[Vol . 7. No. 15. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, NOBHEMBER 4, 1898. No. 15.
NA GIOSRAGAN.
Cha robh tinneas, no tuiteamas, no dochann, nach robh “orra” aig na seann Ghàidheil air a shon. Bha “eolas” fhein aig gach seorsa trioblaid, agus cha deanadh an t-eolas a bha air son an dara rud feum sam bith do ’n rud eile. Tha e mar sin soilleir gu ’n robh na “h-eolais,” no na “h-orrachan,” gle lionmhor. Ach tha chuid mhor dhiubh air a dhol air chall; cha ’n eil ach fior bheag dhiu ri ’m faotainn an diugh. Bha luchd nan geasan ga ’n ionnsachadh gu curamach ’s ga ’n gleidheadh air a meodhair, ullamh gus an cur an cleachdadh ge b’e àm sam biodh feum orra. Bha na “h-orrachan” ri bhi air an ionnsachadh bho chach a chéile; ach air chor sam bith cha ’n fheudadh firionnach “orra” ionnsachadh do dh’ fhiorionnach, no boirionnach do bhoirionnach, air neo cha bhiodh eifeachd air an t-saoghal annta. Dh’ fheumadh cailleach na buidseachd a h-eolas diomhair a thoirt do bhodach na buidseachd, agus mar sin am bodach do ’n chaillich. Bha mar so gach orra us eile air an cumail air chuimhne o linn gu linn, agus làn chreideas aig daoine ga thabhairt do dh’ eifeachd na nithe sin.
’S cinnteach gur fhad’ o’n chuala tu iomradh air “Eolas air sniomh,” no “Eolas sgochadh Feithe”; ’s e seann leigheas a th’ ann. Bha Iain Ruadh Stiubhart ga chur ri chois leònte latha Cuil-fhodair:—
Ni mi ’n ubaidh rinn Peadar us Pòl,
’S a luighean air fas leam bruaich;
Seachd paidir ’n ainm sagart us pàp,
Da chuir na phlasda mu ’n cuairt.
Ach so mar bha ’n leigheas gu bhi air a dheanaibh: Bha ’n Geusadair no fear nan geusan a cur snathain na bheul agus ag aithris na rainn a leanas:—
Chaidh Bride ’mach
Air maduinn mhoich
Le caraid each.
Bhris fear ac’ a chas.
Chuir e glun ri glun,
A’s cnaimh ri cnaimh,
A’s feith ri feith—
Mar leighis esan sin,
Gu leighis mise so.
Bha ’n snathainn an sin air a ceangal mu ’n alt leonta, far an robh e gu bhi air fhàgail gus an tuiteadh e air falbh leis fhein. Ma bheir aon de d’ luchd-leughaidh siaradh da chois a measg nan creag an Ceap Breatunn, so agad leigheas da. Tha mi ga thoirt seachad a nasgaidh; ach ’se ’s docha gu ’n d’ fhalbh a bhrigh as, oir cha b’ ann o bhana-bhuidseach a fhuair mi e, ach o’n t-sar dhuine uasal agus an t-ard sgoilear, Mr. Alasdair Mac Ille-Bhain, an Inbhernis.
Tha orra eile agam a bha air a meas luachmhor anns na laithean o shean, agus air am bheil feum aig iomadh duine bochd fathast, ma tha feum innte: ’se sin eolas air an deideadh. Bha e deanta mar so: Bha ’neach aig an robh an “t-eolas” a sgriobhadh sios an rann a leanas air mir paipeir agus ga thoirt do ’n neach air an robh an deideadh. Bha neach sin ga chur gu curamach na phòca, no an àite gleidhteach eigin na eudach cosg, dluth air a phearsa. Cha robh an rann ri bhi air fhaicinn no air a leughadh le fear an deididh; na sealladh e air chailleadh an orra ’cumhachd. Thigeadh an deideadh air ais agus cha deanadh paipeir eile feum sam bith na aite. So rann a bha air a chleachdadh. Tha mi ga thoirt duit anns an t-seann Ghaidhlig Eirionnaich mar a leanas:—
Ordu Thomuis togaide,
I toeb Crist cen chinaid—
Ron-icca mo deta cen guba
Ar chruma is ar idbain.
No ann an Gaidhlig Albannach mar so:—
Ordugh Thomais thaghta
An taobh Chriosd gun chionta—
Slanaich (iocshlaint) mo dheud gun chaoidh
’O chroimh agus o phein.
Bha doigh eile air an deideadh a leigheas. Bha bioran calltuinn, mu choig orlaich a dh’ fhad, air a dheanamh biorach anns an dara ceann, agus air a chumail eadar na fiaclan aig fear an deididh fhad ’sa bhiodh e ag radh na rainn so:—
Seachd paidir a h-aon,
Seachd paidir a dha,
Seachd paidir a tri,
Seachd paidir a ceithir,
Seachd paidir a coig,
Seachd paidir a sia,
Seachd paidir a seachd.
An orra rinn Muire mhin
Do Phadruig uasal, àluinn,
Air croimh, air cheann, air chinn,
Air ruaidh, air at, air arraing.
Thuirt Abraham ri Iosa Criosd
’S iad a falbh air sliabh Bhreitris,
“Cha ’n urrainn mise coiseachd
No marcachd leis an deideadh.”
Thuirt Esan ri Abraham,
“Cha bhi chroimh sin anns a cheann sin:—
Mach an deideadh! mach an deideadh!”
Da uair an deigh a cheile.
Fios air neamh is fios air thalamh,
Fios aig do righ air do ghalar;
Croimh is deideadh chuir fo ’n talamh.
Seachd paidir a h-aon,
(Dha, tri, ceithir, coig, sia),
Seachd paidir a seachd.
Neart nan seachd paidir
Rinn Muire Mhor do Thriath nan dul,
Do ’n chleireach naomh; cur do dhonas is do dholas
Air a’ chlaich ghlais ud thall,
’S air buidheann na h-eucorach!
’S docha nach eil rùm agad do ’n chorr air an t-seachdain so. Bheir mi dhut tuilleadh dhe so ann an àireamh eile.
(Ri leantuinn.)
OISEIN AGUS A’ GHRIAN.
B’ e Oisein bàrd fonnmhor na Feinne, agus mac Fhionnghail, righ mor-chuiseach nam buadh ’us nan sleagh. Bha meas mor aig Oisein air righ Sheallama nam feart. Tha e ’g radh mu Fhionnghal:—
“B’ aluinn do smuaintean fein, a Threin,
C’ uime tha Oisein ad dheigh gun neart?
Ach seasaidh thu, athar, leat fein:
Co e coimeas righ Sheallama nam feart?”
B’ e Oscar mac Oisein. Mharbhadh Oscar ann an Eirinn. Bha e ’n a bheachd Malmhina nan seod ’us nam buadh, nighean Thoscair, a phosadh. Mun do thoisich am blar anns an do mharbhadh e, thubhairt Oscar r’a athair:—
“Ma thuiteas mi ’n so ’s a’ bhlar
Cuimhnich thusa uchd ban mar shneachd?
Gath greine ’na h-aonar, mo ghradh!
Lamh-gheal nighean Thoscair nam feachd.”
Thug Fionnaghal a chomhairle so air Oscar:—
“Leamsa cliu na dh’ aom a chaoidh,
Mar d’ aithreacha biosa fein!
Bi-sa mar shruth ris nan sair!
Ri laigse nan lann cho ciuin
Ri aiteal gaoith air raon an fheoir.”
Is fior agus is tiamhaidh briathran righ na Feinne aig àm eile:—
“Theid sinne mar aisling air chul
Gun luaidh oirnn air raon nan sonn;
Cha ’n aithnich sealgair ar n-uaigh,
Cha bhi ainm dhuinn am fuaim nan sonn.”
