[Vol . 7. No. 2. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OGUST 5, 1898. No. 2.
CLAMBAR NA H-AIRDE ’N EAR.
Tha China ’dusgadh suas agus a’ faicinn gu feum i gaisge laidir a dheanamh airson a saorsa, agus a daoine, ’s a criochan a dhion bho gach neach ’us rioghachd a tha le dànachd narach a gabhail coir air cuibhrionn an sud agus an so le laimh ainneartach, de ’srathan, ’s a puirt, ’s a h-aimhnichean. Tha ’daoine òga ’s a h-oileanaich gle mhi-thoilichte gu tug luchd-riaghlaidh an dùthcha, le foill no ann an amaideachd uamhasach, seachad coirean fiachail do Ruisia—leomhann garg na h-airde tuath. Thainig teachdaireachd gu bheil Breatunn a’ dol a thabhairt cuideachaidh sonruichte do China. Theid, mar so, cabhlach a chur ann an uidheam ceart, treubhach, ’us theid a daoine fein le eud ’us fo stiuradh shaighdearan ealanta ’s lamhach, a thogail fo inbhe iosal gu inbhe ard, fearail. Bithidh, air an doigh so, feachd lionmhor, duineil mearganta aig China i fein ann an uine ghearr, airson a h-ainm ’s a criochan a ghleidheadh bho chumhachd ’us bho smachd a naìmhdean. Rinn an ceannard foghainteach Citchener, le dragh ’us dichioll anabarrach, saighdearan gasda de na h Eiphitich, ged nach robh annta ach daoine bog, gealtach, roimhe. Tha iad a’ nochdadh gaisge ’s cruadail a tha iongantach agus airidh air cliu, anns gach stri ’s cogadh a tha Citchener a’ deanamh, chum gu faigh e ughdarras thairis air an dùthaich a tha mu dheas de ’n Eiphit. Cha ’n fhada gus am faigh e lamh an uachdair air Cartoum, far an do chaochail an ceannard Gordon, no far an deachaidh a chur gu bas leis na daoine iargalta ’bha tuineachadh anns a chearna ud, agus a rinn aramach an aghaidh na h-Eiphit. Tha e tiamhaidh dhuinn a bhi ’cuimhneachadh gu deachaidh an ceannard treubhach, àluinn, Gordon, a chur gu bàs, o’n nach tainig am feachd Breatunnach ann an àm gu Cartoum, airson fuasgladh agus tearuinteachd a thabhairt da. Bha e ann an China re uine mhor, agus fhuair e meas ’us cairdeas nan Chineseach. Chuir e an ordugh feachd lionmhor, dealasach, agus theagaisg e fein daoine China gu bhi ’n an saighdearan lamhach, neo-sgathach, meamnach, d’ am b’ aithne agus aig an robh comas air naimhdean an dùthcha fein a chiosnachadh ann an stri nan lann. Tha luchd-riaghlaidh Bhreatuinn glic ’us firinneach. Tha China fiosrach gu leor an diugh gur e cairdean dileas, ceart di fein, a tha ’n luchd-riaghlaidh Bhreatuinn. Fo stiuradh ’us le teagaisg nan ceannardan a chuireas Breatunn do China, eirichidh gu luath iomadh mile saighdear tapaidh agus gheibh i iomadh long-cogaidh a chumas gach acarsaid, ’us port, ’us amhuinn a tha fathast aice. Rinn an Fhraing oidheirp fhuaimneach o chionn beagan bhliadhnachan air sealbh ’fhaotainn no ’ghabhail le faobhar a’ chlaidheimh air cuibhrionn farsuing de ’n taobh mu dheas de China. Chaill i moran saighdearan agus chosd i uamhas airgid anns gach cogadh mi-onorach a bha aice le China. Tha na Frangaich daonnan deidheil air cliu ’s urram a chosnadh airson an euchdan air muir ’s air tir. Tha iad aig an àm so, mar an ceudna, ’sineadh a mach an lamh ladarna chum gu faigh iad tuille de mhaoin ’us de fhearainn China. Mar tha ’n sean fhacal ag radh: “Cha ’n eil mu thimchioll China ach an duine a’s modha ’s a’s mosaiche.” Tha Ruisia, ’s an Fhraing, ’s a’ Ghearmailt a tabhairt sgairbh a creag doibh fein. Is ì Breatunn a mhain a tha eudmhor as leth saorsa ’s soirbheachaidh China. Is e da rireadh, Iompaire iongantach a tha ann an Iompaire na Gearmailt. Ma tha Iompaire China ’giulan an ainm Mac Nèimh, tha Iompaire na Gearmailt a’ creidsinn gur ann bho Righ nan Righrean a fhuair e cumhachd agus ughdarras a bhi ’riaghladh thairis air na Gearmailteich gu leir. Cha ’n eil aig àrd no iosal ’n a rioghachd, coir air bith a reir a bheachd fein, air comhairle ’thabhairt da no air coire air bith ’fhaotainn do ni air bith a tha e ’deanamh, no do fhocal air bith a labhras e. Mur faigh e barrachd gliocais ’us faicill na bhuineas da a nis, leis gach òraid amaideach a tha e ’liobhairt ’us leis gach gniomh neo-ghlic a tha e ’deanamh, cuiridh e fa-dheoidh as a cheile an rioghachd àluinn, cumhachdach a thog a sheanair ’us ’athair suas, le comhnadh ’us innleachd anabarrach Bhismarc. Is e run suidhichte ’n Iompaire rioghachd laidir a dheanamh de ’n Ghearmailt agus cuideachadh mor ’us feumail a thabhairt do mhalairt iomadach na rioghachd. Tha Sultan mosach nan Turcach agus e fein, ’n an cairdean dileas, dluth da cheile. Thug an Sultan cead da curam a ghabhail de chomhnardan Asia na h-airde ’n iar, —dùthaich a bha iomraiteach ann an laithean Homair fein, airson gach beartais, ’us bòidhcheid, ’us luis, ’us arbhair, ’us maoin a bhuineadh dhi. Tha Gearmailtìch a nis gle lionmhor anns an tir so, ’s tha iad ag aiseag air ais d’a comhnardan, d’a cnoic ’s d’a leargan, gach toradh ’us barr greadhnach a bha aice bho aimsir fad’ air chul. Tha malairt na Gearmailt a’ faotainn aoidheachd shuilbhir anns a chearna so de rioghachd an t-Sultain. Tha iarrtus diongmhalta aig an Iompaire air cabhlach laidir a bhi aige. Is e run a chridhe gu bitheadh iomadh long-cogaidh aige fo ’smachd agus daonnan ealamh chum a thoil a dheanamh. Thionndaidh e aire gu China, ’s thar leis gu faodadh e, cosmhuil ri Ruisia, eagal no sgath a chur air Iompaire China, ’s air greim a dheanamh air cuid de ’n tir so. Chuir e ’bhrathair, am Prionnsa Eanruig, le da shean long-cogaidh do China, chum gu faigheadh e seasamh, ’us ainm, ’us leth-sgeul a thoil fein a riarachadh am measg dùthchannan ’us eileanan na h-airde ’n ear. An uair a bha Prionnsa Eanruig a’ fagail na Gearmailt le dha long-cogaidh, rinn an t-Iompaire òraid uaibhreach, amaideach, air am bheil an saoghal a’ deanamh gaireachdaich mhagaidh. Tha aig na Spàinntich thruagha eileanan anns a chuan leathunn, a tha aig an àm so, ann an tomhas co dhiubh, fo ughdarras nan Stàidean. Cha ’n eil an cogadh eadar na Stàidean ’us an Spainn a’ dol air aghaidh ach gle mhairnealach. Cha d’ rinn na Stàidean fathast moran gaisge no euchdan, agus cha ’n eil na blair no na buaidhean a choisinn iad ach tearc gu leoir. Ma chinneas leo ’s ma ni iad oidheirp air na h-Eileanan Philippianach a ghleidheadh doibh fein, tha Iompaire na Gearmailt a’ cur roimhe nach faigh na Stàidean an toil fein anns an stri so. Tha na Iapanaich a’ gleusadh an airm-cogaidh, oir ged bha comhstri fhuileachdach aca le China, cha ’n eil toil air bith aca gu rachadh ughdarras China ’cur bun os cionn. Ma dh’ fhaoidte gu bi Breatunn ’us na Stàidean, ’us na Iapanaich, anns na laithean a tha ri teachd, ag obair le cheile anns an airde ’n ear air sgath ceartais, ’us saorsa, ’us onoir. Tha siun a’ faicinn o latha gu latha gu bheil luchd-riaghlaidh Bhreatuinn deas, glic, stolda; gu bheil iad dileas do mhalairt ’us do choirean Bhreatuinn; agus gu bheil iad a’ trusadh spionnaidh airson stad a chur air clambar na h-airde ’n ear, agus airson dorus fosgailte ’ghleidheadh doibh fein agus do mhalairt Bhreatunn ann an China tuath ’us deas.
CONA.
EACHDRAIDH NAN CAIMBEULACH.
Braidalbainn.
Bha luchd-àiteachaidh Bhraidalbainn air an tabhairt gu eolas air a chreideamh Chrriosduidh mu dheireadh an t-seachdamh linn, le duine diadhaidh a thainig a nall á Eirinn d’ am b’ ainm Faolan. Bha ’n duine so, a reir cùnntais, ’na mheadhon air caochladh mor a thoirt air an t-sluagh, cha’n e mhàin ann a bhi toirt eòlas spioradail dhaibh ach mar an ceudna le bhi teagasg dhaibh an talamh àiteachadh agus taighean-còmhnuidh comhfhurtail a thogail dhaibh fhein. Bha tri àiteachan-aoraidh aige ann an Gleann Dochairt. Tha na làraichean air an comharrachadh a mach le sluagh na tìre gus an latha ’n diugh. ’S e Cuildeach a bh’ ann a Faolan. Bha e de’n aon eaglais ri Calum-Cille, a thainig do dh’ eilean I anns a bhliadhna 563 A. D.
Ach tha sinn an so gu bhi toirt cunntas air Caimbeulaich Bhraidalbainn. Tha ’n eachdraidh a dol air ais gu faisg air àm Raibeart Bhruis. Bha Sir Donnachadh Caimbeul, an coigeamh MacCailean Mor, pòsda ri Marsali nighean Raibeart Diuc Albani mac do Righ Raibeart II. Bha dìthis mhac aige uaithe, Gilleasbuig a bha ’na oighre air féin an Earraghaeil, agus Cailain. Thug ’athair do Chailein Gleann Urchaidh mar sheilbh. B’e Cailean so a cheud aon de theaghlach Bhraidalbainn. Theirte Cailean Dubh na Ròimhe ris do bhrigh gu ’n d’ fhuair e cuid de fhoghlum anns an Ròimh. Bha Cailein Og Earraghaeil, mac a bhràthar aige ’ga thogail agus a toirt foghlum da. Bhuin e cho uasal ris air a h-uile dòigh ’s gu’n d’ fhuair e cliù nach bu bheag air a shon. Phòs Cailean Ghlinn Urchaidh nighean Iarla Lenocs ach chaochail i gun sliochd. Bha e ’na bhantraich an uair a chaidh Iain Stiubhart Lathairn a mhurt. Fhuair triuir nighean an Stiubhartaich greim air còirichean oighreachd an athar ’s theich ìad leo. Fhuair iad fasgadh am measg nan Caimbeulach; agus ’s e bh’ ann gun do phòs an da Chailean an dithis pheathraichean ’s mar sin chaidh trian de Lathairn ri oighreachd gach fir diu. ’S e Mairearad a b’ ainm do ’n te a phòs Cailean Ghlinn Urchaidh (Braidalbainn). Uair de na h-uairean a bha Cailean air falbh an tir chéin thog a Bhan-Stiubhartach Caisteal Chill-Chuirn an Gleann Urchaidh. ’Nuair thill a companach dhachaidh bha ’n caisteal ùr togte. Phòs e a ris an
[Vol . 7. No. 2. p. 2]
deigh bàs Mairearaid Stiubhairt agus bha mic agus nigheanan aige.
