[145]

[Vol . 7. No. 19. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, DESEMBER 2, 1898. NO. 19.


AN RIBHINN ANNA.

LE NIALL MAC LEOID.

AIR FONN:— “ ’S ighrain achailleach.”

Bu chuireadach binn an ribhinn Anna,
Bu cheanalta grinn an ribhinn Anna,
Bu deas air a buinn an ribhinn Anna,
N uair rinn min ainnir a phosadh.

An cois achruidh-laoighan glinn abharraich,
Le suigeart is aoidh mi-fhin is Anna,
Bha sonas is sith gun dìthn ar talla,
Gun nicur smalan no bron oirnn.

Chuir Freasdal oirnn paisdean baigheil tairis,
A chinnich fo bhlath gu laidir fallain,
O mhonadh gu traighs o thraigh gu baile,
Bu shunndach fearail ar n-oigridh.

Bha Anna gu fialg an riaghladh thairis,
Mar aingealg an dion bho lion gach galar,
G an teagasg le briathran ciallach earail,
Le rian is maiseg an seoladh.

Chuir trioblaid no dha an sgail mur teallach,
Is bha sinn mar chach an sas fon eallach,
Ach Anna, mo ghradh, gun smaig gun talach,
Le sith nam beannachdg ar steornadh.

Ach chaochail ar n-als than aite falamh,
S tha sinne gun sta air sgath ar calla,
Gun aighear mar bha gun agh air thalamh,
Mi-fhin is Annan ar n-onar!

Gur fadalach sgith mi-fhin is Anna,
Le mulad is caoidh ar cinn air gealadh,
Ach moladh don Tithug dhuinn gach beannachd,
Cha diobair Esan ar comhnuidh.


MAR A RINN MI MFHORTAN.

CAIB. III.

A FAGAIL MO DHACHAIDH.

An ceann mhios de shamhradh an uair a bhan t-àiteach ullamh agus amhòine buainte, fhuaradh deiseil gach ni a bhiodh feumail dhomhsa air son mo thuruis gu ruige Duneidionn. Anns an àm cha robh e cho furasda do dhaoine falbh as aGhaidhealtachd don Ghalldachds a tha e aig an àm so. Bainneamh àites aGhaidhealtachd anns an robh bàta-smuide ataghal, Mar bu trice bhiodh na marsantan afaighinn dhachaidh an cuid bathair le soithichean seòlaidh, agus le cnapaich mhatha de sgoithean a bheireadh leotha mu chòig no sia thunnachan. Aig an àm ud bhiodh mòran afalbh as aGhàidhealtachd gu obair an fhoghair anns an taobh deas, agus mar bu trice choisicheadh iad a h-uile ceum dhen astar Baithne dhomh firionnaich is boirionnaich a bhiodh adol a h-uile bliadhna gu riaghailteach thun na buana gu ruige Siorrachd Dhuneidinn.

Ged a rachadh agamsa air coiseachd gu ruige Duneidionn, cha fhreagradh sin dhomh, do bhrìgh gun robh beagan imrig agam ri thoirt leam nach burrainn domh a ghiùlan air mo mhuin mar a dheanadh luchd na buana. Ach gu fortanach dhfhar dithis no triùir dhe na marsantan a bhanns an dùthaich bàta a bheireadh leatha mu dhà fhichead tunna, agus fhuair mise agus beagan eile a bhafalbh a dhiarraidh cosnaidh don Ghalldachd cead falbh innte. Bha cunntas mhiltean ugh air bòrd, a bha na marsantan acur air falbh gus an reic ann an Grianaigs an Glascho. Bha nithean eile air bòrd air nacheil cuimhne agamsa. dhiubh tha cuimhne agam gun robh am bàta dùmhail gu leor eadar na bhinnte de bhocsaichean, de dhaoine, agus de dhimrig.

An lathasheòl sinn bha na càirdeang ar caoidh cho mòrs ged a bhiomaid afalbh as an rioghachd. Ach on a bhan t-sìde glé bhriagha agus soirbheas fabharrach againn, cha robh sinn fadacall seallaidh air dùthaich ar breiths ar n-àraich. Bha cuid dhinn nach robh riamh roimhe air bòrd bàta, agus an uair a thòisich an soirbheas ri beothachadh gu math agus a làidheadh am bàta beagan air a cliathaich, bha eagal oirnn gun rachadh i thairis agus gum biomaid air ar bàthadh. Bha spòrs gu leòr aig an sgiobadh oirnn.

Am measg na bha sinn ann air bord bha dithis mharsantan, agus fear aig an robh taigh-òsda beag ann an àite ris an cainte Ceann-locha. Bu tric leis an triùir so an uair a thachradh iad fhein agus an càirdean richéile deur beag a bhith aca eatorra de stuth na Tòiseachd. An uair a chaidh iad air bord an latha ud, thug iad leotha botul no dhà am fear. Chan e gum faca mise ciod a thug iad leotha, ach thuig mi air na bha mi faicinn adol as an t-sealladh dhen stuth làidir nach be am beag na bhaca air bòrd dheth. Cha robh iad mosach ma dhéidhinn idir. Thairg iad uair is uair deur do gach aon a bhair bord. Ged a rinn fear dhiubh coiteach gu leòr ormsa gus blasad air, cha bhlaisinn air air son rud sam bith. Cha robh cleachdadh sam bith agam air. Bainneamh a chunnaic mi uisge beatha ann an taigh mathar ach aig àm na Nollag, an uair a bheireadh mo phàrantan cuireadh do bheagan dhe na càirdeans dhe na coimhearsnaich bu dlùithe dhaibh gu cuirm.

An uair a thainig an oidhche chaidh sinn a chadal. Cha robh àite cadail ro mhath againn, ach bfheudar dhuinn cur suas leis. Faodaidh mi ràdh gun robh sinn riaraichte gu leòr le cùisean mar a bha iad. Anns an àm ud chuireadh luchd turuis suas le iomadh uidill is anastachd ris nach burrainn do shluagh an lathan diugh seasamh idir.

On a bhan oidhche car dorcha smaoinich an sgiobair gum bfhearr dha acrachadh ann an àite sabhailte gus an soilleiricheadh an latha. Thug so dhuinn uile cothrom air an oidhche a chur seachad na bu shocraiche na dheanamaid nan do lean e air seòladh fad na h-oidhche. Dhùisg sinn anns amhadainn gu h-ùrail, sunndach, agus on a thachair gun robh an fhairge gu math lom, chaidh againn air ar biadh a ghabhail gu math.

Anamoch feasgar ràinig sinn Tobar-mhoire. Chaidh sinn uile gu tir ach aon fhear dhen sgiobadh a dhfhan air bòrd atoirt an aire don bhàta. Chuir baile Thobar-mhoire ioghnadh gu leòr ormsa. Bha leithid de thaighean geala ann, agus bha mòran nithean nach fhaca mi riamh roimhe ri am faicinn anns na buithean.

Bha e suas ri meadhain oidhche mun do thill a h-aon dhinn don bhàta. Dhfhan an dithis mharsantan agus fear an tigh-òsda anns abhaile far an do chuir iad seachad na bha rompa dhen oidhche ag òls agabhail òrans ag innseadh naigheachdan comhladh ri beagan de sheann luchd-eòlais a bhaca anns abhaile. An uair a chaidh iad gu bòrd an la-iar-na-mhaireach, chaidil iad gus an robh sinn faisge air baile an Obain.

Cha dichuimhnich mi ri mbheò an sealladh briagha a bha ri fhaicinn air gach taobh dhinn an uair a bha sinn aseòladh troimh Chaol-Muile. Bhaghaothn ar n-aghaidh, agus bfheudar dhuinn a bhith beiteadh fad an latha. Thug so dhuinn am barrachd cothroim air an fhearannfhaicinn. Bha na beanntan, mar bu trice, comhdaichte le dlùth fheur gorm gu bruach achladaich. Bha na cnoic, na glinn, ’s na srathan cho bòidheachs gum bu leigheas air cridhe trom, leòinte a bhithg an amharc. Bha spréidh dhe gach seòrsa rim faicinn ag ionaltradh an sids an so air gach cnoc, is glaic, is gleann. An dràstas a rithist chìteadh taighean dhe gach seòrsa agus craobhan àrda fon làn dhuilleach dlùth dhaibh. Bha achaidhean mòra, briagha, réidh rim faicinn an dràstas a rithist mar a bha sinn aseòladh air ar n-aghart, agus bham fochann an déigh blath-fuinn a chur gu math orra. Bha iomadh ni boidheach eile rifhaicinn air nacheil abheag de bheachd no de chuimhne agamsa an diugh.

Thainig oirnn an oidhche a chur seachad anns an Oban. Maths mar a chòrd Tobar-mhoire rium, bfhearr na sin a chòrd an t-Oban rium. Bha iomadh ni ri fhaicinn ann nach robh ri fhaicinn ann an Tobar-mhoire.

Gu math mochs amhadainn, on a bha an soirbheas fabharrach sheòl sinn, agus ràinig sinn ceann aChanàl gu sàbhailte. Thug sinn ùine na bfhaide na bu mhath leinn adol troimhn Chanàl. Bha no dhà dhe na glasan nach robh ag oibreachadh gu math, agus cha robh againne agus aig bàta no dhà eile a bhann romhainn ach feitheamh gus an dfhuaradh na glasan a chur an òrdugh. Cha do mhi-chòrd an dàil so riumsa idir; oir bha micur seachad na h-ùine le toil-inntinn gu leòr agabhail beachd air gach ni a bha mifaicinn.

Mu dheireadh fhuair sinn troimhn Chanàl; agus ged a bhan t-sìde glé mhath bha cnap math fairge againn an àm dhuinn a bhithdol seachad air Rudha Airdic Laomainn. Fhuair sinn soirbheas gle mhath an àm dhuinn a bhithdol troimh na Caoil Bhòdach. Bha sealladh math againn air na chunnaic sinn a dhfhearann Bhòid is Arrainn; oir bhan t-sìde tioram, agus an iarmailt soilleir fad na h-ùine.

