[Vol . 7. No. 16. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, NOBHEMBER 11, 1898. No. 16.
SGEULACHDAN ARABIANACH.
An t-Amadan Crotach.
CAIB. VI.
An uair a dhuisg mi dh’ aithnich mi air a h-aghaidh gu’n robh i fo dhragh-inntinn gle mhor. Ach air a shon sin cha dubhairt i facal rium mu ’n chuis air eagal an tuilleadh broin a chur orm. Dh’ ordaich i bìadh math a chaidh a dheasachaidh air mo shon thoirt dhomh, agus gus mo neartachadh thug i orm cuid mhath dheth itheadh. An deigh dhomh am biadh a ghabhail thuirt mi rithe gu’n robh an t-am agam a bhith falbh, ach thuirt i nach leigeadh i ’mach air an dorus mi. “Ged nach d’innis thu dhomh dad m’ a dheidhinn,” ars ise, “tha mi lan-chinnteach gur mi bu mhathair-aobhair do na tubaistean a thachair dhut. Chuir an gnothach a th’ ann a leithid de bhron ’s de dhragh-inntinn orm ’s gu’m bheil mi ’smaointean nach bi mi fada beo; ach mu’m faigh mi bas ni mi dileabach dhiotsa.”
Cha bu lnaithe a thuirt i so na chuir i fios air breitheamh agus air fianuisean, agus dh’ ordaich i a h-uile ni ris an t-saoghal a bhuineadh dhi a sgriobhadh sios ’nam ainmsa. ’Na dheigh so dh’ fhosgail i ciste mhor anns an robh a h-uile sporran a thug mi dhi o’n a thoisich sinn ri leannanachd. “Tha iad uile gu leir an so,” ars’ ise, “cha do bhean mise riamh dhaibh. Is leatsa iad uile. Gabh curam dhe’n iuchair.”
An deigh dhomh taing a thoirt dhi air son a caoimhneas agus a fialachd, thuirt i, “Cha’n fhiach aon chaoimhneas a nochd mi dhut a bhith bruidhinn air. Cha bhi mi toilichte mur faigh mi bas mar chomharradh air meud a’ ghraidh a thug mi dhut.”
Ghuidh is ghrios mi rithe gun i bhith ’smaointean no bruidhinn air a leithid de ni gun mhothachadh. Ach cha tugadh i cluas no geill dhomh. Thuit i ann am bron cho trom, a chionn mise bhith air leith laimh, ’s gu’n d’ fhas i tinn. Ann an ceann choig seachainean dh’ eug i leis a’ bhristeadh-chridhe.
An deigh dhomhsa uine mhath a chur seachad ri bron ’s ri caoidh air a son, ghabh mi seilbh air gach ni a dh’ fhag i agam mu’n do dh’ eug i; agus b’e an gran a reic mi riutsa pairt dhe na dh’ fhag i agam. Tuigidh tu o na dh’ innis mi dhut gu’m feum mi mo bhiadh a ghabhail le mo laimh chli, agus tha mi fada ’nad chomain air son an dragh a ghabh thu air mo shaillibh. Cha’n urrainn dhomh gu brath do phaigeadh air son do dhillseachd. O’n a tha, taing do Dhia, cuid mhath dhe ’n t-saoghal agam, ged a rinn mi ana-caitheamh air moran dhe na bh’ agam aon uair, tha mi guidhe ort gu’n ghabh thu uam mar thiodhlac an t-suim a th’ agam air do lamhan. A bharrachd air so, tha ni agam ri chur mu d’ choinneamh; o’n a thachair na tubaistean so dhomh, agus a dh’ fheumas mi falbh a Cairo gun dail, gun duil ri tilleadh ann gu brath. Ma thogras tusa falbh comhladh rium, ni sinn malairt mar chompanaich, agus roinnidh sinn a bhuannachd eadrainn.”
Thug mi taing do’n duine og, ars’ am marsanta Criosduidh, air son a’ gheanmath a nochd e dhomh, agus ghabh mi an tairgse mhath a thug e dhomh, agus thuirt mi ris, gu’m bithinn cho curamach mu a ghnothach-san ’s a bhithinn mu m’ ghnothach fhein.
Air latha ainmichte dh’ fhalbh sinn air ar turus. Chaidh sinn troimh Shiria agus Mhesopotamia, chaidh sinn troimh Phersia, agus an deigh dhuinn greis de’r n-uine chur seachad ann an caochladh bhailtean-mora, thainig sinn mu dheireadh do cheannabhaile na rioghachd agaibhse. An ceann uine ’na dheigh sin, o’n a bha toil aig an duine og tilleadh do Phersia, chuir sinn air doigh na cunntasan, agus dhealaich sinn ri cheile mar dhluth chairdean. Dh’ fhan mise, a righ, ann bhur seirbhis-se riamh o’n uair ud. So, ma ta, an naigheachd a bh’ agam ri innseadh dhuibh. Nach ’eil sibh a’ smaointean gu’m bheil i na’s iongantaiche na mar a thachair do’n amadan chrotach?
Bha fearg air righ Chasgar ris a’ mharsanta Chriosduidh, agus thuirt e, “Tha e gle dhana dhut naigheachd cho beag tlachd rithe sid innseadh dhomhsa, agus a radh gu’m bheil i cho iongantach ri naigheachd an amadain chrotaich. Am bheil thu cho fad as do bheachd ’s gu’n creid thu gu’m bheil na driodartan a thachair do dhuine og mi-bheusach, comasach air a leithid de dhrughadh a dheanamh ormsa ’s a rinn an naigheachd a dh’ innseadh dhomh mu’n amadan chrotach? Bheir mi fa near gu’n teid bhur chrochadh ’n ’ur ceathrar mar dhioghaltas air son a bhais.”
An uair a chuala fear-solair an righ so, leig e e-fhein ’na shineadh aig casan an righ, agus thuirt e, “A righ chumhachdaich, tha mi gu h-umhail a’ guidhe oirbh gu’n traogh sibh bhur fearg, agus gu’n eisd sibh ri mo naigheachd-sa; agus, ma bhios i na’s taitniche leibh na naigheachd an amadain chrotaich, tha dochas agam gu’n toir sibh mathanas dhuinn ’nar ceathrar.” Thug an righ cead do’n fhear-solair labhairt, agus thoisich e mar a leanas:— “Le’r cead, a righ, thug duine a tha ann an inbhe aird agus urramaich cuireadh dhomh an de gus a dhol gu banais a nighinn. Chaidh mi do’n taigh aige anns an fheasgar aig an uair ainmichte, agus an uair a rainig mi bha comhlan mor romham anns an taigh de lighichean, de bhreitheamhnan, agus dhe na daoine eile cho urramach ’s a bh’ anns a’ bhaile. An deigh do’n phosadh a bhith seachad bha cuirm mhor againn; agus am measg nan nithean eile a bh’ air a’ bhord bha eanraich creamh ann a bha anabarrach blasda, agus a bha h-uile duine a bh’ aig a’ chuirm, ach aon duine, a’ gabhail le toil ’s le tlachd. Ach cha chuireadh an duine so a bheul air an eanraich air son rud sam bith. Thuirt e ruinn nach robh feum dhuinn a bhith ’g a thabhunn gu blasad air an eanraich. “Bheir mi mo cheart aire,” ars’ esan, “nach blais mi air biadh sam bith anns am bi creamh. Tha cuimhne agam ghle mhath air a’ challdachd a thainig orm air a shaillibh.”
Bha sinn gu durachdach ag iarraidh air gu’n innseadh e dhuinn c’ar son a bha leithid de ghrain aige air a’ chreamh; ach mu’n d’ fhuair e uine gus freagairt a thoirt dhuinn thuirt fear an taighe ris, “An e sin an doigh anns am bheil thu ’cur urram air mo bhord-sa? Tha’n t-eanraich anabarrach math. Na bi cur an ire dhuinn nach urrainn duit a bhlasad. Feumaidh tu rud dheth a ghabhail cho math ri cach.”
“A dhuine choir,” ars’ esan, “tha mi ’n dochas nach ’eil sibh a’ saoilsinn gur ann a’ dheanamh tair air an eanraich a tha mi. Ma tha thu ’cur romhad am muigh ’s am mach gu’n toir thu orm rud dhe’n eanraich a ghabhail, gabhaidh, mi e gun teagamh; ach air a’ chumhnanta so, gu’m faigh mi cead, an deigh dhomh itheadh, mo lamhan a nigheadh da fhichead uair le feamainn, da fhichead uair eile le luath na feamainn, agus da fhichead uair eile le siapunn. Tha mi’n dochas nach gabh sibh gu h-olc mi bhith ’cur nan cumhnantan so oirbh; oir bhoidich mi gu’n deanainn mar a tha mi ’g radh a h-uile uair a bhlaisinn air creamh.”
Chuir fear an taighe roimhe gu ’m feumadh an duine so a’ chreamh a bhlasad, agus dh’ ordaich e do na seirbhisich uisge, feamainn, luath feamann, agus sipunn a bhith deiseil aca, a chum gu’n nigheadh e a lamhan cho tric ’s a thogradh e. “A nis,” ars’ esan, an uair a bha gach ni deas, “tha mi’n dochas gu’n ith thu a’ chreamh cho math ruinn fhein.”
Cha robh an duine toilichte a chionn a bhith toirt air a’ chreamh itheadh an aghaidh a thoile, ach chuir e rud dheth thun a bheoil gu leith ain-deonach. Chuir so ioghnadh air na h-uile a bha lathair. Ach is e ’chuir ioghnadh buileach glan orra gu’n robh an ordag a dhith a laimhe.
“Cia mar a thachair dhut d’ ordag a chall?” arsa fear an taighe. “Is eiginn gu’n do thachair sgiorrag dhut, agus bu mhath leinn a chluinntinn c’uin agus cia mar, mar ’eil dad agad an aghaidh innseadh dhuinn.”
“Cha’n ’eil ordag air mo laimh dheis no air mo laimh chli, agus cha mho a tha ordag air mo chasan. Chaill mi iad ann an doigh a chuireadh ioghnadh gu leor oirbh. Tha mi toileach innseadh dhuibh mar chaill mi iad, ma bhios a dh’ fhoighdin agaibh na dh’ eisdeas rium,” ars’ esan. An uair a thuirt e so, dh’eirich e o’n bhord, agus ni e a lamhan sin fichead uair, agus an uair a bha e deas, shuidh e aig a’ bhord, agus thoisich e ri innseadh a naigheachd mar a leanas.
(Ri leantuinn.)
DROCHAID AN DEIRCICH RUAIDH.
Sgeul Eirionnach.
