[129]

[Vol . 7. No. 17. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, NOBHEMBER 18, 1898. No. 17.


MAR A RINN MI MFHORTAN.

CAIB. I.

LAITHEAN MOIGE.

Chuala mi iomradh air fear a bhag radh gun robh cuimhne aige air an stob air an robh an crùisgean an crochadh an oidhche a rugadh e! Is e so cuimhne as fhearr air an cuala mi iomradh riamh. Ged nacheil mo chuimhne-sa cho fior mhath ri cuimhne an duine chòir ud, tha deadh chuimhne agam air mòran nithean a chunnaic agus a chuala mi on a bha minam phàisde beag. Smaoinich mi nach biodh as an rathad dhomh cuid dhe na nithean a chunnaic agus a chuala mi a sgrìobhadh, gun fhios nach fhaodadh iad a bhithchum buannachd do mhuinntir eile. Thug na chunnaic mi, na chuala mi, agus na thachair dhomh adol troimhn t-saoghal gus a so, tomhas mòr de ghliocas dhomh. Mar a than sean fhacal ag ràdh, “Cha deanar duine glic ach air a chosg fhein.” Ach ged a tha so fior gu leòr, tha e mar an ceudna fior gum faod duine glic sam bith iomadh dragh agus trioblaid a sheachnadh le bhith gu cùramach agabhail beachd air an dòigh anns am bheil soirbheachadh no mi-fhortan atighinn an rathad dhaoine eile. Tha eòlas air eachdraigh beatha dhaoine eile dhomhsa agus dhuibhse dìreach mar a tha eòlas air achairt-iùil don mharaiche. Tha na sgeirean, na sruithean, na rudhachan, agus na callachan sabhailte air an comharrachadh am mach gu soilleir anns achairt-iùil, a chum gum bi luchd-falbh na mara air am faicill roimh gach cunnart, agus gun teid iad a ghabhail tearmuinn don challa shabhailte ann an uair na h-eiginn. Than leabhar a chuir Dia ann an lamhan dhaoine ag innseadh dhuinn mòran mu thimchioll nan dòighean anns an do thuislich na daoine cho diadhaidhs a bha riamh air an talamh. Tha so air innseadh dhuinn, chan ann a chum gun rachamaid ceum is ceum air seachram mar a chaidh iadsan, ach a chum gun seachnamaid gach ceap-tuislidh air an do thuislich iadsan; dìreach mar a tha na sgeirean agus na bodhachan air an comharrachadh gu soilleir anns achalrt-iùil, a chum gum biodh gach sgiobair luinge airfhaicill air eagal gun dean e long-bhristeadh orra.

Am feadhs a bhios mig innseadh cuid dhe na bheil air chuimhne agam dhe na chunnaics a chuala mi, agus a thachair rium, thig orm mòran a sgriobhadh mu thimchioll mo bheatha fhein, agus mar a fhuair mi air aghart ceum air cheum a dhionnsuidh an t-suidheachaidh anns am bheil mi an diugh. Chaneil moit sam bith orm, ged a rinn mi fortan le mo chruaidh-chosnadh fhein. Bu bheag orm riamh na daoine moiteil, agus chaneil mismaointean gun robh mor-mheas aig duine riamh orra, ged a bha iad fhein an dùil gun robh.

Rugadh mise ann an gleannan boidheachs aGhàidhealtachd. Cha robh aig mathair a dhfhearann ach na chumadh còig mairt-laoigh, each, agus mu fhichead caora. Anns an àm ud bha daoine aig am biodh uiread so de dhfhearann agus de stoc air am meas glé mhath dheth. Agus dhfhaoidte sin; oir bha iad air an deagh bheathachadh le toradh an cuid fearainn agus an cuid spréidhe fhein. Bha iomadh duine bochds an dùthaich a bha ann am freasdal, mar a theirteadh, “a bhith ceannach apheice.” Ach bha e furasda gu leòr min is gràn fhaotainn anns an dùthaich. Nam biodh an t-airgiod ann an làmh duine, gheibheadh e min is gràn aig muilleirs aig marsanta. Faodar a ràdh gun robh an dùthaich anns an drugadh miseg a beathachadh fhein gu ìre bhig aig an àm ud.

Bham buntàtafas ann am pailteas; oir cha robh guth air gaiseadh aig an àm ud. Bha iasg gu leòr ri fhaotainn, gu h-àraidh fad an fhoghairs agheamhraidh an uair a thigeadh an sgadan agus an sùidhean a steach don locha. Cha robh ach gann punnd de dhìm no de dhfheòil afalbh as an dùthaich; agus cha robh de phrìs air na h-uighean ach sgillinns bonn-a- sia an dusan. Bhiodh am pailteas de chàls de churrain aig gach teaghlach ach ainneamh. An uair a mharbhteadh mart math, no a sia no seachd de mhoilts de chaoraich toiseach agheamhraidh ann an teaghlach, bhiodh eanraich math, reamhar agus feòil sea leis an arans leis abhuntàta. Agus bu mhath am biadh e gu fuachd agheamhraidhs an earraich a chumail am muigh, agus gu slàinte is fallainneachd a chur anns na daoine a bhiodhga ghabhail. An uair a thigeadh duine dhachaidh fliuch, fuar feasgar an déigh dha bhithgearradh, nofeamanadh, notaomadh, no treabhadh, bu mhath am biadh dha trinnsear math de dheanraich, cnap math feòla, agus a dhìol de dharan math coirce, no eòrna, agus de bhuntàta, seach an thana, lachdunn air am bheil daoine cho déidheil an diugh. Chan ioghnadh ged a bha ceatharnaich mhòra, làidir, chruadalach ann an uair ud a sheasadh ri fliuchadh, ri fuachds ri anastachd. Cha chluinnteadh, ach glé ainneamh, guth no iomradh air greim-lòin, no air déideadh, no air fichead eile dhe na h-eucailean a tha cho cumanta am measg an t-sluaigh an diugh. Bainneamh a chuirteadh feum air doctair, no air a chuid chungaidhean.

A null mu thoiseach an earraich, an uair a dhfhàsadh am bainne gann, agus a bhiodh an fheòil adol an deireadh a ruith, bhiodh pailteas de dhìms de chàise aig an àireamh bu mhò dhen t-sluagh. Agus gu cinnteach cha robh iad mosach ma dheidhinn. Bha càirdeas, is comunn, is gaol am measg an t-sluaigh an uair ud nacheil am measg an t-sluaighs an àm so. Dheanadh iad cuideachadh le chéile aig iomadh àm dhen bhliadhna nach deanar ach glé ainneamh ann an àite sam bith an diugh. Bu chaoimhneil, càirdeil iad ri chéile aig àm dripeil na bliadhna. Rachadh gillean òga, tapaidh a bhuain na mònadh don duine bhochd, dhripeil aig an robh teaghlach lag; agus cha bi mòine na bantraich bu deireannaiche a bhiodh gun bhuain. An àm an fhoghair, gheibheadh am fear a bhiodh air dheireadh leis abhuain, leis an dlùthadh, agus le togail abhuntàta, cuideachadh on fheadhainn a bhiodh ullamh air thoiseach air. An àm tubhadh nan taighean gheibheadh an duine bochd, lapach cuideachadh uapasan a bha treun, tapaidh, luath, làidir. Am feadhs a bha gach fear agiùlan uallaich fhein cho maths a dhfhaodadh e, bhiodh e feuchainn ri bhith giùlan uallaich chàich mar an ceudna.

Bhiodh na h-oidhcheannan fada geamhraidh air an cur seachad ann an dòigh a bha neo-lochdach gu leòr. Bhiodh sgeulachdan is duain na Feinne air an aithris ann an iomadh taigh. Agus chumteadh air chuimhne gach sean-fhacal, is dubh fhacal, is tòimhseachan air an cualas iomradh. An uair a bhiodh iad sgìth dhe so, bhiodh an ùine air a cur seachad le comhradh deadh-chainnteach, geur-chuiseach, agus le ceòl is dannsa.

Bha mathair-sa (chan ann a chionn miseg a ràdh) ’na dhuine cho glic, deanadach, dòigheil ri duine a bhanns an àite. Biomadh fear bu mhò a chuireadh a dhobair as a dheigh na e, ach bainneamh fear a dheanadh obair na bu shnasaile na e. Cha bhiodh cearb air aon obair a dheanadh e an uair a bhiodh i ullamh. Bhiodh am fearann air a dheadh àiteach; bhiodh an t-arbhar air a bhuains air a chur fo dhion gu doigheil, snasail; agus bhiodh gach taigh air a thubhadhs air a shiomanachadh cho maths nach ruigeadh e leas éirigh as a leabaidh an uair a thigeadh an stoirm. A dhaon fhacal, cha bhiodh ceann sgaoilte air obair sam bith anns an cuireadh e a làmh.

Bha mo mhàthair a cheart cho math gus a cuid fhein a dhobair an taighe a dheanamhs a bha mathair. Bheathaicheadh i crodh, is laoigh, is gamhna cho math ri te a bhanns an dùthaich; dheanadh i ìm is càise gu leòr; bainneamh a chunnacas riamh deur de bhainne goirt aice; cha robh na bfhearr na i air calanas anns an dùthaich. Eatorra le chéile bha iad acumail gach ni cho dòigheils cho òrdails a burrainn a bhith. Cha robh fiachan aig marsanta no aig uachdaran riamh orra.

Ged a bha na nithean so a dhainmich mi gu math, bha nithean eile annta a rinn mòran a bharrachd feuma dhomhsa, agus be sin, an t-suims an cùram a bha iad agabhail dhiom air eagal gun leanainn eiseimpleir dhroch chompanach. Chan fhaodainn a dhol air chéilidh do thaigh sam bith anns am biodh daoine gun mhodh acruinneachadh. Air Di-donaich, chan fhaighinn cead a dhol a shiubhal amhonaidh, no dhol timchioll achladaich mar a rachadh gillean òga, gòrach eile a bhanns an àite. Ach gheibhinn mo dhìol cluichd a dheanamh aig an taigh air latha seachdain comhladh ri gillean òga sam bith a ghluaiseadh iad fhein gu modhail, iomchuidh.

