[Vol . 7. No. 20. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, DESEMBER 9, 1898. No. 20.
LITIR A ALBA.
Bodachan a’ ghàraidh
Cho friogadach ’s cho frogadach;
Bodachan a’ ghàraidh
Cho frogadach ’s a bha e riamh.
MO BHALACH GASDA, —Tha mi ’faicinn gu ’m bheil cuid dhe na Gàidheil chòire a tha gu riaghailteach a’ leughadh a’ MHIC-TALLA mi-thoilichte a chionn gu ’m bheil thu ’toirt dhuinn nan “Sgeulachdan Arabianach.” Tha aon is aon dhìubh, tha mi ’tuigsinn, a tha ’g ràdh nach ’eil drannadh annta ach na tulla bhreugan. A nis, tha mi ’n dòchas nach bi dad agadsa an aghaìdh dhomhsa beagan a ràdh mu ’n chùis; agus tha mi ’n dòchas mar an ceudna, nach gabh na daoine, laghach a tha ’gearain air na “Sgeulachdan Arabianach” gu h-olc uamsa beagan fiosrachaidh agus comhairleachaidh a thoirt dhaidh.
Faodaidh duine sam bith anns am bheil tùr a thuigsinn gu ’m bheil dealachadh mòr eadar sgeulachd agus eachdraidh. Ach rachadh agamsa air iomadh dearbhadh a thoirt seachad, gu ’m bheil barrachd fìrinn, agus mòran a bharrachd teagaisg, ann an iomadh sgeulachd na tha ann an iomadh eachdraidh. Leigidh sinn leis a’ chùis so an drasda, do bhrìgh nach ceadaich ùine no àite dhomh an corr a ràdh.
Tha earrann mhòr dhe na “Sgeulachdan Arabianach” fìor gu litireil. Tha na daoine a tha ’dol o àm gu àm air chuairt gu ruige Arabia, agus dùthchannan eile na h-Aird an Ear, ’ga innseadh so dhuinn. Tha agus bha inntìnnean mòrain de shluagh na h-Aird an Ear cho farsuinn, cho cumhachdach, agus cho làn de spiorad na bàrdachd ’s gu ’n robh iad ag ràdh agus a’ sgriobhadh iomadh ni nach b’ urrainn a bhith fìor gu litireil. Tha briathran dhe ’n t-seòrsa so a’ tachairt ruinn ann an Leabhar Naomh Dhé. Tha Eoin, an deisciobul a b’ ionmhuinn le Iosa, a’ criochnachadh an t-Soisgeil a sgrìobh e leis na briathran so:— “Agus a ta mar an ceudna mòran de nithibh eile a rinn Iosa, agus nam biodh iad uile sgrìobhte, is i mo bharail nach cumadh an saoghal fhein na rachadh a sgrìobhadh de leabhraichibh.” Tha fhios againn nach ’eil e comasach do na briathraibh so a bhith fìor gu litireil; ach cha ’n fhaigh sinn coire dhaibh, do bhrìgh gu ’m bheil iad air an deachdadh leis an Spiorad Naomh. Bha inntinn an Abstoil naoimh cho làn le smaointeanan àrda mu thimchioll na rinn agus na labhair Iosa ’s nach robh e ’n comas dha gun na briathran cho làidir ’sa b’ urrainn e a ghnàthachadh, a chum meud na h-oibre a rinn Iosa a chur gu soilleir fa chomhair an t-saoghail.
Cha ’n ’eil mi idir a coimeas a’ Bhiobuill ris na Sgeulachdan. Is fhada chuirinn o chéile iad. Ach tha mi ’comharrachadh am mach, gu ’m bheil an dòigh labhairt a bha aig sluagh na h-Aird an Ear ’san àm a dh’ fhalbh, agus anns an àm a tha ’n lathair, tur-dhealaichte o ’n dòigh labhairt a tha aig na daoine a tha ’n diugh beò, agus a’ leughadh a’ MHIC-TALLA.
Thuirt duine cho foghluimte agus cho diadhaidh ’s a bh’ ann am Breatunn ri ’linn, gu ’m bu chòir do gach neach aig am biodh toil fios fhaotainn mu thimchioll nan dòighean agus nan cleachdaidhean a tha cumanta am measg an t-sluaigh ann an dùthchannan na h-Aird an Ear, na “Sgeulachdan Arabianach” a leughadh le cùram gu tric.
Am beagan dhaoine a tha ’gearain air na Sgeulachdan so, tha iad ’g am meas fhein na ’s diadhaidhe na daoine eile. Tha iad a’ meas gur e peacadh mòr a th’ ann a bhith leughadh Sgeulachdan. Tha h-uile ministir ’san rìoghachd so, agus tha mi ’creidsinn, ann an America, a’ caitheamh earrann mhath dhe’n ùine anns na Colaistean a’ leughadh agus ag eadar-theangachadh Sgeulachdan Laidinn agus Greugaisg—sgeulachdan anns nach ’eil a leith uiread a dh’ fhìrinn ’s a th’ anns na “Sgeulachdan Arabianach.” Fear sam bith nach creid so, cuireadh e ’cheisd ris a’ mhinistear a tha e ag éisdeachd, agus innsidh e dha gu ’m bheil mise ag innseadh na firinn. Their neach, C’ar son a bhiodh na daoine òga a tha ’g ionnsachadh a bhith ’nam ministearan a’ leughadh Sgeulachdan? Tha, chionn gur e so an dòigh air an fhearr a dh’ ionnsaicheas iad Laidionn agus Greugaisg. Is ann ’s na sgeulachdan a tha ’chuid a’s fhearr dhe gach cànain ri fhaotainn. Is beag a tha mòran de Ghàidheil an t-saoghail a’ smaointean, gur ann air na sgeulachdan a bha air an aithris gu tric ri taobh iomadh teine anns na linnibh a dh’ fhalbh bu chòir dhaibh taing a thabhairt air son na deadh Ghàilig a th’ aca. An uair a sguireadh a dh’ aithris nan sgeulachdan, thòisich a’ Ghàilig ri dhol air a h-ais. Tha ’Ghàilig a nis a’ beòthachadh as ùr, agus is e aon dhe na h-aobhair, gu ’m bheil daoine a’ sìor fhàs na ’s measaile air na sgeulachdan.
Fuilingidh mi air a shon mur aidich do luchd-leughaidh, a charaid, gu ’m bheil taghadh is raghadh na Gàilig anns na “Sgeulachdan Arabianach.” Agus nach ann gus a’ Ghàilig ionnsachadh gu math ’s gu ro mhath a tha iomadh fear a’ ceannach ’s a’ leughadh a’ MHIC-TALLA?
Ged a tha ’n litir so fada gu leòr mar tha, feumaidh mi ni eile ainmeachadh mu ’n sguir mi. Tha na “Sgeulachdan Arabianach” làn de theagasg luachmhor. Dh’ fheumainn-sa mòran litrichean a sgrìobhadh mu ’m b’ urrainn domh trian dhe na teagasgan a chunnaic mi anns na leugh mi dhiubh aithris ann an sgrìobhadh. Ach gabhamaid te no dhà dhiubh.
Tha eachdraidh nan caladairean agus nam mnathan uaisle a’ cur gu soilleir fa ’r comhair gu ’n tig bròn is éis is mi-chliù air gach neach a bhios ri misg, ri mi-bheus, ri eas-onair, ri breugan, agus ri foirneart.
Tha eachdraidh Shinbaid a’ teagasg dhuinn, gu ’m feum gach neach a gheibh saoibhreas le ’shaothair fhein, a dhol troimh iomadh cruadal is cruaidh-chàs. Tha i mar an ceudna a’ teagasg dhuinn gu ’n toir daoine iomadh dragh is trioblaid is cunnart na ’n rathad fhein le bhith tuilleadh is sanntach.
Anns a’ cho-dhunadh their mi nach ’eil aon te dhe na Sgeulachdan nach tug mòran fiosrachaidh dhomh. Is ainneamh leabhar a leugh mi riamh—saor o ’n Bhiobull—a thug uiread fiosrachaidh dhomh ’s a thug iad o ’n a thòisich mi ri ’n leughadh.
Tha mi ’n dochas gu ’n gabh thu mo leithsgeul a chionn an litir so a bhith cho fada; ach cha b’ urrainn domh a deanamh na bu ghiorra. Bidh an ath litir na ’s giorra.
Is mi do charaid an latha chi ’s nach fhaic,
BODACHAN A’ GHARAIDH.
Taobh an Locha, Oidhche seann Samhna, 1898.
NA GIOSRAGAN.
Bha ar ceud-sinnseara ann an Alba, ’g an toirt fein suas gu mor do nithe ro lionmhor de ’n ghné so. Bha iad a toirt géill do thaibhsean de gach seòrsa, do bhuidseachd, do fhiosachd, do dhruidheachd, do gheasadaireachd, agus nithe de ’n t-seòrsa sin. Bha reachdan cruaidhe air an dealbhadh le Ard-chomhairle na rioghachd, agus mar an ceudna le Ard-sheanadh na h-eaglaise chum peanas a dheanamh orrasan a bha ’cleachdadh druidheachd no buidseachd. Agus cha ’n e mhàin sin ach chuireadh moran gu bàs a bha ’cumail a mach gu ’n robh cumhachd na druidheachd aca. Bha moran air an cur gu bàs gu neo-chiontach, do bhrìgh an t-iomradh a dhol a mach gu ’n robh iad comasach air nithean ana-cneasda a dheanamh. Cha ’n e mhàin gu ’n robh a chùis mar sin ann am Breatunn; bha an ni ceudna a gabhail àit’ air mor-thir na Roinn-Eòrpa, agus mar an ceudna ann an America—gu h-àraid am Massachusetts.
’S e b’ aobhar da so gu ’n robh na h-amannan sin dorcha, agus gu ’n robh gach àrd agus ìosal air an toirt gu taobh gu mor le fuar-chràbhadh ’s ’s le saobh-chreideamh.
