[169]

[Vol . 7. No. 22. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VII. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, DESEMBER 23, 1898. No. 22.


MAR A RINN MI MFHORTAN.

CAIB. VI.

AG OBAIR AN GLASACHO.

Bha Domhull cho feargach an àm dha bhithfalbh as an taigh-ghnothaich aig Seumass gun do rug e air ghualainn orm, agus chuir e am mach roimhe mi. An uair a ràinig sinn an t-sràid, cha chumainn ach gann ceum ris. Ghabh e dìreach a dhionnsuidh acheud taigh-òsdathachair ris, agus ghrad dhòrdaich e biadh dhomhsas dha fhein. Dhòrdaich e aig an àm cheudna glaine uisge-bheatha dha fhein. “Is bochd mar a dhéirich dhuinn, ’Eachainn,” arsesan; “cha drinn mise spàin, ach tha amhrus agam gun do mhill mi adhairc. Mar a chòdh chaidh. Chaneil leasachadh air achùis a nis. Feuchaidh mise ri àitefhaotainn dhutsa ann an Glasacho. Ged nacheil mise cho beairteach ri Seumas, tha mi nas deònaiche na e air làmh-chuideachaidh a thoirt a dhfhear-dùthchadh.”

Bha Domhull Dughallachna fhior dhuine còir. Feumaidh mise, le ceartas, an teist so a thoirt air; oir cha do thachair duine riamh rium bu mhò a rinn dhomh de chuideachadh na e. Ach bha e anabarrach teith, brasn a nàdar. Dhinnseadh e an ni a bhiodh air inntinn gu saor, soilleir, agus bu tric a choisinn sin diùmbadh gu leor dha. Ach bha e coma co dhiubh a bhiodh daoine toilichte dheth no nach bitheadh.

Cho luaths a ghabh sinn ar biadh, rinn sinn deiseil gu tilleadh gu ruige Glasacho. Cha robh sinn fad air an rathad; oir bhan t-each iarainn luath, làidir mar a bha e riamh, agus an uair a dhfhalbh es e sitrichs asianail, chuir e astar mòrna dhéigh ann an ùine ghoirid.

An uair a rainig sinn Glasacho, ghabh Domhull dìreach don taigh-òsda, agus ghabh mise don taigh-chomhnuidh aige. Dhinnis mi don mhnaoi a h-uile car mar a dhéirich dhuinn. Bha i acheart cho diùmbach de Sheumas Mac Leoids a bha Domhull fhein. Bha fhios aice air rud no dha ma dheidhinn air nach robh fios aig Domhull idir, agus ged nach dinnis i dhomhsa a diomhaireachd, thuirt i rium gun robh Domhull cho brasna nàdars gur iomadh uair a dhfheumadh i nithean a chumail an cleith air, air eagal gun cuireadh e dragh air an inntinn aige.

An ùine gun bhith fada fhuair Domhull obair dhomh; agus ged nach robh an tuarasdal ach beag gu leòr, bu mhath e. Thuirt am maighstir gun àrdaicheadh e mo thuarasdal an ceann gach leith-bhliadhna, nam bithinnnam dheadh sheirbhiseach. Chuir mi romham gun deanainn mo dhleasdanas cho maths a burrainn domh; oir cha robh toil agam, nam faodainn, dragh a chur air duine sam bith.

Chaidh Domhull Dughallach comhladh rium a dhionnsaidh na bùthadh anns an robh mi gu bhithg obair. Agusna dheigh sin chaidh sinn a shealltainn air son àite-fuirich dhomhsa; oir bha abhùth anns an dfhuair mi obair gu math fad air falbh o thaigh mo charaide. Fhuair sinn seòmar beag, grinn, glan ann an taigh a bhaig leith-sheana bhoirionnach. Bha leaba-fhalaich anns an t-seòmar, agus bha fear eile, a bha còig bliadhna na bu shinne na mise, gu bhith fuireach comhladh rium anns an t-seòmar, agus a laidhe comhladh rium air an oidhche. An uair a chuir Domhull Dughallach ceisd oirre mu thimchioll an fhir a bha gus a bhithna chompanach leapadh agamsa, thuirt i ris gun robh e air dhuine òg cho glics cho modhails cho iomchuidh anns gach dòighs a bha riamhs an taigh aice. “Mur biodh e mar sin,” arsise, “cha bàite tàimh dha mo thaigh-sa. Agus fhads a ghluaiseas an duine òg a than so (agus ig amharc ormsa gu geur an clàr an aodain) e fhein gu measail, modhail, iomchuidh, theid mi an urras gum bi mises e-fhein reidh gu leòr.”

Thuirt mo charaide rithe gun robh làn earbsa aige annamsa, agus nan rachainn ris na daoine on dthainig mi gum bithinn modhail, iomchuidh gu leòr.

Cha robh na bhagam ri phaigheadh air son mo roinn dhen t-seòmar mor, agus ged nach robh, bha mo dhìol agam ri dheanamh le mo thuarasdal beag mo bhiadhs mo leabaphaigheadh, gun ghuth a thoirt air mi fhein a chumail ann an aodachs an caiseart. Ach thuirt mo charaide còir rium gun cumadh e fhein ann an aodachs an caiseart mi gus am faighinn leasachadh tuarasdail. “Gabh thusa mo chomhairle-sa,” arsesan, “agus na bismaointean air falbh on mhaighstir a thagad. Gheibh thu beagan de leasachadh tuarasdail an ùine gun bhith fada. Ma bhios tu glic, cùramach, faicleach, deanadach, dìleas, chan eagal nach fhaigh thu air aghart. Mar is fhaide a dhfhanas tu aig an aon mhaighstir is ann is fhearr a bhios do theisteanas an uair a dhealaicheas tu ris. Cha robhs cha bhi rath air an luchd-muinntir gun fhuras a bhios ag atharrachadh mhaighstirean a h-uile ceann ràidhe.”

Ben obair a bhagam an toiseach, adol air thursan o àite gu àite air feadh abhaile, agus acuideachadh nan daoine a bhiodh afosgladh nan pocannan agus nam bocsaichean anns am biodh am bathar atighinn don bhuthaidh. An uair nach biodh abheag dhen obair so ri dheanamh, bhithinn atoirt làmh-chuideachaidh do na daoine a bhiodh areic abhathair. Mar so bha mi beag air bheag ag ionnsachadh mar a dheanainn obair a bàirde nan obair a bhagam. Bha mi iomadh feasgar glé sgìth an àm dhomh bhithdol dhachaidh; agus ged a bha, cha robh migearain air cruas na h-obrach ri duine sam bith.

An ceann na leith bhliadhna dhàrdaich mo mhaighstir mo thuarasdal mar a gheall e. A bharrachd air sin chuir e gini òirnam laimh, agus thuirt e, “Cha robh do thuarasdal, ’Eachainn, ach beag fad na leith bhliadhna a chaidh seachad, agus on a bha thu glé dhichiollach, easgaidh an comhnuidh, tha mitoirt sin dhut mar chomharradh gum bheil mi gle riaraichte leat mar sheirbhiseach.”

Thug mi taing dha, agus thuirt mi ris gun deanainn muile dhichioll air gach obair a chuirteadh mu mchoinneamh a dheanamh cho maths a baithne dhomh.

Cha ruig mi leas mion-chunntas a thoirt air gach ceum mar a bha mifaotainn air aghart. Foghnaidh dhomh a ràdh gun robh mi o bhlidhna gu bliadhna afaotainn àrdachadh tuarasdail, agus adìreadh ceum na bàirde ann an obair na bùthadh.

Mar a thuirt abhean laghach aig an robh mi afuireach, bha mo chompanach cho iomchuidh anns gach dòighs a burrainn a bhith. Cha robh de chron agam air ach gun robh e anabarrach samhach. Bha mi fhins e fhein atighinn dachaidh o ar n-obair aig an aon àm. An uair a shuidheamaid aig ar biadh, cha tigeadh facal, ach gann, a ceann fir seach fir dhinn. Cha robh ena ioghnadh ged a bha mise samhach an toiseach; oir cha robh mi ach òg. Agus a bharrachd air sin bha mi gle dhiùid aig an àm. Cha robh eòlas agam air abheag de nithean a bheireadh toileachadh dhasan, agus thug sin orm fuireach samhach na bu trice na ruiginn a leas.

Cha robh abhean chòir aig an robh sinn afuireach toilichte dhinn a chionn a bhith cho samhachs a bha sinn. Theireadh i ruinn an dràstas a rithist an uair a bhiodh itighinn a steach le ar biadh agus atoirt air falbh nan soithichean an deigh dhuinn a bhith deiseil dheth, gum bu chòir dhuinn a bhith na bu chomhraitiche na bha sinn. Theireadh i ruinn, nach bfhiach cuirm gun a comhradh, agus gum faodamaid fas ann am fiosrachadh, ann an eolas air iomadh ni, agus ann am fileantachds an gleustachd cainnte le bhithcomhradh na bu trice richeile. Ach a dhaindeoin na theireadh i ruinn bha sinne, gu beag ni, afuireach cho samhachs a bha sinn riamh. Bfhearr leinn le chéile a bhithleughadh leabhraichean is phaipearan; agus chaneil teagamh agam nach robh sin a cheart cho buannachdail dhomhsa agus dhasan air acheann mu dheireadh.

Chunnaic mi iomadh neach o làithean mòige aig an robh comas bruidhne a bha neo-chumanta. Chumadh iad suas seanachas o mhoch gu dubh; agus an uair a sguireadh iad, cha burrainnear a ràdh gun robh dad a bfhiach de ghliocas no de thuigsenan seanachas. Mar is trice, is iad na daoine as bruidhniche a thachras ruinn is lugha a ni de smaoineachadh agus de bhreithneachadh. Far an taine an amhainn is ann is a ni i dhfhuaim. Mar a than seanfhacal ag radh, “Is labhrach na builg fhàs.”

Ach ged a tha so fìor, tha e mar an ceudna fìor gum bheil an duine a tha tuilleadh is dùinte, samhachna dhuine gun mhòran tlachd. Tha àm gu bhith samhach ann, agus àm gu labhairt. Tha mi nisnam sheann duine, agus feumaidh mi a ràdh nach robh aithreachas riamh orm air son fuireachnam thosd; ach bha aithreachas orm mìle uair air son labhairt an uair bu chòir dhomh a bhithnam thosd.

(Ri leantuinn.)


