[137]

[Vol . 7. No. 18. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, NOBHEMBER 25, 1898. NO. 18.


MAR A RINN MI MFHORTAN.

CAIB. II.

AN SGOILSUIL RI DILEAB.

Cha robh mi ach glé òg an uair a chuireadh don sgoil mi; ach bu bheag feuma bhan teagasg a bha mi fhein agus na bha comhladh rium innte adeanamh dhuinn. Cha robh rian no òrdugh air a chumail anns an sgoil latha deugs abhliadhna. Cha robh mor-fhoghlum sam bith aig amhaighstir sgoile, agus am beagan a bhaige, bfhearr leis a chumail aige fhein na thoirt do na sgoilearan. Is ann a bhan aire aige air tuathanachas. Chuireadh e na sgoilearan a bhualadh don t-sabhal, no a ghnìomhadh na cruaiche mònadh, ar neo a ruamhar anns aghàradh an uair bu chòir dhaibh a bhith aig an leasan. Mar bu trice, bhiodh tuilleadhs achòir dhe ar toil fhein againn; ach an uair a ghabhadh am maighstir sgoile an fhearg, gheibheamaid gabhail oirnn gu maths gu ro mhath, mur biomaid cho umhail dhas a bhiodh an luch fo spògan achait. Ged a chuireamaid fuaim cearr air na facail bainneamh leis ar cronachadh, agus on a bhachùis mar so, lean mòran ruinn dhen droch ionnsachadh a thog sinn anns an sgoil aige. Rinn an dòigh mhi-chùramach anns an robh eg ar teagasg dolaidh mhòr dhomhsa co dhiubh; oir bha mi iomadh bliadhnacur fuaim cearr air mòran fhacail.

An uair a dhfhalbh e as an dùthaich cha be na bfhearr a thainigna àite. Bha e pailt cho suarach mu na sgoilearan ris an fhear a bhagainn roimhe. Bha cùisean adol air aghart mar so o bhliadhna gu bliadhna.

Cha bhiomaid anns an sgoil ach gann leith na bliadhna. An àm an earraich agus an àm na buana bhiodh gach duine aig obair a burrainn obair a dheanamh. An fheadhainn nach deanadh buain no ceangal, dheanadh iad buachailleachd. Agus gu cinnteach ceart bi abhuachailleachd an obair bu lugha orm a fhuair mi riamh ri dheanamh. A dhaindeoin cho faicleachs gum bithinn, rachadh an crodh uair is uair don arbhar. Agus bu shuarach an call a dheanadh iad annn an arbhar gun bhuain seach an call a dheanadh iad anns na h-adagan. Mar a bha nàdarra gu leòr, gheibhinn mo chàineadh air son na domail a dheanadh an crodh anns na h-adagan. Bfhearr leam a bhith anns an sgoil na bhith buachailleachd. Mu dheireadh an uair a thuig mo phàrantan nach robh mideanamh aghartais a bfhiach anns an sgoil, chum iad aisde mi. Ach bha car de thoil agam fhein a bhithg ionnsachadh, agus bhithinn agabhail a h-uile cothrom a gheibhinn air a bhithleughadh nan leabhraichean a bhagam, agus acunntais. An uair a chunnaic mo phàrantan cho dìchiollachs a bha mi, chuir iad rompa gun cuireadh iad mi don sgoil mhath a bha air taobh eile na dùthchadh. Bha mi bhliadhna anns an sgoil so, agus thàinig mi air maghart cho math anns an ùine sins gun robh iomadh neach ag ràdh rium gun robh mi ionnsaichte gu leòr. Ach bha mi fhein a dhatharrachadh barail; oir thug na fhuair mi de dhionnsachadh anns an bhliadhna orm a thuigsinn gun robh mi ann am feum mòran a bharrachd air na bhagam. Ach bha mo phàrantan acreidsinn gun robh mi foghluimte gu leòr, agus gum faodainn mo rathad a dheanamh ann an àite sam bith leis na bhagam a dhfhoghlum. Chuir iad rompa gun deanadh iad marsanta dhiom; agus chuir iad a h-uile sgillinn a chuir iad riamh ma seach ann am bathar dhomh. Ach mun dthainig ceann bhliadhna thuig iad fhein agus mi fhein nach robh feum dhomh a bhith srì ri marsantachd.

Neo-ar-thaing nach reicinn gu leòr; ach on a bha mitoirt seachad abhathair air dàil, cha burrainn domh mo chasan a sheasamh o nach robh mi tapaidh gu leòr gu togail nam fiach. Bha h-uile duine, ach duine ainneamh air air an robh fiachan agam agabhail brath an uilc orm. An uair a rachainn far an robh iad a dhiarraidh nam fiach bhiodh ceud leithsgeul aca, agus ghealladh iad mo phàigheadh aig a leithid sos a leithid sid a a dhàm. Ach tha mise gun mo chuid fhiachan fhaotainn uapa fhathast, agus bithidh. Mar a than sean-fhacal ag ràdh, “An rud a theid air dàil, theid air dearmad.”

Bha duine ann an Duneidionn a bhann an dlùth dhàimh riummac bhrathar mo sheanamhar. Cha robh e pòsda riamh, agus bha suim mhòr airgid aige. Bha e uair is uair anns aGhàidhealtachd an uair a bha mise gle òg, agus air gach uair dhiubh sin chuir e seachad latha no dhàsan taigh againn. Bha meas mòr aige ormsa, agus bu ghlé thoigh leis mibhith air a ghlùin.

Bhuail e anns acheann aig mo mhàthair gur ann dhiom a dheanadh e dìleabach. Agus an uair a chaidh amharsantachd gu turnam aghaidh smaoinich i fhein agus mathair gum bu chòir dhomh a dhol far an robh e gu ruige Baile Dhuneidinn. Bha so uair eiginn mu thoiseach agheamhraidh, agus ghrad thòisich mo mhàthair air deanamh deise chlòth dhomh. Bha deadh dheise agam aig an àm, ach chuir i roimpe gum biodh deise ùr agam on t-snàthaid an àm dhomh bhithfalbh. Leis an toil a bhaice an deisebhith gu math thug i ùine mhòr air deanamh achlòth. Is e cothlamadh trom-ghlas a bhann, agus gu cinnteach ceart bha e fior shnasail. Be sid an deise chlòth mu dheireadh a rinn i dhomhsa, agus tha mismaointean gur e clòth cho maths a rinn i riamh. Nam be an diugh an , bha mi air rud dhen chlòth a ghleidheadh mar chuimhneachan oirre. Ach on a bha i cho slàns cho fallain aig an àm cha robh dùil aig duine sam bith gun tigeadh am bàs cho aithghearr oirre.

Bha taillear cho maths a bha ri fhaighinn, air taobh eile na dùthchadh; agus chaìdh mi a dhaon ghnothach far an robh e feuch an deanadh e an deise dhomh, on a bha mi gun dàil gu falbh gu ruige Dun-eidionn. On a bha eg a mheas mar urram mi dhol seachad air na taillearan eile, ghrad dhaontaich e gun deanadh e an deise dhomh. Bha a bhean anns an éisdeachd an uair a bhruidhinn mi ris, agus thuirt i, “Is ann is fhearr dhut, a Dhomhuill, falbh comhladh ris aghille an diugh fhein. Tha mòran aodaich agad a staigh gun deanamh; agus ged a chuirteadh an t-aodach aigesan gad ionnsuidh, is dòcha nach fhaigh thu cothrom air an deise a dheanamh dha ann an àm. Ann am beul anamoch na h-oidhche bithibh afalbh comhladh, agus ruigidh sibh roimh àm cadail.”

Dhaontaich Domhull Taillear gun deanadh e so. Bha mise cho aoibhneach ri mac màthar a bha beò. Ged a bheireadh bean Dhomhuill Thaillear dhomh mart air chluais cha bhithinn a leith cho aoibhneachs a bha mi.

Thug abhean chòir dhomh biadh; agus gu cinnteach bha feum gu leor agam air; oir bha mi gus mo tholladh leis an acras an deigh dhomh coiseachd troimhn mhonadh. Agus on a dhfheumar an fhìrinninnseadh, cha dfhan mi ach gann ri mo bhiadh a ghabhail mun dfhalbh mi on taigh leis an fhoghail a bhorm mu dheidhinn na deise. Saoilidh mi an diugh gum bu ghòrach an gnothach dhomh a bhithna leithid de staid; ach is cinnteach nach robh mi na bu ghòraiche na bhiodh mo leithid eile anns acheart shuidheachadh.

Beagan mun deachaidh aghrian fodha dhfhalbh mi fheins an taillear le ceum cho sunndach ri dithissan dùthaich. Bhan taillear sunndach co dhiubh mar a bha a h-uile fear dhe sheorsa; ach cho sunndachs gun robh e, chumainnsa ceum air a cheum ris an oidhche ud.

Rainig sinn dhachaidh mu àm cadail. Agus bha iminidh gu leòr air mathairs air mo mhàthair mu mdheidhinn, a chionn mi bhith cho fada gun ruidhinn, agus gun dùil sam bith aca gum biodh an taillear comhladh rium. An uair a ghabh sinn biadhs a thug an taillear agus mathair greis air comhradh, ghabh sinn mu thàmh.

Cho luaths a dhéirich sinn an la-iar-na-mhàireach ghabh an taillear mo thomhas. Ghabh e saothair ris an deise nach do ghabh e ri deise riamh roimpe, no, is dòchana déigh. Mar a theireadh e fhein, “Chan ann air feadh fraoich is feamann a bhios an deise so idir, ach air feadh shràidean bòidheach Bhaile Dhuneidinn.”

(Ri leantuinn.)


SAOTHAIR NAN GAIDHEAL

Anns a Chogadh, air son Saorsa na h-Alba.

LE DEARG THULAICH.