Ged nach robh an stamhnadh a bha mo phàrantan acur orm acordadh rium aig an àm, bha mi iomadh latha glé thaingeil dhaibh on uair ud. Thuig mi gum bann air mo ghaol agus nach bann air mo ghràin a bha iadg am chumail fo smachd. “Ge be nach ionnsaichear aig aghlùin chan ionnsaichear aig an uilinn.” Ged a bhiodh iad air mòran airgid fhàgail agam, rud nach robh comasach dhaibh a dheanamh, bu bheag feumadheanadh e dhomh adol troimh chùrsa na beatha an coimeas ris an eiseimpleir a chuir iad fa mchomhair, agus ris an smachd a bhaca orm.



[130]

[Vol . 7. No. 17. p. 2]

Tha mi nisnam sheann duine, agus bu choltach gum biodh fios agam air iomadh rud air am bheil daoine a tha nas òige na mi aineolach, agus theirinn nacheil e an comas do phàrantan ni sam bith a thoirt don cloinn as feumaile dhaibh an beatha na modh agus smachd a chur annta, agus eisimpleir mhath a chur fan comhair. Ged bu leotha ionmhas a chruinne-ché dhfhaodadh iad a chall no mi-fheum a dheanamh dheth. Ach ma chuirear modh is ionnsachadh ann an daoine òga, agus gu h-àraidh ma chuirear eisimpleir mhath, dhiadhaidh fan comhairnan òige, faodar dòchas a bhith gun gluais iad iad-fhein gu h-iomchuidh, measail, cliùiteach fad uile làithean am beatha.

(Ri leantuinn.)


SGEULACHDAN ARABIANACH.

An t-Amadan Crotach.

CAIB. VII.

Bha mathair-sa ann am Bagdad ri linn righ Haroun Alraschid, agus bha e air a radh gum be marsanta cho beairteachs a bhann am Bagdad gu leir. Bha e gle dheidheil air toileachas-inntinn, agus air an aobhar sin cha robh e toirt an aire dha ghnothach cho maths bu choir dha. An aite saoibhreas fhagail agamsa aig am a bhais, mar a dhfhaodadh edheanamh, is ann a bha moran fhiachan air. Ach chaidh agamsa ri uine air na fiachan a phaigheadh gu leir, agusna dheigh sin shoirbhich leam mar nach bolc.

Air madainn araidh an uair a dhfhosgail mi a bhuth thainig bean uasal, amarcachd air aiseal, agus dithis dhe cuid sheirbhiseach, gu dorus na buthadh. Le cuideachadh nan seirbhiseach thainig i air lar.

Nach duirt mi ribh,” arsa fear dhiubh, “gun robh e tuilleadh is trath dhuibh tighinn a dheanamh ceannachd do na buithean. Nan do ghabh sibh mo chomhairle-sa cha bhiodh sibh afeitheamh cho fads a bhitheas sibh.”

Sheall abhean uasal mun cuairt oirre, agus an uair a chunnaic i nach robh buth fosgailte ach abhuth agamsa, dhiarr i orm cead a thoirt dhi suidhe anns a bhuthaidh agam gus am biodh na buithean eile air am fosgladh. Thuirt mi rithe gun robh lan chead aice air suidhe anns abhuthaidh agam fhads a thogradh i. Shuidh i gu toileach, agus an uair a chunnaic i nach robh duine an lathair ach mise agus a dithis sheirbhiseach, thog i an srol bhar a h-aghaidh. Agus feumaidh miradh nach fhaca mi boirionnach riamh cho briagha rithe. Cha bu luaithe chunnaic mi i na thuit mi ann an trom-ghaol oirre. Cha robh mitogail mo shuil dhith, agus dhaithnich mi oirre nach bu mhisde leatha mi bhith cumail mo shuil oirre idir; oir thug i uair is uair cothrom dhomh air lan-shealladh dhe h-aghaidhfhaicinn.

An deigh dhi a h-aghaidh a chomhdach, dhfheoraich i dhiom an robh na h-aodaichean riomhach a bha dhith oirre agam.

Chaneil iad agam idir,” arsa mise, “chaneil annamsa ach duine og a tha air ur-thoiseachadh. Chaneil mi fhathast comasach air am bathar as fhearr a cheannach. Tha ecur dragh mor orm nacheil ni agam a fhreagras oirbh. Ach a chum nach bi agaibh ri dhol o bhuthaidh gu buthaidh, theid mise, ma thogras sibh, agus ceannaichidh mi dhuibh na tha dhith oirbh air aphris as isle.”

Dhaontaich i leam anns an t-seasamh bonn, agus thoisich i ri comhradh rium. Bhan comhradh acordadh rium cho maths gun robh mi mu dheireadh acur an ire dhi nach dthainig na marsantan fhathast. Bha miga dheanamh so air ghaol a cumail acomhradh rium cho fads a burrainn mi.

Bha i pailt cho tlachdmhorna comhradhs a bha ina cruthsna coslas; ach beiginn domh sgur de chomhradh rithe, tlachdmhors mar a bha i. Dhfhalbh mi le cabhaig feuch am faighinn na h-aodaichean a bha dhith oirre. Thill mi ann an uine aithghearr, agus an uair a thagh i na h-aodaichean a thaitinn rithe, dhaontaich i gun tugadh i dhomh coig mile bonn airgid air an son. Phaisg mi gu grinn curamach na cheannaich i uam, agus thug mi e don t-seirbhiseach a bha comhladh rithe gus a ghiulan dhachaich. Dhfhag i slan agam, agus dhfhalbh i. Chaidh mi thun an doruis, agus bha mo shuil oirre gus an deachaidh i as mo shealladh.

Cha bu luaithe a dhfhalbh i na thug mi an aire gun dthug an tlachd a ghabh mi dhith orm dearmad a dheanamh air ni a bha gle chudtromach. Cha dthug mi uiread is cuimhne gun dfhalbh i gun aon bhonn a phaigheadh air son na thug i leatha. Cha be mhain sin, ach cha do smaoinich mi fhaighneachd dhith, co i, no caite an robh ifuireach. Ach air a shon sin, chunnaic mi gun robh mi an sas air son fiachan troma do na marsantan on do cheannaich mi an t-aodach, agus gum faodadh gum biodh iad ag iarraidh an airgid orm gun dail sam bith. Chaidh mi far an robh iad, agus leig mi orm gum baithne dhomh abhean uasal gu math, agus ghabh mi mo leithsgeul riutha cho maths a dhfhaodainn. Ach an am tilleadh dhachaidh bha mi fo dha eallacheallach gaoil agus eallach fhiachan.

Dhiarr mi dail sheachd latha air na marsantan on do cheannaich mi am bathar; ach an uair a chaidh na seachd latha seachad, cha robh fois na tamh agam leotha. Ach an uair a ghuidh mi gu durachdach orra gun tugadh iad dhomh dail seachdain eile, dhaontaich iad gun deanadh iad sin.

Air an ath latha thainig abhean uasal don mhargadh, agus seirbhisich comhladh rithe mar bu ghnath leatha. Thainig i direach a dhionnsuidh na buthadh agamsa. “Cha do phaigh mi thu cho traths bu choir dhomh. So agad do chuid airgid. Thoir an lathair abhancair e, agus bi cinnteach gum bheil do chuid fhein agad.”

Chaidh an seirbhiseach a ghiulain an t-airgiod gu mionnsuidh comhladh rium gu ruige am banca, agus fhuair sinn an t-suim ceart gu leor. ’Na dheigh fhuair mi de thoileachadh gun robh mi greis mhath acomhradh rithe anns abhuthaidh. Thug na bha eadrainn de chomhradh orm a chreidsinn gun robh i anabarrach glic, tuigseach.

Gun dail sam bith, chaidh mi far an robh na marsantan leis an airgiod a bhaca orm. Thug iad gu toileach dhomh tuilleadh bathair a bha mi gus a reic ris amhnaoi-uasail. Is ebhann gun tug abhean uasal leatha fiach mile bonn oir gun uiread is peighinn a phaigheadh air a shon; agus cha be sin a mhain, ach cha dinnis i, co i, no caite an robh ifuireach. Chuir so ioghnadh gu leor orm; gu sonraichte an uair a thug mi fa near, gum faodadh i mo chur ann am fiachan troma, agus gun bharrantas sam bith agam gum paigheadh i aon pheighinn air son na thug i leatha. Cha robh fhios agam am faicinn gu brath tuilleadh sealladh dhith. Thuirt mi rium fhein, “phaigh i mi air son na thug i leatha an uair a bha i an so roimhe; ach is docha gum fag i mi an drasda ann am fiachan gum amhaich. Cha chreid mi gur e bana-mhealltair a bhinnte; agus shaoilinn nach cuireadh i mise ann an trom-fhiachan co dhiubh. Chan eil e coltach gum bheil eolas sam bith aig na marsantan oìrre; agus gabhaidh iad greim ormsa air son nam fiach. A dhaon fhacal, ged a bha mi air tuiteam cho trom ann an gaol oirres a bha mi, bha mi gle neo-fhoiseilnam inntinn an uair a thug mi fa near mar a bha cuisean.

Chaidh mios seachad mun cuala mi iomradh oirre a rithist; agus re na h-uine sin bha dragh gu leor air minntinn. Bha na marsantang am chur thuige gu mor air son nam fiachan, agus gus an riarachadh bha mi suidhichte gun reicinn gach ni a bhagam gus am paigheadh. Air latha araidh thainig i, agus phaigh i dhomh a h-uile bonn a bhagam oirre. Bha mi greis mhath acomhradh rithe. Chuir i iomadh ceisd orm, agus am measg gach ceisd eile, dhfheoraich i dhiom an robh mi posda, agus thuirt mi rithe nach do phos mi riamh.

Rinn an seirbhiseach a bha comhladh rithe gaire, agus an uair a thug e ceum beag a thaobh mi, thuirt e, “tha mise ag aithneachadh air do shuilean gum bheil gaol agad air a mhnaoi uasail so, agus tha ioghnadh orm nach do leig thu ris dinntinn dhi. Tha barrachd gaoil aicese ortsa na thagadsa orre-se. Chaneil mor fheum sam bith aice air abhathar a tha iceannach uat. Is e an gaol a thaice ort a thatoirt oirre a bhithtighinn don bhuthaidh agad. Is e so a thug oirre fhaighneachd am bheil thu posda. Cuir tairsge posaidh ma coinneamh. Is e do choire fhein a bhios ann mur pos thu?”