Tha atharrachadh mor eadar sonas agus gliocas. Tha esan gun teagamh sona a tha da-rireadh acreidsinn gum bheil e sona; ach is amadan an duine sin a thag a mheas fein nis glice na gach neach eile mun cuairt da.



[170]

[Vol . 7. No. 22. p. 2]

NA GIOSRAGAN.

(Air a leantuinn.)

Bhan eaglais Caitleiceachus Pròstanach an aghaidh nan nithe so. So agad ceisd no dha á leabhar Cheisd na h-eaglais Chaitleicich, anns a Ghailig Eireannaich:—

C. —A bheil a cheud àithnebacail ni sam bith eile?

F. —Thabuidseachd, eòlas, gisreagan, innse-fortain, a toirt brigh á bruadar, agus gach comunn don t-seorsa sin ris an àibheistear.

C. —An bhfuil se an aghaidh na h-Aithene si comhairle diarraidh air luchd faisdine, draoidheachta, no piseog, noch do ni cunnradh ris an diabhal?

F. —A ta gan amhrus; do bhrìgh gur ab on diabhal gheibhid gach eòlus da mbi aca.

C. —Criud is piseoga ann?

F. —Briathra do radh, no comharrtha do dheunamh chum criche, do chum nach bhful brigh na braidh aca o Naduir, o Dhia, na on Eagluis.

Bhan eaglais Pròstanach mar an ceudna gu cruaidh an aghaidh an shaobh-chreidimh so; air dòighs gu bheil e nis air dol bàs ann an tomhas mor a measg an t-sluaigh, ’s mur a teid na radhan so a chruinneachadh gun dail gun teid iad gu tur air chall. Tha sgoilearan ann an Albadeanamh obair mhaith anns an dòigh so; agus bu choir duinne an America, gach cuideachadh a burrainn dhuinn a thoirt daibh. ’S cinnteach mi nan tugadh Alasdair an Ridse an t-sreang bhar a phoca gur iomadh orras eòlasus rud eile a dhfheudadh e thoirt dhuinn. Tha eòlas maith aige air sean eachdraidh agus air sean chleachdaidhean nan Gàidheal. Thug e droch spochadh air an fhear a bha sgriobhadh eachdraidh nan Caimbeulach. ’S ann a theab rud tàmailteach tachairt: da Ghàidheal a dol a mach air a chéile. Ach cha robh fios aig Alasdair gun robh uibhir de dhfhuil nan Domhnullach an cuislean an sgriobhadairs a bhannta de dhfhuil nan Caimbeulach.

Bha na Gàidheil bho shean, ma ta, a creidsinn ann an geasa a bheireadh mi-adh air duine. Be sin a bhi cur rosaid air. “Tha misecur ort mar gheasaibh, ’s mar chroisibh, ’s mar naoidh buaraichean mnatha sithe siubhla, seacharain, laochan beag as meataiches as mi-threoiriche na thu fein a thoirt a chinns nan cluas, ’s nan comasan beatha dhiot.”

Bha na geasachum olc do neach; ach bha a seun no sian a chum dian dha. Bha e air aithriss air a chreidsinn gun robh sian air cuid de na saighdearan ann am blar Chuil-fhodair; agus an uair a bhan càirdean a tuiteam air gach taobh dhiu gun robh iadsan a toirt am breacan bhar an guaillean agus a crathadh nam peileirean asda. Bha afear air an robh sian air a chur a dol air a ghlùinean air beulaobh an t-Sianadair. Bha an Sianadair an sin acur a lamh air a cheann agus a dol mun cuairt da deiseil da uair, agus a labhairt mar so:—

Sian a chuir Moire air mac ort,
Sian romharbhadh, sian rolot ort;
Sian eadar achiochs a ghlun,
Sian eadar aghluns a bhroit ort.
Sian nan tri ann an aon ort,
O mhullach do chinn gu bonn do choise ort:
Sian seachd paidir a h-aon ort,
Sian seachd paidir a dha ort,
Sian seachd paidir a tri ort,
Sian seachd paidir a ceithir ort,
Sian seachd paidir a coig ort,
Sian seachd paidir a sia ort,
Sian seachd paidir nan seachd paidir dol deiseal ri deagh uarach ort, ga do ghleidheadh bho bheuds bho mhi-thapadh.

Bha an sin aSianadair a tionndadhs a dol tuaitheal muthimchioll, ag aithris nam briathran so:—

Clogaid na slainte mu dcheann,
Cearcall achumhnaint mu damhaich,
Uchd-eididh an t-sagairt mu dbhroilleach
Mas ruaig bhon taobh-chuil,
Brògan na h-Oigh ga dghiulan gu luath.
Sian nan tri ann an aon ort
Bho mhullach do chinn gu bonn do shàil,
Agus sian paidir nan seachd paidir
Dol tuaitheal is deiseil, deiseil is tuaitheal,
Gad ghleidheadh bho dchul
Bho luaidhs bho chlaidheamh,
Bho lots bho mharbhadh,
Gu uair is àm do bhàis.

Bha afear a bhair a shianadh an sin ag éiridh agus a falbh; agus bha an sianadair a cumail a shùilean dùinte gus am biodh am fear eile as an t-sealladh. Nam fosgladh e shùileans gum faiceadhse e, mhilleadh sin na bha deantathuiteadh an sian dhethn duine. Sin agad pairt den bhaothaireachd a bha aon uair air a chreidsinn.

(Ri leantuinn.)


SGEULACHDAN ARABIANACH.

An t-Amadan Crotach.

CAIB. XI.

Rugadh mise ann am Mosul, agus thainig mi o aon dhe na taghlaichean cho measails a bhanns abhaile. Be mathair aon bu shinne dhen deichnear mhac a bhaig mo sheanair. Phos iad uile mun do dheug mo sheanair. Cha robh sliochd aig aon de bhraithrean mathar, agus cha robh de shliochd aig mathair ach mise. Thug e sgoil is ionnsachadh dhomh cho maths a fhuair fear sam bith dhe msheorsa a bhanns abhaile. An uair a thainig mi gu aois duine, thachair dhomh a bhith air Di-haoine araidh aig an urnuigh fheasgair anns an eaglais mhoir comhladh ri mathair, agus ri braithrean mathar. An uair a bha am na h-urnuigh seachad, agus a dhfhalbh achuid eile dhen chuideachd, shuidh mathair agus braithrean mathar anns an eaglais; agus shuidh mise comhladh riutha. An uair a thug iad greis air comhradh mu chaochladh nithean, thainig aca air bruidhinn air nithean iongantach a bha ri mfaicinn ann an duthchannan cean an t-saoghail. Ach thuirt fear de bhraithrean mathar gun robh achuid bu mho de luchd-falbha an t-saoghail ag radh, nach robh aite sam bith air an t-saoghail cho taitneach anns gach doigh ris an Eiphit, agus idir nach robh amhainn air an t-saoghal coltach ri amhainn na h-Eiphit. Mhol e an Eiphit agus an amhainn cho mors gun do dhuisg miann laidirnam inntinn gus a dhol don Eiphit.

A dhaindeoin na dheanadh cach de mholadh air Bagdad, agus air iomadh baile mor eile a bhanns an t-saoghal, bha maire sa gu buileach air na chuala mi mu mhaise na h-Eiphit. Chuir mathair aonta ris na thuirteadh amoladh na h-Eiphit; agus chord sin rium anabarrach math. “Abradh gach duine na thogras e,” arsesan, “ach tha mise ag radh ribh, am fear nach fhaca an Eiphit, nach fhaca e na h-ioghnaidhean as mo a thair an t-saoghal. Than talamh uile lan dhen or anns an Eiphit, tha miciallachadh, gum bheil am fearann cho saoibhirs gun dean an luchd-aiteachaidh uile saoibhreas gu leor a chur ma seach. Is annsan Eiphit a tha na boirionnaich cho maiseachs a thair an t-saoghal. Agus is i amhainn na h-Eiphit an aon amhainn as iongantaiche a thair ur-uachdar an t-saoghail. Is ann innte a than t-uisge as soilleire agus as blasda a thair an talamh. Than lathach fhein a than amhainn acur thar a bruachan adeanamh an fhearainn cho torachs gum bheil e toirt seachad moran a bharrachd barra air fearann sam bith eile. So mar a thuirt bard araidh ris na h-Eiphitich an uair a thainig e air falbh as an Eiphit: Than amhainngur lionadh le beannachdan gach latha; is ann dhuibhse a tha iruith a tirean cean. Ochan! on a dhfheumas mi thriall air falbh, sruthaidh mo dheoir cho pailts cho bras ri uisge na h-aimhne. Tha sibhsefuireach gu bhithmealtainn gach solas a tha itoirt seachad, am feadhs a dhfheumas mise an treigsinn an aghaidh mo thoile.”

Ma sheallas sibh,” arsa mathair, “air an eilean a theadar da shruth mhora na h-aimhne, nach anabarrach lionmhor na seorsachan feoir a thafas air! Tha e comhdaìchte leis gach uile seorsa dithean! Nach lionmhor aireamh nam bailtean a thann. Agus tha mile ni iongantach eile ri fhaicinn ann mar an ceudna!

Ma sheallas tu air an taobh eile, rathad Etiopia, nach iomadh ni iongantach a chi thu ann! Chan urrainnear cainnt a chur air gach ni maiseach agus iongantach a tha ri fhaicinn ann? Nach e Cairo am baile as mo, is lionmhoire sluagh, agus is saoibhire a thair an t-saoghal uile? Nach lionmhor aitreamh mhaiseach ann! Ma sheallas tu air na pioramaidean, bidh tu air do lionadh le ioghnadh do-labhairt. Tha iad air an togail de chlachan a tha anabarrach mor, agus cha mhor nacheil na mullaich aca aruigheachd nan speuran! Feumaidh tu aideachadh gun robh na righrean a thog iad anabarrach saoibhir, cumhachdach, glic, agus innleachdach, os cionn uile righrean na talmhainn gu leir. Tha na pioramaidean so cho seans nach urrainn na daoine as foghluimte a thair an t-saoghal a dheanamh am mach cuin a thogadh iad. Cha tuit iad gus an tig deireadh an t-saoghail.

