[161]

[Vol . 7. No. 21. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, DESEMBER 16, 1898. No. 21.


MAR A RINN MI MFHORTAN.

CAIB. V.

AN DUNEIDIONN. —SEUMAS MAC LEOID.

Cha do mheudaich na chuala mi Domhull Dughallach ag ràdh mu mcharaide, Seumas Mac Leoid, mo mheas air Seumas idir. Bhuail e anns an inntinn agam gum bu duine e a bha uaibhreach, agus air am biodh nàire mo leithid fhein de dhuine òg gun mòran foghluim no fiosrachaidh fhaicinn ann an deise de chlòth glas aig a dhorus. Chum mi mo bharail agam fhein; oir ged a bha Domhull Dughallachna dhuine dom faodainn minntinn a leigeadh ris gu saor, cha robh agam ach beagan eòlais air.

Tha mi cinnteach gum bheil an t-acras ort, ’Eachuinn,” thuirt e rium, “tha misedol gu mdhinneir o chionn leith uair, agus theid thu comhladh rium. Is ann is fhearr dhut fuireach comhladh ruinn fhein gu cionn seachdain. Cha mhisde thu do shùilean fhosgladh gu math air feadh sràidean Ghlasacho mun teid thu do Dhuneidionn. Tha mi cinnteach nach dthainig tu as an taigh gun beagan imrig. Am bheil ciste agad anns abhata? Ma tha, cuiridh mi fhein duine sios thun acheidhe, agus bheir e leis i thun an taighe. Fanaidh tu air achuid as lugha seachdain comhladh ruinn fhein. Theid mi an urras gum bi abheans na gillean caoimhneil gu leòr riut. Theid iad comhladh riut a dhamharcnan ioghnaidhean a tha air feadh Ghlasacho.”

Thug mi mòran taing dha, agus thuirt mi gum bithinn toileach gu leòr fuireach seachdain comhladh ris fheins ri theaghlach.

Dhfhalbh mi fhins e fhein thun an taighe. An uair a rainig sinn bhan dinneir deiseil air abhòrd. Chuir a bhean failte chridheil, chaoimhneil orm. Cha robh a h-aon dhe na gillean a staigh aig an àm. Bha dithis dhiubh anns an sgoil, agus bhan dithis eile aig an ceaird, agus cha tigeadh iad dhachaidh gus am biodh e an deigh shia uairean feasgar.

Cha bu luaithe a ghabh e fhein a dhinneir na ghrad dhfhalbh e don taigh-òsda. “Ged a tha gille òg tapaidh agam comhladh rium, feumaidh mi fhein a bhith aig achunntair a h-uile feasgar; oir, mar is trice, tha duine is duine a bhios an déigh tuilleadhs achòir òl atighinnnar rathad anns an fheasgar, agus mur biomaid ann le chéile dheanadh iad tuasaid. Cha bu toigh leam tuasaid a bhithnam thaigh uair sam bith; oir chuireadh e droch ainm bhar mo thaighe.”

Bhabheanna boirionnach cho comhraiteachs a burrainn a bhith. Bha Gàilig gu leòr aice, agus chuir sinn seachad an uine gu taitneach acomhradh richeile gus an dthainig an dithis ghillean a bòige dhachaidh as an sgoil.

Cho luaths a ghabh iad am biadh dhfhalbh mi comhladh riutha sgrìob air feadh abhaile. Chaith sinn na bha romhainn dhen fheasgar ag amharc air na bha de dhòrs de dhairgiods de sheudan luachmhor anns na h-uinneagan air sràidIc Bhannainn. Bha mise an dùil aig an àm nach robh uiread eile de dhionmhas air ur-uachdar an t-saoghail. Bha e dlùth air deich uairean a dhoidhche mun do thill sinn dhachaidh.

Bhan dithis ghillean a bhag ionnsachadh na ceairde a staigh romhainn, agus iad aleughadh phaipearan is leabhraichean. On a bha iad gu math na bu shinne na mise cha drinn iad mòran comhraidh rium an oidhche ud; ach mun dthainig ceann na seachdain bha iad comhraiteach gu leor rium.

Beagan an deigh aon uair deug thainig e fhein dhachaidh. Bha mise agus an dithis ghillean a bòige adeanamh deiseil aig an àm gus a dhol a laidhe. “Stad ort, ’Eachuinn,” arsesan, “gus an innis mi dhut an rud air an robh mismaointean on a dhfhalbh mi. Mar a dhinnis mi dhut mar tha, tha do charaide fheins mo charaide-sa, Seumas Mac Leoid, gle mhòr as fhein, agus is docha nach cord e ris thusa fhaicinn aig a dhorus ann an deise de chlòth Gàidhealach. Bheir mise dhut deise mhath ùr, ma ghabhas tu i. Agus tha min dochas nacheil thu cho mòr asad fheins gun diùlt thu gabhail uam. Tha micreidsinn nach do leig dathairs do mhàthair air falbh as an taigh thu cho lom a dhairgiods nach teid agad air deise a cheannach; ach gabhaidh tu deise uamsa. Agus mur leig amheud-mhor leat a gabhail uam mar ghean-math, chaneil agad ach a paigheadh dhomh an uair a dhfhàsas tu beairteach. Theid thu comhladh riumsa thun an taillears amhaduinn am màireach, agus gabhaidh e do thomhas. Feumaidh tu brogan mar an ceudna; oir tha e neònach leamsa mur tug thu fhein an aire gum bheil na brogan a thort, ged a tha iad gle mhath, ro làidir air son sràidean abhaile so. Is math bu chòir dhomhsa deise o làr gu mullach a chur air mac do mhàthar. Cha do chaith mise stocainn o chionn deich bliadhna ach na rinn i dhomh. Bfhurasda dhomh stocainnean gu leòr fhaighinns abhaile so; ach chan e h-uile stocainn a fhreagras orm. Bidh mo chasan glé fhuar mar is trice, agus tha na stocainnean a tha do mhàthair adeanamh dhomh air achlòimh ghlais a thair na caoraich agaibh fhein mòran nas blàithe na stocainnean sam bith eile a gheibh mi. A bharrachd air sin, tha isnìomh an t-snàth cho bogs cho tlàths gum bheil iad an comhnuidh tlusar, caoin ri mo chasan.”

Thug mi taing dha air son a chaoimhneis, agus thuirt mi ris, gun gabhainn an deise agus na brògan uaithe gu toileach. Ghrad dheirich mi as an àites an robh minam shuidhe, agus thug mimach as achiste phaidhear de stocainnean a chuir mo mhàthair uige.

Cha robh mi o chionn fada cho feumach air stocainnean,” arsesan; “tha na stocainnean mu dheireadh a fhuair mi o dmhàthair air fàs tana, agus air tòiseachadh ri tolladh. Is fhearr leam an phaidhir so nan cóig luachan.”

Anns amhadainn chaidh mi comhladh ris thun an taillear. Dhòrdaich e deise dhomh dhen aodach cho maths a bhaig an taillear an taobh a staigh dhen dorus. Air an rathad dhachaidh thaghail sinn ann am bùth greusaiche, agus cheannaich e deadh phaidhir bhròg dhomh. An uair a chuir an taillear ugam an deise, fhreagair i dhomh anabarrach math. Thug abhean dhomh ceann-aodach, agus neapaiginn sìoda gus a chur mu mamhaich. An uair a chuir mi umam an deises gach ni eile a thug iad dhomh, bha mi cho grinns cho speisealta ri mac mathar, ach ainneamh, a bhanns abhaile.

An uair a bha mi seachdains an taigh aige, dhfhalbh mi fheins e fhein gu math mochs amhadainn gu ruige Duneidionn. Cha tug mi leam achiste idir; oir bha eagal orm nach gabhadh mo charaide, Seumas Mac Leoid, suim sam bith dhiom.

An uair a ràinig sinn Duneidionn thuirt Domhull Dughallach rium gum bfhearr dhuinn gabhail dìreach a dhionnsuidh an taigh-ghnothaich aig Seumas Mac Leoid, an àite dhol thun an taigh-chomhnuidh aige. Thachair gun robh e ann romhainn. Acheud shùil a thug mi air dhaithnich mi nach robh saod math air; oir bha greann an uilc air an aghaidh aige. Dhfhailltich e Domhull Dughallach cho fuars gun saoileadh neach sam bith gun robh gruaim mhor air ris. Cha daithnich e mise idir; oir ged a bha e uair is uair anns an taigh againn an uair a bha minam phàisde beag, cha robh beachd sam bith aige orm.

An uair a chunnaic Domhull Dughallach gun robh e gruamach, agus gun robh, a réir choltais, mòran gnothaich aige ri dheanamh anns an àm, thuirt e, “Than gille òg so air tighinn as aGhàidhealtachd gus sibhse fhaicinn, agus tha dòchas aige gum feuch sibh ri obair fhaotainn dha, aon chuid anns an ofis agaibh fhein, no ann an àite sam bith eile a bhios freagarrach dha. O nach robh e riamh roimhe anns abhaile so, thainig mise comhladh ris a shealltainn an taighe dha.”

Sheall e gu dùr orm, agus an uair a bha e greisna thosd thuirt e, “Chaneil àite falamh agamsa dha, agus ged a bhitheadh, cha deanadh a leithid feum dhomh. Cha mhò na sin a tha fhios agam càite am faighear obair fhreagarrach dha. Tha gu leòr anns abhaile so a dheanadh obair nas fhearr na ni esan a tha gun obair idir. Bfhearr dha gu mòr a bhith air fuireach aig an taigh acuideachadhathar. Tha dùil aig a h-uile spalpaire òg anns aGhàidhealtachd a ni beagan sgrìobhaidh is leughaidh is cunntas nacheil aca ach tighinn do na bailtean mòra, agus gum bi dorus fosgailte dhaibh latha sam bith a thig iad. Tha gu leòr de dhaoine gun fheum againn anns na bailtean mòra mar a tha, ged nach tigeadh an corr ugainn as aGhàidhealtachd. Chaneil mise faicinn gur urrainn domh ni sam bith a dheanamh ris achfharadh a phaigheadh dhachaidh. Biodh e falbh leis acheud chomhdhail a gheibh e.”

Chuir elàmhna phocaid, agus thug emach ghini, agus thuirt e, “Pàighidh sinfharadh agus a bhiadh.”