Bha Oisein air fhagail leis fein ann am feasgar a laithean. Fhuair e gradh ’us caoimhneas mor bho Mhalmhina (Mala Mhin) nighean Thoscair, d’ an tug Oscar gaol blath, dileas. Leugh mi ann am MAC-TALLA le toileachas mor, na rannan a sgriobh Domhnull Mac Leoid mu ’n da Mhalmhina. Bha Oisein dall ann an deireadh a laithean, mar tha e ’g innseadh duinn anns an duan a rinn e do ’n ghrein. Bha cor a’ bhaird gle mhuladach, on chaochail na cairdean duineil, aighearach, muirneach, a bha roimhe aige. Mar Oisein an deigh na Feinne: is ann mar so a b’ abhaist iomradh a bhi air a dheanamh air staid bhronach, aonaranach Oisein, am feadh a bha grian a bheatha ’triall le ceum deifireach gu dorchadas na h-airde ’n iar. Bhuilich Malmhina baigh, ’us tlus, ’us carthannachd nach robh gann no faoin, air a’ bhard urramach; agus is ann le onoir thaingeil a tha e ’deanamh luaidh orra ’na dhuain. Is ann le beul-aithris bho ghinealach gu ginealach eile, bho athair gu mac agus bho mhathair gu nighean, bho neach aig an robh cuimhne laidir gu neach eile aig an robh cuimhne laidir mar an ceudna, a thainig dain Oisein a nuas thar na linntean. Is ann bho Iain Mac-an-t- Saoir, a bha ’chomhnuidh ann an Gleann-Urchaidh, an taobh mu thuath Earraghaidheil, a fhuair an da bhrathair Mac Caluim na dain a rinn Oisein do ’n ghrein ann am eiridh agus ann am luidhe. Thig e dhuinn daonnan a bhi tabhairt fainear nach robh aig Oisein ach nadur fein mar oide-foghluim. An iarmailt shuas, a’ ghrian agus a’ ghealach, reul ’us rionnag; na cnoic arda ’s na comhnardan iosal; an cuan stuadhach, beucach, ’us na sruthan tormanach; an eas gaireach agus an sgairneach cruaidh; lusan boidheach nam magh, ’us fraoch gaganach, badanach an aonaich; an stoirm fhuaimneach agus seasgaireachd chiuin nan speur ’us nan sliabh; ceo tiugh ’us eutrom, ’us uisge blath nan sian; a’ ghaoth ard, threun, agus an osag mhalda, mhin; b’ iad so uile cairdeas bhaigheil Oisein, agus thug anam a’ bhaird gradh daimheil doibh. Is iomadh samhladh boidheach, tlachdmhor a thug Oisein bho ’n ghrein ’us bho ’n ghealaich, ’us bho gach atharrachadh snuaidh a bhuineas doibh, am feadh a tha neoil ’us ceo air aghaidh na talmhainn, agus an uair a tha aodann an t-saoghail glan, grinn, soilleir, gun ghruaim, gun bhruaillean. Tha ioghnadh air Oisein gu bheil a’ ghrian daonnan laidir, soilleir. C’ aite am bheil i faotainn a treoir ’s a soluis uile? An trath a dh’ eireas i agus a ruigeas i meadhon nan speur, tha gach reul ’us gealach as an t-sealladh, agus tha ’ghrian a rioghachadh le ’fein a mhain. Tha ’m bard a’ caoidh nach ’eil comas aige air gnuis aoidheil na greine ’fhaicinn. Tha e ’creidsinn gu fas a’ ghrian fein aosda, lag ’us liath, agus gu bi i fathast na h-aonar. Tha e ’g iarraidh oirre ’bhi aoibhneach, am feadh a tha i fataast neartmhor, agus a tha gach laigse ’s deuchainn fada uaithe. Nach oirdheirc ’us nach firinneach a tha smuaintean a’ bhaird, a’ gabhail beachd mar bha e, leis a’ ghliocas a bhuilich nadur air, air cruth, ’us boidhchead, ’us crioch na
[Vol . 7. No. 15. p. 2]
greine. Co fada ’s a bha sealladh nan suil aig Oisein, bha aighear sonruichte aige ann a bhi ’g amharc air a’ ghrian an trath a bha i ’dol gu leabaidh anns an iar. An uair a tha aghaidh nan speur gun smal, gun ghruaim, gun smuairean, tha luidhe na greine anns gach tir fior-bhoidheach. Fo mhullach nan cnoc anns a Mhorbheinn chunnaic Oisein uairean gun àireamh a’ ghrian a’ dol fodha, ’s ag oradh nam beann ’us nan srathan, nan loch ’us nam magh le ’gathan buidhe, àluinn. Tha Oisein a’ deanamh luaidh ghasda air an doigh bheusach, mhalda anns am bheil na tonnan ag amhairc air a’ ghrein agus a dol g’a suain. Tha cinnte aige gu pill a’ ghrian, agus gu toisich i anns an aird’ an ear a’ cuairt a rithist air an latha maireach. Is coir, mata, do gach neach a tha leughadh MHIC-TALLA, dain Oisein do ’n ghrein ionnsachadh gu pongail, toileach. Cha ’n ’eil ann an Greugais no Laidionn, ann am Beurla no Frangais, briathran a’s luraiche, no ’s maisiche na iad so ’sgriobh Tormoid Mac Leoid mu ’n ghrein: “Cha ’n ’eil aon sealladh air aghaidh an t-saoghail gu leir a’s aillidh na eirigh na greine. Ann an camhanaich na maidne tha neul liath-ghorm nan speur ag atharrachadh. Tha na reultan a’ teicheadh as an t-sealladh ’s a’ folach an cinn. Tha ailleachd orbhuidh a’ direadh nan speur uidh air n-uidh, a’ toirt rabhaidh gu bheil a’ ghrian a teachd. Tha na neoil shuas a’ gabhail dath an oir a’s deirge dreach. Tha na cnuic arda ’togail an cinn le aoibhneas. Tha ’choill ’g eiridh gu dosrach, urar. Tha na machraichean fein, fo ’n druchd ghorm a tha air gach feoirnein maoth, a’ dealradh le soillse aghmhor. Ceum air cheum mar tha ’n solus a’ meudachadh, tha ’n sealladh a’ cinntinn ni ’s maisiche, gus fadheoidh o shoillse gu soillse, am bheil an aon chuspair a’s glormhoire r’a fhaicinn, Eirigh na greine.”
CONA.
SGEULACHDAN ARABIANACH.
An t-Amadan Crotach.
CAIB. V.
Bha am fear a thug a dh’ ionnsuidh an taighe mi ’gam fheitheamh agus an t-aiseal aige. Chaidh mi air a mhuin agus mharcaich mi gu ruige an taigh-osda. Thuirt mi ris e thighinn g’ am iarraidh feasgar aig uair araidh; agus a chum gu’m bithinn cinnteach gu’n tigeadh e, cha do phaigh mi e gus an tigeadh e rithist.
Cho luath ’s a rainig mi an taigh-osda thug mi ordugh do m’ sheirbhiseach uan math a cheannach, agus caochladh sheorsachan arain a chum an cur mar ghean mhath a dh’ ionnsuidh na mna-uasail. ’Na dheigh sin bha mi ’cur mo ghnothaichean an ordugh gus an d’ thainig am fear aig an robh an t-aiseil. An sin chaidh mi maille ris a dh’ ionnsuidh taigh na mna-uasail, agus an uair a rainig mi ghabh i rium le toileachadh mor mar a rinn i roimhe. Chuir sinn seachad an oidhche leis gach solas is toileachadh a mhiannaich sinn. Anns a’ mhadainn an uair a bha mi ’falbh dh’ fhag mi sporran eile anns an robh leith cheud bonn oir fo’n chluasaig.
Lean mi air a bhith taghal oirre a h-uile latha, agus air a bhith ’fagail bonn oir fo’n chluasaig gus an do chosg mi a h-uile bonn oir a bh’agam ri fhaotainn o na marsantan do’n tug mi am bathar ri’ reic. Mu dheireadh cha robh bonn ris an t-saoghal agam, agus cha mho a bha fhios agam c’aite am faighinn airgiod no or.
Anns an t-suidheachadh chruaidh so dh’fhalbh mi mach as an taigh-osda ’s gun fhios agam air ur-uachdar an t-saoghal ciod a dheanainn, agus thachair dhomh a dhol rathad a’ chaisteil. An uair a rainig mi e bha moran sluaigh cruinn a thainig a dh’ fhaicinn seallaidh a bha righ na h-Eipit a’ toirt seachad. Dhinn mi mi-fheinn a steach am measg an t-sluaigh, agus thachair gu’n robh marcaiche ann an eideadh maiseach faisge orm. Bha poca ’n crochadh ris an diollaid aige, agus bha sreang de shiod’ uaine an crochadh am mach a beul a’ phoca. Smaoinich mi anns a’ mhionaid gur e sreang sporrain a bh’ann, agus ghrad rug mi oirre. Anns an am bha fear air an robh eallach fiodha ’dol seachad air an taobh eile dhe’n mharcaiche, agus air eagal gu’m buileadh am fiodh air, thionndaidh e ’aghaidh an taobh a bha e. Anns a’ mhionaid fhuair an droch spiorad mi; agus thug mi leam an sporran as a’ phoca cho ealamh ’s nach do mhothaich duine sam bith dhomh. O’n a bha’n sporran gu math trom cha robh teagamh agam nach robh cuid mhath de dh’or no de dh’ airgiod ann.
Cha bu luaithe a chaidh am fear air an robh an t-eallach seachad na chuir am marcaiche a lamh a’ phoca, agus an uair a dh’ionndrainn e an sporran ghrad ghabh e amhrus gur e mise a thug leam e, agus thug e buille dhomh anns a’ chluais a leag thun an lair mi. An uair a chunnaic na daoine a bha mu’n cuairt dhuinn mar a leag e mi leis a’ bhuille ghabh iad diumbadh mor air. Rug cuid dhiubh air srian an eich, agus dh’ fheoraich iad dheth ciod e an gnothach a bh’aige a leithid de dhroch bhuille a thoirt dhomh.
“Fanaibh samhach,” ars’ esan gu frionasach, “tha aobhar math agam air son na buille a thug mi dha. Cha ’n eil ann ach an dearg mheirleach.
An uair a chuala mi so dh’ eirich mi ’nam sheasamh. Agus o nach robh coltas a’ mheirlich orm ghabh na daoine mo thaobh, agns thoisich iad ri radh risan nach robh ann ach am breugaire, agus nach creideadh iad gu’n goideadh fear mo choltais rud sam bith. Ach am feadh ’s a bha iad a’ cumail an eich air shrein air ghaol cothrom a thoirt dhomhsa mo chasan a thoirt as, gu mi-fhortanach thachair gu’n robh breitheamh a’ dol seachad laimh ruinn. An uair a chunnaic e na bha de dhaoine timchioll ormsa ’s air a mharcaiche, thainig e far an robh sinn, agus dh’ fheoraich e ciod a bha cearr. Ghabh na h-uile a bha lathair mo thaobh-sa, agus bha iad anabarrach diumbach dhe’n mharcaiche a chionn a chridhe bhith aige ’radh gu’n goideadh duine uasal mar a bha mise ni sam bith.
Cha tug am breitheumh moran geill do na bha’n sluagh ag radh; ach dh’ fheoraich e de’n mharcaiche an robh amhrus aige air duine sam bith eile ach mise? Thuirt am marcaiche ris nach robh, agus dh’ innis e an t-aobhar a thug air lan-amhrus a ghabhail ormsa. An uair a chual’ am breithreamh so, ghrad dh’ ordaich e do na maoir mise ’ghlacadh, agus mo rannsachadh. Rinneadh mar a dh’ aithn am breitheamh, agus an uair a fhuaradh an sporran agam shealladh do’n t-sluagh e. Bha mi cho mor air mo mhaslachadh ’s air mo narachadh ’s gu’n do thuit mi ann an laigse anns a’ bhad ’s an robh mi. Anns a’ cheart am dh’iarr am breitheamh an sporran a shineadh dha. An uair a fhuair e ’na laimh e, dh’ fhaighneachd e dhe’n mharcaiche, am b’ ann leis a bha e, agus ciod e an t-suim a bh’ann? Thuirt am marcaiche ris gu’m bu leis an sporran gu’n teagamh sam bith, agus gu’m bu choir fichead bonn oir a bhith ann. Dh’ ordaich am breitheamh mise thoirt ’na lathair, agus thuirt e, “So, so, ’oganaich, aidich an fhirinn. Nach tusa thug an sporran o’n duine uasal so” Aidich an fhirinn gun tuilleadh a bhith m’ a dheidhinn, ar neo theid do chradh-phianadh gus an aidich thu i gu saor.”
Cha b’ urrainn domh mo shuil a thogail bhar an lair leis an naire, ach smaoinich mi gu’m b’ fhearr dhomh an fhirinn innseadh gu saor, soilleir na teannadh ri aicheadh gu’n robh mi ciontach; oir dheanteadh peanas dubailte orm na’m faighteadh mach gu’n robh mi ag innseadh nam breug gus mi fhein a shaoradh. Sheall mi air a’ bhreitheamh an clar an aodain, agus dh’ aidich mi gu h-umhail gu’n robh mi ciontach. Cha bu luaithe a rinn mi an aidmheil so na dh’ ordaich am breitheamh ann an lathair an t-sluaigh an lamh dheas a ghearradh dhiom aig caol an duirn. Rinneadh so ann an ionad nam bonn, agus bha duilichinn gu leor air a h-uile neach a bha’n lathair. Thug mi an aire gu’n robh truas gu leor aig a’ mharcaiche fhein rium. Bha ’m breitheamh gus ordugh a thoirt seachad mo chas dheas a ghearradh dhiom, ach ghuidh mi air a’ mharcaiche facal a chur a staigh as mo leith. Rinn e so gu toileach, agus leig am breitheamh as mi gun tuilleadh dioghaltais a dheanamh orm.