Cha ’n eil drochaid, na beul àth, na eas, na uamh an Eirinn, nach ’eil a sgeul féin ri innseadh mu dheibhinn; agus tha cuid diubh fior iongantach. Thachair dhomh a bhi, o chionn beagan bhliadhnaichean, an taobh na h-àird-an-iar do dh’ Eirinn, ann an tir nan tobraichean aoraidh, (no, mar their iad féin, Tipperary), is chuala mi sgeul air drochaid air an deach mi seachad is airidh air eisdeachd. Feuchaidh mi an sgeul innseadh mar thug an seann duine o’n cuala mi seachad e.
“O chionn fhad’ ,” ars’ esan, “an linn m’ athar, cha robh drochaid air bith air an abhuinn sin, ach clacharan, air am b’ abhaist do dhaoine gabhail thairis ’nuair nach robh tuil ’san abhuinn. Bha na clachan mor mu thri troidhean o cheile, ’s bha e cunnartach oidhirp a thoirt air dol thairis ’nuair bha ’n tuil os ceann a h-aon diubh. Chuireadh cleibh mhor, làn do chlachan, na dheigh sin ’san àth, agus buird thairis orra, air am
[Vol . 7. No. 16. p. 2]
faodadh dithis dhaoine gabhail thairis taobh a cheile. B’e so an seorsa drochaid a bha dlùth air ceann-bhaile mor na h-Eirinn, agus ’sann uaithe so thugadh mar ainm dha Baile-àth-chliabh.
Dlùth do ’n àth air a bheil sinn a nis a labhairt, bha bothan beag seasgair, anns an robh teaghlach còir, càirdeil, fiadhlaidh a’ fantuinn, anns an d’ fhuair luchd-turuis nach b’ urrainn dol thairis air an abhuinn gu tric cuid na h-oidhche. ’Se b’ ainm dhàsan a bha fuireach sa’ bhothan Nial Bàn O’Shea, agus Cathleen a b’ ainm da mhnaoidh. ’S iomadach oidhche a dhùisgeadh iad as an cadal le glaodh nam feadhnach bha ’g iarraidh thairis, a chaill am misneach le eagal, agus a shuidh air a’ chlacharan a glaodhaich airson cuideachaidh.
Air oidhche àraidh, mu laithean na Nollaig, ’nuair bha tuil mhor ’san abhuinn, chuala Cathleen, ar leatha, sgriach is glaodh. Dhùisg i Nial Bàn.
“Amhairc a mach,” ars’ ise, “a Nèil. Chuala mi glaodh mar o neach ’na éiginn.”
Cha robh eadar da mhaoil na h-Eirinn ceatharnach bu tréine ’s bu neartmhor na Nial; agus ’san àm cheudna, cha robh cridhe an com bu bhlaithe na cridhe Nèil. Ghrad dh’ eirich e. Thilg e a chasag ghlas mu thimchioll. Ghlac e lorg fhada, laidir a b’ abhaist da ’ghiulan air leithid sin do dh’ àmanan, agus thug e an clacharan air. Bha ’n oidhche anabarrach doilleir, dorcha. Rainig e taobh na h-aibhne. Cha robh ni no neach ri fhaicinn. Rinn e fead—thug e iollach; ach cha robh ni ri eisdeachd ach fuaim nan uisgeachan. Ghabh e null gu faicilleach; ’s ’nuair bha e dlùth do ’n taobh eile, chual e, ar leis, seòrsa do ghlaodh lag, anfhann. Ghabh e air aghart. Chaidh e thairis; agus air taobh eile na h-aibhne fhuair e seann duine na shuidhe, ri cruban fo chreig mhor agus air meileachadh leis an fhuachd.
“Co so?” arsa Nial.
“Mata, fhir mo chridhe,” ars’ am fear eile, “tha mise.”
“Co thusa?”
“Mata, chuisle mo chridhe,” fhreagair e, “ ’s coma co mi; ach ’se am Freasdal a chuir thusa ’san rathad chum mo theasairginn as a’ chor bhochd anns a’ bheil mi.”
“So, so,” arsa Nial, “eirich air do chasan, is tiugainn thairis. Dhomh do làmh.”
“Gu fòill, gu fòill,” ars’ esan; “ni bheil agam ach an aon chas. Thuit mi an so is bhrisd mi mo chas mhaide, ’s cha’n urrainn mi ceum a dheanamh.”
Thog Nial e, is thilg e air a dhruim e mar dheanadh e naoidhean na cìche, is ghabh e thairis leis. Rainig e an tigh, aig nach robh a dhorus riamh druidte an aghaidh an deircich. Leig e an eallach taobh an teine, air suidheachan comhlaich.
“So agad, a Chathleen, ’fheudail, duine bochd, is gabh ris mar is abhaist dhuit ri ’sheòrsa,” deir e.
“ ’Se bheatha, ’se bheatha,” arsa Cathleen.
Bheachdaich Nial air le mor aire. Bu duine daicheil àrd e, gu maith aosmhor. Cha robh air ach droch aodach—air aon choise, ’s gun chais-bheart air a’ choise sin féin. Bha e sgith, lag, air a chlaoidh leis an oidhirp a thug e gu coiseachd an deigh dha a chas mhaid’ a bhrisdeadh. Bha seann lùireach mar shumaig thairis air—seann ad mhor, leathan thairis air curachd-oidhche ruadh, a bha sios thar a chluasan.
Fhad ’sa bha bean Nèil a deasachadh ni-eiginn airson an deircich, dh’ innis e gu ’n d’ rugadh e an ceann mu thuath na h-Eirinn—gun do chaill e a chas air bòrd luinge—gun do chuireadh air tìr e gun sgillinn ruadh aige, ’s gun charaid air aghaidh an t-saoghail—gu ’n robh e a’ gabhail an rathaid, ag iarraidh na deirc— ’s mar biodh fear-an-tighe air dol ’na chomhdhail, agus aoidheachd chriosdail a thoirt dha, gu ’n robh e air bàsachadh leis an fhuachd agus le dìth.
Rinn Cathleen leaba dha, far an do luidh e gu maduinn. Bha e air a chois gu moch, a’ càramh na coise maide—ni rinn e gu h-ealamh, mar neach a bha eolach air tuaigh agus sgian a laimhseachadh.
“Tha uait,” arsa Nial, “fuireach far a’ bheil thu fad latha no dha; ’se làn do bheatha. Leig do sgios dhiot; agus o’n tha thu a’d’ dheircich, chomhairleachain dhuit suidhe aig a’ bheul àth, agus a bhi gabhail mar a bheirear dhuit le luchd-turuis na dùthcha. Tha moran sluaigh a null ’sa nall air a’ chlacharan, agus cha ’n ’eil deirceach eile air an àm dluth do ’n aite.
“Mata, ’chuisle mo chridhe, ni am Bocadh-ruadh mar tha thu ag iarraidh. ( ’Se bocadh an t-ainm a th’ aca an Eirinn airson diol-deirc.)
Thugadh am Bocadh-ruadh air do bhrigh nach fhacar riamh e gun a churachd ruadh air a cheann, a latha ’sa dh’ oidhche, ’na leaba ’s air a choise. Chiteadh am Bocadh-ruadh an sin ’na shuidhe air cloich o latha gu latha, le ’churachd ruadh air a cheann, ag iarraidh o gach neach a bha gabhail an rathaid—le lùireach ghlas air a dhruim, is lorg mhor ’na laimh, a’ faire gach aon a thigeadh ’na fhollais; agus is gann a chaidh duine fiachail seachad gun ni-eiginn a thilgeadh ’na aid. Chaidh bliadhna seachad, agus bliadhna, ach an so chiteadh am Bocadh-ruadh; agus bha ’leaba aige gu seisgear ann an tigh Nèil. ’S ni ’n deach fear no bean, òg no aosmhor, seachad nach cual’ achuing a’ Bhocaidh-ruaidh— “Tròcair, tròcair; air sgàth Mhuire ’s na naoimh uile, cuimhnich an duine bochd; air sgàth t-anaim, tabhair deirc do ’n duine bhochd!”
Nam faiceadh e caileag òg, bha facal briodalach aig air a son— “Aileag na h-Eirinn uile,” ars’ esan, “beannachd is buaidh leat, a’s cuimhnich am Bocadh truagh! Ach ’sann air do ghruaidh féin, a chuisle, ’tha dearsa na greine!— ’sann agad féin, a reul ruitich, tha ’n àilneachd; ach cuimhnich an duine bochd! Nam biodh agam bonn airgiod airson gach leannan ’tha gad’ iarraidh, ’s mise a bhiodh sona!”
Mar so, cha robh neach a gabhail an rathaid air nach do chuir e eolas, ’s airson nach robh aig facal thaobh-eiginn a bhiodh freagarrach.
Ach ged a bha fios aig gach aon gu ’n robh am Bocadh-ruadh a’ faotainn moran o luchd gabhail an rathaid, cha d’ aidich e do dhuine beò gu ’n robh sgillinn aige, ’s cha mhò bha fios c’àite an robh e a’ fallach a chuid airgiod.
“Air Peadar, ’s air Pòl, is air Muire féin,” ars’ esan, “cha ’n ’eil sgillinn ruadh agam. Eadar ceannachadh an tombac, ’s na tha mi ag ithe, cha ’n ’eil agam na cheannaicheas bròg na cuaran do ’n aon chois. Cha ’n ’eil agam cùl mo laimh na cheannaicheas coinneal a dh’ fhaire mo chuirp, a dheanamh leinne-bhàis no idir na clàraibh a ghiùlanas mo chorp do ’n ùir.”
Bha ’n duine truagh cho miodhair, spiocach ’s nach dùraichdeadh e biadh no teachd-an-tir fallain a cheannachadh air a shon fein; ’s mar bhi caoimhneas Chathleen, bhàsaicheadh e. Cha robh do dh’ aodach air na dheanadh buachaile-bréig air achadh eòrna, chum na h-eoin a chumail air falbh. ’S minig a dh’ fheuch Nial fhaotainn a mach ciod a bha e deanamh le ’chuid airgiod, ach cha robh e ’na chomas.
Bha Nial còir aosmhor. Luidh e; chinn e gu ro bhochd; agus an deigh moran tinneas is laigse, bhàsaich e. Latha an toraidh lean am Bocadh-ruadh an giulan do ’n chladh, is ghuil e mar naoidhean a bhiodh air a sgiursadh. Shìn se e fein air an uaigh, a’ gul ’sa caoidh, le ullalaich bhrònach is bas-bhualadh; agus b’ ann air eiginn a thug iad dhachaidh e.
“Ni bheil a nis caraid aig a’ Bhocadh-ruadh,” ars’ esan, “air aghaidh an t-saoghail!”
Ach ged a chaochail Nial cha do chaochail Cathleen chaomh; is gheall ise, fhad ’sa bhiodh mullach os a ceann, nach leigeadh i le mac no nighean an Deirceach-ruadh a chuir amach as a’ bhothan.