Tha e air a radh gu ’n d’ rinneadh an crochadh mu dheireadh ann an Alba air son buidseachd ann an Dòrnach, ’s a’ bhliadhna 1722, ceud agus tri fichead bliadhna ’s a sia deug air ais. ’S e seann chailleach thruagh a bha ann. Bha i air a diteadh le Dabhaidh Ros, Siorra Ghallaobh. Tha e air a dheanamh a mach nach lugha na ceithir mìle a chuireadh gu bàs ann an Alba a mhàin air son an aobhair so, a thuilleadh air na chuireadh gu bàs ann an dùthchannan eile. Mu dha cheud gu leth bliadhna roimhe so, thugadh gairm gu cuirt, le ordugh an righ, do Chatriona Ros, Ban-tighearna Fodhlais, a chionn gu’n d’ rinn i suas ri buidsichean gu cur as do Raibeart agus do dh’ Eachann Munro, d’ an robh an oighreachd dligheach. Ghnàthaich i gach cleas ’n a comas, maille ris na ban-bhuidsichean sin chum bàs nan daoine sin a thoirt mu ’n cuairt. Rinn iad cuirp-chreadha dhaibh, agus ghnathaich iad gach mallachd a bha ’n an lorg. Fhuair a’ bhain-tighearn’ a saorsa a chionn gu ’n robh an luchd-deuchainn air a taobh. Ach cha leig sinn a leas a dhol cho fad’ so air ais a dh’ iarraidh dream a bha creidsinn ann am buidseachd agus a bha, mar an ceudna, cur obair buidseachd an gniomh. Bha Iain Rothach a toirt iomraidh anns a MHAC-TALLA an uiridh, air té a rinn corp-creadha an Ceap Breatuinn, do neach do ’n robh gamhlas aice. Ach ni de chron cha d’ rinn sud air an duine. B’ aithne dhomh-sa am boirionnach gu math; cha ’n ’eil fios agam nach ’eil i beò fathast. Bha uair ann ’s bhiodh i air a losgadh gu bàs air son cumhachd nach robh aice. So far a bheil an
[Vol . 7. No. 20. p. 2]
t-eadar-dhealachadh. Bha daoine aig an àm o shean a creidsinn gu ’n robh cumhachd aca sud, le geasan, air euslaintean a chur air daoine ’s air feudail, air na mairbh a thogail, air toradh na talmhainn a mhilleadh, agus air a dhol ann an riochd nan cat gu sgrios a dheanamh anns gach àite. Cha ’n ’eil an creideas sin aig daoine an diugh. Tha eolas de gach gné air a chraobh-sgaoileadh am fad ’s am farsuing; agus eòlas trid am beil gach cleasachd, fiosachd agus druidheachd a’ teicheadh mar na h-eoin-oidhche, agus ’g am fallach féin ann an ionadan tiamhaidh an dorchadais. ’S mor an t-aobhar taingealachd a th’ againn gu ’m bheil cùisean air atharrachadh anns an dòigh so.
Bha moran creideas aig na Gaidheil o shean ann an droch shuil. Bha iad de ’n bheachd gu ’n robh cuid de dhaoine aig an robh buaidh mhi-shealbhach dluth-cheangailte riutha air dhòigh ’s nach robh e tearuinte iad a shealltuinn le ’n sùil air mart, no each, no caora a bu le ’n coimhearsnach. Cha ’n e mhàin sin ach bha e air a chreidsinn leo gu feudadh neach aig an robh shùil cron a dheanamh air a chuid feudail féin, seadh gu ’n robh cumhachd millteach na droch shùila aige air a ghnathachadh an aghaidh a thoil fein. So cuid de ’n t-saobh chreidimh a lean fada ris na Gaidheil, agus is gann a tha fathast air dol gu tur bàs ’n ar measg.
(Ri leantuinn.)
MAR A RINN MI M’ FHORTAN.
CAIB. IV.
ANN AN GLASACHO.
An uair a chaidh mi air tìr air a’ cheidhe ann an Glasacho, cha robh fhios agam cia ’n taobh a bheirinn m’ aghaidh. Bha na marsantan ag amharc an déigh an gnothaich fhein; oir cha bu luaithe a ràinig am bàta an ceidhe na thainig dithis no triùir a bha toileach na h-uighean a cheannach. Bha leisge orm iarraidh air fear seach fear dhiubh a dhol comhladh rium gu taigh caraid dhomh a bha astar math shuas am baile. Cha robh sgeul agam air fear an taigh-òsda; oir thug e ’chasan as cho luath ’s a ràinig am bàta an ceidhe.
Ghabh mi romham air mo shocair fhein suas an t-sràid. Bha mo shùil air gach taobh dhiom ’s mi gu curamach a’ gabhail beachd air gach ni a bha mi ’faicinn. Thuirt mi rium fhein gu ’m feuchainn ri mo rathad a dheanamh gu taigh mo charaid cho math ’sa dh’ fhaodainn gun dragh a chur air aon neach dhe na bh’ anns a’ bhàta comhladh rium. Thachair leith sheann duine rium am measg na mor-chuideachd a bha ’g am dhomhlachadh air an t-sraid, agus leis cho tlachdmhor ’s a bha ’n aghaidh aige, thuirt mi rium fhein gu ’m feoraichinn dheth an robh an t-sraid air an robh mo charaid a’ fantuinn fad air falbh. An uair a bhruidhinn mi ris sheas e, agus dh’ amharc e orm tiotadh mu ’n do fhreagair e mi. “Cha robh thu riamh roimhe ’s a bhaile so?” ars’ esan.
“Cha robh,” arsa mise.
“Ma ta, laochain, tha mise toirt comhairle ort, agus ma bhios tu glic gabhaidh tu i. So agad i: Na cuir tuilleadh ’s a’ chòir a dh’ earbsa ann an neach sam bith a thachras riut gus am bi lan-dhearbhadh agad gur fhiach e earbsa a chur ann. Tha mise ag aithneachadh air do dheadh dheise chlòth gur ann as a’ Ghaidhealtachd a thainig tu, agus o ’n a tha gu leor dhe ’n fhuil Ghaidhealaich a’ ruith gu bras ’nam chuislean-sa, tha bàigh agam gu nàdarra ris a h-uile Gaidheal a thachras rium. Ach ged a tha e ’na chuis naire ri innseadh, thug fear no dhà dhe na Gàidheil an car asam; agus tachraidh fear is fear dhiubh riutsa a dh’ fheuchas ri do char a thoirt asad, ar neo tha mise air mo mhealladh. Ach fhad ’s a bhios an deise mhath chlòth sin umad, is e na Gaill a’s dòcha dragh a chur ort”
Thug mi taing dha cho math ’s a b’ aithne dhomh air son na deadh chomhairle a thug e orm; agus thuirt mi ris gu ’m bithinn ’na chomain na ’n innseadh e dhomh an robh an t-sràid air an robh mo charaid a’ fantuinn fada uam.
“Gabh mo leithsgeul,” ars’ esan; “dh’ fhaighneachd thu sin dhiom roimhe, agus cha d’ innis mi dhut e. Gabh romhad mar a tha thu gus an teid thu seachad air dà shràid. An sin tionndaidh thun na laimhe cli, agus coisichidh tu suas gus an ruig thu ceann na sràide. Gabh air d’ aghaidh gus an ruig thu sràid chaol a tha dìreadh suas bruthach cas. Agus an uair a dhìreas tu am bruthach gabhaidh tu suas mu dheas, agus faisge air ceann na sraide sin tha taigh do charaid.”
Thug mi taing dha a rithist, agus ghabh mi air m’ aghart. Tha mi cinnteach gu ’n tugadh an seòladh a thug an duine còir dhomh a dh’ ionnsuidh taigh mo charaid mi, na ’m burrainn dhomh a leantail; ach bha mi a cheart cho aineolach air an rathad gu taigh mo charaid ’s a bha mi mu ’n do thachair e idir orm. Leis na bha de neoil air na speuran cha robh sealladh air a’ ghrein, agus ged a bhitheadh, cha ’n ’eil fhios agam an deanainn am mach an àird a’ tuath seach an aird a’ deas aig an àm.
Ghabh mi air m’ aghart ’s mi ’n dùil gu ’n deanainn mo rathad gun cheisd a chur air duine tuilleadh. Cha ’n urrainn mi radh co dhiubh rinn mi astar mòr air feadh a’ bhaile no nach d’ rinn; oir bha m’ aire air na bha mi faicinn ’s a’ cluinntinn mòran na bu dlùithe na bha m’ aire air an astar a bha mi ’cur ’nam dhéigh. Mu dheireadh sheas mi aig oisinn sràide, agus gun fhios agam ciod an taobh air an tugainn m’ aghaidh. Cha robh mi fada ’nam sheasamh an uair a dh’ fhairich mi duine ’cur a laimhe air mo ghualainn. Sheall mi thar mo ghuaille, agus bha polisman ’na sheasamh air mo chulaobh. Ghabh mi miapadh an uair a chunnaic mi e. Dh’ aithnich e gu ’n robh car do dh’ eagal orm roimhe. “Na biodh eagal sam bith ort ’ille òig,” ars’ esan ’s e ’labhairt rium ann an Gailig; “ciod a tha ’toirt ort a bhith ’nad sheasamh an so?”
Dh’ innis mi dha gu ’n robh mi ag amharc air son taigh caraide dhomh, agus nach robh mi ag amas idir air.
“Is aithne dhomh do charaid glé mhath,” ars’ esan; “ach tha thu fad o ’n taigh aige. Thig a nall comhladh riumsa gu taobh eile na sràide, agus coisich sios is suas gus an tig mise bhar am bheil thu. Cha bhi mi fada gun tighinn. Theid mi comhladh riut gu taigh do charaid.”
Rinn mi mar a dh’ iarr e orm. Agus ann an ceann leith uair thainig e, agus dh’ fhalbh sinn comhladh.
Dh’ fhaighneachd e dhiom an uair a bha sinn a’ coiseachd air ar n-aghart co mi, c’uin a thainig mi do ’n bhaile, agus co thainig comhladh rium. Dh’ innis mi dha, agus mu ’n do chuir sinn crioch air na bh’ eadrainn de chomhradh rainig sinn taigh mo charaide.
B’ e fear taigh-òsda a bha ’nam charaid, agus bha e gle mhath air a dhòigh aig an àm ud; ach mar is minic a thachair a dh’ fhear dhe sheòrsa, chaill e a chuid gu buileach mu ’n d’ fhàg e an saoghal. Bha teaghlach ghillean aige do ’n d’ thug e sgoil is ionnsachadh is ceaird; ach cha ’n ’eil fhios agamsa co dhiubh a tha iad beò no marbh. Cha chuala mi guth no iomradh air a h-aon aca o chionn dlùth air fichead bliadhna.
Bha mo charaid ’na dhuine còir, caoimhneil, foscarra, agus b’ ainneamh Gàidheal a rachadh do Ghlasacho nach taghladh air. Bha taigh-comhnuidh mòr, farsuinn aige, agus bu tric leis cuid na h-oidhche a thoirt do dh’ fhear-dùthchadh sam bith a ruigeadh e. Bha fhios agamsa mu ’n d’ fhalbh mi o ’n taigh gu ’m b’ e mo bheatha fuireach anns an taigh aige fad mhios, nan tograinn.