Thug e gu ceartas mortairean Righ Seumas I (Colquhon agus Chambers) ni air son an robh e air a dhuaiseachadh gu maith leis an righ òg. Tha eachdraidh a toirt cùnntas air gu’n robh e ’na dhuine curanta, dileas agus fialaidh. Chaochail e anns a bhliadhna 1498 ann an làn aois agus fo mhor mheas, agus bha e air adhlacadh an Caibeal Muire ann an Fionn-Laraig, aig ceann an iar Loch Latha. ’S e so àit’ -adhlaic an teaghlaich anns gach linn bho’n uair sin. Thainig a mhac SIR DONNACHADH a stigh air an oighreachd ’na àite. Bha e pòsda ri Mairearad Doughlas, nighean Iarla Angus. Bha cloinn Ghriogair croiseil gu bhi togail chreach, agus bhiodh iad gu math tric a tighinn a nuas air muinntir Bhraidalbainn ’s a sguabadh leo crodh is caoraich is eich nan Caimbeulach. Chaidh Sir Donnnachadh a mach air tòir nan Griogarach le feachd agus bhuadhaich e thairis orra. Chaill na Griogaraich moran de ’n cuid fearainn air thàileibh sìn. Tha an Robertsonach ag radh ’na eachdraidh, gu’n robh e ’na lagh an Alba o shean gu’m bu leis fhein na bheireadh duine mach leis a’ chlaidheamh. Dh’ aobharraich sin gu’n robh na fineachan bu treasa, anns gach stri a bh’ ann, a sior dhol ni bu chumhachdaiche le ’bhi buadhachadh thairis air na finneachan bu laige. Thuit Sir Donnachadh maile ri Seumas II. ann am blàr fuilteach Flodden anns a bhliadhna 1513. Thainig a mhac
SIR GAILEAN ’na àite. Bha Cailean ’na dhuine uasal aig an robh modh ’us àrd ionnsachadh. A thaobh a mhàthar bha e ’n dlùth-dhaimh do Iarla Angus, an Dughlasach cumhachdach; agus thainig e gu bhi ’n cleamhnus ri teaghlach cumhachdach eile le e phòsadh nighean Iarla Athol, leth-bhràthair do Righ Seumas II. Bha triùir mhac aige, Donnachadh, Iain, agus Cailean. Thainig iad uile, aon an degh aoin thun na h-oighreachd. An deigh bàs Shir Cailean thainig
SIR DONNACHADH, am mac bu shine a dh’ ionnsaidh na h-oighreachd. Phòs e Mairearad, nighean Colquhoun tighearna Lus. Cha robh de theaghlach aca ach aon nighean. Chaochail Sir Donnachadh anns a bhliadhna 1534. Thainig a bhràthair
SIR IAIN a dh’ ionnsaidh na h-oighreachd na àite. Bha e pòsda ri ban-Ghall agus cha robh de theaghlach acasan ach dithis nighean. An deigh a bhàis thainig a bhràthair
SIR CAILEAN thun na h-oighreachd. Bha e ’na bhall pàrlamaid air son àireamh de bhliadhnaichean. Phòs e Caitriona, nighean Uilleam tighearna Ruthbhen. Bha ceathrar mhac aige agus ceathrar nighean. Dh’ éug Sir Cailean anns a bhliadhna 1584. Bha e ’na dhuine glic agus air an robh mor mheas ’na latha féin. Bha e beò ri linn Ban-righ Màiri ach chum e mach as gach trioblaid agus buaireas a bh’ anns an tir aig an àm ud. Cha’n eil sinn a faotainn gu’n ghabh e mor ghnothuch ri taobh seach taobh anns a chòmhstri mhi-fhortanach leis an an robh an rioghachd air a luasgadh aig an àm ud.
SEANA BHEACHDAN AGUS SEANA CHLEACHDAIDHEAN.
Earrann III.
LEIS AN URR. IAIN MAC RUAIRIDH.
Mu’n d’ fhalbh e, dh’ òl e lan no dhà na slige gus lùths is beothachadh a chur ’na chom agus mìsneach a chur ’na chridhe ’s ’na inntinn.
Air eagal gu’n tachradh duine sam bith ris air a thilleadh, ghabh e an rathad a b’ uaigniche a b’ urrainn e thaghadh. An uair a bha e mu leitheach rathaid, chual’ e an ceòl a b’ àille ’s bu bhinne a chual’ a chluas riamh. Thuig e anns a’ mhionaid gur ann ’s an t-sìthean a bha ’n ceòl. Bha e gu nàdarra ’na dhuine a bha gu math saor o fhiamh ’s o eagal, agus air shàilleamh na dh’ òl e mu ’n d’ fhalbh e as a’ bhothaig, bha e ’g a fhaireachadh fhein cho làidir ’s cho misneachail ’s nach cuireadh na bha de shìthichean ’s de “ghaugearan” anns an t-saoghal biorgadh eagail air. Ghabh e dìreach thun an t-sìthean. Mu’n deachaidh e steach stob e an sgian ann an ursann an doruis. Bha ’n t-ancar uisge-bheatha a cheannaich e ann an cliabh air a mhuin, agus o ’n a bha toil aige faighinn dhachaidh mu’n soilleiricheadh an latha, cha do leig e dheth an cliabh idir, ach sheas e far an robh e faisge air an dorus fhad ’s a bha na sìthichean a’ deanamh aon ruidhle dannsa.
An uair a sguir an dannsa ghrad thill e ’mach, agus thug e an sgian as an ursainn, agus thug e ’aghaidh air an taigh. Ar leis nach robh e bhar ceathramh na h-uarach, air a chuid a b’ fhaide, anns an t-sithean.
Choisich e dhachaidh le deadh cheum. An uair a thainig e ann an sealladh an taighe, ghabh e ioghnadh nach robh e ’faicinn soluis as. Bha e ’smaointean gu’m faodadh tinneas a bhith ann, o ’n a bha dùil a h-uile latha ri leasachadh teaghlaich. Rud eile dheth, bha e ’smaointean gu’m bu chòir do neach eiginn a bhith air a chois codhiubh o ’n a bhiodh dùil aca ris fhein dhachaidh.
An uair a ràinig e an dorus fhuair e air a chrannadh gu teann e. Ghrad bhuail e an dorus gu cruaidh, agus ghlaodh e riutha a ghrad leigeadh a steach. Bha ’bhean ’na cadal gu trom anns an leabaidh ’san àm, ach an uair a dhùisg am bualadh ’s a’ ghlaodhaich i, ghrad dh’ éirich i a dh’ fhosgladh an doruis. Mu ’n do dh’ fhosgail i e, thuirt i, “Co sid?”
“Tha mise,” ars’ esan, “fosgail thusa an dorus. Tha mi seachd sgìth a’ giùlan an eallaich so o thàinig an oidhche.”
“Feumaidh mi fios fhaotainn cò th ann mu ’m fosgail mi ’n dorus,” ars’ ise.
“Gu sealladh ni math ort,” ars’ esan, “am bheil thu idir ’gam aithneachadh? Nach ’eil fhios agad gu’ n dubhairt mi riut an uair a dh’ fhalbh mi anamach an raoir, gu ’n tillinn cho luath ’s a gheibhinn mo ghnothach? Tha mi air mo shàrachadh fo ’n eallach so ’s e air mo dhruim o’n a dh’ fhalbh mi as a’ Ghleann Mhor mu mheadhain oidhche.”
“Cha ’n fhosgail mise an dorus gus am bi fhios agam co tha ’g iarraldh a steach,” ars’ ise, is i air chrith leis an eagal.
“An ann as do chiall a tha thu?” ars’ esan, “cha’n fhaod e bhith gu’n do dhichuimhnich thu mi. Is mise d’fhear-pòsda. Greas air an dorus fhosgladh.”
“M’ fhear-pòsda!” ars’ ise ’s i ’freagairt. “Tha latha ’s bliadhna o ’n a dh’ fhalbh m’ fhear-posda-sa as an taìgh. Cha’n ’eil dùil agam ri sealladh dhe ’ghnùis fhaicinn gu brath tuilleadh. Cha’n ’eil slochd no cnochd, garabhlach no comhnard, allt no bòrd locha, nach do shiubhail sinn ’g a iarraidh, agus cha d’ fhuair sinn a bheò na ’mharbh. Mur do shluig an talamh e, no mur do thog an t-adhar e, cha’n ’eil fhios ciod a dh’éirich dha.”
“An ainm an àigh, a Mhairi, sguir dhe d’ bruidhinn ’s leig a steach mi. Cha ’n e so àm gu bhith ’deanamh spòrs is feala-dha air duine bochd a th’ air a shàrachadh idir. Tha uair aig an achasan is àm aig a’ chéilidh,”
Bhuail e anns a cheann aig Mairi gur e tathasg Dhomhuill a bh’ ann, agus chaidh i air chrith leis an eagal cho mòr ’s nach b’ urrainn i an dorus fhosgladh ged a bhiodh toil aice. Ach an uair a chual’ i bhith breabadh an doruis, dh’ aithnich i gu ’m bu duine saoghalta ’bh’ ann. Dh’ fhosgail i an dorus, ach o ’n a bha ’n latha gun teannadh ri soilleireachadh, cha b’ urrainn i a dheanamh am mach co bh’ ann.
Mu ’n do thair i sealltainn uice no uaipe chaidh Domhull a steach. Leig e dheth an cliabh air bathais an ùrlair.
Ghrad las Mairi an crùisgean, agus ciod a b’ iongantaiche leatha na a fear-pòsda fhein fhaicinn beò, slàn m’a coinneamh ’na sheasamh air an ùrlar!
“Ach c’ àite air an t-saoghal an robh thu o chionn bliadhna, ’Dhomhuill? ars’ ise. “Cha ’n ’eil e coltach gu’n robh sùim agad dhiomsa, no dhe ’n leanabh a bha fhios agad a bh’ air mo ghiùlan, an uair a dh’ fan thu fad bliadhna gun tighinn an còir an taighe. Cha ’n ’eil fear eile ’san dùthaich a dheanadh a leithid. Cha robh thu fad’ air falbh an uair a dh’ fhàs mise tinn le anshocair chloinne.”
“B’ fhearr leam gu ’n sguireadh tu dhe d’ bhruidhinn gun dòigh. Am bheil thu ’n dùil gu’n creid mise bruidhinn dhe ’n t-seòrsa sin? B’ fhearr dhuit gu mòr greasad air gréim bidh a dheasachadh dhomh. Ged a fhuair mi mo dheadh shuipear o na gillean còire beagan mu’n d’ fhalbh mi gu tighinn dhachaidh, cha mhòr a th’air faighinn dheth an dràsta. So, so; greis ort, agus faigh gréim bìdh deiseil a dh’ itheas mi.
“Cha’n ’eil thu agad fhein, a Dhomhuill. Is math a tha fhios agad gu ’m bheil latha ’s bliadhna o ’n a dh’ faalbh thu. Agus mur ’eil thu ’gam chreidsinn-sa, seall do’n leabaidh ud shuas, agus chì thu do mhac ’na chadal innte. Tha e bliadhna dh’ aois an diugh fhein.”
Eadar a h-uile connsachah is comhradh a bh’ aig Domhnull ris a mhnaoi, cha d’ thug e an aire gu’n d’ thàinig atharrachadh mòr air a cumadh o ’n a dh’ fhalbh e. An uair a sheall e ceart oirre ghrad thuig e gu’m feumadh gu ’n robh e na b’ fhaide air falbh na bha e ’n dùil. Gun fhacal a ràdh thog e leis an cruisgean bhar an stuib air an robh e ’n crochadh, agus chaidh e far an robh an leanabh ’na chadal ’s an leabaidh. Bha aois bliadhna de mhac cho mor ’s cho tlachdar ’s a chunnaic e riamh ’na chadal gu séimh, socrach anns an leabaidh. “Is e so mo mhac gun teagamh. Tha e cho coltach ri Alasdair mo bhràthair ’s a tha ugh ri ugh.” arsa Domhull gu beag ris fhein. Chrom e as a chionn agus thug e pòg dha.