Choisinn an eachdraidh so an duais a bàirde aig a Mhòd Ghàidhealach a bha anns an Oban mios meadhonach an fhoghair sa chaidh:—

Thòisich am buaireas mu chrùn na h-Alba anns abhliadhna mile da cheud ceithir fichead agus deich; nuair thàinig am fathunn gun do chaochail a bhan oighre a mhaighdean Lochlannach ann an Arcaibh. Bha a cheana ceithir bliadhna bhon a fhuair Alasdair, an treas righ den ainm, a bhas tre chliobadh a thàinig air an each a bha e amarcachd air oidhche dhorcha aig Cinnchorn ann an Fiobh. Chaochail na bha de theaghlach aige roimhe fhéin agus cha dfhag duine dhiubh sliochd ach an nighean a bha posda air Righ Lochlainn. Dhfhag ise an aon phaisde nighinn so a sheòl bho Lòchlann gu tighinn dhAlbainn ach



[138]

[Vol . 7. No. 18. p. 2]

nach dthàinig riamh gu port, is air nach dfhuaireas guth tuilleadh dhfhios no dhfhorfhais ach fathunn gun do chaochail i ann an Arcaibh.

Be a cheisd a nis ann an Albainn: “Co an oighre a bu dlùithe agus a bfhearr còir air an rioghachd?” Bha móran ag agradh còir nach fhiach an ainmeachadh oir bha triùir de na h-agarraich a bha nis dluithe ann an dàimh don teaghlach rioghail na bha an còrr. Biad sin Iain Bailiol Moirear Ghallaobhaidh, Iain Cuimein Moirear Bhàideanaich, agus Raibeart Brus Moirear Annandail. Be Iain Bailiol, agus Iain Cuimein clann an da pheathar, Diorbhorguil màthar Bhailiol an bu shine, agus Marsali màthair a Chuimeineich a bha nis òige. Bi màthair Dhiorbhorguil agus Mharsali a ris Mairearaid an nighinn bu shine aig an Iarla Daibhidh bràthair Righ Uilleim an Leomhann. Be Iain Bailiol agus Iain Cuimein le sin iar-oghachan an Iarla Daibhidh. Is e an dàimh a bha aig Raibeart Brus riu so agus ris a chrùn gum besan mac Isebail dara nighean an Iarla Daibhibh, agus mar sin gum be ogha an Iarla; agus be tagradh Bhruis on a bha esann a ogha gun robh e nis fhaisge air a chrùin na bha an dithis eile nach robh achn an iar-oghan ged a bha a sean mhathair san Mairearaid nis sine no a mhàthairsa Iseabail. Bha an tagradh so an aghaidh lagh sinnsireachd agus oighreachd ach tha e coltach noch robh an lagh sin air a thuigsinn no air a shochrachadh cho soilleir aig an am sin agus a bha e as déidh sin. Ach bha tagradh eile aig Brus agus tagradh a bfhearr. Beagan bhliadhnaichean roimh so mun dfhuair Righ Alasdair am bàs thug e féin agus Parlamaid na h-Alba fainear nach robh e mi-choltach gum faodadh an Righ bàs fhaotainn gun oighre fhàgailn a dhéidh de a shliochd féin, agus chuir iad an comhairle ra chéile de bu chóir agus a bfhearr a dheanamh nam bitheadh an rioghachd cho mi-shealbhach is gun tigeadh leithid a dheuchainn oirre. Is e an co-dhùnadh gus an tainig gur e an ni a bfhearr a burrainn daibh a dheanamh a shocrachadh mur bitheadh oighre ann de shliochd righ Alasdair féin, gum bitheadh Raibeart Brus, Moirear Annandail air a mheasadh is air a ghabhail mar oighre, agus air a chrùnadhn a righ air Albainn. Bha son a thagradh foghainteach air taobh Bhruis ach thainig car ceile anns achùis. Chuir Eideard Righ Shasuinn steach a ghuth a cumail a mach gun robh ard-ughdarras aige féin air Albainn is nach fhaodadh iad righ a thaghadh gun chead uaithsa, agus ghairm e maithean na h-Alba air a bheulaobh fein chums gun rannsuicheadh esan a chùis is gun taghadh e righ. Dhaontaich na moirearan is na daoine mora dol air beulaobh Eideard leis a chuis oir bha oighreachdan aig cuid dhiubh ann an Sasunn agus bha eagal orra fearg a chuir air an righ. Ach cha do thaitinn so ri sluagh na h-Alba agus chuir iad teachdaireachd dhionnsuidh Eideard far an robh è fein agus na h-ard-uaislean cruinn agus chuir iad an aghaidh esan a bhi ag agradh còir air bith air Albainn no a bhi gabhail gnothach air bith ri bheag no mhor a bhuineadh do rioghachd na h-Alba. Cha dfhuair an teachdaireachd de fhreagairt ach nach buineadh na nithean a bha iad ag radh idir don chùis a bha air a bheulaobh, oir bha Eideard de an bheachd gun robh taghadh righn a obair ris nach robh gnothach air bith aig amhór-shluagh, is gur ann aig na moirearan agus na maithean a mhàin bha còir labhairt anns a chùis. Chaidh e air aghaidh mar sin a thoirt breath, agus is e a bhreath a thug e gum be Iain Bailiol Moirear Ghallobhaidh an t-oighre dligheach agus gur e agheibheadh an rioghachd, ach gum feumadh e géill agus ùmhlachd a thoirt do Righ Shasuinn mar ard righ os a chionn agus os cionn Rioghachd na h-Alba. Dhaontaich Bailiol le so agus chrunadh e anns a bhliadhna 1292 aig Scàin far am bàbhaist do righrean na h-Alba bhi air an crùnadh cho fad air ais agus a bha iomradh aig daoine.

Cha bu luaithe a bha Bailiol air a chrùnadh na thòisich a shluagh air curn a aghaidh; cha bhitheadh iad toilichte le ni a dheanadh e, a chionn gun do ghabh e ri righ Shasuinn mar ard-righ air Albainn. Agus bha na h-uile la atoirt ni eigin ur a mach gun deanamh nis mi thoilichte leis a chàramh a bha orra. Mar aon ni fhuair iad a mach ge be eucorach a gheibheadh a dhìteadh aig mòd cha robh aige ach achùis a thogail gu righ Shasuinn agus bhitheadh a bhinn air a pilleadh agus an droch fhear air fhuasgladh. Ach mun tàinig ceann tri bliadhna thilg Righ na h-Alba dhe cuing an t-Sasunnaich agus rinn e fein agus a shluagh co-bhoinn ri Righ na Fraing a bha acogadh an aghaidh Shasuinn aig an am, agus chuireadh da fheachd a steach air taobh tuath Shasuinn. Rinn Eideard an sin sìth ris an Fhraing a chums gum bitheadh cothrom aige air leum air Albainn. Thàinig e le a mhor fheachd agus shiubhail e na machraichean; ghlac e caisteilean is daingnichean agus lion e iad le Sasunnaich; chuir e Iain Bailiol as an righ chathair, agus chuir e suas uachdaranan agus riaghladairean air ailghios fhéin. Chaidh aige air so uile a dheanamh oir cha robh ceannard ceart air fhaotainn a bheireadh na h-Albannaich don bhlàr; agus is ann a nis a fhuair ìad an claoidheadh is an saruchadh is am buaireadh. Bha fear an sud agus fear an so a callfhoidhidinn an drast agus a rithist agus a togail a laimh air Sasunnach; agus bha iad air am misneachadh gu mor le bhi cluinntinn an cliù a bha a briseadh a mach air na h-euchdan a bhag an deanamh air na Sasunnaich le Uilleam Uallas, Ridire Ellerslie. Bha esan cho treun ann an pearsa cho gaisgeil ann an cridhe agus cho buadhach ann an cath, is gum bu mhi-shealbhach do Shasunnach air bith coinneachadh ris. Thòisich iad air doln am buidheannaibh air a thòir a chum an ceann a thoirt deth, ach is e a bhuaidh a bha riamh air an oidheirp ma bha cinn air an sgathadh gur ann air an luchd tòire a bha an call is nach ann air Uallas. Ach le an lionmhoireachd àireimh ghreas iad e cho cruaidh is gur ann a chruinnich e feachd anns na machraichean air taobh tuath Uisge Hatha agus gu h-àraidh ann an Abaireadhan. Bha a chliù a cheana air éirigh cho ard is gun robh àireamh na feachd a chruinnich da ionnsuidh agus a lean e air a measadh cho ard ri da fhichead mìle coisiche agus naoi fichead marcach. Anns an fheachd so is i air a cruinneachadh far an robh i, chan eil teagamh nach robh mòran Ghaidheil ach chan eil cunntas air a thoirt air an àireamh. Is e so am feachd leis an do chuir Uallas an ruaig aig Drochaid Shruithleath air Iarla Shurrey agus feachd Shasuinn a bha air a meas aig leth-cheud mile coisiche agus aon mhile marcach. Air taobh nan Sasunnach anns a bhlàr so bha Ard-Stiubhard na h-Alba agus Iarla an Leàmhanaich le an luchd leanmhuinn, agus theagamh tuilleadh dam bu dual a bhi ag cur an aghaidh naimhdean an duthaich. Chuir na h-Albannaich an sin mu dheidhinn na Sasunnaich fhuadachadh as na h-uile daingneach agus baile-dion ann an Albainn agus nuair bha sin deanta leum iad Sasunn fhéin. Tha seanachaidhean Sasunnach ag innse gun tainig seachd Iarlan beo Albainn aig an am so a chreachadh agus a mhilleadh ann an Sasunn. Biad Iarlan Bhuchain, Mhonteith, Shrath-éire, an Leàmhanaich Rois, Atholl, agus Mhair agus comhla riutha bha mac Iain Chuimein, Moirear Bhàideanach. Bha Uallas fheinn an luirg ris an aon obair goirid nan déidh. Ged a tha e a réir na h-uile coltais fior gun deach feachd troimh taobh tuath Shasuinn, tha aobhar air bhi asmuaineachadh nach robh na seachd Iarlan uile innte.

Thàinig a nis feachd eile a Sasunn agus an uair so chaidh an cath an aghaidh Uallais agus cheannsaicheadh Albainn a ris. Striochd an luchd riaghlaidh uile do Righ Shasuinn agus fhuair iad maitheanas air son mar a dhéirich iad le Uallasn a aghaidh. Ach air son Uallais cha robh iochd no maitheanas ann a chionn gun robh de dhànachd aige san nach robhna Iarla nona Mhoirear, is gun déirich e féin is gun do dhuisg e mor-sluagh na rioghachd an aghaidh Righ Shasuinn. Bha Uallas air a bhrathadh goirid an déidh so le Iarla Mhonteith, agus air a ghlacadh is air a toirt do Lunnainn far an dfhuiling e air sgàth na rinn e air son na h-Alba garbh dhioghaltais an Righ Eideard gun iòchd is gun cheartas.