Mu dheireadh thall rainig sinn Grianaig. Be sin baile na gleadhraich. Bha eagal orm gun rachadh meanachainn gu buileach troimh a chéile. Bha dùil agam gun robh sluagh na rioghachd cruinn, cothrom, comhladh ann. An uair a thuirt mi ri fear dhen sgiobadh, gun robh ioghnadh mòr orm gum biodh a leithid de shluagh ann am baile sam bith, thuirt e rium, “Stad ort, a laochain, gus an ruig thu Glasacho. Sin far am faic thun sluagh, agus na taighean. Dhfhaoidteadh uireads a tha de thaigheans de shluagh ann an Grianaig a ghoid á Glasacho, agus chan ionndrainneadh tu gun robh taigh no duineg a dhìth.”

An uair a chuala mi so, dhfhan mi samhach.

O nach dfhuair na marsantan reic gun ailleas ann an Grianaig air na h-uigheans air na nithean eile a thug iad leotha as a Ghaidhealtachd, chuir iad rompa gun rachadh iad leis abhàta gu ruige Glasacho, an dòchas gum faigheadh iad prìs a bàirde air gach ni a bhaca ri reic. Bha dhe na bàtaichean tobhaidh a bhadol suas deònach am bàta againne a thoirt suas comhladh ri dhà no trì eile nach



[146]

[Vol . 7. No. 19. p. 2]

robh abheag na bu mhò nam bàta againne. Briaghas mar a bhan sealladh a bha ri fhaicinn adol troimh Chaol-Muile, agus adol troimh na Caoil-Bhòdach, bu shuarach e an coimeas ris an t-sealladh a bhagainn air gach taobh a dhamhainn Chluaidh eadar Grianaig is Glasacho. Ged a bhithinn-sa fichead uair na bu bheachdaidhe sùil, na bu gheire inntinn, agus na bu deise aig apheann na tha mi, cha rachadh agam air trian dhe na bha ri fhaicinn a sgriobhadh sios an so, agus air an aobhar sin chan fheuch mi ris. An rud nach urrainn duine a dheanamh gu ceart, tha e cho math dha gun làmh a chur ann.

(Ri leantuinn.)


SGEULACHDAN ARABIANACH.

An t-Amadan Crotach.

CAIB. IX.

Air an ath latha, mun tugadh an lathair Sobaide mi, dhinnis abhean uasal dhomh mar a theirinns a dheanainn. Dhainmich i na ceisdean a chuireadh Sobaide orm, agus dhinnis i dhomh mar bu choir dhomh freagairt a thoirt oirre. ’Na dheigh so thug i mi do sheomar a bha anabarrach mor briagha, agus anns an robh earnais cho eireachdails a chunnaic duine riamh. Cha bu luaithe a chaidh mi steach na thainig fichead bean-choimhideachd a steachn am dheigh. Bha iad uile greis mhath aoise, agus bha iad air an eideadh anns an aon seorsa trusgain. Sheas deichnear dhiubh air gach taobh air beulaobh na cathrach. ’Nan deigh so thainig fichead eile do mhaighdeannan oga a steach. Bha iadsan mar an ceudna air an eideadh anns an aon seorsa trusgain; ach bha na trusgain na bu riomhaiche. ’Nan teis-meadhain so thainig Sobaide fhein a steach, agus coltas moralach oirre. Bha na seudan a bhoirre cho troms cho lionmhors gum bu ghann a burrainn di coiseachd. Shuidh i air achathair, agus thainig abhean uasal agus sheas i aig a laimh dheis. Ach bhan da fhichead bean-choimhideachdnan seasamhnan da shreith air gach taobh dhen chathair.

Cha bu luaithe a shuidh abhan-righ air achathair na dhiarradh ormsa tarruinn dluth dhi. Choisich mi suas eadar an da shreith mhnathan gus an drainig mi faisge air bonn na cathrach, agus leig mi mi-fheinnam shineadh air an lar-bhrat a bha fo chasan na bhan-righ. Dhiarr i orm eirighnam sheasamh, agus chuir i a dhurram orm gun dfheoraich i ciod e an t-ainm a bhorm, ciod e na daoine o n dthainig, agus ciod a bfhiach mi dhen t-saoghal. Fhreagair mi na ceisdean so ann an doigh a thaitinn rithe gle mhath. “Tha mi ro thoilichte,” arsise, ‘gun drinn mo nigheanoir is anns an t-seadh sin a tha mig a measan deigh an curam a ghabh mi dhith riamh o rugadh i, roghainn do dhfhear a tha cordadh rium gle mhath. Tha mi gu toileach atoirt cead dhuibh posadh. Chi mi fhein gach ni air a dheanamh mar is coir. Ach feumaidh mo nighean fuireach comhladh rium deich latha mun deanar am posadh. Agus anns an uine sin labhraidh mi ris an righ, agus tha mi cinnteach gun cuir e, aonta ris an ni a tha sinn uile toileach a dheanamh. Aig acheart am fanaidh tusa far am bheil thu, agus cha bhi eis sam bith ort.”

Mar a dhiarr abhan-righ orm, dhfhan mi deich latha ann an seomar nam ban, agus anns an uine sin chan fhaca mi sealladh dhen mhnaoi uasail a bha midol a phosadh. Ach cha robh eis ni sam bith orm; agus cha mho a bha aobhar agam air a bhithgearain air ni sam bith.

Dhinnis abhan-righ don righ gun robh abhean uasal og, air an robh i ag amharc mar a nighean fhein, adol a phosadh; agus thug an righ cead dhi deanamh mar a thogradh i fhein. Thug e suim math airgid don mhnaoi uasail mar thochrach.

An ceann deich latha dhordaich Sobaide gum biodh cumhnantan aphosaidh air an sgriobhadh, agus air an cur fa comhair fhein. Rinneadh so; agus an uair a chaidh gach ulluchadh feumail a dheanamh air son na bainnse, fhuaradh luchd-ciuil is dannsairean, agus bha fleadhachas anns an luchairt fad naoi latha. Bann air an deicheamh latha a bhan posadh gu bhith air a dheanamh. Thugadh abhean uasal don taigh-fharagaidh, agus thugadh mise do thaigh-fhargaidh eile.

An uair a thainig an oidhche shuidh sinn aig bord air an robh gach biadh a smaoinicheadh duine idir. Agus am measg nam biadh so bha biadh anns an robh creamh, coltach ris a bhiadh a thug sibh orm a ghabhail an nochd fhein. Chord e rium cho maths gur gann a bhlais mi air biadh sam bith eile. Ach gu mi-fhortanach an uair a dheirich mi on bhord cha do nigh mi mo lamhan; ni air nach drinn mi dearmad riamh roimhe.

Ged a be an oidhche a bhann, bha leithid de sholuis ann an seomar nam mnathan, ’s gun saoileadh duine gur e an latha bhann. Cha chluinneadh duine a ghuth fhein anns an luchairt ach ceol is dannsa agus iolach aoibhneis.

Chuireadh mise agus mo bhean do thalla mor, agus thugadh oirnn suidhe air da chathair. Chuir na mnathan-coimhideaahd caochladh thrusgan uimpe, agus dhath iad a h-aghaidh le caochladh dhathan, a reir achleachdaidh a bhanns an aite, agus a h-uile uair a chuireadh iad trusgan ur uimpe, bheireadh iad nam lathair sa i.

An uair a chuireadh crioch air na nithean so, thugadh don t-seomar chadail sinn. An uair a dhfhalbh a chuideachd, chaidh mi far an robh mo bhean gus breith oirrenam ghairdeanan agus pog a thoirt dhi; ach an aite leigeadh leam breith oirre agus pog a thoirt dhi, is ann a thug i upag dhomh, agus thug i glaodh eagallach aisde. An uair a chuala na mnathan uaisle a bhanns na seomraichean dluth oirnn ise aglaodhaich, thainig iad a steachnan ruith feuch ciod a bha cearr. Bha mise mar gum biodh duine a bhiodh an deis a thur a chall. Bha minam sheasamh mar gum biodh maide marbh ann. Cha robh fhios agam ciod a theirinn no dheanainn.

Mo phiuthar ghaoil,” arsa na mnathan uaisle a thainig a steach, “ciod a dheirich dhut on a chaidh sinn am mach as an t-seomar? Innis dhuinn, agus feuchaidh sinn ri cuideachadh leat.”

Thugaibh air falbh an duine graineil so as mo shealladh,” arsise.

Carson, a bhaintighearna,” arsa mise; “cia mar a choisinn mi do dhiumbadh.”

Chan eil annad ach an crochaire,” arsise, “dhith thu creamh, agus cha do nigh thu do lamhan! Am bheil thun duil gun leig mise le creutair graineil salach mar a tha thu tighinn dluth dhomh gus mo phuinnseineachd? Beiribh air anns amhionaid agus leagaibh air an urlar e, agus thugaibh dhomhsa achuips gun gabhainn air.”

Ann an tiotadh leag iad mi. Chum cuid dhiubh mo lamhan, agus cuid eile mo chasan, agus ghabh mo bhean dhomh leis achuip gus an robh i seachd sgith. An sin thuirt i riutha, “Thugaibh leibh e a dhionnsuidh abhreithimh, agus gearraidh e dheth an lamh leis an robh ecur na creamhna bheul.”

Gun sealladh ni math ort! Am feumar an lamh a ghearradh dhiom an deigh mo leith mharbhadh le cuip, a chionn gun do dhichuimhnich mi mo lamhan a nigheadh an uair a sguir mi dhitheadh na creamh? Tham peanas tuilleadh is mor air son cionta cho beag. Mo mhollachd air achreamh agus air achocaire a dheasaichs achuirnam lathair e.”

Ghabh na mnathan a bha lathair truas dhiom an uair a chuala iad a bhithg ordachadh an lamh a thoirt dhiom an deigh dhomh mile buille fhaotainn. “A phiuthar ghaoil,” arsiadsan rithe, “tha thuleigeadh le do chorruich a dhol tuilleadh is fad air aghart. Tha fhios againn gur duine e a tha, ann an tomhas mor, aineolach air iomadh ni, agus gu h-araidh air cleachdadh na luchairt anns an deachaidh tusa thogail, agus air an urram bu choir dha a thoirt dhutsa; air an aobhar sinn tha sinn aguidhe ort gun toir thu lan mhathanas dha.”