An uair a rainig mi an taigh aige chuir e failte chridheil orm; ach thuirt e, “Cha toigh leam a bhith faicinn ghillean òga mar a tha thusa ann an cuideachd ’nam polisman.”
An uair a thuirt e so, chaog e ris a’ pholisman. Thuig mi glé mhath nach robh e ach a’ debhearsain. Thug e làmh air botul, agus thug e deagh dhram do ’n pholisman. “Ol sin air mo shlàinte fhein agus air slàinte an duine òig a tha air ùr-thighinn as a’ Ghaidhealtachd. Cha toir mi deur dha fhein. Tha ùine gu leor aige, ma bhios e beò, gu ionnsachadh mar a dh’ òlas e dram. Agus na ’n gabhadh e mo chomhairle-sa cha chuireadh e glaine ri ’bheul ri ’bheò.”
“Tha do chainnt a’ cur mòran ioghnaidh orm,” ars’ am polisman. “Mur òladh daoine uisge-beatha, cia mar a sheasadh tusa, agus gu leòr a bharrachd ort, bhur casan. Tha thu pàigheadh màl mòr air son an taighe so, agus tha do chuid dhe ’n t-saoghal glaiste anns an uisge-beatha.”
“Tha sin fior gu leòr, a Dhomhuill; ach mar a tha ’n sean-fhacal ag ràdh, ‘Tha car eile an adhairc an daimh.’ Na ’m biodh tusa an so gun fhalbh as mar a tha mise, chitheadh tu iomadh rud a bheireadh ort a bhith ’creidsinn gur e fior dhroch obair a th’ agamsa. Cha ’n ’eil an obair a th’ agam gu math aon chuid do m’ chorp no do m’ anam. Air eagal diumbadh dhaoine caoimhneil a thig an so a chosnadh, feumaidh mi blasad air an uisge-bheatha na ’s trice na bu chòir dhomh. Gu math tric cha bhi sannt agam air greim bìdh a ghabhail, agus tuigidh tu fhein nach urrainn duine sam bith nach gabh riaghailt dhe ’n bhiadh a bhith aon chuid slan no buan. A bharrachd air so, tha mòran de chomhradh amaideach, de bhaoth-shùgradh, agus de nithean nach ’eil iomchuidh a’ dol air aghart anns an taigh so, agus anns a’ h-uile taigh eile dhe sheòrsa. Cha ’n ’eil mi leigeadh le aon fhear dhe m’ chuid mhac suidhe no seasamh an so, no idir deur a reic. Tha iad fhathast ro òg air son car a dheanamh an so, agus ma dh’ fhaodas mise, cha bhi taigh-òsda aig fear seach fear dhiubh fhad ’s a bhios mise beò.”
Bha mise ag éisdeachd leis a h-uile cluais a bha ’nam chlaigionn ris na bha mo charaide còir ag ràdh, agus cha bu mhisde mi dad na thubhairt e.
Dh’ fheòraich e dhiom ciod an obair a bha ’nam bheachd a leantuinn. Thuirt mi ris nach robh fhios agam gus an cuirinn mo chomhairle ri mo charaide, Seumas Mac Leoid, ann an Duneidionn.
“Ged a tha mise agus Seumas anns na h-oghachan, cha ’n ’eil meas mòr sam bith agam air. Ged a tha e ’na dhuine glic, faicleach, measail, deanadach gu leòr, tha e ro Ghallda ’na bheachdan ’s ’na dhòighean. Cha ’n aill leis aon fhacal Gàilig a labhairt. Tha mise glé eòlach air, agus mar olcas ris bidh mi mar is trice a’ labhairt ris ann an Gailig. Ach aithnichidh mi air gu ’m b’ fhearr leis gu mòr mi labhairt ris ann am Beurla. Nach ann a thuirt e rium an latha mu dheireadh a thaghail mi air, gur i a’ Ghàilig a dh’ fhàg sluagh na Gàidhealtachd cho bochd ’s a tha iad. Dh’ fheòraich mi dheth an robh daoine bochda ann an àite sam bith eile ach anns a’ Ghàidhealtachd.
Thuirt e gu ’n robh.
“Am bheil daoine bochda am measg nan Gall?” arsa mise.
“Tha gu leòr,” ars’ esan.
“An i a’ Ghàilig a dh’ fhàg bochd iad?” arsa mise.
“Cha ’n i,” ars’ esan. “Nach iongantach leam thu bhi cur ceisdean dhe ’n t-seòrsa sin ormsa.”
“Is iongantaiche na sin leamsa duine fiosrach, tuigseach mar a tha
[Vol . 7. No. 20. p. 3]
thu fhein a bhith cumail am mach gur i a’ Ghàilig is coireach gu ’m bheil iomadh duine ann am bochdainn ’s ann an éis air feadh na Gàidhealtachd. Tha na daoine bochda mòran na’s lionmhoire ann am baile mor, beairteach Dhuneidinn na tha iad air feadh na Gàidhealtachd. Agus am measg na bheil de dhaoine bochda ann an Duneidionn ’s an Glasacho, cha ’n fhaighear fear anns a’ cheud aig am bheil aon fhacal Gàilig. Ciod e their thu ris a sin? Dearbh dhomhsa gur i a’ Ghàilig a tha ’fàgail cuid dhe na Gàidheil bochd, agus creididh mi thu. Ged nach ’eil mise, a Sheumais, cho fiosrach agus cho foghluimte riutsa, tha tomhas riaghailteach de thùr nàdair agam, agus tha fhios agam gu ’n robh, gu ’m bheil, agus gu ’m bi daoine bochda am measg gach treibh, agus sluaigh, agus cinnich fo ’n ghréin.”
Dh’ éisd e rium gu foighidneach, ach tha amhrus agam nach tug mi car as a bheachd e. Tha daoine ann a tha cho fada ’n am barail fhein ’s nach ruigear a leas teannadh ri comhairle ’thoirt orra. Ach mar a tha ’n sean-fhacal ag radh, “Ge b’ e nach gabh comhairle gabhaidh e cam-lorg.”
(Ri leantuinn.)
SGEUL AIR SEALGAIR NAM FIADH-GHABHAR.
Ann am baile beag a measg nam beann, thachair do bhuachaillean ghabhar a bhi cruinn air oidhche gheamhraidh; bha iad a cur seachad na h-aimsir mar bu ghnà ag aithris sgeulachdan, ag innse naigheachdan, agus a’ gabhail dhuanag. Bha iad nan daoin’ òga, an àird a neirt; agus thionndaidh an còmhradh air éuchd agus trèubhantas an gniomhara gaisgeil fein; an ionnsuidhean dàna air bearra nan creag; luaths’ agus seòltachd an con, agus a liugha dol as miorbhuileach a bha aca fein a sealgairachd nam fiadh ghabhar, o sgairneach gu sgairneach. —Dh’ innseadh iomad sgeul a bha iongantach ri éisdeachd, co dhiùbh bha na nach robh iad fìor. —Anns a chuideachd so, thachair do sheann duine àraidh a bhi làthair air leth o chàch, nach do labhair a bheag o thainig e stigh—ach dh’ éisd e gu furachair ris gach sgeul a chaidh aithris leis na lasgairean òga—gach fear dhiubh ag innseadh gach caol-thearnadh o’n d’ thainig e fein, air muir agus air tìr.
Air uairibh, gu dearbh, bheireadh e gne de thogail air a ghuaillnibh, —dh’ amhairceadh e suas gu mullach an tighe. Thòisich e ri cronan beag òrain fo anail—an sin thionndaidh e a shùil air na fleasgaich òga, le seorsa amharuis na ghnùis, mar nach bitheadh e uile gu léir a’ credsinn gach sgeul a bha iad ag innseadh. Bu chiatach, eireachdail an duin’ e, fior samhladh na chruth ’s na dhealbh air seann laoch Gaidhealach; a dhà shùil ghorm co beo thogarrach ’sa bha iad riamh. Bha chumadh gu féitheach calma, agus ged a bha e ni-èiginn air searga le aois bha e soilleir gun robh e na òige na chorp stailin, ’s na anam teine. Aig a chois na chuairteig am blàs an teine, bha madadh molach glas, aosda mar bha a mhaighstir, agus do réir coslais neartmhor, lùghmhor.
“Cha chreid mi,” arsa fear do na daoin’ òga, ’s e tionndadh a nunn a dh’ ionnsuidh an t-seann laoich, “nach seann sealgair a tha againn an so; mar ’eil mi mealta, bha e fein agus a chù glas an garbhlach nam beann co tric ri h-aon againn.” “Cha’n fheud mi aicheadh,” a deir esan, “nach do chuir mi seachad a chuid a b’ fhearr de ’m làithean a’ ruagadh a bhuic, ach cha tainig mi as gach gàbhadh co tearuinte ribhse. Fhuair mi mo dhochann gu tròm, ge nach ’eil aobhar gearain agam, ach mòran cionfath a bhi taingeil do’n Fhreasdal chaomh a theasraig mi. Chuala mi air an oidhche nochd iomadh sgeul iongantach agaibhse m’ar tapachd fein, agus a liutha caol thearnadh o ’n d’ thainig sibh; ach bu duilich leam do rireadh nach cuala mi aon aideachadh uaibh mu chaoimhneas gràidh agus suil-choimhead an Ti ghràsmhor a chum ar ceumanna o shleumhnachadh, agus ar n-anama o dhol sios gu bàs. Oigridh ghaolaich! bha mise co òg ribhse, agus co moiteil as mo thapach fein; ach taing gan robh dhàsan a smachdaich mi na dhòigh fein, ann an caol thearnadh a dheonachadh dhomh air oidhche àraid, nach d’ thèid as mo chuìmhne am fad ’s bhios an deò annam.”
Theann na buachaillean gu léir m’an cuairt d’ a le mòr urram, agus dh’ asluich iad air e dh’innse dhoibh na thachair dha an oidhche bha na bheachd.
“Ni mi sin,” a deir esan, “agus cha chluinn sibh smid ach an fhìrinn.