Thug so uam mo mhisneach buileach glan. Ged a chuirteadh sgian annam chaneil mi smaointean gun tigeadh deur fala asam. Ach ge beshealladh air aodann Dhomhuill Dhughallaich chitheadh e gun robh coltas fala agus feirge gu leòrna aodann. Thuirt e, agus crith air a



[162]

[Vol . 7. No. 21. p. 2]

ghuth leis an fheirg:— “Tha nàire is tàmailt orm, a Sheumais, gun dthàinig do leithìd as an aon duthaich rium. Chaneil annad ach an spìocaire truagh, feineil, a tha coma dhe na h-uile duine ach thu fhein. Tha thusior chàrnadh suas saoibhreis le cìocras a thacur ioghnaidh air iomadh neach. aigetha thudol a dhfhàgail nam mìltean a tha thu mar tha air a chur ma seach? Cha toir thu fon ùir nas na bheir Callum. Bfhearr dhut gu mòr feum iomchuidh a dheanamh dhe do chuid airgid fhads a bhiodh tu beò. Gheibh thu bàs a cheart cho cinnteachs a gheibh mise; agus an deigh do bhàis bidh do chàirdean atrods asglàmhachds ag itheadh a chéile mun airgiod mhosach a dhfhagas tunad dhéigh. Cho cinnteachs a tha misenam sheasamh an so, theid iad gu lagh mun airgiod, agus theid min urras gum bi an earrann as dhen airgiod aig an luchd-lagha. Agus cha dubhairt mi nach tugadh do chàirdean am mollachd air do chnamhan an uair a bhios iad acrìonadh anns an ùir.

Bha mo shùil air Seumas fhads a bha Domhull alabhairt nam briathran searbha so ris, agus thug min aire gun robhaghaidh ag atharrachadh dath gu tric. Mu dheireadh, an uair a chuale Domhull ag ràdh gum biodh a chàirdean atoirt am mollachd air a chnamhan anns an ùir, dheirich ena sheasamh, agus thuirt e, “Gabh fheins an gille òg am mach as an taigh. Tha mi fada gu leòr ag éisdeachd ri do chuid bòilich.”

Cha déisd Domhull an corr. Thuirt e riumsa, “Tiugainn, Eachainn; agus fàgamaid an spìocaire truagh agus a chuid ginidhean as ar deigh mar a dhfhàgadh a buachar.”

(Ri leantuinn.)


MORT NAN EIGEACH.

Anns abhliadhna 1490, bha Eilean Eig air àiteachadh le feadhain do Chlann-Dòmhnuillfine cho leòmhannail, làidir ainmeils a thilg saighead, no tharruing claidheamh. Bha iomad baiteil agus cruaidh-chaonnag eadar iad so agus Siol-Leòidcuraidhean garg, ain sgiannach, nach lùbadh an cinn do dhuine ach an righ on dthàinig iad, agus nach sealladh an sàilltean do nàmhaid am feadh bu bheò iad. Cha robh iad so, gun teagamh, cho lionmhor ris na Dòmhnullaich; ach on a bann le feall-fholach agus fo sgàil na h-oidhche bu ghnàth leò, anns na linnte borb, cian sin, ionnsuidh a thoirt air an naimhdean, bha Siol-Leòid comasach air it-ma-seach a spionadh a nòcuis na h-aimhreit. Bha, os-bàrr, dluth-dhàimh eadar Clann Torcuill (méur dheth na Leòdaich a fhréumhaich bho Thorcull, dàra mac Righ Lochluinn) agus Clan Choinnich a thaobh pòsaidhean agus eadar phòsaidhean bhan aonadh so acumail srian ri ainneirt nan Dòmhnullach.

Mar a dhainnich mi, anns abhliadhna 1490 (no uaireiginn teann air an am), chaidh ceathrar Leòdach, a mhuinntir Dhunbheagain, air tir le bàtann Eilean eigbha e leòir-shoilleir nach ann mar nàimhdeanceathrar-direach sgioba. Agus ged a bha armachd orra, ’de burrainn iad a dheanamhn an aonar? Cha rachadh Gaidheal air bith, anns na làithibh sin, on bhaile gun armachd. Cha do dhùisg astair nan Leodach iomagainn air bith am measg an coimhearsnach; agus da riribhs fhada mun e dòrtadh-fola bhair an aire. Bha fear deth na sgioba, Iain Buidhe Mac-Leòid, (og fhear cho smiorail, dhreachmhor, ’s a sheas riabh faiche) ann an trom-ghaol air Iseabal Nic-Dhòmhnuill (maighdeann eireachdail chòir), agus be fàth a thuruis do dhEige air an am mun bheil mi asgriobhadh, an dara cuid a pòsadh le toil a pàrandan, air neo a goid air falbh anns abhata. Bha dearbh-fhios aige gun gabhadh so deanamh gu furasda, do bhrigh gum bann fo compairt a leannain a thàinig e; agus far am bi da chridhe ag aomadh fo chumhachd diomhair aghràidh dhionnsuidh a chéile, is doirbh na bacaidhnean air nach faigh iad thairis.

Fhuair na Leòdaich gabhail riutha gu math. Dhi-chuimhnicheadh gach borb bhuille bha eadar an da fhìne anns an fhialachd a nochdadh dhoibh; agus dhfhuirich iad, ag ithes ag-òl no dha comhla ris na h-Eigich.

Bha suil aig neart do ghillean Eilean Eige an déigh Iseabal. Bharailich iad an t-aobhar a thug na Leòdaich don eilean, agus chuir iad romhpa féin nach rachadh an gnothach leo. Bha fios aca, gidheadh, nacheisdeadh Iseabal riuthagun robh a cridhes a h-inntinn aig Iain Mac Leòidagus gum bann le foirneart agus làmh-laidir a dhfheumadh iad a cumail gun phòsadh. Ach a rithist bha e féumail gun cuireadh iad an comhairle rin ceann-feadhna, agus gun tugadh esan cead dhoibh na Leòdaich a ghràineachadh dhachaidh; oir nan tachradh ni a dhfhaodadh diùmadh Dhunbheagain a chosnadh dhoibh, bu mhath leo nach bitheadh iad féinn a choireachadhs an iomlan. Leis na dubh-bhreugan, thug iad air an ceann-feadhna chreidsinn gun robh na Leòdach toillteannach air an sgìursadh as an àit. Agus fhuair iad cead sin a dheanamh ach dhàithneadh dhoibh gun am marbhadh, “Oir,” arsan Dòmhnullach, “a deanamh na fìrinn, chaneil toil agam drannd a chluinntinn an dràsd mun bhrataich-shìth; agus on fhuair mi siosair ùr,” (cha robh reasaran acas an àm sin), “theid agam air an fheusaig a bhearradh, gun chuideachadh bho chlaidheamh Mhic Leòid!” Ge be air bith fàile a fhuair athair Iseabal, chomhairlich e do na Leòdaich teicheadh. Thug e làn-chead da nighinn falbh leo; agus gheall e, ged nach bitheadh esan air abhanais, gun òladh e gu suilbhear orra na thigh féin. ’Nuair a shuidh an oidhche gu math air a caithir dhoilleir chiar-dhuibh, thriall na suinn gu sàmhach, balbh-thosdach le Iseabal, gu béul puirt. Cha robh fuaim ach tathunnaich chianail, iosguineach, nan con, agus gair nan tonn mar a bha iad abristeadh air garbh-chreagan na tràighe, aruigheachd na cluaise. Bha solus na gealaich gu leth-shoilleir aluidhe air broilleach achuain; agus bàm e, da riribh, a ghoid mnatha. Thainig na Leòdaich gum bàta, gun smuain air bith ciod e bha gu tachairt orran sin. Bha fichead fear dheth na Dòmhnullaich a feall fholach orra anns na creagaibh. Leum iad a mach mar choin fhola. Rinn iad greim air Iseabal, agus spion iad i a gairdeanan tairis, càirdeil a leannain. ’S ann an diomhain a bhuail i a basan— ’s ann an diomhain a spion i a falt. Tharruing Iain a chlaidheamh; ach chaidh a féin agus na bha leis a cheangal eadar làmhan as chasan. Thug na Dòmhnullaich an sin na ràimh, an t-aodach agus an stiùir, as abhàta. Thilg iad na Leòdaich innte chuir iad a mach gu fairgi agus ghuidh iad oidhche mhath leòmar so atoirt cead dhoibh bàsachadh leis an acras, a bhi air am bàthadh, no air an sguabadh air falbh leis aghaoith! Faodaidh ainnir bhlàth-chridheach air bith, a shocruich a cridhe air òganach smiorail, subhailceach, taraidh, càileigin do bhàrail a bhi aice mun staid ann an robh Iseabal an oidhche sin; ach i amhaighdeann Ghàidhealach an diugh a burraìnn a smuaintean a chur an céill ann an òran, mar a rinn ìse? Tha aon rann den òran so iomchuidh, a chum firinn mo naidheachd a chur a teagamh:—

Ge da cheangail iads abhatthu,
Tha mo dhuil-sa thubhi sabhailt;
Fhir achuil-bhuidhes lughoir gairdean,
Be mo dhiubhail, a ruin, do charamh!”

Fad oidhchagus latha bha na Leòdaich air an tonn-luasgadh air druim liath-ghorm na fairge, ann am bàta faoin, fosgailte. Bha iad air uairibh air an giùlain teann air tir; ach a rithist, agus ann am prioba na sùl, mar gum biodh aghaoth adaor-mhagadh orra, bha iad air an sguabadh a mach fada! fada asealladh achala sin anns am bu mhiann leò dol air tir! Cha robh biadh acacha robh deoch acacha robh ràmh, na stiùir, na seòl aca; bha iad air an ceangal gu cruaidh cinnteach eadar làmhan as chasan, agus a réir coltais air an òrduchadh gu bàs fhaotainn. Ach eadhon anns an t-seasamh oillteil, chruadalach sin, bha spiorad nan laoch oir-dhearg do lùbte.