Thuirt mi ris gun robh mi ann an trom ghaol oirre on latha a chunnaic mi acheud shealladh dhi; ach nach robh de mhisnich agam a smaoinicheadh gun gabhadh i mi ri mphosadh; agus gun robh mi fadana chomain air sonna dhinnis e dhomh.

An uair a bha micur an oir ann an aite sabhailte dhinnis esan don mhnaoi uasail an comhradh a bheadar mi fhins e fhein.

An uine ghoiridna dheigh sin dheirich abhean uasal gu falbh, agus an uair a bha igabhail a cead dhiom, thuirt i gun cuireadh i an seirbhiseach le teachdaireachd far an robh mi, agus nach robh agam ach deanamh mar a dhiarraidh e orm.

Phaigh mi na fiachan a bhaig na marsantan orm, agus bha mi aireamh laithean gu neo-fhoiseil afeitheamh ri fios fhaotainn on mhnaoi uasail.

Mu dheireadh thainig an seirbhiseach far an robh mi, agus ghabh mi ris le mor-chaoimhneas. An uair a dhfheoraich mi cia mar a bhabhana-mhaighstir, thuirt e, “Is tu fear cho fortanachs a thair an t-saoghal; oir tha i ann an trom ghaol ort. Tha i air bhainidh gus dfhaicinn; agus nam biodh a cead fhein aice, thigeadh i far am bheil thu, agus chuireadh i seachad a h-uine gu leirnad chuideachd.”

Dhaithnich mise air a coltas agus air a cainnt gur e fior bhean uasal a thinnte,” arsa mise.

Tha thu ceart gu leor,” arsesan, tha meas mor aig Sobaide, abhan-righ oirre. Is i a thogsa dharaich i on a bha ina naoidhean, agus tha i ag earbsa gach ni rithe. Bha toil aice posadh, agus dhinnis i don bhan-righ gun do thuit i ann an trom-ghaol ortsa, agus ma gheibh i aonta na ban-righ posaidh i thu gun teagamh. Ach mun toir abhan-righ a h-aonta feumaidh i thusa fhaicinn, a chum gum bi i comasach air a thuigsinn an drinn a bhean uasal og roghainn mhath an uair a roghnaich i thusa. Agus ma ghabhas abhan-righ barail mhath ortsa, ni i abhanais air a cosg fhein. Faodaidh tu a bhith cinnteach gun taitinn thu ris abhan-righ mar a thaitinn thu ris amhnaoi uasail oig. An rud a thaitneas ris an dara te taitnidh e ris an te eile; oir tha iad anabarrach mor aig a cheile. Chaneil agadsa ri dheanamh ach tighinn don luchairt. Chuireadh miseg ad iarraidh, agus faodaidh tu falbh comhladh rium uair sam bith a thogras tu.”

Tha mise mar tha suidhichte gum falbh mi comhladh riut ge be air bith aite don iarr thu orm a dhol,” arsa mise.

Gle cheart,” arsesan, “ach tha fhios agad nach fhaod fir a dhol gu follaiseach do chuirt nam ban anns an luchairt, agus feumar do thoirt ann cho falachaidhs a ghabhas deanamh. Rinn abhean uasal og a cuid fhein dhen ghnothach gle mhath. Feumaidh tusa do chuid fhein dhen ghnothach a dheanamh gu curamach faicileach. Mur dean thu so, is docha gun caill thu do bheatha air a shaillibh.”

(Ri leantuinn.)



[131]

[Vol . 7. No. 17. p. 3]

LITIR A ONTARIO.

FHIR-DEASACHAIDH,— ’S iomadh latha thainigsa dhfhalbh on sgriobh mi mu dheireadh a dhionnsaidh MHIC-TALLA. Dhfhalbh maise agus bòidhchead an t-samhraidh agus breacadh an fhoghair on uair sin, agus tha nise gach comharradh ri fhaicinn nach eil an geamhradh ro fhada bhuainn. Tha an duilleach air tuiteam bhar nan craobh, tha gach lus maoth air a gearradh sios, cha chluinnear ceilearadh nan ian an àm éiridh na gréine, tha gruaim fhuar a fas air aghaidh nan speuran. Tha gach creutair ag iarraidh fasgaidh on ghaoith fhuar a tha séideadh on àirden ear air a measgadh le uisge fuar agus sneachda. Tha na h-oidhcheannan air fàs fada agus fuar; feumaidh bean-an-taighe tuilleadh phlaideachan a chur air na leapaichean, agus an teine bhi air a chumail làn connaidh. Am ballach beag a bha falbh cas-ruisgte fad an t-samhraidh, bidh e nise ghnàth ag eigheach caiseart fhaotainn dha, aguss iomadh clann bhochd a tha gun chòmhdach aca air son an fhuachd, a dhfheumas a bhi gan tional féin nan grulagan taobh a chéile air son iad féin a chumail blàth. Nam fosgladh daoine mòra agus saoibhir an t-saoghail so an cridheachan agus gun sealladh iad le truas air gach creutair bochd a tha gun bhiadh, gun aodach, air son còmhnadh a dheanamh leotha, saoilidh mi gum biodh iad a deanamh tròcair an àm feuma, agus an sin dhfhaoidte radh mun timchioll, “Is beannaichte na daoine tròcaireach, oir gheibh iad tròcair.”

Is iomadh duine bha beò, slàn, fallain an uair a sgriobh mi mu dheireadh, nach fhaicear tuilleadh ann an tir nam beò. Agus tha cuid anns an àite so a gheall an athairsam mathair a thréigsinn, agus dlùth-leantuinn ri mnaoi phòsda. Bha mi an la roimhe a toirt caraid a bha aig an t-seann dachaidh fad da mhios an deigh dha bhi àireamh bhliadhnaichean ann an dùthaich fad as, dhionnsuidh calan rathaid iaruinn, agus an uair a bha e fàgail beannachd aig a chuideachd uile thainig e mu dheireadh a dhionnsuidh a mhàthar, agus ged a tha an radh ud fior, gun tréig mac a mhàthair, chan eil e air a ràdh gun trèig màthair a mac. Bha a mhàthair ud le cridhe goirt a tùrsa an deigh a mic, agus thug i orm a bhi smaoineachadh nach eil cridhe air an t-saoghal cho goirt ri cridhe màthar a caoidh a mic.

Bha side bhriagha thioram againn an so fad an t-samhraidh, agus an fhoghair. Fhuaireadh am fiars gach bàrrr eile a chur fo dhion gun bhoinne uisge fhaicinn. Dhfhàs an t-uisge anns na tobraichean anabarrach iseal, agus bha aig cuid a dhaoine gu tric rin cuid cruidh a chur astar mile no dha a dhionnsuidh an uisge. Tha am bàrr uile air a bhualadh, agus ann an cu d a dhàiteachan rinn e gle mhath. Tha na prisean gle mhath; a pheasair, 60c am buiseal; an coirce, 27c; agus an crithneachd, 70c. Tha an crithneachd saor, achs math e bhi pailt. Tha flùr math a creic air $3 .75 am barailte. Chan eil am buntàta cho math; bhuail an reothadh e ann an Iulaidh, agus aig roinn mhor bha e air a mhilleadh gu buileach. Bha e creic air son dolair am poca (90 punnd) o chionn mios, ach tha e nise air tuiteam gu 75c am poca. Thuit pris nam muc, agus tha moran air am mealladh, oir bha dùil aca ri pris mhor orra. Chaidh a phris aon uair cho àrd ri sia dolair an ceud beò, agus is math an airidh iadsan a bha le mullach an t-sannt ag iarraidh pris a bfhearr na sin a bhi air am mealladh. Tha pris gle math air spréidh; tha bliadhnaich a creic o $15 gu $20 an ceann. Tha pris nan each air a dhol an àirde cuideachd; eich a bhatar a creic air $5 a dha bhliadhnan ama so, thatar a nise faotainn o $25 gu $30 orra, agus iad da bhliadhna nas sine.

Bha mi a smaoineachadh leis cho fadasa bha mi gun sgriobhadh gun dùisgeadh cuid-eigin eile as a shuain anns an àite so, agus gun sgriobhadh e litir gu MAC-TALLA, ach tha mi faicinn nach robh anns an smaoin sin ach diomhanas. Cha mhor nach eil e cho furasda na mairbh a dhùsgadh as an cadal ri daoine chur a sgriobhadh Gailig, ged a tha moran ann a dhfhaodadh am peann uisneachadhmar pheann an laimh fir-sgriobhaidh deas, a sgriobhas sios gu luath.” Ach cha chuir iad de dhragh orra fhein na chuireas sios ni sam bith, luath no mall.

Bha Gilleasbuig Domhnullach agus a bhean fad da mhios aig tigh an athars am màthar, faisg air an àite so air an fhoghar. Bha Gilleasbuig anns a Chlondaic fad bliadhna, agus tha cùnntas gu math cruaidh aig air a chruadal a tha ri fhulang anns an àite fhuar, fhiadhaich ud. Tha e ag ràdh gur e fear ainneamh a sheasas da bhliadhna an sud gun bristeadh air a shlàinte. Tha òr gu leòr ann, ach bfhearr gréim bidh na cnap oirnuair a bhiodh duine bàsachadh leis an acras. Thug esan agus companach dha suas leotha deich ceud fichead punnd bidh, agus chum sin riutha fhadsa bha iad ann. Bha eg innse gur h-iomadh uair a chaidh $75 a thairgse dha air leth-cheud punnd flùir, agus nach gabhadh e idir e, oir cha reiceadh e punnd dheth. Tha Nial Mac-an-t- Saoir, a bha bhos mun àm son uiridh ann am baile Durham, air fuireach tuilleadh us fada anns an dùthaich sin, agus bhrist air a shlàinte. Rinn e moran airgeid agus òir, ach gu des fhiach sin an uair nach eil an t-slàinte aig duine ri mealltuinn.