“Tha ’chùis coltach, a Mhairi,” arsa Domhull, “gu ’n robh mise ùine mhòr na b’ fhaide air falbh na bha mi ’n dùil. Tha ’n gnothach a th’ ann a’ cur mòran ioghnaidh orm. Innsidh mi dhut a h-uile car mar a thachair dhomh. Ràinig mi mu thràth suipearach a bhothag. Agus an uair a ghabh sinn ar suipear ’s a leig mi greis dhe ’m anail, dh’ fhalbh mi ’s am buideal air mo mhuin anns a’ chliabh. Air eagal gu ’n tachradh duine sam bith rium an àm dhomh bhith tilleadh dhachaidh, chomhairlich Eoghainn Mòr dhomh gabhail a h-uile ceum ri srath na h-aimhne duibhe gus an ruiginn gualann Beinn a’ bhric, o ’n is e rathad a’s uaigniche a th’ eadar so ’s an Gleann Mòr. An uair a bha mi falbh o ’n bhothaig ’s an cliabh air mo mhuin, thug Eoghainn Mòr dhomh luma làn na slige dhe ’n stuth bu treise a bh’ aca anns a’ bhothaig. Thuirt e, “Ol a h-uile deur dheth, ’Dhomhuill. Is fheairrd thu fo d’ aisnidh e. Bheir e misneach dhut gus a dhol ann an dàil Cailleach Beinn a’ bhric, ma thachras i riut air an rathad.”
“An uair a bha mi ’dol seachad air an t-sithean a th’ eadar an amhainn dubh agus a’ bheinn, chuala mi ’n ceòl bu bhinne a chuala mo chluas riamh. Chunnaic mi dorus an t-sìthean fosgailte; stob mi an sgian anns an ursainn, agus chaidh mi steach. O ’n a bha cabhag orm cha do leig mi dhiom an cliabh idir. Cha robh mi ’nam sheasamh ach fhad ’s a bha na sìthichean a’ deanamh aon ruidhle dannsa. Ar leam nach robh mi na b’ fhaide ann na ceathramh na h-uarach. An uair a thàinig mi ’mach, bha ’n oidhche cho dorcha ’s a bha i an uair a chaidh mi steach. Is iomadh uair a chuala mi nach fhairicheadh daoine an ùine ’dol seachd anns an t-sithean, agus ged nach robh mi ’g a chreidsinn, tha e coltach gu’m bheil e fìor gu leòr.
[Vol . 7. No. 2. p. 3]
“Ach tha rud no dhà ann nach ’eil mi idir a’ tuigsinn,” arsa Domhull ’s e cur a làimhe air ’fhalt ’s air ’fheusaig. “Tha fhios agad gu’m b’ àbhaist dhomh a bhith ’bearradh m’ fhuilt uair ’san dà mhios, agus a bhith toirt ’dhìom na feusaig uair ’s an t-seachdain. Ach ma bha mi bliadhna air falbh mar a tha thus’ ag ràdh, nach iongantach nach d’ fhas m’ fheusag is m’ fhalt mar a b’ àbhaist dhaibh. Agus a bharrachd air so, cha d’ fhairich mi aon chuid sgios no acras no cadal fhad ’s a bha mi anns an t-sìthean. Tha h-uile rud a th’ ann a’ cur anabharr ioghnaidh orm.”
“Biodh ioghnadh ort no na bitheadh is e an fhirinn a tha mise ’g innseadh dhut. Agus mur creid thu mise, cha ’n fhaod e bhith nach creid thu na coimhearsnaich. Gheibh mise fianuisean gu leòr a sheasas air mo thaobh.”
“Foghnaidh sid an dràsta,” arsa Domhull. “Greas thusa air a bhiadh a dheanamh deiseil. Tha’n t-acras gus mo tholladh.” “Cha’n ’eil ioghnadh ann ma tha thu gun ghreim o chionn bliadhna. Cha bhi mise fada deasachadh bìdh dhut.”
“Thug Domhull làmh air gimileid, agus tholl e am buideal uisge-bheatha, agus an uair a shuidh iad aig a’ bhiadh dh’ òl e fhein is Màiri air a chéile.”
Air an latha sin fhein ghairmeadh na dlùth-chairdean agus na coimhearsnaich gu cuirm do thaigh Dhomhuill, agus dh’ oladh deur math dhe na bh’ anns a’ bhuideal mu ’n do dhealaich iad ri ’chéile.
Bha na Gàidheil a’ creidsinn mar an ceudna gu’n robh eòin shìthe ann. B’ iad so, a’ chuthag, an treabhna, agus an clachairean. Bha iad a gabhail beachd nach robh na h-eòin so ri ’m faicinn ach aig àm àraidh dhe ’n bliadhna. Agus o nach robh fhios aca gu’n robh iad a’ falbh as an duthaich so, an uair a thigeadh am fuachd agus a’ dol do dhùthchannan fad as gus an tigeadh aimsir bhlàth na bliadhna, bha iad a’ smaointean gur ann do na sìtheanan a bha iad a’ dol. Cha mharbhadh iad a h-aon dhe na h-eòin so air son rud sam bith. B’ e an clachairean a’ cheud aon a thigeadh dhiubh. Bha h-uile duine a’ gabhail beachd sonraichte air an àite anns am faiceadh e a’ cheud fhear dhiubh. Nam faicteadh a’ ’na sheasamh air talamh glas, co dhiubh a b ann air garadh phloc no air comhnard lom, no air iteig, bhiodh e ’na chomharradh do ’n neach a chitheadh e, gu’m biodh gach cùis gus a dhol leis gu math fad na bliadhna. Ach nam b’ ann air cloich lùim a chìtheadh e e, bhiodh e ’na chomharradh nach biodh soirbheachadh aige fad na bliadhna.
B’ i a chuthag an ath aon a thigeadh. Cha bu toigh le neach sam bith a cluinntinn a’ gairm an uair a bhiodh i air ùr-thighinn, mu ’n itheadh e biadh. Theirear an greim cuthaig ris a’ bheagan bìdh a bhios daoine ’gabhail gu math moch ’s a’ mhadainn gus an latha ’n diugh. Tha ’n rann a leanas a’ dearbhadh dhuinn gu ’n robh na nithean so air an làn-chreidsinn ’s an àm a dh’ fhalbh:—
“Chuala mi ’chuthag ’s gun am biadh ’nam bhroinn,
Chunnaic mi ’n clachairean air cloich luim,
Chunnaic mi ’n t-seilcheag air talamh-toll,
Chunnaic searrach seann làradh ’s chùl rium,
’S dh’ aithnich mi nach rachadh a’ bhliadhna leam.”
Bu ghlé thoigh le daoine an treabhna a chluinntinn; oir cha chluinnear a guth sgreagach gus am bi cinneas math air feur ’s air fochann. Ach ged bu toigh leotha ’faicinn tuilleadh is dluth air na dorsan. Agus idir cha bu toigh leotha ’cluinntinn, cha bu toigh leotha ’faicinn an taobh a staigh de dhorus taighe. Nam faicteadh an taobh a staigh de dhorus taighe i, dh’ fhaoidteadh bhith cinnteach gu ’n tigeadh air muinntir an taighe an imrich a dheanamh mu’n tigeadh crìoch air a’ bhliadhna.
O chionn àireamh mhòr bliadhnach an thòisich daoine am bithdheantas ri bhith cur teagaimh gu ’n robh sìthichean is eòin-shìthe ann. Anns an àm so, cha ’n fhaighear ach gann duine ann an àite sam bith a chreideas gu ’n robh iad riamh ann. Agus cha ’n fhaighear duine idir a chreideas gu ’m bheil iad ann a nis. Cha ’n ’eil duine an diugh beò a chunnaic no ’chuala riamh iad.
Cia mar a thàinig daoine gu bhith ’creidsinn nach ’eil ’s nach robh sìthichean is eòin-shithe ann? Cia mar a dh’ fhuadaicheadh na beachdan faoine so air falbh a measg an t-sluaigh? Dh’ fhuadaicheadh iad le eòlas air nithean aimsireil agus spioradail. Ged a tha ’n soisgeul glé chumhachdadh gu beachdan faoine agus cleachdaidhean amaideach fhuadachadh air falbh a cridheachan dhaoine, cha b’ e ’na onar a dh’ fhuadaich na sìthichean as ar dùthaich. Rinn an t-eòlas a fhuair daoine air cumhachdan agus air obair nàdair faisge air a cheart uiread a dh’ fheum anns an dan dòigh so. Is minic a chunnaic daoine aig an robh eòlas mòr air an t-soisgeul, agus a bha eadhoin ’nam fior chreidmhich, a bha air a’ cheart àm a’ toirt tomhas de gheill do gheasalanachd agus do bheachdan faoine eile. Tha sinn, air an aobhar sin a’ creidsinn gu ’n d’ rinn na maighstirean-sgoile, cho math ris a’ chléir, mòran a chum iomadh beachd faoin agus amaideach ’fhuadachadh a measg nan Gàidheal.
(A’ chrioch.)
TIGH IAIN GHROAT.
’S e an tigh iomraiteach so an t-àite còmhnuidh a’s fhaide mu thuath tha ann an Albuinn. ’S iomadh aon a chual’ iomradh air Tigh Iain Ghroat, ach a tha aineòlach air an doigh air an d’ fhuair e an t-ainm so.
Ri linn Rìgh Séumas an IV., thàinig triùir bràithrean—Calum, Gabhin, agus Iain De Groat; oir ’s e so an dòigh air an robh an sloinneadh air a sgrìobhadh ’s an àm sin. Thàinig iad so do Ghallaobh o’n taobh deas, le litir o’n Rìgh, air a sgriobhadh ann an Laidinn, do mhuinntir an taobh tuath, g’ am moladh, agus ag asluchadh caoimhneis as an leith o uaislibh na dùthcha. Cheannaich iad fearann ’s an àite. Bha an oighreachd eatorra, agus bha an càirdeas bu làidire aca d’ a chéile. Ach mheudaich Clann Ghroat gus an robh ochd teaghlaichean dhiubh ann air fad; agus an sin thoisìch connsuchadh agus farmad eatorra mu thimchioll roinn an fhearainn, agus gu h-àraid mu dhéibhinn an fhir ’nam measg bu chòir a bhi air a’ chùnntas na cheann-teaghlaich thairis orra. Oidhche do na h-oidhchean, bha seòrsa do chonnspoid ’n am measg cò bu choir suidhe air ceann a’ bhùird, agus a bhi ’n a cheann-stuic air gach còmhdhail. Bha connsuchadh làidir eadar na fir, agus theap gun tigeadh facaill gu buillean. ’S an àm sin, dh’ éirich am fear dhiubh d’ am b’ainm Iain—duine làidir, misneachail, sgairteil, aig an robh an t-aiseag air an àm o’n chearna sin gu Eileanabh Arcaibh. Lubhair e gu ciùin, cairdeil. “Deanaibh réit,” ars’ esan, “ ’s na biodh droch cainnt na idir tuasaid ’n ar measg, oir,” ars’ esan, “bheir mise m’ fhacall duibh, an ath uair a choinnicheas sinn, gu ’n socruich mise a’ chùis so mu ’bheil sibh a’ cur a mach air a chéile.” Thòisich e gun dàil, agus thog e tigh air an rutha b’ ’fhaide mach, air an robh ochd taoibh— ’s e sin, bha ’n tigh ochd oisinneach; agus air gach taobh bha uinneag agus dorus. Agus am meadhon an tighe so chàirich e bòrd, do ’n aona chumadh ris an tigh—bord ochd oisneach. Agus an ath uair a choinnich an ochdnar chàirdean, thuirt e riutha a h-uile fear a dhol a stigh air a dhorus féin, agus suidhe air an àite shuidhe dìreach mu choinneamh an doruis. Chaidh iad a stigh. Bha ’dhorus, agus ’uinneag agus a chathair agus ’àite féin, aig gach fear. Cha robh ’n am measg ach càirdeas agus carannachd, sìth agus caoimhneas agus toileachas-inntinn. Tha stéigh an tigh ochd-oisnich so fathast r’ a fhaicinn; agus theagamh nach ’eil tigh ann am Breatunn uile a’s iomraitiche na e. ’S airidh so air àite ’s a’ Chuairtear, mar shoilleireachadh air tuigse, foighidinn, agus deagh thùr Ian Ghroat, air an robh an tigh so air ainmeachadh. Tha cuid de’n t-seana bhord dharaich fathast a làthair, agus o chionn leth chéud bliadhna, bha cuid do’n litir Laidinn a sgrìobh an Rìgh a làthair. Bu Dùidsich a bh’ ann an teaghlach Iain Ghroat agus tha e air a ràdh gu’n do chuir an Rìgh mu thuath iad chum eolais a thoirt do mhuinntir na dùthcha mu na dòighean a b’fheàrr air iasg a ghlacadh ’s na cearnaibh sin. —Cuairtear-nan-Gleann.
Aon Phog.
LE DONULL MAC CALUM.