Mu chiaradh na gréine, dhearc iad, fadair falbh, bàta fo làn aodach aruith roimh an t-soirbheas. Bha fios aca gun robh Mac Leòid aig an àm ann an Lochlunn; agus O! nam betharladh a bhin sin, ’na thilleadh dhachaidh, cia sonabhitheadh iad. Leis an eòlas-cuain sin airson an robh, agus abheil, na seòladairean tuathach comharraichte, dhaom an iùrach ni bu teinnes ni bu teinne orraaslaod-leum gu h-uallach, inntinneach, thar na tonna càirgheal, agus mar each stéudmhor, amarcachd gu dlùth-astarach air a slighegus fadheòigh an daithnich iad gur i iùrach bhàn Dhunbheagain a bhann, agus Mac Leòid féin air an stiùir! “Taing dhuit a mhic Mhuire, a shabhail mi bho uaigh fhliuch!” arsa fear dhiu. “Taing dhuit Mhic Leòid, a sheòl am rathad i!” arsa fear eile. “A leoar fhearaibh!” arsan treas fear, “Cha toir mi taing domhacna donighin,’ gedbu Nic-Domhnuill i, gus am faigh mi air bòrd còmhlari mcheann-cinnidh.” Leig iad sgread-rabhaidh asda. Mhothuich Mac-Leòid dhoibh. Chuir em bàta mun cuairt, agus an uine ghoirid bha iad ri taobh birlinn gheal Dhun-bheagain.

Bha aig an àm sin cùram athaireil aig gach ceann-feadhna dhethfhine féinbiad achlanna mhic dhìleas, ùmhail, dhleasdanach, air dearg-fhaichan lasgair. Is ann annta bhaneart a chliu, agus a chomas, mar bhall deth na cho’ -chomunn aco-sheasamh; agus bha e faicinn mar fhiachaibh air féin tarcuis no droch-bheart air bith a rachadh a dheanamh air aon diu a phàigheadh -fhillte. Is ann le mòr-iomaguin a chuala Mac Leòid an di-meas a rinn na h-Eigich air Iain Buidhes air a chompanaich. Dhéisd en aithris gu crìch. Thog en ailm a bhan a làimh gu h-àirde (caoin-shuarach mun chunnart anns na chuir em bàta), agus mhionnaich e nach bu cheangal sgadain air gad dhoibh a chuid daoine-sa.

Latha no dhà as déigh sin, thog Mac Leòid, agus a chuid gaisgeach orra do dhEilean Eig. Bha seà eathraichean aige, agus -fhichead duine, fon làn armaibh, anns gach eithearadeanamh suas barrachd air cheud milidh, no fear-catha, cho calma, neo-uisgidh, ’s a sheas riabh ri h-uchd catha. Chunnaic na Dòmhnullaich achabhlach bheag, bhréid-gheal atighin. Chunnaic iad bàta Mhic Leòid féin air toiseach, agus a bhràtach a snàmh gu h-uallach, àrd, ’s aghaoith. Chualiad nuallan a phìob-mhoir gu lùghor, siùbhlach, ponnganach, air na tonnan liath-ghorm thuig iad an brosnacha catha; agus ghlac uamhunn agus geilt chrith iad. Fo bharail nach robh an inntinn Mhic Leòid ni bu lugha nan lom-ghearradh as, thog iad orra; ach cha bann a chum greim a dheanamh air an armaibh, mar bu nòs. Than Eilean Eig uamh mhòr dhorcha, dhomhain. Tha dorus na h-uamha so cho fior chumhann, is nach urrainn neach dol a stigh innte còmhla ach aon fhear; agus tha, os-barr, eas, no cas-shruth uisg, atuirling calg-dhireach fa chomhair an doruis, non tuill chaoil soair alt gur gann a rachadh aig coigreach amas air an ùamh, ged a dhinnseadh neach dha mun tuaiream an robh i. ’S anns an uamh so, ma ta, a shir na Dòmhnullaich an tèaruinteachd sin ris nach bion fiuthair a bhi aca bho



[163]

[Vol . 7. No. 21. p. 3]

sheasamh ris na bha air an tòir. Chaidh gach beag agus mòrgach sean agus ògfirionn agus boirionnseadh, gach anam a bhas an eileanas dhfhalaichs iad iad féin bho dhian-chorruich an Leòdach anns an uaimh. Thug na gillean ògacheart aire gun robh Iseabal Dhòmhnullach maille riutha. Bha i son a h-eun ro bhriagha sgiamhach gu bhi air a fàgail an lion an eunadair. Rainig Mac Leòid Eig; ach ma ràinig bha gach dorus air a dhruideadhbha gach tigh fuar, lom, aonarachcha robh smùid ag éiridh obhothanbha sàmhchair as -thosdachd arìgheachadh mun cuartbhan spréidh ag ionaltradh gu faoin, fosgailte, seacharanach, anns an fhochannbha na coin féinnan tàmh, agus gu slaod-earbullach aruith as an rathad. “Ciod so?” arsa Dunbheagain, agus edeanamh fiamhghaire fuar. “Chaidh iad gu dshireadh Iain Bhuidhethug iad amhuir orra as do dhéigh; ach theagamh gun do phòs amhaighdeannan gath-gréines eibhinn deàrrsadh sinagus gu bheil banais acair mòr-thir. n comas a thair, a laochain! Seall air na maigdeanan ud” (agus ecomharrachadh achruidh dhoibh), “bheir sinn dhachaidh iad, na caileagan bòidheach, -bhliadhnach, druimionn, adhairceach. Gach duine dhobair, agus misedhoran:—

Nuair chaidh sinn a dhEig a dhiarraidh maighdinn,
Chaoimhneil cheanalt,
S ann a fhair sinn crodh gun fhaoidhneachd,
Spréidh mhath dhruimionn;
Gearranan, mair bastar tuinn e,
Leinn gun sgillinn;
S caoraich mhaoln an caol-chas fine,
S saill nam mionach.

Thoisich obair an dìth-mhillidh aig tigh an uachdarain. Thrus iad leò gach dad air am bfhiach dhoibh greim a dheanamh agus an sin chuir iad gach tigh, bothan, ath, sabhal, agus gach ni eile bhas an àite ra theine. Mharbh iad achuid bu mhodha dethn chrodh-sheasg. Rinn iad ceithreannan dhiù, agus luchdich iad an eathraichean leis an fheòil. Ach nam be so uile, cha bhitheadh mo sgeula cho ghairisinneach, namhasach, oillteilcha bhitheadh mfhuil aruith fuar ann am chuislibh an àm dhomh bruithinn air gnìomhara mo shinnsearacha bhitheadh borb-dhealbh nan laithean o shean cho craos-fhuilteach, dhuaichnidh, ’s gun leumadh an leughdair air ais le h-uamhunn an àm beachdachadh air.

Bha Mac Leòids a chuid daoine latha ann an Eilean Eig mun dfhuair iad an dùil a shàsachadh ann an lom-sgrios an àite. na h-ùine sin, bha na h-Eigich (béul ri cheud pears’, eadar bheag as mhòr) ain an cleith anns an uaimh; agus o nach do thàrladh dhoibh biadh a bhi aca, bha iad air fannachadh leis an acras, agus sàr-thogradh aca farsuingeachd an t-saoghail agus fàile cùbhraidh na gaoithe fhaotainn. Air feasgair an dara latha chuir iad duinemach a dhfhaicinn an robh an rathad réidhan dfhalbh muinntir Dhunbheagain. Bha Mac Leòid agus a bhuidheann cholgarranan seasamh air an tràigh, a los an t-àit fhàgail; ach, gu tubaisteach, mhothuich iad don Dòmhnullach, agus as a dhéigh thug iad, acaolruith le luathas do-chréidsinn. Chuir an truaghan bochd ioma car dheth, mar a nin sionnach a chum na coin a mhealladh; ach mo thruaighe! Cha robh tearuinnteachd ann dhà. Thill e le dian-chabhaig don uaimh, mar a thill columan Noaih don àirc; ach cha bann le sgéulan t-sonaisbha na nàimhdean rishàil! Chuairtaich na tréunlaoich choirbte dorus na h-uamha. Bha fraoch feirg air gach gnùis, amhuil a sheallas dubh-neòil roimh bhùirich nan tàinneanach. Bhruidhinn MacLeòid le guth cruaidh oscarra; mar fhuaim tuinn abristeadh air garbh-chreig, ràinig na briathran cluasan nam priosanach— “A Dhòmhnullaich! guidheam ort, sàbhail iarmad dheth do dhìlsean leis na slaoightirean a rinn ainneart air mo chuid daoine-sabhreabadh as agharaidh. Cuir mach iad, a chum gum mothuich iad gu bheil làmhan nan Leòdach fuasgailte. Cuir a mach iad; than fheudail slàn, làidir, fallain, am bliadhna. Chan eil na fithich afaotainn pris othaisg mharbh, ach bheir misaon dinneir dhoibh dheth chréubhagan do chuid cladhairean cuire-chridheach-sa! Cuir a mach iad gun dail, air neo lùb do ghlùn, iarr maitheanas airson do pheacaidhnean, agus gabh féin agus na tha leat an cead gu sìorruidh do sholus na gréine!” Da rìribh uamhasach ged a bha na briathra so, cha do gheìll an Dòmhnullachni-sheadh, ach le briathra sgeigeil sròn-aird, thug e dùlan don fhear eile. Chunnaic iad maraon nach burrainn anam dol a steach don uaimh, no tighin a mach aisde, nach bitheadh air a spadadh gun teasraiginn. Bha Dunbheagain do-cheannsaichte, do-riaraichte, ’nuair a dh-eireadhfhearg. Thug e air a dhaoinen t-allt a bhatuiteam mu chaol-dorus an t-sluic a chur a leth-taobh. Thug e orra mòine, fraoch, maidean, seana bhàtaichean, agus gach seòrsa connaidh, a thrusadh. Chàirich e suas càrn mòr ann an dorus na h-uamha, agus, O! uamhas nan uamhasan! Chuir e ra theine iad! Bhaghaoth aséideadh aig an àm air aghaidh an doruis, agus a cur na toit a stigh don t-slochd gu h-iomlan.