Co an nis a dheanadh cobhair air Albainn? Bha seann Mhoirear Annandail marbh. Chaochail e anns a bhliadhna 1295. Is ann a bha a mhac a lean e air caochladh mun am so 1305. Fhuair esan tre a mhàthair gu bhin a Iarla air fearann Charraig ann a Siorramachd Air, maille ri bhin a Mhoirear air Annandal. Is e mac an fhir sin aig an robh an inbhe is na h-oighreachdan a nis. Is e Raibeart a bainm dhasan marn ceudna. Bha e air a thogail aig cuirt Righ Shasuinn oir bha Eideard toileach air òganach aig am bitheadh oighreachdan cho farsuinn, a cheangladh cho teann is a ghabhadh ris féin. Ach cha robh moran thoil-inntinn aig Righ Shasuinn dheth oir bha e na ghille gluasadach neo-fhoistinneach air an robh cor iosal na h-Alba a cur mor-dhragh, agus a bha a deanamh nithean a bha a cur amharus air na Sasunnaich. An déidh don t-searrag a bhi ag cur nan cuairt dhi air a bhord aon oidhche toiseach an earraich anns a bhliadhna 1306 leig Righ Eideard a mach briathran a dhfheuch gun robh Raibeart Brus an cunnart a bheatha. Chual Iarla Ghloucester caraid do Bhrus na briathran agus is en rathad a ghabh e air sanas a thoirt da air a chunnart, chuir e teachdairn a ionnsaidh le da spor eich agus sporan airgid. Nuair chunnaic e na nithean so thuig e gum bu mhithich dha bhi a togail air a Lunnainn. Agus nuair dhéirich a mhaduinn cha robh sgeul ra fhaotainn an cuil non cuilidh an aird non iosal air a Bhrusach òg.

(Ri leantuinn.)


SGEULACHDAN ARABIANACH.

An t-Amadan Crotach.

CAIB. VIII.

Thuirt mi ris barrachd is aon uair, gun deanainn rud sam bith a dhiarradh e orm. “Bidh agad, ma ta, ri bhith feasgar aig an eaglais a thog a bhan-righ, agus fanaidh tu ann gus an tig cuid eiginn gad iarraidh,” arsesan.

Bha migabhail fadachd gu leor gus an tigeadh am feasgar. Aig uair na h-urnuigh fheasgair chaidh mi don eaglais, agus dhfhan mi innte an deigh do na h-uile duine eile falbh.

An ceann beagan uine chunnaic mi batatighinn tarsuinn na h-aimhne, agus agabhail direach thun na h-eaglais. Biad na seirbhiseach a bhiodh afrithealadh don bhan-righ a bhag a h-iomradh. Chuir iad aireamh chisteachan a bhaca anns abhata a steach don eaglais, agus thill iad air an ais, ach am fear a babhaist dhomh fhaicinn afalbh an cuideachd na mna uasail, agus a bhabruidhinn riums amhadainn. Chunnaic mi abhean uasal mar an ceudna atighinn a steach don eaglais. Chaidh mi far an robh i, agus thuirt mi rithe gun robh mi deas gus gach ni a dheanamh mar a dhordaicheadh i dhomh.

Chaneil uine sam bith ri chall,” arsise, agus an uair a dhfhosgail i te



[139]

[Vol . 7. No. 18. p. 3]

dhe na cisteachan, dhiarr i orm a dhol a steach innte, ag radh, “feumar so a dheanamh a chum do beatha fhein agus mo bheatha-sa a dhion o chunnart. Na biodh eagal sam bith ort; cuiridh mi fhein gach cuis an ordugh.”

On a rinn mi na rinn mi, cha burrainn domh gun a comhairle a ghabhail; agus an uair a chaidh mi steach don chiste, ghlas ise i. Gun dail sam bith chuireadh na cisteachan air ais don bhata, agus thill an sgiobadh gu leir agus abhean uasal comhladh riutha tarsuinn na h-aimhne, agus rainig iad luchairt na ban-righ.

Anns acheart am bha mise ann an trom-smaointean mun chunnart anns an do chuir mi mi-fhein; agus rinn mi iomadh urnuigh agus thug mi iomadh boid; ach cha deanadh urnuighean is boidean feum sam bith aig an ambha e tuilleadh is anamoch.

Thugadh na cisteachan do sheomar an t-seirbhisich a bhiodh agleidheadh iuchraichean luchairt nam mnathan, agus chan fhaodadh e ni sam bith a leigeadh a steach do na seomraichean gun fhios a bhith aige ciod a bhiodh ann. Bha e anns an am air a dhol a laidhe, agus an uair a dhiarradh air eirigh gus na cisteachan a leigeadh a steach, bha fearg gu leor air, agus thug e achasan searbh don mhnaoi uasail a chionn i bhith cho anamoch gun tighinn dhachaidh. “Chan fhaigh thu as mo lamhan-sa cho luaths a tha thun duil. Rannsaichidh mise a h-uile te dhe na cisteachan an ceart uair.” Anns amhionad dhordaich e na cisteachan a bhith air am fosgladhna lathair. Bi a chiste anns an robh mise acheud te a dhiarr e air an t-seirbhiseach fhosgladh. Chuir so an cridhe air chrith agam leis an eagal. Chuir abhean uasal am muighs am mach an aghaidh achiste so fhosgladh idir. “Tha fhios agad gle mhath,” arsise, “nach eil misetoirt ni sam bith an so ach ni air am bheil feum aig Sobaide, ar banamhaighstir le cheile. Thachiste so lan de bhathar luachmhor a cheannaich mise o mharsantan a tha air ur-thighinn a Mecca; agus tha aireamh bhotul innte a tha lan dhen uisge a bhanns an tobar a nochd an t-aingeal do Hagar anns an fhasach. Ma thachras gum bristear a h-aon dhiubh bidh na h-aodaichean air am milleadh, agus bidh achoire gu leir mu dcheann-sa. Theid mise an urras dhut gum bi Sobaide gle diumbach dhiot.”

An uair a chuala e so cha dfhosgail e a h-aon dhe na cisteachan. Thuirt e le feirg, “Togaibh air falbh as mo shealladh iad.”

Thugadh na cisteachan a steach do sheomar nam mnathan. Ach mun gann a thugadh a steach iad, chuala mi na seirbhisich ag radh, “Than righ atighinn! than righ a tighinn!”

Chuir so a leithid a dheagal orms gum bheil ioghnadh orm fhathast nach deachaidh mi a cochull mo chridhe leis an eagal anns amhionaid.

Ciod a thagad anns na cisteachan so?” ars esan, ris amhnaoi uasail.

Tha aodaichean luachmhor annta,” arsise, “a dhordaich abhan-righ a thoirt an so a chum gun taghadh i asda an seorsa a bfhearr a chordadh rithe.”

Mar leithsgeul, bha icumail am mach gur e aodaichean bhan a bhann agus nach bu choir am fosgladh gus am biodh abhan-righ fhein an lathair.

Tha mise ag radh, gum feumar na cisteachan fhosgladhs amhionaid,” arsan righ, tha toil agam na h aodaichean fhaicinn agus feumar an sealltainn dhomh.”

Bha ise asior radh ris, gun robh eagal oirre gum biodh fearg air abhan-righ rithe nam fosgladh i na cisteachan.

Cha bhi, cha bhi,” arsan righ, theid mi fhein an urras nach cuir i coire sam bith ort. So, so, grad fhosgail iad, agus na big am chumail an so nas fhaide.”

Dhfheumteadh air a h-uile cor a bhith umhail don righ, agus chuir so an t-eagal ormsa buileach glan. Shuidh an righ anns an t-seomar, agus dhordaich abhean uasal te an deigh te dhe na cisteachan a thoirtna lathair. Dhfhosgail i iad, agus gus an uine a chur seachad cho maths a dhfhaodadh i, bha isealltainn dha cho maiseachs a bha na h-aodaichean; ach cha deanadh a cuid leithsgeulan is charan feum sam bith. Chuir an righ roimhe gum biodh na cisteachan eile air am fosgladhna lathair. Mu dheireadh thugadh a chiste anns an robh mise na lathair. Cha robh ise am muigh nomach deonach a fosgladh. “So, so, fosgail ì, agus faiceam ciod a thinnte,” arsan righ.

Cha robh fhios agam co dhiubh a bha mi beo no marbh an uair a chuala mi so. Bha mig am dheanamh fhein cinnteach nach biodh uair de shaoghal agam.

Ach thuirt ise ris, “Chan fhosgail mise achiste so air chor sam bith mur bi abhan-righ an lathair; oir tha nithean innte nach fhaod miseshealltainn dhuibh.”

Ceart gu leor,” arsan righ, “thugaibh na cisteachan a steach do sheomar na ban-righ.”

Rinneadh mar a dhordaich e, agus thainig beagan dhe mo mhisnich ugamsa aon uair eile.

An uair a dhfhalbh na seirbhisich a thug a steach na cisteachan am mach as an t-seomar, ghrad dhfhosgail ise achiste anns an robh mi air mo ghlasadh, agus thuirt i, “Thig am mach, agus gabh suas na staidhreachan a thadireadh gu fior mhullach an taighe. Theid thu steach do sheomar a gheibh thu fosgailte, agus fanaidh tu an sin gus an ruig mise thu.”

Cha robh mi ach gann shuas anns an t-seomar an uair a thainig an righ a steach don t-seomar anns an robh na cisteachan, agus shuidh e air acheart chistidh as an dfhalbh mise. Cha robh de ghnothach aige ris amhnaoi uasail ach a chur cheisdean oirre mu thimchioll ciod a chunnaic i anns abhaile. An uair a thug iad greis mhath air comhradh dhfhalbh e.

Cho luaths a fhuair i an cothrom thainig i don t-seomar anns an robh mise, agus ghuidh i orm a leithsgeul a ghabhail a chionn mar a chuir i aleithid a dheagals a dhragh inntinn orm. Thuirt i, “Bha mise fad na h-uine cho neo-fhoiseil riut fhein. Faodaidh tu a chreidsinn gum bheil gaol mor agam ort an uair a bheir thu fa near an cunnart anns an do chuir mi mi-fhein air do shaillibh. Is iomadh neach a bhiodh anns an t-suidheachadhs an robh mi nach deanadh a chuis cho sgiobaltas a rinn mise. Is e an gaol a thagam ortsa a thug orm a bhith cho misneachails a bha mi. Ach biodh deagh mhisneach agad than cunnart a nis seachad.”