Cha toir mi iomradh air na bailtean a tha ri cois na mara, mar a tha Damietta, Rosetta, Alecsandria, dom bheil daoine dhe gach cinneadh fon ghrein adol a cheannach gach seorsa grain, agus aodaich, agus nithean gun aireamh eile air am faod feum a bhith aig daoine. Tha milabhairt mu nithean a chunnaic mi; oir bha mi aireamh bhliadhnachan anns an Eiphit agus gu latha mo bhais their mi gur ann a chaith mi achuid bu taitniche dhe mo bheatha.”

Cha burrainn braithrean mathar cur an aghaidh facal dhe na thubhairt e; an aite sin, dhaidich iad gun robh na dhinnis e mun Eiphit fior gu leor. Bha minntinn-sa cho lan dhe na chuala mis nach drinn mi norradh cadal an oidhche ud. An uine ghoirid na dheigh sid thuirt braithrean mathar gun robh na dhinnis mathair dhaibh ma dheidhinn na h-Eiphit an deigh drughadh gu mor air na h-inntinnean aca. Thuirt iad ris gum bu choir dhaibh uile falbh air thurus don Eiphit. Dhaontaich mathair leotha; agus on a bha iadnam marsantan beairteach, chuir iad rompa gun tugadh iad leotha gach seorsa bathair a bfhearr a gheibheadh reics an Eiphit. An uair a bha iad afaotainn gach ni deiseil gu falbh, chaidh mi far an robh mathair, agus ghuidh mi air le deuraibh gun leigeadh e leam falbh comhladh ris, agus gun tugadh e dhomh bathar gus mig a reic dhomh fhein.

Tha thu ro og,” arsa mathair, “gus a dhol air thurus don Eiphit. Bidh tu air do chlaoidh tuilleadh is mor mun ruig thu. Agus a bharrachd air sin, tha mi cinnteach gun reic thu am bathar air chall.”

Ged a thuirt mathair so, bha mise cho toileach air a dhol don Eiphits a bha mi riamh. Ghuidh mi air fear de bhraithrean mathar bruidhinn ri mathair as mo leith. Rinn e so, agus thuirt mathair gum leigeadh e leam a dhol cho fada ri Damascus, far an robh mi gu fuireach gus an tilleadh iad air an ais as an Eiphìt.

Tha baile Dhamascuis,” arsa mathair, “anabarrach mor maiseach, agus feumaidh tu bhith riaraichte le fuireach ann gus an till sinne as an Eiphit.” Ged a bha toil gu leor agam a dhol na bfhaide comhladh riutha, thuirt mi rium fhein gum bfhearr dhomh comhairle mathar a ghabhail.

Dhfhalbh sinn a Mosul, agus chaidh sinn troimh Mhesapotamia, tarsuinn air amhainn mhor Euphrates, agus rainig sinn Alepo, far an do stad sinn beagan laithean. As a sin chaidh sinn gu ruige Damascus. Chuir acheud shealladh dhen bhaile ioghnadh gu leor orm. Bha sinn uilefuireach anns an aon taigh-osda. Fhuair mi sealladh math air baile a bha mor, daingnichte, agus anns an robh sluagh



[171]

[Vol . 7. No. 22. p. 3]

lionmhor. Bha aireamh mhor dhen t-sluagh anabarrach maiseach. Bha sinn aireamh laithean anns abhaile agus chuir sinn seachad achuid bu mho dhen uine acoiseachd anns na liosan maiseach a bha mor-thimchioll abhaile. Agus dhaidich sinn uile gun robh am baile agus gach ni a bha mun cuairt dhethna shealladh cho maiseachs a burrainn duine sam bith fhaicinn. Mu dheireadh rinn iad deiseil gu gabhail air an aghart gu ruige an Eiphit; ach mun dfhalbh iad, reic iad mo chuid bathair-sa cho maths gun drinn e dhomh acheud uireads a chosg e dhomh. Thug an t-suim mhor so anabarr toileachaidh dhomh.

An deigh dhaibh falbh bha mitoirt an aire nach cuirinn am mach mo chuid airgid ann an nithean gun fheum Ach aig acheart am ghabh mi taigh mor, maiseach, a bhair a thogail, de chloich mharmoir, agus a bhair achuartachadh le garadh-lios cho briaghas a bhanns abhaile. Chuir mi innsreadh ann a bha math gu leor air son mo leithid. Bhuineadh an taigh an toiseach do dhaon de thighearnan morabhaile; ach na dheigh sin bha e aig marsanta cho saoibhirs a bhanns abhaile. Thug mise da bhonn oirs amhios de mhal air a shon.

Bha seirbhisich is searbhantan agam, agus bha micaitheamh mo bheatha mar a bha daoine uaisle abhailedeanamh. Air uairibh bhithinn atoirt cuirm do mluchd-eolais, agus bhiodh iadsan mar an ceudnag am chuireadh-sa gu cuirm. Bha mi mar so a cur seachad na h-uine, agus mifeitheamh gus an tilleadh mathair. Cha robh ni suarach sam bith atogail maire, agus cha robh a dhobair agam ach a bhithcomhradh ris na daoine measail air an do chuir mi eolas.

Air latha araidh an uair a bha minam shuidhe aig agheata ann am fionnaireachd an latha, thainig boirionnach maiseach air an robh trusgan riomhach far an robh mi, agus dhfheoraich i dhiom an robh mireic bathair? Cha bu luaithe a chuir i acheisd so orm na ghabh i steach do mthaigh. An uair a chunnaic mi gun deachaidh i steach, dheirich mi agus dhuin mi an geata, agus theoraich mi steach do sheomar i, agus dhiarr mi oirre suidhe.

A bhaintighearna,” arsa mise, “bha bathar agam roimhe so, a dhfhaodainn a shealltainn dhut; ach tha mi duilich nacheil e agam a nis.”

Thug i an srol bhar a h-aghaidh, agus bha ina boirionnach cho briaghas gun do thuit mi ann an gaol oirre anns amhionaid.

Chaneil feum sam bith agam air bathar,” arsise; “is ann a thainig mi a dhaon ghnothach gus dfhaicinn, agus am feasgar a chuir seachadnad chuideachd, mas e do thoil e. Chaneil mi ag iarraidh ort ach greim suipearach.”

(Ri leantuinn.)


IRISHNO GAILIG.

FHIR-DEASACHAIDH IONMHUINN,

Ma tha mi gu ceartga thuigsinn, tha an t-Urramach an t-Ollamh De Henebre a fiachainn ri dearbhadh ann an da dhòigh, gum beilIrishna ainm Beurla a fhreagras gu math air Gaidheil na h-Albanns air an cànain. ’S e a cheud dhearbhadh a tha etoirt seachad gurionann feol, fuil, bun, barr is teanga dhaibh,” agus leis a sin gu freagair an t-ainm a fhreagras air an darna h-aon air an aon eile. Leanamaid so, agus caite faigh sinn sinn-fhein? Freagraidh an t-ainm BeurlaScotchair Gaidheil Albainn; ach nan gabhamaid an t-ainm so air muinntir na h-Eireanns iomadh guth foirmeil a dheireadh suasn ar n-aghaidh, aguss ceart gun eireadh.

Anns an ath àite tha e toirt dhuinn eiseimpleirean á sean sgriobhaidhean far am beileas ag gabhailIrishair cainnt nan Gaidheal Albannach. Nise chan i Beurla na siathamh linn deugtha an t-Ollamh Urramach a sgriobhadh idir; agus a reir anStandard Dictionary—ùghdair Beurla cho maths cho ùrs a thagainntha am facalIrishairson nan Gaidheal Albannach agus airson an cànainarchaic: ’s e sin ri ràdh, gum bheil e air dol á fasan, agus nacheil sgriobhadairean matha a deanamh feum dheth tuille. Nan rachadh an t-Ollamh Urramach air ais tri na ceithir de linntean eile, thigeadh e gu àmn uair a theirte gu tric Scotia ri Eirinn, agus Scoti ridaoine. Ach, mo thruaighen duine a theireadh an diugh gur eScotchmana bhann an Daniel OConnell!

A bharr air a sos iad feadhainn do nach baithne Gaidhligs a bhacoimhead sios oirre, a bhiodh am bicheantas ag gabhailIrishoirre. Agus bha am mearachd so car nàdurra, ’chionns ann le Eireannaich a bha a chuid bu mhotha de na sean leabhraichean Gaidhlig air an sgriobhadh, agus gu tric leanaidh a phairt as lugha a phairt as motha. Air an lathan diugh cluinnear gu tricEnglandairsonBritain ,agusEnglishnoAnglo - SaxonairsonBritish ;ach cha dearbh so gum beil iad ceart. O chionn corr as ceud gu leth bliadhnas gann gu faigh sinn sgriobhadair Albannach don aithne Gaidhlig, a theirIrishri cainnt nan Gaidheal Albannach. Tha na facalairean Beurla as fhearr ag ciallachadh leIrish ,muinntear na h-Eireann, an sliochds an cànain; aguss e Gadhelic na Gaelic, an t-ainm Beurla coitcheann a tha iad a toirt air cànain Eirinn, Albainn agus Manninagh; agus leis a sin chaneil feum sam bith airIrishanns an t-seadh so ach gu gu strith a chumail suas, ni nach taitneach leis a h-aon againn.

MAC-IAIN.
Des. 17, 1898.


Tha esan nach toir maitheanas do dhaoineile abristeadh na drochaid air an eiginn da fein dol thairis; oir tha feum aig gach neach air maitheanas.


MURCHADH AGUS MIONACHAG.

Chaidh Murchadh agus Mionachag don choille aon a bhuain subh; ach mar a bhuaineadh Murchadh dhitheadh Mionachag. Dhfhalbh Murchadh a dhiarraidh slat a ghabhail air Mionachags i ag itheadh a chuid subh. “ do naidheachd an diugh, a Mhurchaidh?” arsan t-slat. “Is e mo naidheachd gu bheil mi ag iarraidh

Slat a ghabhail air Mionachaigs ig itheadh mo chuid subh.”

Chan fhaigh thu mise,” arsan t-slat, “gus am faigh thu tuagh a bhuaineas mi.” Ràinig e an tuagh. “ do naidheachd an diugh, a Mhurchaidh?” “Is e mo naidheachd gu bheil mi ag iarraidh

Tuagh a bhuain slaitslat a ghabhail air Mionachaigs ig itheadh mo chuid subh.”