Anns an Eilean Iosal bha da Mhor Mhunna, —Mor Ailein-a’ -Mhonaidh agus Mor Ailein-an-t- Srath. Bha gealladh pòsaidh eadar Mor Ailein-a’ -Mhonaidh agus Ruaraidh Og. Beagan mu ’n d’ thainig àm a’ phòsaidh, troimh bhàs brathair-a’ -mhathair, fhuair Ruaraidh Croit-an-eas dha fèin; agus b’ fhearr dha nach d’ fhuair. Mar is motha gheibh duine ’s ann is motha dh’ iarras e.
Air dha a’ chroit so fhaotainn, smuaintich e gur math a fhreagradh tochar coimeasach air g’a stocachadh.
“Nach bochd,” deir Ruaraidh Og ri charaid, Seumas Breac, ’s iad a losgadh celp, oidhch’ a mach le cheile, “nach ann ri Mor Ailein-an-t- Srath a tharruing mi, ’s a’ h-athair cho làn airgiod. B’ fhurasda dha thoirt dhomh leatha na stocaicheadh a’ chroit.” “Cha ’n eil gad air gealladh,” deir Seumas. “Nach tarruing thu rithe fhathast.” “Tha sin,” deir Ruaraidh, “gle mhath, ach ma dh’ fheumas mise tochar an dara te ’chuir a mach a phàigheadh air son briseadh-geallaidh do ’n te eile, bithidh mo chor cho bochd ’s a bha e roimhe. Saoil thu ciamar ’gheibh mi thairis air sin?” “An gabh,” deir Seumas, “Mor Allein-an-t- Srath thu?” “Tha fios agam gu ’n gabh,” deir Ruaraidh. “Innsidh mi dhuit,” deir Seumas, “de a ni thu. Rach far am bheil Mor Ailein-a’ -Mhonaidh agus innis dhith gu bheil thu toileach faotainn saor o d’ ghealladh. Mo lamh-sa dhuit, ’n uair a chluinneas i sin, gu ’m bi i gle dheonach do shaorsa thoirt dhuit.”
Rinn Ruaraidh a reir na comhairle thug a’ charaid air. Chaidh e far an robh Mor Ailein-a’ -Mhonaidh agus thubhairt e rithe,— “Tha eagal orm a Mhor, a’ ghraidh, ged a thug sinn gealladh pòsaidh, nach eil sinn freagrach air a’ cheile, agus thainig mi a nochd, a dh’ iarraidh mo shaorsa.” “Gheibh thu sin,” deir Mor, “a Ruaraidh, ’ghràidh. Theagamh gu bheil thu ceart, ach b’ fhearr leam thu na neach tha beò. Is truagh gach la, bhith ’s mi g’a chaoidh. ’S i m’ ùrnuigh nach bi aithreachas ort.” “A Mhor, fheudail, tha aithreachas orm mar tha. Nach gabh thu fathast mi?” “Cha ghabh,” deir Mor. “Tha ’n t-slabhraidh briste, ’s cha ’n eil cumhachd air thalamh a chàireas i tuille. Cha ’n eil mi na ’s dora air mo shon féin na tha mi air do shon-sa. Bitheadh sin gu leoir leat. Aon phòg, agus fàg mi.”
Cha robh an ùine fad’ an deigh sin gus an deachaidh oidhch’ an réitich aig Ruaraidh Og agus Mor Ailein-an-t- Srath ’chuir a mach. A measg nan càirdean chaidh a chuireadh, ’s a bha aig an réiteach, bha Mor Ailein-a’ -Mhonaidh. Mar a dh’ innis mi ann an naigheachd eile, ’s ann air oidhch’ an réitich sin a thainig Mìcheil Martainn do thigh Ailein-a’ -Mhonaidh, a dh’ fhàg Glaschu gu tighinn a dh’ iarraidh Mor Ailein-a’ -Mhonaidh.
Ach ciamar ’chaidh do Ruaraidh? Bha ’n duine bochd cho socharach ’s nach tug e iomradh air tochar gus an robh am pòsadh seachad, ag earbsa gu ’n tugadh am bodach dha rud coìmeasach gun iarraidh ìdir. An deigh laimh ’n uair a thug e rabhadh d’a athair-céile mu ’n chùis, ’s ann a thubhairt e ris,— “ ’S ann a bha dùil agamsa ri cuideachadh iarraidh ort féin. Tha mis’, a’ bhalaich, cho lom, mu ’n d’ thubhairt iad e, ris a chirc o’n chochdaire.”
[Vol . 7. No. 2. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth.
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na eolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, C. B. OGUST 5, 1898.
Tha sinn duilich gu robh an MAC-TALLA air a chumail air ais ùine cho fada, ach cha robh comas againn air. Cha d’ rinn an inneal chlo-bhualaidh ach tighinn Di-satharna s’a chaidh—direach mios an deigh an ama bu choir dhi tighinn—agus mar sin cha robh dòigh againn air a’ phaipear a chur a mach. Ach thig e a mach gu riaghaflteach an deigh so, agus tha sinn an dòchas nach bi aobhar aig an luchd-leughaidh a bhi gearain air an dòigh sam bith.
Chaochail am Prionnsa Bismarck air oighreachd féin, faisg air Berlin, oidhche Di-satharna s’a chaidh. Bha e gu tinn o thoiseach a’ gheamhraidh s’a chaidh, agus bha e sior dhol na bu mhiosa uaithe sin. Bha Bismarck ’na dhuine ainmeil air feadh an t-saoghail àireamh bhliadhnaichean air ais. B’ ann dhasan a bhuineadh an cliù a’ Ghearmailt a dheanamh ’na dùthaich cho cumhachdach ’sa tha i an diugh. Fhuair esan i air a roinn na h-àireamh de rioghachdan beaga, anns nach robh aonachd no neart, agus dh’ fhàg e i ’na h-impireachd aonaichte a tha an diugh air aon de na dùthchannan a’s làidire ’san Roinn-Eòrpa. Bha e ceithir fichead bliadhna ’sa tri a dh’ aois. Tha a chorp ri bhi air adhlacadh air cnoc beag a tha mu choinneamh a chaisteil anns ’n do chuir e seachad roinn mhor de bheatha, agus anns an d’ fhuair e bàs.
Tha an cogadh eadar an Spàinn agus na Staitean gle fhaisg air a bhi seachad. Tha Santiago a nise ann an seilbh an airm Gheancaich, agus bratach nan Staitean a’ snamh ri crann ann. Cha mhor nach deachaidh gach blar a chaidh a chur leis na Stàitean. Bha da chabhlach Spainnteach air an cur do ghrunnd a’ chuain, aon ann an acarsaid Manila, agus aon an acarsaid Santiago, agus leis na mi-fhortain sin tha an Spainn air a lagachach cho mor ’s gu bheil i nise ’g iarraidh sith. Tha na Staitean deònach sin a dheanamh, ach tha i ag iarraidh Cuba agus Porto Rico dhi fhein, agus a bharrachd air sin eilean beag anns na Phillipines. A reir nan sgeul a thainig o chionn latha no dha air ais, tha an Spainn deonach na cumhachan sithe sin a ghabhail, agus cha’n eil ann a nise ach gu’m bi an t-sith air a gairm an ceann uine ghoirid. Bidh sluagh America air fad gle thoilichte an aimhreit a bhi seachad, oir a bharrachd air a chall beatha a dh’aobharaich an cogadh, chuir e malairt air ais gu mor; ’se fior chorra dhuine d’ an d’ rinn e feum.
BEUL-AITHRIS.
Anns an àm a dh’ falbh cha robh teaghlach bu chliuitich airson euchd agus tapachd na sliochd Iain Abraich, ann an Cataobh. So mar a fhuair e an t-ainm sin, Iain Abrach:
Bha dithis mhac aig Ceann-cinnidh Mhic Aoidh ri mhnaoi a thuilleadh air triuir no ceathrar nighean. A chum ionnsachadh a thoirt do’n chlann òg so, thurasdalaich e caileag a mhuinntir Lochabar. An deidh bliadhna no dà, ghabh bean Mhic Aoidh amharus nach robh cuisean ceart eadar fear an taighe agus a’ chaileag so, agus is e a bha ann, gu’n do chuir i dachaidh do Lochabar i. Cha bu fhada gus an d’thàinig fios gu’n robh a’ Bhan-Abrach torrach. Chuir bean Mhic Aoidh le cuideachadh cailleach nan cearc fo gheasan i, nach b’ urrainn di an leanabh a bhreith. Thug i iomadh latha gu trom, tinn, ach le druidheachd na caillich, cha robh faochadh no furtachd aice. Chuir i fios gu Mac Aoidh a dh’ innseadh an cor bronach anns an robh i, ach cha robh e ’na chomas fuasgladh air bith fhaighinn dith. Beagan laithean an deidh so thàinig teachdaire eile ag ràdh gu’n robh i na bu mhiosa. Thug Mac Aoidh an gille gu taobh agus sheol e da ciod a theireadh e ri bean an taighe. Gun innseadh an t-aobhar mu’n d’ thàinig e, bha e gu leigeil ris gun robh e à Lochabar, agus nuair a fheoiricheadh i-se ciod e an sgeul a bha aige à sin, theireadh e gu’n robh mac aig a’ chailinn a bha teagasg na cloinne, an latha a dh’ fhàg e. So mar thachair, cha luaithe a thug an gille fhreagairt chaidh chuir ’na bheul na leig bean Mhic Aoidh sgread aisde, agus ghlaobh i le guth ard, “Mo thruaighe,” agus ghrad bhris i gluinean dubh a bha oirre. Bu anns a’ ghluinean so bha na geasan, agus air ball nuair a bhris i e fhuair an te bha an Lochabar saorsadh agus bha leanabh mic aige. Ghabh Mac Aoidh curam gu’m faigheadh am mac diolain so ionnsachadh anns gach dòigh cho math ris an dithis eile a bha aige ri a mhnaoi. Dh’fhas Ian Abrach ’na ghille làidir, sgairteil, aig nach robh coimeas air son dànachd agus tapachd anns an dùthaich. Aig an àm sin bha seilbh aig Mac Aoidh, air Srath-Neamhair—gleann boidheach, aig an àm sin lan sluaigh, ged nach eil ann an diugh ach caoraich ag ionaltradh am measg nan larach. Bha muinntir Srath-Neamhair air an claoidh leis na Cataich air an dàra taobh agus leis na Gallaich air an taobh eile. Cha luaithe a chuireadh iad an ruaig air na Gallaich na bha na Cataich a’ toirt ionnsuidh orra. Bha iad ’nan daoine treun, gaisgeil, ach mur bitheadh duine seolta, sgairteil air an ceann, cha b’ urrainn daibh iad fhein a dhion an aghaidh an naimhdean. Mar so runaich Mac Aoidh am fear bu tàpaidh da thriuir mhac chur an ceann daoine Srath-Neamhair, ach air tus b’ éiginn da dearbhadh a chur orra, cò am fear b’fheàrr. Anns na laithean sin, bha an sluagh cumanta ag itheadh am biadh à soitheachan fiodh; na h-uaislean à soitheachan de phleodair; agus na h-ard-uaislean à soitheachan airgid. An Talla Mhic Aoidh bha gach soitheach de phleodair. Gu dearbhadh a chur air a chuid mic, so mar rinn e. Thug e ordugh am bord agus bonn gach soitheach a shuathadh le blonag, no oladh, gus an robh gach ni cho sleamhainn agus gu’n cuireadh osag gaoithe iad speileadh bhar a’ bhuird air an ùrlar. Chaidh gach biadh a b’ fheàrr an sin chuir air a’ bhord, agus thug e cuireadh do’n mhac a bu shine suidhe sios agus a dhiota ghabhail. Rinn an gille mar a dh’ iarradh air, gun bheag fhios aige carson, ach is gann a bha e ’na shuidhe nuair dh’ fhosgail an dorus agus leum cù mòr a staigh a chaidh chumail ’na thrasg car tri no ceithir laithean. Cha luaithe a fhuair e faile a’ bhidh na thug a leum air a bhord. A’ chuid nach d’ ith e leag e air an ùrlar gus ann an tiota, nach robh soitheach no ni eil air a’ bhord. Cha d’ fhuair an gille aon ghreim de’n bhiadh, agus cha robh aige air ach eiridh mar a shuidh e. Latha no dhà an deidh sin chaidh an dàra mac a chuir gus an aon dearbhadh. Thachair da-san direach mar a thachair do a bhrathair. Leum an cù leis an acras, agus mhill agus leag e na bha air. Chaidh a nis fios chuir air a mhac a bu òige—Ian Abrach. Thàinig e, agus chaidh gach ni chuir an rian mar do’n dithis eile. Is gann rinn e suidhe na leum an cù a staigh agus thug e an ionnsuidh a bhi suas air a’ bhord, ach bha Ian ro-chlis air a shon. Le aon bhuille de a dhorn spad e ris an ùrlar e, ag ràdh “Dean thu-sa luigheadh an sin, mo chùilean, gus an gabh mi-se mo bhiadh.” Thug e lamh air a’ mheis a thaitinn ris, ach bha am bord agus a’ mheis cho sleamhainn nach b’ urrainn da greim a ghabhail gun an t-aon làmh a bhi cumail na meise. Thug e mach an sgian dubh, agus shàth e i troimhe a’ mheis agus clar uachdar a’ bhuird— “Dean thu-sa stad an sin gus an gabh mi-se mo dhiota.” Thàinig Mac Aoidh a staigh, agus nuair a chunnaic e mar rinn am mac a bu òige, rug e air lamh air, agus thuirt e ris— “Is tu-sa Ian, theid air ceann daoine Srath-Neamhair. Tha mi dearbhta gur tu am fear de’n triuir is freagaraich.” Mar so thaghadh Ian Abrach gu bhi ’na cheannard air daoine Srath-Neamhair, agus dhearbh e le a ghiulan an iomadh cruaidh-chas gu’n robh e ’na ghaisgeach treun, cruadalach, a chumadh a chuid fein a dh’ aindeoin co theireadh e. Bha a shliochd iomaireadach anns an tir mar dhaoine tàpaidh foghainteach an cogadh no an sìth.