“Tha nis os cean fichead bliadhn o na thachair dhomh bhi mach, air là araidh, air a bheinn a’ sealg. Fhuair mi sealladh air gabhar fhiadhaich, agus mar bha mi g’ èaladh oirre, agus goirid o bhi ’n astar urchair dhi, thainig mi le dian chabhaig gu sgor craige co àrd sa bha san dùthaich, os ceann sluichd a bha na ceudan troidh air doimhneachd. Ann an dian-thogradh na seilge, ’s gun sùil a thoirt romham, gabhar roid agus leumar thairis chum àit’ a shaoil mi bha na chreig, no na thalamh diangean, ach ’s mis a bh’ air mo mhealladh gu goirt; oir ciod a bh’ ann ach meall mòr de shneachda reòdhta, a mhothaich mi leis a chudthrom a’ thainig air, a’ géilleadh fotham. Thug mi sùil os mo cheann agus faicear am meall sneachdaidh so a’ fuasgladh o’n chreig, amhaircear fotham, ach cha robh aigeal an t-sluichd ri fhaicinn; gun phreas no craobh a chuireadh grab’ air mi tuiteam. Thug mi ionnsuidh air greim a dheanamh air stachd a bha os mo cheann, ach ’se ’n ionnsuidh so a luathaich na thachair—chuala mi gleadhraich shlignich an t-sneachda rèodhta a’ dealachadh ò ’n chreig—charaich e rìs fotham—chaidh crith an uamhais roi ’m chuislibh uile—thainig reachd a’ m’ uchd—ghlaodh mi mach le oillt, ’nuair a dh’ fhairich mi nis an t-àit air an robh mi am sheasamh a’ fàillneachadh. O Dhe! arsa mise, chaidh as domh! A Thighearn, air sgràth Chriosd, gabh ri m’ anam! Bhrist am meall, agus air falbh chaidh mi; thainig tuaineulaich am cheann, agus chaill mi gach mothachadh!
“ ’Nuair thainig mi gu m’ thùr bha ’m feasgar a’ ciaradh m’ an cuairt domh. Bha mi air mo chòmhdachadh le sneachda, bha mo shleadh seilge briste ri m’ thaobh, agus mo mhadadh dìleas na shìneadh air m’ uchd; chum mo dhìon o’n fhuachd. An creutair truagh, ars’ an seann duine, ’s deur a’ critheadh na shùill, is fad o dh’ fhalbh e, agus a mhac (is e ga bhrìodal aig a chosaibh,) tha e sean a nis; ach ge nach biodh agams’ ach aon ghreim arain, agus aon bhraon uisge, bu leis-san cuibhrionn diubh, air sgàth athar.”
Dh’ amhairc a cù suas, mar gun tuigeadh e na thuirt a mhaighstir; oir dh’ amhairc e air leis a mhiòg-shùil bhlàth sin is gnà le coin a nochdadh dhoibhsan is caomh leo.
“Mhothaich mi, ars’ an sealgair, mi fein gu rag neo-chlis gu gluasad, agus cnàmhan goirteis air feadh gach ball diom, co mòr agus nach b’urrainn domh aon dochann ainmeachadh thar dochann eile. Dh’ oidheirpich mi éiridh, ach nochd so dhomh c’ àit an robh an dochann bu mhò. —Thuit mi sìos a rìs, —bha mo shliasaid briste. A thuilleadh air so, bha dithis de mheoir mo làimhe deise air am briseadh, agus aon aig mo làimh chlì, agus bha mi gu h-iomlan air mo bhruthadh. Ach bha mi beo! agus an uair a dh’ amhairc mi suas air a bhinnein o’n do thuit mi, is gann a shaoilinn gu ’m b’urrainn da sin fein a bhith.
“Bha ’n t-àite san robh mi a’ m’ shìneadh, na shlochd domhain eadar dà chreig, a’dol am farsuingeachd mar bha iad a’ sgaoile o chèile. Bha steall thoireannach uisge, mar mhuing eich fhiadhaich, a’ leum o’n chreig os mo cheann, ach a thaobh an doimhne, sgaoileadh e na cheo man d’rainig e far an robh mise.
“Thòisich an oidhche ri ciaradh m’am thimchioll, agus sin ni bu luaithe le doimhneachd an àite san robh mi. Shèid a ghaoth gu doinionnach o cheithir àirdibh an aidheir, mar gu’m biodh còdhail aca san àite sin. Théaruinn mi o aon bhàs uamhasach, ach cha robh mi saor o eagal roi ’bhàs a b’ oillteile, a chionn gu robh e ni b’ fhadalaiche, agus ni bu doirbhe r’a fhulang. Bha eagal orm gum bàsaichinn leis an fhuachd, no leis an acras, no le mo chreuchdan nach robh air gabhail aca. Chaill mi gach dòchas, agus oidheirp sam bith gu ’m chomhnadh cha robh m’ chomas a dheanamh. Bha mo chù a’ donnalaich gu brònach ri m’ thaobh, agus an déigh dha aon sealladh muladach a thoirt orm, dh’ fhàg e mi. Nuair a chaill mi sealladh air dh’ fhairich mi mar gu’m biodh mo ghreim deireannach de’n bheatha so air mo thréigsinn, mar gu’m biodh caraid mo chuim air m’ fhagail gu bàsachadh. Shaoil mi, a deir mi, nach trèigeadh mo ghaothar glas mi; agus cha nàr leam aideachadh gun do shil mo dheòir.
“Bha’n saoghal a nis, mar gu ’m biodh e, air a dhùnadh o’m shealladh gu bràth; —mo bhean, mo chlann, mo dhachaidh ghràdhach, cha robh fiughair ri’m faicinn ni ’s mò. Smuainich mi air sòlais an dachaidh sin, agus thuig mi cia deuchainneach an ni a bhi air ar gearradh air falbh o’n t-saoghals’, agus a liugha snuim laidir a ta gar ceangal ris. Mar dh’ iath an dorchadas m’am thimchioll, smuaintich mi air mo mhnaoi a bha gu h-iomaguineach a’ feitheamh farum na coise sin nach ruigeadh a dorus a chaoidh! Chunnaic mi, air leam, mo lurachain bheaga mhaoth nan suidhe m’ an ghealbhan, agus chuala mi briagail mhilis am beòil. Chunnaic mi’n cròithlein maoth ag èirigh chur fàilt orm a strì ri chéile cò bu luaithe a streapadh suas ri brollach an athar chum a phòg fhaotainn. Féidh-ghàire shòlasach am màthar ag altachadh mo bheatha, agus ag iarraidh air ar muirghinn bheag fuireach air an ais. Sud an dealbh a tharraing mi a m’ inntinn ách shéid a ghaoth, dhùmhlaich an dorchadas, agus thainig cadha uisg a nuas o ’n eas, a fhliuch mi, agus a reò air m’ uchdar. Bha mi air mo chuairteachadh le cas-chreagan uamhasach air gach taobh dhomh; b’ e ’n sneachda mo leaba—seadh, leaba mo bhàis. A m’ aonar, gun neach ris an deanainn mo ghearan, agus eadhon gun dùil gu ’m biodh mo chorp air a charamh le ùir mo shinnsir. As a so, a deir mise, cha ’n éirich mi tuille; ach ciod a dh’ èireas do m’ anam? So a cheist a dhùisg an t-uamhas. Thainig uile ghniomhara mo bheatha gu m’ chuimhne, an Dia gràsmhor air an d’ rinn mi dichuimhn, an Slanuighear caomh air an d’ rinn mi dearmad, an Spiorad Naomh a chuir mi na aghaidh, na cuireannan a dhiùlt mi, agus an t-siorruidheachd a bha nis a’ fosgladh fa m’ chomhair, thainig na nithe so uile nan làn uamhas a m’ làthair, agus dhùisg iad an iargain anama sin nach urrainn cainnt a chur an céill, agus air nach comasach dhomh smuainteachadh gun oillt. Bha mi mar so a m’ shìneadh a m’ chulaidh-thruais gu dearbh. Faidheòigh dhealruich fairleus an dòchais orm. Air mullach a bhinnein o’n do thuit mi, bha frith-rathad o’n bhaile san robh mo chòmhnuidh, gu baile beag eile mu thuaiream sé mìl’ air falbh. Cha do mheas mi so na mheadhon gu dol as; oir fo dhubhar oidhche is ainmig a bha iad ga thadhall. Ach ann an tiota, ’nuair is lugha bha fiughair agam ris, chunnaic mi pladha soluis a’ fann-shnàmh air an fhrith-rathad ud; agus smuaintich mi gur bh’ ann fear do mhuinntir a bhaile a’ dol dachaidh le lochrann. B’e
(Air a leantuinn air taobh 158.)
[Vol . 7. No. 20. p. 4]
MAC-TALLA:
Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uair ’san t-Seachdain.
“Is toigh leinn a’ Ghailig,
A bardachd ’s a ceol;
Is tric thug i nios sinn
’Nuair bhith’maid fo leon:
’S i dh’ ionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
’S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
—BARD NA LEADAIGE.
“Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thu ’sa bhlar;
Cho fad ’sa shiubhlas uillt le sruth.
’Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Cha ’n aontaich iad an cainnt no ’n cruth
Gun teid do chur gu bas.”
—NIALL MAC LEOID.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
1. Na sgriobh ach air aon taobh de ’n phaipeir.
2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh ’s is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, DESEMBER 9, 1898.
LONGAN-SEOLAIDH.
Tha an ear ’s an iar ann an Canada am measg cairdean lionmhor MHIC-TALLA, moran gun teagamh aig am bheil cuimhne mhaith air na longan beaga, suarach anns am b’ abhaist, o cheann leth-cheud bliadhna do na h-Eilthirich Ghaidhealach teachd thar a’ chuain stuadhaich bho thir nam beann ’s an fhraoich gu Canada. Bha e gle mhinic a’ tachairt, gu robh cuig no sè ceud, eadar dhaoine, ’s mhnathan, ’us clann, air an cur ann am broinn soithich truagha, leibideich, far nach robh ach beag comas carachaidh aca; far nach robh ach gle bheagan soluis ’us àite maith aca; agus far an robh cothrom sonruichte aig fiabhrus ’us iomadh seorsa an-shocair an ceann a thogail gu dalma ’s iomadh Eilthireach a thabhairt air falbh gu tir na tosdachd agus a’ bhais. Is e da rireadh, imrich chruaidh, dheuchainneach a b’ eiginn doibhsan a dheanamh a thainig thar a’ chuain bheucaich ann an longan bochd ’us mi-fhallain. Cha ’n ioghnadh ged bhitheadh doilgheas trom air daoine ’s mnathan gu do threig iad riamh gleann an oige ’s an dùthaich anns an do chaith an sinnsirean an laithean, agus far am bheil iad samhach ann an suain a’ bhais. Thainig iomadh long de ’n t-seorsa so gu Pictou agus gu ionadan eile anns na Roinnean ’tha ri taobh na fairge. Thainig iomadh long de’n t-seorsa cheudna nios air Amhainn an Naoimh Labhruinn gu Cuebec.