Chan fhaigh thu mise gus am faigh thu clach a bhleitheas mi.” Ràinig e achlach. “ do naidheachd an diugh, a Mhurchaidh?” “Is e mo naidheachd gu bheil mi ag iarraidh

Clach a bhleith tuaightuagh a bhuain slaitslat a ghabhail air Mionachaigs ig itheadh mo chuid subh.”

Chan fhaigh thu mise gus am faigh thu uisge a fhliuchas mi.” Ràinig e an t-uisge. “ do naidheachd an diugh, a Mhurchaidh?” “Is e mo naidheachd gu bheil mi ag iarraidh

Uisgedhol mu chloichclach a bhleith tuaightuagh a bhuain slaitslat a ghabhail air Mionachaigs ig itheadh mo chuid subh.”

Chan fhaigh thu mise gus am faigh thu fiadh a shnàmhas mi.” Ràinig e am fiadh. “ do naidheachd an diugh, a Mhurchaidh?” “Is e mo naidheachd gu bheil mi ag iarraidh

Fiadh a shnàmh uisg’ —uisgedhol mu chloichclach a bhleith tuaightuagh a bhuain slaitslat a ghabhail air Mionachaigs ig itheadh mo chuid subh.”

Chan fhaigh thu mise gus am faigh thu gadhar a ruitheas mi.” Ràinig e an gadhar. “ do naidheachd an diugh, a Mhurchaidh?” “Is e mo naidheachd gu bheil mi ag iarraidh

Gadhar a ruith féidhfiadh a shnàmh uisg’ —uisgedhol mu chloichclach a bhleith tuaightuagh a bhuain slaitslat a ghabhail air Mionachaigs ig itheadh mo chuid subh.”

Chan fhaigh thu mise gus am faigh thu ìm a theid ri mchasan. Ràinig e an t-ìm. “ do naidheachd an diugh, a Mhurchaidh?” “Is e mo naidheachd gu bheil mi ag iarraidh

Im a dhol ri casan gadhairgadhar a ruith féithfiach a shnàmh uisg’ —uisgedhol mu chloichclach a bhleith tuaightuagh a bhuain slaitslat a ghabhail air Mionachaigs ig itheadh mo chuid subh.”

Chan fhaigh thu mise gus am faigh thu luch a sgriobas mi.” Ràinig e an luch. “ do naidheachd an diugh, a Mhurchaidh?” “Is e mo naidheachd gu bheil mi ag iarraidh

Luch a sgrìobadh imeim a dhol ri casan gadhairgadhar a ruith féidhfiadh a shnàmh uisg’ —uisgedhol mu chloichclach a bhleith tuaightuagh a bhuain slaitslat a ghabhail air Mionachaigs ig itheadh mo chuid subh.”

Chan fhaigh thu mise gus am faigh thu cat a shealgas mi.” Ràinig e an cat. “ do naigheachd an diugh, a Murchaidh?” “Is e mo naidheachd gu bheil mi ag iarraidh

Cat a shealg luchaluch a sgriobadh imeim a dhol ri casan gadhairgadhar a ruith féidhfiadh a shnàmh uisg’ —uisgedhol mu chloichclach a bhleith tuaightuagh a bhuain slait slat a ghabhail air Mionachaigs ig itheadh mo chuid subh.”

Chan fhaigh thu mise gus am faigh thu bainne dhomh.” Ràinig e abhó. “ do naidheachd an diugh, a Mhurchaidh?” “Is e mo naidheachd gu bheil mi ag iarraidh

Bainne don chatcat a shealg luchaluch a sgrìobadh imeim a a dhol ri casan gadhairgadhar a ruith féidhfiadh a shnàmh uisg’ —uisgedhol mu chloichclach a bhleith tuaightuagh a bhuain slaitslat a ghabhail air Mionachaigs ig itheadh mo chuid subh.”

Chan fhaigh thu bainne uamsa gus am faigh thu boitean on ghille-shabhail domh.” Ràinig e an gille-sabhail. “ do naidheachd an diugh, a Mhurchaidh?” “Is e mo naidheachd gu bheil mi ag iarraidh

Boitein don bhóbainne don chatcat a shealg luchaluch a sgrìobadh imeim a dhol ri casan gabhairgadhar a ruith féidhfiadh a shnàmh uisg’ —uisgedhol mu chloichclach a bhleith tuaightuagh a bhuain slaitslat a ghabhail air Mionachaigs ig itheadh mo chuid subh.”

Chan fhaigh thu boitean uamsa gus am faigh thu bonnach on bhean-fhuine dhomh.” Ràinig e abhean-fhuine. “ do naidheachd an diugh, a Mhurchaidh?” Is e mo naidheachd gu bheil mi ag iarraidh

Bonnaich don ghille-shabhailboitein don bhóbainne don chatcat a shealg luchaluch a sgrìobadh imeim a dhol ri casan gadhairgadhar a ruith féidhfiamh a shnàmh uisg’ —uisgedhol mu chloichclach a bhleith tuaightuagh a bhuain slaitslat a ghabhail air Mionachaigs ig itheadh mo chuid subh.”

Chafhaigh thu bonnach uamsa gus an toir thu stigh uisga dhfhuin eas e.”

ann a bheir mi stigh an t-uisge.”

Chaneil soitheach ann ach an criathar-cabhrach sin.”

(Air a leantuinn air taobh 174.)



[172]

[Vol . 7. No. 22. p. 4]

MAC-TALLA:

Paipear-naigheachd Gailig, air a chur a mach uairsan t-Seachdain.

Is toigh leinn aGhailig,
A bardachds a ceol;
Is tric thug i nios sinn
Nuair bhithmaid fo leon:
S i dhionnsaich sinn trath
Ann an laithean ar n-oig,
S nach treig sinn gu brath
Gus an laidh sinn fo n fhod.”
BARD NA LEADAIGE.

Duisg suas a Ghailig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas dhut
Nach diobair thusa bhlar;
Cho fadsa shiubhlas uillt le sruth.
Sa bhuaileas tuinn air traigh,
Chan aontaich iad an cainnt non cruth
Gun teid do chur gu bas.”
NIALL MAC LEOID.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

1. Na sgriobh ach air aon taobh den phaipeir.

2. Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadhs is urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, DESEMBER 23, 1898.

Mun am so dhen bhliadhna, is àbhaist do dhaoine bhi guidhe cridhealais us sonais dha chéile, ni a tha iomchuidh agus freagarrach. Tha an Nollaig air a cumail mar chuimhne air breith an Ti sin a thainig a shuidheachadh sith air an talamh, agus deagh-ghean do dhaoine; agus bu chòir an latha bhi air a chumail gu h-iomchuidh, chan ann mar a bàbhaist do dhaoine anns na h-amannan a dhfhabh, agus mar a tha moran a deanamh eadhon anns na h-amannan so fhéinle geòcaireachd agus le pòitearachdach le aoibhneas agus sith, agus le deagh-ghean do mhuinntir eile. An àite bhi mi-bhuileachadh ar maoin oirnn fhéin, cuimhnicheamaid air muinntir eilechan ann orra-san a ni an ni ceudna ruinne, ach orrasan nach eil comasach air eadhon na goireasan feumail a chumail riutha fhéin. Deanamaid an Nollaig a chaitheamh gu sona sinn fhéin, agus thoireamaid comas a caitheamh gu sona do mhuinntir eile. Tha MAC-TALLA, le uile dhùrachd a chridhe, a guidhe da luchd-leughaidhs do na Gàidheil uile, sean agus og, bochd agus beairteach, fad air falbh agus faisg air laimh, NOLLAIG CHRIDHEIL, SHONA, anns an t-seadh as buanachdaile agus as fhearr.


SOITHICHEAN NA SMUIDE.

Bhan t-eadar-dhealachadh co anabarrach eadar longan ciuin agus mall seolaidh agus eadar bataichean tapaidh na smuide, air chors nacheil ioghnadh idir ann ged bha eagal no uamhunn air moran sluaigh, agus air na Gaidheil am measg chaich, am feadh a bhi iad afaicinn longan asiubhal le toit os an ceannus le luathas eagalach thar gach caoilus cuain. Thug Fionnladh Piobaire sgeul firinneach air dealbhus innleachd Bata na smuide, mar tha Tormoid Mac Leoid acur an ceill: “Sailthean iaruinn agus slatan agluasad a nunn agus a nall, a sios agus a suas, air an aiss air an adhart, gun tamh, gun stad. Cnagan agus gobhlan agus eagan afreagairt da cheile. Cuibhleachan beagan an deann-ruith mu na cuibhleachan mora. Duine truagh shios am measg na h-acfhuinn, acur na smuid deth. ‘A dhuine thruagh!’ arsa Para Mor, ‘ ’s ann agam nacheil suil ri daite! Is daor a tha thucosnadh darain!’ ‘Car son?’ arsesan. Ged a labhradh a gheimhleag iaruinn a bhan a laimh, cha burrainn duinn barrachd ioghnaidh a bhi oirnn, nan uair a chuala sinn an duine solabhairt na Gailig. ‘An saoil thusa, a Phara Mhoir, nach anns acheann a smaointich an toiseach air a so, ’bhan innleachd.’ ‘Coma leam e fheinus innleachd,’ arsa Para Mor; ‘coma leam i. Chaneil an innleachd so cneasda! ’”

Ged bha, ma dhfhaoidte, beachdan agus mi-run Fhionnlaidh agus Phara Mhoir gle chumanta, ’nuair a dheirich smuid as soithichean air tus, feumar aideachadh, le toileachasus taingealachd, gur e latha grianach a dhealraich air an t-saoghal, do brigh gu do nochd bataichean-smuide iad fein air mìle lochus amhainnus cuan. Rinn gach duthaich a tha ri taobh na fairge oidheirp luath, dhurachdach air longan-smuidethogail nofhaotainn doibh fein leis am bitheadh comas aca air bathairus marsantachd a ghiulain gu tirean cein agus a thabhairt bho rioghachdan eile gan ionnsuidh fein. Cha robh Canada idir mairnealach ann an durachd a nochdadh airson soithichean-smuidefhaotainn a bheireadh i ann an dluthas sonruichte ri Breatunn agus ri Roinn na h-Eòrpa. Is e cabhlach nan Ailean a thoisich air tus air maith mor a dheanamh do Chanada, le bhinasgadh na duthcha so le ceanglaichean laidir, daingeann ri Breatunn. Is e duine treubhach, ard-inntinneach, eudmhor a bha ann an Eoghann Ailean. Chaill e fein agus a chuideachd iomadh soitheach smuide. Nam bitheadh iad gealtach bheireadh iad suas gach oidheirpus durachd airson soithichean-smuidechur air falbh gach seachduin. Chum iad suas am misneach, agus shoirbhich leo fa-dheoidh, gu pailt. Choisinn iad moran airgid lem bataichean-smuide, ’s rinn iad euchdan fiachail, foghainteach do Chanada gu leir. Is gle thric a bhitheas daoineg radh gur iad bataichean-smuide nan Ailean agus rathad-iaruinn an Stuic An-mhoir(Grand Trunk)a bhuilich air Canada am fath agus an cothrom a bfhearr a fhuair i riamh airson a h-ionmhasan a nochdadh don t-saoghal, agus dealasus gaisges eud a sgaoileadh am measg a luchd-aiteachaidh thalls a bhos.