Facal o Mhac Gille-ghlais.
AM BAILE “REULTACH,” am mios mu dheireadh do ’n t-samhradh, 1898. —A CHARAID IONMHUINN. —Ann am broinn na litir so tha tha da dholair, aon air son mo charaid Eachunn Mac Fhionghain, agus aon air mo shon fein. Buaidh us piseach gu robh air an fhear-deasachaidh; “Gu ma fada beò e, agus ceò as a thigh.”
Tha mi duilich nach eil Gaidheil ro-lionmhor ’san àite so, ach am beagan a tha againn, tha iad math, agus a toirt moran taing do MHAC-TALLA air son a bhith a craobh-sgaoileadh a chànain dùthchasach.
An la a chi ’s nach fhaic, do charaid,
DOMHNULL MAC GILLE-GHLAIS.
IADSAN A’ PHAIGH.
Domhnull Mac Gille-ghlais, Stellarton , N.S.
Eachunn Mac Fhionghain, Stellarton , N.S.
Dr. A. H. Mac Aoidh, Halifacs, N.S.
Aonghas Mac Aonghais, Georgeville , N.S.
Eachunn Mac Fhionghain, Priceville , Ont.
D. I. Domhnullach, Greenfield , Ont.
Calum Mac Dhunléibhe, Duntroon , Ont.
Iomhar Mac Cuinn, Stayner , Ont.
I. S. Mac Gille-dhuibh, Pomona , Ont.
Murchadh Mac-an-t- Saoir, Parrot , Montana.
C. U. Caimbeul, Santa Ana, Cala.
Domhnull Domhnullach, Tekoa , Wash.
Gilleasbuig Camaran, North Burns, Mich.
Domhnull Mac-an-Toisich, Greenleaf , Mich.
Domhnull Mac-an-t- Saoir, Greenleaf , Mich.
Micheil Mac Phi, Greenleaf , Mich.
Bean C. B. Fox , Boston, Mass.
Iain D. Domhnullach, Salamanca , N. Y.
Dr. Uisdean Mac Neill, Chicago , Ills.
Eoghan G. Caimbeul, Sycamore , Ills.
Eoghan Mac Gilleain, Eilean Phictou, N. S.
M. Mac Laomuinn, Quincey , Mass.
Domhnull Mac Gilleain, New York.
Aonghas Mac Laomuinn, Stanchel, E. P. I.
Niall Mac Leoid, Duneideann, Alba.
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.
Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach,
Albannach agus Sasunnach.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
NIALL Mac Coinnich,
Sidni, C, B.
[Vol . 7. No. 2. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Chaidh deich Innseanaich agus coig Iapanaich a chall ann an stoirm air an amhuinn Fraser o chionn da sheachdain air ais.
Tha na leumadairean-feòir anabarrach pailt ann an stàit Kansas; ann an aon àite thainig iad air an rathad-iaruinn ’nam meall cho tiugh ’s gu’n do chuir iad stad air na carbaid!
Bha teine ann amPugwash , N. S. ,toiseach na seachdain s’a chaidh, agus bha seachd teaghlaichean deuga air am fagail gun dachaidh. B’fhiach na taighean a chaidh a losgadh mu dheich mile fichead dolair.
Thachair droch sgiorradh do Phrionnsa Wales o chionn seachdain no dha air ais, sgiorradh ma dh’ fhaoite a dh’ fhàgas crùbach e ri bheò, ged a tha na dotairean ag radh nach eil eagal sam bith orra dha thaobh.
Thachair droch sgiorradh do ghille beag ann an Heatherdale, E. P. I., o chionn beagan us seachdain air ais. Bha e a’ falach anns an fhiar, agus thainig an uidheam speallaidh air gun fhiosda, agus bha a dha chois air an gearradh dheth os cionn nan aobrunn. Is mac do fhear Ruairidh Mac Coinnich e, agus cha’n eil e ach sia bliadhna dh’aois.
Leis cho gann ’sa tha na cearcan-tomain a’ fàs air feadh Nova Scotia tha an riaghladh an deigh lagh a dheanamh a’ bacadh do dhaoine gin dhiubh a mharbhadh uaithe so gu ceann thri bliadhna. Cha’n fhaodar cearc-thomain a mharbhadh tuilleadh gu toiseach October ’sa bhliadhna 1901, agus an deigh sin cha’n fhaodar am marbhadh ach eadar toiseach October agus toiseach December gach bliadhna.
Tha bean Iain Mhic Coinnich, áNew Westminister, B. C. ,air chuairt ann an Ceap Breatunn aig an am so a’ sealltuinn air cairdean a fir, a fhuair a bhreth us àrach ann am Malagawatch. Tha a piuthar-céile, Ceit Nic Coinnich, còmhla rithe; tha ise o chionn aireamh bhliadhnaichean a’ cumail sgoile ann an Columbia Bhreatunnach. Tha Mr. Mac Coinnich ’na fhear-ruith fearann. Bha Mrs. Nic Coinnich agus Mrs. Nic Amhlaidh, Taobh Deas Amhuinn Dhennis, air chuairt ghoirid ann an Sidni ’s an Sidni Tuath toiseach na seachdain so.
Tha fiosan a’ tighinn as na Stàitean ag innse gu bheil am bàrr anabarrach math air an fhoghar so, na’s fhearr ann an àiteachan na bha e o chionn iomadh bliadhna. Tha so fior gu h-àriadh mu stàit New York, far am bheil na saibhlean aig na tuathanaich loma làn, agus cruachan mora air na machraichean do nach b’ urrainn dhaibh aite fhaotainn anns na saibhlean. Air do ’n chrithneachd a bhi cho pailt, cha’n eil coltas gu’m bi am biadh cho daor air a’ bhliadhna s’a tighinn ’sa bha e air a’ bhliadhna chaidh seachad. Bha tiormachd mhor ann an California deireadh an t-samhraidh, ach i nise gu bhi seachad.
Ann am Bridgetown, an siorrachd Annapolis, air Di-mairt, an Naodhamh latha deug dhe ’n mhios s’a chaidh, chaochail Eachunn Mac Gilleain, duine còir a mhuinntir Cheap Breatunn ris an abradh na Gàidheil am bitheantas “Eachunn a’ Champa,” Bha e ann an làithean ’oige ag obair air togail rathaidean iaruinn; shoirbhich leis gu math, agus naodh bliadhna air ais, cheannaich e fearann ann am Bridgetown. Bha e na duine anabarrach còir; b’ fhior Ghàidheal e, agus cha robh duine chuir eòlas air nach robh measail air. Bha e ’na bhall dileas dhe’n eaglais Chléirich, agus ionndrainear gu mor e leothasan a bha ’nan co-luchd-aoraidh dha. Tha a chàirdean ann an Ceap Breatunn lionmhor, agus bidh iad glé dhuilich sgeul a bhàis fhaotainn.
Chaidh tigh-osda ’na theine ann an Chicago, an latha roimhe, agus bha triuir dhiubh-san a bha fuireach ann air an losgadh gu bas.
Tha na tuathanaich a nise ’g obair air an fhiar, ach cha’n eil an t-side gle fhabharrach dhaibh. Tha an t-uisge a’ sileadh gu math tric, agus ’s ann fior chorra latha a tha deagh thiormachadh ann.
Bha blàths anabarrach ann Di-satharna s’a chaidh; tha cuid ag radh nach robh latha cho blàth ann o chionn da bhliadhna. Bha Di-dònaich gu math blàth cuideachd, ach cha robh e idir suas ri Di-satharna.
Chaidh ceithir Innseanaich a ghlacadh ann anHeron Bay, Ont. ,an la roimhe air son mort a rinn iad o chionn cheithir bliadhna air ais. Tha iad a nise ann am priosan, agus an ùine gun bhi fada theid an toirt gu ceartas.
Thainig bàs gle aithghearr air fear Micheil Nearing, ann anVictoria Mines,feasgar an latha roimhe. Bha e ’na shuidhe ’s an starsuich a’ smocadh ’nuair a thuit e marbh. Bha e air a bhi tinn leis an ròs, agus bha e aig an am air a dhol beagan am feobhas, Dh’ fhàg e bean agus teaghlach mór.
Thatar a’ nise ’cur a mach paipeir naigheachd ann am baile Bhaddeck; tha e air a dheasachadh le Tearlach H. Peppy, agus air a dheagh chlo-bhualadh. Tha Baddeck ’na chnapach math baile, agus tha dùthaich beairteach air a chùl; bu choir dha a bhi lan chomasach air paipear a chumail suas.
Thatar a’ meas gu’n d’thainig fiach còrr us naodh muillean dolair de dh’ òr as a’ Chlondaic air a’ mhios a dh’fhalbh. Ma leanas iad rompa cha’n fhada gus am bi an dùthaich loma lan dhe ’n stuth phriseil. Ach tha eagal oirnn gu’n teid uine mhath seachad mu ’m bi muinntir an eilein so buidheach; cha bhi na h-aobhair aca.
Tha meinn an Reserve a nise ’g obrachadh gu math na’s fhearr na bha i o’n thainig an samhradh. B’àbhaist do’n mèinn sin a bhi air aon de’n fheadhain a b’fhearr ’san dùthaich ach am bliadhna bha’n obair innte gle fhada air ais, agus bha aon uair fathunn a’ dol mu’n cuairt gu robh i gu bhi air a dùnadh suas. Ach tha dòchas aig daoine nach robh ann dhe sin ach am fathunn fhéin.
Di-luain s’a chaidh thainig a mach a’ cheud àireamh dhe’n Record, paipear naigheachd làitheil a thatar a’ cur air chois anns a’ bhaile. Tha e ’na dheagh phaipear, agus bu chòir do mhuinntir Shidni ’s nam bailtean eile tha timchioll air, an dichioll a dheanamh air a chumail suas. Bu chòir paipear lòitheil a bhi againn an Ceap Breatunn ’nan gabhadh e idir deanamh. Tha an Record air a dheasachadh ’s air a chur a mach le Eòseph Dòmhnullach, Gàidheal òg a mhuinntir a’ bhaile so fhein; bha e ’g obair o chionn àireamh bhliadhnaichean an oifis a’ Herald ann an Sidni Tuath.