Cha drinn mi dioghaltas gu leor fhathast air,” arsise, “bheir mi air gum bi cuimhne aige ri bheo air a mhi-mhodh a rinn e, agus gun toir e an aire mhathna dheigh so gun nigh e a lamhan gu maths gu ro mhath a h-uile uair a bhlaiseas e air creamh.”

Na dheigh so ghuidh is ghuidh iad oirre gu durachdach gun an còrr dioghaltais a dheanamh orm. Leig iad iad-fheinnan sineadh aig a casan, agus phog iad a lamhan, agus thuirt iad, “A bhaintighearna mhath, an ainm Dhe cuir stad air do chorruich agus deonaich dhuinn am fabhar a tha sinn ag iarraidh.”

Cha tug i freagradh sam bith dhaibh; ach dheirich ina seasamh, agus an uair a chains a smad i mise gum bhrogan, ghabh i am mach as an t-seomar. Dhfhalbh iadsan as a deigh agus dhfhagadh mise ann an trioblaid nach urrainnear a thuigsinn.

Bha mi fad dheich latha gun charachadh as an t-seomar, agus fad na h-uine sin chan fhaca mi neach ach seana bhoirionnach a bhatighinn ugam le greim bidh. Dhfheoraich mi dhith ciod a thachair do mmhnaoi agus thuirt i rium gun robh ina laidhe tinn leis mar a bha i air a puinnseanachadh le faileadh na creamh. “Car son,” arsise, “nach do nigh thusa do lamhan an deigh dhut a chreamh mhallaichte ud itheadh?”

Thuirt mise rium fhein gum bu ghnothach iongantach gum biodh mnathan uaisle cho grinn riutha adeanamh a leithid de dhroch dhiol air duine sam bith air son cionta cho beag! Bha gradh agam dom mhnaoi a dhaindeoin na rinn i orm, agus cha burrainn mi gun truas a bhith agam rithe air son cho cruaidh-chridheachs a bha i.

(Ri leantuinn.)


SAOTHAIR NAN GAIDHEAL

Anns a Chogadh, air son Saorsa na h-Alba.

LE DEARG THULAICH.

(Air a leantuinn.)

Chaidh Brus gu Dunfris anns a cheud àite agus choinnich e Iain Cuimein, Moirear Bhaideanach, ann an eaglais an sin. Tha e air a radh gun do thairg e na h-uile còmhnadh a bhan a chomas a thoirt a chuir a Chuimeineich air Righ-chathair na h-Alba, nan aontaicheadh esan oidheirp a thoirt a dhfhuasgladh na rioghachd bho a daorsa. Ge be cia mar a thachair e, co dhuibh, chuir an dithis a mach air a cheile, agus eadar Brus agus a luchd-leanmhuinn mharbhadh an Cuimeineach ann an eaglais.

Nuair a chual sluagh mun ionnsuidh so bhi air a toirt air na Sasunnach leis an laoch òg a bha cho dluth air a chrùn leum iad suas cho garg agus cho bagarach is gun do chuir iad an teicheadh air na h-uile Sasunnach nach robh cuairtiche le ballachan diona, agus thug iad leo Brus gu Scàin gu bhi air a chrunadh na Righ air Albainn. Mus am bitheadh crùnadh Righ Albannach laghal agus seasmhach, dhfheumadh e a réir ghnàthais bhi air a chuirn a shuidh anns an righ-chathair le ceannard Clann Mhic Duf a Fiobh, teaghlach dom bu dual air an ainm bhi Gaidhealach mur robh iad ann da rireadh. Ach be so an duine nach robh ra fhaotainn ach mur robh thainig a phiuthar gun mhoille gun dàil a bha posda air Iarla Bhuchan,



[147]

[Vol . 7. No. 19. p. 3]

agus rinn ise an dleasdanas gu h-òrdail. Dhfhuiling i gu daor aig lamhan Eideird air son a gniomha oir ghlac e i agus dhruid e suas a bhean uasalna priosanach ann an lann no cèis iarruinn a dhorduich e a dheanamh air a son. Am measg daoine eile a ghlac Eideard agus a chuir e gu bas bha Neacail bràthair Raibeirt Bhruis agus biomraiteach a dhreach; bha Gillecriosd Senton a bha posda air piuthar Bhruis, agus a bhràthair Alasdair Sentonn an dithis eile a ghlacadh agus a chuireadh gu bas. Dhfhuiling Iarla Atholl, agus Simon Friseal; sinnsear Mhic Shimi na h-Airde, agus fear eile an aon bhas oillteil agus eagalach is a dhfhuiling Uallas a chionn gum fac Eideard iomchuidh am measadhn am brathadairean dhasan ann bhi atogail an làmh air taobh na h-Alba.

Fhuair Brus iemadh luasgadh a null agus a nall mun dfhuair é fhéin is a rioghachd a shocrachadh ann an sith agus ann an tearuinnteachd. Bha en a fhògarach a measg nan Gaidheal mun robh e tri miosanna righ. Murobh uine aige air feachd a chruinneachadh agus a chuir ann an ordugh cogaidh thàinig na Sasunnaich air le foill le feachd thar a chomais ann an Coille Mheintidh agus chuir iad an ruaig air. Fhuair e fasgadh an toiseach ann Srath Teimhil ann an criochaibh Atholl. Tha àitean an sin a tha air an ainmeachadh air gus an la an diugh. Fhuair Caille a bhrochain a h-ainm on bhrochan a thugadh do Bhrus is e an éiginn mhor. Theagamh gum be sin a cheud bhiadh a fhuair e an déidh dha teicheadh bho Choille Mheintidh. Tha an t-àite anns an ghabh e còmhnuidh agus aite aig an do chroisg e an abhainn air an cumail air chuimhne leis na h-ainmean Seomar-an-righ agus Ath-an-righ. Tha e air an radh mar an ceudna gur e esan a choinnich buidheann Shasunnaich aig Inbhir-chadain ann an Gleann Sasuinn anns an Raineach, agus a choisinn an la orra aig Dal-a- choisnidh. Bha e saor bho chunnart co dhiubh anns an duthaich car beagan ùine, ged nach robh a naimhdean robh fhad as. Air a thaobh tuath agus glé ghoirid uaith bha Baideanach duthaich nan Cuimeinach agus be diòghaltas ailghios nan daoine air son a ghniomh a rinn Brus air an Iarla anns an Eaglais an Dunfris. Bha Moirear Lathairn fear daimh don Chuimeineach Mac Dhugaill abainm da, màmhaid mor eile do Bhrus air an taobh an iar is gun bhi fad as.

Bho Shrath Teimhil chaidh Brus agus am beagan chairdean a bha còmhlath ris suas rathad Thigh an droma far an tàinig Mac Dhughaill a Lathairn air aig àite air a bheil Dal-righ on la sin, agus bfheudar do Bhrus teicheadh amach rathad Ghlinn Fallaich ach cha bann gun dearbhadh deuchainneach a thoirt do a naimhdean air a neart is air a ghaisge. As deidh so car beagan bliadhnachan chan eil e furasda a cheuman a lorgachadh bho àite mar a chaidh e, agus is e na ghabhas a radh gun robh e ann an leithid se dhàitean. Tha fios gun do phill e air a chothrom agus gun do smachdaich e Mac Dhughaill Lathairn gu sgairteil aig Loch Obha. Choinnich e mar an ceudna feachd Iarla Bhuchan, fear eile de na Cuimeinich agus feachd Shasunnach còmhla aig Inbhir Uaaidh agus fhuair e bhuaidh thàiris orra agus chreach e fearann a Chuimeineich. Bha e aon uair mu Inbhirnis agus uair eile aig Caldair an Srathnaruinn. Tha eachdraidh Clann Choinich ag radh gun dfhuair Brus aoidheachd agus didean car ùine mhor bho Bharan Chinntail ann an Caisteal Eileandonnain. Bha Mac Dhomhuill nan Eilean, agus Tighearna Earraghaidheil an toiseach co dhiubh a cur an aghaidh Bhrus fhad agus a burrainn daibh. Tha litrichean fathast a lathair a sgriobhadh le Alasdair Earraghaidheil, le Alasdair nan Eilean agus le Domhnall nan Eilean a dhionnsuidh an Righ le gealladh còmhnaidh dha uapa an aghaidh Bhrus, ahus rinn Righ Shasuinn co bhoinn riu. Tha eachdraidh Chlann Domhnaill ag innis mar a leum Brus air Alasdair nan Eilean an déidh a bhuaidh fhaotainn air na Lathairnich aig Loch Obha. Theagamh gur ann muna am sin cuideachd smachdaich Brus Alasdair Earraghaidheal mar a be so ainm eile air son Moirear Lathairn mar a tha cuid ag radh, agus rinn e priosanach dheth. Ach co dhuibh, chuairtich Brus Alastair nan Eilean ann an Caisteal Suainn, agus theannaich e chò cruaidh e is gum bfheudar don luchd dion geilleadh. Bha Alasdair air a chuir am priosan ann an Caisteal Dhundomhnaill agus fhuair e am bas an sin mun robh e fada ann. Tha an eachdraidh ag radh mar an ceudan gun robh an ath Mhoirear air an h-Eileanan air taobh Bhruis agus na h-Alba agus an aghaidh Shasuinn, agus gun tug e aoidheachd agus dìdean do Bhrus an toiseach ann an Caisteal Shaghadail an Cinntire agus ann an Caisteal mor Dhunabhartaidh gus an deach Brus a null gu Eilean Rachlainn a bhuineadh do na Domhnallaich aig an am sin. Theagamh gun do thadhail Brus an Cinntire a ris nuair phill e bho Eilean Rachlainn agus mun deach e gu Eilean Arainn. Air taobh an iar dhArainn aig Druimadùin tha tri no ceithir dhuaimhean mora briagha agus air aon duibh tha Uamh Righ mar ainm a chionn gun robh, Brus am folach innte car treise. Bha Caisteal Bhreadhaig air taobh eile an Eilein lan de Shasunnaich, no shaoil le Brus gun robh gus an do thachair e aon la is e a sealgadh, air a charaid am Moirear Seumas Dubhghlas a bha an déidh a a Chaisteil a ghlacadh bho na Sasunnaich. Fhuair an Righ leithid a chairdeas is a chaoimhneas bho na h-Arainnichn a éiginn is gun tug e as déidh sin do chuid dhiubh oighreachdan a bha aig an sliochd fad iomadh lìnne; agus nuair a fhuair e an riòghachd a shocrachadh ann an sìth thainig e air son toil inntinn dha fhéin a measg beanntan agus frìthean Arainn.