Is lionmhor na soithichean eireachdail smuide bhuineas do Chanada an diugh, ’s a thatighinn a nios re miosan an t-samhraidh gus aBhaile Rioghail. Is tlachdmhor da rireadh, agus is greadhnach mar an ceudna, an sealladh a chithear ann an acarsaid a Bhaile Rioghail, am feadh a tha amhuinn aluinn Chanada fosgailte, ’s gun sneachd no reothadh. Air a bhliadhna so fein, thainig cuig ceud soitheach-smuides sia-deug bhon chuan gus aBhaile Rioghail. Ged a ghleidheas sinn cuimhne gu tainig aireamh de na soithichean-smuide ud uair no dha gus aBhaile Rioghail, aidichidh sinn gu deonach gu bheil malairt Chanada farsuingus luachmhor, agus gu bheil cairdeas dluth aice na marsantachd le iomadh cearna den t-saoghal. Tha soithichean-smuidethainig a nuas on chuan fharsuing am bliadhna comasach air muillion agus ceathramh muillion tunna de bhathar no de mharsantachd, no de ni air bith eileghiulain.

Tha aobhar aig daoine Halifacs a bhi proiseil gur anns abhaile sin a rugadh Somhairle Cunard, a chuir air chois, maille ri Burns agus Mac Imheir, an cabhlach as aille, ’s modha measus cliu, ’s is fhearr fortan, am measg soithichean-smuiden t-saoghail. Is ann eadar Iorc Nuadh agus Sasunn a tha na soithichean lurach soseoladh. Is ann le cuibhleachan taoibh a bha na soithichean so air tus air an iomairt. Chaneil ceann no crioch air gach dichioll, ’us saothair, ’us innleachd a tha daoinedeanamh. Is ann air an aobhar so, ’thainig crioch air a bhitabhairt spionnaidhus tapaidh do bhataichean na smuide le cuibhleachan taoibh. Is ann le bithis(screw)a tha gach soitheach-smuidethadol thar achuain a nis air a deifireachadh air a slighe. Tha enis comasach air barrachd maithus neirt a thabhairt as an smuid, agus air an aobhar so, tha na soithichean mora air an greasachds air an neartachadh ann an tomhas sonruichte. Tha da bhithis aig gach bata-smuidetha ga togail an diugh. Tha na soithichean as fhearr atriall thairis air cuig ceud agus tri fichead mìles an latha, ’s a losgadh ceithir cheud tunna guail gach latha. Leis an inntinn luath, luasganach a bhuineas duinn anns an linn so, is e iarrtus iomadh neach gu faigheamaid doigh air imeachd thar achuain le luathasus deifirus modha na tha againn fathast.

Tha luchd-riaghlaidh Chanada car uine fhadadeanamh dichioll airson bataichean-smuide as luaithe na tha againn, fhaotainn eadar Breatunn agus Canada. Tha Canadianaich foghluimtedearbhadh nam bitheadh rathaid-iaruinn eadar corp na duthchas Louisburg, agus nam bitheadh soithichean ullamh, gleusda eadar Louisburgcoimhearsnach MHIC-TALLA— ’s Breatunn, gu bitheadh an t-astar eadar an Roinn-Eòrpa agus America mu Thuath air a ghiorrachadh gu mor. Tha dochas aig MAC-TALLA gu teid an t-slighe soroghnachadh, agus gu bi comas aig gach Gaidheal a theid a null nonall thar achuain eolas a chur air MAC-TALLA, ’s speisus meas a nochdadh dha ann an Sidni.

CONA.


RI CHREIC.

FEARANN a bhuineadh do EOSEPH GILLIOS, aig Forks Shidni, mu 7 mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Air a dheagh obrachadh.

FEARANN aigForks Road,mu cheithir mile on bhaile, ri taobh fearann Mhic-Thearlaich, —mu cheud gu leth acaire.

FEARANN a bhuineadh do SHEORAS BOUTILIER, ann an Coxheath, mu thri mile on bhaile, anns a bheil mu cheud acaire. Tha ena fhearann math, faisg air an rathad-iaruinn, air a dheagh obrachadh, agus tigh us sabhal air.

Prisean agus Dail Reusanta.

Phœbe Brookman.
Sidni, C. B.


SEANN STAMPAICHEAN.

PAIGHIDH mi airgead air seann stampaichean a thainig a mach anns na bliadhnaichean 1851 gu 1870. Fag na stampaichean air na cuibhrigean air an dthainig iad; ’s ann mar sin as luachmhoire bhitheas iad.

A. McPHAIL,
Orangedale , C. B.
Dec. 9, ’98. 6m.



[173]

[Vol . 7. No. 22. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Chaidh fear Seumas Mac Neill, a mhuinntir Bhaoghasdail, a bhàthadh o chionn mios air ais air cladach Cholumbia Bhreatunnach. Chaidh an soitheach air an robh e, anKootenay Lakea bhristeadh. Dhfhàg e bantrach ann anThorburn N. S.

Tha sgiobair agus meat soithich a mhuinntir Cheap Breatunn, an deigh iad fhéin a chur ann an dragh ann a Halifacs. Reic iad àireamh bharailtean flùir a bhaca air bòrd an t-soithich, agus airgead a dhith orra air son beagan fhiach a bhorra phàigheadh. An deigh dhaibh sin a dheanamh, fhuaireadh a mach nach bu leotha fhéin am flùr a chreic iad, agus chaidh an cursan lagh.

Bha na h-Onaraich A. G. Blair, agus W. S. Fielding maille ris an Onarach G. H. Murray, air chuairt ghoirid ann an Ceap Breatunn deireadh na seachdain sa chaidh. Thainig iad gu Sidni Tuath feasgar Di-haoine far an damhairc iad thairis air an laimhrig a thatar a togail aig a bhaile sin, chuir iad an oidhche seachad ann an Sidni, agus Di-satharna thill iad air an ais, a taghal ann am Baddeck air an t-slighe. Chuireadh fàilte mhor air na h-ùaislean ann an Sidni Tuath.

Tha iad ag radh gu bheil dùil aig Prionnsa Wales tighn air chuairt do Chanada air an t-samhradh sa tighinn, ach chan eil fhios fhathast am bheil no nach eil sin fior. Ma thig e, cuirear fàiltagus furan air le muinntir na dùthcha so. Bha e ann an Canada roimhe anns a bhliadhna 1860; air an turus sin, dhfhosgail e Drochaid Victoria ann am Montreal, agus ma thig e air an t-samhradh sa tighn cuirear mu choinneamh an drochaid cheudna fhosgladh a rithist, oir tha i nise air a h-ùrachadh cho mors gu bheil i mar dhrochaid uir.

Chaidh atharrachadh mor a dheanamh air Drochaid Victoria, air a bhliadhna so. Nuair a chaidh a togail an toiseach bha i air a measna drochaid cho eireachdails cho iongantachsa bha air an t-saoghal; ach tha i uaithe sin air a dhol gu mor á fasan. Bha i air a togail air cumadh pioba no bocsa fada, troimh an robh an carbad-smùide a ruith. Bha sin glé mhi-thaitneach do luchd-turuis, oir bhiodh an drochaid dorcha agus ceòthach; a bharrachd air sin fhuaireadh a mach uaithe sin gum biodh drochaid fhosgailte moran na bu làidire agus na baotruime, agus am bliadhna chaìdh sin a dheanamh dhith; tha i nisena drochaid briagha da-rireadh. Tha da rathad do charbaid-iaruinn oirre, a bharrachd air rathad do charbad-sràide, agus rathad each us choisichean.

Rinneadh bàthadh muladach ann anGrand River,Di-satharna sa chaidh. Bha dithis nighean le Gilleasbuìg Camaran comhla rim bràthair, a cluich mun amhainn; agus air don ghille dhol ro fhada mach air an deigh bhrist i fodha. Ruith na h-igheanan a mach gus a shàbhaladh, ach mun drainig iad e brist an deigh fodhpa; chaidh iad troimhpe, agus bha iad air an giùlan air falbh le sruth na h-aimhne. Fhuair an gille e-fhéin a thoirt as an deigh, agus rinn e tir gu sàbhailte. Tha eg radh gun dfhairich e a pheathraichean air an giùlan air falbh leis an t-sruth direach ri thaobh. Cha dfhuaireabh cuirp nan caileagan bochda fhathast. Cha robh an te bu shine dhiubh ach mu dha bhliadhndeug a dhaois, agus an te a bòige eadar deich us aona bliadhndeug. Tha co-fhaireachduinn mhor aig na coimhearsnaich ris na pàrantan, a tha nise air am fàgail gun aca dhen teaghlach ach an aon ghille. Chaill iad dithis eile dhen chloinn le tinneas, o chionn beagan bhliadhnaichean air ais.

Thatar ag radh gu bheil e fior gun dfhuaireadh, air lobhta seann tighe ann aWeymouth , N. S. ,bocsa anns an robh fiach $50 ,000 de bhuinn òir.

Chaidh mu shia fichead us cóig mile barailte de dhùbhlan a chur a null do Bhreatunn air an fhoghar so dhfhalbh á siorrachdan an iar Nobha Scotia, agus cha robh an sin ach gann leith na bhaig muinntir nan siorrachdan sin ri chreic. Bha na h-ùbhlan glé phailt air a bhliadhna so.

A réir na saothair a thatar a buileachadh air mèinnean oir Nobha Scotia, tha luach mor airgeid a tighnn asda, —theagamh gu bheil barrachdsa tha tighnn as a Chlondaic. Ann an Canada air fad, thatar a meas gun deachaidh mu fhiach da fhichead muillion dolair de dhòr a thoirt as an talamh air a bhliadhna so.