An uair a dh’ fhalbh am breitheamh, thainig am marcaiche far an robh mi, agus an sporran aige ’na laimh, agus thuirt e, “Tha mi ’creidsinn gur e an fhior eiginn a thug air do leithid de dhuine og, maiseach an gniomh narach, maslach ud a dheanamh. So dhut an sporran mi-shealbhach, agus cum agad e. Tha mi ’g a thoirt dhut le m’ uile chridhe, agus tha am mi-fhortan a thainig ort an diugh a cur dorrain gu leor orm.”
An uair a thuirt e so, dh’ fhalbh e. O’n a bha mi air fas fann leis na chaill mi dh’ fhuil ghabh cuid dhe na daoine truas dhiom, agus an deigh dhaibh mo thoirt a steach do thaigh, thug iad dhomh glaine fhiona a neartaich mi gu mor. Na dheigh sin chuir iad stad air an fhuil, agus phaisg iad suas mo lamh cho math ’s a b’ aithne dhaibh. An uair a dh’ fhalbh mi thug mi leam am pios dhe’n laimh a ghearradh dhiom.
Ged a bhithinn air tilleadh do’n taigh-osda anns an staid mhuladaich so, cha’n fhaighinn ann aon chuid comhfhurtachd no co-fhaireachadh. Agus bha mi ’ga mheas ’na ghnothach cunnartach a dhol far an robh a’ bhean uasal anns an staid ud, gun fhios nach cuireadh i dubh-chul rium an uair a chluinneadh i gu’n do mhaslaich mi mi-fhein. Ach mu dheireadh chuir mi romham gu’n cuirinn an deuchainn oirre co dhiubh. Gus faighinn a luib an t-sluaigh a bha ’g am leantuinn bha mi ’g imeachd car greise air feadh caol shraidean a’ bhaile. Mu dheireadh rainig mi an taigh aig a’ mhnaoi uasail, agus bha mi cho sgith ’s cho claoidhte ’s gu’n do leig mi mi-fhein ’nam shineadh air langsaid cho luath ’s a chaidh mi steach. Bha mi cumail mo ghairdein am falach cho math ’s a b’ urrainn domh.
Cha bu luaithe chual’ a bhean uasal gu’n d’ thainig mi agus nach robh mi gu math na ghrad thainig i steach do ’n t-seomar far an robh mi. An uair a chunnaic i an droch dhath agus an coltas muladach a bh’ air m’ aodam, thuirt i, “A ghraidh mo chridhe, ciod e tha ’cnr dragh’ ort?”
“A bhaintighearna,” arsa mise ’s mi teannadh ris na leithsgeulan, “tha mo cheann anabarrach goirt.”
Bha mo shuidheachadh a’ cur dragh mor oirre, agus dh’ iarr i orm suidhe, oir dh’ eirich mi ’nam sheasamh a chur failte oirre. “Innis dhomh cia mar a dh’ fhas thu tinn. Bha thu gle shlan an uair mu dheireadh a chunnaic mi thu. Feumaidh gu’m bheil thu cumail ni eiginn an cleith orm. Innis dhomh ciod e th’ ann,” ars’ ise.
Bha mi ’nam sheasamh ’s gun aon fhacal a’ tighinn as mo cheann, agus thoisich na deoir ri sruthadh gu bras sios le m’ ghruaidhean.
“Cha’n urrainn mi ’thuigsinn ciod a tha ’g ad chur fo thrioblaid,” ars’ ise. “An d’ thug mi gun fhios dhomh fhein aobhar-oilbheam sam bith dhut? No, an d’ thainig tu a dh’ aon ghnothach a dh’ innseadh dhomh nach ’eil gradh agad dhomh na’s mo?”
“Cha’n e sin a tha ’cur mi-ghean orm idir,” arsa mise ’s mi ’tarruinn osna throm, “tha’n t-amhrus a th’agad gu’m bheil a run orm cul a chur riut a’ cur an tuilleadh ri mo mhi-fhortan.”
Cha b’ urrainn domh aig an am aobhar mo bhroin ’s mo mhulaid innseadh
[Vol . 7. No. 15. p. 3]
dhi. An uair a thainig an oidhche ’s a chuireadh an t-suipear air a’ bhord, bha i ’g am choiteach gu rud itheadh; ach o nach b’ urrainn mi rud itheadh ach le mo laimh chli, bha mi ’g radh rithe nach robh acras sam bith orm, agus bha mi ’g iarraidh oirre mo leithsgeul a ghabhail.
“Gheibheadh tu cail do ’n bhiadh, na’n innseadh tu dhomhsa an ni a tha thu cho toileach a chumail an cleith orm,” ars’ ise.
“Ochan! a bhaintighearna,” arsa mise, “tha mi ’faicinn gu’m feum mi an fhirinn innseadh gun dail.” An uair a thuirt mi so, ghrad lion i cupan dhe’n fhion a bh’ air a’ bhord, agus thairg i dhomh e, ag radh, “Ol sin, agus gheibh thu mìsneach.”
Rug mi air a chupan ’n am laimh chli, agus thoisich mi ri sileadh nan deur na bu bhraise na bha mi riamh.
“C’ar son a tha thu ’g osnaich ’s a’ sileadh nan deur air an doigh sin,” ars’ ise, “agus c’ar son a rug thu air a’ chupan ’na do laimh chli?”
“Gabh mo leithsgeul, tha mi ’guidhe ort tha at air mo laimh dheis,” arsa mise.
“Seall dhomh do lamh agus leigidh mi air an at,” ars’ ise.
Thuirt mi rithe nach robh an t-at abuich gu leor gu leigeadh air, agus gu’m b’ fhearr dhi mo leithsgeul a ghabhail. Dh’ ol mi h-uile deur dhe ’n fhion, agus leis cho lag ’s a bha mi chuir e suaineach ’nam cheann. Ann an tiotadh thuit mi ’nam chadal, agus cha do dhuisg mi gu maduinn.
(Ri leantuinn.)
SEORAS BUCHANAN.
LE IAIN DUBH.
B’ Albannach a duine sònruichte so. Ged a bha a pharantan ann a suidheachadh bochd ’sa chrannchur, fhuair Seòras fòghlum math, ni a bha e glé dheas gus a thogail. A thaobh a thuigse, a’ ghliocas agus a dheas-bhriathrachd, bha e fad’ os ceann neach air bith ’san linn anns a robh e beò. Bha e na fhear-teagaisg agus na chomhairliche aig Righ Seumas an siathamh, ach gu follaiseach bha e air ainmeachadh mar “Amadan an Righ.” ’Sann an Sasuinn a bha e chomhnuidh, ach bha taobh blàth aige ris na h-Albannaich, agus bha e ullamh gu còmhnadh a dheanamh leo uair sam bith.
Tha naigheachd mhath air innseadh air Deòrsa turus a bha e ann an cuideachd anns a robh na h-uibhir do dh’ easbuigean Sasunnach. Dh’ éirich argamaid eatorra a thaobh fòghlum, ach ghearradh Seòras iad thall ’sa bhos. “Cha bu choir dhuitsa Albannaich,” arsa fear dheth na bha làthair, “ ’bhi air do dhùthaich fhàgail idir.” “C’arson?” arsa Seòras. “Tha bho ’n thug thu leat a’ h-uile sad gliocais a bh’ innt.” “Cha tug, cha tug,” ars’ esan, “cumaidh na cìobairean Albannach deasbaireachd ri easbuig ann a Sasuinn, agus tha iad fad os an ceann ann a fòghlum.” Ghabh na h-easbuigean so ’na thamailt, agus ’se bh’ ann gu ’n d’ rinn iad triùir dhiubh féin a shònrachadh gu dol a dh’ Alba chum dearbhadh a chur air na cìobairean. Air do Sheòras fios fhaotainn air an rathad a ghabh iad, ghabh esan rathad eile agus bha e ’n Alba air thoiseach orra. Fhuair e cìobair an sin faisg air na criochan Sasunnach, agus thug e air a dheise a thoirt dà agus gu’m buachailleachadh e fein na caoirich car treis. Threòraich Seòras na caoirich faisg air an rathad a bha na h-easbuigean gu tighinn, agus co luath ’sa chunnaic e iad thòisich e air seinn òran ann a Laidionn. ’Nuair ’thàinig iad suas ris dh’ fheoraich fear dhiubh ann a Fraingeis, “Gu de ’n uair a bha e.” Fhreagair Seòras ann an Eabhra. Dh’ fheoraich an dara fear ann an Greugais, “Gu de ’n dùthaich dha ’m buineadh e.” Fhreagair Seòras ann an cainnt na h-Ollaind, “Nam biodh fhios aig air sin gum biodh e cho glic ris fein.” Dh’ fheoraich an treas fear ann an Duidse, “C’ àite ’n d’ fhuair thu d’ fhoghlum?” Fhreagair Seòras ann an cainnt eile, ’s docha gur e Gàidhlig, “Gu ’n d’ fhuair a buachailleach a chuid chaoraich eadar so agus Lochaber.” ’N uair a chuala iad so thuirt an dara fear ri cach, “Cha ruig sinn a leas a dhol ni’s fhaide” “Gu de,” arsa Seòras, “Am bùidsearan sibh? Creicidh mi caoraich ribh.” Cha do fhreagair iad, ach dh’ fhalbh iad gu brònach, a creidsinn gu robh na h-Albannaich os ceann muinntir rioghachd sam bith ann am foghlum. Cho luath ’sa fhuair Seòras air falbh iad, chuir e dheth deise a chìobair, chuir e uime aodach fein agus thug e Lunnainn air, air ball. Rainig e tri latha roimh na h-easbuigean. ’Nuair a chuala na bha cruinn, ga ’m feitheamh, mar thachair dhaibh, dh’ éirich sean easbuig suas, agus ars esan, “An e gum freagradh na cìobairean na ceistein sin. Cha chreid mi guth dheth; cha fhreagradh na ministearan aca iad. Cha ’n ’eil unnt’ ach treud de ghillean lòm-smigeach, aineolach.” ’Nuair a chuala Seòras so smaointich e gu robh ’n t-àm aig’ éiridh. “A dhuin’ -uasail,” ars esan, “ghabh thu na gillean lòm-smigeach, aineolach orra. Tha feusag gu math fad ort fein, agus na robh gràs air a thomhas ri feusagan, bhiodh e gu h-iomlan aig na h-easbuigean agus na gobhair, ni tha ’n aghaidh an Sgriobtur.” “Gu dè,” ars an t-easbuig, “an Albannach thusa?” “Is Albannach mise,” arsa Seòras. “Gu dè, ma ta, an t-eadar-dhealachadh tha eadar Albannach agus umbaidh?” “Cha ’n ’eil dad an dràsda,” arsa Seòras, “ach leud a bhùird so.” Bha bòrd eadar Seòras agus an t-easbuig.