Fhuaireadh o chionn ghoirìd litir o dhuine mhuinntir a Ghlinn a Tuath, Loch Lomond, Dàidh Mac Cuthais,, a dh’fhàg a dhachaidh o chionn da fhichead bliadhna ’sa seachd, agus o nach d’ fhuaireadh fios co-dhiu a bha e beò no marbh o chionn da fhichead bliadhna ’sa ceithir. Chunnacas mu dheireadh e le a bhràthair ann am baile Halifacs, anns a’ bhliadhna 1854. Uaithe sin cha d’fhuaireadh ìomradh air, agus cha robh dùil sam bith gu robh e beò idir gus an d’ fhuair a bhràthair, Iain, an litir a dh’ ainmich sinn. Tha e ’fuireach ann am Amazoni, an stait Missouri; tha e pòsda agus ochdnar chloinne aige. Tha e air a dheagh dhoigh, agus ged tha e ’n deigh aois mhath a ruigheachd—tri fichead ’sa h-ochd—tha e gu slàn fallain, ni a tha a chàirdean ro thoilichte a chluinntinn, an deigh dha a bhi ùine cho fada air chall orra.
AMHERST BOOT AND SHOE MFG. CO.,
AMHERST, N. S.
A’ CHUIDEACHD GHRIASACHD A’S MOTHA THA ’S NA ROINNEAN ISEAL.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
Am Bathar a’s Fhearr.
Na Prisean a’s Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.
[Dealbh]
Tha sinn a nise ’nar luchd-gnothuich aig a
CHANADACARRIAGE CO. ,
air son Eilean Cheap Breatunn.
Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead le ’cheannach uainne.
Tha sinn mar a b’ abhaist a’ creic Truncaichean, Màileidean, Acuinneach, Bratan-carbaid, Cuipichean, Carbadan Cloinne, Olla, Dubhaich Bhròg, & ., &c .
F . Falconer & Son,
Sidni, C. B.
J. E. EISAN.
PIANOS AGUS ORGAIN.
AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, C. B.
BATHAR CRUAIDH.
Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor.
Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.
AN T-AITE
ANNS AN CEANNAICH THU
Suic agus
Iaruinn Cruinn,
Creamers,
Soithichean Bainne,
Airneis-taighe,
Stobhaichean,
Flur, Min, etc., etc.
AN STOR AIG
Isaac Greenwell,
SIDNI, C. B.
[Vol . 7. No. 2. p. 6]
AN CEARD MOR.
LE AONGHAS MAC EANRAIG.
Is math a dh’ fhaodadh cuimhne ’bhi aig muinntir Glinn-na-Eidheannaich air sgeulachdan a chluinntinn aig seann daoine an àite sin, mu dheighinn a’ chuiridh cholgarra, “An Cèard Mor.”
Aig bràighe a’ Ghlinne tha lagan bòidheach uaine, air a chòmhdachadh le feur, le rainich ’s le luachair. ’S ann anns an lagan so a’ bha na ceàird, air am bheil mi ’los iomradh a thoirt a’ gabhail còmhnuidh. Cha ’n eil mi ag ràdhainn gu ’n robh iad a’ fuireach an so a h-uile latha ’s a bhliadhna. Tha eagal orm nach còrdadh e ach meadhonach ri càil nan ceàrd na’m biodh aca ri fuireach anns an aon àite daonnan. ’S ann mar a bha, bheireadh iad sgriob an dràsd ’s a rithist mu ’n cuairt na dùthchannan, ach bha iad a’ chuid gu mòr bu mho de ’n ùine an Gleann-na-h- Eidheannaich. ’S ann an so, mar gu’n abradh sibh, a bha ’n dachaidh.
B’e ’n “Ceàrd Mor” a theirteadh ris a’ Cheannard a’ bh’ air a’ bhaidne so—ceatharnach suathrsach, aig an robh bean cho fusach ris fhein, latha sam bith de ’n t-seacaduin. Cha b’e deanadh nan spàinean an t-aon tighinn beò a bh’ aig an laoch, ’chionn b’ àbhaist dha féin agus do sgioba math d’a chompanhich a bhi daonnan a mach feadh na h-oidhche, air na rathaidean mora, deas gu duine ’sam bith a bhiodh a gabhail an rathaid a spùineadh, agus a leigeil air a thurus beagan na b’ aotruime ’s na pòcannan. Is ainneamh a bha iad air an toirt gu “ceartas” air a shon so. Co an Gàidheal a smaointicheadh air òganach còir, ’s gu seachd sònruichte ceàrd a’ chur an cunnart priosain airson beagan airgid-pòca a thoirt bh’ uaithe? Mar so, faodar a thuigsinn gu’n robh na ceàird a’ fàs gle dhàna, ladurna, agus nach cumadh an t-eagal air ais iad o dhol an gruaig duine chuimsich ’sam bith.
Ach gu tighinn gu m’ naigheacad. ’Dé ’rinn an Ceàrd Mor agus a chuid ghillean oidhche ’bha ’n sud ach dol an caramh Fear-a’ -Choire, tighearna fearainn a bh’ anns a’ choimhearsnachd, agus e a’ tilleadh bharr faidhir na Féill Màrtuinn, le suim mhath airgid ’na phòca. Thug iad dheth a a-uile sgillinn a bh’ air, agus air a shon bhreab iad e, agus bhris iad tri aisinnean ’na chliathaich. Bha an oidhche car gu math dorcha—cha robh gealach no rionnag ri fhaicinn—agus anns an iorghuill a bh’ ann, ’de ’thachair ach gu ’n do chaill an Ceàrd Mor a bhoineid.
Beagan an deigh so thàinig tuathanach còir a bh’ anns an àite air aghart—Fear Bhaile-nan-Sop—agus mhothaich e rud-eigin a’ dol m’a chasan. Thog e an rud a bh’ ann agus dh’ aithnich e gur h-e boineid a bh’ aige ’Dé ’bha ’n so ach boineid a’ cheàird. Gu ’n mhoran smaointeachaidh mu’n chùis dh’ fhalbh e agus spàrr e air a cheann i. Cha deachaidh e fad air aghart ’nuair a thachair air Fear-a’ -Caoire agus ceathrar no chòigear d’a sheirbhisich agus boinneid mhor a cheàird air, shamhlaich e ’s a’ mhionaid e ri h-aon de’n fheadhainn a spùin esan. Ghlac e e, agus thug e thairis do ’n lagh e.
’Nis, bha Fear Bhaile-nan-Ssp fo dheagh theisteanas anns ann sgìreachd, ’s cha robh duine sam bith a’ creidsinn gu ’n deanadh e idir gniomh co suaraca ri làmh a caur am Fear-a’ -Choire, ged a bhiodh oighreachd air a gealltainn dha airson a shaoithreach. Ach ged a bha meas aig na h-eòlaich air cha sheasadh sin dad dha air beul-thaobh siorraim, agus bha cùisean a’ sealltainn gle fhada ’na aghaidh.
Tha ’n sean-fhocal ag ràdhainn nach eil an donas fhéin cho dubh ’s a nithear e, agus is ann mar sin direach a thachair do ’n Cheàrd Mhòr. Cha robh toil ’sam bith aige Fear Bhaile-nan-Sop a dhìteadh na ’n gabhadh e tearnadh gun e fhein a chur an cunnart. Leis an rùn chriosdail so, ’n uair a thainig an latha air an robh a’ chùis ri tighinn fa chomhair an t siorraim thog e air gu tigh na cùirte. Bha an tigh dearr-làn, ’chionn bha mòran aig an robh toil a chluinntinn cia mar a rachadh do’n ghnothach, agus shuidh an Ceàrd Mor agus a bhean, Iseabal, ’am measg chàich.
Air bòrd a bha air beulthaobh an t-Siorram chunnaic an Ceàrd a bhoineid fhein—eudail uile, dh’ aithnicheadh e am measg mhiltean i! Chaidh glaodhach air Fear-a’ -Choire, agus mhionnaich e gur h-i a’ bhoineid a bh’ air a’ bhòrd an ceann-aodach a bh’ air fear de ’n fheadhainn a spùinn e; agus, cuideachd, gu ’n d’ fhuair e fhéin agus a ghillean greim air Fear Baile-nan-Sop, beagan ùine ’an déigh dha ’bhi air a spùinneadh, dlùth do’n àite anns an do thachair na mèirlich air, leis a’ bhoineid cheudna air a cheann; agus cha robh teagamh ’sam bith aige nach b’e Fear-Bhaile-nan-Sop a h-aon de na mèirlich.
Cha bu droch riasan a bh’ aig Fear-a’ -Choire airson a’ bhi ’samhlachadh Fear Bhaile-nan-Sop ris a’ mheirleach, ’chionn bha suaip mhòr aige fhéin agus aig a’ Chèard r’a chéile nan cumadh, nan cruth, agus nan dreach. ’N uair a chuir Fear Bhaile-nan-Sop, aig iarrtus an t-Siorraim, a’ bhoineid air a cheann, bha Fear-a’ -Choire co chinnteach gu’m b’e a h-aon d’e ’na mèirlich agus a bha e gu’n robh aige ri bàs fhaotainn. Cha robh stàth do’n chrionglaich fiachainn ri e fhéin a dhion: —bha cùisean gu tur ’na aghaidh.
Fad na h-ùine ’bha na gnothuichean so air an soilleireachadh do’n t-Siorram bha an Cèard Mòr a’ deanamh a’ suas ’na inntinn fhéin ’dé an dòigh air am b’ urrainn dha Fear Bhaile-nan-Sop a shaoradh gun e fhéin a dhìteadh. M’a dheireadh, ’nuair a’ bha ’n Siorram ag èirigh a’ thoirt a mach binn an duine chòir, chuir an Cèard cagar ’an cluais Iseabail agus rinn e a rathad a’ sios gu beulthaobh an t-Siorram, air a dhlùth leanailt le Iseabal. Dh’iarr ’us fhuair e cead bruidhinn, —thog e a’ bhoineid bharr a’ bhùird, agus, a’ tionndadh ri Fear-a’ -Choire, chàirich e air a cheann i. “Fhir-a’ -Choire,” ars’ esan, “innis dhomh, ’an làthair an t-Siorraim agus gach duine eile ’tha cruinn an so, có dhiu is coltaiche mise, leis a’ bhoineid so air mo cheann, no Fear Bhaile-nan-Sop, ris a’ mhèirleach a spùinn thusa aig Beàlach-nan-con?”
Sheall Fear-a’ -Choire gu geur car tiota, ’s an sin ghlaodh e ’mach, mar gu’m faiceadh e tannasg, “Thusa, thusa! Mar is beò mi ’stusa ’n duine: —glacaibh e, glacaibh e!”
So na bha dhith air a’ Cheard. Thionndaidh e ris an t-Siorram, ’s thuirt e: “Tha sibh a nise ’faicinn ’de’n duine ’th’ agaibh ann am Fear-a’ Choire. Duine ’sam bith air am faic e ’bhoineid so, tha e dearbhta gu mèirleach e. Bheir mi m’ fhacal m’a chuireas sibh fhéin an ceann-aodach so air ’ur ceann gu’m mionnaich ’s gu’m bòidich e gur sibh a spùinn e. Cha’n fhiach fhacal facal ceàird, ’s is feàrr facal ceàird na é. Fuich, fhuich!” Thug a’ chuideachd uile gaoir asda; thuirt an Sioraam gu’n robh a’ chùirt thairis; agus fhuair Fear Bhaile-nan-Sop mar sgaoil. Ochòin, a Rìgh! “ ’S fhèarr caraid ’s a’ chùirt no crun ’san sporran,” agus Is fhèarr duine no daoine; agus ’s e Fear Bhaile-nan-Sop, a dh’ fhairich so.
Ach, cha b’ ann air a so a dh’ aithriseadh an sgeul. ’Fhad ’s a’ bha gnothaichean a’ tighinn gu crìch dh’ fhalbh Iseabal (mo ghalad!) agus spiolar leatha currachd an t-Siorram, airson léintean a dheanamh dheth d’a cuid cloinne. Cha do leig an Cèard Mòr a’ Mhaighdean buileach le sruth na bu mhò, ’chionn, ’nuair a’ bha Fear-a’ -Choire a’ gabhail a dhinnearach ’san tigh-òsda, ’an déigh do’n chùirt dol mar sgaoil, ghoid e’n t-each aig’ ás an stàbuill; leum e fhéin, ’s Iseabal air a mhuin, agus tharruing iad co luath ’s a’ bheireadh casan an eich iad, do Ghleann-na h-Eidheannaid. Gu ’n mhoille mionaide thog na cèaird uile an imrich ’s mu ’n d’ thàinig beul na h-oidhche cha robh a h-aon dhiubh mar fhichead mile do’n Ghleann; ’s mu ’n d’ thàinig beul an-latha, bha iad—aig an Fhortan tha brath c’àite. Cha do chuir Fear-a’ -Choire tòir sam bith air an each, —bha e sgìth gu leòir d’e ’n lagh, —agus cha b’fhada gus an do chuir an Ceard gu margadh e.