Theab an sneachda falbh gu buileach toiseach na seachdain so, ach dhfhuirich uireadsa rinn bonn math a dhfheitheamh air an ath shneachda thigeadh. Shil beagan sneachda air feadh na seachdain, agus leasaich sin na ròidean, air doighs gu bheil coltas orra bhi beagan nas fhearr mu am na Nollaig na bha dùil aig daoine bhitheadh iad.

Thainig bàs gle aithghearr Di-màirt sa chaidh air seann duine dam bainm Weber a bha fuireach aigSouth Bar.Bha e deanamh deiseil gu tighn a stigh don bhaile, agus air dha suidhe gu deoch theth a ghabhail mun falbhadh e, thuit e marbh. Bha e ann an deagh shlàinte gu beagan mhionaidean mun do chaochail e. Bha e ceithir fichead bliadhnasa deich a dhaois.

Tha an sgeul, “Mar a rinn mi mfhortan,” a toirt mor-thoileachadh do luchd-leughaidh MHIC-TALLA, mar a bha làn dhùil againn a dheanadh i. Tha ina naigheachd a thà air a sgriobhadh cho math, agus air dòigh cho taitneachs nach urrainn i gun toileachadh a thoirt do neach sam bith a ghabhas an t-saothair a leughadh. Tha àireamh bheag de na paipearan anns am bheil na caibideilean roimhe so againn fhathast, agus bidh iad air an cur a dhionnsaidh feadhainn a chuireas a dhiarraidh MHIC-TALLA as ùr. Chan eil sinn an dùil gu mair iad ro fhada, agus is còir dhaibh-san a tha air son an sgeul iomlan a bhi aca cur a dhiarraidh a phaipeir gun dàil.

Tha a Bhan-righ a dol a dheanamh ridire de Uilleam C. Domhnnllach am Montreal. Is mac Mr. Dòmhnullach don Onarach Dòmhnull Dòmhnullach, nach maireann, an Eilean a Phrionnsa, agus ogha don Chaiptean Iain Dòmhnullach, a shuidhich moran de na Gàidheil ann an sgireachdan Ghlinn-Alladail, Ghlinn-Fionnain, Tracadie, agus Fort Augustus, air Eilean a Phrionnsa. Ben Caiptean Dòmhnullach so ochdamh ceann-feadhna Chloinn Dòmhnuill Ghlinn Alladail, agus bha e ann an aon de na réiseamaidean Gàidhealach a chuir Breatunn a dhAmerica nuair a bha na Stàitean a cogadh air son an saorsa. Fhuair Uilleam C. Domhnullach a bhreith us àrach ann an Gleann-Alladail, an Eilean a Phrionnsa. Tha e an deigh saoibhreas mor a dheanamh le factoridh tombaca a tha e ruath o chionn àireamh mhor bhliadhnaichean ann an Montreal. Is duine a tha e gle fhialluidh mu chuid airgeid; tha en deigh roinn mhor a bhuileachadh air oil-thigh Mhic Gill, am Montreal.


Am Bathar as Fhearr.
Na Prisean as Isle.
GHEIBH THU SIN AIG
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
SIDNI, C. B.
Bathar Tioram, Aodaichean, Amhlan, agus iomadh seorsa bathair nach gabh ainmeachadh an so.
THIG AGUS GHEIBH THU BARGAN.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt as ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


AODACH MATH.
Nam biodh gach seorsaodaich coltach ri cheile, bu choma caiten ceannaicheadh tu e. Ach chan ann mar sin a tha. Tha aodach math agus aodach donann. Tha aodaichean gan creic an aiteachan nach fhiach an deanamh.

AN DEANAMH.
Ma bhios aodach math air a dhroch dheanamh, chan fhearr e na droch aodach. Ma tha thu glic gabh comhairle, agus seachainn an droch aodachs an droch dheanamh.

THA AGAINNE
aodaichean matha dhe gach seorsa agus bidh iad air an deanamh gu math. Cha bhi e cumhang no farsuinn; freagraidh e dhut anns gach doigh, agus bidh toileachadh agad ann fhadsa mhaireas e.

Niall Mac Fhearghais.


COMHAIRLE.

CUIREADH iadsan a tha measail air sgeulachd mhath 5c. air adhart agus gheibh iad aon de naNovelsas uire, agus litreachas feumail eile. Dean cinnteach as le sgriobhadh trath gu,
BOX 70, Sydney,
Cape Breton, N. S.


THE
DAILY RECORD.
PAIPEAR LAITHEIL
CHEAP BREATUNN.

Air a Chur a Mach a h-Uile Maduinn, ann an Sidni, C. B.

A PHRIS:
Bliadhna, $3 .00
Sia miosan, 1.50
Tri miosan, .75
A PHRIS RI PHAIGHEADH ROMH LAIMH.

Gheibhear anns anRecordna naigheachdan as uire, a tighinn leis an telegraph as gach cearna dhen t-saoghal; naigheachdan an eilein agus na siorrachd; fiosan mu na meinneans mu na soithichean, etc., etc.
S COIR DHUT A GHABHAIL.

SGRIOBH GU
JOS . MacDONALD,
Editor and Publisher,
Sydney, C. B.



[174]

[Vol . 7. No. 22. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 171.)

Thug Murchadh leis an criathar-cabhrach, agus ràinig e an tobar; ach a h-uile dèur a chuireadh e sachriathar-chabhrach rachadh e troimhe. Thainig feannag os a chionn agus ghlaodh i, “Gòrag, gòrag!”

Tha thu ceart, fheannag,” arsa Murchadh.

Crè ruadhs còinneachcrè ruadhs còinneach,” thuirt an fheannag.

Chuir Murchadh crè ruadh agus còinneach anns achriathar; thug e stigh an t-uisge don bhean-fhuine, agus fhuair e

Bonnach don ghille-shabhailboitean don bhóbainne don chatcat a shealg luchaluch a sgrìobadh imeim a dhol ri casan gadhairgadhar a ruith féidhfiadh a shnàmh uisg’ —uisgedhol mu chloichclach a bhleith tuaightuagh a bhuain slaitslat a ghabhail air Mionachaigs ig itheadh a chuid subh.

Ach an uair a thill Murchadh bha Mionachag an déidh sgàineadh.


TRUSADH ACHROTAIL.

LE DONULL MAC CALUM.

A réir gealladh an uachdarain do Chaptain Goblets, chaidh a chroit a thoirt o Chalum Brocair agus a toirt do Phara nam Feadag. Cha luaithe fhuair Parachroit na thòisich e air sealg air a làmh féin mar gum bu leis féin am mona. Ach cha leigeadh an t-eagal le Lorain no leis a Ghille Bhàn sealltainn ris a mhonadh idir.

Air bha sin thuirt Para riù— “Chan fhaod a bhith fheara gur e gum brath mise oirbh tha gar cumail o shealg nam fiadh. Nacheil mi féin a dol tric gu leòir ann, ’s chaneil eagal orm gum brath sibh-sorm.” “Ceart gu leòir,” deir Lorain, “tha cho math dhuinn ma ta innseadh dhuit gu bheil sinn dol a shealg don Choire-liath seachdain on diugh. Bithidh an Captain on tigh, fhuair sinn a mach, air an sin.” “ ’S math a gheibh sibh sin,” deir Para, “tha mise dol on tigh air an sin cuideachd, agus mar sin bithidh an Coire-liath agaibh dhuibh féin.”

Cha robh na fir cho socharachs gun do chreid iad briadhran Phara choir. “Innsidh mi dhuit,” deir Lorain ris a Ghile, “ a ni sinn. Théid sinn don mhona gun teagamh, achs ann a thrusadh crotail a theid sinn.” “Glé cheart,” deir an Gile, “gheibh sinn, mar sin dearbhadh air achùis gun sinn féin a chuir ann an cunnart,”

N uair a thàinig an thog na fir ris a Choire-liath. Mu àird fheasgair, ’s iad greis an deigh pocana crotail a lìonadh, fhuair iad iad fein air an cuartachadhs air an glacadh le Captain Gobletss a chuid ghillean. Cha do shaor am bòideachadh iad gur ann a trusadh crotail air son clò-mòr a dhath o bhi air an toirt air falbh don phrìosan. Chaidh na pocan a dhortadhs an crotal a leigil leis a ghaoith.

Air a mhòid chaidh a chùis a chuir air beulabh a bhrithe—“Captain Goblets, ”deir easan, “should be ashamed of treating the poor men in this outrageous manner, for simply being found gathering crottle, which is so needful to them for dying their tweeds, on which they mostly live. ”Chuir sud tàmailt cho mòr air a Chaptain, ’s ga cheartachadh féin, gun dthuirt e—“My lord, we had more reason than appears on the surface to believe these men were trespassing in pursuit of game. Let me read you this telegram which I received on the day before we caught them, from my late gamekeeper,Para nam Feadag—“Lorain and Gille Bain will be poaching on Coire-liath to-morrow. ’” “I hope after this, ”deir am brithe, “the Captain will not be so ready to believe every traitor who may happen to inform on his neighbours. ”

Fhuair na fir dhachaidh saor. Ach thuig iad nach robh math dhoibh dol a shealg nam fiadh cho fadas bhiodh Para nam Fedaigs a choimhearsnachd.

S e na bhaig Para còir air son a dhragh an litir so fhaotainn on Chaptain—“Captain T. Goblets, C. K. P, sends no compliments toPara nam Feadag,but he wishes to remind him that the next time he will attempt to make a fool of him he will suffer severely for it. ”


SGEUL MU CHOLUMBUS.