Tha mi faicinn gu bheil an Doctair Mac Neill, á Chicago agabhail MHIC-TALLA. Faodaidh mi radh gur ann am baile beag Phriceville a rugadhsa thogadh Uisdean, no Eoghan, mar a theireamaid ris an so. Ged a tha e nisena dhotair ann am baile mor Chicago, ’si Ghàilig a chumas e riumsa a h-uile uair a chi mi e. Tha e tighinn a dha no tri dhuairean sa bhliadhna a choimhead air athair, a tha nise air fàs gu math sean; cha mhor mhac a tha cho dleasannach ris anns an dòigh sin. Tha aon àithne nach do chum an dotair fhathastcha do phòs e. Ach chan eil teagamh nach eil e mar a tha iomadh fear eile, dhen bharail nach eil a bhi bristeadh na h-àithne sin na pheacadh mor sam bith.

Bha upraid mhór againn an so an àm a bhi bhòtadh air son stad a chur air an stuth làidir. Bha a chuid bu mhotha air son stad a chur air, co-dhiubh a bhios sin air a deanamh no nach bi. Tha sinn an dòchas gum bi, ged a tha cuid ag radh nach leig sinn a leas duil a bhi againn ris aig an àm so. Bha mi gle bhuidheach dhen MHAC-TALLA, mar a thug e seachad a bharail fhéin, agussi sin a bharail bu chor a bhi aig na h-uile neach, nan sealladh iad airsan dòigh bu chòir dhaibh. Is mor an cron a tha an stuth làidir a deanamh, agus bu choir do na h-uile aon a thag aideachadh a bhina Chriosduidh a bhina aghaidh.

Tha sinn a cumail suas na Gàilig gu math anns a bhaile so; tha an t-Urr. Maighstir Mathanachga searmonachadh na h-uile maduinn Sàbaid anns an eaglais Chleirich. Bha an comancahadh againn an so o chionn da sheachdain, agus chaidh a h-aon deug de bhuill ùra a stigh ris an eaglais

Tha mi a smaoineachadh gu bheil mo litir a nis fada gu leòr, agus gu bheil an t-àm agam sgur. Tha mi toilichte fhaicinn gun deach am MAC-TALLA am meud on sgriobh mi roimhe; ’se sin a thug orm na h-uiread a sgriobhadh aig an àm so. Sguiridh mi, ma ta, a gealltuinn nach bi mi cho fada gun sgriobhadh a rithist. Is mi do charaid dileas,

IAIN MACILLEASBUIG.
Priceville , Ont. ,Nobh. 3, 1898.


SUIRIDHE DHOMHNUILL BHIG IS ANNA.

Ann an aon de ghlinn uaine eilean bòidheach, còmhnard PrionnsIomhair, bha fleasgach òg, beadarrach ris an abradh daoine am bitheantasDomhnull Beag,” a gabhail còmhnuidh. Ged nach robh Dòmhnullmar thuigeas sibh bhon ainmanabarrach mor, foghainteach na phearsa, bha e cho luath, làidir, aigeannach ri uiread de dhuinesan dùthaich gu leir. Thamhàthair ag radh, ged a shiubhladh tuh-uile ceum eadar an Ceap an Ear agus Rudha na h-Airden Iar, nach fhaigheadh tu mac màthar anns an astar, cho glic, feumail, beusach, eireachdail ri Domhnull. Tha moran ann nach eil idir a creidsinn sin, ach sud agad teisteas a mhàthar air, agus co as fhearr fios na ise?

Mar chaidh na bliadhnaichean seachad thòisich Domhnull air toirt fainear an ni a mhothaich Adhamh ann an Garadh Eden, agus iomadh fear eile bhon uair sin,— “Nach robh e maith don duine a bhina aonar.” Mar sin thòisich e ri sealltuinn mu chuairt am measg nigheanagan na coimhearsnachd air son mnatha. Tha e air innseadh gun robh sùil aig iomadh caileag chiùin, ghasda, mhaiseach ann an Domhnull, ach nam measg uile cha robh ach aon don dthug e spéis.

Ciod e,” ars a mhàthair, “thug ort a leithid de thlachd a ghabhail do dhAnna seach te eile?”

Innsidh mi sin dhuibh,” arsa Domhnull. “Tha buaidh air Anna nach eil air moran de nigheanan an lathan diugh. Tha i anabarrach math air gearradh connaidh; agus, mar is math tha fios agaibhse, ’se sin ni is fuathach le manam féin. Chuir mi romham nam posainn am feasda nach gabhainn ach te a bhitheadh math air an tuaigh. Chan eil agam air na caileagan spaideil, pròiseil, nach dean ni as fearr na scolaireachd no crotchetidh, no srann a thoirt air organ no air piano.”

Coma co dhiubh, thoisich Domhnull air taghal air Anna gu math tric. Ma dheireadh thall fhuair an laochan do mhisneach na dhfhaighneachd de dhAnna am pòsadh i e. Ach mo chreach! dhiùlt i sin a dheanamh. Tha e coltach gun dthug i bòid nach pòsadh i fear a bhitheadh ris an tombaca; agus, gu mi-fhortanach, bha Domhnull gle dheigheil air an luibhe mhosaich sin. Ciod e nise ghabhadh deanamh? Bha da ni ann nach bitheadh Domhnull beò as an aonaisan tombaca agus Anna; agus bha e nise soilleir nach burrainn e a shealbhachadh ach aon dhiu. Cha bhristeadh Anna air a bòids cha mhò burrainn Domhnull bochd sgur dhensmocadh.” An robh duine riamh na leithid de chàs?

Is docha ma dhinnseas mi an dòigh anns an robh inntinn Anna air a h-atharrachadh nach creid sibh mi. Is e sgeul iongantach a tha ann da rireadh, agus ma tha i fior tha e soilleir nach deachaidh linn nam miorbhuilean fathast seachad. Chan fhiach sgeula Norah ONeil agus na bean shithe a bhi bruidhinn orra idir an taca ris an ni so a thachair anns an lathas am bheil sinn beò. Geddhiùlt Anna Dòmhnull lean e air taghall oirre na bu trice na bha e riamh, is na h-uile cothrom a gheibheadh e chuireadh e an céill a ghradh dhith. Oidhche de na h-oidhcheannan dhfhan e car anmoch. Cha robh anns an t-seòmar ach iad fhéin le cheile. ’N uair a bhual an cloc da uair dheug dheirich Domhnull gu falbh. Smaoinich e gum faighneachdadh e anns an dealachadh, air son an uair ma dheireadh, an gabhadh i idir e. Thamhàthair ag radh gun robh e na chleachdadh aig Domhnull a bhi ri ùrnuigh, gu sònruichtenuair a bhitheadh en àite cumhang. Agus gu dearbh bha e aig an àm so ann an

(Air a leantuinn air taobh 134.)



[132]

[Vol . 7. No. 17. p. 4]

MAC-TALLA:

Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uairsan t-Seachdain.

Is toigh leinn aGhailig,
A bardachds a ceol;
Is tric thug i nios sinn
Nuair bhithmaid fo leon:
S i dhionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
BARD NA LEADAIGE.

Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thusa bhlar;
Cho fadsa shiubhlas uillt le sruth.
Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Chan aontaich iad an cainnt non cruth
Gun teid do chur gu bas.”
NIALL MAC LEOID.

A PHRIS.

BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

1. Na sgriobh ach air aon taobh den phaipeir.

2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadhs is urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, NOBHEMBER 18, 1898.

AN SAOGHAL TROIMHE CHEILE.