Bha rànail, sgreadail, agus éigheach nan Dòmhnallach a nis da rìribh cianail. Chluinnte na naoidheanan agus na pàisdean ògag iarraidh air am pàrandan an dorus fhosgladh mum bitheadh iadsan air an tachdadhchluinnte na maighdeannan agus na leth-chailaich acaoineadhs a glaodhaich airson am beathachluinnte na gillean agus na laoich thogarrach gu domhain, domhain, abòideacheadh dioghaltaischluinnte na seana mhnathan agus daoine liath-cheannach ag ùrnuigh gu dùrachdach. Bhan aon choghàir mhuladachbas-bhualadhsgreadail chianail, ulfhartaich fhiadhaichospagan deireannachosnaidhean bàis, aruigheachd na cluaise. Ach bha obair an dìth-mhillidh thairis ann an uine ro ghèarr. Bhan deathach cho làidir, dhomhail, gheur, ’s gun do thacadh mòran dhiu ann am beagan mhionaidean. Chaidh iadn am breislichthuit iad seachadthàinig clò-chadal orrabhruadair iaddhfhosgail iad an sùilean aon uair eileagus mo thruaighe! Chaidil iad cadal abhàis! mar so, chuir Mac Leòid timchioll air cheud da chomh-chreùtairean gu bàs ceart còmhla; agus dhfhàg Eilean e Eig cho lom, fhásachail, aonanachgun taigh, gun tuar, gun anam beò— ’s a bha e mun do sheas bonn coise air. A leughadair an àm ath-shealladh a ghabhail air aghnothach sgreataidh, oillteil so, tog do shùilean a suas, agus le cridhe gun ghò, thoir tàing do Dhia, nacheil borb-ionnsuidhean bàis ran luaidh ann an Gaidhealtachd Albuinn an duigh.

C. N. G.


SGEUL AIR BUIDSICH FO RIOCHD MAIGHICH.

LEIS AN URR. TORMAD MAC LEOID, D. D.

S iomad sgeul a chuala mi mu bhuidseachd, agus mu nithe amaideachsan aimsirchaidh seachad, air nach eil mathbhi tighinn thairisan fhaoineis is gòraiche air an cualar iomradh riamh. Gidheadh, tha daoine fhathast ann an iomadh àite acreidsinn gu bheil cumhachd aig buidsichean riochd maighich a gabhailuair is àill leo; agus is ganntha e comasach a chuir mar fhiach orraeil anns na barailibh sin ach baodhaireachd gun chiall. Than sgeul a leanas fìor. Tha singa làn chreidsinn, agus is fhiach e innseadh. Mar biodh fios againn gun robh e fìor, cha tugamaid àite dha an so.

Bha aon de rìghrean na h-Albabha fìor déidheil air sgeulachdan èisdeachd, agus e fein làn do dhfhearas-chuideachd agus fala-dhà. Ach thachair dha air feasgar àraidh a bhi trom-inntinneach agus muladach. Cha burrainn da chùirtearans do na daoine mòrbha mun cuairt da a spiorad a thogail, na uiread agus a thoirt air gàire a dheanamh. Dhfheuch iad gach dòigh a burrainn doibh, ach cha deach aca air a dheanamh. Ma dheireadh, thionndaidh e ri ministeir-sgìreachd a bha làthair, agus dhfheòraich e an robh buidsichean fhathast liommhor anns an dùthaichsan robh esan a còmhnuidh.

Matà,” arsam ministeir, “chan eil mi féin ro chinnteach. Tha cuid ag ràdh gu bheil, agus cuid ag ràdh nacheil an leithid idir ann.”

An leithid ann!” ars an rìgh. “Tha an leithid ann; gun teagamh, tha. Chuala mi féin sgeul air buidsich a bàbhaist riochd maighich a ghabhail gu tric; ’s cha robh sealgairsan dùthaich a burrainn a marbhadh, ged is iomadh urchair a loisgeadh oirre.”

Matà,” arsam ministeir, “chan fhaod mi àicheadh nach cuala mi leithid sin do ; agus o na rinnur mòralachd a chur mum choinneamh, cha dàna leam aideachadh gun do thachair den t-seorsa sin aon uair dhòmh féin, ged nach toil leambhi tighinn thairis air a leithid, as ged is dòcha nach creid maithean mòr na cùirt mo sgeul, agus gun dean iad fochaid orm a chionn a bhi tighinn thairis air a leithid. Gidheadh, chan innìs mi ach smior na fìrinn mun chùis, agus dìreach mar a thachair i.”

Dean,” arsan rìgh. “Cha chridhe leo fanaid no magadh a dheanamh ort. Cluinneam an sgeul. Suidh nall dlùth dhomh.”

Matà, ler cead, bha mòran dhaoinesan àitabheil misecòmhnuidh fo bharail gun robh comas aig buidsichean dol a mach an riochd créutairean eile, ’s gum bu ro bhitheanta leo riochd maighich a ghabhail; agus chìteadh iad amirreag, ’s aleums acleasachd mu bhruachan an uilt, dlùth don eaglais, gun fhios cia as a thàinig iad; agus bha sgàth aig daoine rompa. Tha iad ag ràdh, ’nuairtha buidseach an riochd maighich, nach dean luaidh cron oirre, ’s nach dean air bith ach crioman airgid as aghunna deargadh oirre, ’s gu h-àraidh mas sealgair òg a loisgeas oirre. Chuala mi mo mhàthair ag ràdh nacheil is feàrr agus is cinnte na putan airgid, ma thachras do neach sin a bhi aige air a shiubhal. ’Nuair a loisgear air abhuidsich le putan airgid, le neach aig abheil cuimse mhath, tha e air a ràdh nach faicear amhaigheach tuillegun tàr i as; ach gum faighear seann chailleach liath chrùbach cùl gàraidh an àiteigin; agus ma laimhsichears ma rannsaichear i, gum faighear am putanna taobh-cùil, as i call na falla. Cho cinnteachsa tha mi beò, chuala mi so o mmhàthair, agus o Sheònaid nan Eun, seann bhean aig an robh anbharra eòlais mu na nithe so. Ach coma co dhiùbh, innsidh mi na thachair dhomh féinna chunnaic mi le mshùilean; agus air mfhacal onorach, chan abair mi diog ach an fhìrinn.

Bha mise, an làithean mòige, agus duine còir a bha na shealgair anbharrach teòma, air àm àraidh a mach, le gunna an t-aon againn. Cha robh mise teòm, ach bha ainm mòr aigsan. Leagadh e coileach-dubh air iteig, agus gu tric mharbhadh e leth-dusan feadag leis an aon urchair. Chunnaic mi e, le gunna fada Spàindeach, a marbhadh guilbearnaichsan tràigh le peilear. Chaidh esan agus mise, mar bha mi ag ràdh, mach a shealgaireachd air feasgar àraidh, le fras chaol anns gach gunna, as dùil againn ri cearcan-tomain fhaotuinn. Cha do thachair air bith oirnn fad ùine mhòir; ach ma dheireadh leum, mar a shaoil sinne, maigheach ghlas fhad chluasach a mach à toman reanaich, dlùth do Chàrn na Cailliche. Bha eunachaidh againn, achsann a phill e air ais,

(Air a leantuinn air taobh 166.)



[164]

[Vol . 7. No. 21. p. 4]

MAC-TALLA:

Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uairsan t-Seachdain.

Is toigh leinn aGhailig,
A bardachds a ceol;
Is tric thug i nios sinn
Nuair bhithmaid fo leon:
S i dhionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
BARD NA LEADAIGE.

Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thusa bhlar;
Cho fadsa shiubhlas uillt le sruth.
Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Chan aontaich iad an cainnt non cruth
Gun teid do chur gu bas.”
NIALL MAC LEOID.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

1. Na sgriobh ach air aon taobh den phaipeir.

2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadhs is urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, DESEMBER 16, 1898.

BATAICHEAN-SMUIDE.