Thachaìr do dhròbhair Gaidhealach agus do sgiobair Sasunnach bhi ’g òl comhladh an tigh-òsd. Bha gille le gach fear aca. Bha gille ’n dròbhair cho colgarra coltas, e cas-ruisgte, ceann-ruisgte, ’s gun do dh’ fhoighneachd an sgiobair, c’ àite ’n d’ rug e air. “Rug,” ars an dròbhair, “anns a mhonadh leis na coin.” Chreid an sgiobair e. “Faic,” ars esan, “an gille sin agamsa, sin agad snàmhaiche ’s fearr am Breatunn.” “O!” ars an dròbhair, “snàmhaidh an gille agamsa e gus am bi e bog.” “Ma ta, cha dean e sin.” Chaidh fichead pùnnd chur air a gheall, agus la dearbhaidh a shuideachadh. ’Nuair thainig an dròbhair bochd thuige fein agus a smaointich e air na rinn e, oir cha snàmhadh a ghillesan na bu mhodha na clach, cha robh fios aige ciod a dheanadh e. Gu fortanach co thachair a bhi as a bhaile ach Seòras, agus ga ionnsuidh a ghabh e. Dh’ innis e dha ’n càs anns a robh e. Chuir Seòras air dòigh e mar a dheanadh e, agus gu ’m buidhinneadh e ’n geall. Thainig an latha agus choinnich na daoine aig an àite, agus an t-àm a chaidh a chuir air leth. Chaidh gille ’n sgiobair na eideadh air ball, agus bha e snàmh air ais agus air aghart, gus am biodh an gille Gaidhealach deiseil. ’Nuair a chuir e dheth, rug an dròbhair air a bhreacan; cheangail e ann caise, dòrlach aran, agus botul de dh’ uisge-beatha, agus chuir e gu dòigheil air cùl-amhach a ghille e, ag radh ris e innseadh dha bhean gu robh e slàn, agus a bhi cinnteach tilleadh ann a seachduinn. ’Nuair a chaidh an gille dha ’n mhuir, sheall e as a dheigh agus ghlaodh e ri mhaighstir an claidheamh thoirt da ionnsuidh. “Gu de am fuireach ’th’ air a nise?” ars an gille Sasunnach. “Tha e ’g iarraidh a chlaidheamh.” “A chlaidheamh! gu de feum a th’ aig air.” “Tha air son e fein a dhìon ma thachras muc-mhara air. Tha fios gun tachair te air mu ’n ruig e Lochaber.” ’Nuair a chuala càch so smaointich iad gu robh e cho math còrdadh a dheanamh ris an dròbhair. Mar sin troimh sheòladh Sheòrais fhuair an dròbhair an geall.
Bha Seòras uair a mach ’san dùthaich a marcachd. Air dha fàs acrach chaidh e gu tigh-òsd gus a faigheadh e fein ’s an t-each biadh. B’ fheudar dha pris dhùbailte a phàidheadh air son a h-uile dad a fhuair e. Cha do leig Seòras dad air ach dh’ fhalbh e air a thurus. Anns an tigh-òsd anns a robh e ’n oidhche sin, chaidh buntainn ris air an t-seòl cheudna. Bha aige ri dhol beagan ni b’ fhaide air a thurus a la ’n ’mhaireach, agus thill e ’n oidhche sin gus a cheart tigh-òsd on d’ fhalbh e ’sa mhaduinn. ’Nuair a thainig e dheth ’n each dh’ fhoighnaich gille ’n stàbuill, “Gu de bheir mi dha ’n each?” “An rud a thogras tu,” arsa Seòras. ’Nuair a chaidh e da sheòmar, thàinig an t-òsdair fein ’s dh’ fhoighnich e, “Gu de ghabhas sibh gu air suipeir?” “An rud a thogras sibh òsdair,” arsa Seòras. Air a mhaduinn dh’ éirich Seòras gu math tràth, agus ghlaodh e ris a ghille ’n t-each a dheanamh deiseil, gu robh aige ri falbh air ball. Thug e bonn airgead dha ’n gille, ag radh, gun do phàigh e air son na fhuair e anns an tigh moch-thrath. Mu mheadhoin latha thainig Seòrsa gu tigh-òsd eile, agus co thachair ris an sin ach an t-òsdair a bha e na thaigh aig toiseach a thuruis. “Cha chreid mi,” ars esan, “nach robh sibhse anns an tigh agam-sa ’n latha roimhe.” “Bha,” arsa Seòras, “tha cuimhne agam oirbh.” “Agus c’àite an robh sibh ’n raoir?” ars esan. “Bha mi,” arsa Seòras, “anns an tigh-òsd ’s fhearr ’san dùthaich; fhuair mi gach ni gun iarraidh, agus cha do phàigh mi ach an aon sè-sgillinn.” “Ma ta, bidh mise ’n sin an nochd,” ars esan. “Gu dearbh bu chòir dhuit sin; ach cuimhnich ’nuair a dh’ fheoraicheas iad gu de ghabhas sibh fein, na ’n t-each, gun abair sibh, ‘an rud a thogras sibh. ’” Bha Seòras coir a gaireachdaich ann fein, a smaoineachadh mar a bha e gus an dara òsdair fhaotainn gu dioladh air an fhear eile. Bha e car anamoch mu ’n d’ fhalbh an t-òsdair so air a thurus, agus bha trath cadail mu ’n d’ rainig e ’n tigh-òsda saor. Dh’ fheoraich an gille dheth, “Gu de bheir mi dha ’n each?” “An rud a thogras tu ’ille,” ars an t-òsdair. Cha do dh’ éisd an gille ’n còrr, ach mach a ghabh e gu seòmar a mhaighstir. “A mhaighstir! a mhaighstir!” ars esan, “tha‘ ’n rud a thogras tu’ air tilleadh.” “An t-eucorach,” ars esan, “ni mise ‘an rud a thogras tu’ air;” agus ’mach a ghabh e le slait agus laidh e air stialladh an òsdair bhochd gus nach mor nach do mharbh se e.
Bi sinn a co-dhùnadh (mar their na ministeirean) le aon naigheachd bheag eile air Seòras. Bha duin’ -uasal ann a Sasunn bh’ air son dearbhadh a chuir air tapachd Sheòrais. Air an aobhar sin bha ’n righ gu Seòras a chur air turus a dh’ iarraidh suim airgid, agus bha duine mor a bha sin gu tachairt air gus an t-airgiod a thoirt bhuaithe. Bha ’n duine so air armachadh le claidheamh agus daga. “Liubhraig bhuat na bheil agad, air neo ’s duine marbh thu,” ars esan. “Tha beagan airgiod agam,” arsa Seoras, “ach cha leam fein e, ’s leis sin cha toil leam dealachadh ris; ach bho ’n tha thu air son fhaotainn a dheòin no dh’ aindeoin, bi cho math agus do chuid urchairichean a losgadh troimh sgeoid mo chòta chum ’s gu faic mo mhaighstir nach ann gun stri a dhealaich mi ri ’chuid.” Cha luaithe fhuair Seòras an daga falamh, na bha e mach le chlaidheamh a bh’ aige fo chòta, agus shad e dheth ’n fhear eile ’n làmh anns a robh e giùlan a chlaidheamh. Cha bu luaithe thill Seòras na chaidh fhaighneachd dheth ’m fac e duine sam bith chuir dragh air, air an rathad. “Cha ’n fhac,” arsa Seòras, “ach aon fhear a bha dol a thoirt an airgiod bhuam, ach thug mi air a làmh thoirt dhomh, nach deanadh e leithid a rithist.” “Thug,” ars’ iadsan, “Thug,” arsa Seòras. “Giùlanadh an obair fianuis;” agus thilg e ’n làmh sios air am beulthaobh.
[Vol . 7. No. 15. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth.
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, NOBHEMBER 4, 1898.
NAIGHEACHDAN AS A’ GHAIDHEALTACHD.
Tha sinn toilichte gu ’m bheil againn ri radh gu ’m bheil cuisean a’ dol air aghart anns a’ Ghaidhealtachd mar nach olc. Bha samhradh agus foghar math againn. Thainig cinneas air feur ’s air arbhar air feadh gach cearn dhe ’n duthaich gu math na b’ fhearr na b’ abhaist; agus fhuaradh fo dhion iad gun domail sam bith. Bha eagal gu leor air daoine mu thoiseach an fhoghair nach fhaighteadh am barr fo dhion gu sabhailte, a chionn gu ’n robh an t-abachadh air thuar a bhith fadalach. Ach an àm na buana bha ’n aimsir cho briagha ’s cho tioram ’s a b’ urrainn duine sam bith iarraidh. Mar a tha fhios aig na h-uile a tha saoithreachadh fearainn, tha ’n t-arbhar a bhuainear tioram gle fhurasda ri chaoineachadh. Aig àm an dluthaidh thainig sìde cho fabharrach ’s a dh’ iarradh daoine. Cha ’n fhacas sguab fhliuch air achadh no air garadh iodhlann am bliadhna. Bha ’n talamh cho tioram ’s gur gann a rachadh rothan nan cairtean oirleach fodha ann. Ghabh an t-arbhar biadh gu leor; ach leis an eagal a bh’ air daoine gu ’n tigeadh droch shìde, cha do leig iad leis a bhith abaich gu leor mu ’n do bhuain iad e. Cha dean an gràn min mhath o nach d’ fhuair an t-arbhar cead abachadh mar bu chòir dha. Ach cha ’n ’eil a bheag de mheas aig daoine anns na bliadhnachan so air min na dùthchadh idir. Cha ’n fhada gheibhear duine a chuireas a bheul oirre. Tha daoine air fas cho cleachdte ris a’ mhin Ghallda ’s nach aill leotha min Ghaidhealach a bhlasad. Agus rud a’s nàraich na sin, cha ’n aithne do dhaoine òga na dùthchadh sìol a chàthadh no ’rulladh, no brat a chruadhachadh, no min a chriathradh. Agus tha cuid dhe na mnathan òga do nach aithne min chorca no eorna ’fhuinneadh gu ceart. Fuinnidh iad, gun teagamh sam bith, flùr mar nach olc. O’n a tha so mar so, tha e cho math an t-arbhar a bhuain mu ’m bi e làn abaich; oir ni e biadh spreidhe math gu leòr. Fhad ’s a bha prìs mhath air spreidh agus a’ mhin gu math saor, bha e pailt cho buannachdail do dhaoine an spreidh a bheathachadh leis an arbhar agus a’ mhin a cheannach. Ged a thogadh prìs na mine gle àrd an uair a thoisich an cogadh eadar an Spain agus America, tha i a nis faisge air a bhith cho iosal ’s a bha i riamh.