Thachair don duinainmeil so ann sa bhliadhna 1504 a bhi air a thilgeadh air falbh, e fein agus a shoithichean, air cladach Jamaica, ionad a fhuair e fein a mach naoi bliadhna roimhe sin. Chaidh a luingis a bhrise gu tur, dhéirich na seoladairean ann an ceannairc na aghaidh, abagradh a chur gu bàs; bha na h-Innsineich bhochda, a bha caoimhneil riu sa cheud dol a mach, a nis afàs sgìth dhiubh; agus adiultadh tuille lòin a thoirt dhoibh. Thuig Columbus nan cailleadh na h-Innsineich am meas mòr a bhacair mar dhuinaig an robh eolas thar cuimse, gum fàgadh iad esan agus a dhaoine gu bàsachadh, oir bha e fein agus iadsan gu buileach an earbsa riu arson am beathachaidh. Leis an eolas a bhaige air an speuraibh bha fios aige gum biodh dubhar air a Ghealaich ann an no dhà. Chruinnich e muinntir an Eilean man cuairt da an man robh an duibhre ri bhith, agus an déigh dha achmhasan a thoirt doibh, arson an giulain da thaobh, dhinnis e dhoibh gun robh esan agus a chuid daoine fo chùram àraidh an Spioraid ghlormhor sin a tha chòmhnuidh air neamh, a chruthaich, agus a tha riaghladh, an t-saoghail. Gun robh esan ann an corruich riu arson mor dhiult iad fòir air-san agus air a dhaoine, dan robh speis mhòr aig an àrd Spiorad sin. Diolaidh esan oirbhse ur mi-chneasdachd; agus mar dhearbhadh air a chorruichnar n-aghaidh, air an oidhche so fein diultaidh a Ghealach a solus, thig duibhre oirre air dhath na fola, agus chaneilan sin ach toiseach air na breitheanais a bheir e oirbh.

Chuala na h-Innsineich bhochda so le iongantas, gun fhios co dhiubh a chreideadh no nach creideadh iad e. ’Nuair a thòisich an duibhre uidh air uidh ri tighinn air a Ghealaich, ’s a chunnaic iad dath na fola teachd oirre, mar thuirt Columbus, ghlac uamhas mòr iad. Ruith iad le anabharra eagail a dhionnsuidh an taighean còmhnuidh, agus air grad philleadh dhoibh a dhionnsuidh Cholumbuis, luchdaich iad e le teachd-an-tir, agus shleuchd iad sios da, ag asluchadh aìr gun deanadh e eadar-ghuidhe air an Ard Spiorad as an leth. Ghabh Columbus air a bhi air a bhualadh len dian earail, agus gheall e aontachadh len iartais. Dhfhalbh an dubhar a bhair a Ghealaich, agus on àm sin cha robh cion lòin air na Spaindich, agus cha chuireadh na h-Innsineich air chor air bith miothlachd orra.


On tha an Nollaigsa BhliadhnUr air an turus so a tighinn air an t-Sabaid, tha àrd-riaghladh Chanada an deigh òrdugh a chur a mach ag àithne agus a ceadachadh do dhaoine Di-luain an 26mh, agus Di-luain an 2ra a chumail nan lathaichean saorsa.


LEABHRAICHEAN GAILIG.

Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, leis an Urr. A. Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. MacIlliosa 1.10
Gaelic Class Book .35

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son a phris ainmichte.

Sgriobh gu
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney C. B.


Am Feillire.

DESEMBER, 1898.

1 Dior-daoin Bas Raibeart MhicShim 1783
2 Di-haoine Breith Thormaid MhicLeoid D. D. 1783
3 Di-satharna
4 DI-DONAICH 2ra Domhnach na h-Adveint
5 Di-luain Bas Mhic Bheith, 1066
6 Di-mairt
7 Di-ciaduin
8 Dior-daoin Breith Ban-righ Mairi, 1542.
9 Di-haoine
10 Di-satharna Crùnadh Alasdair III, 1214.
11 DI-DONAICH 3ra Domhnach na h-Adveint
12 Di-luain
13 Di-mairt
14 Di-ciaduin Bas Seumas V, 1542.
15 Dior-daoin
16 Di-haoine
17 Di-satharna Fògradh Seumas VII, 1689
18 DI-DONAICH 4mh Domhnach na h-Advent
19 Di-luain
20 Di-mairt
21 Di-ciaduin An lathas giorrasa bhliadhna 8 u. 36m.
22 Dior-daoin
23 Di-haoine Rugadh Sir Isaac Newton, 1642
24 Di-satharna
25 DI-DONAICH Latha Nollaig.
26 Di-luain
27 Di-mairt
28 Di-ciaduin Feill na Naoidheanan.
29 Dior-daoin
30 Di-haoine
31 Di-satharna AChalluinn.

MUTHADH AN T-SOLUIS.

An Cairteal mu dheireadh L. 6, U. 5, M. 52 M
An Solus Ur, L. 13, U. 7, M. 29 M
ACheud Chairteal L. 19, U. 11, M. 8 F
An Solus Lan, L. 27, U. 7, M. 25 M


BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .

LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Leughaidh,
Leabhraichean Nollaig us BliadhnUire, &c .

AIG
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.


AR STOC GEAMHRAIDH.

SLEIGHEACHAN.
Air an deanamh leis a ChanadaCarriage Co.An seòrsas buaines as fasanta a thasa mhargadh.

ACUINN.
Lamh-dheante; an seòrsas fhearr

BEIN.
AnSaskatchewan Buffalo. ”

CLUIG agus CUIPICHEAN.
Dhe gach seorsa.

BRATAN-EACH.
Iomadh seòorsa; agus air caochladh phrisean.

Truncaichean, Maileidean, Leabhraichean-poca, Skates, Lamhannan, agus iomadh ni eile a bhios freagarrach mar ghibhtean Nollaig us BliadhnUire. A phris as isle.

F . Falconer & Son,
Sidni, C. B.


THA EARBSA
aig daoine ann am maidsichean Eddy— ’nuair a chi iad an t-ainm air a bhocsa bidh fhios aca gu bheil iad math. Tha seorsachan air an deanamh, agus gheibh thu barrachd fiodha air son do chuid airgeid, agus seorsaichean eile rithist a thacoltachri maidsichean Eddy, ach tha iad gle ao-coltach riutha an am an cur gu feum.

Than t-ainm so na urras air mathas.

THE
E. B. EDDY Co., Ltd.,
HULL, CANADA.



[175]

[Vol . 7. No. 22. p. 7]

FACAL MO PHOSADH.

Fhir tha gun phosadh, gur gorach lem fein thu
S nighneagan boidheach an comhnuidh gun fheum dol,
Togsa do chridhe, oirs mithich dhuit eirigh;
S bean a thoirt dhachadh, chum t-aighearr a mheudach.

Mar is aithne dhuibh uile, tha am posadh na ni urramach, agus ion-miannaichte, air chor agus gu bheil òigridh agus meadhon-aois, ag amharc ris mar ni sonruichte a bheir dhoibh sòlas, agus aoibhneas, nithe nacheil bitheanta air am mealtuinn. Gidheadhs e thubhairt neach roimhe, “Nuair a phòsas tu bean posaidh tu dragh.” Theiream ris an neach sin, “Gun dragh is saothair chan fheudar neach a thoileachadh.” Bha moran anns gach linn aig an robh sùil ri pòsadh agus nach do phòs riamh. Bha cuid duibh sin a bha cho romhor dhiubh fein, agus nach gabhadh iad ach marcaichean, gidheadh chan fhaigheadh iad na marcaichean, agus bhon a bha iad a sealltuinn sios air na coisichean, be an crannchur, am beatha a chaitheadh aineolach air seòlasan agus dolasan an dream tha pòsda.

Achs e mo bharail nach robh moran riamh ann nach feudadh posadh oir, “Fhuair Dòmhall Dall bean.” Theagamh gum bu mhiann leis an leughadair fios a bhi aige ciod i a bhean a fhuair Domhall Dall so; bha tri traithean a dhàirde innte, agus bionnan a leud, bha na brogan a bha i cosd cho mor gun cumadh gach aon diubh sac mòine, bha sròn orra anns an robh faisge air leth-traoidh a dhfhad, agus bhiodh an dara fiacail aice a brosnachadh an teine, agus an te eile a fosgladh an doruis, agus a bhi nis aithghearra, bu cho-ro-uamhasach an aghaidh a bhaices gum beigin di poca-bola a chur mu ceann, an uair a bhiodh i dol on tigh, air eagal gun cuireadh i barra-chinn air neach sam bith a dhfheudadh coinneachadh rithe air an t-slighe.

A chum gum pòsadh na h-uile man teid a chuid is fearr dan laithean seachad, ’s e mar bu còir a bhi air a dheanamh, agus mar a tha sinn acreidsinn a nithear gun dàil, na h-uile fear a ruigeas fhichead bliadhna a dhaois, théid cis a leagadh air, a chum gach maighdean nach dfhuair fear a chumail mar mhnaithean-uaisle uile laithean am beatha. Uime sin thusa tha gun phosadh dean cabhag, agus faigh bean, mun eigin duit t-airgead a chosd ri maighdeannan nach aithne dhuit.


J. E. EISAN.
PIANOS AGUS ORGAIN.
AN SEORSAS FHEARR A THATAR A CREIC.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, C. B.


BATHAR CRUAIDH.

Tha mi a nisecumail Bathar cruaidh dhe gach seorsa, agus ma tha Sabh Tuagh, Locair, Glas, Sgian, no Tairnean a dhith ort, feuch gun taghal thu orm. Tha mi, mar a babhaist, acreic Pant, Olla, Varnish , Putty,Glaine, Paipear-balla agus gach ni eile air son do thigh a dheanamh seasgair agus briagha. Tha micreic gach ni gle shaor.

Aonghas Mac Leoid,
SIDNI, C. B.


NUAIR THEID THUBHADDECK
TAGHAIL AN STOR
Albert I. Hart.
Tha stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.

Bathar Tioram,
Bathar Cruaidh,
Amhlan,
Aodaichean,
Caiseart, Adan,
Curraichdean,
Agus iomadh ni eile.

An seorsas fhearrs aphris as isle.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
Stewartdale , C. B.

CLOTH, DROGAID,
AGUS
PlaideachanEUREKA.”

Mu dheich air fhichead seorsa aodaichga chreic.
Cloimh air a ghabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghail aige no sgriobh uige.


DHIARRAMAID AIR
NA GAIDHEIL
s air muinntir eile a tha air sonTypewritera cheannach, iad a dhfheuchainn na
Blickensderfer No. 5,
mun ceannaich iad seorsa sam bith eile. A phris, $35 .
Tha seorsachan eile againn cuideachd.
CREELMAN BROS.,
TYPEWRITER CO.
15 Adelaide St. East,
TORONTO, ONT.


C. H. HARRINGTON & CO.
Na Marsantan as Fhaide tha Deanamh Gnothuich ann an Sidni.

THA IAD ACREIC
Flur, Min, agus Amhlan;
Brogan, Botuinnean, Rubbers;
Soithichean Glaine agus Creadha;
nas saoire na gheibhear iad aig marsanta sam bith eilesa bhaile.