“Thug mo Nial féin an so e,” deir i, “agus ’se am bàs a chuireas a mach e.”
Bha nis deich bliadhna fichead o’n thug Nial a stigh e. Bha clann Nèil air pòsadh, agus air sgaoileadh air feadh na dùthcha, ach am mac a b’ òige, Jerrie donn—ceatharnach cho caomh, caoimhneil, truacanta ’sa bha an Eirinn ghlas uile. Bhòid Jerrie donn nach tigeadh an latha na ’n t àm anns an cuireadh e mach am Bocadh-ruadh.
Latha de na laithean, bha ’n deirceach ni b’ fhaide gun eiridh na b’ abhaist da.
“Ciod so th’ ort?” arsa Jerrie; ’bheil an seann duine gu sunndach an diugh, ’nuair tha e co fada ’na leaba?”
“Och, fheudail!” ars’ an seann duine; “a chuisle mo chridhe, mhic athar mo ghraidh, tha mise seachad. Cha ’n eirich mi tuille as an leaba so, gus an togar mi chum mo chàramh anns a’ chiste-mairbh!”
“Ciod air a bheil thu a’ gearan?” arsa Jerrie.
“Mata, mhic an athar ’sa mhathar a thug fasgadh dhomh iomad latha is bliadhna, tha mi mar nach robh mi riamh—tha ni-eiginn ag innseadh dhomh gu bheil mo bheatha traoghadh air falbh—gu bheil slighe an dorchadais a’ tighinn, agus àm a bhàis. Tha mo spiorad a’ sioladh air falbh—tha mo chàil ’s mo neart gam’ threigsinn.” (Cha ’n fhac’ am Bocadh-ruadh an là màireach.)
“An cuir mi fios air sagart?” arsa Jerrie, ’s e fàsgadh a lamhan le bròn, agus a’ silleadh na deuran goirt.
“Sagart!” ars’ an seann duine— “sagart! Cha chuir thu air tòir sagart dhomhsa; cha ’n eil déigh agam air a leithid, na iarrtas air a shon. ’S fhad o na ghabh mise suim de na nithe sin, ’s tha fios agam gu bheil e nis tuille is anmoch.”
“Na labhair mar sin,” arsa Jerrie. “Anmoch! cha ’n eil e anmoch! Co is urrainn a radh gu bheil e anmoch tròcair Dhé iarraidh? An cual thu riamh mar a labhradh thaobh an fhir a ghuidh tròcair mar bha e tuiteam as an diollaid:—
‘Eadar an diollaid ’s an làr,
Ghuidh e tròcair, is fhuair gu sàr. ’”
Chradh am Bocadh-ruadh a cheann. “Na abair diog,” ars’ esan. “Cha tig sagart an so. Leig dhomh bàsachadh mar a tha mi.”
“Mar leig thu leam dol air tòir sagart, mata,” deir Jerrie, “leig dhomh dol air tòir lighiche, ’s thoir dhomh na phàigheas a shaothair.”
Las aodan an t-seann duine le corruich; chas e ’fhiaclan; thainig boil air, mar gu ’m biodh e as a bheachd.
“Lighiche! —airgiod! —airgiod agamsa! —cha ’n eil bonn!”
“Tha,” deir Jerrie, “ ’s gu leòr dheth. Na fàg an t-saoghal ’sa bhreug ann ad bheul, is ceilg ann ad chridhe.”
Thoisich an deirceach air mionnachadh nach robh sgillinn aig air aghaidh an t-saoghail mhoir.
“Cha ’n eil,” deir e, “uiread ’sa cheannaicheas anart-bàis do m’ chorp truagh.”
Bha oillt air Jerrie. Chritheanaich e le eagal is uamhas.
“Tha thu dlùth do ’n bhàs,” arsa Jerrie. “Ni sam bith tha agad ri ràdh na ri innseadh, labhair fhad ’sa tha comas agad.”
“Cha ’n eil ni air bith ach so,” deir an seann duine. “Eisd rium agus tabhair aire. Dhomh do lamh. Geall dhomh gu ’n cuir thu mi sa’ chiste mar a tha mi—nach toir thu dhiom an currachd ruadh, ach ceart mar tha e nis orm, mar sin gu ’n cuirear ’san uaigh mi.”
[Vol . 7. No. 16. p. 3]
“Nithear gu cinnteach sin,” arsa Jerrie. “So mo laimh ’s mo ghealladh.”
Tiota beag na dheigh so, chaochail an seann Bhocadh-ruadh. Nighear e, is shinear e air an deilibh, ’s chaidh caithris na mairbh a dheanamh air le anbharra cùram, do reir cleachdadh na h-Eirinn. Tri laithean na dheigh sin, chuireadh fo ’n fhòid e. Chruinnich sluagh an àite gu leir ’ga leantuinn, ’sa chuir onair air, ’sa chàramh anns a’ chill, is fòid fhad’ uaine a chuir thairis air.
Thogadh iomadh sgeul mu thimchioll bàis a’ Bhocaidh-ruaidh—gu ’n d’ fhàg e moran airgiod, ged nach robh fios c’àite an robh e air a chleith. Bha Jerrie làn chinnteach gu ’n robh an t-airgiod an àit’ -eiginn, nam b’ urrainn dhoibh an t-àite sin fhaotainn a mach; agus bi ’bharail gu ’n do chleith am Bocadh-ruadh na bh’ aige dlùth do ’n bheul àth, fo chloich, no ann an toll a thaobh-eiginn; is chuir e roimhe rannsachadh mìon a dheanamh. An oidhche an deigh dhoibh am Bocadh-ruadh a chuir fo ’n fhòid, ’s gann gum b’ urrainn Jerrie bochd cadal fhaotainn. Cha robh uair a thuit e an seòrsa do chlo-shuain, nach do chlisg e, ’s nach do leum e ’na leaba, bruadaradh—ni chur eagal mor air.
“Ciod so th’ ort, a mhic?” ars’ an t-seann bhean, a bha cadal san aon seomar; “ciod so th’ air t-aire? Tha thu leum, ’sa glaodhaich, ’sa clisgeadh a’d’ chadal. Ciod tha cuir buaireas ort?”
“Cha ’n eil fios agam, a mhathair,” ars’ esan. “Tha mi bruadar mu ’n Bhocadh-ruadh. Cha mhor nach ’eil mi as mo bheachd. Tha e, ar leam, air a’ cheart mhionaid so mu choinneamh mo shùilean.”
“A Mhuire mhor!” ars’ an t-seann bhean, “cha ’n iongantach sin, ’s gu ’n d’ fhuair e bàs gun sagart, an duine truagh! —gun do bhàsaich e le breig ’na bheul, is ceilg ’na chridhe. Ach innis dhomh, a mhic, ciamar a chunnaic thu e.”
Tharruing Jerrie osann fhad o ghrunnd a chridhe.
“Tha mi ’ga fhaicinn,” deir e, “direach mar a b’ abhaist dha bhi, le ’churrachd-oidhche ruadh; ach gu bheil e do ghnath a’ cuir a chorraig air a’ churrachd, mar gu ’m biodh e ag iarraidh a thoirt dheth—mar gu ’m biodh ni-eiginn ’ga thachdadh.”
“Tha mi faicinn, ’s ’ga thuigsinn,” deir ise. “ ’Bheil fios agads’, a mhic, an d’ fhuasgladh an t-sreang ’bha ceangal a churraichd fo ’smig, mu ’n do chuireadh sa’ chiste e?”
“Cha ’n eil fhios agam,” deir esan. “Ciod e dhe sin? Nach coma co dhiubh?”
“An coma?” deir ise. “A mhic, nach ’eil fhios agad nach bi duine marbh samhach ’san uaigh gu bràth fhad ’sa tha snaim no ceangal air ni air bith tha uime.”
“Cha chuala mi sin riamh,” arsa Jerrie, le osann throm.
“Mata, fhir mo ghraidh,” deir ise, “falbh am màireach le d’ shluasaid. Faigh fear-eiginn leat; fosgail an uaigh; fuasgail an currachd; ’s mar so gheibh am Bocadh-ruadh sìth fo ’n fhòid.”
Moch sa’ mhaduinn, agus fada roimh eiridh na greine, bha Jerrie ’s fear eile aig an uaigh. Dh’ fhosgladh a’ chiste. Fhuaradh an currachd ruadh air a cheangal gu cruaidh fo ’smig le snaim laidir Mar bha Jerrie ’ga fhuasgladh, mhothaich e bonn òir fo ’n churrachd, is bonn eile r’a thaobh, an impis tuiteam a mach. Cha do leig e ’bheag air, ’s cha do mhothaich am fear eile an t-òr. Ghrad dhùin iad a’ chiste; thilg iad an ùir air a h-ais; sgaoil iad an fhòid; is dh’ fhalbh iad dhachaidh. ’Nuair a phill Jerrie, dh’ innis e da mhàthair mar a bha.
“An seann slaightear,” ars’ esan, tha mi tuigsinn a nis c’arson a dh’ iarr e orm gun an currachd ruadh a charrachadh, ach a thìolacadh direach mar a bha e. Ach far an robh an da bhonn òir, bha bharrachd. Bithidh mise aig an uaigh leam féin an nochd, is bheir mi an currachd ruadh dhachaidh, olc air mhaith.”
“Ach a mhic, ’fheudail, nach ’eil eagal ort?” ars’ an t-seann bhean.
“Eagal!” deir esan; “ciod a chuireadh eagal orm? Tha mi làn chinnteach á da bhonn òir air a’ chuid is lugha.”
Mu mheadhon-oidhche thog e air, le ’shluasaid air a ghualainn, do ’n chladh, is pìob tombaca ’na bheul, gun duine leis, gun sgàth, gun eagal. Rainig e a’ chill. Bha ’n oidhche àillidh, sàmhach—gun fhuaim ri eisdeachd—an saoghal na shuain. Cha robh e fad’ ag amharc mu thimchioll. Dh’ fhosgail e an uaigh agus a’ chiste. Thog e an currachd ruadh, ’s bha sòlas air, a mothachadh co trom ’sa bha e ri ghiulan. Dhuin e an uaigh; is b’ eagalach an fhuaim a rinn a’ chreadh, ’s na clachan, ’s na cnàmhan tioram, air clàraibh na ciste, mar bha iad a’ tuiteam sios. Ghrad dh’ fhalbh e dhachaidh co luath ’sa b’ urrainn dha. Dh’ fhosgail e an dorus, ’s fhuair e an t-seann bhean air a glunaibh, far an robh i o’n àm a d’ fhag e an tigh. Chuir e an crann air an dorus. Shrac e as a chéile an currachd ruadh, ’s fhuair e tri cheud bonn òir air am fuaigheal gu teann sa’ charaid phrìseil. Bha Jerrie mar neach as a bheachd, le sòlas.