Chaidh an gaiseadh gu math fad air aghart anns a’ bhuntata ann an iomadh aite ’s a’ Ghaidhealtachd, gu sonraichte ann an Leodhas. Ach o’n a tha buntata gle phailt air a’ Ghalldachd, cha bhi e cho duilich pòr fhaighinn ’s a b’ àbhaist. Tha e nis soilleir gu leor do dh’ iomadh neach nach ’eil e ’na chall sam bith do dhaoine ged a thigeadh orra pòr ùr a cheannach uair ’s na ceithir bliadhna.
Chaidh iasgach nan trosg ’s nan langan gu tur an aghaidh dhaoine anns a’ Ghaidhealtachd air a’ bhliadhna so. Ach ghlacadh barrachd dhe ’n sgadan air taobh an ear na h-Alba am bliadhna na ghlacadh bliadhna riamh roimhe. Ghlacadh ann an Steornabhagh toiseach an t-samhraidh, mu dhà fhichead mìle crann a bharrachd air na ghlacadh bliadhna sam bith eile. Agus araon ann an Gallaobh agus air taobh an ear na h-Alba, bha ’n sgadan cho pailt ’s gu ’m b’ fheudar a reic air prìs a bha gle iosal. Ach air a shon sin rinn na h-iasgairean am bithdheantas deadh thuarasdail.
Chaidh call mor a dheanamh o chionn beagan laithean air corsa na h-aird an ear. Thoisich stoirm o’n ear ’s o’n ear-thuath Di-haoine so chaidh, agus lean i gu madainn Di-ciadain. B’ ann Di-mairt a bha i na h-airde; agus o’n a thachair gu ’n robh e faisge air mullach an rothairt, chuir a’ ghaoth laidir agus an làn àrd moran de chidheachan matha as a cheile gu buileach. Bhristeadh moran shoithichean; ach o’n a thachair gu ’n robh an àireamh bu mhò dhiubh aig acaire ann an àiteachan cho sabhailte ’s a gheibheadh iad, cha do bhathadh ach beagan dhaoine ann an coimeas ri mar a thachradh na ’n d’ rug an stoirm air na soithichean aig fairge. Thainig an t-uisge cho trom Di-luain ’s Di-mairt ’s gu ’n robh tuiltean mora ann an iomadh aite; gu h-araidh ann an Fife. Ach cha d’ rinn an stoirm a bheag de chall air feadh eileanan na Gaidhealtachd. Mar a theirteadh, bhrist an stoirm a cridhe, mu ’n d’ rainig i sinne. Agus cha mhor gu ’n d’ rainig deur dhe ’n uisge sinn. Ach fad nan coig latha a lean an stoirm, bha ’n t-sìde gle fhuar, fafanta. Is ann a bha ’n t-sìde coltach ris na laithean fuara a tha gu tric a’ tighinn oirnn anns a’ Mhàrt. Bha daoine a’ cur air a’ mhanadh gu ’n tigeadh an t-sìde fhiadhaich so oirnn, a chionn gur ann Di-sathairne so ’chaidh a thainig an solus ùr. Tha e air a radh gu ’n gabh solus Sathurna foghair an caoch tri uairean. Ghabh an solus a thainig Di-sathairne an caoch aon uair co dhiubh, ciod sam bith mar a thachras mu ’n teirig e.
Cha ’n ’eil tuilleadh agam de naigheachdan annasach a fhreagradh air luchd-leughaidh a’ MHIC-TALLA. Tha tuaisgeal chogaidhean gu leor anns an t-saoghal; ach gheibh sibh fhein an taobh thall a dh’ fhairge fios mu ’n deidhinn na ’s luaithe na ’s urrainn dhomhsa fios a chur an null.
IAIN.
Mìos deireannach an fhoghair, am ficheadamh latha, 1898.
Cha’n eil fios fhathast cianar a theid a chùis eadar Breatunn ’s an Fhraing. Tha an da rioghachd—Breatunn gu sònruichte—ag ullachadh air son cogaidh, agus tha làn dhùil aig moran gu’m bi e ann. Thainig fios oidhche Di-ciaduin gu robh Ruisia, a gabhail cothrom na h-aimhreit, an deigh Niu Chwang ann a China a ghlacadh, ni nach ceadaich Breatunn idir, agus a chuireas i an aghaidh, ma’s eigin, le faobhar a chlaidheimh. Gu firinneach, cha’n eil cùisean ag amharc gle shitheil, ach tha dòchas làidir aig daoine gu’n gleidhear an t-sith. Thainig soitheach-cogaidh Breatunnach, an Cordelia, a stigh do’n acarsaid so oidhche Di-ciaduin a dh’ iarraidh guail; tha e fhéin us soitheach eile a dol gu ruige Newfoundland, agus ’si barail dhaoine an so gu bheil iad air an cur an sin air son a bhi deiseil do St. Pierre, gus a ghlacadh ma thòisicheas cogadh.
Gheibh thu am MAC TALLA agus amFamily Herald and Weekly Starfad bliadhna air son dolar gu leth. Gheibh thu mar an ceudna dealbh“The Thin Red Line, ”a tha ainmeil air feadh an t-saoghail, agus a bu chòir a bhi aig a h-uile Gàidheal ’na thigh. ’S ann air son cothrom a thoirt do luchd-leughaidh MHIC-TALLA an dealbh sin fhaotainn a tha’n tairgse so air a toirt seachad.
RI CHREIC.
FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh.
FEARANN aigForks Road,mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich, —mu cheud gu leth acaire.
FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air.
Prisean agus Dail Reusanta.
Phœbe Brookman.
Sidni, C. B.
Nov. 4, ’98. tf
AODACH MATH.
Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh.
AN DEANAMH.
Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh.
THA AGAINNE
aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e.
Niall Mac Fhearghais.
Sidni, C. B., Nov. 1, ’98.
[Vol . 7. No. 15. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Tha am flùr ag éiridh ann am pris. O chionn da sheachdain chaidh eadar 30 us 50c am barailte chur air. Cha’n eil teagamh nach eil sin air sàileabh a mhillidh a thàinig air a chrithneachd ann am Manitoba ’s anns an Iar Thuath.
Chaidh gille a mharbhadh ann an Columbus, an stàit Ohio, Oidhche Shamhna, ’se ann am pàirc arbhair coimhearsnaich a’ goid còrn. Shaoil am fear leis ’m bu leis an còrn gu’m bu mheairleach a bh’ann, agus loisg e air; chaidh an urchair ’na cheann, agus bha e marbh air ball.
Tha an Seanalair Gascoigne, a bha gus o chionn ghoirid ’na cheannard air arm Chanada, a mise ann a Hong Kong na cheannard air an arm Bhreatunnach. A bharrachd air àite-còmhnuidh saor a bhi aige, tha e faighinn coig mile deug dolair ’sa bhliadhna mar thuarasdal. ’Se ’s dòcha nach eil duilichinn sam bith air gu’n d’ thainig air Canada fhàgail.
Chuir boirionnach d’ an ainm Burrell, ann an Toronto, as da triùir chloinne fhéin che-la-deug gus an diugh. Am feadh a bha a fear pòsda mach aig obair, thug i dh’ionnsuidh na lobhta iad, agus thachd i iad le cord, aon ma seach. Cha’n eil teagamh nach robh am boirionnach bochd as a rian. Thug i ionnsuidh uair roimhe air aon diubh a thachdadh, ach bha nighean a stigh a chuir stad oirre.
An déigh na bliadhna so, cha bhi air nagrand juriesann an Nobha Scotia ach da dhuine dheug, an àite ceithir duine fichead mar a bh’ ann roimhe so. Cha’n eil teagamh nach freagair sin pailt na’s fhearr, oir cha’n eil dearbhadh sam bith ri fhaotainn gu bheil ceithir duine fichead na’s buailtiche air breith chothromach a thoirt na tha da dhuine dheug. Tha moran ann, gu dearbh, a tha dhe’n bharail gu’m biodh ceartas air a riarachadh na b’fhearr gunjuriesidir; gu’m bu chòr a chùis fhàgail gu h-iomlan an laimh breitheamh.
Ann amProvidence , R. I. ,air an t-seachdain s’a chaidh bha seudair beairteach d’am ainm Benedict B. Lederer air a thoirt gu cùirt air son e bhristeadh air gealladh-pòsaidh a thug e do nighean d’ an ainm Traise V. Mainz. Bha i a’ sireadh leth-cheud mile dolair ( $50 ,000) mar leigheas air a cridhe leòinte, agus an deigh moran cònsachaidh dh’aontaich anjuryda mhile dheug us coig ceud dolair ( $12 ,500) a thoirt dhi, direach a’ cheathramh uiread ’sa bha i ’g iarraidh. A reir coltais, is àite Providence anns nach fhaod daoine bhi ris an t-suiridhe mur eil iad a cheart da-rireadh.
Tha arm na Tuirce a nise air a thoirt air falbh à Crete, agus tha an dùthaich o so a mach gu bhi air a riaghladh le rioghachdan mora na Roinn-Eòrpa; cha bhi guth aig an t-Sultan ann an riaghladh Chrete tuilleadh. Tha mu cheithir mile deug deug de shaighdearan Eòrpach ri bhi air an eilean air son rian a chumail air an t-sluaigh, agus ceartas a dheanamh eadar duine agus duine. Mar a tha fhios aig ar leughadairean, tha an sluagh air an roinn ’nan Criosduidhean ’s nam Mahomedanaich; tha fuath mor aig muinntir an darra h-aidmheil do mhuinntir na h-aidmheil eile, agus tha e gle dhoirbh an cumail aig sith ri chéile. ’Se ’n dòigh a ghabhadh an Turcach gus an t-sith a ghleidheadh, na Criosduidhean a mhort ’sa mharbhadh ’s na Mahomedanaich fhàgail, ach gabhaidh an Riaghladh ùr dòigh eile; bheirear an còir fhéin do na h-uile, ’s cha bhi claon-bhàigh ri Criosduidh no ri Mahomedanach. Air an dòigh sin tha dòchas gu’m bi eilean Chrete gu math dheth, agus nach bi an còrr fala air a dhòrtadh ann le ar-a- mach no le ceannairc.
Tha priomhair ùr aig an Fraing, an siathamh deug air fhichead fear an taobh a stigh a dh’ ochd bliadhna fichead. Cha toir na Frangnich fad sam bith air duine chur à dreuchd ’s fear eile chur na àite; tha iad a nise air fàs cho cleachdte ris.
Thachair ni iongantach ann am baile Halifacs o chionn ghoirid. Chaochail dithis sheana mhnathan gle fhaisg air a chéile, a bha dhe’n aon ainm ’s dhe’n aon aois. B’ ainm dha’n dithis Mrs. Elanor Lindsay, agus bha gach te dhiubh ceithir fichead bliadhna sa tri a dh’ aois. Bha càirdeas fad as eatorra cuideachd.