Chaneil focal anns aBheurla as modha brigh agus is trice ann am beul dhaoine na steam. Chaneil againn anns aGhaidhlig aon fhocal a nochdas seadh co farsuing, iomadach, dealbhach ri steam. Is e smuid am focal as dluithethig ann am brighus ann an seadh ri steam. Tha gach neach min-eolach an diugh air na gniomharan moratha smuid adeanamh air muirs air tir, ann am bataichean foghainteach a chur le deifir anabarrach air an slighe, ’s ann am mìle muileann cloimh, ’us paipeir, ’us cotain. Bithidh againn, agus air feadh an t-saoghail gu leir, amannan cruaidhus deuchainneach an drasdas a rithist. Bithidh daonnan iomadh aobhar air a thabhairt seachad airson nam bliadhnachan goirt air an drinn mi luadh. Is e beachd MHIC-TALLAs mo bheachd fein gu bheil, le comhnadh na smuide ann am mile muileannus innleachd, gach ni air am bheil feum aig a chinne-daoine, air a dheasachadh co sgipidh agus co saoibhirus gu feum an saoghal moilledheanamh gus an tig crioch air saoibhreas nan nithean a bha air an uidheamachadh le neart, ’us dichioll, ’us innleachd iongantach na smuide. Tha iadsan airidh air co-fhaireachduinn a thacreidsinn gu bitheadh iomadh ni nis fhearr na tha e, nam bitheadh comas mar a babhaist, aig mìle fear-ceirde air an obair cheudnadheanamh len lamhan a thanis air a deanamh ann am pailteas uamhasach le neartus innleachd na smuide. Is e da rireadh naigheachd onorach agus iongantach a tha ra innseadh mu dheibhinn nan doighean anns an dfhuair feallsanaich an t-saoghail eolas air brighs air comas na smuide. Chaneil eadhon feallsanaich treubhachus dichiollach atighinn ach gle mhall air an aghaidh ann an cuisean diomhair na talmhainn a rannsachadh agus a thuigsinn. Mu 1802 chaidh bàta beag smuidethogail ann an Albainn, dam bainm Charlotte D. Dundas. Buinidh cliu ard do Sheumas Uatt, a rugadh ann an Glascho, airson gach dichioll a rinn agus gach innleachd a nochd e ann an nadur na smuidedhearbhadh, agus eifeachd na smuidedheanamh aithnichte don t-saoghal gu leir. Is e mo bheachd gur ann air aon de aimhnichean na Roinn-Eòrpachaidh acheud bata beag, fann smuide air uisge. Chaidh, ann an 1812, bata-smuidebu mhodha, dam bainm an Comet, a chuir ann an uidheam ann an Albainn. Tha sinn ann an America mu thuath eolach air a Chlearmont, am bata-smuidechur Fulton ann an ordugh air an Amhainn Hudsoin, faisg air Iorc Nuadh. An deigh do Uatt agus do dhaoine foghluimte eile buaidhean na smuidefhaotainn a mach agus a dhearbhadh, bha moran aig an robh eolas nach robh faoin, acumail a mach nach bitheadh e comasach gu brath soitheach no long a thabhairt thar achuain bheucaich le neartus innleachd na smuide. Ann an 1819 sheol long dam bainm an Sabhannah, bho Shabhannah anns na Stàidean mu dheas, gu Libherpool ann an Sasunn. Thogadh an t-Uilleam Rioghail(Royal William)ann an Cuebec, an 1832; agus fhuair i gach innleachd a bhuineadh dhi anns aBhaile Rioghail (Montreal). Chaidh i thar achuain ann an naoi laithean deug gu leth ann an 1832. Is ann air an Amhainn Fulda, ann am Pruisia, ’sheol, ann an 1807, acheud bhata-smuide. Chan ann gun toileachadh sonruichte tha sinn ann an Canadatabhairt fainear gur ann dar dùthaich fein a bhuineadh an t-Uilleam Rioghail. Bha e gle fhurasda bàtaichean-smuidebu mhodhas a bu shnasmhoirethogail an deigh do bhataichean nach robh ach fann torman achuain eitidh a sheasamh agus Mor-Roinn na h-Eòrparuigheachd. Is e Breatunn Mor(Great Britain)acheud soitheach eireachdail iaruinn a chaidh a thogail ann an 1845. Bha mi fein gle òg agus cha drugadh fathast MAC-TALLA, an uair a thogadh bata-smuide An-mhor an Ear(Great Eastern)ann an 1857. Bham bata iomraiteach, laidir, fadas domhainn so, air a cur ri cheile le innleachd dealbhach agus foghainteach ann an 1857. Bha i dluth air seachd ceud troidh air fad, agus chosd i muillean punnd Sasunnach. Bha i fada air thoiseach, ann am meud, ’s ann an dealbh, ’us ann am boidhichead air gach soitheach a chaidh riamh a thogail agus a chur air saile. Ged tha seoladairean daonnan tapaidh, lamhach agus cruadalach, bham bata-smuide uamhasach, anGreat Eastern,co fada air thoiseach anns gach seadh, ’s nach robh eolas no comas gu leoir aig ceannard luinge air bith air ceartas a dheanamh rithe, no a chuid a bfhearr a thabhairt as gach meudachdus neart a bhuineadh dhi. Cha robh, mata, ach fortan bronach, bochd aig ceatharnach nan long. Chaill na daoinethog i an airgiod gu buileach, agus thainig crioch mhuladach air an long lurach, eireachdail, mheamnachbata-smuide An-mhor na h-Airden Ear. Rinn i maith sonruichte, oir ghiulain ina broinn fharsuing cord gne an dealanaich eadar Breatunn agus America. Tha cuimhne gle gheur agamsa air an doilgheas dhuaichni a bha air feadh cuibhrionn mhor den t-saoghal, do bhrigh gu do bhrist an cord ann an 1865 am meadhon na fairge; oir bha onfhadh achuain co luasganach, oillteil, ’s gu do bhrist an cord laidir leis an doruinn uamharrabha eadar treise na fairges soitheach na smuide. Cheangail luchd tuigseachus gaisgeil na luinge fleodruinn(buoy)ris achord a chaidh bhristidh, agus an ath bhliadhna ged bhan cord ceithir no cuig mìle fon chuan eagalach, agus ged bham fleodruinn fad agheamhraidh atulgainn a null agus a nall ann an tonnan ard na fairge, fhuair am bata mor greim air agus thog i e bho iochdar achuain, agus air an doigh so bha da chord gne an dealanaich air an cur ann an ordugh gleusda eadar an Roinn-Eòrpa agus America. Rinn am bata-smuide lurach iomadh sochair eile, ann an coird gne an dealanaich(electric cables)a ghiulan agus a leigeil eadar Breatunn agus cearna no dha eile den t-saoghal. Chaidh am bata maiseach so fa-dheoidh, a reic airson suim bheag airgid, agus chaidh a cur as a cheile. Is ann le mulad trom a bheir sinn fa chomhair ar n-inntinn àilleachd na bata-smuide so, agus gach euchd a rinn i, ’s gach gniomh feumail agus oirdheirc a burrainn dhidheanamh nam bitheadh ionnsachadh ceart am measg a seolaidearan.

CONA.


Cuir a dhiarraidh MHIC-TALLA.


Am Feillire.

DESEMBER, 1898.

1 Dior-daoin Bas Raibeart MhicShim 1783
2 Di-haoine Breith Thormaid MhicLeoid D. D. 1783
3 Di-satharna
4 DI-DONAICH 2ra Domhnach na h-Adveint
5 Di-luain Bas Mhic Bheith, 1066
6 Di-mairt
7 Di-ciaduin
8 Dior-daoin Breith Ban-righ Mairi, 1542.
9 Di-haoine
10 Di-satharna Crùnadh Alasdair III, 1214.
11 DI-DONAICH 3ra Domhnach na h-Adveint
12 Di-luain
13 Di-mairt
14 Di-ciaduin Bas Seumas V, 1542.
15 Dior-daoin
16 Di-haoine
17 Di-satharna Fògradh Seumas VII, 1689
18 DI-DONAICH 4mh Domhnach na h-Advent
19 Di-luain
20 Di-mairt
21 Di-ciaduin An lathas giorrasa bhliadhna 8 u. 36m.
22 Dior-daoin
23 Di-haoine Rugadh Sir Isaac Newton, 1642
24 Di-satharna
25 DI-DONAICH Latha Nollaig.
26 Di-luain
27 Di-mairt
28 Di-ciaduin Feill na Naoidheanan.
29 Dior-daoin
30 Di-haoine
31 Di-satharna AChalluinn.

MUTHADH AN T-SOLUIS.

An Cairteal mu dheireadh L. 6, U. 5, M. 52 M
An Solus Ur, L. 13, U. 7, M. 29 M
ACheud Chairteal L. 19, U. 11, M. 8 F
An Solus Lan, L. 27, U. 7, M. 25 M


RI CHREIC.

FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh.

FEARANN aigForks Road,mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich, —mu cheud gu leth acaire.

FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha ena fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air.

Prisean agus Dail Reusanta.

Phœbe Brookman.
Sidni, C. B.


SEANN STAMPAICHEAN.

PAIGHIDH mi airgead air seann stampaichean a thainig a mach anns na bliadhnaichean 1851 gu 1870. Fag na stampaichean air na cuibhrigean air an dthainig iad; ’s ann mar sin as luachmhoire bhitheas iad.

A. McPHAIL,
Orangedale , C. B.
Dec. 9, ’98. 6m.



[165]

[Vol . 7. No. 21. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Bha stoirm sneachda ann an Ontario toiseach na seachdain sa chaidh, storm a bha moran na bu truime na bàbhaist a bhi ann cho tràth sosa bhliadhna. Thuit mu shia oirlich dheug de shneachda ann an Ottawa.

Thill cóig duine fichead a mhuinntir Newfoundland, a bhag obair air an rathad-iaruinn aigCrow ’s Nest Pass, dhachaidh air an t-seachdain sa chaidh. Thainig iad gu Sidni Tuath oidhche Dior-daoin, agus dhfhalbh iad air an t-soitheach-smuideBrucean oidhche sin fhéin.

Chaidh 34,000 tunna guail a chur a mach á mèinn Springhill air a mhios a chaidh seachad. Tha naodh ceud ag obair anns a mhèinn sin eadar dhaoine agus ghillean. Chaidh tuilleadh guail fhaotainn o chionn ghoirid, agus tha sinna ni math don bhaile, oir cha mhair a chuid air am bheil iad ag obair an dràsda ach beagan bhliadhnaichean air a chuir as fhaide.

Tha Lagh Seilg na dùthcha so ag innse dhuinn nach eil e ceadaichte Moose no Caribou a mharbhadh ann an Ceap Breatunn gus a cheud latha de dhOctober, 1899. Ach tha fear de phaipearan na seachdain so ag innse dhuinn gun deachaidh aireamh dhe na beathaichean sin a mharbhadh ann an siorrachd Victoria on thàinig an geamhradh. Tha sinn an dòchas nach eil sin fior.

Di-satharna sa chaidh, bhuail am bàta-smùideBlue Hillann an drochaid na Narrows Mhora, agus chaidh a mhilleadh gu dona. Bha stoirm sneachda ann aig an àm, agus bha e doirbh am bàta stiùireadh. Chaidh a chàradh air dhòighs gun téid aige air an t-aiseag eadar na Narrows us Baddeck a ruith gus an tig an deigh. Mur biodh cho luathsa thainig daoine chuideachadh an sgioba dhfhaodadh am bàta bhi air a chall gu buileach.

Thatar ag radh gu bheil ceithir cheud muillein dolairna laidhe ann am Banca Shasuinn, a feitheamh air oighreachan an t-Seanalair Iain Smith, a thainig as na Stàitean gu ruige Nobha Scotia anns a bhliadhna 1750. Ma tha na tha dhen t-sloinneadh ann an Nobha Scotia nan oighreachan air an airgead, cha mor a ruigeas air gach aon. Cha biongantach leinn ged bhiodh am fortan so mar a bha iomadh fortan air a cuala sinn iomradh roimhegun sgeul air ach na chithear anns na paipearan naigheachd.

Anns an ceithir bliadhna deug a chaidh seachad, chaidh binn crochaidh a thoirt a mach air ceudsa h-ochd ann an Canada. Chaidh tri ficheadsa dha dhiubh sin a chur gu bàs a reir na binne, agus fhuair da fhicheadsa sia as le tigh-obrach. Fhuair aon fhear, Lyman Dartt, as gun sin fhéin. Nuair a gheibhear duine ciontach de mhort, chan urrainn do chùirt no do bhreitheamh ach binn bàis a thoirt a mach air; ach an deigh sin faodaidh an t-àrd-riaghladh a bheatha leigeil leis ma chithear gum bu chòir sin a dheanamh.

An deigh a latha Nollaig, (agus air latha Nollaig fhéin), faodar litir a chur a null do Bhreatunn agus mar an ceudna do àireamh mhor de nacolonies, air son da shent. Air son litrichean a chur do aite sam bith ann an Canada no anns na Staitean, tha tri sentichean ri phàigheadh mar aig an àm so fhéin, agus tha daoine dhen bharail nach bu chòir sin a bhith. Ach chan eil teagamh nach bi sin air a chur ceart an uine gun bhi fada, agus gum faodar litir a chur do àite sam bith an Canada, ’s na Stàitean, no an cearna sam bith de Impireachd Bhreatunn le da shent. Bidh a cheud litir le stamp an da shent air a cur air falbh maduinn na Nollaig leis an ard-riaghladair dhionnsuidh na Ban-righnn.