Tha cuimhne mhuladach aig àireamh mhor a tha ’n diugh sona ’s aghmhor ann an Canada, air eilean a’ Chuarantine—focal Frangach so a tha ’ciallachadh da fhichead, agus a tha ’nochdadh gu bu nos do longan a thainig thar a’ chuain fuireach ré da fhichead latha, mun faodadh iad seoladh a stigh do ’n chala ’bha ’n am beachd; oir bhitheadh fios no cinnte anns an uine so, co-dhiu a bha galar basmhor no euslainteachd ghabhaltach air bith anns an long agus am measg an t-sluaigh a ghiulain i thar a’ chuain. Is e gu cinnteach riaghailt glic, feumail, a bha ’s a tha ann an riaghailt a’ Chuarantine; oir bhitheadh e ’n a ni amaideach ’us bronach gu tugadh Eilthirich galar no fiabhrus bàsmhor a stigh do ’n dùthaich, agus mar so gu sgaoileadh an-shocair eagalach air feadh na dùthcha, ’s gu bitheadh moran de luchd-aiteachaidh na tire ma dh’ fhaoidte, air an gearradh sios le galar a b’ urrainn iad a sheachnadh nam bitheadh faicill cheart, gheur air a cur an gniomh ann an àite sonruichte air bith ann an slighe nan long-seolaidh, agus mu ’n ruig iad bailtean mora na dùthcha. Is e Grosse Isle an t-ainm Frangach a tha ’n t-eilean faisg air Cuebec a’ giulan far am b’ eiginn do gach long-seolaidh a cursa ’stad, agus eachdraidh a thabhairt do lighiche ’n eilein, air slainte no an-shocair nan daoine ’bha air bord. Gus an latha ’n diugh feumaidh gach bata eireachdail smuide moille ’dheanamh aig an eilean so. Ma tha galar air bith innte cha ’n fhaigh i cead dol air a h-aghaidh gus am bheil gach cunnart galair seachad. Is lionmhor na h-Eilthirich a dh’ fhàg tìr an òige, ann an dochas gu faigheadh iad sonas, ’us maoin, ’us dachaidh bhunaiteach ann an Canada, a’ chaochail anns an eilean air an d’ rinn mi luadh, agus aig am bheil an uaigh ann an iomairean tiamhaidh, duscainneach Ghrosse Isle, ged tha i air a cuartachadh le uisge glan, fallain an Naoimh Labhruinn. Is iomadh cruadal ’us deuchainn a bha aig na h-Eilthirich ri fhulang agus ri ’chiosnachadh mum b’ urrainn iad eadhon toiseachadh a dheanamh air craobhan àrda na coille ’ghearradh sios a chum dachaidh iriosal a chur ann an seorsa orduigh air-son an teaghlaichean ’s iad fein. Bha dragh ’us sarachadh gu leoir aca ’nuair a dh’ fhag iad an long bheag, chumhann anns an tainig iad thar a’ chuain, agus a thionndaidh iad an aire gu Canada uachdrach far am b’ mhiann leo an dachaidh a dheanamh, on bha fearann a b’ fhearr, agus bha ’s tha riaghailtean ’us saorsa ’s fhearr ann, no ann an Canada iochdrach. Is ann le bataichean a bha air an tarruing le daimh no le eich, a b’ abhaist do na h-Eilthirich dol suas agus seachad air na sruthan casa ’tha ’n sud agus an so ann an Amhainn an Naoimh Labhruinn. Cha robh ach comhurtachd bheag, bhochd aig na h-Eilthirich a thainig do Chanada, bho cheann corr ’us leth-cheud bliadhna, anns na longan suarach a bha, aig an àm ud, a seoladh eadar an Roinn-Eòrpa ’us America. Bha faireachduinnean nan Eilthirich, am feadh a bha iad le gairdean treun a’ gearradh sios na coille, co-ionnan ann an tomhas mor, ris na smuaintean a tha ’m Bard Mac Illeathain a nochdadh air an doigh so, anns a’ Choille Ghruamach:—
“Cha’n ioghnadh dhomhsa ged tha mi bronach,
’S ann tha mo chomhnuidh air cul nam beann
Am meadhon fasaich air Abhainn Bharnaidh
Gun dad a’s fearr na buntata lom.
’S i so an duthaich ’s a bheil an cruadal,
Gun fhios do ’n t-sluagh a tha tighinn a nall;
Gur olc a fhuaras oirnn luchd a’ bhuairidh
A rinn le ’n tuairisgeul ar toirt ann.”
Cha ’n eil eadar-dhealachadh a’s modha eadar buth dubh, dorcha, snidheach a’ chìobair agus luchairt bhoidheach, shnasmhor an duine bheartaich, na tha eadar na longan truagha air am bheil mi ’deanamh luaidh, agus na bataichean smuide lurach, laidir, foirmeil a tha ’siubhal an diugh gun tamh, gun sgios, thar gach loch ’us fairge ’tha fo ’n ghrein. Is gann a chreideas iadsan aig an robh eolas doilleir, deuchainneach air na longan biorach, bùrach seolaidh, anns an tainig mìle Gaidheal do Chanada, gu bheil a nis air feadh an t-saoghail gu leir soithichean-seolaidh agus bataichean-smuide fada, farsuing, laidir, leathann, a tha air an deanamh de ’n iaruinn ’s de ’n stailinn. Cha ’n fhaicear ach ainneamh a nis aon de na seana longan fiodha, agus is e culaidh-iongantais a tha annta ’nuair a chitear iad. An deigh do chrioch tighinn air na longan fiodha, thoisich longan air a bhi air an togail ann an tomhas mor, agus air an comhdachadh le copar. B’ abhaist do longan mora a bhi air an togail ann an Nobha Scotia, ’s a bhi air an cur gu dùthchannan cein, far an robh margadh maith r’a fhaotainn air an son. Rinn iomadh neach ann am Pictou ’s ann an ionadan eile, moran airgid air an doigh so. Thainig caochladh co anabarrach ’us co iongantach obann air deasachadh ’us air togail nan long, air chor ’s nach ’eil long-seolaidh a’ dol idir thar a’ chuain fharsuing ach gle ainneamh an diugh. Is e bataichean-smuide lamhach, lasgarra, luath anns am bheil an t-iaruinn ’s an stailinn a’s fearr, a tha ’giulan daoine ’s marsantachd bho phort gu port, bho dhùthaich gu dùthaich, bho Mhor-Roinn gu Mor-Roinn.
CONA.
BEACHD MU MAC MHAIGHSTIR ALASTAIR.
’S e bh’ ann am Mac Mhaighstir Alastair duine misneachail, treun ’n a chorp ’s ’n a inntinn; agus fior Bhàrd. Duine a thug suas uile chridhe, uile neart, agus uile inntinn do Thearlach Stiubhart, co-dhiu ré tamuill. Duine a thoilleas urram agus meas airson nam feartan cuirp agus inntinn a bhuilicheadh air; agus, ann an tomhas co-dhiu, airson na buil gus an do chuir e iad. Ach cha b’e aobhar a Dhùthcha a dhùisg misneach an t-Saighdeir, no ’las anam a’ Bhàird.
“Leanaidh mi cho dlu ri d’ shailtean
’S a ni bairneach ri sgeir-mhara.”
’S e sàiltean Thearlaich, ’s cha b’e sàiltean Albainn a leanadh am Bard cho dlù. Duine do-thuigsinn air iomadh dòigh; le buaidhean nach buineadh do mhòran—sùil gheur, cluas cheòlmhor, cuimhne laidir, eolas farsuing; ach le aignidhean borb; ’s le nadur cho salach ris na ronnan tombaca a bha ’n comhnuidh a’ sruthadh o bheul. Seinnidh e duanag cho binn ’s a chaidh a sheinn riamh an Gàidhlig; ann am maise ’Chruthachaidh gheibh e toil-inntinn nach fairich neach ach am Bàrd a mhàin; cluinnear “Fuaim ’us farum a’ bhlair” anns gach sreath de “Mholadh an Leoghainn:” ach ciod e dhe sin? Ma thig an neach is diblidh no is suaraiche társuinn air, fàgar maise na Banaraich; cha ’n ’eil sùil air àillidheachd Allt-an-t- Siùcair; theid eadhon aobhar Thearlaich Stiubhart a chur a thaobh; airson gach neimh, ’us puinnsean,’ us salaiche, a thilgeadh air an deoraidh thruagh a ghabh de dhànachd air fein a shuil a thogail, an uair a bha ’choimlisg iongantach so de Chlann Dhomhnuill “a’ gabhail an rathaid mhoir, olc air mhaith le cach e.”
Gheibh thu am MAC TALLA agus amFamily Herald and Weekly Starfad bliadhna air son dolar gu leth. Gheibh thu mar an ceudna dealbh“The Thin Red Line, ”a tha ainmeil air feadh an t-saoghail, agus a bu chòir a bhi aig a h-uile Gàidheal ’na thigh. ’S ann air son cothrom a thoirt do luchd-leughaidh MHIC-TALLA an dealbh sin fhaotainn a tha’n tairgse so air a toirt seachad.
[Vol . 7. No. 20. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Am bheil thu air son a’ Ghàilig a chumail suas? Ma tha, cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA, an aon phaipeir Gàilig a thatar a cur a mach. Dolar ’sa bhliadhna.
Tha na mèinnean guail anns a chuid so dhe’n eilean ri bhi air an obrachadh air a gheamhradh so, ni a bheir cothrom do na mèinneadairean nach robh aca do chionn àireamh bhliadhnaichean.
Chaochail a bhana-bhárd Sgaithanach, “Mairi nighean Iain Bhain,” o chionn ghoirid, aig aois tri fichead ’s naodh deug. Cha robh i tinn ach ùine ghoirid. Tha dùil againn iomradh goirid a thoirt oirre anns an ath àireamh.
Bha an làn-mara anabarrach àrd ann am lochan a Bhras d’Oir air an t-seachdain s’ a chaidh, gu h-àraich timchioll air Baddeck us Hogamah, far nach b’ àbhaist an làn ach gann a bhi ’g èiridh idir. Cha’n eil teagamh nach b’i an stoirm a bh’ann toiseach na seachdain a dh’aobharaich sin.
Neach sam bith a tha air son leabhraichean fhaotainn air son na Nollaig ’s na Bliadhn’ Uire, sgriobhadh e gu A. McPhail, Orangedale , C. B.Tha àireamh mhor de Bhiobuill ’s de leabhraichean aige a tha freagarrach air son a bhi air an toirt seachad mar ghibhtean.
Bha an dìnneir bhliadhnail aig a Chomunn Chaledòineach oidhche Fhéill Andrais. Bha àireamh mhath cruinn, agus chuireadh an oidhche seachad gu toilichte. Bha Fearchar A. Mac Fhionghain, a mhuinntir Loch Ainslie, a cumail ciùil riutha air a phiob mhòir, mar is math a theid aige air a dheanamh.