An deigh dhuinn greis mhath a thoirt air comhradh a bha gle thaitneach leinn le cheile, thuirt i rium gun robh an t-am agam gabhail mu thamh, agus gun tugadh i an lathair Sobaide mi uair eiginn am maireach, “oir chaneil an righg a faicinn,” arsise, “aig am sam bith ach anns an oidhche.”

Thug na briathran a labhair i rium misneach mhath dhomh, agus fhuair mi deadh chadal. An uair ainneamh a dhuisg mi, bha mismaointean air cho fortanachs a bha mi an uair a bha mi gus bean uasal mhaiseach, dheadh-chainnteach fhaotainn riposadh.

(Ri leantuinn.)


BANAIS IAIN BHAIN.

“ ’S mise bha thalls a chunnaic; ’s a thainig a nalls a dhinnis.”

UISDEAN. —Fàilte stigh! Tha sibh air tilleadh bhar na bainnse, a Ruairidh.

RUAIRIDH. —Tha, ma ta, is taing don fhreasdal gu bheil.

U. —Seadh, gu dearbh, an ann mar so a tha. ’S ann duilich gum biodh i seachad, is cha bann taingeil, a bhithinn fhein nuair a bhithinn air banais.

R. —Bhiodh thu dhatharrachidh barail, Uisdean, nam bitheadh tu air banais a thigeadh gu bhi na cogadh.

U. —Ubh! ubh! an dthainig i mar so oirbh? Bha gu leor an obair uamhasach sin a bhi eadar na Spàinntichs na Geancaich.

R. —Chan eil mi creidsinn gun cuala Spàinnteach riamh a leithid sid.

U. —Am freasdal gam theasraiginn! tha naigheachd agaibh; feuch an innis sibh dhomh i.

R. —Gun deonaicheadh e fein sin, do theasraiginn, agus mise comhla riut, bho a leithid sin. Cha ghuidhinn do mnàmhaid a bhi ann.

U. —Na bithibh gam chumail am péin. ’S ann dona tha i mur gabh i innseadh.

R. —Cha ghabh cainnt cur air; ach bheir mi oidhirp air a thoir ort a thuigsinn ann an tomhas mar a bha.

Dhfhag sinn so le sgioba gasda, is tagha as rogha a phiobaire, la briagha, grianach. Chan eil reusan guth a ràdh mun dùthaich bhriagha troimhn deachaidh sinn, no mun fhàilte chridheil a fhuair sinnnuair a rainig sinn. Bhithinn fhéin an dràsdasa rithist a cluinntinn am measg na cuideachd nach bfhada gun dthigeadh an t-sebheree. Cha robh mituigsinn, ’s bha car de leisg orm fhaoighneachd, gu de a bha anns an t-sebheree. Ach sgeula na creach, cha robh mi fada mar sinnuair chualas feadaireachd agus gleodhraich, urchraicheangan losgadh, drumaicheangam bualadh, dùdaicheangan séideadh, is clagaichean is panaichean a glingarsaich am measg a cheile, is iad fheingan cuideachadh len sgòrnanan. O, dhuine! ach gaoir a chnuic ud. Mheantar mi aon uair ri screen na h-uinneig a thogail. ’S ann an sin a bha an sealladh. Plàigh de dhaoine cho tiugh ris an lòcustsan Eiphit. A mach gun dthug muinntir an taighe le bascaid de chookies an cead na cuideachd. ’S mi dhùraichdeadh de Pharis Green a bhi annta na mharbhadh làn pàirce bhuntàta de bhòguisean; ’sa righ! ’s mor gum bfhearr leam sgaoth do bhòguisean na iad. Chuala mi nam measg gun robh andeputy sheriffair an ceann. Gu thagad air ach gun do ghabh mi an t-eagal gum bitheamaid air ur beò-ghlachdadh le lagh na dùthchas air ar sguabadh gu Port Hood a h-uile mac màthar againn, ged nach burrainn mi a smaointeachadh ciod an t-olc a rinn sinn.

U. —Thigeadh dhut a bhi taingeil gun teagamh gun dfhuair thu dhachaidh. Cha chuala mi fhéin riamh a leithid ann an dùthaich thiorail mar a tha Ceap Breatunn.

R. —Stad ort. Chan eil a sid ach beagan dheth. ’Nuair a fhuair ìad na cookies dhfhalbh iad gun a bhi glé riaraichte. Tha e coltach, gu mi-fhortanach, nach do bhruidhinn fear na bainnse gle shiobhalta riutha, agus chuir sin an dunach anns a ghnothuch. Dhfhalbh iad co dhiubh, is bha sinne gle thaingeil; ach mu uairsa mhaduinns sinn na ar suidhe gu socrachs gun dùil gun robh na béisdean mar fhaisge mhile dhuinn, loisgeadh urchraichean nach dthigs nach dthainig an leithid. Air leam gun do shrac na speuran os cionn an taìghe. Chriothnaich an tigh, ’sa chuid a bhanan suidhe dhéirich iad, ’sa chuid a bhanan seasamh thuit iad. Cha do dhfhuirich dealbh ri balla. Bha cuid dhe na h-igheanan a chaidh a null as a so a chaidh ann an laigse nar lamhan. Bha pàirt dhen luchd-frithealaidh a bha tighinn a dhionnsuidh a bhùird le soithichean làn de nithean matha de gach seòrsa, ’s thuit iad as an làmhans chaidh iad na criomagan air an ùrlar. Chaidh pàirt dhe na h-uinneagan a bhristeadh le criothnachadh an tighe. Ma bha aighear is fuaim a muigh bha eagal as fuaim a stigh. Abair nach robh mi ann on Cuba.

(Air a leantuinn air taobh 142.)



[140]

[Vol . 7. No. 18. p. 4]

MAC-TALLA:

Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uairsan t-Seachdain.

Is toigh leinn aGhailig,
A bardachds a ceol;
Is tric thug i nios sinn
Nuair bhithmaid fo leon:
S i dhionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
BARD NA LEADAIGE.

Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thusa bhlar;
Cho fadsa shiubhlas uillt le sruth.
Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Chan aontaich iad an cainnt non cruth
Gun teid do chur gu bas.”
NIALL MAC LEOID.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

1. Na sgriobh ach air aon taobh den phaipeir.

2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadhs is urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, NOBHEMBER 25, 1898.

A EILEAN A PHRIONNSA.

FHIR MO CHRIDHE, —Bidh aigCaraid na Gàiligri moran sgriùdaidh a dheanamh mas bi na duaisean air an toirt seachad air son nanràidhean Gàilig.” Tha mo nàbaidh, agus iomadh fear eile, ag obair gu trang a cur sios air paipear gach ni dhen t-seorsa a chual e riamh agus air a bheil cuimhne aige. Gu ma slàn dha na seòid. ’S iomadh sean radh a bheir iad gu ar cuimhnenuair chi sinn na cruinnichean aca.

Tha thu toirt iomraidh o àm gu àm air cuid do sheann mhuinntir aig abheil an comhnuidh an Ceap Breatunn. Tha iadsan a fhuair am breths an arach an Albafàs gu maith tearcnar measgne anns an sgire so. Bha mi an la roimhe ann a seanachas aon diusean bhean, ceithir fichead bliadhnasa deich a dhaois. Tha mi cur ad ionnsuidh anns an litir so, facal air an fhacal, cuid den chòmhradh a bha eadruinn.

Tha ur cuimhnes ur naithne agaibh mar nach olc, a bhean.” “Tha, ler cead; tha cuimhne agam cho maiths a bhagam riamh air nithean a thachair an làithean mòige anns an t-seann dùthaich. Dhfhàg mathair Uige an uair a bha mise mu dha bhliadhna dhaois, agus ghabh e fearann ann an Camusdianabhaig, an sgire Phortrigh. Thàinig sia no seachd de theaghlaichean aig an àm ud á Uige gu Camusdianabhaig.” “Carson a dhfhag iad Uige?” “Bha gun robh am baile ud na bhaile maith, torrach, agus gun robh an Caiptean Leòdach, aig an robh e air mhàl, ga leigeil dheth. Bhan caiptean sean aig an àm ud. Bha dithis nighean aige a bha fuireach leis. ’Nuair leig e dheth am baile cha do chum e dha fhein ach da chrait agus an tigh còmhnaidh a bhaige. ’S ann aig Caiptean eile, a bu bhràthair da, a bhan t-Olach. Bha iad sud agus Caiptean Somhairle Domhnullach ann an cogadh America. Bha Mac Leòid Dhunbheagain anns a chogadh sin mar an ceudna. Chan eil cuimhne agam air Caiptean Somhairle fhaicinn. Bha e fuireach an Cillemhoire. Bha e iomraiteach air son a mheudachd agus air son a neart. Phòs e na fhior shean aois nighean bhochd a mhuinntir an àite. Bha dithis mhac agus aon nighean aice uaithe. Tha cuimhne mhath agam air Mac Leoid Chamusdianabhaig. Bu mhac bràthar athar dha an Dotair Mac Leoid (an Dotair Bàn) a bha na bhàillidh aig a Mhorair Dhomhnullach ann am Portrigh. ’S ann a mhuinntir Uidhist a bhan Dotair; agus, an uair a dhfhag e Portrigh chaidh e air ais a dhUidhist. ’Nuair bha sinne tighinn a dhAmericas en Dotair Mac Leoid a bhana fhear-sgrùdaidh, a faicinn nach robh tinneasnar measg. Bu chaoimhneil e! ‘Co leis thu?’ ars esan, rium fhin. ‘Tha,’ arsa mise, ‘le Uisdean Domhnullach, a bhana chléireach-eaglais aig Maighstir Colla.’ ‘O, chiall!’ ars esan; ‘ ’s iomadh spòrs a bhagam fhins aig tathair an cuideachd a chéile. Bu bhlàth, càirdeil an comunn, esan na chléireachs misenam eildeir, aig Maighstir Colla. Siuthad, gabh a stigh! Bheir mi pass dhuitse co-dhiu!’

Ach tha mi gar cumail. ’S mise mata, ler cead, Oighrig, nighean Uisdean Dhomhnullaich. Be mathair agus Maighstir Colla clann a pheathars a bhràthar. Bha e na chléireach-eaglais aig Maighstir Colla fhads bu bheò e.