Thainig crioch air an trioblaid uamhasach a bha eadar Breatunn agus an Ehraing o cheann seachduin no dha. Is e daoine innleachdach, inntinneach agus gleusdatha daonnan ann am moran de na Frangaich anns gach ginealach. On thoisich iad air Ceann-suidhebhi aca thar an duthcha, ’s mar so air doigh ùr riaghlaidh a bhi aca, tha iad fuasach ciogailteach, neo-sheasmhach. Cuiridh an gnothuch as faoines as suaraiche fearg oillteil orra; ’us cosmhuil ri paisdean beaga ni iad farumus straighlich eagalach, gus an cuir iad thairis an luchd-riaghlaidh. Cha do sheas an luchd-riaghlaidh mu dheireadh a bha aca ach ceithir miosan. An uair a thoisicheas gearan no uprait air bith, beag no mor, glic no amaideach, feumaidh luchd-comhairle nan Frangach glaodhach a mach le airden cinn mar nach robh aca stuaim no toinisg riamh. Tha iad aig an àm so fein air bruach atharrachaidh no aramaich muladaich, mur tabhair iad aire gu feum as fhearr na tha iad adeanamh dan teangas dan seanachas, ’us dan comh-luadar, ’us dan gniomharan le duthchannan eile. Thainig an Ceannard Marchand le ceadus stiuradh luchd-riaghlaidh na Frainge, o airden iar Africa thairis air amhor-roinn gus an druig e ceann na Nileamhainn iomraiteach na h-Eiphit. Tha na Frangaich ag agairt coir air Fashoda agus air cuibhrionn fearainn farsuing, beartach a bhuineadh don Eiphit mun do thoisich ceannairc Arabi anns an Eiphit. Is e duine struidheil a bha anns aChedibhe, seanair aChedibhe a tha nis, lagus aineolach mar e, ’mealtuinn sgaile na cumhachd anns an Eiphit, oir is em Morair Cromairuachdaran co glic, comasachus fearails a bha riamh aig Breatunna thariaghladh cuisean na duthcha, ’s a thafaotainn soirbheachaidhair nach robh riamh aithne aig an Eiphit bho linn Ioseiphdo gach ardus iosal; do gach ceairdus obair; do gach bailes achadh anns an tir. Fhuair an Cedibhe, air an drinn mi iomradh, moran airgid bho dhaoine beartach anns an Fhraing agus ann am Breatunn. Thog e luchairt an deigh luchairt, agus ghabh e latha suilbhir dheth gun smuain onorach a bhuileachadh orrasan bhon dfhuair e an t-òrs an t-airgiod. A reir gach coslais cha robh beachd air bith aig a Chedibhe air riadh no calp a phaigheadh gu brath ris na daoinethug an t-airgiod dha air tus. Chunnaic luchd-riaghlaidh Bhreatuinn agus na Frainge gu tainig an t-àm anns am feumadh iad smachd a chur air aChedibhe mi-onorach agus caoin-shuarach, agus oidheirp dhurachdach adheanamh air-son an cuid feinfhaotainn air ais do na daoinethug seachad e don Chedibhe leis an dochas gu faigheadh iad riadh air a shon, agus fa-dheoidh gu faigheadh iad an calp air ais mar an ceudna. Chuir iad grabadh air aChedibheus rinn iad riaghailtean trid am faigheadh na daoine bhon dfhuair an Chedibhe an t-airgiod, urras airson an airgid agus gealladh laidir gu faigheadh iad an riadh gu cinnteach. Cha robh an Chedibhe aon chuid duineil no tapaidh. Is e uachdaran lag, gun fheum a bha ann. Dhfhas aon decheannardan (Arabi) co dàn, dalmas gu do ghabh e air fein long na dùthchastiuradh, a reir a thoil mhaith fein. Dhfhas e gle shoilleir do luchd-comhairle Bhreatuinn agus na Frainge gu feumadh iad Arabis aramach a chiosnachadh le neart achlaidheimh; oir, mur deanadh iad so, gu rachadh gnothuichean na h-Eiphit bun os cionn; gu rachadh an dùthaich gu sgipidhus gu muladach air a h-ais gu staid bhronach, bhochd; agus gu cailleadh na daoinethug an òrus an airgiod don Chedibhe, an airgiod gu buileach. Cha tugadh Arabi feart air achmhasan air bith a fhuair e. Thainig Breatunn agus an Fhraing gus achomh-dhunadh gu cuireadh iad le cheile ann an stri nan lann crioch air uabharus aramach Arabi, ’us gun aisigeadh iad sithus seasgaireachd air an ais don Eiphit. Roghnaich iad ann an tus na comhstri, ballachan Alecsandria a leagainn agus sealbh a ghabhail air abhaile. Bha cabhlach Bhreatuinn agus na Frainge cruinn le cheile ann am Bagh Alecsandria. Fhuair ceannard cabhlach nam Frangach ordugh bho Cheann-suide na Frainge am bagh fhagail lelongan-cogaidh, agus gun comhnadh air bith a thabhairt seachad air-son crioch a chur air ugdarras mosach, caillteach Arabi. Chuir longan-cogaidh Bhreatuinn Alecsandria as a cheile, agus rinn na saighdearan Breatunnach greim air abhaile mhor. Chuir feachd Bhreatuinn aig Tel-el-Cebir crioch air aramachus air cumhachd Arabi. Ghabh na Breatunnaich os laimh an Eiphit a riaghladh, agus is maith agus is ro-mhaith a fhuaradh iad cheana a dhaindeoin gach farmaidus ceap-tuislidh a nochd agus a chuir na Frangaich an gniomh. On thoisich Breatunn air an Eiphit a riaghladh, tha na Frangaich afaotainn riadh an cuid airgid, agus tha gach cinnte aca gu bheil an airgiod tearuinte gun amharus, mar nach robh e riamh roimhe, ’s mar nach bitheadh e gu brath, as eugmhais Bhreatuinn. Dhinnis mi cheana ann am MAC-TALLA, cia co maiths a shoirbhich leis an Eirionnach ghasda, am Morair Citchener; agus cia mar thug e buaidh air aChalifa, ’s mar fhuair e air an ais don Eiphit Cartoum, agus bailteanus roinnean farsuing eilebhuineadh don Eiphit bho cheann iomadh lathas bliadhna. Cha do chosd an Fhraing a h-airgiod no fuil a saighdearan ann an saorsa, ’s seasmhachd, ’us soirbheachadh aisig air an ais do thir na h-Eiphit. Nach dàna, mata, do na Frangaich a bhicumail a mach a nis gu bheil coir acasan air cuibhrionn den dùthaich agus den Nile mar an ceudna. Chosd cuisean na h-Eiphit cradh, ’us iomaguin, ’us maoin, ’us gaisge gu leoir do Bhreatunn; agus is ceart thaluchd-riaghlaidh agus a sluagh gu leir, am feadh a tha iad ag innseadh do na Frangaich gu fan iadsan anns an Eiphit, agus nach tabhair iad sealbh air a chuid as lugha den dùthaich no de h-amhainn don Fhraing no do rioghachd air bith eile. Tha saoibhreas mor na tire afaotainn cothroim air e fein a nochdadh. Tha ceartas a nis air a thabhairt don duine bhochd co maith ris an duine bheartach; agus tha aig na h-Eiphitich aobhar sonruichtebhig radh, gu be da rireadh, latha grianach a thainig le ughdarras Bhreatuinn air an Eiphit; agus gu bitheadh an tir cosmhuil ri dorchadas na h-oidhche, nam fagadh na Breatunnaich an dùthaich. Tha dichioll air a dheanamh a nis aig an tighus thairis air nach robh eolas aig Breatunn bho chogadh aChrimea, air-son gach long-cogaidh bheagus mhor a chur anns an uidheam as fhearr a chum gniomh gaisgeil a nochdadh ma thig feum air gunnachan moraloisgeadh agus air claidheamh geur a tharruing. Tha rioghachdan uaibhreach na h-Eòrpag am mealladh fein, le bhisaoilsinn nach tarruing Breatunn air chor air bith an claidheamh as a thruaill, agus gu faod iadsan an toil fein a ghabhail, gun eagal air bith gu dean Breatunn cogadhn an aghaidh. Tha amharus laidir air feadh an t-saoghail an diugh, gu bheil luchd-riaghlaidh Bhreatunn a dol a ghabhail tir na h-Eiphit fon sgiath, ’s an didein, ’s an sgaile, ’us fon ughdarras fein; agus nach faigh an Fhraing, non Sultanceannard baoghalta nan Turcachcothrom no cumhachd air bith thairis an Eiphit. Ni Breatunn ceartasus firinnteachd ann an cuisean na h-Eiphit. Gheibh gach fines duine an coir dhligheach fein, gus an sgillin mu dheireadh; agus gheibh na h-Eiphitich tuathus deas, ardus iosal, ceartasus ionracas; agus gach saorsa, ’s sonas, ’us agh, ’us tearuinteachd as urrainn do riaghladh glan, comasach, glic, laidirus neo-sgathach a bhuileachadh air dùthaich no air daoine air bith fon ghréin.

CONA.


CEILIDH NAN GAIDHEAL.

Gheibhear air taobh eile riaghailtean a tha aig comunn den ainm so a tha ann am baile Ghlascho. Mar chi neach sam bith ni na riaghailtean a leughadh, chan eil ni mu thimchioll a chomuinn nach eil furasda gu leòr a dheanamh, agus tha sinn fhéin dhen bharail gum faodadh iomadh comunn dhen t-seòrsa cheudna bhi air a shuidheachadh ann an Canada air a gheamhradh so. Tha iomadh baile beag agus sgireachd air feadh na dùthcha anns am bheil de Ghàidheil, sean agus og, na chumadhCeilidhsuas fad a gheamhraidh gun dragh no cosguis mor sam bith. Gheibheadh iad sin deagh luach an saoithreach anns an obair, agus bheireadh iad toil-inntinn mhor do mhuinntir eile aig am bheil gràdh do chainnt agus do àbhaistean an sinnsir.



[133]

[Vol . 7. No. 17. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Anns an deich miosan a chaidh seachad thàinig dlùth air ochd mile deug us coig ceud (18,478) de luchd-imrich á Breatunn do Chanada. Tha sin a thri uireadsa chaidh do Australiasan ùine cheudna, agus ceithir mile a bharrachd air na chaidh do roinnean Breatunnach ann an Africa.

Thatar a tolladh air son olla timchioll air Loch Ainslie fad an t-samhraidh, ach an deigh a dhol gu doimhneachd seachd ceud deug troigh thainig an t-uisge stigh agus bfheudar sgur. Tha iad a dol a thòiseachadh air tolladh ann an àiteile gun dail, agus le bhi faiceallach a thaobh an uisge, tha iad an dùil gun teid aca air an olla ruigheachd aig doimhneachd da mhile troigh.

Thainig bean tuathanaich dan ainm Laliberte, ann an cearna de Chuebeic, ri beatha fhein o chionn ghoirid, ’nuair a bha a fear anns a bhaile air cheann gnothuich. Thatar ag radh nach robh a charaid gle thoilichte cuideachd, agus gur e sin a thug oirre-se crioch a chur oirre fhein. Thainig tuathanach ann an cearneile ri bheatha fhein mun aon am, a chur an t-sabhail na theinese fhein na bhroinn.

Ann an stòr beag am Montreal, a sheachdain gus an , loisg duine air nighinn oig, ’ga marbhadh air ball, agus an sin chuir e crioch air fhéin. Bha gealladh-pòsaidh eadar e-fheinsan nighean, ach dhiùlt ise a phòsadh a chionn e bhi trom air an òl. Chaidh e far an robh a màthair an la ud air son fios cinnteach fhaotainn, agus nuair nach aontaicheadh i a phòsadh loisg e oirre da uair, ’ga marbhadh leis an darra urchair. Chaidh e an sin do sheòmar eile, ’s chuir e peilear troimh cheann fhéin. Bainm dha Croteau, agus don nighinn Mathilde Laviguer. Bu Fhrangaich iad le cheile.

Tha leabhar-lann ri bhi air a chur air chois ann am Baileshearlot, E. P. I.; chaidh coig ceup dolair fhagail aig a bhaile air son an aobhair sin le fear Uilleam Dodd a chaochail o chionn ghoirid. Tha am Priomhair Mac Fhearchair a tairgse ceud dolair as a phocaid fhein ma ni naodhnar eile ceud an urra thoirt seachad aig an aon am. Chan urrainn ni a bhi ann am baile as feumaile na cruinneachadh math de leabhraichean a bhios air an toirt rin leughadh gu saor do neach sam bith a thiggan iarraidh. Tha leabhar-lann an Sidni o chionn a dha no tri mhiosan, agus tha ruith mhor air na leabhraichean na h-uile seachdain.