Tha pàrlamaid New Zealand an deigh lagh a dheanamh leis am bi peinsean air a bhuileachadh air muinntir a tha air tighinn gu seann aois. Gheibh a h-uile duine tha tri fichead bliadhna ’sa coig a dh’ aois, agus aig nach eil os cionn $1 .65 de teachd-a- steach dha fhéin, $90 sa bhliadhna o’n stàit air son chumail suas. Feumaidh duine a bhi fo dheagh chliù agus a bhi chòmhnuidh ann an New Zealand fad chòig bliadhna fichead mu’m faigh e peinsean.
B’e oidhche Di-luain s’a chaidh oidhche Shamhna. Cha d’ rinn gillean a bhaile so uiread cron air an turus so ’sa b’ àbhaist dhaibh a bhi deanamh bliadhnaichean eile, bha sianar mhaor air an cur a stigh air son na h-oidhche, agus chum iad sin casg orra. A bharrachd air a bhi deanamh chleasan anns nach biodh cron sam bith, bha e ’na chleachdadh an so a bhi ri iomadh ni a bhiodh na chall do dhaoine. Tha sinn an dòchas, uaithe so a mach, nach bi an seòrsa chleasan sin air an deanamh ’nar measg air oidhche Shamhna no air oidhche sam bith eile.
Tha Uilleam, Impire na Gearmailte, an dràsda air chuairt ann an tir Phalestin; chaidh e stigh do’n bhaile naomhna, Irusalem, le mor-ghreadhnachas, Di-satharna s’a chaidh. Chuireadh fàilt agus furan air le arm na Tuirce, aig am bheil òrdugh o’n t-Sultan a bheatha dheanamh anns gach cearna de ’n Impireachd d’ an teid e. Is duine neònach an t-Impir’ Uilleam, agus tha an turus so troimh thir Chanain a’ cur ioghnadh gu leòr air muinntir na Roinn-Eòrpa ’s America. Cha’n eil fhios ciod is aobhar do’n chairdeas a tha eadar e fhéin ’s an Sultan aig an àm so, ach cha’n eil teagamh nach eil rud-eigin ’san amharc aca le chéile.
Tha cuideachd de dhaoine anns na Stàitean a tha cur rompa an soitheach-cogaidh “Maine” a thogail à grùnnd acarsaid Habhana, ma bheir an Riaghladh cead dhaibh. Tha iad dhe’n bharail gu’n gabh sin deanamh gun chosguis mhor sam bith, agus ’se ’s dòcha, ma dhearbhas iad do’n Riaghladh gu bheil iad comasach, gu’m faigh iad an cead a tha iad ag iarraidh. An deigh a togail, theid an soitheach a chàradh, ’sa toirt o phort gu port gu bhi air a sealltuinn mar ioghnadh. ’Se b’ fhearr gu’n gabhaidh Riaghladh nan Stàitean air ais i, a toirt do na daoine thogas i fiach an saoithreach. Mur deanar sin bidh e cunnartach gu’m dean muinntir nan Stàitean cuspair-aoraidh dhith.
IADSAN A’ PHAIGH.
Domhnull Mac Eoghain, Brandon , Man.
Gilleasbuig Domhnullach, Brooklyn ,E. P. I.
Iain Mac Thearlaich, Ottawa , Ont.
Caorstaidh Nic Aoidh, Ripley , Ont.
Eachunn Dùghlach, Exeter , N. H.
I. W. Mac Isaic, Georgeville , N. S.
Domhnull P. Lynk, Loch a Chanù.
Alasdair Mac Suinn, Glaschu.
Seumas Mac Leòid, Brook Village.
Domhnull A. Gillios, Mabou Bheag. 50c.
Calum Mac-an-t- Saoir, Aiseag Mhria. 25c.
D. A. Caimbeul, Beinn nan Caimbeulach.
An t-Urr P. R. Cunningham, Loch a Mhathain Ghil, Minn.
Am Bathar a’s Fhearr.
Na Prisean a’s Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI, C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
THE
DAILY RECORD.
PAIPEAR LAITHEIL
CHEAP BREATUNN.
Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B.
A PHRIS:
Bliadhna, $3 .00
Sia miosan, 1.50
Tri miosan, .75
A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH.
Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc.
’S COIR DHUT A GHABHAIL.
SGRIOBH GU—
JOS . MacDONALD,
Editor and Publisher,
Sydney, C. B.
Am bheil romhad tigh no sabhal ur a thogail? Ma tha, paighidh e dhut do chuid thairnnean, glaine, paipear, paint, aol, plaster, luaidhe, glasan, ludagan, rop agus uidheaman saoirsneachd a cheannach bho
C . P. MOORE.
’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, ma bhios speal, sgrioban, forc no cas forca a dhith ort, theirig g’ an iarraidh gu
C . P. MOORE.
Nuair bhios a chlann ag iarraidh sgliat no leabhar ur, paipear sgriobhaidh, pinn, no inc, ceannaich iad bho
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
Sin an t-aite anns am faigh thu gach ni dhiubh so gle shaor.
AN T-AITE
ANNS AN CEANNAICH THU
Suic agus
Iaruinn Cruinn,
Creamers,
Soithichean Bainne,
Airneis-taighe,
Stobhaichean,
Flur, Min etc., etc.
AN STOR AIG
Isaac Greenwell,
SIDNI, C. B.
[Vol . 7. No. 15. p. 6]
DUINE BOCHD AN AGHAIDH A MHIC FEIN.
Sgeul Firinneach.
Bha Mìcheil Connal ’na chroiteir ionraic, còir, dlùth do Bhalina, an Eirinn. Thainig fiabhras gabhailteach eagalach air a theaghlach, ’s cha dùraichdeach coimhearsnach na fear-eòlais tighinn a stigh air a dhorus. Chaochail a bhean agus pàisd beag. Ghabh e féin am fiabhras. Thainig e uaithe; ach bha e co lag ’s nach robh comas aig air cosnadh a ghabhail, na ni air bith a dheanamh. Bha ’athair air an àm beò, agus fuireach maille ris. Cha robh greim béidh aca do sheòrsa air bith ri itheadh. Bha ’chlann a’ glaodhaich airson arain, ach cha robh greim ann air an son. Bha Mìcheil mar neach as a bheachd—air a bhuaireadh gun fhios ciod a b’ urrainn da ’dheanamh—gabhail fasgadh air uairibh taobh nan cnoc, seach bhi ’g éisdeachd gaoir nan leanaban, gun màthair a’ freasdal orra— ’sa faicinn an t-seann duine a’ sìoladh as, ’sa bàsachadh le goirt. Cha robh fios aige ciod a dheanadh e; bha e mar dhuine as a chéil. Dh’ fhalbh e ’san oidhche, a’s ghoid e caora. Mharbh e i, a’s chleith e ’san t-sabhal i. Thainig maoir air an latha màireach. Fhuair iad a’ chaor’ air a fionnadh. Thug iad leo Mìcheil gu prìosan; a’s ghlac iad an seann duine mar a ceudna, gu bhi ’na fhianuis an aghaidh ’mhic.
Thainig latha na deuchainn. Shuidh a’ chùirt, na morfhearan dearg agus sluagh mòr a’ làthair. Chualas air feadh na dùthcha mar thachair. Bha meas mòr air Mìcheil ’s air ’athair. Bha fios gur i ’n éiginn chruaidh a thug air a’ chaor’ a ghoid agus bha dòchas aig daoine nach b’ urrainn iad a’ chùis a dhearbhadh ’na aghaidh. Cha robh fianuis ac’ ach an seann duine, a’s ghairmeadh a stigh e. Mar bha na maoir ’ga thoirt a stigh, sheas a h uile h-aon ’bha làthair—bha iad co iarratach air sealladh fhaotainn dhe. Bha buachaill na treud as na ghoideadh a’ chaora nis ’ga cheasnachadh. Dhearbh e gu’n do chaill e aon de na caoirich ’bha’n earbsa ris, ’s gu ’n d’fhuair e closach caor’ ’an sabhal Mhìcheil; agus dhearbh na maoir nach b’ urrainn an seann duine ’bhi aineolach air na thachair, o’n dòigh anns na labhair e ri Mìcheil ’nuair bha iad a’ rannsachadh an tighe. Mu dheireadh thainig an seann duine, Peirie Connal, a stigh, a’s chuireadh an àite-suidhe na fianuisean e. Cha robh sùil ’sa chùirt, nach robh sochruichte air an t-seann duine. Chuir am breitheamh e féin a ghloine r’a shùil, a ghabhail beachd air an athair a ghairmeadh gu fianuis a thogail an aghaidh a mhic.
Ged a bha seann Pheirie Connal air seargadh as gu mòr ’na neart ’s ’na choslas, sheas e suas gu misneachail. Bha rughadh is deirge ’na ghruaidh, is lasadh ’na shùilean gorm; ach bha a bhilibh co geal ri ite faoileann, ’s co tiòrram sheargte ri spoing. Sheas e, agus dhlùth-bheachdaich e air a’ bhreitheamh. “Dean suidhe, a dhuine chòir,” ars’ am breitheamh, “dean suidhe.” “Mòran taing,” arsa Peirie, “mòran taing—tha mi fad ’nar comain, ach ceadaichibh dhomh dol air mo ghlùnaibh car tiota beag.” Rinn e sin; agus an deigh do’n t-seann duine a cheann a lùbadh, agus comharadh na croise a dheanamh air clàr ’aodainn, dh’ amhairc e suas, agus thuirt e le guth slàn làidir, a chuala gach aon— “O thusa, mo Bhreitheamh a ta air nèamh! ’san riutsa tha m’ ùrnuigh—gu’n gleidheadh thu mi seasmhach air slighe mo dhleasnais air an àm, an làthair mo bhreitheamh saoghalta. Amen.” Air dha so a radh, suidhe e, agus dh’eirich am fear-tagraidh chum a cheasnachadh.
“A Pheirie Connal, an aithne dhuits’ am prìosanach sin ’na shuidhe air do chùlthaobh? Amhairc air. ’Ne Mìcheil Connal is ainm dha.”