Cha robh mi ach òg an uair a phòs mi Murchadh Mac Leòid, mac Alasdair Oig, an Camusdianabhaig. Thainig mo chompanach a mach don dùthaich sos a bhliadhna 1830, agus thainigathairs a chuid eile den teaghlach a mach an 1832. Thàinig mise agus a chlann a mach anns a bhliadhna 1840, ’nuair rinn e dachaidh dhuinn; agus tha mi ann a so anns a cheart ionad don dthug e min uair sin. Dheug e bho cheann fhada.

Chiall! nach mise tha sean. Bha mi air mhuinntearas aig ur seanair. Bha Domhnull Beag, bràthr ur nathar, na bhalachan òg an uair sin. Bha mi comhla riu an Loch Thuthairn a deanamh ceilp.

Ghabh Domhnull Beag anns an arm an deigh sud. Bha ena shaighdeir anns an Reiseamaid Dhuibh. ’Nuair thainig an réiseamaid á Bermuda gu Charlottetown, fhuair e forladh seachduinn, aig àm na Nollag, gu tighinn a mach gu Brookfield, a dhfhaicinn a chàirdean, Alasdair Caimbeul agus a theaghlach. (Tha iad gu math cairdeach dhuibh.) Tha e coltach, ma ta, gun dfhuair e fuachd air doigh air choir-eigin. Cha robh e beò ach beagan laithean an deigh dha tilleadh don bhaile. Bha sin dìreach da fhichead bliadhnasa sia na Nollag sa tighinn.”

“ ’S mi thanur comain,” arsa mise, “air son na dhinnis sibh dhomh. Agus a nis, on bha sinn car tacain a labhairt mun tir a dhfhag sibh nar deighs nach fhaic sibh tuilleadh, nach iomchaidh a bhi greis eile a còmhradh mun tir mhaith a ta romhaibhs a ruigeas sibh an ùine gun bhi fada, mas eilthireach sibh a dhfhag baile an leir-sgrios.”

“ ’S fhior sin,” ars ise. “ ’S ann mun tir sin is buanachdaile dhuinn a bhi labhairt gun teagamh, ged air uaireabh a theid an inntinn air ais gu tir agus àm mòige.”

An deigh tuille còmhraidh dhéirich mi gu falbh. “Slan leibh,” ars ise; ’s mi tha gu mornur comain air son tighinn gam fhaicinn. Feuch gun tig sibh fathast, gu sònruichte ma chluinneas sibh mi bhi tinn.”

Ur caraid, C. C.
Strathalba, Nobh, 18, ’98.


ON OLLAMH HENEBRY.

Fhuair sinn an litir a leanas on Ollamh Henebry, an t-uasal urramach air an dthug sinn iomradh o chionn ghoirid mar fhear-teagaisg na Gàilig anns an Oil-thigh Chaitliceach, am baile mor Washington. Ged a tha na facail air an litreachadh air dòigh ris nach eil na Gàidheil Albannach cleachte, chan eil sinn an dùil gum bi e doirbh do neach sam bith dhiubh brigh na litreach a thuigsinn.—

A CHARA FHIOR-GHAEDHIL,—

Atá áthas mór orm-sa do pháipeur breagh, blasda dfhagháil uait-se mar dogheibim gach seachtmhain. Is geall ri uachtar ar mo chroidhe a fheicsint go bh-fuil tu-sa ag deanamh dian-oibre dochum an Ghaedhilge do chothughadh san talmhain nuaidhe. Beannacht ar tobair, beidh teanga ár sinsir anois aguinn gedh beadh Eirionnach beo n ngréin.

Acht a charasa chumainn cad do sgair ó na chéile sinn? cad do rigne leath don Gaodhaltacht? An fìor nach fìosach duit gur aon chineadh amhain sinn, gur sinne araon na Gaoidhil tar cineadhaibh an domhain, is gur ionann teanga agus fuil agus feoil dùinn? gur linne do h-oileadh sib, gur aguinne atá bhur n-adhbhar maoidhte agus gach linne gur libh-se com-maith é? Acht cad do bhris an Ghaodhaltacht? d-tabharthá siolla seachad siar thar dais uait do chìthá gurab iad na Sasanaig do chuir a mugha sinn. bhrigh sin dóigh liom gur ceart dùinn beith meallta nios sia, agus a dheimhin agum gur tiugha fuil ár sinsir, atá fós gan a thaosgadh, ’ an t-uisge i Sruth Maoile atá go fuar ag gluasacht eadrainn.

Ni bh-fuil ar domhain budh taithniomhaighe liom-sa na Gaidhil na h-Eireann agus na h-Alban do bheithna g-comh-Ghaidhlibh arìs amhail do bhiodar anallód.

Mise Gaedhil oile.

RISTEIRD DE HENEBRE.
(Sagart.)

An cùigeadh deug de mhì na Samhna, agus aois don Tighearna 1898 bliadhna.


FACAL A PROVIDENBE.

FHIR-DEASACHAIDH CHOIR, —Fhuair sinn dàin Oisein don ghréin; tapadh leat fein a MHIC-TALLA.

Chuala mi air a raitinn an t-aobhar air son an robh Oisein mar ainm air a bhàrd a mhaireas fhads a mhaireas bàrdachd. Ben t-aobhar, gun robh bad do chalg an fheidh air Oisein na mala clith aige, no mar a theirtes mar a theirear fathast, “ball-dórain.”

Nuair a chaidh an giullan Ileach a dhiarraidh a bròg air a ghriasaiche, cha robh aige gus am pàigheadh ach libin arbhair. Dhfhoighneachd an griasaiche ciod a bfheairde esan libin arbhair? “ ’S mor an t-iom-fhuasgladh a tha ann,” ars an giullan, “Ni en garbh-bhonnach dhuit féin; ’s an gearra-bhonnach don bhean; an gearra-craosain don chaillich; an garbhan don phrais; an gearra-ghraine don chirc; am prann don ghaodhar; a chatha don ghamhuinn; am moll don each; ’s am fodar don mhart.”

AONGHAS MAC AOIDH.
Providence , R. I.



[141]

[Vol . 7. No. 18. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Chuireadh fùirneis ur a stigh ann an eaglais Hogamah air an fhoghar so, ni a tha a toirt comhfhurtachd agus toileachadh don choithional nach robh aca roimhe so.

Thainig triùir dhaoinòga mhuinntir Roseburn, faisg air Hogamah, dhachaidh as a Chlondaic o chionn beagan us mios, —Alastair agus Calum Mac Fhionghain, agus Domhnull Mac Neacail. Rinn iad gu math air an cuairt do thir an òir, agus tha rompa dhol ais ais ann air an earrach sa tighinn.

Chuireadh air falbh á Mabou o chionn ghoirid tri cheud deug uan gu ruige Bangor, Maine, agus dùil ri uiread eile chur air tha falbh an ùine gun bhi fada. Thòimhseadh na h-uain eadar ceithir fichead ussia fichead punnd an t-aon. Chuireadh air falbh iad le Lewis McKeen, a tha ri ceannachd aig Drochaid Mhabou.

Tha fear Aonghas Dòmhnullach a mhuinntir Shiudaig an deigh da mhile dolair a a thoirt a mach air son goirteachadh a fhuair ese a saoirsneachd ann am Brookline, Mass. Chaidh a ghoirteachach lescaffoldair an robh e ag obair a thuiteam fodha. Chuir e a chuideachd aig an robh e ag obairsan lagh air son coig mile dolair, ach cha dfhuair e ach an da mhile. Tha e a fuireach ann an Rhode Island.

Ged nach fhacas ach gle bheagan sneachda ann an Ceap Breatunn air a gheamhradh so, chunnacas ni nach eil dad nas taitniche mun àm son bhliadhna, uisge, agus gu leor dheth, a sileadh gach darnach a latha. Tha an t-side anabarrach fliuch o chionn treis a dhùine air ais. Shil frasan a bha gle throm air an t-seachdain so. Anns na roinnean uachdrach thuit còrr us troidh de shneachda mu mheadhon na seachdain sa chaidh. Shil òirleach no dha anns an eilean so an uair sin cuideachd, ach cha bfhada mhair e.

Tha seana bhean chòir, bantrach Uilleim Reid, ann an ceann an iar Framboise, a tha ceithir fichead bliadhnasa dha dheug a dhaois, agus a tha cha mhor cho tapaidhsa bhi i riamh. Air an fhoghar sa chaidh, dhfhaoidte a faicinn ag obair air a bhuain còmhla ri mac, ogha, agus iar-ogha dhi. Rugadh i ann an aon a dheileanan na Gàidhealtachd agus thainig i mach còmhla ri cuideachdn uair a bha i gle òg gu ruige Mira; as a sin chaidh don àitesa bheil e nise comhnuidh. Bha tri duine deug cloinne aice, ach chan eil ach seachdnar dhiubh sin beò an diugh. Tha tri fichead ùs deich ogha aice, agus deich air fhichead iar ogha, agus cha chuir e sgiths sam bith oirre coiseachd a dhamhairc gin sam bith dhiubh sin a tha fuireach faisg oirre. Tha i nas comasaiche air obair latha dheanamh na tha aon de cloinn.

Thatar a cur cruaidh ri luchd-reic an stuth làidir anns a bhaile so o chionn mios no còrr air ais, agus chaidh aireamh mhath dhiubh fhaotainn ciontachs chuireadh càin orra. Tha sinn a cluinntinn gu bheileas a tòiseachadh orra ann an Sidni Tuath mar an ceudna. Bha làn àm aig muinntir an da bhaile toiseachadh air an lagh a chur an céill, oir bha iad roimhe so, ’nan culaidh-mhagaidh aig muinntir àiteachan eilelagh aca a bacadh reic deoch làidir, agus deoch laidir, a dhaindeoin sin, cho furasda cheannach ri ni sam bith eile rachadh duine dhiarraidh. Chuala sinn daoine aig am bu chòir fhios a bhi ag radh gu robh ann an Sidni roimhe so, deich air fhichead tigh-oil, agus ann an Sidni Tuath, tri fichead. Tha sinn an dòchas gun dean gach duine aig am bheil meas air lagh agus air ceartas, agus aig am bheil math an t-sluaighnan aire, gach cuideachadh is urrainn dhaibh a dheanamh leothasan a tha air son na taighean-òil a dhùnadh. Gabhaidh sin deanamh math gu leòr ma théid daoine ris a cheart da-rireadh.