Ach mun dfhag e an t-eilean aig an am so tha e air innis gun do choinnich ban thaibhsear de mhuinntir an Eilean e agus gun dubhairt i ris gun robh laithean a dheuchainn caithte agus gun soirbhicheadh en a h-uile buille. Bfhior mar a thachair. Dhéirich leis agus chruinnich thuige na h-uile la bho sin gus an do sheas e aig Allt a Bhonnaich air a cheithreamh la fichead da dhara mhios an t Samhraidh 1314 a bhacadh a chumail Righ Shasuinn bho chobhair a thoirt do na Sasunnaich a bha druidte a suas ann an Caisteal Shruithleath. Is e an dara Eideard a bha a nisn a Righ air Sasunn, oir caochail an sean righ seachd bliadhna roimh so. Fhuair Brus a bhuaidh an so ged a bha 100,000 saighdear aig Righ Shasuinn is nach robh aig féin ach deich mile fichead. Cha bu bheag de chliu a bhlàir so a chosnadh leis na Gaidheil a bha a cathadh air taobh na h-Alba. Bha feachd na h-Alba air a roinneadh le Brus air son orduigh cathana ceithir buidheannan; tri hhiubh taobh ri taobh anns a bheulaobh, agus aon buidheann comhnaidh de dhaoine danarra earbsach air son beuladh a steach nam bitheadh na Sasunnaich coltach ri bhi buadhachadh an aite air bith den bhlar mhor. Bha a bhuidheann-comhnuidh air a dheanamh suas de Ghaidheil a Earraghaidheal agus as na h-Eileanan, maille ri muinntir Charaig oighreachd Bhruis fhéin, agus iad uile fo chomand Aonghais Oig Mhic Dhomhnuill bho na h-Eileanan. Nuair a fhuair a bhuidheann so an greim choisinn iad leithid a chliù an sealladh Bhruis agus gun tug e àithne gun faigheadh Moirear nan Eilean is a luchd leanmhuinn an taobh deas anns na h-uile cath a chuireadh feachd na h-Alba bho linn gu linn.

Tha e glé choltach gum bitheadh Gaidheil anns na buidheanaibh eile mar an ceudna ged nach eil iad air an ainmeachadh gu sonruichte. Tha an Seanailear Stiubhard a bha an Gart ag ainmeachadh nam fineachan Gaidhealach air leith a chathaich air taobh na h-Alba air la sin. Biad Mac Aoidh, Mac an Tòisich, Mac-a’ -Phearsain, Camrain, Mac Ceardaigh an Caimbeul, na Méinnneirich, Mac Illeathain, na Sùtharlanaich, MacDhonnachaidh, Grannd, Freiseal, Mac Pharlain, Ros, Mac Griogair, Mac an Rothaich, Mac Cóinnich, agus Mac Guaire. Tha ughdair Eachdraidh Chloinn Illeathain ag ainmeachadh a bharrachd air sin na Stiubhartaich, Mac Dhomhnuill agus na Drumainnich. Ach cha na Cuimeinich, Mac Dhugaill a Lathairn, Mac an Aba a Gleann Dochart, agus feadhainn eile nach bu chòir air taobh Shasuinn air an latha sin.

Cha do bhuidhinn Sasunn cliù no eile ann an Albainn on la sin anns a chogadh an dras is a ris a lean naoi bliadhna eile ged a thàinig feachd eile anns an robh 100,000 dhAlbainn. Choisinn na Gaidheil cliù shonruichte aon uair eile air taobh na h-Alba agus sin ann an Sasunn. Bha feachd Shasuinn daingnichte air monadh cas agus fhuair Brus feum mor, mar a tha e air innseadh, as na Gaidheil a Earraghaidheal is na h-Eileanan a bha anns an arm aige.

Rinneadh sith eadar Sasunn agus Albainn anns a bhliadhna 1323, agus bha na Gaidheal a bha a leantuinn an cuid cheannardan air taobh an Righ air an cuir fa sgaoil; ach tha ionndrain mhor nach eil an ainmean air an innis. Bu taitneach an ni ainmean nan daoine a chluinntinn a bha cumail suas cliù nan Gaidheil air son gaisge agus treunadais ann bhi ag cuideachadh coirichean agus saorsa na h-Alba a dhionadh bho sharuchadh Shasuinn. Ach mar a tha, tha e soilleir gur fada bha Brus an comain nan Gaidheil air son aoidheachd agus dideanna éiginn agus air son misneachadh is cuideachadh ann an saoradh na h Alba.


IRISHNO GAILIG.

FHIR-DEASACHAIDH IONMHUINN,—

Anns alitir a sgriobh an t-Urramach an t-Ollamh De Henebre a dhionnsaidh a MHIC-TALLA tha e ag radh, nacheil nisan domhain bu taitniche leis na Gaidheil na h-Eireann agus na h-Alba a bhi nan co-Ghaidheil a ris mar a bha iad bho chian.

Tha mi cinnteach gun taitnich an durachd so ris gach cridhe Gaidhealach; ach gus an aonachd a thoirt gu buil, feumaidh an da mhiar den Ghaidhealtachd tighinn gu cheile air an aon seasadh-bonn. Mu dhfhiachas an darna buidheann ri cach a shluigeadhs gann gun teid e leotha. Achs e direach ni den t-seorsa so a chi sinn ann an sgriobhadh leis an Ollamh De Henebre anns a Chatolic University Bulletin muIrish Phonology, air a mhios so chaidh. Cha ghabh e dhainm air na Gaidheal achIrish ,agusIrish languageair an Ghaidhlig, los gun saoileadh an t-ain-eolach nacheil Gaidheil Albannach idir ann, neo ma tha nach fhiach iad an t-saothair dad a radh mun deidhinn; neo mar a thuirt mi cheana, tha na h-Eirionnaich a fiachainn ris an aonachd a choimhlionadh, leis nan Gaidheil Albannach a shluigeadhsan cuir á follais. Ach gheibh iad so duilich a dheanamh, ’s chaneil reusan air. Tha deagh fhaclan Beurla againn air Gaidheal agus Gaidhlig a bharr airIrish—facail as fhasan tuigsinn agus bu choir a bhi taitneach leis gach aon. Mu sgriobhas an t-Ollamh Henebre airGaelic Phonologychan urrainn do neach a bhigearain; ach mu tha em beachd gum bu choir do na Gaidheil AlbannachIrisha ghabhail orra fhein agus air an cànain, cha chuidich e dad leis an aonachd air am bheil e cho deidheil. Do charaid dileas,

MAC-IAIN.
Nobh. 28, 1898.



[148]

[Vol . 7. No. 19. p. 4]

MAC-TALLA:

Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uairsan t-Seachdain.

Is toigh leinn aGhailig,
A bardachds a ceol;
Is tric thug i nios sinn
Nuair bhithmaid fo leon:
S i dhionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
BARD NA LEADAIGE.

Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thusa bhlar;
Cho fadsa shiubhlas uillt le sruth.
Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Chan aontaich iad an cainnt non cruth
Gun teid do chur gu bas.”
NIALL MAC LEOID.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

1. Na sgriobh ach air aon taobh den phaipeir.

2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadhs is urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, DESEMBER 2, 1898.

AN SAOGHAL TROIMHE CHEILE.