Chaidh fear Alastair Slater a mharbhadh ann a Halifax toiseach na seachdain sa chaidh le each a ruith thairis air. Bha e beò latha no dha an deigh don sgiorradh tachairt dha.

Thainig an sneachda toiseach na seachdain so, agus o chionn latha no dha tha na deagh ròidean ann. Ma mhaireas e gun deigh na BliadhnUire, ni e feum mor do na marsantan, agus do mhuinntir na dùthcha air fad.

Tha cùirt na siorrachdna suidhe anns a bhaile air an t-seachdain so. Tha àireamh mhorgam feuchainn aice air son creic an stuth làidir, feadhainn a bha air am faotainn ciontach leis an luchd-ceartais, agus a thog an càsan gu breitheamh as àirde.

Chaochail gille beag aois dheich bliadhna, faisg airMoncton , N. B. ,o chionn beagan us seachdain air ais, ’se air e fhéin a phuinnseanachadh leParis Green.Ghabh e an stuth sin air son e fhéin a dheanamh tinn gus nach biodh aige ri dhol dhan sgoil, far nach robh e faighinn air adhart mar bu mhath leìs.

Chaidh tobar a chladhach faisg air Winnipeg air an fhoghar sa chaidh, a tha gu bhi glé fheumail don bhalle. Thatar a toirt mu shia ceud mile galan as h-uile latha, agus cha toir sin de dhisleachadh as ach mu cheithir troighean. Chan eil an tobar ach coig troidhean deug air fhichead a dhoimhnead.

Bidh Comhairle na siorrachd so a cruinneachadh air an deicheamh latha dhen bhliadhnùir. Thatar a toirt ionnsuidh air àireamh dhiubhsan a bha air an taghadh a chur a mach air son a bhi gabhail dòighean mi-laghail air bhòtaichean fhaotainn. Chan eil sinn fhéin a tuigsinn carson a rachadh daoine a cheannach bhòtaichean ma tha dreuchd na comhairleachd cho beag buannachd dhaibhsa ghabhas iad uilorra. Mas e urram a tha dhith orra tha eagal oirnn gu bheil iad ga iarraidh ann an àite anns nach eil e ri fhaotainn. Bu chòir an lagh a bhi na bu chruaidhe na tha e air daoine bhios a ceannach bhòtaichean, nogam faotainn air dòigh mi-iomchuidh sam bith; agus bu chòir e bhi cheart cho cruaidh air muinntir a reiceas am bhòtaichean. Tha làn àm stad a chur air a mhalairt mhaslach sin gu buileach.


IADSAN APHAIGH.

Iain Mac Gilleain, Scottsville .
Ceit Mhoireastan, an Gut a Tuath.
Bean Iain Mhic Dhiarmaid, Stirling .
Dùghall Mac Cuithein, Glace Bay Mhor.
Ailein D. Mac Gilleain, Valley Mills.
Mrs. Nic Rath, an Amhuinn Mheadhonach.
Iain Mac Gille-mhaoil, Grand Mira.
Caitriona Chaimbeal, an Cladach a Tuath.
Gilleasbuig Gillios, Gleann nan Sgiathanach.
Gilleasbuig Mac Mhairis, Low Point.
Bean D. J. Mhic Fhionghain, Kirkwood
Post-mhaighstir, Low Point.
Bean Murchaidh Mhic Leoid, Baddeck .
R. Barclay, a Meinn a Tuath. 25c
D. MacNèill, Loch na h-Aimhne Deas, N.S.
Alastair Camaran, Lochabar, N.S.
Murchadh Mac Laomuinn, SpringtonE.P. I.
D. Mac Fhionnlaidh, Braidalbainn, E.P. I.
Aonghas Mac Aonghais, Martin Vale,E.P. I.
Barbara C. Leitch, Lafontaine , Ontario,50c
Iain Mac-a- Mhaighstir, Lagan , Ontario.
A. H. Caimbeal, Hartley , Ontario.
I. I. Mac Rath, Martintown , Ontario.
D. I. Mac Dhiarmaid, Kustonook , B. C.
Gilleasbuig Camaran, Victoria , B. C.
Domhnull Dùghlach, Longlaketon N. W. T.
S. M. Mac Fhionghain, Moosomin , N. W. T.
Murchadh A. MacCoinnich, Winnipeg , Man.
Cailein Mac Ritchie, Holeb Maine.
M. B. Mac Coinnich, Braigh Waipu N. Z.
Domhnull Rothach, Reynaldstown , N. Z.
Niall Mac Mhannain, Reynaldstown , N. Z.


Am Bathar as Fhearr.
Na Prisean as Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI, C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt as ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


AODACH MATH.
Nam biodh gach seorsaodaich coltach ri cheile, bu choma caiten ceannaicheadh tu e. Ach chan ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach donann. Tha aodaichean gan creic an aiteachan nach fhiach an deanamh.

AN DEANAMH.
Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, chan fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodachs an droch dheanamh.

THA AGAINNE
aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhadsa mhaireas e.

Niall Mac Fhearghais.


COMHAIRLE.

CUIREADH iadsan a tha measail air sgeulachd mhath 5c. air adhart agus gheibh iad aon de naNovelsas uire, agus litreachas feumail eile. Dean cinnteach as le sgriobhadh trath gu,
BOX 70, Sydney,
Cape Breton, N. S.


THE
DAILY RECORD.
PAIPEAR LAITHEIL
CHEAP BREATUNN.

Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B.

A PHRIS:
Bliadhna, $3 .00
Sia miosan, 1.50
Tri miosan, .75
A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH.

Gheibhear anns anRecordna naigheachdan as uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhen t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinneans mu na soithichean, etc., etc.
S COIR DHUT A GHABHAIL.

SGRIOBH GU
JOS . MacDONALD,
Editor and Publisher,
Sydney, C. B.



[166]

[Vol . 7. No. 21. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 163.)

s a dhà chluais sìos airamhaich, agusearbal eadar a dhà chois; as rinn e donnal bhrònach air mo chùlaobh. Ruith an créutair a chuir sinn air a cois as achàrn romhainn, gu direach cosmhuil ri maighich; agusnuair a bhrosguil sinn an cu, chaidh e na deigh mar a dheanadh e an deigh maighich eile. Lean sinn an créutair, gun teagamh air bith na amharras nach maigheach a bhagainn. Bham feasgar àillidh, san fhogharadh, agus bhaghealach-làn direach ag éiridh cùl cnoc. Ach coma co dhiùbh, lean sin air tòir na seilg, gun smuaineachadh gur créutair eile bhann ach maigheach. Ma dheireadh ghabh i car mu chnoc, agus thainig sinne mar asdar urchair dhi. Thog mo charaid a ghunna rishùil. Ghabh e cuimse ghasda. Loisg e; ach cha dfhalbh an urchaircha drinn ach am fùdar-cluaise lasadh. Chuir mise an gunna ri mghualainn. Dhfheuch mi ri cuimseghabhail; ach thainig seòrsa do laisge amlaimhseorsa do chadal-deilgneach— ’s cha burrainn domh an dealg-tharruing a ghluasad. Chan eil fios agam air thalamh ciod a dhéirich dhomh. Bha no lamh air crith, ’s mo shùil aruith, ’s mo chridhe abualadh le farum iongantach an taobh a stigh dhomh. Ciod a thagaibh dheth, dhfhalbh an créutair; ach chuir sinne romhainn a leantuinn. Bhan na deigh. Chuir sinn na gunnaicheannan uidheam. Thainig lùs mo làimh air ais. Thainig irithisd tarsuing oirnn. Loisg mise, ach cha do chuir mi ròin aisde. Thog i a h-earball gearr le fochaid, as thàr i as. Leig mo charaid dairearach mhath na deigh; ach bha e co math dha gnnna-spùtain a leigeadh rithe. Dhfhalbh an créutair, a shaoil sinn gum bu mhaigheach, air a h-aghart gu tom na h-eaglais; as lean sinni. Fhuair sinn cothram eile oire. Loisg sinn le chéilesan aon mhionaid; ach bhan créutair co luath lùghmhorsa bha i air tus. Thug i stigh oirremeasg nan làrach bhriste, agus sinne fad na h-uine asmuaineachadh gur maigheach a bhagainn. ’S iomad sgeul eagalach a bha air aithris mu na làraichean sosgeulachdan is minig a thug air mfhalt éiridh air mo cheann le uamhas. Thachair do chlachair a bhi briseadh cuid de na seann làraichean so o chionn beagan bhliadhnachan, agus ciod a fhuair e-Math eadar sinnesan t-olcach cnàmhan duine mairbh, a bhair am folach sabhalla, ’s gun teagamh sam bith air a mhortadhs na h-àmanan dorcha sin. Ubh! ubh! biadsan na h-àmanan oilteil! Chan eil fios ciod tuillefhuair na chualan clachair, ach chan fhacar deoch na daorach air riamh na dheigh sin a rithisd. Ach coma, chaidh mi air falbh o msheanachas. Chaidh sinn a stigh air an dorus mhòr, ’measg na làraich bhriste. Bha gathan na gealaichedearsadh air feadh an àitudlaidh; agus ciod a chunnaic sinn, gu cead duibhse, ach, mar a shaoil sinn, amhaigheach ghlas, na cruban dluth do cheann na h-eaglais, aig lic amhanaich. Bha mise deas, agus brath losgadh oirre; ach bhac an duine còir mi— ’s be sin esan, am fìor dhuine cneasda mhothachailbha urram aige don àite. Smèid e orm féin. “Thoir dhomh,” arsesan, “na putanan airgidtha ann am muilichinnean do léine.” Bha sin agam air an àm, putanan bhòidheach luachmhor do chlachan prìseil, air an suidheachadh ann an airgiod. “Thoir dhomh iad,” arsesan, le guth sòlainte, stòlda, samhach. Thainig crith air mfheòil. Cha dthubhairt mi diog, ach ghabh mi mo phutanan ghasda, as thug mi dhà iad. Chuir e putan mo làimh dheasna ghunna féin.” “So,” arsesan, “cuir am fear eile ad ghunna féin.” Rinn mi so. “ ’Bheil thu deas?” arsesan. “Tha,” arsa mise, gu samhach, ’s am fallus abraonadh sìos air mo dhruim. “Gabh cuimse mhath,” arsesan, “an ainm nan cumhachdan math.” Chuir sinn na gunnachan rir guaillaibh, as loisg sinnsan aon mhionaid. Le cead duibh, bha uamhas orm, agus chritheanaich mi gun fhios carsan. Ruith sinn le chéile dhionnsuidh an àite far na shaoil sinn a faicinn marbh.”