Chaidh droch ìonnsuidh a thoirt air duinog a mhuinntir anInternational Pieroidhche an taghaidh, ’se coiseachd dhachaidh as a bhaile. Rug ceathrar dhaoine ann an carbad air, agus leum dithis dhiubh a machs thug iad an sas ann, a gabhail air gu dona mun do leig iad as e.

Tha moran tinneis cimchioll air Hogamah aig an àm so. Chaochail Calum Dòmhnullach aig ceann a deas Loch Ainslie, bean Dhomhnuill Mhic Gilleain, air Mullach Hogamah, agus Alasdair Mac Aonghais, aig Loch Ainslie, o chionn ghoirid, ’s gun ach seachdain eadar gach neach dhiubh.

Tha coltas baile a tighinn air Orangedale anns an àm a tha so. A bhàrr air na taighean a thogadh o chionn beagan bhliadhnaichean, tha an Dotair Mac Amhlaidh an deigh tigh mór briagha agus sabhal a thogail, agus tha Dòmhnull Màrtuinn, fear de na muillnearan, a togail stòr mor faisg air cala an rathad iaruinn.

Dhinnis seann duine còir ann an Louisbourg, Mr. G. S. Cook, do uaislean comhairle nan giomach gun do ghlac esan aon uair, mu leth cheud bliadhnair ais, giomach a bha tri troigheans aon òirleach deug gu leth o bhàrr a shròine gu bàrr earbaill, agus a bha naodh puinnd deug air fhichead gu leth a chudthrom! Tha daoine a tha car fiosrach a thaobh nithean dhen t-seorsa sin dhen bharail gum be am fear mor sin athair nan giomach uile.

Bhuineadh Domhnull Mac Fhearghais, a bha air a bhàthadh ann anGlace Bayair an t-seachdain sa chaidh, do Phort Morien. Bu mhac e do Chalum Mac Fhearghais a tha fuireach airLong Beach.Bha e ag obair ann am mèinn Victoria gus an deach a dùnadh, ’nuair a thainig e do Ghlace Bay. Chunnacas e mu dheireadh air feasgar Di-màirt an deigh dha tilleadh a Low Point, far an robh e bhòtadh. Dhfhag e bean agus sianar chloinne. Bha ena dhuine stuama, dichiollach, air an robh meas aig gach neach a chuir eòlas air.

O chionn ùine ghoirid air ais rinn an t-Ard Riaghladh riaghailt a bacail do dhaoine giomaich a ghlacadh nach biodh dich òirlich gu leth a dhfhad, ach air an t-seachdain sa chaidh rinn iad riaghailt eile a ceadachadh an glacadh ma bhios iad naodh òirlich gu leth a dhfhad. Tha comhairle a mach on riaghladh o chionn dha no tri sheachdainean air ais a dol mun cuairt na cladaichean anns am bithear ag glacadh ghiomach, a cumail choinneamhan agus a gabhail fianuis dhaoine a tha eòlach air an gnàths. Tha an riaghlaidh deònach air riaghailtean a dheanamh nach cuir call air na h-iasgairean, agus aig an àm cheudna nach leig leis na giomaich a bhi air an sgrios gu buileach, mar a rinneadh ann an iomadh àite eile, agus mar a nithear anns an duthaich so an uine nach bi fada ma leanar air gabhail dhaibh mar a bhatar a deanamh gu ruige so.


IADSAN APHAIGH.

An t-Urr. D. MacIlle-mhaoil, Mèinn a Tuath.
Eachunn G. Mac Aoidh, Bras dOr Mor.
Domhnull Mac Cuthaìs, Bridgeport .
Domhnull Mac Gilleain, Mèinn Chaledonia.
A. W. Peutan, Loch Lomond.
D. Mac-a- Ghobha, an Gut a Deas.
Tormod D. Mac Neill, Drochaid Mharion.
Coinneach A. Mac Leòid, Framboise .
Calum Mac Gill-fhaollain, S . W. Margaree.
Cassie C. Dhomhnullach, Grant , South Cove.
D. Mac Fhionnlaidh, LArdoise Iseal.
Eos. Mac Eamuinn, am Beighen Ear. 3m.
M. D. Currie, Grand Mira Deas. 3m.
Domhnull Mac Calamain, Kinross , E. P. I.
Calum Mac Mhannain, Braidalbainn, E. P. I.
Ailein Mac Gilleain, Halifacs, N. S.
D. McD. Caimbeal, Dartmouth , N. S.3m.
R. I. Grannd, Gleann Chashion, Ont.
I. R. Mac Coinnich, Skye P. O., Ont.
Alastair Friseal, Dunbheagain, Ont.
Calum Deòra, Dunbheagain, Ont.


Am Bathar as Fhearr.
Na Prisean as Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI, C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt as ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


RI CHREIC.

FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh.

FEARANN aigForks Road,mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich, —mu cheud gu leth acaire.

FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha ena fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air.

Prisean agus Dail Reusanta.

Phœbe Brookman.
Sidni, C. B.
Nov. 4, ’98. tf


REULTAIREACHD.

INNSEAR TFHORTAN, agus an obair non gnothuch as freagarraiche dhut a bhi ris, air son 25 sentichean. Leughadh cinnteach a reir nan reul air a thoirt do gach neach. Innis am do bhreith.

ASTROLOGER,”
Box 70, Sydney, C. B.


Am bheil thu air son aGhàidhlig a chumail suas? Ma tha, cuir a dhiarraidh MHIC-TALLA, an aon phaipeir Gàilig a thatar a cur a mach. Dolarsa bhliadhna.


THE
DAILY RECORD.
PAIPEAR LAITHEIL
CHEAP BREATUNN.

Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B.

A PHRIS:
Bliadhna, $3 .00
Sia miosan, 1.50
Tri miosan, .75
A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH.

Gheibhear anns anRecordna naigheachdan as uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhen t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinneans mu na soithichean, etc., etc.
S COIR DHUT A GHABHAIL.

SGRIOBH GU
JOS . MacDONALD,
Editor and Publisher,
Sydney, C. B.



[142]

[Vol . 7. No. 18. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 139.)

U. —Ciamar a bha sin a còrdadh ri muinntir an taighesan àite?

R. —Cha do chur a cheud chuid a bheag air muinntir an tighe, ach an turus mu dheireadh bha iad cho gealtach ruinn fhéin. Ach airson na bha comhla ruinn de mhuinntir an àite chan aithnicheadh tu nach e bfhearr leo na bhanais. ’Sann a bha iad a bruidhinn air a bhanais fhàgailsa dhol còmhla riutha. Ach ma fhuair sinn an latha leinn gu maths gun chùram oirnn gum biodh iad a sgriobadh na poite, cha robh an oidhche mar sin.

U. —Chan ioghnadh ged a bhiodh cuimhne agaibh greis air.

R. —Ged a bhithinn beò gu bhi cho sean ri Metuselah, cha dichuimhnichinn sebheree banais Iain Bhan.

UISDEAN.


DOMHULL NEONACHS NA DAIMH.

S iomadh naigheachd ait a chluinneas duine na bliadhna, nan cumadh e cuimhne orra; agus tha feadhainn ann aig a bheil comas mor o nadur, air a h-uile sgeul a chualiad riamh aithris facal air an fhacal. Tha iad so na luchd-cuideachd mhath, ’n uair a bheir iad fainear caites co ris a tha iad abruidhinn.

Ma ta, chuala mi fhein sgeul o chionn ghoirid, agus mun di-chuimhnich mi i, feumaidh micur gu MAC-TALLA.

Anns an t-seann aimsir bhiodh moran naigheachd mu dheighinn Phara Piobair; ach tha Para Piobair againn sa linn-sa, agus tha e na dhuine maths na dheadh chosnachlan onairus deadh gheanfear nach leig seachad latha gun feum math a dheanamh dheth, mas urrainn da. Ach chaill e latha agus a dha dhiubh, ’s cha bheir e orran taobh-san uaigh.

Bhiodh Parareamhrachadh dhamh a h-uile geamhradh; agus mun àm so dhen bhliadhna dhfheumadh e coimhead a mach airson beothaichean a cheannach. Chuala e gun robh coig na sia dhaimh aig Domhull Neonach, agus thuirt e ris fhein gum be sid a dhuine.

Nis, bha Domhull Neonach, fior neonach, a fuireach leis fhein ann am bothan beag taobh a chladaich. Cha leigeadh e duine stigh ach Alasdaircoimhearsnach gasda, fior chridheil a bha fuireach teann air, ris an canadh iadCas-aotrom.” ’Nuair a chitheadh e gin eiletighinn, rachadh e mach agus sheasadh e taobh a bhothain cho direach ri post. Agus nan tachradh e ort air a rathad chumadh e seachad cho samhachs cho luath ri tasg. Bha baile aig Domhull, ach cha robh e deanamh mor fheum dheth: cha bhiodh aigach glé bheag feoir a h-uile bliadhna. Bha so a toirt misneach do Phara gum biodh na daimh furasdan ceannach, agus dhfhalbh e choimhead air.

Sa chamhanaich bha Parasa lair dhonn na siubhal. Co-dhiu, bhan lair gu lughmhor a tionndadh nam bonn, agus Para na inntinn a deanamh a bharagain a chuireadh e mu choinneamh Dhomhuill. Ach a Pharana glaodh gus am bith thu mach as a choille.”

Rainig em bothan gruamach, agus mun dfhuair elair dhonn a cheangal bha Domhull a mach mar chugheibheadh breab mun ealachain. Sheas e suas taobh na h-ursainn cho fuaraidh ri buachaille-breige a meadhon achaidh. Thainig Para dluth dhas chur en geill a chainnt bu shiobhalt a bha na chomas, ach cha dfhuair e freagairt; agus ged a bhiodh e bruidhinn fhathast, cha dthigeadh smid á Domhull. Bu bhuidhe leis ma dheireadh tionndadh air falbh; ach cha ruig mi leas innse na smaointean a bha na chridhe, na ghloir a bhatighinn otheangaidh, fad uair an deigh sin. Ach bha Domhull gu blath taobh a ghealbhain fhein, a cuir smugaid air a chlusan, tha mi cinnteach.