B’ uamhasach an stoirm a bha ann toiseach na seachdain s’a chaidh; rinn i sgrios air am bi cuimhne fad iomadh latha ’s bliadhna. Chaidh àireamh mhor shoithichean a bhristeadh air cladaichean Nobha Scotia, New Brunswick,agus nan Stàitean Tuath. Chaidh aon soitheach-smùide, am Portland, a bha ruith eadar Portland agus Boston, a chall, agus cha do shàbhaileadh aon duine bh’ air bòrd—ceud ’s tri fichead ’sa dha dheug air fad. Anns na Stàitean, rinn an stoirm barrcchd de chall beatha ’sa rinneadh anns a chogadh a bh’aca ris an Spàinn.
Tha dùill an ùine ghoirid ri àireamh mhiltean de luchd-imrich à Ruisia a thighinn do Chanada. ’Se Doukhoborts a theirear riutha, agus tha iad a thaobh aidmheil car coltach ris na Quakers. Cha’n eil iad a meas gu bheil e ceart do dhuine bhi ’na shaighdear, agus air son sin cha robh iad fhèin ’s luchd-riaghlaidh Ruisia a còrdadh. Tha iad a dol a thogail fearainn anns an Iar Thuath. Tha soitheach a tighinn an ùine ghoirid le faisg air da mhile dhiubh, agus tha mu seachd mile dhiubh a tighinn uile gu leir. Tha roinn airgeid aig a chuid a’s motha dhiubh, agus thatar ag radh gu’n dean iad deagh luchd-àiteachaidh.
Tha an Spàinn an deigh striochdadh do na Stàitean; tha i a leigeil uaipe Cuba, Porto Rico, agus na h-Eileanan Philipeach. Tha na Stàitean ri fichead muillein dolair a thoirt dhi air an son. Cha’n eil aig an Spàinn a nise ach fior bheagan fearainn a mach as an Roinn-Eòrpa. Tha na Geancaich a gealltuinn gu’m bi saor-mhalairt do gach rioghachd anns na h-Eileanan Philipeach, ach a reir coltais tha iad a dol a chumail Cuba agus Porto Rico riutha fhèin. Tha muinntir Nobha Scotia a dol a chall air sin, oir bha malairt mhor eadar Halifacs agus Porto Rico o chionn aireamh bhliadhnaichean air an cuirear stad gu buileach fo riaghladh nan Stàitean.
Ged a bha stoirm na seachdain s’a chaidh cho militeach, cha robh i ach an earainn bhig dhe’ n dùthaich so. Cha robh i aca idir ann am Montreal, no an iar air. Cha robh i gle dhoirbh eadhon ann an Ceap Breatunn.
Chuireadh cnap òir a null do ’n t-seann dùthaich air an t-seachdain s’ a chaidh a b’ fhaich leth cheud mile dolair. Tha e ri bhi air a chur ann am banca ann an Lunninn, far am bi e air a shealltuinn mar ioghnadh. Fhuaireadh e, mar a dh’ fhaodte bhi cinnteach, anns a Chlondaic.
Tha Breatunn a ceannach o Chanada còrr math us leth na tha a cuid sluaigh a cosg de chaise, agus ’s ann a sior dhol na’s motha a tha an tomhas a tha i ceannach na h-uile bliadhna. Tha e glé thaitneach le muinntir Chanada a bhi faicinn malairt ris an dùthaich mhàithreil a fàs na ’s motha agus na’s motha.
FAILTE
a chuireadh le Comunn Naoimh Andrais, am baile Hamilton, Ontario, gu comuinn dhe ’n t-sheòrsa cheudna anns na Stàitean.
“Bu dàicheil riamh an t-eun an Iolair,
Bheir i am chuimnhe ’n Cluaran Gaèlach;
Ma dh’ fheuchas tu ri ghlacadh teann
Faodaidh gu’n toir e ort bhi sgreuchail.
’S mu’n bhòrd a nochd uair eile cruinn,
An càirdeas tha sinn làmh an làmh;
Sud air a CHLUARAN ’s air an EUN,
’S air Gàidh’l an dù’ich-na-saors’ tha tàmh.”
Ma bha buntainn sam bith aig an Naomh Andras ri muintir na h-Alba, tha fios us cinnt gu’m b’ i a Ghàilig a bhiodh e labhairt riutha; tha e mar sin gle iomchuidh gu’m b’ann ann an Gàilig a bhiodh clanna na h-Alba ’san latha ’n diugh a cur fàilte air a chèile an àm a bhi cumail fèille mar urram air. Tha sin toilichte fhaicinn gu bheil Gàidheil Hamilton cho measail air cainnt an sinnsir.
AODACH MATH.
Na ’m biodh gach seors’ aodaich coltach ri cheile, bu choma c’aite ’n ceannaicheadh tu e. Ach cha’n ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach don’ ann. Tha aodaichean g’ an creic an aiteachan nach fhiach an deanamh.
AN DEANAMH.
Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, cha’n fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodach ’s an droch dheanamh.
THA AGAINNE
aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhad ’sa mhaireas e.
Niall Mac Fhearghais.
Am Bathar a’s Fhearr.
Na Prisean a’s Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI, C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt as ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
RI CHREIC.
FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh.
FEARANN aigForks Road,mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich, —mu cheud gu leth acaire.
FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile o’n bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha e ’na fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air.
Prisean agus Dail Reusanta.
Phœbe Brookman.
Sidni, C. B.
SEANN STAMPAICHEAN.
PAIGHIDH mi airgead air seann stampaichean a thainig a mach anns na bliadhnaichean 1851 gu 1870. Fag na stampaichean air na cuibhrigean air an d’ thainig iad; ’s ann mar sin a’s luachmhoire bhitheas iad.
A. McPHAIL,
Orangedale , C. B.
Dec. 9, ’98. 6m.
COMHAIRLE.
CUIREADH iadsan a tha measail air sgeulachd mhath 5c. air adhart agus gheibh iad aon de na “Novels” a’s uire, agus litreachas feumail eile. Dean cinnteach as le sgriobhadh trath gu,
BOX 70, Sydney,
Cape Breton, N. S.
THE
DAILY RECORD.
PAIPEAR LAITHEIL
CHEAP BREATUNN.
Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B.
A PHRIS:
Bliadhna, $3 .00
Sia miosan, 1.50
Tri miosan, .75
A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH.
Gheibhear anns an “Record” na naigheachdan a’s uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhe ’n t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinnean ’s mu na soithichean, etc., etc.
’S COIR DHUT A GHABHAIL.
SGRIOBH GU—
JOS . MacDONALD,
Editor and Publisher,
Sydney, C. B.
[Vol . 7. No. 20. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 155.)
sin a bh’ann! Bi’dh mi fhathast air mo thearnadh, thuirt mi! agus ghlaodh mi le m’ uile neart, chum caismeachd a thoirt do ’n fhear-thuruis. Ach shéid oiteag laidir shoirbhis am aghaidh, agus phill mo ghlaodh gun esan a ruigheachd. Cha do stad an solus—cha d’ thugadh freagradh do m’ ghlaodh.
“Co dh’fheudas cruaidh-spairn na nionaid sin a thuigsinn? An duin’ a tha’ n cunnart a bhi bàite, mar tha e toirt na h-idheirp dheireannaich, ’s a’ faireachduinn nan tonn ag iathadh uime; an ciontach mar tha e dìreadh ri fàradh na croiche, agus fhiughair dheireannach teicheadh uaithe; —feudaidh iad sin, agus iad sin a mhàin a thuigsinn an staid san robh mise. Shocraich a nis m’an-dòchas. Mhothaich mi gu’n robh m’ uair dheireannach a’ tarruing dlù: dh’ oidheirpich mi mo smuainte a thogail o’n t-saoghal so agus an socrachadh air an ath-bheatha. Ach bha ’n spàirn uamhasach. Mar a dh’ oidheirpich mi mi fein uidheamachadh air son a bhàis, thigeadh toil do ’n bheatha so air m’ aigne san àm. Nan d’ thigeadh fuaim gu m’ chluais, thogainn mo ceann a dh’ éisdeachd; nan d’ thigeadh sgàil’ air a chreig, dh’ amhaircinn ciod a bh’ ann; ach sguireadh an fhuaim, agus shiubhladh a sgàil’ air falbh; agus luidhinn a rìs sìos air an t-sneachda, agus dh’ fheùchainn dol am uidheam air son a bhàis.
“Faidheoigh, (gu là mo chrìche cuimhnichidh mi a mhionaid sin,) air leam gun d’ thug oiteag shoirbheis am’ ionnsuidh fuaim, a dh’aithnich mi; dhìrich mi air m’ uilinn le cabhaig nach mòr nach do chuir crioch orm—dh’ éisd mi—bha gach ni na thosd—dh’ éirich a ghaoth agus bha mi ’n teagamh an cuala mi rìs e, —an treas glaodh a chuir á teagamh mi! ’se tabhann Oscair dhìleis a bh’ann, a comharachadh a mach an ionaid san robh mis a m’ shìneadh. A rìs chuala mi a chomhartaich chruaidh sgairteil mar dhlùthaich e ri mullach na creige. An sin sheas e, a sior chomhartaich, gus am faca mi iomad tòrr-leus air an aisridh air an d’thainig e, ’s a dhlùthaich an gradaig ris. Thainig iolach air oiteag an anamoich: dh’oidheirpich mi a freagairt mar a b’fhearr a dh’ fheud mi. Air an àm so cha diongadh e a bheag co dhiùbh a chluinneadh no nach cluinneadh iad mi, oir co luath sa thainig na soluis far an robh an cù na sheasamh, ghrad leum e sios an cas bhruthach, a’ dheanamh greim bàis air na leachdaibh corrach, ga leige fein na shìneadh air feadh sneachdaidh agus ùrach gus an d’thainig e a dh’ aon leum far an robh mi, agus cha mhòr nach do chuir e as domh le beadradh, a ’toirt air mac-talla nan creag co’ -fhreagradh le àrd chomhartaich.
“Thug mo choimhearsnaich an aire nis do’n àite san robh mi. Theirinn ìad a’m’ ionnsuidh. Mo chàirdean gaolach, mar do mhothaich sibh am mùghadh a ta eadar eadochas agus tearuinteachd—o bhi tréigte gu fior charthannachd agus dlù chaoimhneas—o bhàs gu beatha—cha chomasach dhuibh a smuainteachadh an tuil de shòlas dian agus strìochta a thainig san àm sin air m’ anam. Cha robh a nis annsachd mo chridhe na banntraich! cha robh mo chlann a nis nan dìlleachdain! Bha mi air m’ aiseag gu beatha, do’n t-saoghal, do dhòchas, do shonas! agus air son so uile, fo laimh an fhreasdail, ’s ann an comaine gràidh agus tairisneachd madaidh bhochd a ta mi! ’Nuair a bhios ur làmh togta suas gu’r cù a bhualadh—stadaibh—agus smueintichibh air an t-seirbhis a rinn sean Oscar d’a mhaighstir.