Seann Sgeul mu thimchioll Loch Odha.
Cha’n eil loch uisge ’san rioghachd uile a’s àille na Loch Odha. Cha’n eil sinn cinnteach an cuala gach aon a tha leughadh a’ phaipear so, an dòigh anns an do lionadh an tùs an gleann anns am bheil an loch so le uisge, no, ann am briathraibh eile, an dòigh air an d’ rinneadh Loch Odha.
Cha’n eil sinn uile gu lóir ag ràdh gu bheil an eachdraidh fior; ach a dh’ aon chuid “ma’s breug bhuainn ’s breug dhuinn.” Leugh sinn an sgeul ann an leabhar, agus mar a leugh tha sinn a nis ’ga chur a mach.
Air mullach Beìnn Chruachain tha an tobar as an do lionadh Loch Odha, agus is ann mar so, tha iad ag ràdh, a thachair a’ chùis.
Bha Bera aosmhor a chòmhnuidh ann an uaimh na Creige Moire—bu nighean i do Ghreannan Glic. Ré iomadh linn bha na daoine bho’n d’ thainig i a’ tuinneachadh na dùthcha sin, teaghlach éathail, fialaidh, cumhadhdach. B’i Bera an t-aon mu dheireadh do’n teaghlach ainmeil so. Bu leatha-se mar oighreachd gach gleann àillidh feurach a chithear thimchioll Chruachain, agus na treudan lionmhor a bha ’g ionaltradh air gach coire agus monadh agus srath mu’n cuairt.
An earbsa ri Bera bha ’n tobar diomhair d’ am buineadh iomadh buaidh, air a chleith o eòlas agus o fhradharc an t-saoghail. B’e sin tobar na truaighe do Bhera agus do theaghlach a h-athar! Bha leac mhor aig beul an tobair so, agus bha mar fhiachaibh air Bera an leac a chur thairis air an tobar mu dhol fodha na gréinne, agus an leac cheudna a thogail air falbh co luath ’s a bhiodh gathan soluis na maidne ag òradh àirde ’nan speur. Bha briathran air an deargadh air an lic so, cosmhuil ri seann sgriobhadh, ach cha do dhearc sùil air a chloich riamh a b’ urrainn na litrichean diomhair sin a leughadh.
Latha de na làithean, thachair do Bhera ’bhi mach a’ sealg an fhéidh, air feadh gharbhlaichean Chruachain, agus air dhi bhi air a claoidh le sgios na faoghaid, cha luaithe ’phill i dhachaidh ’san anmoch ’s a shìn i i féin air an leabaidh luachrach fo dhubhar nan craobh, ’na thuit i ’na suain, agus rinn i dearmad air an lic a chàramh air beul an tobair. Ghrad bhrùchd nh h-uisgeachan an uachdar, mar abhuinn mhor nach b’ urrainnear a chasg! Shiubhail an tuil gu luath, mar steall ’s mar eas mor sios ri guala na beinne, o chreig gu creig gus ’n do lion na h-uisgeachan an gleann, agus ris an abrar o’n àm sin Loch Odha. Air an treas latha dhùisg Bera thruagh! Chaidh i ’thogail na lice, ach leac cha robh ann! Dh’ amhairc i sios air a ghleann, ach an àit a’ ghlinne bu ghuirme ’s bu luraiche ’s a b’ àille, cha robh r’a fhaicinn ach aon loch mor uisge! Thug Bera sgriach oillteil—fhreagair gach creag, gach doire ’s gach gleann—chriothnaich Beinn Chruachain g’a meadhon! Dh’ fhàg Bera an saoghal bochd so. Dhirich i gu talla ard nam flath ainmeil o’n d’ thainig i—fada, fada shuas os ceann fradharc cruthaichte, am measg neula geala tana nan speur. Shuas an sin cluinnear fhathast a sgriach, agus is culaidh-oillt so do bhuhchaillean agus shealgairean Chruachain. Air neula dorcha chithear i ag iadhadh mu mhullach na beinne, cluinnear an
[Vol . 7. No. 2. p. 7]
sin gu tric a torman mulaid—am bruaillean na doininn tha i gu tric a’ dol am mach; air iomall dorcha neòil dhubha nan speur, chithear i a’ mireag le buaireas garg. Mar charragh ard de ’n cheò a’s gile chithear i a’ sealg an fhéidh air a’ bheinn le ’bogha ’s le dòrlach làn! ’Na cobhar geal chithear i san tuil o leum-uisge gu leum-uisge, o linne gu linne, gus fa-dheòigh an ruig i Loch Odha, air am faicear i a snàmh mar chiùin eala bhàn, o eilean gu eilean—gu tric o làraichean briste Chaolchuirn—o shean abaid Innis Fhàil agus Innis Eraith, cluinnear a gul-ghearan tiamhaidh. Agus o bhinnen Chruachain, chithear gu tric i air maduinn shamhraidh ag éireidh ’na h-éididh aotrom cheòthar a dh’ fhàilteachadh na gréine, agus an graide caillear as an t-sealladh i ’measg ialta aoibhinn dealrach nan speur. —Highland News.
Oran do “Mhac-Talla.”
Bha Calum a’gabhail fadail nach robh MAC-TALLA tighinn air an t-seachdain ’sa chaidh agus ’se rinn e, an t-oran a leanas a chur ri cheile dha.
Gu de chum mo run gun tighinn,
Gu de chum mo ghaol gun tighinn,
B’e mo mhiann air gach Di-haoine
Bhi tacan ri d’ thaobh a’ bruidhinn.
Oigear dhuinn, tha mise ’n deigh ort,
B’ og thu ’nuair a thug mi speis duit
Ann a t-aodann rinn mi leughadh
Na fir ghleusd’ on d’ rinn thu tighinn.
B’ og thu ’nuair a fhuair mi eol ort,
B’ fhada leam gu ’n d’ fhuair mi coir ort,
Chuir mi fichead de de m’ luchd-eolais
Leis na dolair oir ga d’ shireadh.
Gur neo sgaffanta do chomhradh,
’S beag tha d’ chom do dh’ fhonn na rolaist:
Moran firinn, beagan boilich,
A gheibh sinn an comhnuidh ’d bhruidhinn.
’S iomadh buaidh tha air an armunn,
Gheibh thu faoilte ’n Cuirt na Ban-righ’nn!
An Ceap Breatunn a chaidh d’ arach—
Tir an aigh, na magh ’s na fireach.
Tir na machair ghlan ’s na alltaibh,
Tir nan craobh a’s aille cleochda,
Tir nan ob a’s boidhche ’s t-samhradh
On faigh bata seolaidh iomairt.
Tir na flur ’sa mhaduinn bhraonaich,
Tir nan eun a’ seinn san aonach,
Tir a’s boidhche th’ air an t-saoghal,
Tir tha fir le maoin a’ sireadh.
Gur beag ioghnaidh thu bhi d’ shlainte,
’S na fir oileanta thug gradh dhut:
Thug Mac-Illean an lamh dhut,
Iomadh sgoilear ard ’us filidh.
Cha ’n eil curam gun d’ thig crionadh
Air an lasgaire gu siorruidh:
Tha na miltean feadh nan criochan
’Cur le cridhe fial ga d’ shireadh.
’S iomadh fleasgach laidir, lughmhor,
Tha na charaid’ air do chulthaobh,
’Sheasas ro-dhileas an cuis thu,
’S nach leig beud ad’ ionnsuidh tighinn.
Leis an inbh’eachd ard on ghluais thu,
Leis gach fabhar tha riut fuighte,
’S iad do chompanaich na h-uaislean,
Fhir gun ghruaim, ’s a luaidh na nighean.
’S iomadh gruagach og tha ’n deigh ort,
Eadar Albainn agus Eirinn;
’S an an Canadaidh tha ceudan
Ni do leughadh gleusda, fileant’.
B’ annsa leam na ceol na fidhle,
’S a cuid theud an deigh a’ sineadh.
Eolas uat air dol ar sinnsir
’S air gach stri o d’ rinn iad tilleadh.
Buaidh do ’n fhear a dh’ araich og thu,
’S a sgeadaich maiseach an clo thu,
’S caraide nan Gaidheal coir e,
’S cha ’n fhaic iad a choir san iomairt.
Braigh Amhuinn Mhargaree.
C. G.
Cha ’n urrainn dhut paipear Gailig fhaighinn an aite sam bith ach Mac-Talla, ’s bu choir dhut a bhi gle mheasail air.
Am Feillire.
OGUST, 1898.
1 Di-luain An Liunasdal
2 Di-mairt Blar Bhlenheim, 1704.
3 Di-ciaduin Crunadh Seumas III, 1460.
4 Dior-daoin (3) Ceud thurus Cholumbuis, 1492
5 Di-haoine Bas Roib Dhuinn, 1778
6 Di-satharna (5) Blar Ghruinneart, 1598.
7 DI-DONAICH 9mh Domhnaich na Trianaid
8 Di-luain Bas Dheorsa Channing, 1827
9 Di-mairt
10 Di-ciaduin
11 Dior-daoin Blar Dhailrigh, 1309.
12 Di-haoine Breth Deorsa IV, 1762.
13 Di-satharna Bacadh deise Ghaelich, 1746
14 DI-DONAICH 10mh Dòmhnaich na Trianaid
15 Di-luain Breth Bhoniparte, 1769.
16 Di-mairt Fad an latha, 13 u. 50 m.
17 Di-ciaduin
18 Dior-daoin Blar Phreston, 1649.
19 Di-haoine Bliadhna Thearlaich, 1745.
20 Di-satharna
21 DI-DONAICH 11mh Dònaich na Trianaid.
22 Di-luain Blar Dhunchaillinn, 1669.
23 Di-mairt Bas Uilleim Uallais, 1305.
24 Di-ciaduin Feill Bhartolomeis.
25 Dior-daoin Pongannan Pheairt, 1618.
26 Di-haoine Blar Chrecy, 1346.
27 Di-satharna
28 DI-DONAICH 12mh Dònaich na Trianaid
29 Di-luain Blar Loch Aillse, 1722.
30 Di-mairt Bas Chardinail Iorc, 1807.
31 Di-ciaduin Fad an latha, 13 u. 6 m.
MUTHADH AN T-SOLUIS.
An Solus Lan, L. 2, U. 0, M. 15 M.
An Ceathramh mu Dheireadh, L. 9, U. 1, M. 59 M.
An Solus Ur, L. 17, U. 6, M. 20 M.
A’ Cheud Cheathramh, L. 24, U. 4, M. 18 F.
An Solus Lan, L. 31, U. 8, M. 37 M.
Am bheil romhad tigh no sabhal ur a thogail? Ma tha, paighidh e dhut do chuid thairnnean, glaine, paipear, paint, aol, plaster, luaidhe, glasan, ludagan, rop agus uidheaman saoirsneachd a cheannach bho
C . P. MOORE.
’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, ma bhios speal, sgrioban, forc no cas forca a dhith ort, theirig g’ an iarraidh gu
C . P. MOORE.
Nuair bhios a chlann ag iarraidh sgliat no leabhar ur, paipear sgriobhaidh, pinn, no inc, ceannaich iad bho
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B
Sin an t-aite anns am faigh thu gach ni dhiubh so gle shaor.
THA EARBSA
aig daoine ann am maidsichean Eddy— ’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha “coltach” ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum.
Tha ’n t-ainm so na urras air mathas.
THE
E. B. EDDY Co., Ltd.,
HULL, CANADA.
Am bheil thu air son a’ Ghailig a chumail suas? Ma tha, cuir a dh’ iarraidh MHIC TALLA, an aon phaipeir Gàilig a thatar a cur a mach. Dolar ’sa bhliadhna.
’NUAIR THEID THU ’BHADDECK
TAGHAIL AN STOR
Albert I. Hart.
Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram,
Bathar Cruaidh,
Amhlan,
Aodaichean,
Caiseart, Adan,
Curraichdean,
Agus iomadh ni eile.
An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
Stewartdale , C. B.
CLOTH, DROGAID,
AGUS
Plaideachan “EUREKA.”
Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic.
Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige.