Chaidh Nobha Scotia gu làidir air son bacadh a chur air an stuth laidircha robh aon siorrachd nach dthug barrachd bhòtaichean air taobh bacaidh. Bha siorrachd Richmond, air a cheud cùnntas, beagan air deireadh, achs ann a bha sin mearachd a rinneadh ann an cùnntas nan bhòtaichean. Chan eil roinn an Canada nach dthug barrachd mor bhòtaichean air taobh bacaidh, ach Cuibeic a mhain. Thug Cuibeic barrachd morna aghaidh ach a dhaindeoin sin tha ann an Canada air fad còrr us da mhile dheug (12,218) a bharrachd air taobh bacaidh. Chaidh buidheann mhor den luchd-bacaidh air beulaobh an luchd-riaghlaidh air an t-seachdain sa chaidh, a dhiarraidh gum biodh lagh bacaidh air a deanamhnuair a thigeadh a phàrlamaid cruinnsa gheamhradh. Ghabh Laurier agus na ministeirean eile riutha gu suilbhearra, agus gheall iad amharc air a chùis cho fabharrachsa dhfhaodadh iad. Tha moran a cur air mhanadh nach bi lagh bacaidh air a dheanamh ann an Canada a cheud-treis, ach faodaidh iad sin a bhi air am mealladhnam barail. ’Ses dòcha nach eil anns a bharail sin, aig moran co-dhiù, achaisling caillich air a dùrachd.”

Fhuaireadh fear Domhnull MacFhearghais marbh air a chladach ann an Glace Baysa mhaduinn Di-ciaduin. Thatar a deanamh a mach gun deach a bhàthadh air feadh na h-oidhche. Bha e ag obair anns a mèinn ris an canar a Hub.

Tha àireamh na muinntir a phàigh air an t-seachdain so cho beags nach fhiach dhuinn an ainmean a chur anns a phaipeir. Cumaidh sinn iad gus an ath sheachdain, feuch am bi àireamh mhath eile rin cur an clo comhla riutha.

Ann anChatham , N. B. ,o chionn da sheachdain air ais, fhuaireadh fear dam bàinm Padruig Murray marbh anns an amhuinn. Chaidh dithis ghillean Frangach a ghlacadh air amhrus gu robh iad coireach ri bhàs. Bha e air an daoraich an latha mun dfhuaireadh marbh e.

Tha na factoridhean ghlaine ann am Pittsburg, am Pennslyvania, a bha cha mhor gu buileach nan tàmh o chionn còrr us sia miosan, a nise air tòiseachadh ri obair a rithist. Tha mu dheich mile duine a bha diùltadh obrachadh annta, air a dhol air ais, agus tha duil nach bi an corr dragha nam measg an deigh so. Chan eil a bhi seasamh a mach on obair a deanamh feum do luchd-obrach ach gle ainneamh.

Tha taghadh nan comhairleach seachad; tha dòchas againn gun drinn an sluagh roghainn cheart, agus gum bi na siorrichdan air an riaghladh gu glic agus gu ceart fad nan tri bliadhna ri tighinn. Tha coig air fhichead comhairleach ann an siorrachd Cheap Breatunn, agus eatorra uile; tha sinn an dochas gun dean iad cùisean na siorrachd a chur ceart, ma tha iad cearr, agus an sin an cumail ceart. Ma ni iad sin, coisnidh iad meas dhaibh féin agus bidh iadnam beannachd don duthaich. Feuchadh iad, an ainm an àigh, ri beagan leasachaidh a dheanamh air na ròidean.

Thatar aig an àm so, ann an Ontario, ag obair air mòine a dheasachadh air dhòighs gum bi i a cheart cho math air son teine ris a ghual, Chan eil aon mhèinn ghuail ann an Ontario, ach tha moran mòine ann, agus ma theid aca air mòine a dheanadh co math ri gual, ni e feum mor do mhuinntir na roinne sin, agus dhfhaoidte gun dean e call a chur air muinntir Nobha Scotias Cheap Breatunn. Tha cuideachd ann am Barrie ag obair cheana, agus tha iad a creic na mòine an deigh a deasachadh air an dòigh a dhainmicheadh, o thri dolair gu leith gu ceithir dolair an tunna, agus tha dùil aca a bhiga chreic nas saoire na sin an ùine ghoirid.

A reir coltais chan eil an obair-iaruinn marbh fhathast; ’s ann a tha daoine dhen bharail nach fhada gus am bi i nas fhearr na bha i riamh. Thatar aig an àm so a ruith an fhearainn faisg air a bhaile so, agus tha iad ag radh nach eil ni as cinntiche na gu bheil an obair ri bhi air a cur air adhart a dhaithghearr aona chuid ann an Sidni no an Louisburg. Tha Mr. H. M. Whitney anns a chuideachd a tha gu bhi rithe. Tha anns an ainm mar an ceudna gu bheil cuideachd làidirga cur air chois ann am Breatunn air son tòiseachadh air togail shoithichean ann an darra h-àite dhiubh sin. Tha fios nach bi a h-uile sgeul a thig fior, ach ma tha eadhon pairt dhiubh so fior, tha timeannan matha a dhfheitheamh air an eilean so.


POSAIDHEAN.

Ann a Hogomagh, air an treas latha, leis an Urr. A. Ros, I. D. Friseal, Ceap Mabou, ri Cairistiona Chamaran, Loch Liobhain.

Aig Sandfield, Mira, air an naodhamh latha dhen mhios so, leis an Urr. I. F. Forbeis, Seumas Peutan, Sidni, ri Ceit Dhomhnullach, Sandfield.


Am Bathar as Fhearr.
Na Prisean as Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI, C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt as ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


RI CHREIC.

FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh.

FEARANN aigForks Road,mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich, —mu cheud gu leth acaire.

FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha ena fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air.

Prisean agus Dail Reusanta.

Phœbe Brookman.
Sidni, C. B.
Nov. 4, ’98. tf


REULTAIREACHD.

INNSEAR TFHORTAN, agus an obair non gnothuch as freagarraiche dhut a bhi ris, air son 25 sentichean. Leughadh cinnteach a reir nan reul air a thoirt do gach neach. Innis am do bhreith.

ASTROLOGER,”
Box 70, Sydney, C. B.


Am bheil thu air son aGhàidhlig a chumail suas? Ma tha, cuir a dhiarraidh MHIC-TALLA, an aon phaipeir Gàilig a thatar a cur a mach. Dolarsa bhliadhna.


THE
DAILY RECORD.
PAIPEAR LAITHEIL
CHEAP BREATUNN.

Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B.

A PHRIS:
Bliadhna, $3 .00
Sia miosan, 1.50
Tri miosan, .75
A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH.

Gheibhear anns anRecordna naigheachdan as uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhen t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinneans mu na soithichean, etc., etc.
S COIR DHUT A GHABHAIL.

SGRIOBH GU
JOS . MacDONALD,
Editor and Publisher,
Sydney, C. B.



[134]

[Vol . 7. No. 17. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 131.)

àite cho cumhangsa bha e riamheadar Anna sa phiob. Rinn e ùrnuigh ghoirid, dhùrachdach, a dhiarraidh còir air an te don dthug e gràdhgun a bhi aige ri sgur den tombaca. An sin thubhairt e: “Annaghaol, an gabh thu idir mi?” “Cha ghabh,” ars ise, “chan urrainn mi.” Air ball chualas guth fann am muigh aig an dorus ag radh, “Gabh! gabh!” Dhaithnich i gur e guth a h-athar a bhann, ged a bha e marbh bho chionn iomadh bliadhna, agus thug sin oirre gun do ghabh i Domhnull.

Sin agad an naigheachd facal air an fhacal mar a dhinnis màthair Dhomhnuill dhòmhsa ì. Bha ise làn chreidsinn gur e athair Annalabhair an guth iongantach ud. Tha moran atharrachaidh bharailean mun ghnothuch ann an so. Tha cuid ag radh gur h-i chomhachag non sionnach a bhann; cuid eile gum bheil Domhnull naventriloquist, no gun do thuarasdalaich e neach eigin air son an guth a dheanamh aig an dorus aig an àm cheart. Chuala mi aon òganach sgathach ag radh mas e athair Anna a labhair gun do thog iad cearr an ni a thubhairt e; nach eGabh! gabh!” a thubhairt e idir, achGabh gad!” Theagamh gun robh fuath aig an fhear sin do Dhomhnull no gun robh sùil aige fhein ann an Anna.

Bitheadh a bharail fhéin aig gach leughadair mun chùis. Co-dhiu leis na h-uile ni a bhann fhuair Domhnull Anna. Tha iad a nise pòsdas cho toilichte, measail air a cheile ri caraidsan dùthaich. Tha gach neach don aithne iad a guidhe iomadh latha sona dhaibh.

Tha dòchas agam gun toir an sgeula beag so rabhadh do ghillean òga na dùthcha an tombaca a sheachnadh, ma tha iad air son bean fhaotainn gun dragh a chur air na mairbh.

AN T-EILEANACH.


CEILIDH NAN GAIDHEAL.

Riaghailtean.

I. —Ainm aChomuinnCEILIDH NAN GAIDHEAL.”

II.— ’S e prìomh Obair aChomuinn a bhibrosnachadh a chéile gu bhirannsachadh cùisean a bhuineas do Chànain, Litreachas, agus Cleachdaidhean nan Gàidheal, agus gu sonruichte, a bhitoirt cothruim do mhuinntir gu bhilabhairt anns aGhàidhlig.

III. —Coinnichidh an Comunn air gach feasgar Di-sathuirne, aig leth-uair an déigh seachd gu leth-uair an deigh naoi, ann an Talla na h-Aithne, bhon cheud Di-sathuirne den mhios mu dheireadh den Fhoghar gus an Di-sathuirne mu dheireadh den mhios Mhàirt.

IV. —Fosgailear agus dùinear gach Coinneamh le ùirnigh; aguss i aGhàidhlig a bhitheas air a labhairt aig gach Coinnimh.

V. —Bithidh an Comunn fosgailt do gach neach leis an ionmhuinn prìomh obair aChomuinn, air do na fir thastan, agus na mnathan aon tastans abhliadhna a phàigheadh. Cha bhi cìs eile air iarraidh orra, ach faodaidh iad an Comunn a chuideachadh a réir an toile.