“O’s ceann na h-uile ni, tuigibh agus aidichibh lamh an Tighearn anns gach caol-thearnadh roimh bheil sibh a’ teachd. Bithibh eolach air u r Dia ann an laithibh ur neart; agus a’ cuimhneachadh co buailteach ’s a tha sibh do sgiorradh agus do bhàs; oidheirpichibh a bhi do ghnà deas. Nam bitheadh Dia air m’ fhiosrachadhs’ le bàs air an oidhch’ a dh’ainmich mi, chaochail mi gun dòchas, agus cha robh an dòrainn na h-oidhche sin ach earlais fhaoin air dòrainn na h-oidhche sin air nach dealraich maduinn. Buidheachas dha-san a chaomhainn mi agus a bheannaich an sgiorradh sin domh, chum mo thoirt d’a ionnsuidh-san a thainig a shaoradh pheacach.” —An Teachdaire Gaidhealach.
A FRAMBOISE.
FHIR-DEASACHAIDH, —Mar a gheall mi bheir mi dhuit ni ’s urrainn dhomh de naigheachdan as a chearb so de ’n dùthaich, ged nach ’eil a bheag de naigheachdan agam dhuit aig an àm so.
Tha ’n t-iasgach foghair, mar a their sinn, gu math fad air ais. Tha ’n t-sìde cho stoirmeil ’s nach robh e furasda bhi muigh; ’s ged a bha iasg gu math pailt ann, thachair dhuinn a reir an t-sean fhacail, “Tuigain as an righ fuirich as a ghaoth.”
Chaidh am factorihh ghiomach a bha ’san àite so a losgadh gu làr aon oidhche air an t-seachdain a dh’ fhalbh. Bha uisge trom a sileadh aig an àm; agus mur h-e an t-uisge a chuir an tigh na theine, cha ’n ’eil fhios ciamar. Ach tha dòchas làidir againn gu bi tigh eile dhe ’n t-seòrsa ’sa cheart àite an uine nach bi fada.
Chaidh an Latha Taingealachd a choimhead an so air an là orduichte. Cha ’n ’eil teagamh nach coir gach latha bhi na latha taing againn; ach tha aon latha gu sonruichte air a chur air leth airson daoine a leigeil dhiubh saothair an làmh agus a bhuileachadh ann a bhi toirt taing airson gach maitheas a chaidh a bhuileachadh orra anns a bhliadhna a dh’ fhalbh. Faodaidh e bhi nach robh uile gu leir sruth agus soirbheas leinn mar bu mhath leinn, ach na dheigh sin ’s mor an t-aobhar taing a th’ againn nach robh sinn an so an eilean Cheap Breatunn air ar fiosrachadh le gorta, le plàighean, le claidheamh, na le ni dhe ’n t-seorsa sin, mar a tha àiteachan eile dhe ’n talamh; ach gur h-ann tha sinn a mealtuinn sìth, slàinte agus pailteas, lon de dhuine is do ainmhidh, agus gach beannachd eile bho laimh an fhreasdal.
Dh’ fhalbh moran de ’n oigridh bhuainn do na Stàitean air an fhoghar so; ach tha gu leoir dhiu—na gillean oga gu h-àraidh—a gearan air na timeanan a tha ’s na Stàitean am bliadhna. ’S iad na h-igheannan a’s fearr dheth gu mor a thaobh cosnaidh. Ach cha toigh leam iad a bhi cho ro chruaidh air a “Chuairtear” ’n uair a bhitheas e a cronachadh cuid de dhoigheannan nach faod a bhi cordadh ri muinntir a dh’ fhag iad aig an tigh an uair a thig iad dhachaidh anns an t-samhradh. Leugh mi anns a MHAC-TALLA uair anns an d’ fhuair ehard timesbhuatha airson e bhi ’g radh gu robh iad a deanamh dimeas air a Ghàidhlig, agus airson an cuid fhasan gu ’n seadh—gu sonruichte na “brogan biorach.” Tha mi ag aontachadh leis a “Chuairteir” gach uair a chronuicheas e uaill sam bith a dh’ fhaodar a bhi cur air chois airson ni gun seadh mar sud, agus an uair a sheasas e gu duineìl suas airson a dhùthaich ’nuair a chi e spalpairean de ghillean a fàs cho mor-chuiseach an uair a gheibh iad a null do Bhoston, ’s gu feuch iad ri eilean Cheap Breatunn a ruith sios. Ach is math gu bheil a mhor-chuid( ’s b’e mo dhùrachd an t-iomlan de na dh’ fhalbhas bhuainn a bhi mar sin) gu math cuimhneachail air duthaich am breth ’s an àraich, ’s nach diobradh an tlachd dhi airson ni sam bith.
Cha ’n ’eil naigheachd posaidh—agus tha mi toilichte nach ’eil naigheachd bàis—agam dhuit aig an àm so, ’s mar sin sguiream.
CEANN LIATH.
DUAISEAN.
Tha mi a tairgse tri duaisean airgid— $12 , $8 agus $4 —do ’n triùir sin a chuireas ugad eadar so ’s an 15mh latha de Februaraidh, 1899, an cruinneachadh a’s fhearr de raidhean Gailig(Gaelic phrases and idioms)aig nach bi co-chomunn sam bith ris a’ Bheurla; tha mi coma cia as do na raidhean, ach a mhàin nach ann anns a’ Bhiobuill a gheibhear iad; agus ma gheibh mi pailteas, bheir mi seachad duaisean airson nithean eile. Cha ’n fhaigh duine tighinn anns a’ chomh-ruith nach do phàigh am MAC-TALLA gach sgillinn de ainbh-fhiach a tha aige air. Seoladh iadsan a tha deonach feuchainn air son nan duaisean so, an litrichean gu,
CARAID NA GAIDHLIG.
Office of “Mac-Talla,”
Sydney, C. B.
Cha ’n fhiach le neach aig am bheil ceud fathan mòra a bhi ri connspoid.
BATHAR CRUAIDH.
Tha mi a nise ’cumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gu ’n taghal thu orm. Tha mi, mar a b’ abhaist, a’ creic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha mi ’creic gach ni gle shaor.
Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.
’NUAIR THEID THU ’BHADDECK
TAGHAIL AN STOR
Albert I. Hart.
Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram,
Bathar Cruaidh,
Amhlan,
Aodaichean,
Caiseart, Adan,
Curraichdean,
Agus iomadh ni eile.
An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle.
Am bheil romhad tigh no sabhal ur a thogail? Ma tha, paighidh e dhut do chuid thairnnean, glaine, paipear, paint, aol, plaster, luaidhe, glasan, ludagan, rop agus uidheaman saoirsneachd a cheannach bho
C . P. MOORE.
’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, ma bhios speal, sgrioban, forc no cas forca a dhith ort, theirig g’ an iarraidh gu
C . P. MOORE.
Nuair bhios a chlann ag iarraidh sgliat no leabhar ur, paipear sgriobhaidh, pinn, no inc, ceannaich iad bho
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.
Sin an t-aite anns am faigh thu gach ni dhiubh so gle shaor.
LEABHRAICHEAN GAILIG.
Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10
Gaelic Class Book .35
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte.
Sgriobh gu—
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney C. B.
[Vol . 7. No. 20. p. 7]
GUTH A ANTIGONISH.
’S fhada o nach d’ fhuair sibh guth o Oil-thigh Naomh Francis Xavier, ach ma dheireadh dhuisg fuaim ceolmhor na pioba-moire sinn. Feasgar romh là Fhéill Andrais rinn i teachd a’ làthair am measg mor ghairdeachas nan gillean Gàidhealach. Bha i ri cluinntinn air feadh gach talla is cearn de ’n cholaiste. Dhearbh Alastair gu soilleir gu robh ’mheòran min-eòlach air ni a bharrachd air ùird ’us innealan ceardaich. ’S i beachd gach aon a chuala e gur piobaire gu chùl e. Chuir e fuil gach mac Gàidheal nar measg gu goil, agus thòisich Ruidhle Thulachain, ’s dannsa a chlaidheamh, ’s na h-òran, ’s ghabh sinn seilbh do ’n taigh. Taing do dh’ Alasdair, chuir sinn seachad là Fhéill Andrais gu cridheil. “Gu ma fada beò e ’us ceol as a thigh.”
Tha “Mar a rinn mi m’ fhortan” a gealltuinn a bhi taitneach d’ ur luchd-leughaidh. Tha e coltach gu robh aobhar aig marsantan a bhi gearain air muinntir na fiach ’nuair bha ’n sgriobhadair òg; ach canaidh daoine gnothuich an diugh nach urrainn dhaibh gnothuch a dheanamh air thailleabh an aobhair cheudna. Tha daoine ann a tha coma ciamar a’ gheibh iad biadh no aodach ’s nithean eile, ma gheibhear air chreideas iad. ’N uair theidear a dh’ iarraidh nam fiach bidh ceud leithsgeul aca, ’s ni iad oidheirp air sin a chumail suas gus a ruith sia bliadhna. Canaidh iad an uair sin, “Faodaidh tusa bhith feadaireachd, tha ’n lagh air mo thaobh-sa.” Cha ’n ’eil guth air an lagh bu chòir a bhith ’sa chridhe.
Tha mi creidsinn gu bheil triùbhsar an fhir-deasachaidh ga stròiceadh aig na bàird, agus leis a sin tha e fulang gu leor gun mise bhith ga ’phianadh le tuilleadh ’sa chòir de sheanchas.
CAILEIN.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
Stewartdale , C. B.
CLOTH, DROGAID,
AGUS
Plaideachan “EUREKA.”
Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic.
Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige.
UISDEAN ROS, LL. B.
Fear-Tagraidh, Notair, &c .
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, C. B.
THA EARBSA
aig daoine ann am maidsichean Eddy— ’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a tha “coltach” ri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum.
Tha ’n t-ainm so na urras air mathas.
THE
E. B. EDDY Co., Ltd.,
HULL, CANADA.
C. H. HARRINGTON & CO.
Na Marsantan a’s Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni.
THA IAD A’ CREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
na ’s saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eile ’sa bhaile.
“SALADA TEA, ”
Na Puinnd ’s na Leth-Phuinnd; an ti a’s fhearr a tha ’n Ceap Breatunn air a phris.