DH’ IARRAMAID AIR
NA GAIDHEIL
’s air muinntir eile a tha air son“Typewriter”a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na
Blickensderfer No. 5,
mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35 .
Tha seorsachan eile againn cuideachd.
CREELMAN BROS.,
TYPEWRITER CO.
15 Adelaide St. East,
TORONTO, ONT.
C. H. HARRINGTON & CO.
NA MARSANTAN A’S FHAIDE THA DEANAMH GNOTHUICH ANN AN SIDNI.
THA IAD A’ CREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile.
“SALADA TEA, ”
Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c .
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B.
D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C. B.
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Floiri Nic Fhionghain
a’ cumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan a’ cosg.
ADAN,
BONAIDEAN,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN,
GEUGAN.
agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor.
FEUCH GU ’N TAGHAIL THU.
THE WANZER LAMP.
[Dealbh]
Cumaidh i Solus Riut.
Bruichidh i ’m Biadh Dhut.
Goillidh i ’n Coire Dhut.
Tairnnidh i ’n Ti Dhut.
Cha chosg i uiread olla ri lamp’ eile, agus ni i solus moran na ’s fhearr. Gheibh thu ri ceannach i aig
Caipt. Ruairidh Mac Neill,
SIDNI, C. B.
[Vol . 7. No. 2. p. 8]
Oran do Uilleam Mac Suain, ’s na h-Earradh.
LE IAIN MARTAINN, GLASCHU.
Fhir a theid thairis thar gleannan a’ chuain,
Ma theid do na h-Earradh thoir beannachdan uam,
Is innis gur fallain mi dh’ Uilleam Mac Suain
Fior oganach smearail ’s fear ghabhail nan duan.
Nuair bhios mi n’am aonar a smaointean a ghnath,
’Nuair thach’ramid comhla ’sa choisir mar b-abhist,
’S tu chuireadh air doigh dhuinn na h-orain a b-fhearr,
’S iad uile le solas ag ol do dheoch slaint.
Tha ’n comunn air sgaoileadh a b’ aoigheala blath,
Cha chruinnich an oigridh do ’n Mhod mar a b-abhist,
’S ged theid mi do ’n chomhlan cha chord rium an dain,
’S fear ghabhail nan oran an comhnuidh as ait’.
Gur math do na ghruagaich a bhuanaicheas tu
Fior oganach buadhmhor ’s fearr gluasad ’s gach cuirt,
Tha beannachd an t-sluaigh leat, le suairceas do ghnuis,
’S nuair shuidheas na h-uaislean, ni luaidh air do chliu.
Gur taitneach do ghluasad ’s gur h-uasal do ghnaths,
Gu suilbheara suairce gun uaill a measg chaich,
Gach Mod le meud uaibhir sior luaidh ort gach la—
Toirt cliu air do stuamachd do bhuadhan ’s do bhaigh.
Tha maise do shinnsreabh a stri riut a ghnath,
’S an teisteas cha diobair feadh linntinn gu brath,
Fear sheasamh na firinn bha fiorghlan ’s gach cas,
Le lann ghearrach mhillteach cuir crioch air a namh.
Mo shoraidh le durachd a dh’ ionnsuidh Mhic Suain,
Le taitneas tha cliu ort na ’d dhuthaich ga luaidh,
Nan tigeadh tu ’n taobhsa thoirt dhuinne nan duan
’S mi dh’ oladh gu sunndach deoch ur dhe ’n stuth chruaidh.
AN T-EILEAN SGIATHANACH.
Oran Samhraidh.
LEIS AN T-SIORRAM MAC NEACAIL.
Air Innse na Greig’ is aill’,
Tha luaidh nam Bard nach gann;
B’e m’ ulaidh-sa riamh na h-Eileanan Iar,
Far an cluinnear cainnt nam beann.
Tha Itaca, Ciprus is Rods,
Ionmhuinn le clann nam fonn;
Ach I-Chaluim-Chille, ’s i gradh gach filidh
Chaidh altrum an Alba nan sonn.
Ged ’s boidheach a’ ghorm Mhuir Dheas,
Far an cleasaich ’n a neart a’ ghrian,
’S ann leam gu ’m b’ fhearr ’bhi coimhead an t-sail’
A’ briseadh air cladach na h-Iar!
Beinn Shioin, an Aithne, ’s an Roimh,
Faiceam mu ’n teid mi fo ’n uir,
Ach ’s beag mo speis do bhaile fo ’n ghrein,
An coimeas ri Eilean mo ruin.
Ars’ an coigreach, a’ fiosrach dhiom fhein,
Ciod e na h-ioghnaidh a t’ ann?
“Ciod iad nach ’eil,” do fhreagair mi deas,
“Ma tha suilean gu faicinn na d’ cheann?”
Ach bheirinn a’ chomhairle dhut.
Ma ’s duine thu tha meata na d’ chail,
Ma ’s fuath leat fras, na ruith gu bras
A choimhead air Eilean mo ghraidh!
An toigh leat na beanntan mor,
Cruachan ’s na neoil gu h-ard?
Coireachan, frithean, dachaidh an fhireoin,
’S an cluinnear na h-easan a’ gair?
An toigh leat na glacagan grianach,
Innisean sgiamhach nam bo,
Is uamhan ’bheir fonn ri guth nan tonn?
Siubhail gu Innis a’ Cheo!
Tha “Matterhorn” taght’ air son chas,
Ma’s aill leat thu fhein a mhilleadh;
Ach cothrom cho saor a ghiorrach’ do shaoghail,
Gheibh thu air Sgur-nan-gillean.
Air cladach an t-Srath chi thu ’n cos,
Mar gheal shneachd reot’ gun smal,
Le ’lochan dubh fuar, far an tig air uair
Na maighdeana-mara a shnamh.
An Coir’ -uisg’ chi thu ’n sud fo dhubh-ghruaim,
Cul’ -uamhais measg stri nan dul
’N uair bhriseas an torrunn le fuaim na doininn,
Is mairg nach lubadh an glun!
Is chi thu ard-ioghnadh Chuith-Fhraing,
Le bhaidealan aibheiseach mor,
’S an Storr cho cas le bhinneinean glas,
Eadar do shealladh ’s na neoil.
Stiuir timchioll nan creagan gu h-Iar,
Is chi thu ag eiridh ’s a’ chuan,
Triuir Mhaighdean Mhic-Leoid a’ seasamh gu stold’,
Measg ghairich ghairbh nan stuadh:
’S ge b’e aite an toir thu do cheum,
Chi thu le ioghnadh ur,
A’ Chuilfhionn ghorm a’ leantuinn do lorg,
’S a’ sasachadh fradharc do chul!
’S truagh nach robh mise na m’ Thriath,
A’ riaghladh Eilean mo chridh’,
Thogainn mar b’ abhaist o ’bhunait Dun-Sgathaich,
Is gainne na m’ thalla cha bhiodh;
An sud dheanainn suidhe mar Righ,
’S cha chlaoidinn mo shluagh gu teann,
Cha togainn creach, ’s cha spuinninn neach,
Ach thrusainn do ’n sgoil a’ chlann!
’S ann leamsa bu mhath a bhi ann,
’S grian shamhraidh a’ lasadh an druchd,
Na m’ shineadh air feur a coimhead nan neul,
A’ cadal air Blath-bheinn nan stuc;
Is chithinn an ceathach a’ snamh,
’S a’ lubadh mu shlios nan cruach,
’S a ghnath na m’ aire bhiodh fonn na mara,
Ga m’ thaladh gu foisneach gu suain.
’S an fheasgar, ’n uair thearnas a’ ghrian,
Gu rioghail ’s an Iar gu tamh,
Air mullach nam beann mar mhile lann,
Bidh boillsgeadh nan gathan aigh:
’S gach dubh-sgor a’ dearrsadh gu cas,
Fo lannair nan lasraichean oir,
Gu h-ard ’s an speur eadar talamh is neamh—
Sealladh na maise ’s na gloir!
’S taitneach, measg chomunn a’ bhlaiths,
Bhi suidhe ’s mo chairdean ri m’ thaobh.
Ach na ’m bu leam iteag, ’s mi ’theicheadh an tiotadh,
Do ’n Eilean Sgiathanach chaomh!
An t-urram aig cathair Dhun-Eidin,
’S mi fhein a sheinneadh a cliu,
Ach thigeadh an samhradh, ’s bidh mise na m’ dheann-ruith,
A’ greasad gu Eilean mo ruin!
Laoidh.
Na ’s dluith’, mo Dhia, dhuit fhein!
Na ’s dluith’ dhuit fhein!
’S ged b’ ann a thogteadh mi
Tre chrois is phein,
Gidheadh b’e so mo laoidh—
Na ’s dluith’ do m’ Dhia, na ’s dluith’,
Do m’ Dhia na ’s dluith’!
Ged bhiom, mar sheachranaich’,
’N uair laigheas grian,
Am shuain le cloich fo m’ cheann,
Is dorch’ gach sion,
Am aisling b’e mo ghuidh’—
Na ’s dluith’ do m’ Dhia, na ’s dluith’,
Do m’ Dhia na ’s dluith’!
Faiceam mo shlighe ’n sin
’Direadh gu Gloir;
Na chuir thu orm a’ teachd
Bho d’ throcair mhoir;
Ainglean ga m’ ghairm air m’ uidh,
Na ’s dluith’ do m’ Dhia, na ’s dluith’,
Do m’ Dhia na ’s dluith’!
An sin ’n uair dhuisginn suas,
Le d’ chliu ga luaidh,
Thogainn mo Bhetel ard,
Air steidh mo thruaigh’,
Air ghaol troimh bhron ’s troimh chaoidh,
Bhith teachd do m’ Dhia na ’s dluith’,
Do m’ Dhia na ’s dluith’!
’S na ’m b’e gun eirinn suas
Gu h-ait troimh ’n speur,
Gealach, is reul, is grian,
Air chul gu leir,
Gidheadh b’e so mo laoidh—
Na ’s dluith’ do m’ Dhia, na ’s dluith’,
Do m’ Dhia na ’s dluith’!
LEIGHEAS BUAN.
Sgriobh an t-Urr. Hy . Carter, Maddock, Springfield, P. E. I. ,mar a leanas, ann an Iun, 1895:— “Cha ’n urrainn do m’ mhnaoi labhairt tuilleadh us math mu K. D. C. an deigh na rinn e air a son. Dh’ fhuiling i le droch stamaig, agus bha i ann am pian mor, cho mor ’s nach b’ urrainn dhi a cuid aodaich a chumail uimpe, agus smuainich mi gu ’m faighinn K. D. C. dhi. Cha robh turas a ghabhadh i e nach robh e ’deanamh feum dhi, agus fada mu ’n do chuir i crioch air da bhotull bha i air a leigheas, agus theid aice nis air rud sam bith ithe.”
Tha an litir so a nochdadh an eifeachd a th’ ann an K. D. C. agus tha ’n te a leanas ag innse gu bheil an leigheas buan. Sgriobh Mr. Carter Iulaidh 31, 1896, corr us bliadhna ’n deigh so: “Chuir mi roimhe so litir ugaibh ag innse mar a leighis K. D. C. mo bhean. Tha i fhathast slan, ’s gu ’n a seann eucail a cur dragh sam bith oirre.” Sibhse tha tinn feuchaibh e. ThaK . D. C. Pillsanabarrach math air son tinneasan cuim.
MAC-TALLA.
“Gu ma fada beo a’ Ghailig.”
“Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.”
Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais.
DO DHLEASANAS.
A bhi gabhail MHIC-TALLA.
A bhi leughadh MHIC-TALLA.
A bhi pàigheadh MHIC-TALLA.
A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a chur ’na rathad.
An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan.
Cha robh a leithid ann roimhe, ’s cha ’n eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast.
Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tigh’n a mach uair ’san t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut.
Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dh’ fhalbh.
A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do t’ inntinn.
Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig a’ sgriobhadh gu daonnan dha, agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og.
Is abhaist do dhaoine ’nuair a bhios iad a’ creic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhi ’cur pris ard ’na cheann; ach cha ’n eil MAC-TALLA ’deanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadh ’sa chumail suas, agus uime sin cha ’n eil e cosg d’a luchd-gabhail ach
DOLAR ’SA BHLIADHNA.
title | Issue 2 |
internal date | 1898.0 |
display date | 1898 |
publication date | 1898 |
level | |
reference template | Mac-Talla VII No. 2. %p |
parent text | Volume 7 |