VI. —Bithidh Luchd-riaghlaidh aChomuinn air an deanamh suas de Cheann-suidhe Urramach, Ceann-suidhe, Iar Cheann-suidhe, Rùnair, Cléireach Iomraidh, Ionmhasair, Bàrd, agus Comhairle anns am bi fichead ball, no nis lugha, a réir mar a roghnaichear aig aChoinnimh bhliadhnail.

VII.— ’S e dleasnas an Rùnair sgriobhaidhean aChomuinn a dheanamh; agus gabhaidh an t-Ionmhasair curam de dhairgiod aChomuinn, a réir stiùiridh na Comhairle; agus feumaidh iad obair aChomuinn aithris ann an sgriobhadh aig aChoinnimh bhliadhnail, air an Di-sathuirne mu dheireadh den mhios Mhàirt.

VIII. —1. Bithidh e laghail Buill urramach a dheanamh dhiubhsan a dhearbhas an deagh run do phrìomh obair aChomuinn. 2. Feumaidh gach neach a choimhlionas na cumhnantan so a bhi airainmeachadh aig aChoinnimh bhliadhnail; agus air dhoibh a bhi air an roghnachadh leis amhor-earann, theid na h-ainmean acachur air achlàr-eagair, na h-uine e cheadaicheas aChomhairle.

IX. —1. Ceadaichear leth-uair do dhfhear leughaidh oraide, cuig mionaidean do gach fear labhairt a leanas, agus, an déigh don Cheann-suidhe labhairt, cuig mionaidean don fhear oraide arson freagairt. 2. Ceadaichear cuig mionaidean deug do gach priomh fhear deasbaireachd, cuig mionaidean do gach fear labhairt a leanas, agusn an deigh uile, cuig mionaidean do gach priomh fhear deasbaireachd, a chum freagairt. 3. Gabhar guth-taghaidh aig deireadh deasbaireachd. 4. Mar urrainn don fhear oraide no do phriomh fhear deasbaireachd teachd air aghart aig an àm shuidhichte, feumaidh iad fios a thoirt don Runair seachd roimhn àm.

X. —Chan urrainn na Riaghailtean so a bhi air an atharrachadh gun fios a thoirt don Chomunn mios roimhn àm, agus feumaidh an t-atharrachadh a bhi air a thoirt seachad ann an sgriobhadh don Runair.


LACHUNN LIATH.

Nuair bha mise òg bàbhaist do sheann duine còir ris an abradh iad Lachunn Liath tighinn mun cuairt a shearmonachadh. Bhuineadh Lachunn do na Baistich, ach bha daoine de gach aidmheil toigheach air, oir bha e fuasach blàth-chridheach, làn gràis agus gràidh. Theagamh gun abradh daoine an diugh nach robh moran fòghlum aig Lachunn còir. Chaneil miseg radh gun robh, ach bha e glé gheur na chainnt. Latha bha sin bha e leughadh mu bhreith Chriosd. agusnuair a thàinig e dhionnsaidh an rann thag ràdh, “Cha robh àite dha anns an tigh-òsd’ ,” stad e, agus thuirt e, “A chàirdeans mor meagal nach eil àite dha anns an tigh-òsdfhathast.” Bha e latha eile a leughadh mun bhantraich bhochd a chuir an fheòrlainn anns an ionmhas, agus a mhol Iosa a chionn gun drinn i na burrainn i, agus stad e— “A chàirdean cuimhnichibh gu bheil Iosa na sheasamh thairis air an ionmhas an diugh mar a bha e an latha ud, agus tha e a faicinn cuid a rùrachn am pòca air son bonn trì sgillinnnuair tha iad murrach gu leoir air -sgillinn na tasdan a thoirt seachad. Chunnaic en spiocaire a chaidh a dhiarraidh mùthadh sgillinn an raoir, a chuir na chomas am bonn truaillidh, bochd sin bonn-a- a chuir anns an ionmhas an aite sgillinn.”

Bha Lachunn mion-eolach air laoidhean Dhùghaill Buchanain, agus Phàra Ghrannda, agus laoidheadairean eile, agus rachadh aige air rann aithris an suds an so na shearmoin, a bha fuasach freagarrach. Bha e latha bha sin a searmonachadh air abhlàr-a- machnuair a chualas spreadhadh tairneanach. Bha e aig an àm a bruidhinn mu neart agus cumhachd Dhé, agus a gabhail anail gus an robh an spreadhadh seachad, arsesan— “Ann am facail Dhùghail chòir”—

Tha mìle tairneanach na làimh
A chum a nàimhde sgrios am feirg,
Is fonn-chrith orrgu dol an greim
Mar choin air éill ri àm na seilg.

Tham bogha frois mun cuairt da cheann,
S mar thuil nan gleann tha fuaim a ghuth;
S mar dhealanach tha sealladhshùl
Aspùtadh as na neulaibh tiugh.” F.


BATHAR CRUAIDH.

Tha mi a nisecumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gun taghal thu orm. Tha mi, mar a babhaist, acreic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha micreic gach ni gle shaor.

Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.


LEABHRAICHEAN GAILIG.

Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. MacIlliosa 1.10
Gaelic Class Book .35

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte.

Sgriobh gu
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney C. B.


AODACH MATH.
Nam biodh gach seorsaodaich coltach ri cheile, bu choma caiten ceannaicheadh tu e. Ach chan ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach donann. Tha aodaichean gan creic an aiteachan nach fhiach an deanamh.

AN DEANAMH.
Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, chan fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodachs an droch dheanamh.

THA AGAINNE
aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhadsa mhaireas e.

Niall Mac Fhearghais.
Sidni, C. B., Nov. 1, ’98.


NUAIR THEID THUBHADDECK
TAGHAIL AN STOR
Albert I. Hart.
Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.

Bathar Tioram,
Bathar Cruaidh,
Amhlan,
Aodaichean,
Caiseart, Adan,
Curraichdean,
Agus iomadh ni eile.

An seorsas fhearrs aphris as isle.


Am bheil romhad tigh no sabhal ur a thogail? Ma tha, paighidh e dhut do chuid thairnnean, glaine, paipear, paint, aol, plaster, luaidhe, glasan, ludagan, rop agus uidheaman saoirsneachd a cheannach bho

C . P. MOORE.

Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, ma bhios speal, sgrioban, forc no cas forca a dhith ort, theirig gan iarraidh gu

C . P. MOORE.

Nuair bhios a chlann ag iarraidh sgliat no leabhar ur, paipear sgriobhaidh, pinn, no inc, ceannaich iad bho

C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.

Sin an t-aite anns am faigh thu gach ni dhiubh so gle shaor.



[135]

[Vol . 7. No. 17. p. 7]

GLEANN-COMHANN.

LE DONULL MAC CALUM.

Bhan oidhche garbh le sneachdus stoirm,
Tric geal mar le lasair ghorm,
Ri còmhradh ciùin, ’s an t-sean thigh-òsd’,
Bha saighdair aosdus cìobair òg;
Than sin,” deir an saighdair aosd,
A chluinnear leam am fead na gaoith,
Le dùsgadh oidhcha bhann o chian,
A fàsgadh manam bochd le pian,
Siod glaodh amhìllteir, àrd on ghàir,
Thag éiridh suas, gun fhois gun tàmh,
Siod osnan òig-fhir dol gu eug
Siod gul nam ban, a caoidh na dhéigh,
S och! on a fhuair mi cuids an àr,
Mam faigh mi sith gheibh mìle bàs.”
Nach innis,” deir an cìobair òg,
Thu, nis, mu chreach na h-oidhchud dhomh- ’s;
Si oidhchmar sin, gu dearbh, is stéidh
Don h-uile ni thair maigne féin,
An oidhcha dhfhàg am thruaghan mi,
Is anns an t-sneachd mo chuideachd sìnnt’,
An oidhcha bhios air cuimhnan t-saoghal,
Cho fhads a thogas fuilteachd gaoir.”
An saighdair aosd thug freagairt dha
“ ’Sin oidhchillòig air maire ta
An oidhche fhuair sinn aoidheachd fhial
S le sluagh Ghlinn-Comhain dhith sinn biadh,
An oidhcha mharbh sinn iad gun truas,
S a dhfhàg sinn iads na cuithean fuar.”
Car son nas fhaide bhios tu beò?”
Ris dheugh, le feirg, an cìobair òg.
Mar marbh mi thu am bi mi saor,
Gun dol, an déigh a bhàis, gum dhaoin,
S an fheasgar leis an dith sibh biadh,
S aig meadhon oidhchdon dthug sibh sgian?”
Nis innsidh mi dhuit, fhir mo ghaoil,”
Deir gu ciùin an saighdair aosd,
Car-son, le cogais réidh, ni thu
Mo leigil sìos, le sìth, don ùir
S an oidhchud, ’n uair bha chasgraidh deant’,
S o ghleann a bhàis bha sinn a trial,
Bha bean, air pàisd bha gal, cuir tàmh;
Ga chluinntinn, deir an triath rium féin
Mas mac tha siod, cuir stad air eugh.”
Chaidh mise suas; ’se mac a bhann,
Le cheil, thug mi e saor on lann.”
Aig cluinntin siod an crobair òg
Na bhroilleach ghabh an saighdair, ’s phòg
Na billean shaor a bheatha dha,
S a bheannaich tric, na bròn, a mhàthr.


Tha a cheud chaibideil dhen sgeul, “Mar a rinn mi mfhortan,” a tòiseachadh anns an àireamh so. Is sgeul eireachdail i, agus bu chòir do gach aon a leughadh.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
Stewartdale , C. B.

CLOTH, DROGAID,
AGUS
PlaideachanEUREKA.”

Mu dheich air fhichead seorsa aodaichga chreic.
Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige.


THA EARBSA
aig daoine ann am maidsichean Eddy— ’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a thacoltachri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum.

Than t-ainm so na urras air mathas.

THE
E. B. EDDY Co., Ltd.,
HULL, CANADA.


C. H. HARRINGTON & CO.
Na Marsantan as Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni.

THA IAD ACREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
nas saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eilesa bhaile.