Agus ciod,” arsan righ, “a bhann? Ciod a bhann! Innis dhomh.”

Bhà, le cead duibhse,” arsam ministeir, “maigheach ghlas reamhar!” —Cuairtear nan Gleann.


IRISHNO GAILIG.

A FHIR DO CHLANNAIBH GAEDHEAL, —Dochim gur dóigh le Mac-Iain tagaid le chéile a n-dubhart san MAC-TALLA agus an ni do chuireas tamall ó shoin ar n-a sgriobhadh i m-Beurla sanBulletin of the Catholic University.Dar mo bhriathar-sa go d-tagaid go direach le chéile. Adeir deunaim deithbhir ar bith idir fearaibh Eireann agus fearaibh Albann, amhail is beadh Gaedhil Albannaig ann idir, is gurab é is mian liom-sa, fir Albann do shluigeadh san cuir à follais. Go b-fóiridh Dia orrainn! Fiafraighim de Mhac-Iain anois: más ionann feol, fuil, bun, bárr is teanga dhóibh araon, , ngábhadh dhuinne a n-eidirdhealughadh? ni ann in nach ionann Gaedhil Eireann agus Gaedhil Albann ba iad na Sassanaig do rigne an ni sin agus na Gaedhil an-eolaig atá ag gabhailt leo-san. Nil ainm da ghairm ar Ghaedheal nach oireann do gach Gaedheal eile beo é, agus muna bfhior dam é sin, biodh ormsa a mhillean os comhair fear n-Eireann agus Albann. Ata ni eile ann: Adeir Mac-Iain go bfuil da bhréithir mhaith Beurla aguinn ar Gaedheal agus Gaedhilge, eadhon Gael agus Gaelic. Fiafraigim aris an maith an Beurla seachtair diobh sin? Acht adeirm-se go bfuil focail mhaith Beurla ann agus mar gur Bheurla do sgriobhainn sanBulletinbi sin do chuireas sios. Da sgriobhainn Gaedhilge do thiubhrainn Gaedhilge mar ainm air. Agus is é an bhriathar sin, eadhon Erse, no Erysche, do réir mar sgribhthi ag an Aird-deacoin Munroe é. Dochim fos na leigfiidhe don duine urramach Roibeird Cambeul bheithna mhinisteur ag paraiste Cillarrow, in Ile, (an ait sin dan goirthear Islay an diu) san bhliadhna 1661, “for want of the Yrish tounge.” (Origines Parochiales, vol. II., p. 261) .Agus tar a cheann sin dochim gur ordaig Oireachtas mhor na h-Albann suim bhliadhantamhail airgid do thabhairt uaithe san bhliadhain 1663, do cho-thughadh ministéiridhewho had the Yrish tounge.” (ib. pp. 161, 294). Leighim fos i réim orduighthe na sgoile moire ag Aberdeen do rignedh san bhliadhain 1553: “Loquantur omnes Graecè Hebraicè Gallicè Hybernicè” ;ionann sin agus a radh, “Labhraidis go léir Gréigis, teanga nan Eabhruigheach, Fraincis agus teanga na h-Eireann. (Fega leatMiscellany of the Spalding Club, vol. V. p. 400, Aberdeen, 1852) Ata fhios ag an saoghal go g-cleachtaid muintear na h-Albann idir Gaedhlibh agus Gallaibh Erse do thabhairt ar an Ghaedhilge an tan labhraid Beurla. Agus cad eile cad dubhairt mise acht an ni ceudua, eadhonIrish ?Agus mar go d-tugadar muintear na h-AlbannIrishdainm ar a d-teangaidh riamhsa g-comhnaidhe agus is na bliadhantaibh sin reamhraidhte, cread fath nachar cead damhsa an rud ceudna do dhéanamh san bhliadhain-se? Bidis san fir Eireann agus fir Albann ann amhail do bhiodar i g-comhnaidhe, agus go m-bronnaidh Dia na g-comhacht rath ortha leith ar leith; ni h-ail liom-sa go sluigfeadh an dara fear an fear eile. Bfhearr liom go m-beidis aris na g-comh-Ghaedhlibh mar budh coir, do reir a n-dubhart cheana. Ata a seacht n-oiread deug eile agam le a chur sios timchioll fear n-Eireann agus fear n-Albann, acht ni rightear a leas a thuilleadh a radh anois. Ta muinighin agam gur briseadh an briathar-chath-so ar Albainn don chor-so. Acht do bfhearr liom-sa go mbrisfidhe a leitheid sin do chath ar Eirinn agus ar Albainn gach lo fa seach, chum go d-tiubhradh gach neach diobh aithne ar a chéile aris.

Mise duine do chineadh Scuit.

RISTEIRD DE HENEBRE.
An naomhadh la don deichmhi.


LEABHRAICHEAN GAILIG.

Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. MacIlliosa 1.10
Gaelic Class Book .35

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte.

Sgriobh gu
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney C. B.


AR STOC GEAMHRAIDH.

SLEIGHEACHAN.
Air an deanamh leis a ChanadaCarriage Co.An seòrsas buaines as fasanta a thasa mhargadh.

ACUINN.
Lamh-dheante; an seòrsas fhearr

BEIN.
AnSaskatchewan Buffalo. ”

CLUIG agus CUIPICHEAN.
Dhe gach seorsa.

BRATAN-EACH.
Iomadh seòorsa; agus air caochladh phrisean.

Truncaichean, Maileidean, Leabhraichean-poca, Skates, Lamhannan, agus iomadh ni eile a bhios freagarrach mar ghibhtean Nollaig us BliadhnUire. A phris as isle.

F . Falconer & Son,
Sidni, C. B.


Am bheil romhad tigh no sabhal ur a thogail? Ma tha, paighidh e dhut do chuid thairnnean, glaine, paipear, paint, aol, plaster, luaidhe, glasan, ludagan, rop agus uidheaman saoirsneachd a cheannach bho

C . P. MOORE.

Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, ma bhios speal, sgrioban, forc no cas forca a dhith ort, theirig gan iarraidh gu

C . P. MOORE.

Nuair bhios a chlann ag iarraidh sgliat no leabhar ur, paipear sgriobhaidh, pinn, no inc, ceannaich iad bho

C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.

Sin an t-aite anns am faigh thu gach ni dhiubh so gle shaor.


THA EARBSA
aig daoine ann am maidsichean Eddy— ’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a thacoltachri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum.

Than t-ainm so na urras air mathas.

THE
E. B. EDDY Co., Ltd.,
HULL, CANADA.



[167]

[Vol . 7. No. 21. p. 7]

NA RIONNAGAN.

Tha astar nan rionnag on talamh, agus o aon a chéile, co iongantach ris an àireamh aca. Than teallsanach Bessel adeanamh dheth gum bheil na rionnagan suidhichte as faisge don talamh tri fichead muillean de mhuilleanaibh mile air astar uaithe; agus ma tha iadsan as faisge co uamhasach fadair falbh, ciod a theirear mun timchioll-san a tha cho fadas is gur gann a chithear iad. Tha an solus a gabhail teann air ochd mionaidean gu siubhal eadar aghrian agus an talamh so, ach ghabhadh e cuig, deich, agus fichead bliadhna gu siubhal eadar cuid dhe na rionnagan sin agus an talamh! Chan urrainn an inntinn aireamh nam miltean astair a tha na rionnagan sin air falbh a thuigsinn. Ghabhadh peileir gunna moir, dhaindeoin a luathais, teann air ceithir muillean bliadhna gu gu tighinn on rionnag ris an abrar Draconis, a dhiounsuidh na talmhainn; agus is leoir sin chum a dheanamh soilleir nach comus duinn beachd freagarrach sam bith a ghabhail air an astar do-thuigsinn aig am bheil na rionnagan air an suidheachadh uainne! Tha moran anns abharail gur lionmhor rionnag a tha ann, a tha co fad air falbh is nach drainig an solus aca fathast an talamh so, o àm achruthachaidh gu ruig an la an diugh! Thugadh so air na h-uile an smuaintean fein a shuidheachadh air achumhachd neo-chriochnuichte sin a dhealbh na soluis mhaiseach so, agus a thag an stiuireadhn an cuairtibh ann am farsuingeachd nèimhe!


DUAISEAN.

Tha mi a tairgse tri duaisean airgid— $12 , $8 agus $4 —don triùir sin a chuireas ugad eadar sos an 15mh latha de Februaraidh, 1899, an cruinneachadh as fhearr de raidhean Gailig(Gaelic phrases and idioms)aig nach bi co-chomunn sam bith ris aBheurla; tha mi coma cia as do na raidhean, ach a mhàin nach ann anns aBhiobuill a gheibhear iad; agus ma gheibh mi pailteas, bheir mi seachad duaisean airson nithean eile. Chan fhaigh duine tighinn anns achomh-ruith nach do phàigh am MAC-TALLA gach sgillinn de ainbh-fhiach a tha aige air. Seoladh iadsan a tha deonach feuchainn air son nan duaisean so, an litrichean gu,

CARAID NA GAIDHLIG.
Office ofMac-Talla,”
Sydney, C. B.


J. E. EISAN.
PIANOS AGUS ORGAIN.
AN SEORSAS FHEARR A THATAR A CREIC.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, C. B.


BATHAR CRUAIDH.

Tha mi a nisecumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gun taghal thu orm. Tha mi, mar a babhaist, acreic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha micreic gach ni gle shaor.

Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.


NUAIR THEID THUBHADDECK
TAGHAIL AN STOR
Albert I. Hart.
Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.

Bathar Tioram,
Bathar Cruaidh,
Amhlan,
Aodaichean,
Caiseart, Adan,
Curraichdean,
Agus iomadh ni eile.

An seorsas fhearrs aphris as isle.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
Stewartdale , C. B.