“Och, a mhic!” ars’ an t-seann bhean, “gheibh thu bean, a ghràidh, bean uasal a nis, agus baile fearainn; is bithidh mise moiteil a’m sheann aois mo mhac fhaicinn a marcachd air steud each, le diollaid, spuir, agus bòtuinnean, mar dhuin’ -uasal.”
Chaidh iad a luidhe, ’s ma dheireadh thuit Jerrie ’na shuain. Cha robh e fada ’na chadal ’nuair a leum e suas a’ glaodhaich le guth eagalach, “Am Bocadh-ruadh! am Bocadh-ruadh!”
“Och!” ars’ a mhàthair, “tha e tighinn air tòir a churraichd ruaidh ’san òir.”
“Cha ’n ann idir,” deir a mac; “ach bha mi bruadar mu dheibhinn, agus ar leam gu ’n robh mi dol thairis air a’ chlacharan dubh, ’s gum faca mi am Bocadh-ruadh a’ coiseachd air an uisge, a tighinn am chomhdhail—gu’n do sheas e dlùth do chloich mhor tha sa’ chlacharan, ’s gu ’n do thòisich e air a laimh chur foidhpa, mar gu ’m biodh e ag iarraidh ni-eiginn ’bha air a chleith fo ’n chloich. Ar leam gu’n d’ thainig mi dlùth dha, ’s gu ’n d’ fheoraich mi dheth ciod bha e ’g iarraidh fo ’n chloich. Thog e, ar leam, a cheann, le coslas uamhasach—le craos fosgailte o thaobh gu taobh de ’cheann: ‘Tha mi ’g iarraidh mo churraichd ruaidh,’ deir esan, ‘ ’s mo chuid òir. ’”
“ ’Ne sin do bhruadar, ’fheudail?” ars’ an t-seann bhean. “Tha ’m bruadar sin furasd a mhìonachadh. Cha d’ fhosgail am Freasdal riamh aon dorus, nach d’ fhosgail e dha. Eirich, is rannsaich gu math agus gu ro mhath fo ’n chloich.”
“Mata, a mhàthair, cha dean e cron domh a’ chomhairle a leantainn,” deir Jerrie.
Fada mu ’n d’ éirich a’ ghrian, bha Jerrie air a’ chlacharan dubh. Rannsaich e gu geur ’s gu mìon. Chladhaich is tholl e fo ’n chloich, gus ma dheireadh an d’ fhuair e sporan làidir leathraich air a chleith gu domhain, ’s air fhalach fo ’n chloich; agus bha ’n sporan trom. Ghiùlain e dhachaidh an ulaidh phrìseil; agus an deigh a fosgladh, fhuair e mu thimchioll ceud punnd Sasunnach innte, eadar òir agus airgiod.”
“B’e sin latha an àigh do thigh Nèil,” ars’ esan, “an latha ’thainig am Bocadh-ruadh a stigh!”
“Och, ’fheudail,” ars’ a mhàthair, “cha latha idir idir a bh’ ann, ach oidhche stoirmeil, dhorcha.”
“ ’S coma co dhiubh,” deir Jerrie; “latha na oidhche, tha mise an diugh a’m dhuine saoibhir air a shàil. Sìth a nis d’a spiorad buairte!”
Cha d’ rinn Jerrie a bheag fad an latha ach cunntadh a stòrais, agus smuaineachadh ciamar a chuireadh e mach a chuid airgiod. Thainig an oidhche, ’s chaidh esan ’san t-seann bhean a luidhe. Cha robh Jerrie fad ’na leaba, ’nuair thug e sgreuch àrd, eagalach: “O Mhuire na tròcair!” ars esan, “so am Bocadh-ruadh a rithisd. Tha mi cluinntinn tailmrich na coise maide air an urlar. Dh’ aithnichain a cheum am measg mìltean—stumb, stumb, stumb.”
“Ciod so nis, a mhic?” ars’ an t-seann bhean. “ ’Bheil ulaidh eile aig a’ Bhocadh?”
“A mhàthair,” deir e, “eisd ceum na coise maide.”
“Feòraich dheth, a ghaoil, ciod a th’ air aire?” ars’ ise.
“O! b’ fhearr leam nach fhaca mi riamh e,” deir esan, “e féin na ’churrachd ruadh, na ’sporran leathraich. B’ fhearr leam gu ’n robh iad ceud mìle sa’ chuan, taobh cùl na h-Eirinn. Ma chaomhnar mi gu maduinn, fàgaidh mi an currachd ruadh ’san sporran direach sa’ cheart àite ’san d’ fhuair mi iad.”
“B’e sin an amaideachd,” ars’ an t-seann bhean. “Cha dean thu sin, a mhic.”
“Amaideachd ann no as,” deir Jerrie, “cha ghabhainn an saoghal ’san t-seann slaighdear bhi air ais ’s air aghart air feadh an tighe—stumb, stumb, stumb! a’ bualadh co riaghailteach ri aon uaireadair ’san tir. Nach eisd sibh fuaim na coise maide.”
“Eisd, a mhic,” ars’ a mhàthair, “is innsidh mi dhuit ciod bu chòir dhuit a dheanamh. Falbh am màireach a dh’ ionnsuidh an t-sagart, a’s feòraich dheth-san ciod bu chòir dhuit a dheanamh leis an ulaidh, agus gabh comhairle an duine beannaichte. Cuiridh esan gu feum e airson anam a’ Bhocadh-ruadh.”
“Ni mi sin,” deir Jerrie. “Caidlemaid. Nì-maith bhi maille ruinn.”
Ach cha b’ urrainn da a shùil a dhùnadh. Ar leis gu ’n robh am Bocadh-ruadh air ais agus air aghart feadh an tighe, sios agus suas—stumb, stumb, stumb, aig a’ choise mhaide air an ùrlar. Dh’ eirich e gu moch. Thug e an currachd ruadh ’san sporan leathraich, ’sa h-uile sgillinn a bh’ annta, leis; agus thug e an sagart air. Cha robh an t-sagart air a choise ’nuair rainig e, ach fhuair e cead dol a stigh do ’n t-seòmar anns an robh e cadal.
“ ’S moch a dh’ eirich Jerrie,” ars’ an sagart. “Ciod th’ air t-aire? Ciod an deifir a th’ ort?”
Dh’ innis Jerrie mar a bha.
“So,” ars’ esan, “an currachd ruadh ’san sporran leathraich, ’s gach bonn òir agus airgiod a dh’ fhàg e—fàgaidh mi ’n so e air a’ bhòrd. Nì-maith eadar mi ’san t-slaighdear a bhàsaich le breig ’na bheul, ’s ceilg ’na chridhe.”
“Cha bhi cuid no pàirt dheth agam,” ars’ an sagart. “Cha bhean mi dha. Thoir air ais e.”
“ ’Ne mise?” deir Jerrie. “Cha toir mi bonn dheth gu bràth a stigh air dorus mo thighe. Nach fheudar a chuir gu feum leis an eaglais, airson maith anam an duine thruaigh a dh’ fhag e.”
“Cha bhi cuid no pàirt agam dheth,” ars’ an sagart.
“ ’S coma co dhiubh,” fhreagair Jerrie, “cha chuir mi làmh tuilleadh air; cha chuir gu dìlinn. Cha ghabhainn beartas na h-Eirinn is fuaim na coise mhaide a chluinntinn o oidhche gu oidhche air feadh mo bhothain.”
“Mar toir thu leat dhachaidh e,” deir an sagart, “giùlan e do thigh t’ uachdaran, sa’ chaisteal gheal. Tha fios agad gur esan àrd shiorram na dùthcha, ’s cuiridh esan gu feum e gu grad.”
“Falbh!” arsa Jerrie, “ghlan mise
(Air a leantuinn air taobh 126.)
[Vol . 7. No. 16. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth.
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, NOBHEMBER 11, 1898.
SGEUL UR.
Tha fhios againn gu ’m biodh moran de ar leughadairean deònach air naigheachd fhada, air a leantuinn o sheachdain gu seachdain, a bhi anns a MHAC-TALLA. Bha naigheachd mar sin ann uair roimhe a thug mor thoileachadh dhaibhsan a leugh i— “Taigh na Coille.” Tha naigheachdan dhe ’n t-seòrsa sin gle ghann anns a Ghàilig, agus tha fhios againn, air an aobhar sin, gu ’n dean ar càirdean toileachadh ri chluinntinn gu bheil naigheachd thaitneach ri tòiseachadh anns a MHAC-TALLA air an t-seachdain s’a tighinn. ’Se ’s ainm dhi, “Mar a rinn mi m’ fhortan.” Tha i air a sgriobhadh gu h-ealanta, agus theid sinn an urras nach bi neach sam bith a thòisicheas ri ’leughadh toilichte mur faigh e crioch a chur oirre. Bheireamaid comhairle air gach neach a tha deigheil air sgeul mhath, air a h-innse ann a Gàilig bhlasda, e chur a dh’ iarraidh MHIC-TALLA gun dàil, mur eil e ’ga ghabhail cheana. Tha sinn cinnteach nach eil neach a leughas i nach aidich gur fhiach i barrachd mor us pris a phaipeir leatha fhein.
AN SAOGHAL TROIMHE CHEILE.
Bithidh a bhliadhna so iomraiteach anns na laithean a tha air thoiseach oirnn, airson gach cogadh ’us connsachadh, airson gach othail ’us upraid, airson gach trioblaid ’us iargainn a bhuineadh dhi. On thainig a’ bhliadhna ùr a stigh, bha agus tha gach cearna de ’n t-saoghal, lan de mhi-rùn, ’us eagal, ’us faiteachas. Air mor-roinn America mu Thuath, rinn na Stàidean straighlich eagalach mu dheibhinn Chuba, ’s gach eucoir ’us ainneart a bha na Cubanaich a’ fuiling bho na Spàinntich. Thainig crioch air a’ chogadh, agus tha ’nis Spàinntich agus daoine glic bho na Stàidean ann am Paris, a’ deanamh oidheirp air gach cuis a reiteachadh eadar na Stàidean ’us Cuba. Is ann gle mhairnealach a tha na daoine tuigseach so ’teachd air an aghaidh anns an obair a ghabh iad os laimh. Cha ’n aithne dhomhsa, co-dhiu, gu d’ rinn na Stàidean, leis gach guth ard a thog iad, caoimhneas beag no mor gus an latha ’n diugh do na Cubanaich. Tha e co soilleir ri solus an latha nach gabh na Cubanaich luchd-riaghlaidh air bith bho na Stàidean, oir tha iad diongmhalta ’n am beachd féin gur e Cubanaich agus Cubanaich a mhain a bhitheas ’n an luchd-riaghlaidh thairis orra a nis, agus anns na laithean grianach a tha, a reir an dochais fein, air thoiseach orra. Tha samchair ann an tomhas aig an àm so ann an America mu dheas. B’ olc an aire nach robh ughdarras tuigseach, laidir, seasmhach anns a chearna so de ’n t-saoghal. Tha beartas anabarrach ann an America mu dheas; agus nam bitheadh dichioll ceart air a nochdadh leis na h-uachdarain ’us an luchd-riaghlaidh, bhitheadh a mhor-roinn so measail, cudthromach, rioghail, cumhachdach anns an t-saoghal.