Chaidh na neoil ann an tomhas seachad a bhabagairt cogadh a dheanamh ann an uine ghearr eadar an Fhraing agus Breatunn. Thug an Fhraing iomadh oilbheum do Bhreatunn o cheann deich bliadhna; ’us thainig an t-àm anns am feum luchd-riaghlaidh Bhreatuinn an coirean fein a dhion agus a sheasamh, ged a beiginn doibh an claidheamh a tharruing as a thruaill. Chan eil, mo thruaighe, moran tuigse no gliocas acasan a thastiuradh long na Frainge. Ged tha iad gleusda, tapaidhus deanadach ann an iomadh doigh, tha na Frangaich adol sios gach latha ann an seasmhachd, ann an onoir, ann an soirbheachadh, agus ann am morachd. Co nach cuala iomradh air Dreifuis, aon de cheannardan feachd na Frainge? Is e Iudhach a tha ann, agus is ann bho dhaoine measail a thainig e. Gun aobhar foilleasach no ceart air bith, chuir daoine mora na feachd as a leth gun robh e mi-dhileas agus gu robh e ag innseadh do na Gearmailtich nithean diomhair agus cudthromach mu dheibhinn feachdus innleachdan cogaidh na Frainge. Co luaths a dheirich an t-amharus so, thoisich glaodhachus burralaich eagalach am measg nam Frangach. Thainig na ceannardan arda gus achomh-dhunadh gur e Dreifuis, an t-Iudhach, a bha ciontach. Dheirich naimhdeas mor an aghaidh nan Iudhach; agus gun ceartas air bithfhaotainn, agus gun cothrom air e fein a dhion agus a neo-chiontachd a dhearbhadh, chaidh a dhiteadh, agusfhogradh thar a chuain gu Guiana, ann an America mu dheas. Cosmhuil ri Ruisia than Fhraing daonnan ullamh air tairus tamailt a charamh air na h-Iudhaich bhochda. Am feadh a tha iad samhach agus umhail don uachdarans don lagh, carson nach faigheadh iad fardaich, ’us tearuinteachd, ’us caoimhneas ann an dùthaich air bith? Is ann, da rireadh, do Bhreatunn fein a bhuineas am meas agus an onoir airson aoidheachdus didein a thabhairt do gach neach a ghiuileanas e fein gu beusach agus gu siobhalta. Chaneil ioghnadh ged tha Frangaich atogail an guth gu dalma, duineil, ard as leth Dhreifuis, agus acumail a mach gu neo-sgathach gu deachaidh eucoir narach a dheanamh air. Than fhirinn atighinn a mach uigh air n-uigh gu dfhuiling an ceannard Iudhach euceart maslach agus gur ann le breugan uamhasach a chaidh a dhiteadh. Tha ceannardan uaibhreach an fheachd le ardan amaideach ag radh nach feum smal, no amharus, no mi-chliu tighinn air deadh ainm feachd na Frainge. Is etha gu soilleirn am beachd gur en fheachd an Fhraing, agus gur ann don fheachd a bhuineas comas, ’us cumhachd, ’us ainm, ’us riaghladh na dùthcha gu h-iomlan. Is ro-bhochd agus is ro-chunnartach an lathathig air dùthaich no air daoine air bith an uair a theid laghannan siobhaltas onorach a thilginn bun os cionn, agus a ghabhas ceannardan airm aite luchd-riaghlaidh a tha deonach ceartas a dheanamh ris gach neachus eucoir a sheachnadh gu tur. Is eiginn gur e daoine breugach, cealgach, truaillidh a tha ann an ceannardan ardas mor-chuiseach feachd na Frainge. An deigh do aon cheannard innseadh gu do sgriobh e litir mhosach, bhreugach an aghaidh Dreifuis, chuir e lamhna bheatha fein. Dhinnis ceannard eucorach eile gur esan a sgriobh paipeir eile leis an robh iadsan air am mealladh a thug binn chruaidh a mach an aghaidh Dhreifuis. Gheibh, ma dhfhaoidte, an Iudhach bochd ceartas mu dheireadh. Theid abhinn atharrachadh. Gheibh eshaorsarithist; agus bithidh gach duine aig am bheil speis don fhirinn, ’us don cheart, ’us don ionracas, ag amhairc sios le tairus spid air na ceannardan eu-ceillidh, baoghaltadhinnis breugan co eagalach an aghaidh an Iudhaich. Than t-àm gun amharus air teachd anns am feum gach Frangach foirmeil, ionraic, fior, a ghuth a thogail airson crioch a chur gu luath agus gun acarachd air ughdarras nan ceannardan breugach, mi-onorach, a thagabhail orra fein gnothuichean na feachd a chumail ann an ordugh iomchuidh. Mur bheil iarrtus aig an Fhraing a h-aitreabh a thilginn air an lar, cuireadh i uaithegun sgoinn, gun truaghas, gun dailna ceannardan mi-bheusach agus bhreugach ud; agus cuireadh i bunaitean ura, fior, fallain fo gach oisinnus cuibhrionn de aitreibh luachmhoir na Frainge.

Tha sithus samchair a togail an cinn air deireadh thall ann an eilean Chrete. Tha cuimhne aig MAC-TALLAs agam fein air an aramach a thog na Greugaich anns an eilean so; —Greugaich oga gun ghliocas a thug cogadh fuileachdach, cosdail air aGhreig an aghaidh nan Turcach. Chuir rioghachdan na Roinn-Eòrpa cabhlach no dhachur sios aramach Chrete. Cha drinn na ceannardan cabhlaich moran maith. Bha Iompaire na Gearmailt daonnann an aghaidh agus air taobh an t-Sultan agus nan Turcach. Ged tha piuthar an Iompaire posda ris amhac as sine aig righ nan Greugach, bfhearr gu mor fada leis cairdeas a nochdadh don t-Sultan mhosach, bhruideil, agus comhnadh a thabhairt da feinus da Thurcaich. Cha robh e comasach do righrean na Roinn-Eòrpa tighinn gu cordadh mu dheibhinn an uachdarain a chuireadh iad thairis air Crete agus na Creitich. Bho chean miosa no dha thoisich na Turcaich air an t-sean abhaist, agus air mortus marbhadh a dheanamh. Chaidh saighdearan Breatunnach (Gaidheil am measg chaich) a mharbhadh, gun aobhar, gun trocair, on bu Chriosduidhean a bha annta. Rainig ceannardan cabhlach Bhreatuinn, na h-Eudailt, na Frainge, ’s Ruisia gu sgipidh am baile anns an deachaidh am marbhadh uamhasach sodheanamh. Chuir gun teagamh na ceannardan an comhairle ra cheile, agus chuir an ceannard Breatunnach, Noel, gaisgeach mearganta, fios teann a dhionnsuidh Pashabhaile anns an do mharbhadh saighdearan Breatunnach agus daoine eile, gu feumadh e na daoinerinn am marbhadh a liubhairt suas, oir mur liubhradh e suas iad ann an da latha, gu fosgladh e fein agus na ceannardan a bha maille ris, an gunnachan mora air a bhaile, ’s gu loisgeadh iad gus an lar e. Chaidh fios a chur gun tamh a dhionnsuidh an t-Sultan. Rinn esan oidheirp air strifhadadh suas eadar na rioghachdan, mar is abhaist da. Fhuair e freagradh diongmhalta nach cuireadh rioghachd air bith grabadh air na ceannardan. Fhuair Noel greim air an luchd-marbhaidh, agus an deigh doibh a bhi air an diteadh, chaidh aireamh diuchrochadh an lathair luchd-aiteachaidh abhaile gu leir. Beiginn do na saighdearan Turcachus do gach Pasha an t-eilean fhagail gu buileachus gu brath. Tha mi ann an dochas gu deirich latha ciuin, grianach air eilean Chrete. Rinn na rioghachdan roghainn de Phrionnsa Seoras na Greige, gu bhina uachdaran air Crete; ’s bithidh sinn aguidhe gu cinn gu maith leis, agus gu dean e moran sonaisus soirbheachaidh a bhuileachadh air gach morus beag, ann an eilean iomraiteach Chrete.

CONA.


Gheibh thu am MAC TALLA agus amFamily Herald and Weekly Starfad bliadhna air son dolar gu leth. Gheibh thu mar an ceudna dealbhThe Thin Red Line, ”a tha ainmeil air feadh an t-saoghail, agus a bu chòir a bhi aig a h-uile Gàidhealna thigh. ’S ann air son cothrom a thoirt do luchd-leughaidh MHIC-TALLA an dealbh sin fhaotainn a than tairgse so air a toirt seachad.


AODACH MATH.
Nam biodh gach seorsaodaich coltach ri cheile, bu choma caiten ceannaicheadh tu e. Ach chan ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach donann. Tha aodaichean gan creic an aiteachan nach fhiach an deanamh.

AN DEANAMH.
Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, chan fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodachs an droch dheanamh.

THA AGAINNE
aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhadsa mhaireas e.

Niall Mac Fhearghais.



[149]

[Vol . 7. No. 19. p. 5]

LITIR A CEAP NOR.

A CHARAID, —Bha min duil gum rachadh agam air litir a mhìos so a sgrìobhadh o chionn seachduinn, ach a chrùnadh gach ni bha cur eis orm, de thainig am rathad an raoir ach aon de na creutairean truagha sin dan goirear anns a bheurla na tramps Labhruidh am fear ud Gàilig, achs i Bheurla, ’s docha leis. Saolidh mi gu bheil e seachad air an tri fichead, ach ged thà e sin fhein, (agus fholtus fheusag air faàs gle liath), tha dochas aige gum bi e cho fortanachs gun teid aige air mnaoi fhaotuinn dha féin mun tig deireadh a. ’S ann a thug e gum chuimhne a mhuinntir òg a dhfhaighnich den t-seann mhaighdean, abha thairis air an tri ficheads a deich, den aois a bhiodh a leithid-se mun tugadh i suas a duil ri posadh. ’Se fhreagair i gum feumadh iad a cheist sin a chur ri te bu shine na ise.

Air Di-mairt sa chaidh bha sinn a mach a feuchainn ri comhairleach a thaghadh. Biad Dunnchadh Dòmhnullach agus Murchadh Mac Leoid a bha stri ra cheile, aguss en Leodach a bhuannaich an . Neo-ar-thaing mur deachaidh an sluagh a mach an ud. Nan robh iad air a dhol a mach cho math a chur catha ri namhaid sgriosach ar dùthchaan deoch laidirbeireachdail da-rireadh a e. Mo thruaigh chan ann mar sin a bha ann an cearna sam bith den t-siorrachd so. Dhinnis micheana gun dthug da fhicheads a còig an guth an aghaidh na deoch làidir anns an àite so, agus dithis air a son. Ged tha sinn a gearan an àireamh dhiubh-san abhòt an aghaidh na deoch a bhi cho tearc, ’s ann a tha iad rimoladhn uair bheirear fainear cho ro thearcs a bha iad an àiteachan eile. Tha e air aithris gur h-e ochd-duine deug a bha eadar Smokey agus ceann shuas a Chladaich sin, aig an robh uiread a shùim den ghnothuch chudthromach uds gun deachaidh iad a mach as an taighean air a shon; agus bha cuid a dhàiteachan eilecheart cho fada sin air ais. Chaneil teagamh agam nacheil mòran dhiùbh-san a dhfhan aig an taighean air an ud, a cleachdadhbhig radh, “Thigeadh do rìoghachd.” Nan rachamaid a thoirt breth a reir mar a rinn iad, chanamaid gur h-i rioghachd an dorchadais a tha iad a miannachadh. nach do leugh cosamhlachd an deadh Shamaritanaich, far am bheil air e innseadh dhuinn mun duine chaidh sios o Ierusalem gu Iericho, a thuit am measg luchd-reubainn mar a bhuin iad uaith udach, a lot agus a dhfhag iad e leth mharbhs an t-slighe mar a ghabh sagart àraidh seachad ra thaobh gun suim sam bith a ghabhail dheth, agus Lebhitheach, gu h-an-iochdmhor air an taobh eile. Ach cho luaths a chunnaic Samaritanach àraidh, a chor truagh, ghabh e truas mòr dheth; ni a dhearbh e leis a chùram a ghabh e dheth. Beasan a mhain a dhearbh e fein mar choimhearsnach dhà-san aig an robh feum air a chomhnadh.