[Dealbh]
Tha sinn a nise ’nar luchd-gnothuich aig a
CHANADACARRIAGE CO. ,
air son Eilean Cheap Breatunn.
Ma tha carbad de sheorsa sam bith a dhith ort, cumhnaidh tu airgead le ’cheannach uainne.
Tha sinn mar a b’ abhaist a’ creic Truncaichean, Màileidean, Acuinneach, Bratan-carbaid, Cuipichean, Carbadan Cloinne, Olla, Dubhaich Bhròg, &c ., &c .
F . Falconer & Son,
Sidni, C. B.
DH’ IARRAMAID AIR
NA GAIDHEIL
’s air muinntir eile a tha air son“Typewriter”a cheannach, iad a dh’ fheuchainn na
Blickensderfer No. 5,
mu ’n ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35 .
Tha seorsachan eile againn cuideachd.
CREELMAN BROS.,
TYPEWRITER CO.
15 Adelaide St. East,
TORONTO, ONT.
GHEIBH THU
AN TI
A’s fhearr ’sa Mhargadh.
NA BROGAN
A’s Fhaide Mhaireas.
AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.
Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c
TORMAD DOMHNULLACH.
AN T-AITE
ANNS AN CEANNAICH THU
Suic agus
Iaruinn Cruinn,
Creamers,
Soithichean Bainne,
Airneis-taighe,
Stobhaichean,
Flur, Min etc., etc.
AN STOR AIG
Isaac Greenwell,
SIDNI, C. B.
J. E. EISAN.
PIANOS AGUS ORGAIN.
AN SEORSA ’S FHEARR A THATAR A CREIC.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, C. B.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c .
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B.
D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C.B.
J . S. BROOKMAN, M. D. ,
LIGHICHE.
OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot.
SIDNI, C. B
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.
Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
Niall Mac Coinnich,
Sidni, C, B.
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Floiri Nic Fhionghain
a’ cumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan a’ cosg.
ADAN,
BONAIDEAN,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN,
GEUGAN.
agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor.
FEUCH GU’N TAGHAIL THU.
[Vol . 7. No. 20. p. 8]
Man Was Made to Mourn.
LE ROBERT BURNS.
’Nuair bha osag fhuar a’ gheamhraidh
Air iomadh coille ’s blàr
Aon feasgair is mi siubhal sios
Cois bruachan amhainn Air,
Choinnich mi duine, ’s shaoil mi e
Le iomagan sgith, is fann;
’Na ghnuis bha claisean aois is liath
Bha ’m falt a bh’air a cheann.
“Aìr sheabhaid c’ àit am beil thu dol?”
’N t-aosd’ urramach thuirt rium.
“Ne tart gu maoin, no boil na h-oig,
Mar so tha gluas’d do cheum?
No, theagamh, trioblaid gheur ga d’ chradh?
Och! ’s luath dhuits’ oige chaoin.
Bhi toiseachadh air cumha leams’
Meud truaighean clann nan daoin’.
“A ghrian ud tha os cionn nan slaibh
Tha mor a feadh ’s an leud,
’Sun cumar sraic nan ua’rach suas,
Le saothair ghoirt nan ceud,
Air a cuairt gheamhraidh chunnaic mi
Ceith’r fichead uair ochòin!
’S gach uair toirt dearbh’ gun’ chruthaicheadh.
Clann daoin’ gu bhi ri bròn.
“Cia srothail a bha thus’ air tim,
O dhuine ’n tus do linn
Cur t’uairean priseil gu droch bhuil,
Priomh gloirmhoir t’ oige ghrinn!
Dha do chailean gràineil, tric
De d’ chrop a deanamh lon;
Toirt do lagh naduir neart deich fillt
A chum do thoirt gu bron.
“Na seall amhain ear priomh na h-òig’
No duine ’n treun a neairt;
Ni’n duine nuair sinn feum dha sheorsa,
’S cumar suas a cheart;
Ach amhaìrc air aig bruach na h-uaigh
Le iomadh cradh ga leon;
Is aois is easbhuidh nochdadh dhuinn
Gun d’ rugadh e chum bron.
“Tha cuid ann mar gu’m biodh an dàn
Dhaibh soirbheachadh gu ’m miann;
Na saoìl gidheadh, gach aon dhiu sud
Lan bheannaicht air gach rian;
Ach O! cia lionmhor anns gach tir,
An doruinn daoine saoi
Tha fad am beatha faireachadh
Gu’m bheil e’n dan dhoibh caoi.
’S lionmhor geur na h-amhghairean
’S a chrè a ghìneadh leinn;
’S ni’s goirt na sin gach naire ’s cradh
Is ànradh thig uainn fein
’S ged ’eil a ghnuis tha suas ri neamh
Làn loinn le aoibhean graidh,
Tha cruaidh-chridheachd an duine toirt
Na muilleonan chum craidh.
“Faic an gineil sàruicht’, bochd,
Choiriosal ’sa tha
E guidh’ air bràthair dhe an dus
Cead saothaireachadh thoirt dha;
Is faic a cho-chnuimh thriathail
A cur iarrtus a neo-bhrigh,
Gun smaoineachadh air bean is clann
Bhi bròn le easbhuidh bidh.
“Ma rinneadh mis’ chum bhi ’n am thraill
D’ an triathan ud gu tu,
Carson chaidh smaoin neo-eis’meileach
’N am inntinn riamh a chur?
Mar d’rinneadh, cuime taim fo smachd
Do fhoirneart air son lòn?
No th’aige comas agus toil
Air mise thoirt gu bron?
“Gidheadh a mhic na cuireadh so
T’uchd oigeil cus de dhoigh;
Oir cha’n i bheachd so de ’na chuis
Gu dearbh an aon fadheoidh!
Am bochd fòir-eignicht, onoireach.
Cha d’rugadh riamh le mnaoi,
Mar biodh ni ann gu comh-fhurtachd
A thoirt do luchd na caoidh!
“O bhais! fhior charaide nam bochd,
’S ro chaoimhneil-maith do lamh!
Gu’n di ’nuair bhios mo chnàmhan aosd’
’N an laidhe leats’ aig tàmh!
Fo gheilt do bhuille bi’ an dream
Tha sòghail, ard, is daoi!
Ach ’s saorsa bheannaicht dhaibhs’ thu,
Tha trom-uallaichte ri caoidh.
Eadar le Ascull MacAscuill
’S Caomh Leam Mo Mhaldag.
O! ’s caomh leam fhèin mo mhàldag
An tè bhàn da ’n d’ thug mi ’n gaol;
’S ro thoigh leam fhein mo ghràdh geal,
An tè ’s fhearr leam air an t-saogh’l,
Tha m’ aigne nis air dùsgadh—
Gur mùirneach mi gu ceòl,
Bho’n thug mo leannan rùn domh,
Mo chionn ’us m’ ùigh ri ’m bheò.
’Nochd caideidh mi neo luaineach,
Gun bhruaillein orm no cràdh,
Cha ’n eagal leam na bruadair,
A bhios a luaidh mu ’m ghràdh;
An t-eun is àirde ’ghluaiseas,
Theid uair-eigin gu tàmh—
Cha b’ aithne dhòmhsa suaimhneas—
Gu’n d’ thug mo luaidh dhomh ’làmh.
O! ’s caom leam fhein, &c .
Is lionmhor seud glè luachmhor,
Tha ’n uaigneas fad o shùil,
’Nan àìlleachd fhéin neo-thruailte,
Gun luaidh bhi air an cliù;
Mar sud tha maise ’m eudail,
A measg nan ceudan slòigh,
A buadhan àrd cha lèir dhoibh,
No beusan glan na h-òigh.
O, ’s caomh leam fhein, &c .
Is caoin an osag chùbhraidh
Tha ’guilan tùis nan cluan,
Is lionmhor ribheid shiùbhlach
Tha ’n coill nan dlùth-chrann uain’
Ach ’s annsa leamsa mànran,
’Us cagar tlàth mo rùin,
’Nuair ghleusas i na dàin dhomh
’So mo làmh ga tarruing dlùth.
O, ’s caomhleam fhein, &c .
Cha sheinn mi tuillidh ’n tràth so,
’S cha toir do chàch mo sgeul,
Ach feithidh mi gu sàmhach,
An là a their thu fhèin:
’N sin fuadaichidh an fhàire,
Na sgàilean ’laidh cho dlùth,
’S thig sonus agus àbhachd,
Thoirt fàilt’ do’n mhaduinn ùir.
O, ’s caomh leam fhein, &c .
AONGHAS OG.
POSADH.
Ann an Truro, air an 29mh latha de Nobhember, leis an Urr. A. L Geggie, Domhnull I. MacLeoid, Amherst, ri Floiri Nic Fhioghain, Sidni.
BAS.
Ann an Sidni, air Di-haoine an darra latha dhe’n mhios, Fionnghal, bantrach Mhicheil Mhic Gill-Fhaollain, tri fichead bliadhna ’a ’sa tri a dh’ aois. Fhuair i a h-àrach ann an Uidhist, agus thainig i do’n duthaich so maille ri céile ’sa bhliadhna 1866. Bha i tinn ùine fhada agus dh’ fhuiling i mòran o chionn dha no tri bhliadhnaichean. Dh’ fhàg i ceathrar mhac agus triuir nighean; tha aon dhuibh posda anns an t-sean duthaich. Bha i air a tiodhlachadh ann an cladh na h-eaglais Chaitliceach Di-dònaich. —R. I. P.
AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leighsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH
agus TEANNTACHD.
Cuir a dh’ iarraidh sampuill us teisteannas.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia.
agus
127 State St., Boston Mass.
MAC-TALLA.
“Gu ma fada beo a’ Ghailig.”
“Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.”
Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais.
DO DHLEASANAS.
A bhi gabhail MHIC-TALLA.
A bhi leughadh MHIC-TALLA.
A bhi pàigheadh MHIC-TALLA.
A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a chur ’na rathad.
An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan.
Cha robh a leithid ann roimhe, ’s cha ’n eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast.
Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tigh’n a mach uair ’san t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut.
Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dh’ fhalbh.
A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do t’ inntinn.
Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig a’ sgriobhadh gu daonnan dha; agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og.
Is abhaist do dhaoine ’nuair a bhios iad a’ creic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhi ’cur pris ard ’na cheann; ach cha ’n eil MAC-TALLA ’deanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadh ’sa chumail suas, agus uime sin cha ’n eil e cosg d’a luchd-gabhail ach
DOLAR ’SA BHLIADHNA.
title | Issue 20 |
internal date | 1898.0 |
display date | 1898 |
publication date | 1898 |
level | |
reference template | Mac-Talla VII No. 20. %p |
parent text | Volume 7 |