Tha Africa fathast lan iorghuill, ’us geilt, ’us bagraidh. Tha Crugair agus a Bhoeirich anns an Transbhaal, a deanamh gach uilc a’s urrainn iad. Tha ’n laithean air an àireamh; agus cha ’n eil na bliadhnachan fad’ air thoiseach oirnn, anns am bi suaicheantas Bhreatuinn a’ crathadh anns a’ ghaoith anns an Transbhaal. Tha Rhodes a’ togail a chinn a rithist ann an ceann mu dheas Africa; ’s ged rinn e, ma dh’ fhaoidte, mearachd ann an aramach an Transbhaail, is e ceatharnach gasda, aghartach a tha ann; agus ni e gniomharan mora ’s euchdan iongantach air sgath Bhreatuinn ann an Africa, ma bhitheas a laithean air an sineadh.
Is e m’ fhior bheachd nach robh aig Breatunn bho laithean Uellington agus Uaterloo, ceannard airm eile co gaisgeil, treun-inntinneach, treubhach ris a Mhorair Citchener. Am balach Eirionnach bochd ann an tus a laithean, tha meas mo chridhe agam air, agus cha ’n ’eil ioghnadh idir orm; agus tha mi ro-thoilichte gu bheil gach baile mor ’us beag ann am Breatunn a’ nochdadh gach meas ’us onoir do’n laoch àluinn Citchener, a thainig bho cheann seachdain no dha do Bhreatunn, an deigh dha euchdan iomraiteach a dheanamh anns an Eiphit. Cha ’n ’eil an diugh aig Breatunn thall no bhos sonn eile a’s modha gaisge, ’s tuigse, ’s moralachd, na Citchener.
O cheann seachdain no dha bha eagal air iomadh neach gu bitheadh cogadh gun amharus eadar Breatunn agus an Fhraing. Dh’ innis mi cheana ciamar thoisich Breatunn air amhairc gu curamach as deigh na h-Eiphit. Dh’ fhag na Frangaich gach obair chruaidh aig Breatunn r’a dheanamh. Theich i air falbh agus cha do chaill i duine no storas anns gach cruadal eagalach a rinn Breatunn airson saorsa ’s sonas a’ chosnadh agus ’fhaotainn do na h-Eiphitich. Le cealgaireachd mhosach chuir an Fhraing Marchand, aon de ’ceannardan airm, air falbh; agus thainig e le lan an duirn de Fhrangaich leis, gu Fashoda—baile air bruachan amhuinn mhor na h-Eiphit—baile agus cuibhrionn fharsuing de Africa a bhuineadh do ’n Eiphit anns na laithean a dh’ fhalbh, agus a bhuineas di a’ nis agus gu brath—do Bhreatunn mar an ceudna. Mo thruaighe! is e amaideachd bhronach, bhochd a tha na Frangaich a nis a’ nochdadh. Is e daoine seolta, geur-inntinneach, innleachdach, a tha anns na Frangaich. Tha iad, mo thruaighe! neo-sheasmhach. Cosmhuil ri paisdean, deas gach latha ’s oidhche air aramach a dheanamh, air fuil a dhortadh, ’us air uachdaran a chur sios agus air uachdaran ùr a thaghadh. Thog iad guth uamhasach ard ’us dan mu dheibhinn Fashoda agus an Nile. Cha striochdadh iadsan gu brath do Bhreatunn, na daoine buaireasach, amaideach. B’ fhearr da rireadh, gu robh acasan eadhon tomhas beag de ’n ghliocas, de ’n cheartas, ’us de ’n ohoir eireachdail a tha mar choran glormhor a’ tabhairt speis ’us maisealachd do Bhan-righ Bhreatunn agus d’ a luchd-comhairle uasal, mhor-chridheach, ghasda, churanta. Cha ’n ’eil neoil na comhstri eadar Breatunn agus an Fhraing mu dheibhinn na h-Eiphit thairis fathast. Thubhairt na daoine comasach, a tha air ceann na pàrlamaid a tha ’n aghaidh Shalisbuiridh agus luchd-riaghlaidh Bhreatunn aig an àm so; thubhairt am Morair Rosebuiridh, agus Harcourt, agus Ascuith, agus daoine arda eile: “Bheir sinn gach comhnadh, ’us cuideachadh, ’us aghartas a tha ’n ar comas doibhsan a tha ’nis a riaghladh cuisean troma, ’us mora, ’s fiachail Bhreatuinn. Bitheadh Salisbuiridh agus a luchd-comhairle dileas, seasmhach, neo-sgathach as leth onoir, ’us coirean, ’us morachd Bhreatuinn, agus druididh sinne air sreathan cogaidh, agus bheir sinn ar gaisge, ar treubhantas, ar cumhachd, ’us gach spionnadh, ’us treoir, ’us faoilidheachd a bhuineas duinn, doibhsan—luchd-riaghlaidh dhuineil, mhearganta Bhreatuinn—a chumas suas le guth treun, misneachail, airde ’s ainm, ’us coir, ’us gloir ar dùthcha, am measg rioghachdan an t-saoghail gu h-iomlan.
CONA.
AODACH MATH.
Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh.
AN DEANAMH.
Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh.
THA AGAINNE
aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e.
Niall Mac Fhearghais.
Sidni, C. B., Nov. 1, ’98.
LEABHRAICHEAN GAILIG.
Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10
Gaelic Class Book .35
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte.
Sgriobh gu—
J. G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney C. B.
[Vol . 7. No. 16. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Tha Iseabail Bhurrell, a chuir as d’a triuir chloinne fhéin o chionn ghoirid ann an Toronto, air a cur do’n tigh-chaothaich; rinneadh a mach gu robh i as a rian ’nuair a rinn i an gniomh oillteil. Cha b’urrainn do mhàthair sam bith a bhiodh ’na ciall cur as d’a cloinn féin mar a rinn ise.
Chaidh càs neonach fheuchainn ann a Halifacs air an t-seachdain s’a chaidh eadar muinntir da shoitheach smùide a bhuail na chéile air a chuan ri solus an latha. ’Nuair a thainig iad am fianuis a chéile bha astar mile air fhichead eatorra, agus tha e doirbh a thuigsinn carson nach deanadh iad a chéile sheachnadh. A reir breith na cùirte ’se ’n fheadhain a thòisich an lagh bu choireach, agus chaill iad an càs mar is math a thoill iad.
Cha’n eil na Stàitean ’s an Spainn a tighinn gu còrdadh ceart idir. Tha na Stàitean air son greim a chumail air gach fearann a choisinn a h-arm—Cuba, Porto Rico agus na h-Eileanan Philipeach, ach cha’n eil an Spainn air son a thoirt dhith; b’àil leatha muinntir nan Staitean a bhi riaraichte le Porto Rico. Feumaidh an Spainn, gun teagamh sam bith, striochdadh aig a cheann mu dheireadh, ach faodaidh a chomhstri mairsinn fada gu leòr mu’n dean i sin.
Tha Morair Abaraidhean an deigh a chead a ghabhail de Chanada, agus an ceann latha no dha bidh e ’ga fàgail. Rinn e moran chàirdean air feadh na dùthcha fhad ’sa bha e innte, leis cho aoidheil ’s cho caoimhneil ’sa bha e, agus cho deiseil gus gach ni a bhiodh ’na chomas a dheanamh air son leas agus math an t-sluaigh. Bha a Bhaintighearna a cheart cho measail aig an t-sluaigh ris fhéin, agus tha duilichinn orra i bhi ’gam fàgail. Cha do chaomhain a chàraid uasal so saothair no airgead ann a bhi feuchainn ri iad féin a dheanamh feumail do’n dùthaich. Bha cuirmean mora air an deanamh dhaibh mu’n d’ fhalbh iad ann an Ottawa, am Montreal ’s am bailtean mora eile.
Cha’n iad muinntir Cheap Breatunn leotha fhéin a dh’ fheumas a dhi foighidneach a thaobh fosgladh ròidean-iaruinn. Thatar a feuchainn ri rathad a chur troimh chearna de Nobha Scotia, agus bhatar ag obair gu sùrdail air, ach o chionn ghoirid chuireadh stad air; dh’ fhairlich orra-san a bha ’ga chur air adhart tigh’nn gu còrdadh ri Riaghladh Chanada a thaobh airgeid a bha iad an duil a gheibheadh iad mar chuideachadh, agus air an aobhar sin sguir iad. Tha àireamh mhor dhaoine mar sin air am fàgail ’nan tamh, agus tha baile Thruro air a lionadh leotha. Na ’m measg tha còrr us ceud duine mhuinntir Newfoundland, aig am bheil a nise ri dhol dhachaidh, oir cha’n eil cosnadh eile ri fhaotainn.
’Si bharail choitchionn am measg dhaoine nach eil cogadh gu bhi ann air an turus so idir; ach cha’n eil iad cho cinnteach as a chùis ’s bu mhath leotha. Tha Breatunn a deanamh ullachadh gun lasachadh, ach cha ’n eil an Riaghladh a reir coltais deònach innse gu de tha ’nam beachd. Ann a Hong Kong, an la roimhe, bha soitheach Frangach a seòladh a b’ àbhaist a bhi ’giùlan mail do ’n Roinn Eorpa, ach air an turus so fhuaireadh òrduigheah á Breatunn gun litir no ni eile bha dol gu ruige Breatunn a chur leatha; ni nach eil ag amharc gle ghealltannach. Tha cuid dhe’n bharail gu bheil na Stàitean a dol a thoirt pàirt de na h-Eileanan Philipeach do Bhreatunn, agus gur ann air choinneamh sin a tha Breatunn a deanamh ullachaidh anns a chearna sin de’n t-saoghal. Ach ’se ’s dòcha nach eil ann an sin ach barail fhéin. Tha Breatunn, co-dhiu, a cur roimpe bhi deiseil air son ni no neach sam bith a thig a chur dragh oirre no a bhios air son a còir fhéin a chumail uaipe.
Dh’ fhalbh an soitheach seòlaidhFoaming Billow,a Halifacs a sheachdain gus an dé ’si dol gu Mabou le luchd bathair; an ath latha thill i ’s an sgiobair, Donnachadh Mac Leoid, air a chall. Le sgiorradh eigin thuit e mach air cliathach an t-soithich.
