is abhaist do dhaoinenuair a bhios iad acreic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhicur pris ardna cheann; ach chan eil MAC-TALLAdeanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadhsa chumail suas, agus uime sin chan eil e cosg da luchd-gabhail ach

DOLARSA BHLIADHNA.

titleIssue 14
internal date1898.0
display date1898
publication date1898
level
reference template

Mac-Talla VII No. 14. %p

parent textVolume 7
<< please select a word
<< please select a page