“Matà,” arsa Peirie, “o’n uair ’san oidhche anns an d’ rugadh e, gus an oidhche sin anns na rinneadh an gnìomh sin airson a’ bheil mise an so, b’aithne dhomh Mìcheil gu maith—h- uile smuain bha ’na chridhe, b’aithne dhomh gach rùn ’s gach gnìomh; cha do cheil mo Mhìcheil féin ni riamh o ’athair, gu ruig oidhche na dunach. Ro’n oidhche sin, cha robh duine beò a b’ urrainn a ràdh ri m’ Mhìcheil féin gu’m b’olc. Thog mi e ann an eagal Dhé, ’s bha eagal Dhé air ’anam. Ach is cinnteach mi gu’n cual ar n-onair féin, ’s gach neach sa’ chùirt, mar thachair. Eisdibh rium, uaislean urramaichte; tha mise, seann Pheirie Connal, an so an diugh chum fianuis a thogail an aghaidh mo dheagh mhic, agus cuideachadh leis an lagh a chrochadh—mo mhac, m’aon mhac, mo Mhìcheil dleasnach féin! Ach airson sin uile, ’s còr dhuibh a thoirt fa’near ciod a thug air Mìcheil so a dheanamh. ’Sann air mo shonsa, agus airson na muirichinn bheag, a bha glaodhaich leis an acras, a rinn e ’n gnìomh. Bha’m fiabhras an tigh Mhìcheil. Thug am fiabhras air falbh a bhean agus a phàisd. Bha e féin ’na luidhe iomad seachduinn, ’s bu bhochd a ghuileachd. Chaidh e air tòir cosnaìdh air maduinn an latha sin, gun a thrasg a bhristeadh, gun greim itheadh; oir cha robh greim ann. ’Sann mar so a bha—gun uiread is aon chnap buntàta féin ’san tigh; agus ’sann an sin, fo bhuaireas, fo chaothach, ag éisdeachd glaodhaich a phàisdean, a rinn e e ’n gnìomh. Ach ghabh e aithreachas. Gheall e dhomh ’sa mhaduinn nach beanadh e do’n mhèirle—gu’n aidicheadh e’n gnothach uile dhàsan o’n do ghoid e i; agus fada mu’n d’thainig na maoir, bha e ’na aodach, gu falbh a dh’iarraidh na deirc am measg a luchd-eòlais. Sin agaibh fìrinn Dhé.”
“ ’S éiginn dhomh fheòraich dhiot fathast,” ars’ am fear-tagraidh, “am fac thu Mìcheil ’san t-sabhal air an oidhche sin?”
“Am faca mi e?” deir an seann duine. “Mata, chunnaic, le m’ shùilean féin chunnaic mi e.”
“Ciod,” ars’ am fear eile, “bha e deanamh?”
“Bha e—Dia a dheanamh tròcair airsan agus ormsa—bha e fionnadh na caorach le ’làimh féin.” Mar labhair e so, chrom e ’cheann, thuit na deòir; a’s, gar an cualas e, thainig reachd a’ bhròin ’na mhuineal.
“ ’Nis, a dhuine chòir,” ars’ am fear-tagraidh, “ged is duilich leam a dheanamh, cha’n eil comas air. Gabh slat bhreac na cùirt, agus cuir i air ceann an fhir a chunnaic thu le ’làimh féin a’ fionnadh na caorach.”
“Och, matà, matà! na iar orm sin a dheanamh, a dhuin’ -uasail cheanail, na iarr orm.” Dh’eirich Peirie truagh a fàsgadh a lamhan, a’ sileadh nan deòir, ’sa gul. “Na iarr orm,” deir e, “géil dhomh an aon iarrtas so, mar is mian leat féin an guidhe ma dheireadh fhaotainn o d’ Bhreitheamh àrd.”
“ ’S duilich leam a ràdh,” deir am breitheamh, “gur éiginn dhuit so a dheanamh. ’Se so an lagh, ’s cha’n eil dol as. Mar a labhair am breitheamh so, chrom e ’cheann, a’ cleith nan deòir a bha tuiteam air a’ phaipeir air an robh e sgrìobhadh.
Ghabh Peirie an t-slat bhreac ’na làmh. Dh’amhairc e an aodann a mhic. “A Mhìcheil, a mhic,” deir e, “a Mhìcheil, mo thearmunn ’s mo ghràdh, ’ne t’athair fein ’s éiginn so a dheanamh, mo bhuachaill rùnach?”
“Tha m’athair a’ deanamh mar bu chòir dha,” arsa Mìcheil. Le so chuir Peirie an t-slat air cheann a mhic.
“Tha’n deuchainn seachad,” ars’ am fear-tagraidh, “cha’n eil tuille agam ri ràdh.”
Dh’ eirich am breitheamh, duine cho aoidheil dhreachmhor ’sa shuidh riamh an cathair a’ cheartais, agus mar so labhair e ri uaislean a’ mhòid (mar theirear sa’ Bheurla, anjury): — “A dhaoine uaisle fhìrinneach, a tha air bhur mionnachadh gu ceartas a dheanamh eadar duine agus duine ’reir an lagh, chuala sibh a’ chùis so uile. Cha ’n fhaodar àicheadh nach do ghoid Mìcheil Connal a’ chaora. Tha sin ’na ghnothach làn chinnteach. Ach is cùis so nach d’ thainig a leithid riamh fo m’ bheachd. Tha mac air an robh deagh chliù riamh an so airson goid caorach, chum ’athair ’sa leanabain a’ chumail o bhàs. Tha’n seann duine, ’athair, air a ghairm chum fianuis a thogail ’na aghaidh. Dh’innis e an fhìrinn, an fhìrinn uile, ’s cha do chleith e ’bheag. Dhi-chuimhnich e ’ghràdh do ’mhac féin, a’ seasamh suas airson na fìrinn, agus a dhleasnas do Dhia na fìrinn. Cha do thachair ni orm riamh cosmhuil ris a so. Tha foghlum ri fhaotainn uaithe leis gach aon againn. Ach ’se mo bharail gu bheil e ’n comas na cùirt a chead a thoirt do’n phrìosnach. Ghoid e a’ chaora, gun teagamh, ach có bu leis a’ chaora? Cha d’ rinneadh a mach gur i ’chaor’ a chaill an duine so—am buachaile a thug an gnothach mu choinneamh na cùirt. Cha tugadh e ’mhionnan gur i ’chaor’ a chaill e a bh’ ann. Cha d’ fhuairear craiceann, na comharradh cluais, na dearbhadh air bith eile. Cha d’ rinnear a mach a’ chùis an aghaidh Mhìcheil. Cha’n eil aige ach amharus gur i ’chaor’ a chaill e bh’ ann. Theagamh, uime sin, gu’n tarruing esan a thug a stigh a’ chùis do’n chùirt air ais an gnothach uile gu léir, agus mar sin gu’m faodar am prìosanach a leigeil as.”
Air a’ cheart àm so, thainig duin’ -uasal eireachdail air aghart do’n chùirt le cabhaig, a’s fallus a’ tuiteam a nuas o ’mhàlaidhean. “Bu leams’ a’ chaora chaidh ’chall,” deir e, “ ’s cha bu leis a’ bhuachaille. Cha ’n eil mise ag agairt a’ phrìosanaich, na cuir na mèirle as a leith. B’fhearr leam a h-uile h-aon do ’n treud a chall, na cridhe an t-seann duine a bhristeadh, na Mìcheil còir a chrochadh. Cha chuala mi diog mu dheibhinn so gus an diugh. Bha mi ’n Sasunn, ’s cha’n eil mi ach air tilleadh. Leigibh Mìcheil còir as, agus geallaidh mise obair a chumail ris fhad ’s as beò e.” Agus mar a gheall, rinn e.
Bha ’chùirt air dùnadh, agus fhuair Mìcheil a chead. Leum ’athair ’na bhroilleach, agus phòg e ’mhac. Mu’n deachaidh a’ ghrian fodha, chruinnich na h-uaislean làn sporain do dh’òr do ’n t-seann duine; agus dìth no dearas cha robh orra fhad ’s bu bheò iad.
Chìthear uaithe so mar tha Dia seasamh na fìrinn, ’sa toirt neart d’a phobull, an àm na deuchainn, an dleasnas a dheanamh. —Cuairtear nan Gleann.
FIOS A’ MARGAREE.
’S fhada bho’n a chuir mi facal a dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, ged tha mi ’ga fhaighinn gu riaghailteach gach seachduin. Tha e na reusan uaill do na Gàidheil cho math ’sa tha MAC-TALLA air a lionadh le deagh naigheachdan, brioghmhor, gasda.
Bha’m bàrr gle dhona air an Abhuinn am bliadhna. Tha ’m buntàta nis air a bhuain, agus tha feodhainn nach d’ thug as an talamh urad ’sa chur iad ann.
Tha Aonghas Ban Mac Phàrlain gu tinn le lòinidh o chionn beagan sheachduinnean. Cha mhath leinn sin. Bha e ’na dheagh fhear-cuideachd, làn de spòrs ’s de naigheachdan éibhinn. ’S ioma ceithreamh ait a rinn e ’na la; ’s cha reachuinn an urras nach eil a lòinnidh a faighain a leòir uaidh mu’n àm so fhein.
Tha mi cur ugaibh eadar-theangachadh air “Triubhsair an Fhir-dheasachaidh.” Tha fios gur iomadh baothaire eile tha fiachain ris cuideachd. Tha mi ’n dòchas gu’n cuir sibh ’sa phaipeir pairt de na h-ionnsaidhean a bheirear. Tha fios gur iomadh coinneal a chosg Gilleasbuig ’us Dòmhnull còir a fiachinn ruitha. Tha mise ’g obair air na Ràidhean cuideachd. Gheibh sibh iad re ùine. ’S mi ur caraide gach la, DORAN.
[Vol . 7. No. 15. p. 7]
Marbhrann.
Rinneadh na rannaibh so a leanas do Dhomhnull Mac Amhlaidh, Eildeir, ’n cothional Bhaddec, a bhasaich air 5amh la de cheud mhios an Fhoghair 1886, le aon a bha min eolach air.
Oh tha ’n Cheann Dearg an diugh fo ghruaim
Is Domh’l Mac Amhladh anns an uaigh,—
A leabaidh chaol ’s an caochail fuath
Gu fios is suain neo-ghearanach.
Och nan och! is och mo leon!
Tha’n Ceann Dearg an diugh fo neoil,
’S an gaisgeach treun na laidh fo ’n fhod,
’S cha nos dhuinn bhi aighearach.
Oh bhais! nach e do chridh, tha cruaidh,
A deanamh aoibhneas ann ad bhuaidh;
Thar dilleachdain is bantrach thruagh,
A dh’ fhagadh fuar is falamh leat.
Och nan Och, etc.
Tha’n cridheachan ’n diugh air an cradh,
Fo lotan guineach do threun lamh;
A leag thu orra gun dad sgath,
Gu’m biodh an sgainneadh maireannach.
Och nan och! etc.
Tha’n saoghal dhaibh an nis gle fhas,
Oir dh’fhalbh a bhlas, is chaill cadh;
O’n uair a thriall an caidreamh blath,
A bhiodh do gnath toirt co-fhurtachd.
Och nan och! etc.
Cha’n ioghnadh iad bhi air an leon,
Or dh’ fhalbh am fear a dheanadh seol;
Le chomunn tlath ’s le chomhradh foil,
A shiabadh deoir bho’n aghaidhean.
Och nan och! etc.
Cha’n iad nan aonar tha ri bron,—
Tha peathraichean, is brathairean coir,
S an aghaidh comhdaichte le dubh neoil,
A cumh’ an t-sheoid chaidh sgaradh uath.
Och nan och! etc.
Cha’n ioghnadh iad bhi sileadh dheur,
A bha cho tric fo theagasg gheur,
Ag eisdeachd ri a briathran reidh,
A cuir an ceill am fairichean.