A nis, faodaidh sinn uile deadh leasan fhoghlum on chosamhlachd so. ’Se luchd-reic droch làidir, luchd-reubainn as bha riamh air an talamh. Tha iad arùsgadh na muinntir a tha tuiteamn am measg, den cuid agus den cliu; agus a greasad gach aon neach nach teid a shaoradh uatha, a dhionnsuidh sgrios siorruidh. Thamhuinntir nach do bhòt an aghaidh na deoch, ’nuair a bhan cothrom aca, cosmhuil ris an t-sagart agus an Lebhitheach an-iochdmhor, agus iadsan a bhot, cosmhuil ris an t-Samaritanach iochdmhor, throcaireach, aig am bi a chliu air a leughadh agus air a sheinn fhado a bhios daoine ag àiteachadh an t-saoghal so.

M. D.
Ceap Nòr, Nobh. 19, ’98.


Na fàg ni sam bith gun dheanamh a ta freagarrach ann an cùis nan obair a ta dligheach a bhi deunta. Measar cumhachd an duine leis an ni air an cuir e crioch, agus an h-ann leis an ni air am feud e ionnsuidh a thabhairt.


Cu-chaoraich America Mu Dheas.

Anns acheàrn sin do dhAmerica mu Dheas ris an abrar na Brazils, chìtear treud mhòr chaorach air am buachailleachadh le no dhà, na h-uiread do mhìltean o thighs o dhuine. Tha ecuir iongantas air coigrich ciamartha leithid so do chàirdeas air àrach eatorra. ’Nuair than cuilean fìor òg, tha e air a thoirt air falbh omhàthair, agus air a thogail maille ris na caoraich. Theid dhiubh a ghlacadh tri no ceithir a dhuaireansan latha, agus a cumail ris a chuilean gus an deòthail e i. Tha leabaidh chloimh air a dheanamh dhasan fhang, agus cha leigear leis air choir sam bith cuideachd a ghleideadh ri coin eile, na eadhon ri cloinne an teaghlaich. Le bhi air oileanachadh air an dòigh so, chan eil déigh sam bith aige air an treud fhàgail; agus dìreach mar a dhìonas eile a mhaighstir an aghaidh nàmhaid, ceart mar sin dìonaidh na coin so na caoraich. Cha luaithebheir iad an aire do neach tighinn dlùth air an treud na thòisicheas iad ri tathunnaich; agus cruinnichidh na caoraich nan deigh, mar is bitheanta a chunnacas iad adeanamh mu thimchioll an reithe is sinenam measg. Tha e air ionnsachadh dhoibh, mar an ceudna, na caoraich a thional dhachaidh aig àm àraidhsan fheasgar.

Thig an so dhionnsuidh an tigh a h-uile latha a dhiarraidh béidh, agus cha luaithegheibh e sin na shìabas e air falbh, mar gum biodh egabhail nàire an treud a bhan earbsa ris fhàgail co fada. Tha na coin-thighe anbharrach garg ris air na h-àmanna so, agus sinidh an gasan as lugha dhiubh air, ach cha luaitheruigeas e an treud na thionndanas e mun cuairt gu còmhraig, atathunnaich gu diannuair achì laorain na luatha, gabhaidh en ruaig, agusearball eadar a chasan.

Tha mòran do choin-fhiadhaichsan dùthaich so, ach chan eil adhànadas aca oidheirp a thoirt air treud a bhios air am buachailleachadh leis na cìobairean so.


Thainig air an fhear-deasachaidh a dhol air cuairt ghoirid do Nobha Scotia air an t-seachdain so, agus ma tha an aireamh so dhen phaipeir nas miosa no nas fhear na na h-aireamhan eile, tuigidh an leughadair gu de is coireach. Chan eil teagamh againn nach bi cuid ag ionndrain naigheachdan na seachdain, ach smaoinicheadh iad sin air an t-sean-fhacal a thag radh gur math an naigheachd a bhi gun naigheachd.


Feudar firinn, subhailc agus sonas a bhair am faineachadh o chéile, ach chan urrainn iad a bhi air an eadar-dhealachadh. Theid iad mar pheathraiche gràdhach, dlùth dhaingnichte ra chéile, agus aboillsgeadh soluis na diadhachd ann an cridhe an duine.


Aig airgiod agus ùine tha mòran an luach féin. Chan urrainn an a chuireas an t-aon gu droch bhuil, an t-aon eilechur gu deagh bhuil.


Chaneil còir aig duine sam bith a dheanamh mar a thoilicheas e, ach an uair a thoilicheas e an ni sin a ta ceart a dheanamh.


Chan eil duine ann cho suarachna chaith-beathas nach feud a ghiùlan a bhi chum lochd da choimhearsnach.


BAS.

Ann an N. E. Margaree air Di-luain sa chaidh, an 28mh latha de Nobhember, Lachuinn Domhnuilach, ceithir fichead bliadhnasa ceithir a dhaois. Rugadh e ann an sgireachd Chille-mhoire, ’san Eilean Sgiathanach. Thainig e mach don dùthaich sosa bhliadhna 1828, agus an deigh dha bhi còmhnuidh ùine ghoirid air Point Edward, chaidh e gu Margaree, far an dfhuirich e gu àm a bhàis. Is mac dha Iain A. Domhnullach, fear-lagha, a bha fad àireamh bhliadhnaicheanna bhall den ard-pàrlamaid air son siorrachd Victoria.


Am Bathar as Fhearr.
Na Prisean as Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI, C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt as ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


RI CHREIC.

FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh.

FEARANN aigForks Road,mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich, —mu cheud gu leth acaire.

FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha ena fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air.

Prisean agus Dail Reusanta.

Phœbe Brookman.
Sidni, C. B.
Nov. 4, ’98. tf


REULTAIREACHD.

INNSEAR TFHORTAN, agus an obair non gnothuch as freagarraiche dhut a bhi ris, air son 25 sentichean. Leughadh cinnteach a reir nan reul air a thoirt do gach neach. Innis am do bhreith.

ASTROLOGER,”
Box 70, Sydney, C. B.


Am bheil thu air son aGhàidhlig a chumail suas? Ma tha, cuir a dhiarraidh MHIC-TALLA, an aon phaipeir Gàilig a thatar a cur a mach. Dolarsa bhliadhna.


THE
DAILY RECORD.
PAIPEAR LAITHEIL
CHEAP BREATUNN.

Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B.

A PHRIS:
Bliadhna, $3 .00
Sia miosan, 1.50
Tri miosan, .75
A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH.

Gheibhear anns anRecordna naigheachdan as uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhen t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinneans mu na soithichean, etc., etc.
S COIR DHUT A GHABHAIL.

SGRIOBH GU
JOS . MacDONALD,
Editor and Publisher,
Sydney, C. B.



[150]

[Vol . 7. No. 19. p. 6]

O DHONULL MAC LEOID.

FHIR-DEASACHAIDH,—

Tha Ghrian adol fodh’, thugaibh feart,
Nach saoil sibh mo cheistachan faoin,
S cinnteach gar mor a bha neart
SaLàmh chur air tùsa riut sruin.

Cait ameil toiseach do shlighe?
Ciod en t-àitam eil thu adol?
De seorsa sealladh a chithear,
San àite tha thall air do chùl?

Cait an dfhuar thu do sholus?
Ne gual none pronnuse a thann?
Ciod e, ma theirgeas dhuit connadh,
A dheireas da drionagan fann?

Nuair chi mi thug eiridhsamhaduin
Sa sgapadh nan rionagan ciùin,
Nuair chi mi thutrialnad mhaiseachd
Cha mhor nach lùb dhuitsa mo ghluin.

Si ghealach ni contraighus rothard,
Rinn Polucs don maraichean feum;
Dhinnseadh i dhaibh cait an robh iad!
Achs tusa ban-dia mhor nan speur.

Na abraibh gu bheil mi ro ladurn
Amoladh an t-soluisna chùrs,
Mar deaninn na briathran so labhairt
Bhiodh talamhus creagan gam bhùirt.

Leugh mi le mor thlachd an laoidhe don ghrian a thug Cona dhuinn o chionn ghoirid. Tha nàirorm sgriobhadh gu MAC-TALLA leis na rinn Cona de mholadh orm; chaneil mi creidsinn gu bheil mi nam ghille cho mathsa tha e ag ràdh. Aig an àm cheudna tha pròis orm air son gun deachaidhguth Chonaa thogail suas cho gasdagam mholadh. Ghabh mise a chomhairle, agus tha an laoidh agam air bhàrr mo theanga. Tha migabhal riutha mar bhriathran Oisein fein. Tha mitoirt ceud mìle taing do Chona airson gun dthug e dhuinn na laoidhean àluinn so. Tha e soilleir gu robh Oisein den bharail gun teirgeadh solusus blaths na gréine, agus gun tigeadh an àm anns am biodh iDoillear mar ghealach nan trath;” “aosda, lag liath;” agus, “a siubhals na speuribh mall.” ’S i sin barail speuradairean an lathan diugh. Thubhairt speuradair ainmeilHucsli air neo Proctorann an òraid ri Comunn Rioghail nan Speuradairean, ann a Lunnain, gun tigeadh an t-àm anns am biodh an comunn sin asuidhe aig an coinneamh bhliadhnail agus cota-mor de bhian mathan geal na h-àirde tuath air a h-uile duine dhiubh, a bhàn gusàilean, air son an cumail blàth. Agus mu dheireadh gum biodh i na guailean tioram gun solus gun bhlàths. Tha na speuradairean ag radh gu bheil aghrian a dol air astar, agus sinne comhla rithe, ’dhionnsuidh àit-eiginsan àirde tuath. Faodaidh i bualadh ann an seann ghrian dhorcha eile uair-eigin, agus ni na dha aona ghrian mhor, mhaiseach as gloirmhoire na aghrian againne. Co aig am bheil fios nachbith aoibhneas air solus na h-oidhche,” ’nuair chi iad an Solus Ur sin.