Bha muinntir nan Stàitean Di-màirt s’a chaidh a taghadh Riaghladairean us luchd-pàrlamaid. A reir nam fiosan a thainig gu ruige so, tha na Republicans air toiseach anns an àireamh a’s motha de na Stàitean, gu h-àraidh anns na Stàitean an ear ’sa tuath. Cha’n eil e furasda radh fhathast ciamar a chaidh na Stàitean an iar, ach anns na Stàitean a deas tha na Democrats air toiseach.
Tha Alasdair Dòmhnullach, ris an canar Righ Chlondaic, a nise air a thurus dhachaidh gu Antigonish, an t-àite anns an d’ fhuair e bhreith us àrach. Cha robh ann ach duine bochd a dol dh’ an Chlondaic, ach an diugh thatar a meas gur fhiach e còrr us da mhillein dolair. Tha Raonull Moireastan, a mhuinntir a Bheighe ’n Ear, a bha na chompanach aige, a tigh ’nn dhachaidh còmhla ris.
Dh’fhalbh an Cordelia an soitheach cogaidh Breatunnach air an d’ thug sinn iomradh anns an aireamh mu dheireadh, as an acarsaid Di-màirt. Tha soitheach eile, am Pelican, a thàinig latha no dha os deigh na Cordelia, a stigh fhathast, agus cha ’n eil fhios cuin a dh’ fhalbhas i. Cha ’n eil teagamh nach feith i mu’n cuairt gus am bi fios cinnteach ciamar a theid cùisean anns an airde ’n ear.
Chaidh dithis iasgairean a bhàthadh aig Eilean nan Ian, faisg air a Bhras d’Or Mhor, a sheachdain gus an Di-màirt s’a chaidh. Bu bhràithrean iad, Stewart agus Howard Richardson, a mhuinntir siorrachd Halifacs. Bha iad a tilleadh a stigh o’n chuan, agus cha robh iad ach mu dha fhichead slat o thir nuair a chaidh am bàt’ anns an robh iad a chur seachad le tonn. Bha àireamh dhaoine air a chladach ’gam faicinn ach leis cho garbh ’sa bha a mhuir, cha b’ urrainn dhaibh cuideachadh sam bith a dheanamh leotha. Dh’ fhag am fear bu shine dhiubh, Stewart, a bha 44 bliadhna dh’ aois, bantrach agus naodhnar chloinne. Cha robh am fear eile pòsda; bha e 24 bliadhna dh’ aois.
Di-màirt s’a tighinn tha aig muinntir na roinne so ri daoine thaghadh air son a bhi riaghladh nan siorrachdan fad nan tri bliadhn ri tighinn. Tha àireamh mhor a ruith anns an t-siorrachd so, agus anns gach siorrachd eile, agus feumaidh gu’m bi iomadh duine bochd aig am bheil dùil ris an urram—ma ’s urram e—a bhios air a mhealladh. Tha sinn an dòchas nach iad na daoine ’s fhearr a bhios air am mealladh; ma ’s iad, cha bhi e ach ’na dhroch comharradh air an luchd-taghaidh. Cluinnear daoine gu tric a gearan air droch ghniomharan nan Comhairleach; ’s còir do na daoine sin air an turus so a bhi cinnteach as an fheadhain leis an bhòt iad, nach dean iad ni sam bith nach bi a chum math an t-sluaigh d’ am bheil iad na ’n seirbhisich. Mur bi an t-siorrachd air a riaghladh ceart ’san àm ri tighinn ’se coire ’n t-sluaigh fhein a bhios ann.
IADSAN A’ PHAIGH.
Seumas Mac Gille-mhaoil, South Finch, Ont.
A. N. Mac Gill-fhaollain, Dunbheagain, Ont.
D. I. Caimbeal, Hamilton , Ont.
Domhnull MacCoinnich, Orwell Cove,E. P. I.
Alasdair Ros, Somerset , Mass.
Iain R. MacLeoid, Boston , Mass.
Domhnull Mac Neacail, Roseburn , C. B.
P. R. Mac-an-t- Saoir, Cnoc an Aoil.
Iain A. Domhnullach, Loch Bhlackett.
Somhairle C. Caimbeal, Eilean Phòil.
D. G. Domhnullach, Sidni.
D. A. Mac Cuthais, Rathad Shaleim.
Am Bathar a’s Fhearr.
Na Prisean a’s Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI, C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
RI CHREIC.
FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh.
FEARANN aigForks Road,mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich, —mu cheud gu leth acaire.
FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air.
Prisean agus Dail Reusanta.
Phœbe Brookman.
Sidni, C. B.
Nov. 4, ’98. tf
REULTAIREACHD.
INNSEAR T’ FHORTAN, agus an obair no ’n gnothuch a’s freagarraiche dhut a bhi ris, air son 25 sentichean. Leughadh cinnteach a reir nan reul air a thoirt do gach neach. Innis am do bhreith.
“ASTROLOGER,”
Box 70, Sydney, C. B.
Am bheil thu air son a’ Ghàidhlig a chumail suas? Ma tha, cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA, an aon phaipeir Gàilig a thatar a cur a mach. Dolar ’sa bhliadhna.
THE
DAILY RECORD.
PAIPEAR LAITHEIL
CHEAP BREATUNN.
Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B.
A PHRIS:
Bliadhna, $3 .00
Sia miosan, 1.50
Tri miosan, .75
A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH.
Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc.
’S COIR DHUT A GHABHAIL.
SGRIOBH GU—
JOS . MacDONALD,
Editor and Publisher,
Sydney, C. B.
[Vol . 7. No. 16. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 123.)
mo lamhan dheth. Sud e air a’ bhòrd. Slàn leibh. Nì-maith a bhi maille ribh; agus slàn shiorruidh leats’, a churraichd ruaidh ’sa sporain!”
Leis a so, ghrad dh’ fhàg e an seòmar, agus ruith e sios an staidhir.
“Thig air t’ ais!” ghlaodh an sagart, a’s e ann an àrd fheirg. “Pill!” Ach bha Jerrie fad á eisdeachd.
Dh’ eirich an sagart, ’s chaidh e do ’n chaisteal gheal, a ghille a giùlan a’ churraichd ruaidh ’san sporran leathraich, ’s dh’ innis e mar bha ’chùis. Chruinnich uaislean ’s luchd-ceartais an àite, agus thugadh a’ chùis ma ’n coinneamh. ’Si ’bhinn gus an d’ thainig iad, drochaid chloiche a thogail air a’ bheul àth. Mu ’n deach bliadhna eile seachad, bha ’n drochaid suas; agus gus an latha an diugh, ’se is ainm dhi, Drochaid a’ Bhocaidh-ruaidh; agus aig ceann na drochaid tha ri fhaicinn gus an latha an diugh, a’ chlach air am b’ abhaist do ’n deirceach suidhe.
Cha do chuir spiorad an deircich riamh tuilleadh dragh air Jerrie, ’s cha chualas tuille fuaim na coise maide. Ach ’s iomad aon, o’n àm sin, de dhaoine aineolach, a thubhairt gu ’m fac iad taibhse an t-seann duine a’ falbh na h-aibhne le ’luirg fhada, ’s le ’churrachd ruadh, a’ tolladh ’sa rannsachadh fo bhun gach cloiche airson a sporran leathraich. —Cuairtear nan
Gleann.
MAR GHEIBH THU’N SAOGHAL.
LE DONULL MAC CALUM.
An déigh bàs an athar bha Croit an Eas Mhòir aig na tri bràithrean Iain, Dònull agus Murchadh. Bha aca mar an ceudna bàt’ iasgaich, an “Eala Bhàn,” fo làn uidheam eadar riu. Chaidh iad mòran bhliadhnachan gu sona, soirbhicheil, ag obair comhladh. Ach cha’n ’eil staid ’s am bith, anns an t-saoghal so seasmhach ach ré tamail bhig.
Mu dheireadh dh’éirich eas-aonachd cho mòr eadar Murchadh agus a bhraithrean ’s gu’n d’fheum e dealachadh riu, agus àit’ a ghabhail dha fhéin. An déigh sin cha robh comunn ’s am bith eadar Murchadh agus a bhràthrean.
Bliadhn’ an déigh sin dh’fhàg Dònull a chuid de’n chroit agus de’n bhàt’ aig Iain agus thug e America air a dheanadh fhortain an sin. Fhuair Donull air aghaidh ann an America, an toiseach, agus fad ùine mhòr, cha robh bliadhna nach robh e cuir cuideachadh math thun Iain. Ach a dhà luaithead ’s fhuair e air aghaidh thuit e air ais.
Na staid ìosal chuir e roimhe tilleadh d’a thìr féin agus còmhnuidh ghabhail le bhrathair Iain. A chum ’s gu’m biodh Iain ullaicht’ air a shon sgrìobh e ’n litir so thuige.
“A bhràthair chaoimh, is caochlaideach cor an t-saoghail. ’N uair a shaoileas duine gu bheil fhortan deanta, gu bheil a’ shonas cinnteach, faodaidh gu bheil stéidh a’ dhaimhnich air fàilneachadh, gu bheil baideil oidh’ air éiridh. Mu’n am so ’n udhraidh co bu shòlasaiche na mise air an robh grian ag éiridh? An diugh cò is truaighe? Chaill mi mo stòras, bhris air mo shlàinte, chaochail mo theadhlach! Falamh, am aonran, ann an tìr choigrich, dh’ fhagar mi.
“Ach ’s dàn dhomh bhi gearran agus gu bheil agam annadsa caraid caomh, mo bhrathair, ’n uair tha mi gun fheum a ghabhas mo dhragh, ’n uair tha mi gun chuid nach faic ann an dith mi, agas air coigrich nach leig m’ uallach. Air an ‘Aurora’ bithidh mi seòladh dhachaidh thugad. Gheibh thu eachdraidh mo chor an déigh dhomh ruigeachd. Gu sin, slàn leat.”
’N uair a thill Dònull d’a thìr féin choinnich Iain aig a’ bhaile puirt e. Thug Iain a stigh e do’nTemperance Hotelagus an déigh dhoibh biadh a ghabhail agus a cheile fheoraich thuirt e ris— “A nis a Dhònuill tha mi dol a dhinnseadh dhuit dé thà mi dol a dheanadh air do shon. Cha’n urrainn mi do thoirt thun an tighe. ’S i bean uasal, mhòr a th’agam pòsda, agus tha h-uile ni aice cho dòigheil, cho riomhach, ’s cho suidhichte, ’s nach urrainn i an t-arreachadh a’s lugha dheanadh. Tha’n aon seòmar falamh a bh’aice air ’ullachadh air sonFrench governesstha tighinn air an ath sheachdain a theagasg na cloinne. Ach air a shon sin cha d’ rinn mi dearmad air ullachadh a dheanadh air do shon-sa. Fhuair mi àite ’s an tigh-bhochd dhuit. An sin bithidh agad am fasgadh an t-aodach, an teachd-an-tìr agus am frithealadh tha còir laghail agad orra, agus cha bhi thu’n eismeil neach ’s am bith. Tha mi’n dòchas gum bi thu toillicht’ ann. Tha’n Governor na dhuine tha anabarach còir. Gheibh thu dol a laithe air naoi uairean feasgair agus cha ruig thu leis éiridh gus am bi e sia uairean ’s a’ mhadainn. Mar teid agad air do lite ghabhail ’s a mhadainn gheibh thu tì air a mheadhon-là. Fanaidh tu ann a so gus an toir Inspector nam bochd do’n tigh thu. Thatea partyri bhi againn aig an tigh air an fheasgar so agus gu bhi ann an am air a shon feumaidh mi bhi fabh a nis oir cha bhiteud réidh ’s an fhidhil. Beannachd leat a bhalaich bhochd.”