SALADA TEA, ”
Na Puinnds na Leth-Phuinnd; an ti as fhearr a than Ceap Breatunn air a phris.


GHEIBH THU
AN TI
As fhearrsa Mhargadh.

NA BROGAN
As Fhaide Mhaireas.

AIG
TORMAD DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.

Brogan matha air 75c. agus 90c
Deiseachan o $3 .50 gu $9 .50
Triubhsairean air 90c

TORMAD DOMHNULLACH.


AN T-AITE
ANNS AN CEANNAICH THU
Suic agus
Iaruinn Cruinn,
Creamers,
Soithichean Bainne,
Airneis-taighe,
Stobhaichean,
Flur, Min etc., etc.
AN STOR AIG
Isaac Greenwell,
SIDNI, C. B.


UISDEAN ROS, LL. B.
Fear-Tagraidh, Notair, &c .
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, C. B.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c .
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEACHUINN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, C. B.


D . A. HEARN,
FEAR-TAGRAIDH, NOTAIR, &c ., &c .
SIDNI, C.B.


J . S. BROOKMAN, M. D. ,
LIGHICHE.
OIFIS: Na Thigh-comhnuidh air Sraid Shearlot.
SIDNI, C. B


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00, a reir an aodaich.

Cloth Chowes,
Cloth Chlondaic,
Clothan Canadach, Albannach agus Sasunnach.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

Niall Mac Coinnich,
Sidni, C, B.


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Floiri Nic Fhionghain
acumail gach seorsa comhdach cinn a bhios na mnathan acosg.

ADAN,
BONAIDEAN,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN,
GEUGAN.

agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor.

FEUCH GUN TAGHAIL THU.



[176]

[Vol . 7. No. 22. p. 8]

Na Laithean a Dhaom.

LEIS AN DOTAIR MAC LACHLUINN.

Tha na siantan air caochladh,
Than saoghal fo sprochd,
Chuir an doineann fhuar, fhiadhaich,
An ianlaidhn an tosd;
Tha sneachda tròm, dòmhail
Acomhdach nam beann,
Alionadh nan glacan,
S atacadh nan allt;
S misefeitheamh an aisig
Aig carraig achaoil,
Ri smaointean air àbhachd
Nan làithean a dhaom.

Ann an làithean ar n-òige
Doln còmhdhail an t-sluaigh,
Cha sheall sinn ach faoin
Air mar dhaomas iad uainn;
Cha tig en ar smaointean
Cho goirids than dàil,
Gus am brùchd oirnn gach leòn
Ni ar lùbadh gu làr,
Gun chùram gun eislein,
Aig teumadh air taobh,
Air làithean asnàg uainn
Gun àireamh air aon.

N uair a luidheas an aois oìrnn
S a dhaognas ar snuadh,
Ar ciabhdolan tuinead,
Agus smal air ar gruaidh,
Bithdh teugmhail nan còmhlan
Acomhradh gu truagh,
Agus càirdean ar n-oige
Air sòmhladhs an uaigh;
S ann an sin bhios ar cridhe
Làn mulaidus gaoid,
Ri smaointean air àbhachd
Nan làithean a dhaom.

O! Ard-Righ na cruinne,
Ceann-uidhe ar dùil,
Air an t-sneachda fhliuch fhionnar
Dhuit a lùbas mi glun;
S guidheam ortsa gun òrduich
Thu dhomhsa gu glic,
Bhicuimhneachadh dòrduigh
Gu h-umhals gu tric;
Chumnuair chriochnaicheas mastar
Ann an glacaibh an Aoig,
Nach cuimhnich thu mfhàilinn
Anns na laithean a dhaom.


Tuireadh a Bhaidsileir.

Gur a mise tha gu tùrsach
S mi nam aonars an àiridh,
Tha mo chiabh air fas aotrom,
S cuids an tiurra dhi bànadh;
Cha do thriall i le aois bhuam,
Ach a sguradhs a caradh;
S mor gum bfhearr a bhin Cuba,
Na gun mhnaoi agad lamh riut,
Dan ghnàth tha ceart.

S iomadh bliadhna bha dùil-am
Nuair a dhlùthinn a ghraiseach,
Deis a bhualaidh gu faodainn
Amharc dlùth feadh na nàbachd;
S iomadh te thug mi gaol di,
Ged a chum mi bho chàch sid;
Tha iad uile— ’se chiùrr mi
N acfhuinn dhùbailt aig garlaoich,
Gu bràth fodh ghlais.

Ach nam aghaidh chaidh cùisean
Cha do thionndaidh mar bàill leam,
N uair a reic mi mo shaothair
Fhuair e cùiltean gun àireamh.
Rinn mi minntinn a chùnntais,
S cha bhiodh punnd ann do Mhaireig;
Thainig Ailean an taobh so,
S thug an slaodaire grannda
Le fàini as.

Ged a tha mi nam aonar
S mi gun chùram, gun phàisdean,
Chi mi cuid aigeil grùnn diu
Tighnn tromhn t-saoghal gun fhàillean.
Tighnnsan fheasgar bhon saothair
Gum bi aoidh air an fhàrdaich;
Cupan blath a bhios cùbhraidh,
S anns gach aogas bi gràdh dha.
Bi àgh anns flath.

Anns a mhaduinnn àm dùsgadh
S a theid smùids achnap-phraisich,
E cho ruadh ris an t-snaoisean,
S cian bhon chaochail e àileachd.
Tha phoit-this i as maonais
S mi ri tionndadhs gach àite,
Rinns anovenmifaotainn
S i air maoladhs gun mhas innt’.
De fàth toirt as?

Nuair a nigh mi le dichioll
Cupa, trinnseirus sàsair,
Cha robh breid anns an tir dhomh
Bheir a lidh dhiu a dhfhàg mi;
Ach a bhròg rinn mi fhuasgladh
S i ri tuasaid nach babhaist,
Beic neònach nam ghluasad,
S fhuair min uair sin fodhmshail e,
S e àillidh, tais.

Bha mi nighe mo léine
S mi ri speuradhsa Ghàilig;
Cha robh siabann ag éiridh,
Ged an bha e làmh rium.
Nuair a fhuair mi bhi réidh dhi
S miga gréidheadhs aghàradh,
Bha mo chuimhseas ag éigheach,
Bfhearr a h-eugas mar bha i
Man dfhuair i mach.”

Bha mi fuinne Di-haoine
Bhon bha duil-am ri partie,
Rinn mi dòrlach math taoiseadh
S mi ga thionndadhsan àmhainn;
Ach a tuar cha robh caochladh,
I cho slaobachs gun tath innt;
N cuir a shron orran cu dhomh,
Ged a chum mi gun chàil e.
De dhfhag mi as?

Ach nam faiceadh sibh mùrlar,
M brat sùghmhor a dhfhàs air;
Dhfhàs e reamhar ri ùine,
S iomadh ùillidh a thràigh e.
Tha e feumach a sgùradh,
Ghabhadh ioghnadh a chlàraibh;
Nam biodh baslach na bhùrn air
Dhianainn aotrom a stàireachd,
Ach fhàgail geal.

Cuim a dhinnseas min còrr dhuibh,
Ged as leòr e na dhfhàg mi;
S dòcha dhuibhse gur spòrs e,
Ach dhòmhsa gur bàs e.
Se bhi so gun neach còmhlrium
Dhùisgeas còmhradh na gàire,
S ged a sheinninn ann òran
A ni sòlas, na radh rium:
Gur luainach math.

Ach ni mi goireasan fhaotainn,
Cha bhi ùine na dàil ann;
Gheibh mi cathraicheans uirneis,
S anns gach aon diu bi sgàthan.
Ni min dubhan a bhiathadh,
S theid mi dhiasgach a maireach,
S ma gheibh mi nas miann leam
Theid mi dhiarraidh an fhàine;
S gun gearr min t-slat.

S bheirinn comhairle daonnan
Air gach aon tha mar tha mi:
Fhads bhios òigair an giùlan,
Caileag chaomh fhaighinn làmh riu.
Nuair thig feasgar an ùine,
S nach bi luth anns a ghairdean;
Gum bi planntaichean maoth ann,
Bheir le cùram a lamh dhaibh
Gun tarr iad as.

S. N. MAC FHIONGHAIN.
Moosomin , N. W. T.


AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leighsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH
agus TEANNTACHD.
Cuir a dhiarraidh sampuill us teisteannas.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia.
agus
127 State St., Boston Mass.


MAC-TALLA.

Gu ma fada beo aGhailig.”

Lean gu dluth ri cliu do shinnsir.”

Cha bu choir do Ghaidheal sam bith a bhi as Aonais.

DO DHLEASANAS.
A bhi gabhail MHIC-TALLA.
A bhi leughadh MHIC-TALLA.
A bhi pàigheadh MHIC-TALLA.
A bhi feuchainn ri tuilleadh luchd-gabhail a churna rathad.

An aon phaipear Gailig a tha air ur-uachdar an domhan.

Cha robh a leithid ann roimhe, ’s chan eil a leithid eile ri fhaotainn fhathast.

Is Gailig gu h-iomlan e. Tha e tighn a mach uairsan t-seachdain. Innsidh e naigheachdan na duthcha agus an saoghal dhut.

Bheir e dhut seanachasan taitneach air an am a ta lathair; bheir e dhut sgeulachdan agus eachdraidhean air na h-amannan a dhfhalbh.

A bharrachd air sin bheir e dhut o am gu am: bardachd, litrichean agus iomadh ni eile a thaitneas riut, agus a bhios a chum buannachd do tinntinn.

Tha aireamh de sgriobhadairean matha Gailig asgriobhadh gu daonnan dha, agus tha iad lan chomasach air leughadh taitneach a chumail ri sean agus og.

Is abhaist do dhaoinenuair a bhios iad acreic ni nach bi a leithid aig neach sam bith eile, a bhicur pris ardna cheann; ach chan eil MAC-TALLAdeanamh sin idir. Tha e air son cothrom a thoirt do na Gaidheil, sean agus og, air an cainnt fhein ionnsachadhsa chumail suas, agus uime sin chan eil e cosg da luchd-gabhail ach

DOLARSA BHLIADHNA.

titleIssue 22
internal date1898.0
display date1898
publication date1898
level
reference template

Mac-Talla VII No. 22. %p

parent textVolume 7
<< please select a word
<< please select a page