Tha eagal orm gu bheil mi a sgriobhadh gu MAC-TALLA ro thric agus nacheil mitoirt cothrom dhuibh a bhig innse mu dheighinn anAmadain Chrotaich.” Bha mi cho aighearach muOisein don ghréin,” ’s nach burrainn mibhinam thosd. Gu ma fada comas sgriobhaidh Gàidhlig aig Cona. Tha e cho comasach air sgriobhadh Gàidhligs gu bheil e toirt nam chuimhne rud a thubhairt Oisein mu Shruth Chona, ’nuair a bhiodh itoirt leatha mìrean de a bruachan, leis gach craobhus clach, agusgan ioman roimpe car mu char. Slàn leibh.

DONULL MACLEOID.


AN CREACHADAIR SUAIRCE.

Sgeula Gaidhealach.

Than sgeula beag so a leanas na naigheachd fior, agus tha e leige ris duinn nàdur nan Gàidheal anns na lìnntibh a dhfhalbh, agus cor na dùthcha.

Bha na Gàidheil, mar rioghachdan eile bha san aon dòigh riu fein, comasach air fiughantachd mhor a nochda, no air dioghaltas an-iochdmhor agus cealgach a ghnàthachadh. O chionn ceud bliadhna, bha Iain Gunn na chreachadair comharraichte ann an Siorramachd Inbhernis, agus bha e togail cìs-mheachainn, (black-mail)ionnas gu ruig baile Inbhernis. Bha san àm sin, feachd laidir anns an daighneach, ach cha robh luchd-malairt an airgid san àm sin anns gach baile mor mar tha iad an trà so, aguss ann bu nòs leo airgiod a chuir a dhioladh an airm, o Cheanna-bhaile na rioghachd, le duine as an robh iad earbsach, agus beagan de luchd-comhaideachd maille ris. Thachair don duine aig an robh an t-airgiod air an àm so, gum beiginn da stad aig tigh suarach òsda, mar dheich mìle fichead do Inbhernis. Mu fheasgar thainig duineireachdail san éididh Ghaidhealaich a stigh. Cha robh doigh air seòmar fa leith a thoirt do gachfear, agus beiginn doibh cur suas leis an aon seòmar. Le mor shuairceas thairg an Sasunnach roinn da shuipeir don Ghaidheal, a ghabh i le càileiginn de mhoit. Le iad a bhi seanachas thuig àn Sasunnach gun robh an Gaidheal eòlach air gach cearna den dùthaich, ni a bhrosnuich e gu iarraidh air an fhear eile dol leis air an am màireach. Cha do cheil e air a ghnothuch, no na bha air a ghiùlan, no idir an t-eagal a bhair as a chreachadair ainmeil sin Iain Gunn. Smuaintich an Gaidheal car tiota ris fein, ’s an sin dhaontaich e gu cridheil falbh leis mar fhear-iùil. Dhfhalbh iad sa mhaduinn; agus air dhoibh a bhig imeachd ann an gleann fàsail, uaigneach, theann iad ri labhairt mu Iain Gunn. “Am bu mhaith leat fhaicinn?” a deir am fear-iùil; agus gun fhuireach ri freagradh fhaotainn, rinn e fead, agus ann an tiota bhan Sasunnach agus a chuideachd bheag air an cuairteachadh le àireamh mhòr Ghaidheal, co lionmhors nach robh feum dhoibh cuir nan aghaidh. “A choigrich,” thuirt am fear-iuil, “is mise a cheart duine roimh bheil eagal ort, agus chan ann gun chionfàth; oir is ann a dhfhaighinn fios cinnteach man rathad a bha thu ra ghabhail, a thainig misan raoir chum an tigh-òsda, chum gun dthugainn fein agus mo cheatharna uait na tha air do chùram. Ach chan urrainn domh làmh a chur ort an deigh na h-earbsa chuir thu annam, agus leigidh mi air falbh uam thu gun dochair air bith.” Thug en sin seoladh don t-Sasunnach mar dheanadh e a mach an rathad, agus thug e choillair le chuid dhaoine, co ullamhsa thainig iad roimhe ann am follais. —An Teachdaire Gaidhealach.


Bfhearr Comunn na h-Asail.

Bha righ Spàinteach ann aon uair, leis am bàill a bhina bhàrd, agus gu dearbh bha e féin am beachd gun robh e mar sin; ach cha do shaoil muinntir eile sin. Rinn e dàn neonach uair, agus dhaithn e don bhàrd aige a bharail a thoirt air. Thuirt am bàrd nach robh aige ach barail bhochd air. Le sin ghabh an righ moran feirg agus corruich agus thug e aithne do cheannard nan saighdearan am bàrd a thoirt don stàbull, agus e a bhi air a cheangal taobh ri taobh le asail a bha an sin. Bha am bàrd bochd air a chumail anns an aite sin beagan mhiosan gus an drinn an righ duan eile. An sin thugadh e an làthair an righ, a thuirt ris gun leughadh e an duan da, agus an deigh sin gum beiginn da a bharail a thoirt air. Leugh an righ e; agusnuair a rainig e achrioch dhamhairc e air abhàrd. Cha dthubhairt am bàrd facal, ach thionndaidh e a dhionnsuidh nan saighdearan agus thuirt e, “Thoiribh air ais a dhionnsuidh na h-asail mi.”


DUAISEAN.

Tha mi a tairgse tri duaisean airgid— $12 , $8 agus $4 —don triùir sin a chuireas ugad eadar sos an 15mh latha de Februaraidh, 1899, an cruinneachadh as fhearr de raidhean Gailig(Gaelic phrases and idioms)aig nach bi co-chomunn sam bith ris aBheurla; tha mi coma cia as do na raidhean, ach a mhàin nach ann anns aBhiobuill a gheibhear iad; agus ma gheibh mi pailteas, bheir mi seachad duaisean airson nithean eile. Chan fhaigh duine tighinn anns achomh-ruith nach do phàigh am MAC-TALLA gach sgillinn de ainbh-fhiach a tha aige air. Seoladh iadsan a tha deonach feuchainn air son nan duaisean so, an litrichean gu,

CARAID NA GAIDHLIG.
Office ofMac-Talla,”
Sydney, C. B.


UISDEAN ROS, LL. B.
Fear-Tagraidh, Notair, &c .
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, C. B.


BATHAR CRUAIDH.

Tha mi a nisecumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gun taghal thu orm. Tha mi, mar a babhaist, acreic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha micreic gach ni gle shaor.

Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.


NUAIR THEID THUBHADDECK
TAGHAIL AN STOR
Albert I. Hart.
Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.

Bathar Tioram,
Bathar Cruaidh,
Amhlan,
Aodaichean,
Caiseart, Adan,
Curraichdean,
Agus iomadh ni eile.

An seorsas fhearrs aphris as isle.


Am bheil romhad tigh no sabhal ur a thogail? Ma tha, paighidh e dhut do chuid thairnnean, glaine, paipear, paint, aol, plaster, luaidhe, glasan, ludagan, rop agus uidheaman saoirsneachd a cheannach bho

C . P. MOORE.

Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, ma bhios speal, sgrioban, forc no cas forca a dhith ort, theirig gan iarraidh gu

C . P. MOORE.

Nuair bhios a chlann ag iarraidh sgliat no leabhar ur, paipear sgriobhaidh, pinn, no inc, ceannaich iad bho

C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.

Sin an t-aite anns am faigh thu gach ni dhiubh so gle shaor.


LEABHRAICHEAN GAILIG.

Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. MacIlliosa 1.10
Gaelic Class Book .35

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte.

Sgriobh gu
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney C. B.



[151]

[Vol . 7. No. 19. p. 7]

Nithe Nuadh agus Sean.

S fhearr dol timchioll na tuiteams an dige.

Tha sinn foghlum ni-eigin eadhon o challdachd.

Tomhais an t-aodach tri uairean mun gearr thun deise.

Tha facal caoimhneil cho furasdaràdh ri facal crosda.

Bha iasad a ghabhailsa thoirt riamh air feadh an t-saoghail.

Builles gach aon chraoibhs gun aon chraobhg a bristeadh.

Glé thric tha beagan molaidh co-ionnan ri mòran di-molaidh.

Mar is àirde chraobh is ann is a gheibh aghaoth greim oirre.

Cas air creathaill, ’s làmh an cuigeil, comharradh na deagh mhna tighe.

Thachùram fhein aig gach latha; ach thalatha fhein aig gach cùram.

Ceannsaichidh ah-uile fear an droch-bhean, ach am fear aig am bi i.

Chan urrainn cridhe glan a bhith aig an fhear aig am bheil teanga shalach.

Am fear a tha math gu trod, faodar a bhith cinnteach gu bheil e math gu labhairt.

Feumaidh iadsan nach cuirs an Earrach a bhig iarradh na deirces an Fhoghair.

Chan fhuiling abhreug an solus fhaicinn; ach is e an solus is fhearr leis an fhìrinn.

Cuidichidh biorana beaga nis fearr na feadhain mhòra chum an teinebheothachadh.

Na tri rudan is daoire thann: 1. Uibhean chearc. 2. Feoil mhuc 3. Glòir chailleach.

Na sia buaidhean a bha cumail suas na Féinne: 1. Agh Fhinn. 2. Lamh Ghoill. 3. Prab-bhuillean Oscair. 4. Iomairt ealamh Oisein. 5. Ruith chruaidh Chaoilte. 6. Suidheachadh Chonain air achath.

Arsa bean-uasal diadhaidh, ’nuair a fhuair i fios gun do bhàthadh dithis de cloinn. “Tha mi faicinn nach bi Dia toileach mar bimuilechridhaige, aguss e féin is airidh air.” ’S ann mar so tha uile phobull De, bheir iad mil as gach meas a chruthaich Dia, ’s e sin chi iad a ghairdein ann an uile oibridh a fhreasdail.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
Stewartdale , C. B.

CLOTH, DROGAID,
AGUS
PlaideachanEUREKA.”

Mu dheich air fhichead seorsa aodaichga chreic.
Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige.


THA EARBSA
aig daoine ann am maidsichean Eddy— ’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a thacoltachri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum.

Than t-ainm so na urras air mathas.

THE
E. B. EDDY Co., Ltd.,
HULL, CANADA.