Dh’fhalbh Iain. Leag Donull uilnean air a bhord, chrom e cheann air a lamhan, agus le trom osnaich ghuil e gu truagh ag ràdh— “Och nach truagh nach d’fhan mi ann an tìr m’ alabain gus an d’ fhuair mi bàs a creidsinn gu ’n robh neach ann aig an robh gràdh dhomh. O! nach b’ fhaoin dhomh bhi smuainteachadh nach b’ urrainn an saoghal an còr a dheanadh orm!”
Ann an sin fo sgìths mulad agus an-dochas chaidil e. Cha robh e fada na chadal nur a dhùisgear e le crathadh làmh threun air a ghualain. Sheall e suas agus cò a chunnaic e ach a bhràthair Murchadh na sheasadh na làthair! Thuit Murchadh air a mhuineal agus phòg se e. Bha gu leòir a siod a shasachadh uil’ iarrtas anama. Anns an fhàilte bheannachte chur Murchadh air fhuair Donull a dhùsgadh ann sonas, creideamh agus neart a rinn òg a ris e.
Bha uidheam-ghiulain aig Murchadh aig an dorus deas a thoirt a bhràthar dhachaidh leis, agus thug e dhachaidh e.
Bha bhrathair Murchadh ’s na h-uile duine bh’ aige cho chaoimhneil ri Donull agus cho fritheilteach da ’s gun robh a bheatha air a deanadh dha cho sòlasach ’s b’urrainn neach na shuìdheachadh a bhi.
’N uair a thòisich Dònull air fàs cho ìosal, mu bhliadhna gu leth an déigh dha tighinn dhachaidh á America thòisich an iomagain a bha daonan air nach robh e faotainn litir a bhi dùil aige rithe á America air a bhi anabarach trom air. Là a’ phosda bhiodh e fheòraich fichead uair “An d’ thaing na litrichean,” mu’n tigeadh iad. ’N uair a chluinneadh e nach robh litir ann dha theireadh e— “Tha i air an t-slighe. Thig i ’n ath là.”
Air do mhòran làithean mar sin dol seachad ’n uair a bha Dònull a dlùthachadh ris an dearanaich thàinig an litir agus cho luath ’s a b’ urrainn dhoibh chuir iad na làmh i. Cha luaithe mhoithich i na bheannaich e lamh urra. Dh’ éirich e suas na shuidhe chuir e’n litir ri bhillean, phòg e i agus le guth laidir thubhairt e— “Athair chaoimh, tha gach ni gu math, tha mi ulladh gu trial; gabh manam ad’ làmhan.” An sin laidh e sìos leis an litir fo lamhan air uchd agus thug e suas an deo.
Thiodhlaic a bhràithrean corp Dhonuill ann an uaidh athraichean. ’N uair e thill iad dhachaidh o’n toradh leugh Murchadh a litir a thàinig a America do Dhònull an làthair Iain agus nan càirdean eile bha cruinn. So na briadhran a leugh e— “Mo Dhonull gràdhach: —Air son na h-eucoir e rinn mi ort, agus a mhì-chreideas a bh’ agam anad tha mi nis ag guidhe gu’n toir thu dhomh maithneas. Mar h-éisd thu rium cha’n fhaigh mi sìth gu bràth. An diugh air a leabaidh-báis dh’aidich Seumas Mòr gur h-i a bhreag a dh’innis e mud’ thiomchul. Gheall mise dha sin innseadh dhuit a chum ’s gum faigheadh e maithneas mu’m faigheadh e bàs. ’Nuair a gheibh mi fios uait cuiridh mi fios air ais le ceud gu leth punnd Sasanach agus m’ eachdraidh o’n a dheallaich sinn. Tha mi ’n dòchas gu bheil thu gu maith agus nach bi fada gus an cluinn mi uait. Is mi do charaid Ruaraidh Og.”
Air do na cairdean greis a thoirt a còmhradh mu’n litir as nach b’urrainn dhoibh mòran brìgh a thoirt ach gu’n robh Ruaraidh Og deas a chur ceud gu leth punnd Sasunnach thu’n Dhònull nach bu mhairean, thubhairt Iain riu mar so— “O’n nach beò Donull ’s ann dhomhsa bhuineas an t airegiod sin. Mu’n d’ fhalbh Donull do America rinn e dileabaich air dhiomh sa. Tha’n tiomnadh agam a stigh agus leigidh mi fhaicinn dhubh uair ’s am bith e.” “Cha’n eil sin féin ro choltach.” deir Murchadh, gu’m faigh thu a chuid ’s nach gabhadh tu a’ dhragh.” “Cha ’n eil mi dol a dh’ éisdeachd,” deir Iain, “ris a chòr mhì-mhoth. Tha coltach gur e’n lagh a dh’ fheumas a chùis a cheartachadh.” “Mar sin,” deir Murchadh, “bitheadh e.” Agus ’s ann mar sin a bha e. Chaidh na bràithrean gu lagh. Leis an tiomnadh a bhi aige bhuithinn Iain.
An sin sgrìobh Iain thun Ruaraidh Oig an t-airgiod a chuir thuige-san oir gu’m b’ easan an t-aoighre. Sgriobh Ruaraidh Og thuige ag ràdh—“ ’Se tìodhlac a bha mise cuir thun Dhònuill agus a nis o nach mairean a cha ’n ’eil aobhar agam an tiodhlac a chuir thugad-sa.”
Thug Iain a chùis do fhear-lagh agus ’n uair a thug am fear-lagh a h-uile sgillinn a bh’aige uaithe sgrìobh e thuige gu’n do chaill e’n latha.
’N uair a bha crioch air an lagh chuir Ruaraidh Og an t-airgiod thun Mhurchadh mar thìodhlac.
Achmhasan an Amadain.
Bha duin-uasal mor àraidh ann a bha ’gleidheadh amadain, d’ an d’ thug e aon latha bata, le ordugh teann a ghleidheadh, gus an tachaireadh e ri amadan bu mho na e fein. Beagan bhliadhnachan an deigh sin, dh’ fhàs an duin uasal tinn, eadhon chum bàis. Thainig an t-amadan g’a amharc; thuirt a thighearna eu-slan ris: “ ’S eiginn domhsa ’n ùine ghoirid d’ fhagail.” “ ’S c’ait tha thu dol?” ars an t-amadan. “Do shaoghal eile,” fhreagair an duin’ -uasal. “Agus c’uin a thig thu a ris? ann am mios a thim?” ars an t-amadan. “Cha tig,” ars an duin’ -uasal. “An taobh a stigh do bhliadhna?” ars an t-amadan. “Cha tig,” ars an duin’ -uasal. “C’uin mata?” ars an t-amadan. “Cha tig gu bràth,” ars an duin’ -uasal. “Gu bràth, nach tig!” ars an t-amadan; “agus ciod an t-ullachadh a rinn thu airson goireis dhuit fein ’s an àite sin d’am bheil thu dol?” “Cha d’ rinn ullachadh idir,” ars an duin’ -uasal. “Nach d’ rinn!” ars an t-amadan; “nach d’ rinn ullachadh idir! So, mata, gabh mo bhata; oir, le m’ uil’ amaideachd-sa cha ’n eil mi ciontach de amaideachd ’s am bith cosmhuil ri sin.”
Mar dh’ iarr an Giullan Ileach a Bhrogan a Dheanamh.
Brògan bileach, baileach, beul-dubh, o dhruim leathar nam bò, o thàrr leathar nan aighean, farra-bhuinn a steach, gearra-bhuinn a mach, buinn fhada, dhìreach nan sìneadh eatorra sin; built chiar-dhubh, dhonna o chìrein na droma, snàthain caol réidh, guin gheur, tarruing air éiginn, làmh deagh fhòghlum ga ’m fuaidheal; buanas bròig fir Eilean, eireachdas bròig mhic righ, ’s ged bhuaileadh i air a chraig gum bu mheasa do ’n chraig na dh’ i.
Thatar ag iomradh a nise gu bheil Breatunn an uine ghoirid a dol a ghabhail seilbh gu buileach air an Eipheit. Ni sin an fhearg buileach a chur air na Frangaich, agus tha daoine dhe’n bharail gur ann as a chùis sin is dòcha cogadh a thighinn na as a chomhstri a bha eatorra a thaobh Fashoda.
[Vol . 7. No. 16. p. 7]
Oran
A RINN AILEIN AN RIDSE ANN AN DEIREADH A LAITHEAN.
Air fonn:— “Cumha Chloinn Domhnuill.”
B’e sgeul truagh do shiol Adhamh,
’S cruaidh ri àireamh ’s ri aithris e;
Nuair bha bhean anns a ghàradh
Mar thug Sàtan an car aisde;
Choisinn cuaradh a bhais dhuin,
Fhuair an namhaid cas thairis oirnn;
Thuirt ’s a bhuaireadh cho tràth ’s,
E buan mar fhàgail nach dealaich rinn.
’S beag an t-ioghnadh mi liathadh—
Coigh gach bliadhna chaidh thairis orm;
Theid an cunntas dhomh diamhain,
Chum ’s an fhiaras mi mhaireas dhomh;
Tha mo pheacanan lianar,
’S cùis chianail ri aithris dhomh,
’S aobhar eagail dhomh an t-siorruidheachd,
’S a bhi triall ann an ath-ghoirid.
’S aobhar eagail us cùram
Bhi toirt cùnntas nam aimideachd,
’S mi faicinn le m’ shùilean
Ceann na h-ùine bhi teannadh orm.
Tha mo shaoghal air m’ fhàgail,
Cha’n eil ach sgàil agus falas ann;
’S gur ro ghoirid na làithean,
A bhios mi tàmh anns an fhearann so.
Gur cuis eagail gu brath dhomh
Mar bha mo nàdur a mealladh orm,
Dol fo bhreitheamh an àrd righ
’S am peacadh gràineil na eallaich orm.
’Nuair a bhrist mi na fàintean
Chuir sid Pàrras am mearachd orm,
Dhomh-sa ’s measa mar tha sin
Ma thig am bàs ann an ealamhachd.