Och nan och! etc.
Ach ’s ann air Slanuighear na’m buadh,
Bu mhiann leis bhi a deanamh luaidh;
’S bu chridhe mar fior staillinn cruaidh,
Nach fair’cheadh buaidh fo theagasgan.
Och nan och! etc.
A ghibhtean tabhachdach gu leir,
Do rinneadh maiseach le gras Dhe;
A dhortadh air gu saibhir reidh,
Le Spiorad treun nam beannachdan.
Och nan och! etc.
Bha chreideamh beothail agus treun,
’Ni thug dha misneachd ’s fosgladh beul;
A dheanamh iomradh air gras Dhe,
Do’n mhuinntir dheurach an-shocrach.
Och nan och! etc.
Cha robh e aineolach ann fein,
Air eagal ’s anfhannachd na treud;
’S na nithe dheanadh dhaibhsan feum,
Sud dh’ fhoghlum e bho a’n Mhaighistear.
Och nan och! etc.
Bheathaicheadh e noidhean on chiach,
Le bainn’ an fhocail, ’s mil bho’n chir;
Is bheireadh biadh ’s am biodh mor bhrith,
Do sheanair aosda ghaisgeante.
Och nan och! etc.
Bha’n Fhirinn dhasan lan do bhridh,
’S roinneadh e i le loinn gun dith;
Mar rinn Abram ris ’n iobairt shith,
A cuir gach mir ri leth-bhreacsan.
Och nan och! etc.
’S ged bhiodh ann dorchadas ’s duth neal,
’Nuair thigeadh ’n teine nuas bho neamh;
Bhitheadh an solas annt’ gu leir,
’S bu shoilleir steidh a cho-cheangal.
Och nan och! etc.
An Righ do nochd dha moran baigh,
Ga sgeadachadh ’s an chulaidh ’s fhearr;
Fainn’ oir do chuir dha air a lamh,
Is brogan aill mu chosaibh dha.
Och nan och, etc.
Sin shuidh e sios aig bord an Righ,
Gu cuirm ro-bhlasda, lan do bhrigh;
Le smuir, is saill, is fion, gun dith,
A chaidh gu daor a cheannach dha.
Och nan och! etc.
Cuachan a bhuird ud bha do dh’or,—
Siad cuachan teampull Righ na gloir;
Na firinnean bho’n robh e ’g ol,
Le sunnd is solas aighearach.
Och nan och! etc.
Sin cheanghal e an arm an Righ,
Fo cheannard dearbhte, Prionns’ na sith,
Le brataich graidh na Trionaid fhior,
Ga dhion ’sa sgaoileadh thairis air.
Och nan och! etc.
Bha aige cathan lionmhor, cruaidh,
Fhad ’s bha e bhos ann so air chuairt;
Ach trid na Fola fhuair e buaidh,
Is chum e suas a bhratach ud.
Och nan och! etc.
Cha d’thainig failinn air a cheum.
Bha’n lamhan laidir ’s deas gu feum;
’Sa bhogh’ air sreang ’s e ullamh gleusd,
’Sa ’n Ti bha treun ga chuideachadh.
Och nan och! etc.
Is anns gach subhailc ’s anns gach beus,
Bu mhaiseach, taitneach, e gun bhreug;
’S bha sud cuir snas air anns gach ceum,
’S ga dheanamh feumail ’s ceanalta.
Och nan och! etc.
Ach chriochnaich e ann so a reis,—
A cherideamh dhearbh e le a bheus;
S thug Dia e suas da ionnsaidh fein,
’S cha d’ thig air eis troimh ’n bhith-bhuantachd.
Och nan och! etc.
DUAISEAN.
Tha mi a tairgse tri duaisean airgid— $12 , $8 agus $4 —do ’n triùir sin a chuireas ugad eadar so ’s an 15mh latha de Februaraidh, 1899, an cruinneachadh a’s fhearr de raidhean Gailig(Gaelic phrases and idioms)aig nach bi co-chomunn sam bith ris a’ Bheurla; tha mi coma cia as do na raidhean, ach a mhàin nach ann anns a’ Bhiobuill a gheibhear iad; agus ma gheibh mi pailteas, bheir mi seachad duaisean airson nithean eile. Cha’n fhaigh duine tighinn anns a’ chomh-ruith nach do phàigh am MAC-TALLA gach sgillinn de ainbh-fhiach a tha aige air. Seoladh iadsan a tha deonach feuchainn air son nan duaisean so, an litrichean gu,
CARAID NA GAIDHLIG.
Office of “Mac-Talla,”
Sydney, C. B.
POSADH.
Ann an tigh a brathar, an Sidni, air an latha mu dheireadh de October, leis an Urr. I. F. Forbeis, Iain A. Moireastan, Wreck Cove,siorrachd Victoria, ri Peigidh A. Mhoireastan, as an aite cheudna.
AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leighsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH
agus TEANNTACHD.
Cuir a dh’ iarraidh sampuill us teisteannas.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia.
agus
127 State St., Boston Mass.
LEABHRAICHEAN GAILIG.
Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10
Gaelic Class Book .35
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte.
Sgriobh gu—
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney C. B.
C . H. HARRINGTON & CO.
Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni.
THA IAD A’ CREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile.
“SALADA TEA, ”
Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris.
Am Feillire.
NOBHEMBER, 1898.
1 Di-mairt An t-Samhuinn.
2 Di-ciaduin Latha nam marbh.
3 Dior-daoin
4 Di-haoine Tighinn Uilleam III. do Bhreatunn, 1688
5 Di-satharna
6 DI-DONAICH 22 Donaich na Trianaid.
7 Di-luain (6) Pòsadh Fionnghall Dhomhnullach, 1750
8 Di-mairt
9 Di-ciaduin Glacadh Montreal, 1775
10 Dior-daoin Breith Mhartin Luther, 1483
11 Di-haoine
12 Di-satharna (13) Blar Sliamh an t-Siorra, 1715
13 DI-DONAICH 23 Donaich na Trianaid
14 Di-luain Bas Chaluim Cheann-mhor, 1093
15 Di-mairt
16 Di-ciaduin Bas Ban-righ Mairearad 1093
17 Dior-daoin
18 Di-haoine
19 Di-satharna Breith Tearlach I., 1601
20 DI-DONAICH 24 Donaich na Trianaid
21 Di-luain Bas Sheumais Hogg, 1835.
22 Di-mairt Bas Morair Chlive, 1774
23 Di-ciaduin
24 Dior-daoin Bas Iain Knox, 1572
25 Di-haoine
26 Di-satharna
27 DI-DONAICH Donaich na h-Adveint
28 Di-luain
29 Di-mairt
30 Di-ciaduin An Fhéill Anndrais
MUTHADH AN T-SOLUIS.
An Cairteal mu dheireadh L. 6, U. 10, M. 14 M
An Solus Ur, L. 14, U. 8, M. 9 F
A’ Cheud Chairteal L. 20, U. 0, M. 51 F
An Solus Lan, L. 28, U. 0, M. 25 M
DH’ IARRAMAID AIR
NA GAIDHEIL
’s air muinntir eile a tha air son“Typewriter”a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na
Blickensderfer No. 5,
mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35 .
Tha seorsachan eile againn cuideachd.
CREELMAN BROS.,
TYPEWRITER CO.
15 Adelaide St. East,
TORONTO, ONT.
GHEIBH THU
AN TI
A’s fhearr ’sa Mhargadh.
NA BROGAN
A’s Fhaide Mhaireas.
AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.
Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c
TORMAD DOMHNULLACH.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c .
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B.
D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C.B.
J . S. BROOKMAN, M. D. ,
LIGHICHE.
OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot.
SIDNI, C. B
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.
Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
Niall Mac Coinnich,
Sidni, C, B.
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Floiri Nic Fhionghain
a’ cumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan a’ cosg.
ADAN,
BONAIDEAN,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN,
GEUGAN.
agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor.
FEUCH GU’N TAGHAIL THU.
[Vol . 7. No. 15. p. 8]
BATHAR CRUAIDH.
Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor.
Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.
J. E. EISAN.
PIANOS AGUS ORGAIN.
AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, C. B.
THA EARBSA
aig daoine ann am maidsichean Eddy— ’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha “coltach” ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum.
Tha ’n t-ainm so na urras air mathas.
THE
E. B. EDDY Co., Ltd.,
HULL, CANADA.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
Stewartdale , C. B.
CLOTH, DROGAID,
AGUS
Plaideachan “EUREKA.”
Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic.
Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige.
SOUTH END WAREHOUSE.
FLUR AGUS MIN,
TI AGUS SIUCAR,
FEOIL AGUS IASG.
FIAR AGUS COIRCE,
BIADH DHAOINE,
AGUS
BHEOTHAICHEAN.
Amhlan dhe gach seorsa, agus iomadh ni eile nach gabh ainmeachadh an so.
Taghail, agus cha mhi-chord na prisean riut.
Caipt R. Mac Neill,
Sidni, C. B.
[Dealbh]
Tha sinn a nise ’nar luchd-gnothuich aig a
CHANADACARRIAGE CO. ,
air son Eilean Cheap Breatunn.
Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead le ’cheannach uainne.
Tha sinn mar a b’ abhaist a’ creic Truncaichean, Màileidean, Acuinneach, Bratan-carbaid, Cuipichean, Carbadan Cloinne, Olla, Dubhaich Bhròg, &c ., &c .
F . Falconer & Son,
Sidni, C. B.
’NUAIR THEID THU ’BHADDECK
TAGHAIL AN STOR
Albert I. Hart.
Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram,
Bathar Cruaidh,
Amhlan,
Aodaichean,
Caiseart, Adan,
Curraichdean,
Agus iomadh ni eile.
An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle.
MAC-TALLA.
“Gu ma fada beo a’ Ghailig.”
“Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.”
Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais.
DO DHLEASANAS.
A bhi gabhail MHIC-TALLA.
A bhi leughadh MHIC-TALLA.
A bhi pàigheadh MHIC-TALLA.
A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a chur ’na rathad.
An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan.
Cha robh a leithid ann roimhe, ’s cha ’n eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast.
Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tigh’n a mach uair ’san t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut.
Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dh’ fhalbh.
A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do t’ inntinn.
Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig a’ sgriobhadh gu daonnan dha; agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og.
Is abhaist do dhaoine ’nuair a bhios iad a’ creic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhi ’cur pris ard ’na cheann; ach cha ’n eil MAC-TALLA ’deanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadh ’sa chumail suas, agus uime sin cha ’n eil e cosg d’a luchd-gabhail ach
DOLAR ’SA BHLIADHNA.
title | Issue 15 |
internal date | 1898.0 |
display date | 1898 |
publication date | 1898 |
level | |
reference template | Mac-Talla VII No. 15. %p |
parent text | Volume 7 |