CLOTH, DROGAID,
AGUS
PlaideachanEUREKA.”

Mu dheich air fhichead seorsa aodaichga chreic.
Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige.


DHIARRAMAID AIR
NA GAIDHEIL
s air muinntir eile a tha air sonTypewritera cheannach, iad a dhfheuchainn na
Blickensderfer No. 5,
mun ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35 .
Tha seorsachan eile againn cuideachd.
CREELMAN BROS.,
TYPEWRITER CO.
15 Adelaide St. East,
TORONTO, ONT.


C. H. HARRINGTON & CO.
Na Marsantan as Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni.

THA IAD ACREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
nas saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eilesa bhaile.

SALADA TEA, ”
Na Puinnds na Leth-Phuinnd; an ti as fhearr a than Ceap Breatunn air a phris.


GHEIBH THU
AN TI
As fhearrsa Mhargadh.

NA BROGAN
As Fhaide Mhaireas.

AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.

Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c

TORMAD DOMHNULLACH.


AN T-AITE
ANNS AN CEANNAICH THU
Suic agus
Iaruinn Cruinn,
Creamers,
Soithichean Bainne,
Airneis-taighe,
Stobhaichean,
Flur, Min etc., etc.
AN STOR AIG
Isaac Greenwell,
SIDNI, C. B.


UISDEAN ROS, LL. B.
Fear-Tagraidh, Notair, &c .
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, C. B.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c .
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B.


D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C.B.


J . S. BROOKMAN, M. D. ,
LIGHICHE.
OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot.
SIDNI, C. B


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.

Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

Niall Mac Coinnich,
Sidni, C, B.


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Floiri Nic Fhionghain
acumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan acosg.

ADAN,
BONAIDEAN,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN,
GEUGAN.

agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor.

FEUCH GUN TAGHAIL THU.



[168]

[Vol . 7. No. 21. p. 8]

An Stuamachd.

SEISD
Thug a bliadhn’ -ùr so mise nall,
Nall don Oban-Ladharnach,
Gun deanainn tùr a chur nan ceann
A thionndaitheas on òl iad.

Tha Comunn Stuamachd ann mar tha
S mor as-feàirrd am baile sin,
Nam bidh an sluagh sin mar tha càch
Bu truaghs bu nàr an t-Oban.

An Comunn òigridh bhan diugh cruinn,
Buinnidh dhuibhse neartachadh,
Se buanachd dhuibh gum biur clann
Nam buill am Bann-an-dòchais.

Tha iomadh tigh an diugh gun rian,
Clann gun bhiadh gun teine acann,
S na pàrantan ri cur na giadh,
S nan ròst am beul an òsdair.

Tha iomadh duinan diugh gu tinn
Puinnsean air an athaige
S an t-ìm bu chòir bhi aig achloinn,
N a gheir am broinn an òsdair.

Am fear nach toir da mhàthair fhéin,
Na chuireas léine dhanart orr
Cuiridh e boineids brògan ùra,
S gun air bean an òsdair.

Léine thollta tha ma dhruim,
Còta, ’s uillnean straichd aige
A chasan ag imleach aphuill,
A mach troimh bhuinn nam brògan.

Nach fhàs thu ciallach na thrà
Mun teirig slàintes cosnadh dhuit,
S tu deanamh cùmhnant ris abhàs
Toirt smior do chnàmh don òsdair.

Eadar aodach, màl is biadh,
Nacheil an dial aig cosnaichean,
Ged nach toireadh iads abhliadhna
Bonn-a- sia don òsdair.


Smeorach Clann Domhnull.

LEIS A BHARD MAC ODRUM.

Holaibh o iriag horoll o,
Holaibh o iriag horo i;
Holaibh o iriag horoll o,
Smeòrach le Clann Dòmhnuill mi.

Smeòrach misair ùrlar Phabuill,
Crùbadh ann an dùsal cadail,
Gun deònachd a théid nis faide,
Truimead mo bhròin thoirleum maigne.

Smeòrach misair mullach beinne,
G amharc gréin’ ’us speuran soilleir;
Thig mi stòlda chòir na coille,
S bi mi beò air treòdas eile.

Smeòrach misair bhàrr gach bidein,
Deanamh mùirm ri driùchd na maidne,
Bualadh mo chliath luth air mfheadan,
Seinn mo chiùil gun smùr gun smodan.

Ma mholas gach eun a thìr féin,
Ciod am fàth nach moladh mise,
Tir nan curaidh tìr nan cliar,
An tìr bhiachar, fhialaidh, mheasail.

An tìr nach caol ri cois na mara,
An tìr ghaolach, chaomhach, chanach,
An tìr laoghach, uanach, mheannach,
Tìr an arain, bhainneach, mhealach.

An tìr riabhach, ghrianach, thaitneach,
An tìr dhionach, fheurach, fhasgach,
An tìr lianach, ghiaghach, lachach,
N tìrm bi biadh gun mhiagh air tacar.

An tìr choireeach, eòrnach, phailte,
An tìr bhuadhach, chluanach, ghartach;
An tìr chruachach, sguapach, ghaisneach
Dluth ri cuan gun fhuachd sneachda.

S in tìr sgiamhach tìr na machrach,
Tìr nan dìthean miadar daite;
An tìr làireach, aigeach, mhartach,
Tìr an àigh gu bràthch nach gaisear.

N tìr is bòidhche ta ri fhaicinn,
M bi fir òg an còmhdach dreachmhor,
Pailt nis leòr le pòr na machrach,
Spréigh air mòintich; òr air chlachan.

An Cladh Chòthain rugadh mise,
N Aird-a- Runnair ceaidh mo thogail,
Fradharc achuain uaimhrich chuislich,
Nan stuadh guanach, cluaineach, cluicheach.

Measg Chlann-Dòmhnuill fhuair mi maltrum
Buidheann nan sròls nan seòl daithte’,
Nan long luath air chuantan farsuing,
Aiteam nach ciùin rùsgadh ghlas-lann.

Na fir eòlach, stòlda, staideil,
Bhas achòmhstri stroiceach, sgaiteach,
Fir gun bhron gun leòn gun airtneul,
Leanadh tòirus toir a chaisgeadh.

Buìdheann mo ghaoil nach caoin caitean,
Buidheann nach gann greann san aisith,
Buidheann shunntachn am bhi aca,
Rùsgadh lann fo shranntaich bhratach.

Buidheann uallach an uair caismeachd,
Leanadh ruaig gun luaidh air gealtachd,
Cinnus guaillean cruaidhg an spealtadh,
Aodach ruadh le fuaimga shracadh,

Buidheann rìoghails fior-ghlan alla,
Buidheann gun fhiamhs iotadh falorr’;
Buidheann gun sgàthm blàr non deannal,
Foinnidh, nàrach, làidir, fearail.

Buidheann mòrs am pòr nach troicheil,
Dhfhas gu meamnach dealbhach toirteil;
Eearail fon airms mairg da nochdadh
Ri uchd stoirm nan leanabail coltas.

Suidheam mun bhòrd stòlda, beachdail,
N t-sùils an dòrn nach òl a mach i,
SlàintShir Seumasse thighn dhachaigh,
Aon Mhac Dhè mar sgeith da phearsa.


Caitan Caidil an Ribhinn?

O càitad caidil an rìbhinn an nochd?
O càitan caidil an rìbhinn?
Far an caidil luaidh mo chrìdh,
Is truagh nach robh mi fhìn ann.

Thaghaoth aséideadh oirnn on deas,
S tha mise deas gu seòladh,
S nan robh thu leam air bhàrr nan stuadh,
A luaidh, cha bhithinn brònach.
O, càit an caidìl, etc,

Bha mi deasus bha mi tuath,
S gu tric air chuairts na h-Innsean,
S bean taogais riamh cha dfhuair mi ann,
No samhladh do mo nighnaig,

S ann ort féin adhfhàs aghruag
Tha bachlach, dualach, rìomhach,
Fiamh an òir as bòidhche snuadh,
S e dolna dhuals na cìrean.

Cha tog fiodhall, ’s cha tog òran,
S cha tog ceòl na pìoba,
S cha tog brìodal nighnaig òig
Am bron than diugh air minntinn.

S e dhiarrainn riochd na h-eala bhàin,
A shnàmhas thair achaolais,
Us rachainn féin troimh thonnaibh breun
A chur an céill mo ghaol dhuit.

Tha nis gach a réir mo dheòin,
Gach acfhuinns seòl mar dhiarrainn,
S gun mhaille théid mi air a tòir,
Us pòsaidh mi mo nighnag.


Bha teine ann anKingston , Ontario,air an t-seachdain roimhn t-seachdain sa chaidh a loisg fiach còig mile fichead dolair de thaigheans de bhathar.


FAICEALL

a mhuinntir òga, cha mhair na suilean boillsgeach, no na gruaidhean dearga sin agaibh fada ma bhios tinneas stamaig oirbh. Ma bha sibh gòrachs ma tha sibh a nise air ur cradh le cion-cnamhaidh, gairmibh gur cuideachadh an lighiche tapaidh sin, K. D. C. Cuiridh e ruaig air an nàmhaid, agus aisigidh e lathaichean briagha, sona dhuibh. Bu chòir K. D. C. a bhi anns gach tigh, oir leighsidh e gach seòrsa tinneas stamaig.

Sampuill de K. D. C. ’s de naPillsa Nasguidh.

K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia.
agus
127 State St., Boston Mass.


MAC-TALLA.

Gu ma fada beo aGhailig.”

Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.”

Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais.

DO DHLEASANAS.
A bhi gabhail MHIC-TALLA.
A bhi leughadh MHIC-TALLA.
A bhi pàigheadh MHIC-TALLA.
A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a churna rathad.

An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan.

Cha robh a leithid ann roimhe, ’s chan eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast.

Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tighn a mach uairsan t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut.

Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dhfhalbh.

A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do tinntinn.

Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig asgriobhadh gu daonnan dha; agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og.

Is abhaist do dhaoinenuair a bhios iad acreic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhicur pris ardna cheann; ach chan eil MAC-TALLAdeanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadhsa chumail suas, agus uime sin chan eil e cosg da luchd-gabhail ach

DOLARSA BHLIADHNA.

titleIssue 21
internal date1898.0
display date1898
publication date1898
level
reference template

Mac-Talla VII No. 21. %p

parent textVolume 7
<< please select a word
<< please select a page