So an tim dhomh bhi dùsgadh
S’a bhi le cùram nam faireachadh,
A bhi dian air mo ghlùintean
Ag iarraidh ùine gu aithreachas.
A bhi diadhaidh ’nam ghiùlan
Ciallach ciùin le fior charranteachd,
Lan fialachd is ùmhlachd
Re m’ ùin’ air an talamh so.
Ach tha mi ’n dòchas gu làidir
Gu bheil na gràsan a teannadh orm,
A bheir mathadh ’s gach fàilinn
Mu’n deid an snàthean a ghearradh orm.
Tha mo bhun anns an Trianaid,
Os leith Chriosd bho’n se cheannaich sinn;
’Nuair a ruigeas mi ’n t-siorruidheach,
Gu’n doir e sochairt do m’ -anmsa.
MO Thruaigh Prionns’ Tearlach.
[EADAR . LE FIONN. ]
Gu m’ fhàrdaich thàinig eun beag, binn,
Is sheinn e fonn bha àluinn,
’S b’ i so an t-séisd a bha e ’luaidh,
“Mo chreach ’s mo thruaigh Prionns’ Teàrlach!”
’Nuair chuala mi an ealaidh bhròin,
Grad bhruchd mo dheòir ’s mi cràiteach;
’Toirt ùmhlachd, chrom mi sios mo cheann.
’S mo chrìdh’ an geall air Teàrlach.
Is thuirt mi“ ’eoin a’s bòidhche snuadh,
O, c’àite ’n d’ fhuair thu t-òran,
Am bheil do chrìdh’ air chìnnt fo leòn,
No ’n ceòl so ’rinn thu ’fhòghlum?”
“Cha’n é, cha’n é,” ghrad sheinn an t-eun,
“Air sgéith ’s glé mhoch a dh’ fhàg mi,
B’e sin an là le uisge ’s fuachd,
Mo chreach ’s mo thruaigh Prionns’ Tearlachl”
“Air feadh nam beann ’s leis fhéin mar chòir
Tha e gun treòir ’na fhòg’rach;
Fo mhi-ghean ’s cùram tha an triath,
’S an namh gu dian an tòir air.
’N uair chunnaic mi e ’n raoir ’s a ghleann,
Bha aogasg fann le ànradh;
’S cha mhòr nach d’ fhàg sud mi gun tuair,
Mo chreach ’s mo thruaigh Prionns’ Tearlach!”
“ ’Nuair chiar an là ’sa shéid a ghaoth,
Measg ghleannan caol is stùcan;
O, c’àite ’n d fhuair an t-òigear tàmh,
’Bu chòir ’bhi ’pràmh ’na lùchairt?
’Na Bhreacan-guaille laidh an laoch,
Air leaba fhraoich ’san fhàsach;
Fo sgàile faoin nam preas ’s nam bruach,
Mo chreach ’s mo thruaigh Prionns’ Tearlach.
An t-eun thug sùil, ’s bha luchd-nam-lann,
A dlùth’chadh teann mu’n cuairt air,
Cha’n àite so ’s am faod mi tàmh,
Is feàrr dhomh nis bhi gluasad.”
Ag éiridh chuairtich e mi dlùth,
Mu ’n tug e cul ri m’ fhàrdaich;
’S b’e ’n caoidhrean brònach dh’ fhag e’m chluais,
“Mo chreach ’s mo thruaigh Prionns’ Tearlach!”
Tha na fiosan mu dheireadh a thàinig a Manitoba ag innse nach eil an crithneachd cho fad air ais ’sa bha ’san ainm an toiseach; cha d’ rinneadh uiread millidh air idir ’sa bhatar ag radh. Is ni bàrr as nach urrainnear a bhi cinnteach gus am bi e air a bhuain ’san gràn air a thasgadh anns na saibhlean. ’S math nach eil an crithneachd gu bhi gann, oir dheanadh sin am biadh daor air feadh na dùthcha air fad.
DO BHIADH.
Do Neart—Ma bhios e air a dheagh chnamh.
Mur eil do stamag a deanamh a h-obair, feuch K. D. C. Cha ’n eil duine air am bheil Cion-cnamhaidh a cur dragh nach cuidich e—do nach toir e slainte agus comhfhurtachd. ThaK . D. C. Pillsanabarrach math air son a chuim. Leighsidh iad Teanntachd, ma ghabhar iad maille ri K. D. C.
AIR AN SAR MHOLADH.
Sampuill de K. D. C. ’sK . D. C. Pillsa Nasguidh.
K . D. C. Company, Limited, New Glasgow, N. S. & 127 State St. Boston, Mass.
Am bheil romhad tigh no sabhal ur a thogail? Ma tha, paighidh e dhut do chuid thairnnean, glaine, paipear, paint, aol, plaster, luaidhe, glasan, ludagan, rop agus uidheaman saoirsneachd a cheannach bho
C . P. MOORE.
’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, ma bhios speal, sgrioban, forc no cas forca a dhith ort, theirig g’ an iarraidh gu
C . P. MOORE.
Nuair bhios a chlann ag iarraidh sgliat no leabhar ur, paipear sgriobhaidh, pinn, no inc, ceannaich iad bho
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
Sin an t-aite anns am faigh thu gach ni dhiubh so gle shaor.
AN T-AITE
ANNS AN CEANNAICH THU
Suic agus
Iaruinn Cruinn,
Creamers,
Soithichean Bainne,
Airneis-taighe, Stobhaichean,
Flur, Min etc., etc.
AN STOR AIG
Isaac Greenwell,
SIDNI, C. B.
Am Feillire.
NOBHEMBER, 1898.
1 Di-mairt An t-Samhuinn.
2 Di-ciaduin Latha nam marbh.
3 Dior-daoin
4 Di-haoine Tighinn Uilleam III. do Bhreatunn, 1688
5 Di-satharna
6 DI-DONAICH 22 Donaich na Trianaid.
7 Di-luain (6) Pòsadh Fionnghall Dhomhnullach, 1750
8 Di-mairt
9 Di-ciaduin Glacadh Montreal, 1775
10 Dior-daoin Breith Mhartin Luther, 1483
11 Di-haoine
12 Di-satharna (13) Blar Sliamh an t-Siorra, 1715
13 DI-DONAICH 23 Donaich na Trianaid
14 Di-luain Bas Chaluim Cheann-mhor, 1093
15 Di-mairt
16 Di-ciaduin Bas Ban-righ Mairearad 1093
17 Dior-daoin
18 Di-haoine
19 Di-satharna Breith Tearlach I., 1601
20 DI-DONAICH 24 Donaich na Trianaid
21 Di-luain Bas Sheumais Hogg, 1835.
22 Di-mairt Bas Morair Chlive, 1774
23 Di-ciaduin
24 Dior-daoin Bas Iain Knox, 1572
25 Di-haoine
26 Di-satharna
27 DI-DONAICH Donaich na h-Advent
28 Di-luain
29 Di-mairt
30 Di-ciaduin An Fhéill Anndrais
MUTHADH AN T-SOLUIS.
An Cairteal mu dheireadh L. 6, U. 10, M. 14 M
An Solus Ur, L. 14, U. 8, M. 9 F
A’ Cheud Chairteal L. 20, U. 0, M. 51 F
An Solus Lan, L. 28, U. 0, M. 25 M
DH’ IARRAMAID AIR
NA GAIDHEIL
’s air muinntir eile a tha air son“Typewriter”a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na
Blickensderfer No. 5,
mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35 .
Tha seorsachan eile againn cuideachd.
CREELMAN BROS.,
TYPEWRITER CO.
15 Adelaide St. East,
TORONTO, ONT.
GHEIBH THU
AN TI
A’s fhearr ’sa Mhargadh.
NA BROGAN
A’s Fhaide Mhaireas.
AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.
Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c
TORMAD DOMHNULLACH.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c .
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B.
D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C.B.
J . S. BROOKMAN, M. D. ,
LIGHICHE.
OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot.
SIDNI, C. B
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.
Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
Niall Mac Coinnich,
Sidni, C, B.
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Floiri Nic Fhionghain
a’ cumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan a’ cosg.
ADAN,
BONAIDEAN,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN,
GEUGAN.
agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor.
FEUCH GU ’N TAGHAIL THU.
[Vol . 7. No. 16. p. 8]
BATHAR CRUAIDH.
Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor.
Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.
J. E. EISAN.
PIANOS AGUS ORGAIN.
AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, C. B.
THA EARBSA
aig daoine ann am maidsichean Eddy— ’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha “coltach” ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum.
Tha ’n t-ainm so na urras air mathas.
THE
E. B. EDDY Co., Ltd.,
HULL, CANADA.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
Stewartdale , C. B.
CLOTH, DROGAID,
AGUS
Plaideachan “EUREKA.”
Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic.
Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige.
C . H. HARRINGTON & CO.
Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni.
THA IAD A’ CREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile.
“SALADA TEA, ”
Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris.
[Dealbh]
Tha sinn a nise ’nar luchd-gnothuich aig a
CHANADACARRIAGE CO. ,
air son Eilean Cheap Breatunn.
Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead le ’cheannach uainne.
Tha sinn mar a b’ abhaist a’ creic Truncaichean, Màileidean, Acuinneach, Bratan-carbaid, Cuipichean, Carbadan Cloinne, Olla, Dubhaich Bhròg, &c ., &c .
F . Falconer & Son,
Sidni, C. B.
’NUAIR THEID THU ’BHADDECK
TAGHAIL AN STOR
Albert I. Hart.
Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram,
Bathar Cruaidh,
Amhlan,
Aodaichean,
Caiseart, Adan,
Curraichdean,
Agus iomadh ni eile.
An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle.
MAC-TALLA.
“Gu ma fada beo a’ Ghailig.”
“Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.”
Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais.
DO DHLEASANAS.
A bhi gabhail MHIC-TALLA.
A bhi leughadh MHIC-TALLA.
A bhi pàigheadh MHIC-TALLA.
A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a chur ’na rathad.
An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan.
Cha robh a leithid ann roimhe, ’s cha ’n eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast.
Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tigh’n a mach uair ’san t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut.
Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dh’ fhalbh.
A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do t’ inntinn.
Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig a’ sgriobhadh gu daonnan dha; agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og.
Is abhaist do dhaoine ’nuair a bhios iad a’ creic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhi ’cur pris ard ’na cheann; ach cha ’n eil MAC-TALLA ’deanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadh ’sa chumail suas, agus uime sin cha ’n eil e cosg d’a luchd-gabhail ach
DOLAR ’SA BHLIADHNA.
title | Issue 16 |
internal date | 1898.0 |
display date | 1898 |
publication date | 1898 |
level | |
reference template | Mac-Talla VII No. 16. %p |
parent text | Volume 7 |