SALADA TEA, ”
Na Puinnds na Leth-Phuinnd; an ti as fhearr a than Ceap Breatunn air a phris.


AN T-AITE
ANNS AN CEANNAICH THU
Suic agus
Iaruinn Cruinn,
Creamers,
Soithichean Bainne,
Airneis-taighe,
Stobhaichean,
Flur, Min etc., etc.
AN STOR AIG
Isaac Greenwell,
SIDNI, C. B.


J. E. EISAN.
PIANOS AGUS ORGAIN.
AN SEORSAS FHEARR A THATAR A CREIC.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, C. B.


Am Feillire.

NOBHEMBER, 1898.

1 Di-mairt An t-Samhuinn.
2 Di-ciaduin Latha nam marbh.
3 Dior-daoin
4 Di-haoine Tighinn Uilleam III. do Bhreatunn, 1688
5 Di-satharna
6 DI-DONAICH 22 Donaich na Trianaid.
7 Di-luain (6) Pòsadh Fionnghall Dhomhnullach, 1750
8 Di-mairt
9 Di-ciaduin Glacadh Montreal, 1775
10 Dior-daoin Breith Mhartin Luther, 1483
11 Di-haoine
12 Di-satharna (13) Blar Sliamh an t-Siorra, 1715
13 DI-DONAICH 23 Donaich na Trianaid
14 Di-luain Bas Chaluim Cheann-mhor, 1093
15 Di-mairt
16 Di-ciaduin Bas Ban-righ Mairearad 1093
17 Dior-daoin
18 Di-haoine
19 Di-satharna Breith Tearlach I., 1601
20 DI-DONAICH 24 Donaich na Trianaid
21 Di-luain Bas Sheumais Hogg, 1835.
22 Di-mairt Bas Morair Chlive, 1774
23 Di-ciaduin
24 Dior-daoin Bas Iain Knox, 1572
25 Di-haoine
26 Di-satharna
27 DI-DONAICH Donaich na h-Adveint
28 Di-luain
29 Di-mairt
30 Di-ciaduin An Fhéill Anndrais

MUTHADH AN T-SOLUIS.

An Cairteal mu dheireadh L. 6, U. 10, M. 14 M
An Solus Ur, L. 14, U. 8, M. 9 F
ACheud Chairteal L. 20, U. 0, M. 51 F
An Solus Lan, L. 28, U. 0, M. 25 M


DHIARRAMAID AIR
NA GAIDHEIL
s air muinntir eile a tha air sonTypewritera cheannach, iad a dhfheuchainn na
Blickensderfer No. 5,
mun ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35 .
Tha seorsachan eile againn cuideachd.
CREELMAN BROS.,
TYPEWRITER CO.
15 Adelaide St. East,
TORONTO, ONT.


GHEIBH THU
AN TI
As fhearrsa Mhargadh.

NA BROGAN
As Fhaide Mhaireas.

AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.

Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c

TORMAD DOMHNULLACH.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c .
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B.


D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C.B.


J . S. BROOKMAN, M. D. ,
LIGHICHE.
OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot.
SIDNI, C. B


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.

Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

Niall Mac Coinnich,
Sidni, C, B.


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Floiri Nic Fhionghain
acumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan acosg.

ADAN,
BONAIDEAN,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN,
GEUGAN.

agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor.

FEUCH GUN TAGHAIL THU.



[136]

[Vol . 7. No. 17. p. 8]

Am Breacan Uallach.

LE ALASDAIR MAC MHAIGHSTIR ALASTAIR.

FONN.—
Hen clo-dubh,
Hon clo-dubh,
Hen clo-dubh,
Bfhearrr an breacan.

Bfhèarr am breacan uallach,
Mu mghuailneans a chur fo machlais,
Na ged a gheobhainn còta
Den chlò is fhèarr thig á Sasunn.

Mo laochan fhéin an t-éideadh,
A dhfhéumadh an crios ga ghlasadh;
Cuaicheineachadh féilidh,
N déis éirigh gu dol air astar.

Fhéilidh chruinn nan cuaichein,
Gur buadhail an t-earradh gaisgich;
Shiubhlainn leat na fuarain,
Feadh fhuar-bheann, ’s bu ghasdair faich thu.

Fìor chulaidh an t-saighdeir,
S neo-ghloiceil ri uchd na caisneachd;
S ciatachs an advance thu,
Fo shrannraich nam piobs nam bratach.

Cha mhiosanns an dol sìos thu,
N uair sgrìobair, á duille, claiseach;
Fìor earradh na ruaige,
Gu luas a chur anns na casan.

Bu mhath gu sealg an fhéidh thu,
N àm éirigh don ghréin air chreachunn;
S dhfhalbhainn leat gu lòghmhor,
Didònuich a dol don chlachan.

Laidhinn leat gu ciorbail,
S mar earbaig gum briosgainn grad leat;
Na bullaimhe air marmachd,
Na dearganachs musgaid ghlagach.

N àm coilich a bhi dùrdan,
Air stùcan am maduinn-dhealta,
Bu ghasda dfhéums achùis sin,
Seach mùtan de thrusdar casaig.

Shiùbhlainn leat a phòsadh,
S bhàrr feòirnein cha fhroisinn dealta;
Bi sid an t-suanach bhòidheach,—
An òg-bhean bu mhòr a tlachd dhi.

Baigeannachs achoill thu,
G am choibhreadh le dbhlàss le dfhasgadh;
Bho chathadh as bho chrìon-chur,
Gun dìonadh tu mi ri frasachd.

Air uachdar gur a sgiamhach,
A laidheadh an sgiath air a breacadh;
S claidheamh air crios ciatach,
Air fhiaradh os cionn do phleatan.

S deas a thigeadh cuilbheir,
Gu suilbhearra leat fon asgail;
S a dhaindeoin uisges urchaid,
No tuilbhéum, gum biodh air fasgadh.

Bu ro mhath anns an oidhchthu
Mo loinn thu mar aodach-leapn;
Bfhèarr leam nam brat-lìn thu,
Is prìseil mhinthan Glaschu.

S baganta, grìnn, bòidheach,
Air bainis as air mòd am breacan;
Suas am féileadh-sguaibe,
S dealg-ghuailne ag cur air fasdaidh.

Bu mhath an s an oidhchthu,
Bha loinn ort am beinns an cladach;
Bu mhath am feachds an sith thu
Cha rìgh am fear a chuir ás dhut.

Shaoil leis gun do mhaolaich so
Faobhar nan Gàidheal tapaidh;
Achs ann a chuir e géirorr’,
Nas béurra na déud na h-ealtainn’.

Dhfhàg e iad làn mi-rùin,
Cho cìocrasach ri coin acrach;
Cha chaisg deoch an ìotadh,
Ge bfhìon i, ach fìr fhuil Shasunn.

Ged spìon sibh an crìdhasainn,
S ar broillichean sìos a shracadh;
Cha toir sibh asainn Tèarlach,
Gu bràch gus an téid ar tachdadh.

Rir n-anam tha e fuaighte,
Teann luaidhte cho cruaidh ri glasan;
S bhuainn chan fhaodar fhuasgladh,
Gum buainear am fear ud asainn.

Cleas na mnatha-siubhla
Gheobh tùilinn mum beir i h-aisead;
An ionad a bhin diùmb ris,
Gun dùbail da fear a lasan.

Ged chuir sibh oirnne buarach
Thiugh, luadhte, gur falbh a bhacadh;
Ruithidh sinn cho luath,
As nas buaine na féidh aghlasraich.

Tha sinns an t-sean-nàdur,
A bhà sinn romh àm an achda;
Am pearsannas an ìnntinn,—
Sn ar rìoghalachd, cha téid lagadh.

S in fhuil bhan cuislar sìnnsridh,
S an ìnsgin a bhan an aigne;
A dhfhàg dhuinne mar dhìlib
Bhi rìoghailO, ’s sin ar paidir!

Mollachd air gach seòrsa,
Nach deònaicheadh fòs falbh leatsa;
Cia dhiu bhiodh aca còmhdach,
No còmhruisgte, lom gun craicinn.

Mo chion an t-òg feardha,
Thar fairge chaidh bhuainn air astar;
Dùrachd blàth do dhùthcha,
S an ùrnaigh gun lean do phearsa.

Ged fhuair sibh làmh an uachdar,
Aon uair oirnn le seòrsa tapaig’;
An donus blàr ri bheò-san,
Nim Feòladair tuilleadh tapaidh.

Tha an t-Urr. Ian Calder air a shuidheachadh mar mhinisteir air coithional St. Peters. Bha e air a phòsadh ris an eaglais sin Di-màirt sa chaidh.


AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leighsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH
agus TEANNTACHD.
Cuir a dhiarraidh sampuill us teisteannas.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia.
agus
127 State St., Boston Mass.


[Dealbh]
Tha sinn a nisenar luchd-gnothuich aig a
CHANADACARRIAGE CO. ,
air son Eilean Cheap Breatunn.

Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead lecheannach uainne.

Tha sinn mar a babhaist acreic Truncaichean, Màileidean, Acuinneach, Bratan-carbaid, Cuipichean, Carbadan Cloinne, Olla, Dubhaich Bhròg, &c ., &c .

F . Falconer & Son,
Sidni, C. B.


MAC-TALLA.

Gu ma fada beo aGhailig.”

Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.”

Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais.

DO DHLEASANAS.
A bhi gabhail MHIC-TALLA.
A bhi leughadh MHIC-TALLA.
A bhi pàigheadh MHIC-TALLA.
A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a churna rathad.

An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan.

Cha robh a leithid ann roimhe, ’s chan eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast.

Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tighn a mach uairsan t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut.

Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dhfhalbh.

A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do tinntinn.

Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig asgriobhadh gu daonnan dha; agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og.

Is abhaist do dhaoinenuair a bhios iad acreic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhicur pris ardna cheann; ach chan eil MAC-TALLAdeanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadhsa chumail suas, agus uime sin chan eil e cosg da luchd-gabhail ach

DOLARSA BHLIADHNA.

titleIssue 17
internal date1898.0
display date1898
publication date1898
level
reference template

Mac-Talla VII No. 17. %p

parent textVolume 7
<< please select a word
<< please select a page