Ach chuala Cas-aotrom mar a bha, agus chuir e fios gu Para falbh comhla ris, agus gun ceannaicheadh e na daimh gu h-ealamh. ’Se bhann gu faca Para leus math air an so, agus moch an ath mhaduinn rainig e Alasdair. “Ma gheibh duinair an t-saoghal daimh Dhomhuillse misefear,” ars Alasdair; ’s a mach a thug iad. Bha Alasdair cho luath ri faileas feannaig, ’s cha burrainn Para cumail ris, ach cha robh so gu cron sam bith; dhfheumadh Cas-aotrom agus Domhull Neonach am bargan a dheanamh an diurrais co-dhiu, agus dhfhuirich Para aig an rathad mhor.

Rainig Alasdair am bothan agus fhuair e stigh. “Am bheil thu gu math an diugh, a Dhomhuill?”

U, tha!”

Mata, thainig mise cheannach nan damh uat, agus suidhich a nis do phris, gheibh thun t-airgead ann a so.”

U, gheibh! U, gheibh! Tha mise ga dchreidsinn Alasdair!”

De bhios tu cuir nan ceann, mata, a Dhomhuill? Tha cabhag orm, agus bheir mi leam iadright off. ”

Tha fios gu bheil, u, tha fios gu bheil Alasdair. Tha na daimh briagha gu leor.”

“ ’S math sin, a Dhomhuill. Sann do dhuine eile tha iad bhuam, agus tha mi toilichte iad a bhi reamhar, tlachdmhor.”

U, tha! Tha mise gadchreidsinn.”

Nise, gedleanadh Alasdair gu brath, chan fhaigheadh e na bfhearr na sin o Dhomhull. Bfheudar falbh agus an damh a bhann sa bhothan fhagail fo lan fhiasaig aceangal air a bhrògan gu dol a choimhead nan damh a bhaig a chladach.

Do dheagh charaid,
IAN DAN.


Cuir a dhiarraidh MHIC-TALLA.


MANAIDHEAN.

An diugh chunnaic min searrachsa chùl rium, o cheann tuilles mìos chunnaic min t-seilcheag air an lichd luim; ’se sin air a cheum-choise ri taobh an rathaid, mar thigeadh do dhfhear coiseachd: Air son na cuathaige, tha e gu math deacair do fhear a bhios sa bhaile mhòr a cluinntin an t-aon chuid le mìr, a bhi no gun bhi na bhroinn. Nam buininnsanis don t-seann saoghal, agus do na daoinibh gisreagach a dhfhalbh, theirinn, mar thuirt Iacob, “Tha na nithe ud uile amaghaidh;” no theirinn mar thuirt an Seana Ghael, “ ’S eagallach mi nach téid a bhliadhna so leam.” Chan eil annta sin ach gisreagan agus rabhachan dhaoine saoghalta, agus, feudaidh e bith gum faigh iad freagradh saoghalta, da réir, ach rabhachan a chreidich, tha iad a mhàin air am faotuinnn ann an geallaibh an t-soisgeil; ’s e sin focal De. Ciod mar bhiodh dùil agamsa gun sealladh comharan saoghalta dam thaobh, ach mar sheallas an saoghal fein, agus mar sheall e riamhgu dubharach duaichnidh, mar mhuime choimhich fhuair gun tlus? Do thaobh nithe nàdurra, ’s e sin, ’nuair a sheallas mi air taobh an t-saoghail, carson a shaoilinn gum biodh iad ni bfhàbharraiche do mthaobh air a bhliadhna so na bha iad air gach bliadhna a chaidh seachad? achnuair a sheallas mi air taobh Dhe, thafhreasdal caomh, ’sa ghràs ro thròcaireach; —O so iunnsaich an seoladh so, O manam! na gabh suim de chomharan saoghalta, ’s na cuir taic an gairdein feòla; ach cuir do thaic ri Dia, om faigh na dìlleachdain tròcair.


BATHAR CRUAIDH.

Tha mi a nisecumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gun taghal thu orm. Tha mi, mar a babhaist, acreic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha micreic gach ni gle shaor.

Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.


LEABHRAICHEAN GAILIG.

Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. MacIlliosa 1.10
Gaelic Class Book .35

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte.

Sgriobh gu
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney C. B.


AODACH MATH.
Nam biodh gach seorsaodaich coltach ri cheile, bu choma caiten ceannaicheadh tu e. Ach chan ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach donann. Tha aodaichean gan creic an aiteachan nach fhiach an deanamh.

AN DEANAMH.
Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, chan fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodachs an droch dheanamh.

THA AGAINNE
aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhadsa mhaireas e.

Niall Mac Fhearghais.
Sidni, C. B., Nov. 1, ’98.


NUAIR THEID THUBHADDECK
TAGHAIL AN STOR
Albert I. Hart.
Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.

Bathar Tioram,
Bathar Cruaidh,
Amhlan,
Aodaichean,
Caiseart, Adan,
Curraichdean,
Agus iomadh ni eile.

An seorsas fhearrs aphris as isle.


Am bheil romhad tigh no sabhal ur a thogail? Ma tha, paighidh e dhut do chuid thairnnean, glaine, paipear, paint, aol, plaster, luaidhe, glasan, ludagan, rop agus uidheaman saoirsneachd a cheannach bho

C . P. MOORE.

Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, ma bhios speal, sgrioban, forc no cas forca a dhith ort, theirig gan iarraidh gu

C . P. MOORE.

Nuair bhios a chlann ag iarraidh sgliat no leabhar ur, paipear sgriobhaidh, pinn, no inc, ceannaich iad bho

C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.

Sin an t-aite anns am faigh thu gach ni dhiubh so gle shaor.



[143]

[Vol . 7. No. 18. p. 7]

Bratach Thighearna Chola.

Bha toil aig MacIlleathain Dhuairt an cothrom a ghabhail air Tighearna Chola, le oidheirp a thoirt air an Eilean a ghlacadh; agus chaidh e gu math air aghaidh chum Caisteal Bhreachdachaidh a ruigheachd man dthugadh an aire dhà. ’Nuair a thachair so, chaidh Tighearna Chola na ghrad uidheam leis na dhfheud e ga chuid daoine, agus chaidh e mach na chòdhail. Choinnich iad mar mhìle do Bhreachdachadh, air baile dan ainm Totaonuill. Ann an deanamh deas fa chomhair a chatha, thug Triath Chola fainear gun do dhi-chuimhnicheadh a bhratach, ni a chuir doimheadas mòr air. Na gabh ort e, arsa sean cheatharnach làidir gramail, ’se teachd gu toiseach na muinntir, atilgeadh uaith a bhoineid, agus a leigeadh ris ceann maol sgailceach, air an do chuir e a làmh. So a deir esan, bratach nach téid troidh air a h-ais gu h-oidhche. Cha ruigear a leas a ràdh gun do ghlac an t-aon mhire-chatha an t-iomlan diubh. Chaidh iad an sàs annta, agus chuir iad ruaig iomlan air an naimhdibh.

Be ainm an t-seann laoich sgailcich, Dòmhnull Mùgach. Agusse ainm an àitesan do chuireadh an cath, Sruthan nan ceann.


[Dealbh]
Tha sinn a nisenar luchd-gnothuich aig a
CHANADACARRIAGE CO. ,
air son Eilean Cheap Breatunn.

Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead lecheannach uainne.

Tha sinn mar a babhaist acreic Truncaichean, Màileidean, Acuinneach, Bratan-carbaid, Cuipichean, Carbadan Cloinne, Olla, Dubhaich Bhròg, &c ., &c .

F . Falconer & Son,
Sidni, C. B.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
Stewartdale , C. B.

CLOTH, DROGAID,
AGUS
PlaideachanEUREKA.”

Mu dheich air fhichead seorsa aodaichga chreic.
Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige.


THA EARBSA
aig daoine ann am maidsichean Eddy— ’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a thacoltachri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum.

Than t-ainm so na urras air mathas.

THE
E. B. EDDY Co., Ltd.,
HULL, CANADA.


C. H. HARRINGTON & CO.
Na Marsantan as Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni.

THA IAD ACREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
nas saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eilesa bhaile.

SALADA TEA, ”
Na Puinnds na Leth-Phuinnd; an ti as fhearr a than Ceap Breatunn air a phris.


AN T-AITE
ANNS AN CEANNAICH THU
Suic agus
Iaruinn Cruinn,
Creamers,
Soithichean Bainne,
Airneis-taighe,
Stobhaichean,
Flur, Min etc., etc.
AN STOR AIG
Isaac Greenwell,
SIDNI, C. B.


J. E. EISAN.
PIANOS AGUS ORGAIN.
AN SEORSAS FHEARR A THATAR A CREIC.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, C. B.


Am Feillire.

NOBHEMBER, 1898.

1 Di-mairt An t-Samhuinn.
2 Di-ciaduin Latha nam marbh.
3 Dior-daoin
4 Di-haoine Tighinn Uilleam III. do Bhreatunn, 1688
5 Di-satharna
6 DI-DONAICH 22 Donaich na Trianaid.
7 Di-luain (6) Pòsadh Fionnghall Dhomhnullach, 1750
8 Di-mairt
9 Di-ciaduin Glacadh Montreal, 1775
10 Dior-daoin Breith Mhartin Luther, 1483
11 Di-haoine
12 Di-satharna (13) Blar Sliamh an t-Siorra, 1715
13 DI-DONAICH 23 Donaich na Trianaid
14 Di-luain Bas Chaluim Cheann-mhor, 1093
15 Di-mairt
16 Di-ciaduin Bas Ban-righ Mairearad 1093
17 Dior-daoin
18 Di-haoine
19 Di-satharna Breith Tearlach I., 1601
20 DI-DONAICH 24 Donaich na Trianaid
21 Di-luain Bas Sheumais Hogg, 1835.
22 Di-mairt Bas Morair Chlive, 1774
23 Di-ciaduin
24 Dior-daoin Bas Iain Knox, 1572
25 Di-haoine
26 Di-satharna
27 DI-DONAICH Donaich na h-Adveint
28 Di-luain
29 Di-mairt
30 Di-ciaduin An Fhéill Anndrais

MUTHADH AN T-SOLUIS.