C. H. HARRINGTON & CO.
Na Marsantan as Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni.

THA IAD ACREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
nas saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eilesa bhaile.

SALADA TEA, ”
Na Puinnds na Leth-Phuinnd; an ti as fhearr a than Ceap Breatunn air a phris.


[Dealbh]
Tha sinn a nisenar luchd-gnothuich aig a
CHANADACARRIAGE CO. ,
air son Eilean Cheap Breatunn.

Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead lecheannach uainne.

Tha sinn mar a babhaist acreic Truncaichean, Màileidean, Acuinneach, Bratan-carbaid, Cuipichean, Carbadan Cloinne, Olla, Dubhaich Bhròg, &c ., &c .

F . Falconer & Son,
Sidni, C. B.


DHIARRAMAID AIR
NA GAIDHEIL
s air muinntir eile a tha air sonTypewritera cheannach, iad a dhfheuchainn na
Blickensderfer No. 5,
mun ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35 .
Tha seorsachan eile againn cuideachd.
CREELMAN BROS.,
TYPEWRITER CO.
15 Adelaide St. East,
TORONTO, ONT.


GHEIBH THU
AN TI
As fhearrsa Mhargadh.

NA BROGAN
As Fhaide Mhaireas.

AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.

Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c

TORMAD DOMHNULLACH.


AN T-AITE
ANNS AN CEANNAICH THU
Suic agus
Iaruinn Cruinn,
Creamers,
Soithichean Bainne,
Airneis-taighe,
Stobhaichean,
Flur, Min etc., etc.
AN STOR AIG
Isaac Greenwell,
SIDNI, C. B.


J. E. EISAN.
PIANOS AGUS ORGAIN.
AN SEORSAS FHEARR A THATAR A CREIC.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, C. B.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c .
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B.


D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C.B.


J . S. BROOKMAN, M. D. ,
LIGHICHE.
OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot.
SIDNI, C. B


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.

Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

Niall Mac Coinnich,
Sidni, C, B.


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Floiri Nic Fhionghain
acumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan acosg.

ADAN,
BONAIDEAN,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN,
GEUGAN.

agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor.

FEUCH GUN TAGHAIL THU.


[152]

[Vol . 7. No. 19. p. 8]

Oran mu Bhliadhna Thearlaich.

LE ALASTAIR MAC MHAIGHSTIR ALASTAIR.

FONN: —“Let history record. ”

S fuar, fearthuinneach gach ,
Gach oidhche dorcha doinionnach;
S tùrsach, donn gach ,
Mortaidh, trom le ceò;
Ach, mosglaibh suas, a shlòigh,
Sur n-airteal trusaibh chum ur cairteal’,
S cartaibh bhuaidh ur bròn;
Tha léug ri muirs ri spéur,
Ri bhi aig Æoluss aig Neptun,
S thig gach tlachdn a déigh.

Thig soinionn leis an rìgh,
Teichidh sneachd as éire bhuainn;
Fògrar dòruinn shìon,
Thig sòlas, falbhaidh pian;
Gach seòrsa de gach fìor,
Thig bhon Fhraingn a thunnaichean,
S gun caisg sinn uilar n-ìot’;
Gheobh sinn tuil der miann,
S mur naimhdean dhfhàg sinn uireasbhach,
S dlùth chuireas sinn ar lìon.

O sheanchaidhnean nan Clann,
Suas, deanaibh eachdraidh éifeachdach.
O, sheanchaidhneans an àm,
Glacaibh dubh as peann,
Se abhliadhna chòrr,
An tilg aghrian le maoth-bhlàs biadhchor
Gaithean ciatach òirnn;
Bidh driùchd air bàrr an fheòir,
Bainnes mil gun luach, gun mhargadh,
Airgiod agus òr.

Na gabhaibh sìth bho Dheòrsa,
Ler dòchus neartmhor, fìrinneach,
Creidibh dìans achòir,
Gun tig reliobh nas leòir,
Na biodh ur dòchas fann;
Gur h-ann a réir mar chuireas sibh,
A bhios ur buinnig ann;
O, fuirichibh, a Chlann,
Chì sibh ur n-uilulreasbhuidh,
G a bhuinnig le cruas lann.

Ciod è do cheart sair crùn,
Ach adhaircean bhi sparradh ort?
S co sean ri dchòir bho tùs,
Brìos òrcheaird bhan Renfrew;
Ach bha ion-faileis ann,
De thruadar de achd pàrlamaid,
A dhfhoil an crùn mu dcheann;
Ach tog so leat ad sgéith,
An t-Uilleam rinn an t-achd dhut
Gum béucorach e fhéin.

Dean aithre tùrsach, géur,
S grad-thoir air ais na thagad bhuat;
Dean aithre guineach, ’s géill,
S le br-mbhuic toilich dfhéum.
Cùm agad do chuid fhéin,
S leig bhuat còir an atharraich,
Gun chlaidheamh, gun dad stréup;
Dia, daoines nàdur tréun,
Bidh ann a léig mun oighr
Thoirt dachaidh, choibhreas ceart a thréud.

Craobh-sheanchuis teaghlaich rìgh,
Na h-ìochdarain bidh eòlach uimp’;
Craobh-sheanchuis teaghlaich rìgh,
Bidh map dhin ioma tìr;
Ma chuirear car am bi foinn
S an t-snathainn dhìreach oighreachdail,
Gun toir fo-near an fhoill;
Ach gairmidh Dia le sgoinn,
Chum an ionaid dhleasannaich
Ceart-oighre deas an loinn.

Chaneil an leithsgeul ann,
Ach saobhadh fann -dhiongmhalta;
S in éucoir shoilleir thann,
Do neach a bheirteadh dall;
Mas creideamh an aon chùis,
Chionn nach dfhuair e oideachd
Anns an teagasg a rinn Lùth; *
O! nam be sin an càs,
Cuime chuir sibh shinn-seanair
Gu -rùnach gu bàs?


Chaneil ur gaol dor rìgh,
Ach mar air an t-srsaich choitchionta;
S cioglach staid ur rìgh,
Cuairt thoirt s bhi sgìth;
Gun dfhògair sibh e rìs,
Ler n-iomluas, sliochd amhartair sin,
Le ascaoineachd ur crìdh
S an déigh sin ged thug bhuaibh
Do Anna crùn a sìnnsirean,
Gunphuinnseinich sibh luath.

O! ’s caol an téud, a Dheòrsa,
Airn a sheinn thu gu trì rìgheachdan;
Gur mealltan t-achd lenchleòc
Iad thusa ad rìgh òirnn;
Tha leth-chéud pearsas còrr,
Is faisge fuil as tagraichean,
Na thusa, ’s an Roinn-Eorp;
Bu leth-oireach, lag, cam,
Am miar boirionn ásn a bhuineadh thu,
Bfhìor-iomallachs achrann.

O! ’n cullach sin righ Deòrsa,
Mac na craine Gearmailtich;
S e chairdeas ruinn, ’s a dhàimh,
Gaol fithich air achnàimh;
Gun dfheann e sinn bhor béin;
Ghlac as chreach an cealgaire,
S gunmharbh e sinn gu léir,
Na daoine cha leis fhéin,
S ann uime sin gur coma leis,
Ged phronnamaid achéil’.

An leanabh nach leis fhéin.
Ged dheanteadh leth-chothrom dhe.
Cha tiomaich e lephéin;
A chrìdhgun tlus, gun déur,
S amhuil sin mar thà,
Ged chuìrteadh h-uile Breatunnach
Gun mhàinn, gun chead gu bàs;
Bhon nach leis fhéin am pàisd,
Cha ghluaistan neach nach bathair dha,
Gu fàbhar no gu bàigh.

Greas ort, a Shéumais chaoimh,
S tus rìghs is athair talmhaidh dhuinn
Fon athair néamhaidh, naomh;
Gabh tlus ri dchloinns bi caoin,
S bhon is leat fhéin achlann,
Cuir casg air croichs air géuragan,
Tha réubadh dhinn nan ceann;
S cuir do thréud fo lann,
S na leig a bhig ar géur-leanmhainn,
Feadh garbhlaich, shléibhtean, ’s bheann.

Mo chion-sa Tèarlach ruadh,
Ceart oighren fhìor rìgh dhleasannach;
Cha toir sinn dutsa fuath
Gun cuirear sinns an uaigh,
Cha dean croich no tuagh,
Glacaireachd no creachannan,
Gu bràch ar sracadh bhuat;
Than diog ud ceangailtshìos,
Ad caigeann ris gach anam dhinn,
Cho daingeann ri Beinn-shiannt.

Och, a rìgh nan dùl,
Na leig neart a ghnàth thar cheart;
O chòin! Aon Dhiatha dthriùir,
S ann dut is léir gach cùis;
Tog dhinn amhucs a cuing,
S a h-àl breac, brothach, uirceineach,
Len cuid chrom-shoc, thar tuinn;
S cart gu glan Whitehall,
Air chionn an Teaghlaich Rioghail sin,
Bhan sìnnsrean ann an tàmh


AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leighsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH
agus TEANNTACHD.
Cuir a dhiarraidh sampuill us teisteannas.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia.
agus
127 State St., Boston Mass.


MAC-TALLA.

Gu ma fada beo aGhailig.”

Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.”

Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais.

DO DHLEASANAS.
A bhi gabhail MHIC-TALLA.
A bhi leughadh MHIC-TALLA.
A bhi pàigheadh MHIC-TALLA.
A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a churna rathad.

An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan.

Cha robh a leithid ann roimhe, ’s chan eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast.

Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tighn a mach uairsan t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut.

Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dhfhalbh.

A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do tinntinn.

Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig asgriobhadh gu daonnan dha; agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og.

Is abhaist do dhaoinenuair a bhios iad acreic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhicur pris ardna cheann; ach chan eil MAC-TALLAdeanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadhsa chumail suas, agus uime sin chan eil e cosg da luchd-gabhail ach

DOLARSA BHLIADHNA.


* Luther.

titleIssue 19
internal date1898.0
display date1898
publication date1898
level
reference template

Mac-Talla VII No. 19. %p

parent textVolume 7
<< please select a word
<< please select a page