An Cairteal mu dheireadh L. 6, U. 10, M. 14 M
An Solus Ur, L. 14, U. 8, M. 9 F
ACheud Chairteal L. 20, U. 0, M. 51 F
An Solus Lan, L. 28, U. 0, M. 25 M


DHIARRAMAID AIR
NA GAIDHEIL
s air muinntir eile a tha air sonTypewritera cheannach, iad a dhfheuchainn na
Blickensderfer No. 5,
mun ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35 .
Tha seorsachan eile againn cuideachd.
CREELMAN BROS.,
TYPEWRITER CO.
15 Adelaide St. East,
TORONTO, ONT.


GHEIBH THU
AN TI
As fhearrsa Mhargadh.

NA BROGAN
As Fhaide Mhaireas.

AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.

Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c

TORMAD DOMHNULLACH.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c .
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B.


D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C.B.


J . S. BROOKMAN, M. D. ,
LIGHICHE.
OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot.
SIDNI, C. B


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.

Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

Niall Mac Coinnich,
Sidni, C, B.


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Floiri Nic Fhionghain
acumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan acosg.

ADAN,
BONAIDEAN,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN,
GEUGAN.

agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor.

FEUCH GUN TAGHAIL THU.



[144]

[Vol . 7. No. 18. p. 8]

Ag Iomchair a Chlodhadair.

FHIR-DEASACHAIDH CHOIR, —Tha beagan fhacal den òran mu dheireadh a chuir mi thugaibh cearr. Anns an t-seachdamh sreath den cheud cheithreamh tha thuirt far am bu choir thuit a bhi. Anns an tritheamh sreath den cheathramh mu dheireadh tha mathadh farm bu choir muthadh a bhi. Anns an t-seachdamh sreath den cheithreamh sin chan eil an d ris an t-siorruidheachd; agus anns an t-sreath mu dheireadh den òran tha sochairt farm bu choir siochaint a bhi. Faodaidh duine bhi na sgoilears gun e bhi na bhàrd; agus air an aobhar sin an àite an t-òran a dheanamh na bfhearrs ann a rinn e na bu mhiosea bhi stri ri a cheartachadh. Mas e ur toil e, feuchaibh a rithist e seach e bhi na ablach mar sid.

ALASDAIR AN RIDSE.

Braigh Abhuinn a Deas, Antigonish,
Nobh. 16mh, 1898.


ORAN

A RINN AILEIN AN RIDSE ANN AN DEIREADH A LAITHEAN.

Air fonn:— “Cumha Chloinn Domhnuill.”

Be sgeul truagh do shiol Adhamh,
S cruaidh ri àireamhs ri aithris e;
Nuair bha bhean anns a ghàradh
Mar thug Sàtan an car aisde;
Choisinn cuaradh a bhais dhuinn,
Fhuair an namhaid cas thairis oirnn;
Thuits a bhuaireadh cho tràth,
Se buan mar fhàgail nach dealaich ruinn.

S beag an t-ioghnadh mi liathadh
Coigh gach bliadhna chaidh thairis orm;
Theid an cunntas dhomh diamhain,
Chums an fhiaras mi mhaireas dhomh.
Tha mo pheacannan lianar,
S cùis chianail ri aithris dhomh;
S aobhar eagail dhomh an t-siorruidheachd,
S a bhi triall ann an ath-ghoirid.

S aobhar eagail us cùram
Bhi toirt cùnntas nam aimideachd,
S mi faicinn le mshùilean
Ceann na h-ùine bhi teannadh orm.
Tha mo shaoghal air mfhàgail,
Chan eil ach sgàil agus falas ann;
S gur ro ghoirid na làithean
A bhios mi tàmh anns an fhearann so.

Gur cuis eagail gu brath dhomh
Mar bha mo nàdur a mealladh orm,
Dol fo bhreitheamh an àrd righ
S am peacadh gràineil na eallaich orm.
Nuairt a bhrist mi na fàintean,
Chuir sid Pàrras am mearachd orm;
Dhomhsas measa mar tha sin
Ma thig am bàs ann an ealamhachd.

So an tim dhomh bhi dùsgadh
S a bhi le cùram nam fhaireachadh,
A bhi dian air mo ghlùinean
Ag iarraidh ùine gu aithreachas.
A bhi diadhaidhnam ghiùlan,
Ciallach, ciùin le fior charrantachd;
Lan fialachd is ùmhlachd
Re mùinair an talamh so.

Ach tha min dòchas gu làidir
Gu bheil na gràsan a teannadh orm,
A bheir muthadhs gach fàilinn
Mun teid an snàthain a ghearradh orm.
Tha mo bhun anns an Trianaid,
Os leith Chriosd bhonse cheannaich sinn;
Nuair a ruigeas min t-siorruidheachd,
Gun toir e siochaint do manam-sa

[Cha dthugadh ionnsuidh air ceartachadh sam bith a dheanamh air an òran, ach a mhàin air litreachadh nam facal, ni a dhfheumas sinn a bhi deanamh gu tric, oir tha iomadh aonna bhàrdsna sheanachaidh nach eil comasach air facail Ghàilig a litreachadh ceart. Rinneadh na mearachdan air am bheil ar caraid a gearan leis a chlòdhadair. Chan eil sinn a meas gu bheil iad ag atharrachadh seadh nan sreathan anns am bheil iad gu mor; ach air ghaol a bhi réidh ri Alasdair, (gun fhios cuin a dhfhaodas sinn tachairt air a chéile— ’s esan cho mors sinne cho beag) bheir sinn ionnsuidh eile air an òran mar a tha esan ag àithne dhuinn, agus tha sinn an dòchas nach bi air an ionnsuidh so mearachd sam bith ann. —AM FEAR-DEASACHAIDH. ]


Rannan

a rinneadh air don bhard a bhig éisneachd ri dithis a bha comhradh mun chogadh.

Gun cuala mi an teachdaireachd
An raoir an tigh na pàrlamaid;
An t-Ard Uachdaran a faoighneachd
Ciod a chuim a bfhearr dha,—
Còrdadh learbitration
Agus réit bhi ghnàs ann,
Non cogadh a chur air shiubhail
S Cuba thoirt o na Spàinntich.

Fhreagair Nial e sinsan àm
Gur h-in aimhreit a bfhearr dha,
S ged dhfhasadh daoine gann air
Gu robh a Bhan-righ fàbhrach;
Chuireadh i luchd nan còta dearga
Se sin an t-arm tha làidir
S mur gabhadh Spàinntich an ratreud
Ban-ébhinn leam an càradh.”

Sin a thubhairt Shorti ris,
Tha bhochduin air do làmhan,
Cur an t-saoghail ri aimhreit,
Bu tu ceann an annraidh
Thig na Ruiseinichs na Frangaich
Le armailtibh làidir;
S ann chuireas iad thu am priosan,
S cha dean ni do theàrnadh.

Fhreagair Nial an sin gu h-ealamh,
Gu dearbhsann orm than tàmailt;
Ged chuireadh iad sinn air falbh
Bheir an Sealbh sinn dhachaidh sàbhailt.
Tha thu fhéin ro mhath air sealg,
Ro mhath air marbhadh Spàinnteach;
S mur coinnich iad ruinn ann an sith,
Theid miltibh chur gu bàs dhiubh.”

Shorti.— “Ged tha sinn math air sealg,
Is math air marbhadh Spàinnteach;
S ged readh an cur a null thar cuain
S ann chuartcheadh iad an t-àit-sa.
Chuireadh iad bailtean Boston,
Is New Yorkna smàl oirnn;
Chan fhàgadh iad bailesan dùthaich,
Gun gach aon diubh a bhombardadh.”

Nial.— “Car son a tha thut amadan,
S cho aineolachsa tha thu?
A bruidhinn air ni nach aithne dhut,
Car son nach fhan thu samhach?
Tha fortaichean acan New York,
A dhfhosgladh orra gu làidir;
S nan tigeadh iad a steach do Bhoston,
Choisneadh e am bàs dhaibh.”

Shorti.— “Ged tha mis am amadan,
Is aineolach mar tha mi,
Tha aon ni ann is aithne dhomh,
Nach fhan mi anns an àit so;
Tha càirdean agus dachaidh agam
Geds fhad on rinn mim fàgail
Theid mi null do Chanada,
Is gheibh mi dachaidh shàbhailt.

AN GILLE DUBH.


Thainig gle fhaisg air coig ceud deug gu leth soitheach a stigh don acarsaid so o thoiseach Iulaidh sa chaidh.


FAISG AIR

da bliadhna air ais, sgriobh an t-Urr. Job Roadhouse, áSeeley ’s Bay, Ont, ’g ar n-ionnsuidhCeadaichibh dhomh innse dhuibh cho measailsa tha mi air K. D. C. Bha mo stamag cho donas gu robh i deanamh coire do mamhaich, air uairibh bhiodh eagal orm gun caillinn mo ghuth, ach thug K. D. C. a leithid a dhfhaothchadh dhomhs gu bheil mi creidsinn gur h-e leigheas stamaig as fhearr a dhfheuch mi riamh.

A RITHIST sgriobh air Maigh 25, 1896, mar a leanas:— “Cha chuala mi neach sam bith a dhfheuch K. D. C. ag radh dadna aghaidh, ach tha gach aonga mholadh mar leigheas math. Tha ega mholadh fheins gach àiten teid.”

Cha toir tim smal air a chliù, agus gun teagamhs en leigheas air cion-cnàmhaidh as fhearr a gheibhear an Canada. ThaK . D. C. Pillsmar an ceudna anabarrach math air son a chuim.

Sampuill a Nasgaidh.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia.
agus
127 State St., Boston Mass.


MAC-TALLA.

Gu ma fada beo aGhailig.”

Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.”

Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais.

DO DHLEASANAS.
A bhi gabhail MHIC-TALLA.
A bhi leughadh MHIC-TALLA.
A bhi pàigheadh MHIC-TALLA.
A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a churna rathad.

An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan.

Cha robh a leithid ann roimhe, ’s chan eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast.

Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tighn a mach uairsan t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut.

Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dhfhalbh.

A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do tinntinn.

Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig asgriobhadh gu daonnan dha; agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og.

Is abhaist do dhaoinenuair a bhios iad acreic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhicur pris ardna cheann; ach chan eil MAC-TALLAdeanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadhsa chumail suas, agus uime sin chan eil e cosg da luchd-gabhail ach

DOLARSA BHLIADHNA.

titleIssue 18
internal date1898.0
display date1898
publication date1898
level
reference template

Mac-Talla VII No. 18. %p

parent textVolume 7
<< please select a word
<< please select a page